[DA 1] AN TEACHDAIRE GAELACH, O BHEALLTUINN 1829 GU BEALLTUINN 1830. An la a chi ’s nach fhaic. A CHEUD LEABHAR, ANNS A BHEIL DA THEACHDAIRE DHEUG. W. R. M‘PHUN, PUBLISHER, GLASGOW; W. BLACKWOOD, AND MACLACHLAN & STEWART, EDINBURGH. 1830. [DA 2] [Blank] [DA 3] INDEX [Beurla] [DA 4] INDEX [Beurla] [DA 5] INDEX [Beurla] [DA 6] INDEX [Beurla] [DA 7] INDEX [Beurla] [DA 8] INDEX [Beurla] [TD 1] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MAIGH, 1829. A LUCHD DUTHCHA AR CRIDHE AGUS AR GAOIL. Le deagh dhùrachd ar cridheachan chuireamaid a nis failte oirbh. BUIDHEACHAS do Dhia, is mòr, agus is sòlasach, an t-atharrachadh a thainig ’n ar latha, ’s nar linn fein, air Gaeltachd agus air Eileana na h-Alba a thaobh sochairean spioradail, agus meadhona eolais. ’Sann da rìreadh air an dùthaich a dh’ éirich an latha grianach. Ach ged a tha e againn a nis, ann an tomhas mòr na àird a mheadhon-là, cha’n fhad o na chaochail iad, a chunnaic ùr-mhaduinn an là so a’ bristeadh os ceann nam beann; latha’n àigh, trid a’ bheil lionmhoireachd nan eileana ait, agus luchd-àiteacha na ’n creag a’ seinn gu ceolmhor. Is fada, gu dearbh, o shearmonaicheadh Soisgeul Chriosd ann an Gaeltachd na h-Alba. Is cian o bha I Chalum Chille na àrd lòchrann, cha’n e mhàin, do ’n rioghachd so, ach do iomad cearna eile de’n Roinn-eorpa; b’fhionnar an tobar do uisge beo a dh’ fhosgladh ’san eilean uaigneach sin; agus b’ iocshlaint do ioma dùthaich thioram thartmhor na sruthain fhallain a bha sgaoileadh uaithe gu fada farsuing. Ach air I thainig an dà latha; dhruideadh suas an tobar àghmhor so, chinn an droighinn agus an dris far an robh an giubhas agus am miortal air a shuidheachadh; sgaoil ceo agus aineolas air na beanntaibh agus air na h-eileineabh sin air an d-éirich Grian na fìreantachd le leigheas fo a sgéith. Dh’ fhàs an dùthaich gu luath mar fhàsach dhorcha; bha àr, mortadh agus foirneart a mach air feadh na tìre; agus na thainig a nuas do eachdruidh na linne sin cha’n’eil e comasach éisdeachd ris gun sgreimh gun uabhas. Fad an déigh do’n Chreidimh ath-leasaichte bhi air a shocrachadh ’s na cearnaibh sin, cha robh ar sinnsir ach ann an cor muladach a thaobh sochairean spioradail—’nuair a thòisich a chuideachd urramach ann an Dun-eidinn, chum eolas Chriosd a sgaoileadh feadh Gael’tachd na h-Alba, o cheann sea fichead bliadhna, ’s gann a bha sgoil san dùthaich. A dh’aon chuid cha robh leabhar Gaelic ann, air chor ’s gun robh ’n sluagh anabarach aineolach air Dia, agus air an t-Slanuigh’ear. Cha robh Biobuill aca Cha’n’eil os ceann seachd bliadhna fichead o chriochnaicheadh eadar-theangachadh an leabhair naomh; Cha luaithe thachair so, na thog Dia suas Comunn a Bhiobuill ann an Lunnainn, chum am focal a chraobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail, ann an cainnt gach dùthcha. ’S gu firinneach cha d’ rinn iad dearmad air [TD 2] a Ghaeltachd. Ach b’ainneamh iad fhathast, a b’urrainn feum a dheanamh do’n Bhiobull, ann an coimeas ris an àireamh mhòr d’an robh e mar leabhar glaiste. Cha robh dhì orr’ ach so a chluinntinn sa Ghalltachd, agus dh’éirich Buidheann na’n Sgoilean Gaelic suas; Shoirbhich Dia leo so, air mhodh comharaichte; bha iad nam meadhon gu comas a thoirt do mhìlltean air an fhocal naomh a leughadh na’n cainnt fein. Rinn iad mòran; ach bha’n t-anbharra fhathast r’a dheanamh. Fadheoidh dhùisgeadh Eagluis na h-Alba, gu cuideachadh leo san t-saothair bheannuichte. Thug an duine cneasta, teo-chridheach sin G. H. Baird, D. D. Priomh-cheannard àrd Oil-tigh Dhun-eidinn, a chùis fa chomhair Ard-sheanadh na h-Eagluis; Sheas cuid de Mhinistirean na Gaeltachd air an àm sin ri ghuaillnibh; choisinn iad gean-math na h-Eagluis, agus na rioghachd; agus a nis, tha na mìltean air am foghlum anns na sgoilibh a tha iad o àm gu h-àm a’ suidheachadh. A bharrachd air na rinneadh arson na Gaeltachd ann an sgoilean a thoirt doibh, bha Eagluisean ùr anns a bhliadhn’ a dh’fhalbh, air an suidheachadh air cosdas na rioghachd, anns na cearnaibh is iomallaich, far an robh an sluagh co fad air falbh o Eagluis na sgìreachd, ’s nach robh comas ac’ (ach ainneamh) air an fhocal éisdeachd. Tha mu leth-cheud Diadhair òg dealasach a’ saothaireachadh anns na h-Eagluisibh ùra sin;—Dia a shoirbheachadh leo. Agus thusa, I nan Deòraidh! no mar thuirt do naomh ainmeil fein, I mo chridh, I mo ghràidh, thus’ a cho-pairtich solus an t-soisgeil, do dhùthchaibh eile, b’fhada ’s bu chian a bha thu fein gun fhear-teagaisg agus gun ionad aoraidh—bu shàmhach do shàbaidean, agus bu chianail an latha naomha, gun aoradh no cruinneachadh sluaigh; na h-Eileinich bhochd’ a’ tarruing foghlum mar a b’fhearr a dh’fheudadh iad, o leachdaibh-lighe nam marbh; ach is ait a nis ri éisdeachd do làraichean briste a’ co’-fhreagairt fonn nan salm,—’s boidheach air an réidhlean dlù do iomaire nan righ, do thigh aoraidh ùr; agus is aoibhneach an guth a tha ’g ràdh, “Thigibh, rachamaid suas mar bu nòs, a dheanamh aoraidh do Dhia. ’S grianach da rireadh a luchd-dùthchadh ionmhuinn, an là a dh’éirich air tir nam beann, fàilticheamaid e le dealas naomha, agus do Dhia thugamaid an taing. Anns a bhothan is isle tha’n leàbhar naomh r’a fhaotainn, agus trid nam meadhonan a tha air an cleachdadh, cha bhi le beannachd Dhe ’nan lorg, an leanabh is bochda ’nar dùthaich gun bhi na urrainn a leughadh. Tha dòchas againn gun d’thainig a nis an t-àm, anns am feudar feum ni’s coitchionta a dheanamh do’n Ghaelic mar chànmhuinn sgriobhta, na rinneadh fhathast, arson math na muinntir aig nach ’eil cainnt ach i; agus arson riarachas inntinn gach aon leis an ionmhuinn i, mar chainnt bhlasda an òige. Dealaichte mar tha Gaedheil o chéile le monaidhean farsuing, no le caoiltibh leathann, cuid diubh ag àiteachadh tir-mòr na dùthcha, cuid diubh a mach air eileineabh a chuain, mòran ’s na bailtibh margaidh, agus air feadh mhachraichean na’n Gall, ’s am barrachd mòr fad o thìr an eolais, fo ghréin loisgich nan Innsean, no fo dhubhar choiltean fàsail America, gidheadh thainig (nar barailne) an t-àm, anns am feud iad [TD 3] comhnaltra taitneach a chumail ri chéile ann an cainnt an dùthcha fein. Thainig, air leinn, an t-àm, anns am feudar gach gne fhiosracha feumail a bha chuige so glaiste o Ghaedheil ann an leabhraichibh beurla, a chraobh-sgaoileadh air feadh gach gleann is tìoraile, agus gach Eilean is uaigniche. Ged a tha bheurla air a labhairt le mòran sna cearnaibh sin, agus ged is ro iomchuidh gum buadhaicheadh i ni’s mò agus ni’s mò, gidheadh ’s i Ghaelic fhathast cainnt na dùthcha, théid linne seachad m’an caochail i;—aosda ’s mar tha i, bithidh i fhathast ni’s aosmhoire, agus fhad ’s a tha i air a labhairt leis an t-sluagh, fhads a tha i ionmhuinn toitheach leo,—fhad ’s as ann leatha mhàin is urrainnear an cinn a shoilleireachadh, an cridheachan a bhlàiteachadh, ’s ann innt a dh’fheumar eolas a thairgse dhoibh; agus d’a rìreadh, bu neo-shuairce, mi-cheanalta dhoibhsan aig a bheil an comas so a dheanamh, nach d’thugadh an oidheirp. ’Sann a chum an d’fheuchainn so a thoirt, a tha’n leabhar ùr so an TEACHDAIRE GAE’LACH a nis air a chur a mach, chan ann fo ainm no fo sgéith Mòr-fhear no àrd Thriath dùthcha, ach fo thearmunn agus chùl-taic gach fìor-Ghàidheil, anns gach cearna don t-saoghal anns am faighear iad. Is furasd a thuigsinn nach ann gun mhòran smaointean a ghabhadh an t-saothair so os laimh, agus d’a rìreadh cha’n ann gun mhòran iomaguin a tha sinn a nis a dol a chur ar guala ris. Tha e soilleir mar gabh sibhse r’ar teachdaireachd, nach fad is dùgh dhuinne saoithreachadh; ma dh’fhaillnicheas an oidheirp le di luchd-leughaidh, cha’n’eil àrach air, ged nach d’thugamaid aon bhliadhn’ a mach, fhad ’s nach ann againn a tha choire cha bhi aon chuid aithreachas oirn gun do thòisich sinn, ni mò bhios ar sùil ’an déigh ar saothaireach. Bithidh de thoileachas inntinn againn a smaointeacha gur e math ar dùthchadh a bha ’nar beachd. Ach c’arson a chuireamaid a chùis an teagamh, ma ghabhas sibhse ris na tha sinne ’tairgse leis an aon deagh rùn, agus an dùrachd leis a bheil e air a chur a mach, cha dealaich sinn, m’as beo sinn, an dà là so. Ma chi Dia gu bheil ar saothair arson leas ar luchd-dùthcha, soirbhichidh e leinn. Na ainm-san tha sinn a’ tòiseachadh, ag guidhe gu dùrachdach air sgàth Chriosd gun deonaicheadh e a bheannachd dhuinne agus dhuibhse—Slàn libh air an àm, a luchd-dùthchadh gràdhach, Is sinne ur càirdean dileas, Luchd-deasachaidh agus sgriobhaidh an TEACHDAIRE GHAELAICH. T—O— COMHRADH NA’N CNOCHD. Lachlann na’n Ceistean agus Eoghann Brŏcair. EOGH. Tha thus’ an sin a Lachlainn mar bu mhiann leis na sean daoine, a leige do sgios, air chùl gaoithe, ’s ri aodann gréine, a’ leughadh mar a b’àbhuist. LACH. An tu so Eoghainn, le d’thoulair breac, is le d’abhagan beaga ruadha, a’feadaireachd ’sa a’ gabhail an rathaid, le crònan dhuanag a’d’ bheul? Dean suidhe, ’smar ’eil naigheachd agad dhomh, theagamh gun d’thoir mi naigheachd dhuit. EOGH. Fhir mo chridhe, ’s mis a ni sin gu toileach; b’fhearr gu’n robh ’n cothrom agam ni bu bhitheanta. Is iomad là airsneulach a [TD 4] tha mi cuir seachad, a’ siubhal na’n cnochd so fein, gun duine ris am fosgail mi mo bheul. Mar biodh òrain Dhonnachai Bhàin, cha’n’eil fhios agam ciod a dheanainn. ’Sann ag aithris òran an t-samhruidh a bha mi ’nuair thug mi ’n aire dhuit. LACH. Cha saoil mi gu bheil an saoghal a’ cur mòr chùram ort; tha thu am bitheantas ’am fonn òrain, mar gum biodh do chridhe a’mire riut. EOGH. Tha thu fad ann am mearachd; feudaidh an cridhe a bhi trom agus guth an òrain a bhi sa bheul. Mar thuirt a ghruagach a bha caoidh a leannain, Is minic a bha mo chridhe a’ caoineadh gad is faoin a rinn mi’n gàire. LACH. Fendaidh sin tachairt air uairibh, ach far am bi togradh òrain agus dhuanagan cha’n fheud mòran sprochd no imcheist a bhi na thaic. EOGH. Am b’àill leat mi bhi ’gearan ris na cnoichd? Cha chomharadh air anabharra cridhealais cuid do òrain bhòidheach Dhonnachaidh Bhàin aithris. Amhairc mu d’ thimchioll o’n lagan fhasgach so, agus nach àillidh an saoghal? Nach e’n diugh latha buidhe Bealltuinn? Bu toigh leam e riamh. Nach bòidheach na sòbhraichean le’n snuadh òir! nach binn a choisridh cheolmhor, am bun nam preas, ’s am barr nan dos! A’ bheil e ni’s ceadaichte dhuinn amharc a mach air na nithibh so, no leughadh mu’n deimhin, ann an cainnt ghlan thaitneach nam bard? Cha chùis fharmaid leam fhìn cridhe an duine sin, a tha co trom an-togarrach, ’an tùs a Chéitein, ’s a tha e ann an dùdlachd a Gheamhruidh; tha gach doire agus gleann an diugh a’ seinn òran an t-sàmhruidh, ’s am bac thu mis? Falbh, tog dheth a Lachlainn! LACH. Air t-athais Eoghainn—cha’n’eil mis a’ di-moladh òran an t-sàmhruidh, b’fhearr gun robh gach òran ’nar cainnt cosmhuil ris; ach is rud a tha doilgheadas orm a’ smuainteachadh, thus’ aig a’bheil cridhe co blàth, agus mothachadh co beo, air àilleachd oibribh an t-saoghail, nach ’eil thu ag éiridh ni ’s bitheanta a’ d’ inntinn, os ceann an t-saoghail so, a dh’ionnsuidh an Ti ghlormhor a chruthaich e. Tha da rìreadh an saoghal an diugh àillidh; ’s bòidheach, mar thuirt thu, na lusan maoth, le’n còmhdach òir—is bòidheach na preasan a’ fosgladh a mach an duilleach òg—an snothach ùrar a’ dìreadh ri fiuran na’n craobh, agus eoin na’n geug a’seinn gu sùrdail; ach cò a sgaoil àilleachd a Chéitein mu choinneamh ar sul? Cò chòmdaich na cluaintean le culaidh uaine? Cò dhùisg an saoghal a’ codal marbhant a gheamhruidh, agus a tha toirt air guth an aoibhneis éiridh suas as gach cearnaidh? Nach glormhor a ghrian ud shuas a’ dìreadh gu àird nan speur gu buadhàr a’cur feart anns gach ni, agus a’sgaoileadh neart agus blàs o’n ear gu n-iar. Gu deimhin cha b’iad òrain Dhonnachai Bhàin a chuireadh ’an ceill smuainte mo chridhe, fhad ’sa tha do leabhars air mo shiubhal, a Bhàird naomha, a Shalmadair bhinn Israeil! EOGH. Tha sin uile fior, ach na smuainich gu bheil mise neo-thùrail mu na nithibh sin; nach do gheall thu naigheachd dhomh? Ciod a bha thu leughadh co dùrachdach ’nuair a dhlùthaich mi riut? LACH. Innsidh mi sin duit, Tha lìtir a chuir am Ministeir an diugh a’m laimh, a thaing dhachaidh on [TD 5] Ghalldachd, mu leabhar ùr a tha ri teachd a mach uair sa mhios, d’an ainm an TEACHDAIRE GAE’LACH. EOGH. Cò e am fleasgach ùr so? agus cò as a tha esan a’ teachd oirn? LACH. A’ Glaschu. EOGH. Ciod e nach d’thig a’ Glaschu? Ach innis so dhomh, Ciod e an teachdaireachd air a’ bheil an Gille-ruidh ùr so a’ teachd? LACH. A thoirt eolais do na Gae’dheil, agus a dhùsgadh déigh agus togradh annta gu leughadh. EOGH. Obh, Obh! ’Sann orra tha’m bàinidh m’an Ghaeltachd an dràsta, le’n càirdeas mu’n sgoilean ’s mu’n leughadh; ach gabh air t-adhart, cluinneamaid ciod an seors’ eolais a tha iad a’tairgse. LACH. Tha iad ri fiosrachadh a thoirt duinn mu na h-uile ni a shaoileas iad a bhios taitneach no tarbhach, freagarrach do staid na Gaeltachd, no foghainteach chum togradh a dhùsgadh annta gu leughadh; is cha’n’eil e daor, ach sé sgillinn sa mhìos. An cuir mi sìos t’ainm, Eoghainn? EOGH. Air t-athais, a Lachluinn. Innis dhomh ’sa cheud dol a mach, gu h-athaiseach ponncail, ciod na nithe tha iad a’ gealltuinn, chum gun tuiginn an cùnnradh tha iad a’ tairgse. LACH. Ni mise sin na’n cainnt fein. Anns a cheud àite, ma ta, Tha iad a’ gealltuinn mòran do eachdruidh na Gaeltachd sna linnibh a chaidh seachad. A’ bheil sin a’còrdadh riut? EOGH. Tha gu math; ach c’àit am faigh iad e? Na’n cuireadh iad fios air Iain-dubh-mac-Iain-’ic Ailein, gheibheadh iad barrachd uaithe de’n t-seorsa sin, na tha ac’ air a Ghalldachd; agus mas aithne dhuit cò iad, leig ios ’dan ionnsuidh, ma thòisicheas iad air smàdadh Thearlaich, ’sna dh’ éirich leis, nach ruig iad a leas tighinn an taobhsa le’n teachdaireachd; ach gabh air t-adhart. LACH. Tha iad ri mòran a thoirt dhuinn mu eachdruidh an t-saoghail,—mu na tha dol air aghaidh anns gach cearnaidh dheth,—mu na speuran, mu’n ghréin, mu’n ghealaich, lionmhoireachd nan rionnag ’s nan reull, mu’n chuan ’sna bheil ann, mu eachdruidh na’n eun, na’n iasg, agus bheathaichean. EOGH. Air nàile! ’s iad fein na gillean, cha chreid mi nach ann ac’ a tha na cinn. Ach na’n gabhadh iad mo chomhairle-sa dh’fhanadh iad air an talamh a bhos, gun bhi streap ri grèin no ri gealaich. Ann am bharail fein, tha moran spleadhachais sna bheil daoin a nis a’ cur am fiachaibh oirn mu na nithe sin—cha chreid mi gu bheil iad ni’s mò eolas air a ghealaich na tha sinn fhìn; ach a thaobh eachdruidh bheathaichean, an nàdur agus an cleachdainnean, cha’n’eil teagamh agam nach faod iad mòran innseadh a tha taitneach; agus is mi tha cinnteach, gum bi mo charaid an sionnach ’nam broilleach le chuilbheartaibh seolta. LACH. Agus a thuilleadh air so, tha iad a’gealltuinn dhuinn naigheachd nam bailtean mòra, agus cunntas mu na marguidhean, Nach ’eil sin a còrdadh riut? EOGH. Ma ta, a ghoistidh, cha’n’eil mi fhìn ro chinnteach; cha teichd na tha de naigheachd ’s de chleachdadh nam bailtean mòr a’tighinn oirn mar tha; agus do thaobh cunntas nam marguidhean cha b’iongantach leam gad a bhiodh e coltach ri naigheachd nan DRÒBHAIREAN, as nach feudar mòran earbs’ a chuir; Ciod tuilleadh? [TD 6] LACH. Tha iad ri sgeulachdan beaga bòidheach agus dàin thaitneach a shnìomh as an cinn fein, nithe a dhùisgeas fearas-chuideachd thùrail, thuigseach, agus a bhios na rogha caitheamh-aimsir air an fheasgar gheamhruidh. EOGH. Na daoine ceanalta, cha chreid mi nach Gaidheil a th’ annta; ach cha b’uilear dhoibh cinn thomadach a bhi aca, m’an snìomhadh iad gach eididh air a’ bheil thus a’ labhairt, cha b’iad an fhearsaid no chuigeal a dh’fheumadh iad a chur r’a chéile gach co’-thlamadh a tha nam beachd. LACH. A thuilleadh air so uile, Tha iad ri searmoinean Ghaelic a chur a mach uair sa mhìos, nach cosg ach da sgillinn, An còrd sin riut. EOGH. Cha’n’eil fhios agam fhìn—nan tuiteadh dhoibh searmoinean a chur a mach, a b’urrainn daoine bochd a thuigsinn, gun teagamh bhiodh iad feumail. Ach air mo shon fhein, cha do thachair searmoin Ghaelic orm, ach ainneamh, ann an leabhraichibh, as an d’thugainn mòran math, tha Ghaelic tuille’s domhain air mo shon, agus na smuaintean air an leige ris air uairibh air dhoigh nach ’eil mi gan tuigsinn. LACH. Thoir thusa fainear, nach ’eil searmoin againn ach na dh’ eadar-theangaicheadh as a bheurla, agus gum bu dùgh dhoibh beagan do bhlas na beurl’ a bhi orra, ach na searmoinean ùra so, tha iad air an cur ri chéile air tùs anns a Ghaelic, agus uaith sin tha dòchas agam gum bi iad freagarrach do staid na dùthcha. EOGH. Chi sinn. Ach air leam nan deanadh daoine feum math do na tha iad ag éisdeachd gach là sàbaid- nan sgìreachdan fein, nach b’ion doibh bhi cur an airgid do Ghlaschu a cheannach shearmoine, agus na bheil de nithe eil’ a dhi orra. Nach bu bhlasd an t-searmoin a chuala sinn air an t-sàbaid sa chaidh? LACH. Bha i mar sin da rìreadh, ach an ròbh e a’d’ chomas a h-aithris do d’theaghlach an deigh dhuit dol dachaidh? Am bu mhist thu i bhi agad am fasgadh an tuim? An d’thugadh tu dà sgillinn oirre? EOGH. ’Smi gun d’thugadh, agus am barrachd. Bu taitneach leam i r’a h-éisdeachd, ach’ s nàr leam aideachadh gur ro bheag a thug mi dhachaidh dhi, agus b’i a chéilidh thaitneach leam, bhi falbh o thigh gu tigh ga leughadh dhoibhsan nach d’fhuair cothrom air a h-éisdeachd. LACH. ’Sin thu Eoghainn, tha thu nis a labhairt mar bu chòir dhuit, agus cha’n’eil e ea-cosmhuil gum bi cuid de na searmoinean sin a tha co taitneach leatsa air an cur a mach ann an cuideachd an TEACHDAIRE GHAELICH, agus bu chòir dhuinn a thoirt fainear ged tha deagh shearmoinean againn, gu bheil iomad cearnadh anns a Ghaeltachd far nach ’eil cothrom aig an t-sluagh air searmoin sam bith a chluinntinn: agus air an son-san nach bu chòir dhuinn misneach a thoirt do shaothair nan daoine sin? EOGH. Tha sin fior. Ach innis so, an aithne dhuit cò tha cuir a mach an leabhair ùir so? LACH. Cha’n’eil mi fhìn ro-chinnteach, ach tha iad ag ràdh, gur e’n seann duine mòr liath a bha’n so o cheann dà bhliadhna mu na sgoilean ùra, bu chionfath air. EOGH. Gu dearbh ’s mi a chreideadh, an duine beannuichte. Thàlaidh mo chridhe fein ris a cheud sealladh a fhuair mi air; ach a bheil Gaelic aige? LACH. Cha’n’eil facal na cheann; [TD 7] ach gheibh e daoine aig a’bheil i, ’s cha’n’eil teagamh agam nach d’ thoir iadsan a thòisich leis, sàr oidheirp air a chùis. Tha iad, sa cheud dol a mach, a’ gealltuinn gu math. EOGH. Cha’n’cil di gheallaine air na daoine, ach bha mi riamh fiamhach mu luchd na’n gealleaine mòr. Is suairce dhoibh, aon chuid, fheuchainn; agus bu neo-shuairce dhuinne gun cho’-aontacha le’n saothair. Ciod a thuirt thu a chosdas e? LACH. Sè sgillinn arson an Teachdaire Ghaelich uair sa mhìos, agus dà sgillinn arson na searmoin. EOGH. Sè sgillinn sa mhios, agus dà sgillin sa mhios, agus dà-mhios-dheug sa bhliadhna, thig sin a Lachluinn gu mòran airgid. LACH. Thig, ach ma gheibh thusa cuid do na daoine tha anns a choimhearsnachd gu dol an co’pairt riut, cha bhi e ach suarach eadaruibh. EOGH. Tha sin fior, a sios m’ainm, Gabhaidh mi e le m’ uile chridhe, agus se dùrachd m’anama gun soirbhicheadh leo-san a tha ga chuir a mach. Mo bheannachd leat air an àm, a Lachluinn. Feumaidh mis a chreag mhòr a thoirt orm air tòir an t-sionnaich. T—O— LITIR O MHINISTEIR GHALLDA DH’-IONNSUIDH AN TEACHDAIRE GHAELICH. A Theachdaire Ghaelich, CHUALA mi gun robh thu teachd a mach, agus le dealas fear-dùthcha chuirinn a nis fàilte ort. Gad is ministeir Gallda mise, rugadh mi sa Ghaeltachd, agus tha bàigh agam ri tìr nam beann, nach fuaraich an fheadh is beo mi. Tha mi mothachadh gu bheil thu toirt cuireadh do na ministeiribh Gaedhlach cuideachadh leat anns an t-saothair a tha ’na d’ bheachd; S cha’n’eil teagamh agam nach dean iad sin; nam biodh searmoin agam fhin a shaoilinn a fhreagradh dhuit, gu dearbh gheibheadh tu i; ach chaidh mi a cleachdadh searmoinean Gaelic a chur an céill; Tha aon seors’ ann, is minic a smuaintich mi a dheanadh mòran feum nam biodh iad air an cur sios, mar tha iad air an labhairt, anns a cheart chainnt aon-fhilte chàirdeil tha air a cleachdadh san àm. ’S iad sin na searmoinean aithghearr a tha h uile ministeir a’ toirt seachad, na chuairt air feadh a sgìreachd, ann an conaltradh eadar e fein agus a luchd-éisdeachd, mar dh’éireas dhoibh tachairt. Cha’n’eil cothrom is prìseile th’aig ministeir gu math a dheanamh na so; cha’n’eil ceum a shiubhlas e air feadh na sgìreachd, nach coinnich neach eiginn e ris am feud e focal càirdeil a’labhairt a bhios, le còmhnadh Dhe, chum math anama. Feudaidh e mar so daoine thàladh ris, air nach drùigh a theagasg san Eagluis, agus an cuibhrionn fein a roinn air a bheag agus air a mhòr, air a bhochd agus air a bheartach, air dhoigh a bhios freagarrach do staid gach neach fa leith. ’S eiginn da, gu dearbh, ann an tomhas mòr, nàire agus eagal an t.saoghail a chur ann an suarachas; oir ni cuid do dhaoinibh fochaid air; ach fhad ’s a tha esan làn chinnteach, gu bheil e ann an slighe a dhleasnais, cha’n fheud e leige le tarcuis an t-saoghail so a thionndadh gu taobh. Tha anama dhaoine prìseil: tha latha na’n gràs neo-chinnteach; tha’m bàs a tarruing dlùth; tha mhòidean fein cud- [TD 8] thromach; agus tha siorruidheachd uamhasach. Tha amanna ann, anns nach dean modh a reir nòs an t-saoghail so feum. Nam faicinn tigh mo choimhearsnaich r’a theine, cha b’i cheisd ciod an doigh bu fhreagaraich air an teaghlach a dhùsgadh as an codal, ach ciod an doigh a b’ éifeachdaich chum an tearnadh o’n chunnart. Aidichidh mi gu dearbh, gu bheil gliocas, toinisg, agus eolas air nadur dhaoinibh, iomchuidh dha-san a shaoithricheadh mar so; ach ’se’n aon ni gum biodh fior ghràdh aige ga dhaoine; oir tuigidh iad so gu luath, agus an uair a thuigeas, feudaidh e dànadas caraid an anama a ghabhuil, agus an sin, sann ainneamh gu dearbh a thachras an duine sin air a ghabhas gu h-olc na their e. Gad a tha mis a’measg na’n Gall, gidheadh, mar pheacaich, air an turas gu siorruidheachd, cha’n’eil eadar-dhealachadh eadar iad fein agus na Gaidheil; na fhuaras tarbhach do’n dara h-aon cha’n fheud e bhi mi-fhreagarach do’n aon eile. Tairgidh mi dhuibh, uime sin, o àm gu h-àm, cunntas mu chuid de na seanachais a bhios agam ri cuid de m’ luchd-éisdeachd. Agus a chionn gu bheil so a’ tachairt ann an sgìreachd far nach tuigeadh iad do leabhar-sa gad a thigeadh e nan rathad, feudaidh mi, uime sin, labhairt gu neo-sgàthach. Tha e soirbh r’a thuigsinn nach biodh e iomchuidh dhomh m’ ainm a dheanamh follaiseach air an àm, ach a dh’ aon chuid gum feud mi ràdh le smior na firinn agus gun chealg Gur mi do charaid dìleas, agus t-Fhear dùthcha gràdhach, AM MINISTEIR GHALLDA. T. M‘M. T— CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. SMAOINTICH mi’n diugh gu’n gabhainn ceum a nunn rathad na ceardach, a’ dh’fhaicinn duine bochd euslainteach a bha sa choimhearsnachd sin. Leis an rùn so dh’fhalbh mi a’ coiseachd mar is gnà leam an déigh dhomh guidhe gum bithinn air mo chuideacha gu bhi dìleas mar gheibhinn an cothrom. Cha b’fhada chaidh mi air m’ aghaidh ’nuair choinnich duine mi air an robh mi mion-eolach, a bha fo dheagh theist san sgìreachd; thill e ceum leam a réir cleachda na dùthcha. Bha mi siubhal tre ghleann bòidheach tiòrail, far an robh frith choille Challtuin agus Bheithe, alltan beag a ruith na’n lùbaibh roimhe, ro-chosmhuil gu leir ri tìr m’ òige. Nach àillidh, ars’ esan, a mhinisteir an là so fein a thoirt a mach feur agus fochainn; nach bòidheach an gleann so. Tha e da rìreadh mar sin, fhreagair mi; is fad o nach cuala mi ceilearan nan eun air feadh na’n geug co bhinn cheolmhor. ’S beag so dheth, ars’ esan, seach mar tha iad shuas am bràighe ghlinne, far a’ bheil mis a chòmhnuidh. Tha iad an impis mo bhòradh gach maduinn le’n ceol. Tha iadsan, a deir mise, a’ freagradh crioch àraidh an cruthachaidh; b’fhearr gu’n robh sinn uile co cuimhneach air ar co’-sheirm thaingealachd a thogail ’sa tha iadsan. ’S iomadh aon air an d’ éirich grian an la’n diugh d’an d’thug Dia tuigs’ agus eolas nach d’fhosgail am beul chum a mholadh; thoir thusa fainear, Iain, nach ann dhiubh sin thusa. ’Nuair a dh’fheoraich mi dhiot cionnas a bha a bhean ’s do theaghlach, fhreagair thu, taing do Dhia, gu’n robh iad gun di gun deireas. [TD 9] Innis dhomh an fhirinn, an d’thug thu taing agus an d’ rinn thu ùrnuigh an diugh? Cha’n’eil mi feòraich, an dubhairt thu ’nuair a bha thu ’g éiridh, Dia bhi maille rium, no focal mar sin air aithris ann an caoin-shuarachas? Ach ’se tha mi feòraich, an d’rinn thu ùrnuigh gu stòlda, socrach, maille ri d’theaghlach, le fiamh diadhaidh air t-anam, mothachail air do chainnt, a’toirt fainear cò ris a bha thu labhairt? Ma ta, a mhinisteir ghaolaich, ars’ Iain, cha’n antromaich mi mo chionta le breug innseadh, aidichidh mi nach d’rinn. A’bheil dùil agads, Iain, a’bheil sin iomchuidh, gun taing a thoirt do Dhia arson cùram agus suaimhneas na h-oi’che, no a chaoimhneas agus a shùil-choimhead iarruidh san là tha romhad. Dhi-chuimhnich thusa Dia an diugh, agus bu cheart-bhreitheach dha-san thus’ a dhi-chuimhneachadh. ’S beag a tha fhios agad ciod a thachras duit m’an d’thig an oi’che; no cò ’n làmh a chuireas dhiot an t-aodach a chuir thu fein umad. Cha do thairgeadh taingealachd an diugh o d’ fhardaich, agus is ann do thròcair an Tighearna nach bi bas-bhualadh ann m’an d’theid sibh a luidhe. Slàn leat, Iain, air an àm; mu’n chùis so bithidh barrachd seanchais eadaruinn san ath-cho’dhail. Dhealaich Iain rium, agus bha e do réir coltais fo iomaguin; gu’n deonaicheadh am Freasdal dha aire ghabhail. Tamull beag an déigh dhomh dealachadh ri Iain, choinnich duine mi o iomall na sgìreachd, a bha ro-riaghailteach ann an tighinn do’n eagluis air là na sàbaid. Chuir sinn an fhàilte ghnàthaicht air a chéile. Tha mi ro-thoilicht, Eoghain, arsa mis, t-fhaicinn a’ tighinn co tric a’m’ éisdeachd, thu fein agus do theaghlach; agus tha mi mothachadh le tlachd, gu bheil am biobull agus leabhar nan salm, ’na’r cuideachd gach là; cleachdadh a tha ciatach, agus tha mi ro-dhéigheil air a chleachda so a thoirt m’an cuairt san sgìreachd. Ma ta, thuirt e, tha sin gun teagamh ceart, agus cha’n uallach do dhuine sam bith biobull a ghiulan. Tha aon aig gach duine de m’ theaghlach, agus cha’n’eil leith-sgeul aca gun iad a bhi na’n cuideachd. ’S mòr, a deir mis, am beannachadh am biobull; ach innis so dhomh, an cleachda leat a bhi ga leughadh aig an tigh, arson do mhath fein agus leas do theaghlaich? An do leugh thu earrann deth an diugh? No an robh e ann ad laimh o thaisg thu seachad e le d’ aodach Dòmhnuich air feasgar na Sàbaid? Cha’n fheud mi a ràdh nach ’eil mi anns a chùis so ciontach, fhreagair e; ach tha mi’n dòchas gu’n gabhar mo leith-sgeul; tha mi air mo chlaideart ri obair ghoirt, o mhoch maduinn di-luain gu anmoch di-sathairne; ’nuair a thig mi dhachaidh, tha mi co sgìth ’s gur buidhe leam mo shìneadh air mo leabaidh. Cha luaithe thig an t-soilleireachd na’s eiginn a bhi mach. Thuirt mi, tha sin da rìreadh trom; ach a bheil e ceart duit t’ùin uil’ a bhuileachadh air nithibh aimsireil? Cha’n’eil thu mar bu chòir dhuit’; nam biodh iomaguin ort mu d’anam, agus spéis do’n leabhar naomha, cha b’eagal nach faigheadh tu cothrom air a leughadh, ged a b’ann ’nuair bu chòir dhuit a bhi d’chodal, Nan tairginnse dhuit air an àm litir o charaid fad air falbh, ag innse dhuit mu dhìleab luachmhoir a dh’fhàgadh agad, ’s beag mo chùram gu’n abradh tu rium nach [TD 10] robh ùin’ agad air a leughadh; no gu’n glaiseadh tu seachad i gu maduinn na sàbaid. Thoir fainear, a charaid, gur cunnartach an ni coslas na diadhachd a ghiulan, agus a bhi aineolach air a cumhachd. Is iomad neach a dhìtear arson am biobull a bhi aca, ’s gun am feum iomchuidh a dheanamh dheth. Soraidh leat air an àm, agus tha dòchas agam an ath-uair a chi mi san eagluis thu le d’ leabhar a’ d’ laimh, nach eiginn domh amharc ort mar neach a tha deanamh sin chum gum faicear le daoinibh e. Mar ghabh mi air m’aghaidh rainig mi cnochd bòidheach far an d’fhuair mi seann diol-deirc a bhuineadh do’n Sgìreachd, a’ cur a sgìos deth, agus shuidh mi làmh ris. A’ bheil thu beo Eachainn, thuirt mi ris, Ma ta, deir esan, se sin uile e, tha mi’n so fhathast ag oirpeachadh mi fhein a thoirt tre ’n t-saoghal mar is fearr a dh’fheudas mi, ach tha mi fàs lag anfhann, ’s cha ’n fhad is dùgh dhomh a bhi’m uallach air an Dùthaich. Tha mi aois mhòr a nis, rugadh mi bliadhn’ an fheachd, an uair a bha na Gaedheil ag oirpeachadh an righ pàpanach a chur thairis oirn, cunntaibh fein sin, a Mhinisteir. Tha sin gad dheanamh ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir. Ciod an ùine o tha thu ’g iarruidh na deirce? Tha uaithe sin cuig bliadhna fichead, agus ’s aithne dhuibh fein an eiginn a chuir ann mi. Fhreagair mi gum b’aithne; ach innis so dhomh, Cia mheud de’n ùine sin a chuir thu seachad ann an iarruidh déirc spioradail, ann an asluchadh beannachdan siorruidh, o Dhia? Dh’amhairc e orm le càileiginn de ìoghnadh, agus thuirt e, Gu cinnteach gur ro-bheag da ùin a chosd e ’g iarruidh nan nithe sin, seach na chuir e seachad ann an aslucha nithe aimsireil o dhaoinibh Agus ciod an cunntas is urrainn duits’ a thoirt do Dhia arson thu bhi co dian dhùrachdach arson lòn do d’ chorp truaillidh, ’s a bhi co dearmadach mu easbhuidh t-anama? Thuirt e gun robh e dichiollach chum uireasbhuidh a riarachadh; Tha a deir mise, ach thoir fainear mar ’eil thu co dichiollach iarratach aig cathair na’n gràs arson maitheanas peacaidh air sgàth Chriosd, agus còmhnadh an Spioraid chum d’ uidheamachadh fa chomhair bàis agus siorruidheachd, tha thu da rireadh a’ d’ dhuine bochd; agus a’ d’ chulaithruais, a’ seasamh air stairsnich a a bhàis, ann an cunnart a bhi gach là air do ghairm air falbh. Falbhaidh an òigridh, ach cha’n’eil dol as aig na h-aosmhoir. Ann am bliadhna na dha bithidh gu cinnteach dhuitsa crioch air àm uidheamachaidh: iarr, uime sin, aran na beatha maireannaich. A mhinisteir, thuirt e, Thugaibh so libh, nach d’fhuair mise cothrom a’ m oige, cha’n’eil sgoil, no meoghair agam gu ùrnuigh fhoghlum. Stad, Stad, a deir mise, Ciod an Sgoil aig an d’ionnsuich thu’n déirc iarruidh? Cò is pòncaile a dh’innseas t-uireasbhuidh na thu, no chuireas a laigsinn agus anmhuinneachd ma choinneamh gach neach a shaoileas tu a chòbhras ort? Cò dh’ ionnsuich so dhuit? Cionnas a tha do mheoghair co math anns a chùis so, agus thu fein co deas-chainnteach dian iarratach sa tha thu? A dhuine bhochd nam biodh mothachadh agad air uireasbhuidh t-anama, mar tha agad air uireasbhuidh do chuirp, cha b’eagal nach deonaichte cainnt duit. Thogadh tu t-ùrnuigh mar rinn Bartimeus a bha ’g iarruidh na déirc ri taobh na slighe, IOSA, MHIC DHAIBHIDH DEAN TRÒCAIR ORM. Falbh air [TD 11] an àm, ach cuir seachad an oi’che nochd ann am thigh, ’s ma dheonaicheas Dia dhomh pilleadh, bithidh am barrachd seanchais aguinn. T. M‘M. T. MU THEACHD A STIGH AN T-SAMHRUIDH. “Tha’n geamhradh seachad, tha’n t-uisge thairis, dh’ imich e roimhe. Chithear na blàthan air an talamh, tha àm seinn NAN EUN air teachd.—Tha’n crann-fìge a’ cur a mach ’fhìge glasa, agus tha dearcan maoth a’ chroinn-fhìon a’ toirt fàile cùbhraidh uatha;” Solamh. AN diugh tha’n Samhradh a’ tòiseachadh! ’S iomad aobhar toileachas-inntinn a tha e toirt duinn air caoimhneas agus cairdeas neo-chriochnach an Uile-chumhachdaich. ’Se so an ràidhe sona sin, anns a bheil Dia a’ taomadh a mach saibhreas a mhaitheisanns an tomhas is pailte air gach ni agus neach. Is sunndach càil gach beo-chreutair. Tha réite agus ciùineachd air dùilibh an domhain. Tha blàs agus aoibhneas a mach air feadh an t-saoghail, agus cha’n’eil obair eile aig an t-Samhradh, ach ag uidheamachadh air arson gach ni tha feumail agus taitneach do mhac an duine; agus freagarrach gu àrd thaingealachd a dhùsgadh na chridhe. Tha’m pòr a chuireadh sa mhàrt a’ teachd a nis a mach na fhochann bòidheach: tre chumhachdaibh diomhair nàduir, le feart na gréine, tha meas de gach seors’ a’ fàs anns na liosaibh. Fo mhìle suaicheantas rìomhach chithear lusan na machrach a fàs gu dosrach ùr’ar, cha robh Righ Solamh riamh air éideadh co àillidh riu. Nach lionmhor an àireamh agus nach maiseach an snuadh! Nach dealaichte o chéile na’n gne agus na’n coslas, gach feòirnein agus lus, gach preas agus crann a tha nis a’ fosgladh a mach an duillich, o’n chòinnich iosail uaine, gu ruig an darach laidir, righ na’n craobh! Siubhlamaid far an àill leinn, gu mullach an fhirich is àirde, gu uaigneas a ghlinne is isle, tachraidh oirn anns gach àite àilleachd ùr. Ma shuidheas sinn air bruaich na h-aibhne, nach binn torman ciùin an t-sruth a’ siubhal seachad oirn gu réidh samhach do’n chuan mhòr. Nach bòidheach na blàthan maoth a tha fàs mu bhruachan nan allt,—an t-sòbhrach, a bharra-gheal, ’s an neònain, a bhiolair’ uaine, ròs nam bad bòidheach, is mìle lus nach fheudar àireamh san àite so. Amhairc os do cheann, nach glòrmhor dreach nan speur,—amhairc air an làr agus faic an truscan uaine leis a bheil na cluaintean air an còmhdachadh. Eisd ris a cheol a tha m’ ad thimchoill, tha chòisridh cheolmhor a mach air gach preas, tha chuthag o chnochd gu cnochd, gach doir’ agus gleann a’ co’freagradh da fàilte. Cluinnear fad as, fuaim nam feadan uisge, turaraich chianail nan eas, agus onfhadh trom a chuain. Chithear caoirich le’n uain bheaga gheala a muigh air an raon. Tha buaile chruidh ghuaill-fhinn air an todhar, tha na laoigh ghuanach a’mireag air an àilein. Chuir fiadh nan stùchd suas a shuaicheantas samhruidh, is àrd a langan san fhrìdh! Ann an aon fhocal, tha mìle ni ri fhaicinn agus ri chluinntinn ann an òg mhìos an t-samhruidh, bu chòir ar taingealachd a dhùsgadh do’n Ti àrd agus ghlormhor, a chàirich gach ni do’n t-seorsa so mu choinneamh ar sùl, a thug tuigse dhuinne gu eolas a ghabhail orra, agus riarachas inntinn a tharruing uatha. Ach, àillidh mar tha tùs an t-samhruidh, cha mhair e [TD 12] fada; latha na dha seachad, agus fàillnichidh a dhreach. Agadsa, mar an ceudna, a dhuin’ òig, tha do shamhradh fein, ’s taitneach e, ach O! cha’n’eil e ach gearr! Ann an ùine ghoirid, caillidh an saoghal duitse mòran de àilleachd, faillnichidh na nithe sin a thug dhuitse sonas a’ d’ òige. Ma shìnear do làithe, lionaidh cùram an t-saoghail so do chridhe, agus canaidh tu m’an aimsir a tha dol seachad, “Cha’n’eil tlachd aig m’anan innte.” Do d’ionn suidhs’ O mo Dhia! thogainn suas mo cridhe; gabh thusa, m’anam tlachd ann an Dia, is bheir e dhuit gach math na thrà. Dhàsan gun robh Samhradh mo làithean air a choisrigeadh. Gun deonaicheadh e dhomhsa bhi beo air an t-samhradh so, mar nach faicinn a h-aon eile. Is iomad caraid agus bana-charaid a bha ann an òg mhios a chétein a dh’fhalbh, a’deanamh gairdeachas maille riumsa ann an àilleachd an t-saoghail, nach ’eil ni’s faide ri’m faotainn; thainig samhradh eile m’an cuairt le bhlàs agus le shòlas, ach ’sann gu dealradh air an fhòid ghuirm a tha thairis orra. Cò dha a thachras so air an ath-bhliadhn’, agads’ a Dhe amhàin tha fios. Cuidich leamsa, uime sin, gu thus’ a ghlòrachadh leis na h-uiread dhùrachd sged a bhithinn cinnteach gum bu mhis an t-aon; a chum ’nuair a theid an saoghal caochlaideach so seachad, gum bi m’anams’, trid iobairt-réitich mo Slanuighear, air a ghabhail a steach do’n t-saoghal àghmhor sin far am bi là gun oi’che, agus samhradh gun gheamhradh, far an siabar gach deur o’n t-suil, ’snach sgarar caraid o charaid a chaoidh. T.—O.— FAILTE NA CUTHAIGE. Fàilt ort, eil-thirich ghlas nam bruach, Teachdair an Earraich ait; Tha t-aitreabh-shamhruidh uile deas, Tha choill’ a ’seinn duit fàilt. Cha luaithe thig an neònain maoth, Na thogas tus’ am fonn; Bheil agadsa reull-iuil gu h-àrd, Gad threorachadh do’n fhonn? Leat fein a chuairteir aoibhnich ait, Dh’fhàiltichinn àm nam blàth; An t-àm sam bith a choisridh bhinn A seinn gu grinn gach tràth Am balachan beag, ’se trusadh bhlàth, Gu h-àrd air uchd nan tom, Le aighear éisdidh e do ghuth ’S co’-fhreagraidh e am fonn. Fo bhlàth ’nuair thig a pheasair ghlas, Fàgaidh tu choill’ gu luath; Aoigheachd iarraidh tu an dùthchaibh céin Chuir fàilt air earrach nuadh. Do choillse! eoin nam buadh tha gorm, Do spenr do ghnà tha blàth, Mulad cha’n’eil a chaoidh a’d’ dhàn No geamhradh ann ad thrà. O! nam bu leamsa sgiath an eoin, Gu’n siubhlainn leat gach àit, Air chéilidh feadh an t-saoghail mhoir, Còmhlain an Earraich ait. Ead. le T—O— Mu bhàs a cheannaird ainmeil Sir Iain Moore. Tha nise fichead bliadhna o’n a thuit an Curaidh trein Albannach so, air blàr fuilteach Corunna. Mar bha e a’brosnachadh a chath-bhuithinn rioghail, an seann fhreiceadan dubh, a’cur nan cuimhne meud an éuchd san Eiphid, agus ga’m moladh gu mòr, bhuail peileir e sa ghualainn, a thilg gu [TD 13] làr e bharr an steud eich air an robh e marcachd. Cha chualas osna uaith ’s ni mò a rinn e gearan. Togaibh suas mi, thuirt e, ’s gum faicinn aon sealladh do ghaisgich nam boineid ’s nam breacan. Bha fhuil chraobhach a’ruith gu bras gun seol air a casgadh– ’Nuair thainig an léigh thuirt e ris, freasdail dhoibhsan d’am feud thu feum a dheanamh, tha mise seachad. ’Nuair a dh’-fheuch iad ri chrios-claidheamh fhuasgladh, thuirt e riu, Leigibh leis, cha dealaich mi ris an fheadh bhios an deo annam. Ghiulaineadh air falbh e, agus chaochail e ann an trein a mhòrachd. Chualas e gu tric ag ràdh, nan tuiteadh e san àraich, gur ann an sin bu mhiann leis luidhe. Do réir sin, cha d’thugadh dhachaidh a chorp, ach air mheadhon oi’che bha uaigh air a cladhach, cha robh ùin air caisil-chrò, no mar theirear, ciste-mhairbh, fhaotainn. Ma chamhanaich nan trà ghiulaineadh e chum na h-uaighe le solas lochrainn; bha’n ùrnuigh bhàis air a h-aithris gu cabhagach, agus gun ollanachadh sam bith, bha’m Flath ainmeil air a chàramh fo’n ùir na éideadh-chogaidh; agus m’an gann a bha’n tòrradh muladach criochnaichte, chualas fuaim chatha an nàmhuid a’tarruing dlù. T—O— Dàn mu thorradh Shir Iain Moore. Cha chualas fonn téise, no bròn air a Mhùr, Mar thog sinn a chorp air ar guaillnibh; Cha do loisgeadh urchair le saigh’dear man ùir; Druma cha chualas a’bualadh. Thiodhlaiceadh esan an uaigneas na h-oi’ch’, Airm chatha a’cladhach na h-ùrach, A ghealach gu fann roi neulaibh a’soills’, Leas soluis gar seoladh gu tùrsach. Cha robh feum aig an laoch air cist a bhiodh buan, No ollanachd anairt ga chuairteach; Ach luidh e mar ghaisgeach a’gabhail a shuain, Le thruscan cogaidh m’an cuairt dà. B’aithghearr, ’s bu tearc an ùrnuigh chaidh suas, Is shil sinn ar deoir gu sàmhach, Ag amharc air créubh an Tréin a thug buaidh, Is buairte mu theachd an là màireach. Oir thug sinn fainear a’cladhach na h-uaighe, ’S mar bha sinn gu truagh ga dealbhadh, Gu’n deanadh coigrich saltairt orra le fuath Agus sinn’ air a chuan a’seoladh. Le tàir air a spiorad gun deanadh a nàimh, Air an uaigh so suidhe ga chàineadh; Ach ’s suarach sin dhasan a’ gabhail a shàimh Far an d’rinn a luchd-daimh a chàramh. Ghairmeadh air falbh sinn o obair a bhròin, Is cian m’an robh crioch air an tòrradh, Chuala sinn toirm a chogaidh teachd oirn’ Is gaoir nan gunnacha mòra. Ach leig sinn e sios gu h-athaiseach ciùin, Mar thuit e an tréin a mhòrachd, Gun leachd-lighe r’a cheann, gun charn os a cheann, Ach sinnte le ghlòir na ònrachd. Ead, le T—O— AM FOCALAIR GAELIC. Thainig an gur mòr so a mach fa dheireadh, ’s bu mhithich dha. Is fada o’n a luidheadh air, agus is iomad Ceòsanach trom clùthmhor a shuidh air. Ach ged a bha sinne gabhail fadail, cha’n’eil ag, nach robh ’n obair a’dol air a h- [TD 14] aghaidh co math ’s a dh’faoidte, leis na daoinibh measail foghluimte ris an robh i ’n earbsa. Cha’n ann sa h-uile dùthaich, no sna h-uile linn, a gheibhear duine cosmhuil ris an Sgoileir ainmeil ud, an t-Olladh Sasunnach, a’chuir ri chéile am Focalair mòr beurla leis fein, ann an ùine chuig bliadhna, gun chuideachadh na còmhnadh o Righ no rioghachd. ’Nuair a bha’n obair cheudna aig na Frangaich ri dheanamh, shonraich iad a mach da fhichead de na daoin’ a b’ fhoghluimte bha san rioghachd air a son, agus ghabh iad leth-cheud bliadhna m’an do chuir iad crioch air: air chors nach ’eil cionfath talaich againne. Thainig e nis, agus ’s ann le taitneachas cridhe a tha sinn d’a rìreadh a’ cur fáilt air. Tha’n leabhar mar bu dùgh dha, o na daoinibh fiosrach a bha ma thimchioll, luachmhor agus aithridh air moran cliu. Bha sinn do ghnà earbsach asda, na dh’eug ’s na tha lathair, ’s cha d’rinn iad ar mealladh. ’S ioma saothair a bhiodh air a caomhnadh nam biodh an leabhar so nar taic o’n cheud là a theann sinn ri sgriobhadh Gaelic; ach iomlan ’s mar tha e, o’n a ghabh sinn mar dhreuchd a bhi ’nar breitheamh air leabhruichibh ùra Gaelic, feumaidh sinn ar geur-chùis a leig’ fhaicinn, a reir gnà nan tiolpadairean* Gallda. Tha e soilleir, ma ta, gun do chuir iadsan a chuir ri chéile am Focalair mòr, lìon-sgrìobaidh mu chùl cinn na Gaelic, agus gun do tharruing iad gu tir gach seors éisg a thainig ’na’n caramh, eadar mhath agus olc. Cha’n fhaodadh so gun bhi deuchainneach air an lìon, air chors gu’n do bhris cuid de no moguil, leis an d’fhuair ioma Gealag bhòidheach, a thogadh mu na cladaichean againn fheìn, as. Agus gu’n d’thugadh ioma slaod gallda gu tìr a thainig a chur seachad an t-samhruidh ’nar measg, ’s nach d’fhuair an rathad air an ais. Theagamh nach robh so furasd a sheachnadh, ach ’s cinnteach mi gu bheil ioma focal a fhuair a stigh do’n leabhar so, ann am brollach na Gaelic nach urrainn leis an t-sloinntireachd is fearr, dàimh a dheanamh suas ri aon fhocal a bhuineas do’n chainnt sin, mar tha i air a labhairt mu thuath de na Caoil’ Bhòidich. Tha fios againn sa choimhearsnachd sin, gu bheil a bheurla ’sa ghaelic air an co’thlamadh feadh a chéile. Feòraich de fhear san àite sin, Ciod an t-àm de ’n latha tha e, is cosmhuil gur e’n fhreagairt a gheibh thu, WELL, ma ta, cha’neil CERTAINTY agam air A PHARTICULAR sin; arson mar ghoireas do na daoinibh sin, agus muinntir eile a tha chòir na Galldachd, theagamh gu’n robh e feumail cuid de na focail sin air a bheil sinne gearan a chur san leabhair so. Thuigeadh Sasannaich fein an seorsa Gaelic a dh’fheudamaid a chur r’a cheile le leithid so do fhocail, mar tha, Maidseir, adbhans, coc, piosdal, Maighstir, sgealp, sgoilear, Procadair, Adbhocait, Créubh, Prothaid, a Pùidse, Probhaisd, &c. Cha’n’eil gu dearbh, moran de’n choigrich so ann; ’s cinnteach mi nach ann s na h-Earadh no idir ’an Lochabar a fhuaradh iad. ’Se’n ni a tha sinn gu h-àraidh ag gearan air, an t-anabharr airgid a chosdas e r’a cheannach; ge nach ann acasan a chuir an leabhar r’a cheile, a tha choire so. Bu chliuiteach do Ard Chomunn Gaidhealach na h-Alba, a leithid de leabhar a chur a * Critics. [TD 15] mach; ach dhoibhsan is mò feum air, ’s eiginn gum bi e dhoibh ann an tomhas mòr, mar leabhar glaiste. Tha e fior eireachdail ri fhaicinn ann an Leabhar-lann an duine shaibhir, ach cha bhi e gu bràth na leabhar coitchionn am measg na Gaeltachd. Bu chòir dhoibh a dheanamh, mar rinn fear mu bheil sinn a’ leughadh, a dh’fhàgadh air Eilean fàsail, air an robh sinn uile eolach nar n-òige, ROBINSON CRUSOE, an déigh dha mòran ùin agus saothair a chaitheamh ann an togail soithich chum a thoirt air falbh, ’san déigh dhi bhi deas, fhuair e mach gun robh i co mòr ’snach robh e na chomas a cur air sàile. Thòisich e’n sin air eithear bu lughadh a thogail, agus shoirbhich leis. Anis, nam fàgadh an Comunn Gaidh’lach an long mhor so air achdair ri taobh gach luing eile da seorsa, luchdaichte mar tha i, le LAIDINN, GREIGIS, EABHRA, agus gach cànmhuinn eile a tha’n dàimh ris a Ghaelic, agus nan d’thugadh iad dhuinne sea-ràmhach eatrom thapuidh, a thigeadh gu lamruig, no taobh craige, far am faigheadh daoine bochd a stigh innte, gheallamaid gur i bhiodh taitneach agus feumail; agus cha’n’eil so doirbh r’a dheanamh, na’n gnàthaicheadh iad na ceart dhaoine rinn an té mhor, am fad ’sa tha’n acfhuinn gun mheirgeadh. Cha’n’eil seachd GINEACHAN òir, soirbh ri’m faotainn leosan aig a’bheil am barrachd feum air an leabhar so. Is fearr le ministeir bochd a tha ga mhothachadh fein fàillneach sa ghaelic, is leis am bu mhiann a leasachadh, dol air adhart ga cagnadh mar is fearr a dh’fheudas e, no uiread a chuir a mach a cheannach leabhair, ’sa chuireadh casag air fein, gùn sìoda air a mhnaoi, deise bhreacain air na balachain, agus còta clòdh air Domhnull Cleireach. Is iomad maighstir-sgoile measail, air bheag tighinn a stigh, a tha g oirpeachadh eolas air a ghaelic a mheudachadh, leis am bu phriseil an leabhar sin, agus nach deanadh an t-aon mhart maol a th’aig air an teadhair a cheannach. Ma’n co’-dhuin sinn, cha’ n fhaod sinn gun a thoirt fainear, anns an iarrtas a bh’aig na daoin’ uaisle sin a chuir a mach àm focalair mòr, gu urram a chur air an duine mheasail sin DR ROSS, le ainm a thoirt a stigh co tric mar ùghdar nam facail a tha iad a’ toirt as na Sailm, gun d’rinn iad dearmad air an aon duine is mò d’an robh Ghaeltachd agus a Ghaelic fo chomain de na bha ann r’a linn, ’se sin MR. ALASTOIR MACPHARLAIN Ministeir a bh’ ann an Cill-an-inbhir, agus ’se ar barail gun d’rinn iad an dearmad ceudna, air duine nach robh air deireadh air a h-aon diubh, esan a rinn Sailm MHICPHARLAIN atharrachadh chum an dreach anns a bheil iad againn a nis, fo ughdarras Eagluis na h-Alba; ’se sin DR IAIN SMITH a bh’ ann an Ceann-loch-Cill-a-Chiarain. Fhad ’sa bha na ceart fhocail a tha iad a’toirt duinn a leabhar shalm DR. ROSS, ri’m faotainn a chuid is mo dhiu ann an leabhraichibh nan daoine ainmeil a shaothraich roimhe, cha’n’eil sinn a’tuigsinn cionnas nach robh iadsan co math nan aithridh a bhi air an ainmeachadh ris-san a thainig nan déigh, foghluimte agus measail mar gun teagamh, a tha e. T—O— MU NA H-INNLEACHDAIBH. I. Mu Chlo-bhualadh leabhruichean. Se Clo’-bhualadh an t-innleachd is feumaile, agus is cudthromaich [TD 16] a thùradh riamh le duine. Tha aobhar a bharalachadh gu’n d’fhuaradh an t-innleachd so a mach anns a bhliadhna 1430, le duine dam b’ainm LAURENTIUS KOSTER, a bha chòmhnuidh ann am baile beag san Olaind. Mar bha e ’g imeachd troimh choillidh dlù do’n bhaile, theann e ri cuid de litrichean a ghearradh air cairt craoibhe, agus mar thoileachadh dha fein, chàirich e chairt so gu teann air paipeir fo chudthrom trom, leis an robh dreach nan litrichean air an comharachach mach air a phaipeir, agus mar so chlo’-bhuail e beagan fhocal a chàirich e fa chomhair na h-òigridh bha e fòghlum. ’Nuair a shoirbhich an oidheirp so leis, smuaintich e deuchainn bu chudthromaich a thoirt; chum na crìche so fhuair e mach dath freagarach, a chuir e air clàraibh fiodha, agus an déigh sin air luaidhe, leis an do chlo’-bhuail e a cheud leabhar. ’Sann ann am PARIS ceann-bhaile mòr na Frainge thainig a cheud leabhar amach. Cha chreideadh daoine nach ann le drùidheachd no le buitseachas a bha obair co innleachdach air a deanamh. Dh’ fheuch iad ris an duin’ fhiachail so a chuir an laimh, a’ smuainteachadh gun robh e an dlù dhaimh ris an droch-spiorad; agus mar teicheadh e as a bhaile, tha aobhar bhi smuainteachadh gu’n clachadh iad gu bàs e. A cheud Bhiobull a bh’air a chlo’-bhualadh, chostadh e san àm sin cùig puinnd deug shasannach, a bha co’-ionann ri ceud gu leth punnd sasannach san àm so; agus ’nuair a chuimhnicheas sinn, nach faigheadh am fear cosnaidh a b’fhearr ach dà sgillinn odhar san làtha, is soirbh ri fhaicinn cia co neo-chomasach ’sa bha e do dhaoinibh bochda ruigheachd air. Cha d’fhuaradh riamh a mach innleachd a chuir sinn fo na h-uiread chomain arson sochairean agus beannachdan co luachmhor. ’S ann trid na h-innleachd so, a fhuair sinn saorsa o aineolas, saobh-chràbhadh, agus dorchadas; agus a tha sinn a’ sealbhachadh eolais agus fiosrachaidh, leis a bheil an linn so co comharaichte os ceann gach linn a chaidh seachad. As eug’ais innleachd a chlo-bhualaidh, cha bhiodh e comasach do cheud luchd ath-leasachaidh a Chreidimh Chriosduidh, buadhachadh mar rinn iad san obair chudthromach ud; oir nam biodh an leabhruichean lionmhor air an sgriobhadh uile leis a pheann, ghabhadh e anabarr’ ùine m’an rachadh an craobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail; ach leis an innleachd luachmhor so, thainig na mìltean diubh a mach san aon àm. Sgaoil iad air feadh na Roinn-eòrpa ann an ùine ghoirid, le luathas agus cumhachd nach burrainn sagart no Easpuig, no Prionnsa, no eadhon am Pàp fein, a cheannsuchadh no bhacadh. ’Sann do’n innleachd so a tha sinn a nis fo chomain arson na mìltean Biobull a th’air an cur a mach, agus co saor ’s gum feud an duin’ is bochda san dùthaich ruigheachd air focal na slainte. Trid na h-innleachd so tha solus prìseil neamh a soilleireachadh cearnaidh iomallach an domhain, a dol a mach gu buadhar, a fògradh roimhe gach aineolas agus doille a bha gus a so ag iadhadh m’an t-saoghal. Trid so tha ’n dìthreabh ait, agus lionmhoireachd nan eilean a’deanamh gairdeachais, A dh’ aon fhocal, cha’n’eil meadhon is cumhachdaich a bhuilich am freasdal chum eolas air a nàdur agus air a thoil fein, agus air dòigh na slainte trid Chriosd, a chraobh-sgaoileadh feadh an domh- [TD 17] ain, na leis an innleachd àigh so mu bheil sinn a’labhairt. Tha na nithe so a’teagasg dhuinn mar tha innleachdan mhic an duine air an riaghladh le Dia, chum rùnaibh àrd a fhreasdail fein a cho’-lionadh. Tha sinn a’fòghlum mar an ceudna, uaithe so, cia cudthromach agus feumail na nithe tha ’g éiridh o thoiseach beag; agus mar tha Dia a’ gnàthachadh nan gnothaichean a tha sinne meas faoin, a chum criochan àraidh a chur air aghaidh. Cò b’ urrainn a smuainteachadh gum biodh ni co suarach ri duine bhi gabhail sràid feadh choillidh, agus a’ gearradh litir no dha air rùsg craoibhe, fuaighte ri soilleireachadh an t-saoghail, agus gum biodh an t-eolas a fhuaradh mar so, mar gu’n abradh tu air thuiteamas, air a bheannachadh le Dia, chum Fineachan a dhùsgadh o aineolas, agus slainte ar Dia-ne a chuir a mach gu cearnaidh iomallach gach tir. Ach mar so thachair e, gu bheil esan a tha riaghladh a measg armailtean néamh agus luchd àiteachaidh na talmhuinn, agus d’an leur gach ni o thùs gu deireadh, a’ riaghladh uile dheanadas mhic an duine, agus gan tarruing gu co’-aontachadh chum a rùn agus a thoil mhòr ghràsmhor fein a thoirt m’an cuairt; agus na lorg so a’ taisbeanadh mar anns gach cùis eile, gu bheil e iongantach ann an comhairle, agus oirdheirc na uile dheanadais. CAIRT NO INNEAL-IUIL A MHARAICHE. ’S i so innleachd eile co luach-mhor ’sa fhuaradh riamh a mach. Man deachaidh so a thuigsinn cha robh dòigh aig maraichean air loingeas a stiùradh o dhùthaich gu dùthaich, troimh chuantaibh farsuing, ach trid na gréine san là, agus na reultan san oidhche. Nuair a tharladh gum biodh na speuran gu dubharach dorcha, bha e anabarach cunnartach a bhi air fairge; agus cha dùraigeadh seoladairean dol fad a mach air muir, air eagal gun rachadh iad air seacharan o’n t-slighe bu mhiann leo, no gun tuiteadh iad air sgeiribh, no air cladaichibh cunnartach air nach robh iad eolach. ’Se’n fhìor eiginn a bheireadh orra, uair air bith, dol a’fradharc an fhearuinn. Ann an sean eachdruidh tha sinn a’leughadh, gu’n do chuir e iongantas air gach dùthaich, ’nuair a chualas gu’n deachaidh laoich HOMER ceud gu leth mìle a’ sealladh an fhearuinn; agus ann an Leabhar gniomhara nan Abstol, tha sinn a’mothachadh an staid chunnartach san robh Pol agus na bha maille ris, air a thuras o Chesarea chum na Ròimhe. Gniomh. xxvii. 20. “’Nuair nach robh a’ ghrian no na reulta r’am faicinn ré mòran do làithibh, agus a luidh doinionn nach bu bheag oirn, thugadh an sin uainn gach uile dhòchas gu’n teasairgteadh sinn.” Uaithe so tha e soilleir nach dùraigeadh iad turas fada cuain a ghabhail, ach gus an d’fhuaradh a mach cairt-iùil a mharaiche; cha b’urrainn daoine dol o rioghachd gu rioghachd air fairge, agus bha an dara cuid do’n t-saoghail aineolach air a chuid eile. Cha’n’eil e ro shoilleir c’uin a fhuaradh a mach an t-innleachd so; agus tha h-uile rioghachd a-tagradh an urram sin di fein. Bha daoine anns gach linn eolach air an Tarrang art, no a chloch-iùil; cloch àraidh aig a bheil mar bhuaidh iarann a thàladh rithe; ach bha fada m’an d’fhuaradh a mach a bhuaidh iongantach a th’ aice air an àirde-Tuath a chomharachadh a mach, [TD 18] no’n cumhachd dìomhair so a bh’aice fein a bhuileachadh air iarrunn a rachadh a shuathadh rithe. ’Nuair chaidh so a thuigsinn, dh’fheuch daoine geur-chuiseach an t-eolas so a chur gu feum. Rinn iad snàthadan caol iarruinn a shuath iad ris a chloich-iùil, agus dh’ fhastaidh iad so air mìr eatrom fiodha, a chuir iad air snàmh, agus ’nuair a mhothaich iad gun do thionndaidh an t-iarunn ris an àirde-Tuath, shocraich iad air a Chairt-iùil. Thachair so anns a bhliadhna 1430, m’an aon àm san d’fhuaradh a mach innleachd a chlò’-bhualaidh. Do thaobh na h-innleachd so dh’fhosgladh a mach eolas eadar rioghachdan iomallach an t-saoghail. Mar b’e so, cha chluinneamaid iomradh air America, air Innsibh na h-Aird-an-Ear no’n Iar, no lionmhoireachd nan Eileana, chum a bheil Cabhluichean Bhreatunn a nis a’seoladh. Ged a bha innleachd a Chlo’-bhualaidh air fhaotainn a mach; ged a bha muilleine do Bhiobuill air an ullachadh, eadhon a mheud ’sa dh’fhòghnadh do uile Chinnich an domhain, ged bhiodh loingeas gun àireamh deas fa chomhair an turuis, mìltean do luchd-teagaisg an t-soisgeil ullamh gu dol a mach chum a shearmonachadh—bu bheag a dhiongadh so uile, cha bhiodh slaint’ ar Dia-ne gu bràth air a leigeadh ris do chrìochaibh iomallach an t-saoghail, mar biodh Cairt-iùil a mharaich’ aca chum an seoladh. Anns an innleachd so chi sinn dearbhadh air freasdal an Uile-chumhachdaich, ann an dùsgadh dhaoine chum na nithe sin fhaotainn a mach,a tha freagarach chum rùin dhiomhair a ghliocais agus a mhaitheis fein a chur air an aghaidh. Dàn; Tha m’athair air an Stiùir Cha’n’eil sinn ro chinnteach co a sgriobh an dàn so anns a bheurla, ach tha e nis air eadar-theangachadh gu Gaelic, ann an dòchas gum bi e taitneach le cuid-eiginn d’ar luchd-leughaidh; Bu chòir do’n òg is do’n aosmhor, ann an creideamh an t’soisgeil, an earbsa chuir ann an Dia, Athair ar Tighearn Iosa Criosd, le muinghinn laidir. Cha’n urrainn lochd sam bith èiridh dhoibhsan a tha g’ earbsadh a’ freasdal Athaireil an Ti naoimh sin, aig a’ bheil stiùir an domhain m’an iadh ghrian na làimh, ’s a tha ’g àithne gach ni a réir comhairl’ a thoile. Dh’éirich an fhairge, ’s shéid a ghaoth, Is b’aobhar oillt an fhuaim, Do na h-uile h-aon san eithear fhaoin Air faontradh feadh a chuain. Ach mac an Sgiobair, balachan maoth, Chual’ e gun gheilt an toirm, Fiamh aiteis àrd gun robh na ghnuis, Gun smuairean air roi’n stoirm. Dh’fheòraich a h-aon do’n sgioba dheth, Cionnas bha e co ciùin? “Cha’n eagal domhsa,” fhreagair e “Tha m’athair air an stiùir.” Mar so ’nuair dhìobras sòlas sinn, ’San cridh’ le dòlas làn, Tha acair dhaingean ann nach tréig, ’Se Dia—is Dia amhàin. R’ar n-ùrnuigh cromaidh Dia a chluas Is fuasgladh luath bheir dhuinn, Ar deoir gu aiteas tionndaidh e, Gu aoibhneas fàth ar teinn. ’Measg àmhghairibh an t-saoghail thruaigh, Earbaibh a Dia nan dùl [TD 19] Ag ràdh an là na gaillinn chruaidh, Tha m’athair air an Stiùir. LAOIDH. Taisb. xiv. 13. Tha guth a’teachd a nuas o neamh, O’s ait e ’n àm a bhàis, Tha teachdaireachd an àidh a’ toirt Saors’ o na h-uile cràdh. Sgrìobh! mar so deir an Spiorad Naomh, ’Sgriobh! oir deir Dia n’an gràs, ’S Beannuicht o so a mach na mairbh A gheibh ’an Ìosa bàs. Tha fois o shaothair ac’ a choidhch, Tha’n suaimhneas buan gu bràth; Leanaidh an oibribh iad air fad, An creidimh is an gràdh. MU’N MHURT’EAR UILLEAM BURKE. Cha’n’eil cunntas againn ann an eachdruidh sam bith air murtadh is gràineile, na iadsan dan robh ’n uile-bheist so ciontach; agus arson an d’fhuiling e bàs na croiche. Cha’n’eil sinn a’dol a thoirt mion-chunndas mu gach gnothach sgreimheil d’an robh an duine truagh so ciontach. Tha gach cearna de’n dùthaich eolach mu chluinntinn uime, agus tha iad sgìth a nis ga éisdeachd. Rugadh an slaoightire so ann an Eirinn anns a bhliadhna 1792. Bha phàrandan na’n croiteirean dichiollach onarach, agus ge nach robh iad ach bochd, thug iad deagh fhoghlum dha. Bu phàpanaich iad, agus ’s ann san aidmheil so chaidh esan gu bàs. Bha e eolach air a Bhiobull, agus bu mhinic leis e bhi air a shiubhal. ’Nuair bha e naoi bliadhna-deug aois ghabh e san arm, agus am feadh a bha e ’n sin ghiulain se e fein gu measail. Phòs e ban-Eirionnach, ris an robh aige seachdnar chloinne a chaochail nan òige. Thainig e do’n tìr so o chionn dà bhliadhn’-deug an tòir air cosnadh, ’nuair a choinnich a bhaobh bhoirionnaich ud, a bhàn-Dùghallach e, a bha thàmh leis gu deireadh, agus a cho’-aontaich leis na dhroch-bheirt. Ghiulain an duine so e fein gu cubhaidh gu tri bliadhna roi a bhàs; bha e fo ainm a bhi diadhaidh sa choimhearsnachd; agus ’se cheud doigh chomharaichte san deachaidh e air seacharan, a bhi gleidheadh tigh mi-riaghailteach o fheasgar di-sathairne gu maduinn di-dòmhnuich: ’s a measg na droch cuideachd a bha tadhall an tighe bha’n duine malluichte sin, HARE, a chuir impidh air a thigh fein fhàgail, agus dol a chòmhnuidh leis-san, far an deachaidh e fein agus a bhean-chomuinn. B’e so an tigh gràineil, far an do choinnich gach neach bu mheasa na chéile, agus far an robh gach gràineileachd oillteil air a chleachdadh; gu h-àraidh air là an Tighearna. Ma bha iarmad air bith do dheagh-bheus a làthair ann an Burke gus a so, dh’fhalbh e gu grad san àite so, agus rainig e uidh air uidh an cruas cridhe sin, trid an robh e deas chum na gniomharadh eagallach sin a thug e fa-dheoidh chum na croiche. Cha dean sinn a bheag a ràdh mu gach murt a rinn e, ach a mhain gu’n robh sé deug ann diubh, arson an d’fhuair e suim mhòr airgid; ach bha mallachd Dhe na chuideachd. Fhad ’sa bha e sa phriosun bha da shagart a’ frithealadh air, d’an d’aidich e a lochdan. Bha mòran air a ràdh mu iompachadh, agus mu aithreachas an duine so; agus b’fhearr leinn gum b’aithreachan treibh-dhireach e; ach se so ni nach ’eil ’n ar comas. Bha mulad air ’s cha b’ioghnadh dha,—bha [TD 20] eagal air, agus cia mar dh’fheudadh e bhi air atharrachadh? Tha iad ag ràdh gu’n robh e strìòchdta da bhìnne, ach ’s dòcha gur ann a dh’éirich so o’n dearbh chinnt’ a bh’aige nach robh dòigh aig air dol as. An là m’an do chuireadh seachad e, ghabh e’n comunach a réir riaghailt Eagluis na Ròimhe, agus air an oi’che sin choidil e cuig uairean gun dùsgadh. Air an là màireach, an là fa deireadh a bha gu soillseachadh air sa bheatha so, bha fadal mòr air gus an d’thigeadh an uair san robh e ri fulang. Cha do dhealaich na Sagairt ris gus a mhionaid mu dheireadh; Chuir iad suas iomad ùrnuigh leis an d’ aontaich esan, a réir coslais, le mòr dhùrachd. Feumaidh tu t-earbs’ a chur ann an tròcair Dhe, a deir fear aca, Chrath e cheann, agus tharruing e osna fhada throm. Thairg iad gloin’ fhìona dha, agus m’an do chuir e r’a bheul e, dh’òl e orra, ag ràdh, Slàn libhse, agus le m’ chàirdibh air fad. Aig ochd uairean sa mhaduinn, dhìrich e suas gu bun na croiche, ann am fianuis an àireamh shluaigh bu lionmhoire a chruinnich san Dùthaich so a dh’fhaicinn a leithid do shealladh. Tha iad ag ràdh gu’n robh deich mìle fichead ann, agus cha robh ri fhaicinn air gach gnùis ach fiamh aiteis, agus toileachas inntinn, a chionn e dh’ fhulang. Thog iad an aon iolach a b’oillteile chualas riamh; agus ’an àite bhi duilich air a shon, ’s ann a bha iad a’ guidhe mhalluchdan air; agus dh’fhàg e’n saoghal so a’ measg comhghàir bhuaireasach an t-sluaigh, agus bas-bhualadh aoibhneach na mòr chuideachd, nach d’fhiosraicheadh riamh roimhe, san rioghachd, air a leithid do chòmhdhail. Cha’n fhacas deur air sùil—cha chualas osnadh o uchd, ach tha dòchas againn gun robh cuid do dhaoin’ ann, aig an robh mothachadh a b’fhearr, a thog an ùrnuigh as a leth, ag radh, “Dia a ghabhuil ri anam.” ’Nuair a smuainticheas sinn air an duine so, nach robh e gun eolas, agus gu’n robh e fo dheagh ainm a chuid bu mhò da bheatha, gu’n robh e air a mheas dichiollach, neo-lochdach, is dùgh dhuinn fheòraich cionnas a bha e air a tharruing gu bhi ciontach do ghniomharaibh nach urrainn duinn ainmeachadh gun sgreamh agus gun oillt. Fhreagair e fein a cheist so, le innseadh gur ann le briseadh na Sàbaid, le tàir air òrduighibh an t-soisgeil, le droch cuideachd a ghleidheadh, le òl, agus gach mìle ciont a tha ’na lorg, a thugadh air aghaidh e uidh air uidh, gus na murtaidh eagallach so a chur ’an gniomh; agus ’s i’n aidmheil cheudna tha chuid is mò a’deanamh aig bun na croiche. Thugadh luchd an òil agus briseadh na sàbaid so fainear. MU CHUID DO SHEAN EACHDRUIDH NA GAELTACHD. Naigheachd air Ceann-cinnidh Chloinn Ghriogair! Feudaidh e bith nach cuala sibh riamh iomra air an sgeul a leanas; mu Cheann-cinnidh Chloinn Ghriogair, a bha san àm a chòmhnuidh air fhearann fein ann an Gleannstrea, ’n Gleann-urchaidh. Chaidh a mhac ’an àm an eunaich, maille ri fleasgaich òg eile do Ghual-an-liath-ghiubhais. Thachair orra duin uasal òg a Chloinn Laomainn, o Iochdar Chòdhaill, a bha dol do Ionar-lòchaidh, agus gun maille ris ach aon seirbhiseach. Chaidh iad uile gu tigh Lùb-nam-mart, far an do ghabh iad an dinneir cuideachd; agus an dàil an anamoich chuir Mac-laomainn agus [TD 21] Mac Griogair a mach air a chéile. Tharruing iad am biodagan, agus thuit Mac Griogair. Theich Mac-Laomainn, agus thàr e as o luchd a thòrachd, a chionn gun robh dorcha nan trà ann, agus air lom eiginn rinn e mach tigh athar Mhic Griogair, m’am b’urrainn doibh teachd suas ris. Bha Mac Griogair gu moch sa mhaduinn na sheasamh san doras, thainig an t-òganach, agus dh’asluich e air “a bheatha a chaomhnadh, a chionn gun robh daoine air a thòir air thì a mharbhaidh.”—“Cò air bith thu,” thuirt Macgriogair, ann an so tha thu tearuinte.” Cha robh ach ùin’ aca Mac-Laomainn a thoirt a steach do sheomar, far an robh a chuid eile don teaghlach, ’nuair bha collaid mhòr ma’n doras, a’dian fheòraich am fac iad coigreach a thainig a steach. Chunnaic, a deir Mac Griogair, Ciod e ur gnothach-sa ris?—Tha, a deir iadsan, ann an tuasaid, gun do mharbh e do mhac; thoir thairis dhuinne e chum gun dìol sinn an gniomh. Chuala ban-tighearna Mhic Griogair agus a dà nighinn sgeul a bhròin, agus le àrd bhas-bhualadh, agus trom-chumhadh ghuidh iad sin a dheanamh. Ach thuirt an Ceann-cinnidh iad a bhi nan tosd, agus a shùilean a trom shile nan deur, na gabhadh duin’ agaibh do dhànadas na bheanas ris an òganach; oir gheall Mac Griogair dha gum biodh e tearuinte; agus mar is beo mi bithidh e gu slàn tearuint am feadh sa dh’fhanas e ann am thighse! Tamull beag an déigh sin, air do Mhac Laomuinn an aoigheachd agus an caoimhneas bu charthannaich fhiosrach, ghabh Mac Griogair dà-fhear-dheug fo’n armaibh, agus chaidh e le Mac Laomainn do bhail Ionar-aoradh, agus chuir e gu sàbhailt air tìr e ann an Còdhall, agus a’gabhail a chead deth, thuirt e ris:—“A Mhic Laomainn, tha thu nise sàbhailt, ann ad thìr fein;—cha’n urra dhomhsa, agus cha dean mi ni ’s faide do dhìon; fuirich a caramh mo chuid daoine-sa.—Gun d’thugadh Dia maitheanas duit,agus do bheannuchadh!” ’S ann a thachair so beagan ma’n d’thainig an reachd cruaidh mi-chneasta sin a mach an aghaidh Chloinn Ghriogair, anns a bhiadhna 1638, a chuir cinneach mor ainmeil air fògradh agus fo’n choillidh, arson mearachdan àireamh bheag. Chaidh oighreachd mhòr Mhic Griogair arphuntachadh, * agus bha iad air a thòir gu chur gu bàs a thoradh an reachd mhalluichte sin. Ghabh e dìon ann an tigh a cheart Mhic Laomainn ud.—a bha ro chomharaichte arson a shuairceis agus a dhuilichinn arson gniomh mi-shealbhar òige; agus a thug aoidheachd agus fasgadh do Mhac Griogair agus da theaghlach, air gach doigh bu shuilbhearadh, agus bu chàirdeile a b’urrainn da; agus thug e moladh dò Dhia a chuir na chomas caoimhneas anabarrach an teaghlaich so a dhìoladh, agus caileiginn de cho’-leasachadh ìocadh dhoibh arson na doscainn ghoirt a thuit gu mi-shealbhar na laimh, le bàs sgiorrail am mic. Bha’n dream rioghail so gu mi-chothromach air an dian-ruagadh fo ùghdarras reachd righ agus rioghachd, na’n cobhartach laghail do gach neach a bheireadh ionnsuidh orra; agus sin ag éiridh o ghamhlas agus mi-run cuid d’an coimhearsnaich chumhachdach, a ghabh brath air laigsinn an righ. Bha iad na’n culaidh-fhògraidh co mòr * Forfeited. [TD 22] ’s nach bu leoir na dh’ fheudadh daoin’ a dheanamh, ach gun d’fhuair iad coin-luirg, a dh’fhòghlum iad gu dol air an tòir, ris an abradh iad na coin-dubha: Chaidh an ainm, am fearann,agus an dùthchas a bhuntainn uatha; agus a dh’aindeoin gach ana-cothrom a fhuair iad bhuanaich iad dìleas d’an righ, agus d’an dùthaich. B’e’m fothaintichead a bhrosnuich dhoibh a choilion nàmhuid, an co’-lorg ri mi-ghniomh aon no dha do’n fhineadh. Chaidh an dithis ma dheire do na coin-dubha a mharbhadh, fear dhiubh aig a Chrion-laraich, agus am fear eile air leachduinn fa chomhair Aodan-ampuill; agus tha’n gunna leis an do mharbhadh am fear ma dheire dhiubh fhathast ann am measg armachd Mhic-an Ab’-oighre. P. M‘F. Mu na Cuideachdan Cràbhach a tha ’nar Duthaich. Cha’n fheud e gun mhor thòileachadh a thoirt do dhuine sam bith aig a’bheil math a thìre, agus leas anama na bheachd, a smuainteachadh air a liugha Cuideachd urramach a tha nis a saothaireachadh chum eolas slainteil a chraobh-sgaoileadh feadh gach cearnadh do’n t-saoghal. Agus iad uile ag co’-oibreachadh mar thigeadh dhoibh-san aig a’bheil an aon obair mhòr ’nam beachd, ann an deagh rùn, agus ’an caoimhneas chum an là glòrmhor so a thoirt m’an cuairt a tha air a ghealladh le Dia, anns an còmhdaich eolas an Tighearn an talamh, mar tha na h-uisgeachan a’còmhdachadh na fairge. Dia a shoirbheachadh leo. Bheir sinn oidheirp o àm gu h-àm air cunntas a thoirt orra fa leth. Nar n-ath-Theachdaire oidheirpichidh sinn fiosrachadh a thoirt air a chomunn a tha’n Glaschu, chum leas spioradail ar luchd-dùthchadh, ann an America mu thuath chur air aghaidh. Gearr-sgeula. Thachair do mhinisteir dol aon uair do thigh anns an robh giullan beag tapaidh. Leigeadh fhaicinn an giullan da. Ars am ministeir ris, “Nis, bheir mi dhuit ubhall, mo ghiuallan laghach, a’s innis domh c’àit am bheil Dia?” “Bheir mise dhuibh fein a dhà, ars’ am balachan, agus innsibh dhomh c’àit anns nach eil e?” G. B. Chaidh oifigeach airm aon uair a dh’amharc mèin an airgid do Chornwall. Fhad’sa bha e’n iochdar an t-sluic, cha mhòr gu’n abradh e focal gun mhionnan. ’N uair bha e dìreadh as an t-sloc, ars esan ris an duine ’bha leis, “Ma tha iochdar an t sluic so co fad as, saoil mi cia co fada ’s a tha ifrinn as?” “Cha’n’urrainn mi fein innse gu dearbh,” ars’ an duine, ach ’s i mo bharail nam briseadh an còrd gu’n ruigeadh sibh ann am mionaid e.” G. B. NAIGHEACHDAN O’n a shuidh Ard-chomhairle na rioghachd air a bhliadhna so, cha mhòr do ghnothach cudthromach a thainig air am beulaobh, ach staid na h-Eirinn, agus caochladh nan reachd mu na Pàpanaich. Air [TD 23] a cheist chudthromaich so bha eadar-dhealachadh mòr ann am barailibh dhaoine. Cuid do dhaoine co diadhuidh fiosrach sa bha san rioghachd, arson na saorsadh a fhuair iad, ach am barrachd mòr anns gach cearnaidh do’n dùthaich na aghaidh. Ann an àrd-chomhairle na rioghachd bha ’n earrann bu mhò air an son, air chor, ’s gun deachaidh a chùis thuige so leo. Chitear co dhiubh bhios no nach bi iad toilichte, agus an socraich so sìth na h-Eirionn. Is earrann a nis do lagh na rioghachd an t-atharachadh a rinneadh. Cha bhuin e dhuinne mòran a ràdh mu thimchioll. Gu’n deonaicheadh Dia gur ann chum leas agus math seasmhach na rioghachd a bhitheas e. Tha sìth san àm so, eadar rioghachdan mòr an t-saoghail, ach amhàin eadar RUSSIA agus na TURCAICH. Bha’n cogadh so gu fuilteach, sgriosach air a bhliadhn’ a dh’fhalbh, gun mhòran buannachd air taobh seach taobh, ’nuair chuir dùdlachd a gheamhruidh stad air. Tha deasachadh anabarrach ga dheanamh leo araon, air muir agus air tìr, chum a cho’-strigh ath-ùrachadh air a cheart àm so. Tha seanachas againn, gu bheil co math ri cùig ceud mìle fear-cogaidh air gach taobh. Is doirbh a ràdh cò leis a bhios a bhuaidh. Tha dòchas againn nach d’theid na rioghachdan so san eadargainn, oir ’s minic a fhuair fear na h-eadargainn dorn. An cor sa bheil ceaird agus cosnadh air a Ghalltachd. ’S duilich leinn a ràdh nach ’eil mòran a tha ro thaitneach againn r’a innseadh ma’n chùis so. Is ainmig a bha cosnadh do gach seorsa ann an staid is isle na anns a bheil e san àm; gu h-araidh an fhigheadaireachd. Cha choisinn am fearr is fearr air an ealdhain sin, thairis air tastan san latha; tha mòran diubh nach urrrainn a bheag fhaotainn r’a dheanamh, air chor sgu bheil iad fein agus an teaghluichean ann am fior bhochduinn. Tha gach gne oibre eile anabarrach iosal mar an ceudna; ionnas gur faoin do choigreach tighinn a mach a dh’ iarruidh cosnaidh. Am beagan a th’ ann, tha na h-Eirionnaich ’an sàs ann, air tuarasdal co beag ’s gur iongantach mar tha e ’ga’n cumail suas. Tha dòchas againn m’am falbh an samhradh gun d’theid a chùis ni ’s fearr. Do thaobh margaidhean chruidh, is chaorach, ’s doirbh ri ràdh fhathast cionnas a bhios iad, ach mar d’theid cosnadh ni’s fearr, cha dùgh dhoibh a bhi co math ’s bu mhiann leis na Gaidheil. Cha d’fhuair an siol riamh leabadh a b’fhearr na fhuair e air an earrach so, agus tha’n cruithneachd ag amharc gu ciatach. Cuairt Earraich nam Mor’earan dearga. Ge mòr an t-saothair a th’air a gnàthachadh chum eolas agus fiosrachadh a thoirt do’n mhuinntir is isle staid anns an dùthaich, is culaidh bhròin r’a smuainteachadh mar tha droch-bheirt a’ dol an lionmhoireachd. Is gann a chumadh an leabhar so an eachdruidh a b’ aithghearr a b’ urrainn duinn a thoirt air a choilion ciont air an deachaidh deuchainn air a bhliadhn’ a dh’fhalbh ann an Albainn a mhàin; agus a chuid is ro-sgreimheile do gach cionta dhiubh ag éiridh o anabarradh òil, o ruiteireachd, agus o bhriseadh na sàbaid. Ann an Glaschu cha d’thainig binne [TD 24] bàis a mach, ach air a h-aon; b’e ciont an duine so a bhean a mhort. Dh’fhalbh e fein agus ise air maduinn là na sàbaid maille ri cuid eile d’an càirdibh, air chéilidh pheacach, ag òl o thigh gu tigh; agus an déigh dhoibh dol dachaidh san anmoch, cha’n fhòghnadh leis na fhuair e, ach thog e air a mach gus am barrachd fhaotainn. Rinn a bhean bhochd na dh’fheud i chum a bhacadh, ’s an uair a dh’fhartluich sin oirre, dh’fhalbh i mach na dhéigh, a leanabh air a gualainn, agus i fein air an àm trom le aon eil’ air a giulan. Bha’n droch dhuine so co mòr air a bhuaireadh ’s nach d’fhoghainn a dhorn leis, ach tharruing e’n sgian leis, an do lot e gu bàs i. Tha e r’a chrochadh air 20mh là do’n mhìos so. Smuainticheadh iadsan nach iarr Dia air maduinn na sàbaide, a tha seachnadh a thighean aoruidh, agus a’caitheamh an là ann an droch cuideachd, ag òl ’s a’ céilidh, air mar a thachair don duine thruagh so, agus bitheadh iad glic. Shuidh na Mor’earan ann an Ionar-aoradh air an 6mh là do’n mhìos so dh’fhalbh. Chaidh deuchainn air iomad aon arson braid agus meirle. Tha cuid ri bhi air am fògradh thar fairge, agus cuid eile a fhuair as, le cion fhianuisean, Bha dithis ann an sgìreachd Shrath-lachainn a fhuaradh ciontach ann an cur an companaich gu bàs. B’ann do’n chinne Chamshronach an duine chaidh a mhilleadh: ach a chionn nach robh làn dearbhadh mar thachair a chùis, ’se ’m peanas, a shonraicheadh dhoibh a bhi dà bhliadhn ann am prìosun. Tha dòchas againn gum faic iad so mearachd an deanadais, gum bi iad air an dùsgadh chum aithreachais; agus gu’n gabh muinntir eile sanus o mhi-shealbh nan daoine so, le bhi seachantach air an òl ghraineil a thug iadsan chum na h-inbhe so, agus a tha toirt na mìltean gu masladh, gu bochduinn, agus gu bàs. SORAIDH LE DURACHD. Soraidh chum ar Cáirdean air Ghalldachd agus air Ghae’ltachd; tha aobhar dòchais againn gu bheil iad lionmhor, agus ni sinn ar dìcheall chum ’an cur ’an lionmhoireachd. Cha d’thainig fhathast an còmhnadh sin uatha ris an robh fiuthair againn; ach ’nuair a thig’, s dearbh leinn gum bi an TEACHDAIRE GAE’LACH ni’s miaghaile agus ni’s mò aithrigh air a leughadh na tha cheud oidheirp; ach mar thuirt an sean fhocal, IS ÒG AN NOLLAIG A CHEUD OI’CHE DO’N GHAEDHAL anns a Bhaile, tha sinn fo chomain arson a chaoimhneis, agus chi e gun dean sinn feum do na sgeulachdan a chuir e ’dar n-ionnsuidh. Clo-bhuailte le D. Maclure, Glaschu. [TD 25] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. MIOS MEADHON AN T-SAMHRUIDH. AIREAMH II. 1829. CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. AN déigh dhomh a bhi seachduin no dha air falbh o’m sgìreachd, shocraich mi là gu bhi seanachas riu-san aig an robh clann r’am baisteadh. Tha aobhar agam a bhi taingeil gur iomadh aon anns an àireamh lionmhor a tha ga m’ éisdeachd, o’n d’fhuair mi mòr thoileachadh o leithid so do chonaltradh. Ach air an laimh eile, ’s lionmhor iad a tha teachd air an aghaidh o àm gu h-àm aig a bheil barailean fior mhearachdach m’an òrdugh so. Bheir mi nis brìgh an t-seanachais a bh’ agam ri cuid diubh so, ann an dòchas nach bi e neo-fheumail. Bha mi mion-eolach air a cheud fhear ris an do labhair mi, duine smiorail, tapaidh, gun a bheag ri ràdh ’na aghaidh san sgìreachd, ge nach do mheas mi e mar dhuine diadhuidh. An déigh dhuinn focal no dha a ràdh mu naigheachd na dùthcha, dh’ innis e dhomh gun robh leanabh òg aige, agus gur ann a thainig e a chainnt rium, agus a dh’fheòraich c’uin a bhiodh e goireasach dhomh ainm a thoirt air. Thuirt mi ris gur ann aige fein a bha sin ri shocrachadh, ’s nach b’ann agamsa. ’S duilich leam, a deir mi, a leithid sin do chainnt a chluinntinn uait; oir shaoil mi, gu deimhin gun robh thu ni bu ghlice, agus ni b’eolaich air do Bhiobull, na smuainteachadh gur ann a dh’aon chuid a thoirt ainm air leanabh, a dh’òrduich Criosd sacramaid naomh a bhaistidh; no gur ann arson ni co faoin a tha sinn a’ dol m’an cuairt air, co stòlda agus co stéigheil. An do mhothaich thu riamh am ministeir ag ràdh an àm a bhaistidh, Tha mise ga d’ ainmeachadh air a leithid so do charaid no bhana-charaid, ach an àite sin nach i chainnt, Tha mi gad’ bhaisteadh do’n Athair, do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh? Anns gach cunntas a th’againn mu bhaisteadh san Tiomna Nuadh, an robh ainm ùr air a thoirt doibh ann an àm baistidh? Tha fhios agad nach robh. Agus tha fios agad gun do shocraich thu cheana ann ad inntinn fein ainm do leinibh; agus gu bheil e, math a dh’fhaoidte, sgriobhta ann an leabhar na sgìreachd. Fhreagair e mi, nach robh ’an sud ach dòigh chainnte, gun robh dòchas aige gu’n gabhainn a leithsgeul, agus nach nàraichinn e le baisteadh a dhiùlta dha. An déigh mòran seanachais agus comhnaltraidh, thuig mi nach robh na h-uiread fhiosrachaidh aige mu’n òrdugh naomh so ’s a bha feumail. Thuirt mi ris nach bu mhath leam a nàrachadh, agus gun rachainn fada, ged a b’ann air mheadhon oidhche, nam b’eiginn e, a dhean- [TD 26] amh sochair da theaghlach; ach is gnothach cudthromach so, a deir mise, dhuitse agus dhomhsa. Feumaidh sinn taobh air thaobh a bhi faicilleach, an earalas nach truaill sinn an t-òrdugh beannuichte so; mu’n toir sinn oilbheum do Dhia, no mu’n tarruing sinn sgrios oirn fein. Bhithinnse dearmadach air mo dhleasnas,mi-dhìleas do Dhia, agus do d’anamsa, mar innsinn duit gu bheil thu goirid air eolas mu fhirinnibh an t-Soisgeil, agus nàdur an òrdugh so, a thigeadh dhuit a bhi agad. Tha eolas feumail; tha cothrom agad ruigheachd air; tha thu gun leith-sgeul e bhi dhi ort. Mhìnich mi dhuit an diugh, ann an cainnt co soilleir ’sa b’urrainn domh, na firinne mòra cudthromach a tha air an leige ris duinn leis a bhaisteadh. Gabh uam an diugh leabhar beag mu ghne an òrduigh so; leugh e le faicill, guidh air Dia e ga d’ stiùradh a dh’ionnsuidh na firinn. Gabh ann an càirdeas, na thuirt mi riut; agus mar dhearbhadh air mo chàirdeas do d’ anam. Thig a rìs ’nuair is àill leat, agus bithidh am barrachd seanachais againn mu’n chùis so. Slàn leat air an àm. Mo bheannachd libh, a deir esan, Cha ghabh mise gu h-olc na chualadh mi. Nior leigeadh Dia. An dèigh dha-san m’fhàgail thainig fear eile far an robh mi, air an turas cheudna ag iarruidh baistidh. Cha robh an duine so gun eolas, bha na ceisdean aige gu neo-mhearachdach air mheoghair, agus bha e co uallach as. An déigh greis sheanachais thuirt mi ris, Tha mi mothachadh nach ’eil di eolais ort; tha na ceisdean agad gu math, agus is eiginn domh aideachadh gu bheil tuigse cheart agad m’am bladh. ’Smòr a deir esan, a bhiodh agam ri freagradh air a shon mar bitheadh; fhuair mi cothrom math an àm m’òige, agus bha mòran tlachd agam a bhi leughadh. Tha sin uile ro mhath, fhreagair mi, agus ro iomchuidh; ach tha fhios agadsa gu bheil barrachd air eolas feumail. Eisd rium tamull beag; tha sinn ann an so an làthair Dhe, tha sinn a’labhairt mu ghnothach cudthromach, bi uime sin treibh-dhireach neo-chealgach anns a chùis a tha mi cur fa d’ chomhair. Eadar do Dhia agus do choguis fein biodh a chùis. Tha mi, mata, làn toilichte le d’ eolas cinn, agus le d’ fhiosrachadh, agus cha’n’eil a bheag agam ri ràdh an aghaidh do ghiulain o’n leth a muigh: ach do chridhe cha leur dhomh, no idir staid t-anama. Innis domh, uime sin, a bheil aobhar agad a smuainteachadh gu bheil creidimh slainteil agad ann an Criosd? As eug’ais so ’s beag tairbhe tha ann am fiosrachadh, no ann an deagh theist a measg dhaoinibh. Innis domh a bheil thu le d’ uile chridhe gu toileach, taingeil, a’toirt làn chreideas do uile fhìrinnibh an t-soisgeil, mu thimchioll Chriosd? A’bheil fiosrachadh agad ann ad chridhe gur peacach thu, fo bhinne bàis, agus gu tur ea-comasach air thu fein a thearnadh o’n staid chaillte sa bheil thu a thaobh nàduir? An e teachdaireachd an àigh dhuitse gun d’thainig Criosd a shàbhaladh pheacach, agus an d’asluich thu air gu dùrachdach gum biodh e na Shlanuighear dhuitse? A’ bheil thu socrachadh t-uile dhòchais air éifeachd a bhàis agus fhulangais, ag iarruidh gach là stiùradh a spioraid, agus a chòmhnadh gu cuideachadh leat feobhas do chreidimh a dhearbhadh feobhas do ghiulain? M’as urrainn duit, mar ann am fianuis De, a ràdh gur ann mar so a tha chùis, tha còir agad air baisteadh iarruidh do d’ naoidhein: ach m’as [TD 27] ann a’ d’ eolas a tha t-earbsa, no a’ d’ dheagh chliu a’measg dhaoinibh, ge nach urrainn domhsa gu ro mhath do dhiultadh, b’ fhearr leam gu mòr nach cuireadh tu m’am choinneamh e, gus am biodh e ad chomas dearbhadh ni’s soilleire a thoirt domh gun d’thainig atharrachadh slainteil ort, ’s gu bheil thu da rìreadh a’d’ Chriosduidh; ach cluinneam na bheil agad fein ri ràdh? Thuirt e, Nach robh mòran; gun rachadh e dhachaidh air an àm, gun smuainticheadh e air na chual e, agus nan d’ thugadh Dia an comas da, gum faiceadh e a rìs an ùine ghearr mi. Tamull beag na dhéigh so, thainig duin’ àraidh ann an deifir mhòir a’m’ ionnsuidh, mar gun d’thigeadh e o obair, gun e fein a ghlanadh no uimeachadh. Ciod, a charaid, a tha dhi òrts’ an diugh? oir cha tric leat tighinn an caramh a mhinisteir. Fhreagair e gun robh naoidhein òg aige bha ro lag, do réir coltais nach robh mòran uine aige gu bhi san t-saoghal so, agus gum bu mhath leis Criosduidh a dheanamh dheth m’am fàgadh se e. An e so fàth do chabhaig, deir mise? Cha’n’eil mi dol a dh’fheòraich air an àm am breug no fìrinn a labhair thu m’an naoidhein, ach ’s eiginn domh a ràdh gur minic a chunnaic mi a chabhag cheudna far nach robh cionfath air bith air, ach abair gu bheil coslas bàis air an leanabh, ciod so thuirt thu bha dhi ort? Tha mhàthair ’s mi fhein ro iomaguineach chum gun dean sibh, le’r cead, Criosduidh dheth; oir da rìreadh tha coslas bàis air. An robh thu fein riamh air do bhaisteadh, dh’fheòraich mi dheth? An robh gach neach a tha sa bhaile bheil thu air am baisteadh? Seadh, an do bhaisteadh gach neach a th’ anns an sgìreachd so a tha os cionn bliadhn’ a dh’aois? Thuirt e rium, gun robh e smuainteachadh gun do bhaisteadh. Innis domh, mata, a deir mise, An Criosduidh thu fein? An Criosdui’ a h-uile misgear, meairleach, fear-mhionnan, agus fear-neo-ghloine a th’anns an sgìreachd? Chaidh an t-iomlan diubh a bhaisteadh; ach an saoil thu nam b’e toil De an gairm air falbh air an oi’che nochd, an rachadh tus’ agus iadsan do fhlaitheanas, a chionn gun deachaidh ur baisteadh? An saoil thu bheil éifeachd san òrdugh so, gu ath-nuadhachadh anama a thoirt m’an cuairt? An saoil thu bheil slainte a’dol na lorg? air chor ’s gu bheil am baisteadh a’tearnadh gach neach da bheil e air a fhrithealadh. B’e sin gu dearbh a bhi deanamh Slanuighear do bhaisteadh, agus ga chuir ann an riochd Chriosd. B’e sin a bhi ’g earbsadh as an fhaileas, an ionad a bhi ’g amharc air an Ti ghlòrmhor a tha air a shamhlachadh le ’uile shochairibh anns an òrdugh. Feudaidh tu falbh air an àm, theid mi ceum a nunn air an fheasgar a dh’amharc do mhnatha, chum a h-inntinn a shocrachadh m’an chùis so. Air do shonsa, tha fhios agad fein gun do bhrist thu na bòidean baistidh fo’n d’thainig thu roimhe so, le bhi dearmadach air iomad dleasnas a tha fiachaicht air athair agus air Criosduidh: uime sin feumaidh an tuille seanachais a bhi agam riut, m’am fritheil mi dhuit òrdugh a bhaistidh. An ath-dhuine thainig a chainnt rium, bha mi làn riaruichte le ’eolas, le ghiulan, agus air iomadh doigh bha barail mhath agam da thaobh. Dh’fheòraich mi dheth ciod an teaghlach a bh’ aige. ’Se so a deir e, an treas aon; bhaist sibh fein a dhà dhiu. Cha [TD 28] chuimhne leam gun do ghabh thu’n Comunach riamh. Cha’n’eil thu ann an co’-chomunn na h-Eagluis; cha bhall thu do’n eagluis fhaicinnich, agus an lorg so cha’n fhaic mi gu bheil còir agad air baisteadh iarruidh; oir ged a tha thu gnàthaichte ri dol do’n eagluis air là na sàbaid, ged a tha eolas agus giulan math agad, gidheadh, ann a mheud ’s gu bheil thu dearmadach air teachd gu bòrd an Tighearna, gu cuimhne chumail air a bhàs agus air fhulangas, cha’n fhaic mi ciod a chòir a th’ agad amharc ort fein mar Chriosduidh, no c’àit a bheil do bharantas, onoir a chuir air an dàra òrdugh, agus dearmad a dheanamh air an aon eile. Fhreagair e mi, gun robh e smuainteachadh gum feudadh e a leanabh a chumail ri baisteadh, ge nach robh e ga mhothachadh fein co lan deas ’s bu mhath leis arson suidhe aig a bhòrd. An e sin, a deir mise, do bharail fhathast? Nach ’eil fios agad, mar is tric a dh’innis mi dhuit, gur e’n t-aon ùghdarras a shocraich an dà shàcramaid. Gu bheil iad nan nasgadh air an aon chùmhnant, gur iad na h-aon bheannachdan a th’air an leige ris leo, gu bheil iad le chéile a’ soilleireachadh a mach dhuinn éifeachd fola an t-Slanuigheir, gu bheil iad le chéile neartachadh creidimh agus dòchais clann De; agus gu bheil e mar fhiachaibh air-san a dh’iarras baisteadh air a shon fein, no arson a leinibh, a bhi na Chriosduidh fìrinneach, co deas arson bòrd comunaich ’sa tha e arson baistidh. Esan a tha mi-iomchuidh arson an dàra h-aoin, tha e mi-iomchuidh arson an aoin eile. Innsidh mise dhuit mar tha chùis, tha dhi ort ainm a thoirt air do leanabh, tha nàir ort e bhi gun bhaisteadh, oir is e sin cleachdadh na dùthcha, ach tha thu leigeil seachad gach cothrom air àithne dheireannach do Shlanuigheir a choimhead, Dean so mar chuimhneachan ormsa. Tha so a’dearbhadh dhomhsa nach ’eil gràdh Dhe, no taingealachd do d’ Shlanuighear ann ad chridhe, anns an tomhas, mar bu chòir dha. Ged a tha mòran a’teachd gu h-an-dàna, air an aghaidh gun chòir ac’ air tighinn ann, cha’n fhuirich a h-aon air an ais a tha iomchuidh air teachd. Nior leigeadh Dia gu’n gabhainnse brath air an toil dhian a th’ aig daoine air baisteadh fhaighinn d’an cloinn, chum an éigneachadh gu bòrd an Tighearna, mar chùmhnant air am faigheadh iad e. Tha gu leoir do luchd-comanaich mi-iomchuidh againn mar tha, gu truagh! tuille ’sa chòir: Ach so a deir mi riut, an ti a tha deanamh tàir air an dara òrdugh, a tha dearmadach uime, agus mi-uidheamaichte air a shon, nach eil e anns an t-suidheachadh iomchuidh chum an t-aon eil, a dheonachadh dha. Ma tha mulad no mi-ghean ortsa gun d’rinn thu dearmad an fheadh so air sàcramaid na Suipearach, ma’s e rùn t-anama, ma chaomhnas Dia thu gus an ath-chothrom, gun smuainich thu le dùrachd air a chùis; cha’n ann gum b’ fhusadh dhuit baisteadh fhaotainn do d’ leanabh, ach mar dhearbhadh air do ghràdh do’n t-Slanuighear; ma tha chùis mar so, cha chumainn ni b’ fhaide air t-ais thu, ach eadar thu fein agus do choguis, mar ann am fianuis De fàgaidh mi chùis. Air an duine fa dheireadh a thainig air an là so a’m’ ionnsuidh bha mi tuill’ is eolach. Duine amaideach, gòrach, gun suim do gach dleasnas fiachaicht. Bha’n duine cothromach a thaobh nithibh aimsireil; agus bha e ga mheas fein caileiginn os cionn a chumanda [TD 29] Thainig mis, a mhinisteir, d’ar n-ionnsuidh aon uair eile, a dh’iarruidh baistidh arson naoidhean a thainig orm o cheann ghoirid; agus tha dòchas agam gum bi sibh co math ’s gun d’théid sibh chum mo thighe ga dheanamh. Tha fios agaibh fein gu bheil a leithid so do dhuine san dùthaich air an àm, agus ’se ainm a tha mhiann orm a bhi air an leanabh, agus gheall nighean an uachdrain urrad onoir a chur oirn ’s gun d’thigeadh i mar bhana-ghoistidh; agus tha dòchas agam gum builich sibh oirn ’ur cuideachd an déigh a bhaistidh, mar rinn sibh an uair ma dheireadh a bha leithid agam. Thug thu da rìreadh am chuimhne, deir mise, ni a leiginn air di-chuimhn’, nam b’ urrainn domh, gun do bhaist mi an leanamh ma dheireadh; ach tha cuimhn’ agad fein air a choimhlion gealladh math a rinn thu, ’s mar mheall thu mi. Ghairm thu cuideachd do d’ chàirdean amaideach a dh’ionnsuidh do thighe, agus chuir sibh seachad am feasgar ann am baoth-shùgradh agus ’an gòraich. Ged nach biodh a bheag agam ri ràdh a’d’ aghaidh cha rachainn a dh’ ionnsuidh do thighe, fhad ’sa bhiodh e comasach an naoidhean a thoirt a mach: uiread sa rinn mi dheth sin, cha dean tuille. Ach do d’ thaobhsa, mar tha thu, cha dean mi e ’an uaigneas no ’m follais. Cha’n fheud e bhith, deir esan, gun tàmailtich sibh mi ’am fianuis na sgìreachd, an déigh dhomh mo chàirdean iarruidh, agus an là a shocrachadh. Mu thimchioll sin cha bhuin e dhomhsa; is fearr leam gu mòr do chorruichs, a ghiulan, na oilbheum a thoirt do m’ choguis fein, no do m’ Dhia. Bha mo shùil ort air a bhliadhn’ a dh’fhalbh, agus is aithne dhomh gu math do ghiulan; chuala mi thu, mar tha, a’ deanamh breige do Dhia, seadh, gu follaiseach ’an lathair mòran fhianuisean. ’Nuair a thainig thu fo cheangluichibh a bhaistidh roimhe so, dh’aidich thu gum b’iad teagasgan a Bhiobuill riaghailt do chreidimh agus do ghiulain. Gheall thu a leughadh ann ad theaghlach, le dùrachd agus le ùrnuigh. Thuirt thu gun do ghabh thu ri Criosd le d’ uile chridhe, agus gun leanadh tu a shamhladh. Gheall thu gun oileanuicheadh tu do chlann ann an eolas agus ’an eagal an Tighearna; agus eisimpleir chneasta dhiadhaidh a chur fa’n comhair; so uile gheall thu dheanamh, agus air so uile rinn thu dearmad. A nis ged bhiodh do dhànadas agadsa an ni ceudn’ a dheanamh a rithist, cha’n fheud mis a dheanamh; feumaidh mi mi fein a chumail saor o chionta sa chùis so. Dh’ éisd e rium gu deireadh, agus air dha bhi tamull na thosd, thuirt e, Cha’n’eil mise mar bu chòir dhomh, agus cò a tha? A’ bheil e ceart an naoidhean neo-chiontach a pheanasachadh air mo sgàthsa? nach ’eil còir aig an leanabh air baisteadh ge b’e dòigh air a bheil mise? Thuirt mi ris nach robh aon chòir aig an naoidhean ach a chòir a bha ’g éiridh o phàrandaibh, le iad a bhi ann an cùmhnanta ri Dia, agus cha’n ’eil barantas agam gum feudar sin a ràdh do d’ thaobhsa. Ach tha sòlas orm a ràdh, gu bheil a bharail is àirde agam air creidimh agus air giulan do mhnà; tha mi eolach air a tuigse, a foighidinn, agus an dìcheall a tha i deanamh chum a teaghlach a thogail ’an eagal De. Taoghlaidh mi ’an ceann là no dhà a sheanachas rithe, agus m’as toil leathsa e, baistidh mi’n leanabh, ach ise ga chumail suas; agus socraichidh sinn an sin an t-àm san t-àite. [TD 30] Air an fheasgar so cò thainig a’m’ ionnsuidh ach fear do na Foirfich le mulad na ghnùis, chaochail, a deir e, banntrach an duine chneasta a chuir sinn fo’n fhòid o chionn ghoirid, agus is brònach an gnothach an naoidhean maoth gun athair gun mhàthair, gun neach ann an dàimh ris a chumas ri baisteadh e. Ciod a dh’ fheudar a dheanamh? Ciod a nìtear, a deir mise, an saoil thu gun do bhàsaich cùmhnanta na tròcair, ann am bàs pàrandan an leinibh, an cùmhnanta sin a mhaireas a chaoidh? Is leanabh Criosduidh an leanabh so,’ se baisteadh a chòir; a h-uile blàth a th’ air gach geig do’n deagh chrann-ola, buinidh e do’n chraoibh co math ris a ghéig air a bheil e fàs. Thig leamsa, aonaranach lag ’s mar tha n naoidhean so, gun charaid gun dàimhich a réir na feola, théid mi stigh, agus gun teagamh no sgàth, togaidh mi e a’m’ ghairdeanaibh, a reir samhladh mo Shlanuighir, agus their mi, an làthair fhianuisean, a’ creidsinn gun do ghineadh an leanabh so o phàrandaibh Criosduidh, Tha mise gad bhaisteadh an ainm an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. T. M‘M. T. COMHRADH NA’N CNOCHD. Lachlann na’n Ceistean agus Donnachadh mòr. LACH. Tha thus’ an sin a’ cur sgìos an latha dhiot, ann am fasgadh chreag nam meann. DONN. Tha mi ’n so fein, a Ghoistidh, a bheil thu gu sunndach an nochd? LACH. Cha’n’eil fàth gearain agam; o’n is tusa ’s fearr fradharc na mise, am faic thu bheil Soitheach-na-smuide a’ tighinn? DONN. Mata tha i fein no àtha-cheilpe a’ cur na smùid di aig cùl Chearara. ’Si fhein gun teagamh a th’ann; tha i togail gu fuaradh a nunn gu Muile, ’s ge nach ruigeadh i ’n rughadh am feasd, ’siad na Portairean nach biodh diumbach. LACH. An saoil thu fein an iarradh iad an t-aon ghoireas is mò a thainig riamh a’ measg dhaoine a mhilleadh, arson aon bhristeadh a rinn i air a chosnadh aca-san? DONN. Is furasda dhuitse bhi labhairt; ach ge foighidneach thu fein, cha chòrdadh e riut leabhar na’n ceisdean a thoirt uait agus do chur a ruamhar na’n cnochd ’n ad’ shean aois. Ach innis domh, fhir mo chridhe, ciod an goireas mòr a tha i ’deanamh? LACH. Goireas! DONN. Seadh dìreach, goireas, no sochair m’as e is fearr a thuigeas tu? LACH. Tha mi ga d’ thuigsinn gu math, ciod an goireas nach ’eil i deanamh? Nach ’eil nithe a’ gabhail reic nach d’ fhuair ruith riamh roimhe, agus an lorg so mòran airgid a’teachd a’ measg dhaoine. DONN. Air t-athais a Lachlainn, mar gabhadh iad reic ghabhadh iad itheadh; cha d’thoir do bhean fiu an uidhe dhuit, no do mhac mogull as a choillidh chno, mas iad na cudainnean fein, feumar an tiormachadh arson na Galldachd; agus ni nach cualas riamh roimhe a’ measg dhaoine, maorach a chladaich, duileasg na’n creag, ’s a h-uile ni air an dearg fiacaill ga chuir a mach. Bha co math dhuit ceithreamh muilt iarruidh air do mhnaoi ri spòg coilich, cha luaith ghoireas e air an dùnan na dh’fheumar a reic. An e so an goireas mòr air a’ bheil thu a’ labhairt? LACH. Nach mòr an goireas [TD 31] na tha do bhathar ùr a’ tighinn air ais ’nan àite? DONN. Bathar na bochduinn, Tea, siùcar, aran cruithneachd agus luideagan faoine guanach air bheag feum. Tha mis ag ràdh riut gur h-e ’n rìomhadh gallda so a tha tighinn oirn milleadh na dùthchadh. Roimhe so rachadh mnathan còire tlachdmhor don eagluis le tonnag bhreacain, cas-bheirt dùthchadh, agus currachd ciallach,grunndail mu’n ceann; ach a nis on a thainig an goireas mòr so, soitheach na smùide, ’sann a tha h-uile bean a’ strigh cò is mò a reiceas, agus cò is mo a chuireas suas do spleadhraich rìomhach air là na Sàbaid, air chor’s gu bheil nàir air mnathan còire eile suidhe làmh riu; ’s an àm dol dachaidh cha chluinn thu uatha, ach am faca tu sud, agus am faca tu so, ’an àite bhi cnuasachd m’an teagasg a chual, iad. LACH. Tha sin uile fior, ach nach mòr an goireas gum faigh daoine bochd a mach agus dachaidh co saor, aig a bheil gnothach as an dùthaich? DONN. Arson socair cha b’ann innt a rachainn ga iarruidh, agus comas nan cas agam; is do na h-uile àite san robh mi riamh ’si soitheach na smùide is deuchainnich air mo sporan; tha do othail ’s do ùbraid, do phiobaireachd ’s do ghleadhraich innte, ’s gu bheil ceann duine ’na bhreislich, fear-eolais a’ teachd ort as gach port, an stòp ri d’ shroin, shios a’s shuas, thall ’sa bhos, air chor’s nach biodh e furasda dhuit fein, ge mòr do stuamachd a sheachnadh? Cionnas a dh’ fheudas duine fuireach uaithe, ’s e fad na slighe ann an tigh-òsda. LACH. Tha buaireadh anns gach àite. Cha ruig thu leas òl innte-se ni ’s mo na ni thu ad thigh fein. DONN. Mar biodh an dris san rathad cha rachadh a chaor’ innte. Cha bu mhist an dùthaich ga nach biodh an cothrom air a fàgail co minic; cha’n fhoghainn leis gach aon, ga nach bi ach cairteal tombac a dhi air, ach falbh air soitheach na smùid a dh ’iarruidh cùnnraidh. Bha e co math dhoibh Domhnull a bhùth fein a ruigheachd, daor ’s mar tha e. An ann air tòir buileann chruithneachd a tha thus a’ dol a nochd? LACH. Cha’n ann, gabh ceum sios leam, agus innsidh mi dhuit. Tha mi dol an còmhdhail an duine tha dol a dh’ fhosgladh na Sgoile Gaelic, air an do labhair am ministeir air an Dòmhnach so chaidh. DONN. Nach b’e sin a bhi cur giubhais do Lochabar, a bhi cur sgoilean do’n dùthaich so a dh’ ionnsachadh Gaelic dhuinn? Nach b’fhearr a bheurladh a sparradh a dh’ aon bheum ann an daoinibh; o’n is i a nis a chuidicheas troi ’n t-saoghal iad; agus gu bheil i nise mar an t-airgiod, nach bi meas air an fhear aig nach bi i? LACH. ’Si bheurla, gu dearbh, cainnt na rioghachd, agus tha i ro fheumail a’ fòghlum; ach cha’n urrainnear a Ghaelic a spadadh ’an cùl a chinn, no bheurl’ a sparradh air daoinibh ann an tiota, mar gun d’thugadh tu ’n t’ fhéile beag sam breacan diubh, agus casag agus brigis a chàramh orra. Tha doigh r’a ghabhail, agus gabhaidh an doigh sin ùine. DONN. Ud! ud! a Lachlainn! a Ghaelic a spadadh ’an cùl a chinn. An i mo shean-mhàthair liath, mheasail; cha b’ ann ann am chuideachd a bhuailt’ an dorn? Ach nach aidich thu fein gum b’fhearr do dhaoin’ air a bheil a bheurl’ a dhi, bualadh orr’ ’an clàr an aodainn sa cheud dol a mach, na bhi fòghlum na [TD 32] Gaelic air a bheil iad cheana co eolach? LACH. An cualadh tu na thuirt am ministeir man chùis so, ’an àite ionnsachadh na Gaelic a bhi na chulaidh-bhacaidh air ionnsachadh na beurla, gur e sin an dòigh chum ruigheachd oirre? DONN. Chualadh mi e ’g ràdh sin, ach tha fhios agadsa gur iomad ni a labhras na ministeirean air uairibh nach amuis daoine bochd air a thuigsinn, agus b’ann deth sin a cheart chainnt sin; oir gu cinnteach ’nuair a tha daoine ’g ionnsuchadh Gaelic, tha e doirbh thoirt ormsa thuigsinn cionnas a tha iad ag ionnsachadh na beurla. Nan tachradh am ministeir orm, ghabhainn do dhànadas fheòraich dheth cionnas a b’urrainn sin tachairt? LACH. Bha thus’ iomadh bliadhna san sgoil, a Dhonnachaidh, is coidheas leat Beurla no Gaelic a leughadh. DONN. ’Ne mise? Cha do leugh mise focal Gaelic riamh; agus do thaobh na beurladh, dh’fheudadh i bhi agam, bha sàr-chothrom agam oirre, nam bithinn math air a togail; ach am beagan a bh’agam tha i air meirgeadh gu cùl an droma le cion cleachdaidh. Tha cuimhn’ agam, ’nuair a dh’fhàg mi’n sgoil, gun rachainn troimh aon chaibdeil do’n Bhiobull am dheann-ruith co luath ri duin’ ’s dùthaich, gun tuisleadh no stad aig an fhocal is faide th’ann; ach chaidh mi a cleachdadh. LACH. An e nach ’eil thu cleachdta bhi leughadh a bhiobuill? DONN. Am b’àill leat mi bhi leughadh ni nach tuiginn? Gad a bha mi teoma ni ’s leoir air leughadh, dh’fhartlaich orm mòran tùir a thoirt a leabhar sam bith. Is iomad là trom a thug mi thairis oirre air bheag tlachd, am maighstir-sgoile, an duine cneasta, ga dinneadh annam mar a dh’fheudadh e, agus m’ athair gam’ chumail a’ leughadh moch agus anamoch; ga nach tuigeadh e focal do na leughainn. LACH. Ciod an tairbhe tha dhuit an lorg do shaothaireach an fheadh ’s a bha thu ’g ionnsachadh leughaidh? Cha’n’eil mi ’g ràdh a bheag mu sgriobhadh. DONN. Cha mhò a ruigeas tu leas, cha dean mi ach m’ainm a sgriobhadh; ’nuair a tha litir agam ri chuir uam, cha’n’eil agam ach dol sgriob sios a dh’ionnsuidh a mhaighstir-sgoile, an duine ceanalta, agus leige leis a chuir sios mar is àill leis, gad is tàmailteach do dhuine a theangadh mar so a bhi ’m pluichd neach eile. Agus nach ìoghnadh leatsa gu bheil an aon ghràin aig mo mhac air bhi leughadh na beurla ’sa bha agamsa, gad a fhuair mi’n sìochair ri taobh an tuim a’ leughadh leabhar Gaelic, a thug mac a Ghobhainn dha, ge nach d’fhuair e fòghlum riamh sa chainnt sin. LACH. Tha sin dìreach mar a shaoilinn: nach b’fhearr leat fein suidhe sios ri taobh an tuim le fear-dùthchadh a dheanadh seanachas riut a thuigeadh tu, na le bleideire Sasannach a sgioladh sios a chainnt, ’s gun thu tuigsinn focail di. Cha’n’eil cearna do’n t-saoghal air an cualadh sinn iomradh, san ionnsaich iad cànmhuinn choimheach m’am foghlum iad cainnt am màthar, ach a mhàin sa Ghaeltachd. Amach air a Ghalldachd nam feuchadh daoine ri Laduinn no Fraingis a thoirt d’an cloinn gus am biodh iad comasach air an cainnt fein a leughadh an toiseach, agus feum a dheanamh dhi mar mheadhon gu ruigheachd air càch, shaoileadh iad gun robh am fear a dh’fheuchadh ris air bhàinidh. ’S fhad o theannadh ris [TD 33] an doigh amaidich so sa Ghaeltachd, agus is beag buannachd a thainig na lorg. C’uin a thòisich daoine am bitheantas air tlachd a ghabhail ann an leughadh a Bhiobuill agus leabhraichean math eile, nach ann o thòisich foghlum leughadh na Gaelic? C’o iad is dùrachdaich a ni feum do’n leabhar naomh? Nach ’eil iadsan a tha comasach air a leughadh ann an cainnt am màthar. Tha iomad aon a nis air feadh na Gaeltachd aig a ’bheil beurla gu leoir arson malairt no gnothaichean saoghalta, ach cha’n i sin a chainnt a ruigeas an cridhe, na leis an dùisgear e gu diadhachd. Feudaidh iad caileiginn a dh’fheum a dheanamh do leabhraichean eile anns a bheurla, ga nach tuig iad an t-iomlan, ach ann an leughadh a Bhiobuill tha suim mhòr agus cudthrom fuaighte ris an fhocal is lughadh; agus ’se dleasnas gach duine air aghaidh an t-saoghail a gheibh an leabhar naomh so, oidheirpeachadh a leughadh na chainnt fein. Agus nach taitneach ra smuainteachadh a liughad pàranda lag, aosda, dall, a tha nis a’ faighinn eolas air slighe na slainte, trid a chothrom a th’ aig am pàistean chum a Ghaelic a leughadh. Agus a Dhonnachaidh, thoir thus’ an aire, tha Biobull Gaelic a’ d’ thigh; tha cothrom agad fein agus aig do chloinn air ionnsachadh a leughadh, tha sean aois a’ tarruing ort, leis gach iargainn agus laigsinn a tha na taic. ’S bochd an leith-sgeul arson t-aineolas mu thimchioll leas t-anama, ’nàm an saoghals’ fhàgail, gun d’rinn thu dearmad air, ’s gun do cheadaich thu do d’ chloinn dearmad a dheanamh air, air eagal gum bacadh e iad ann am fòghlum na beurla. DONN. Cha’n’eil teagamh agam nach ’eil mòran do’n fhìrinn agad, ach innis so dhomh, Nach feudar an dà chuid fhòghlum san aon àm? LACH. Gun teagamh feudar, ach tha do anabharra déigh aig Gaedheil air an cloinn a dh’ ionnsachadh na beurla, ’s gum feum na maighstirean-sgoile bhi furachair nach géill iad gu h-ionnlan do thoil am parandan anns a chùis so; gu h-àraidh far an i Ghaelic cainnt na sgìreachd. Tha dearbhadh againn co ullamh ’sa dh’ionnsaicheas muinntir an cainnt mhàthaireil a leughadh. Ga sean thu fein a Dhonnachaidh, dh’ionnsaicheadh tu ann an ràidhe dh’ùine, gach leabhar a th’anns a Ghaelic a leughadh. DONN. ’N-e mise? Mata, nan saoilinn sin chitheadh tu mi ann an cuideachd nam pàisdean, le m’ fhòid mhòine fo m’ achlais a’ dol do’n sgoil, gad a theireadh an dùthaich gun robh Donnachadh mòr air bàinidh. Cuiridh mi mo chlann do’n sgoil Ghaelic Di-luain. Air mo shon fein, cha’n fhiach dhomh ’n t-saothair. LACH. Ciod e so a thuirt thu? Eisd rium, Nan iarruinn ort an cnochd ud thall a chladhachadh, a bhi saothaireachadh ris le fallas do ghnùis, o mhoch-thra gu feasgar, agus nan deanainn làn chinnteach thu ann an ceann bliadhna, le thu bhi adhartach, gum faigheadh tu ulaidh phrìseil òir, an saoil thu an abradh tu rium nach b’fhiach dhuit tòiseachadh air. DONN. ’S mi nach abradh. Dean thusa cinnteach mi as an ulaidh, agus m’an éirich a ghrian a’ màireach bithidh mi mach le m’ chaibe. LACH. Aon fhocal m’an dealaich sinn. Chuir Dia Mac a ghràidh a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so a thearnadh d’ anama. Bhàsaich e air do shon; cheannaich e le fhuil oighreachd ghlòrmhor dhuitse ma chreideas tu ann. Rinn [TD 34] e tiomnadh as do leth, agus anns an tiomnadh sin tha nithe is prìseile na òr an t-saoghail. Is beannuichte iadsan a shaothairicheas trid gràis air an son; oir mar thuirt Criosd, Mat. xiii. 44. Is cosmhuil rioghachd neimh ri ionmhas air fholach am fearann. Gu là bhràth is beannuicht iadsan a chladhaicheas gu dùrachdach air a shon, agus d’am bheil an saothair air a bheannuchadh le Dia, air chors gu bheil iad ag amus air. “Is fearr a stòr na’n t ionmhas faoin ata san t-saogh’l gu léir; ’S is luachmhoire a dhuais gu mòr na òr a chruinne-che.” Smuainich air so, a Dhonnachaidh, Slàn leat air an àm. DONN. Mo mhìle beannachd leat fein a dhuine ghaolaich, thug thu dhomhsa na chuireas gu smuaintean mi an nochd; ’s gun deonaich am freasdal domh suim a ghabhuil deth. T—O— DAN. C’àit a’ bheil Sonas? Dh’fhalbh mi gu moch sa Chéitean chiùin Air chuairt ri uchd nan tom; Bha’n saoghal àillidh, aoibhinn, ait, Mo chridhe, ’mhàin, bha trom. A’bheil gach àite, smuaintich mi, Le maitheas De co làn? ’S na dhiult e sonas seasmhach, buan, Do m’ chridhe trom a mhàin? Labhradh a choill—O! ’s binn a h-eoin; Labhradh gach glac, ’s gach cluan. A’ bheil àit air bith san t saoghal mhòr, Am faigh mi sonas buan? Ach sheinn na h-eoin os cionn mo chinn, A’s shéid a ghaoth gu tlà; Buan shonas cha’n’eil againn duit, chualas gach guth ag ràdh. ’An sin dh’fheòraich mi do Ghaol nam buadh ’N robh sòlas buan fo’n ghréin? Cha’n fhiosrach mi, deir e, fo bhròn, ’S na deòir ’na shùillibh fein. Dh’fheòraich mi cheist do Chàirdeas blàth, Fhreagair e mi gu luath; Tha dàimh mo ghràidh nach dìobradh mi Nan sìneadh anns an uaigh. Làn shonas thairg dhomh baobh an uilc. Nan d’thugainn dise géill, Dh’ at i le uaill—is chunnaic mi, Gur breug a bha na beul. Ghuidh mi’n sin air Caoimhneas caomh, Mo bheannuchadh le sìth; Ach fhuair mi ise brònach fann, Mu dhàimh bha ann an dì. Gu Deagh-bheus áillidh chaidh mi’n sin, Chuala mi cnead ’na còm; ’Se ’s ainm dhomh nise fhreagair i, Aithreachas tìomhaidh, trom. Rainig mi righ nam fiamh am Bàs; Ach labhair e gu cneasd, Is mise sonas nach meall gu bràth, Na thig am’ dhàil ’an Criosd. Ead. le T—O— MU NA H-INNLEACHDAN. Mu’n Ghloin’-amhairc, no Fhad-sheallaich. ’S mòr an soilleireachadh a fhuaradh leis an innleachd so, air lionmhoireachd agus farsaingeachd oibreadh an Tighearna. Thachair do bhalachan beag a bha san Olaind, mac do fhear dheanamh spéuclairean, mar chulaidh-chleasachd dha fein, bhi cumail dà ghloine bheag na laimh [TD 35] mu choinneamh a chéile, agus air dha amharc air Coileach-gaoithe na h-Eagluis, a bha fa chomhair, mhothaich e gun robh e ga fhaicinn ni bu mhò agus ni bu dlùithe dha, na chitheadh e le shùil, agus air leis gun robh gach ni a bha e e faicinn bun os ceann. Dh’innis e so ga athair, a ghabh ìoghnadh ris; agus thòisich e ri gloineachan a chàramh an taic a chéile, air iomad dòigh gus an d’fhuair e mach a cheud ghloin-amhairc. Bha Feallsanach ainmeil san àm sin d’am b’ainm Galileo, a chualadh iomradh air an innleachd ùr so; a chuir e fein gu dhùlan chum a thoirt gus am barrachd foirfeachd. Fhuair esan feadan fada, farsuing, anns an do chuir e gloineachan freagarrach ga chéile, agus leis an do thòisich e air iongantais nan speuran a rannsachadh. Mhothaich e gun robh cuid do na reultan gluasadach aig an robh gealaichean a’ siubhal m’an cuairt doibh. Mhothaich e buill dhorch air aghaidh na gréine; agus mìle rionnag far nach b’urrainn da le shùil luim a h-aon fhaicinn. Chunnaic e gu soilleir coltas ghleann agus bheann anns a Ghealaich. Thachair so anns a bhliadhna 1610. O’n àm so rinneadh iomad atharrachadh air an innleachd so, air chor ’s gu bheil iongantasan ùr’ air am faotainn a mach o bhliadhna gu bliadhna anns an iarmailt, a bh’ air an cleth, o chruthaicheadh an saoghal, o shealladh mhic an duine. Trid na h-innleachd thaitnich so cha’n’eil ar n-eolas air oibribh an Uile-chumhachdaich, ni’s faide ceanguilte ris an t-saoghal so air a’ bheil ar còmhnuidh:—’s leur dhuinn a nis gu soilleir gu bheil rioghachd Dhe, cha’n e mhàin na h-uachdranachd bhith-bhuan, ach gu bheil i ruigheachd trid uidhe neo-chriochnach; agus gu bheil anns a chuairt anabarraich so mìle grian, agus deich mìle saoghal, gach aon diubh air an suidheachadh ann an riaghailt dhreach-mhoir, asdar do-thuigsinn o chéile, agus an t-iomlan air an cumail suas, agus air an sdiùradh ’nan ceumannaibh àrda Leis-san a tha marcachd air sgiathaibh na gaoithe, a tha do-rannsachaidh na mhòralachd, agus neo-chriochnach na eolas. Tha ghloin-amhairc so a’ dearbhadh dhuinn firinn nan sgriobtuire, a tha ’g innse dhuinn gu bheil na reultan do-àireamh. Man d’fhuaradh a mach an t-innleachd so, cha b’ urrainnear anns an oi’che bu shoilleire, agus leis an t-sùil bu ghéire, os ceann aon mhìle reull fhaicinn; ach a nis leis na gloineachan is cumhachdaiche feudar, cha’n e mhàin, mìltean fhaicinn, ach ceudan do mhìltean, seadh muilleanan. Agus feudaidh sinn a bhi cinnteach gu bheil os barr air na tha fhathast aithnichte cunntas do-àireamh nach urrainn do na gloineachan is cumhachdaiche fhaiccinn, a tha amhàin aithnichte dha-san a tha ’g àireamh nan reultan, ’s ga’n gairm air an ainm. Ann an aon fhocal, feudaidh sinn beachdachadh air a Ghloin-amhairc mar ni a tha gar giulan, mar gum b’ann, do shaoghal eile, ’s a tha toirt duinn soilleireachadh air oibribh Dhe, bu chòir am mothachadh a b’ àirde a dhùsgadh ’nar cridheachaibh, mu ghliocas, agus cumhachd, an Ti ghlòrmhor a chruthaich uil’ iad. T—O— MUN GHLOINE-MHEUDACHAIDH.* Is innleachd so a tha mar an * Microscope. [TD 36] ceudna a’ fosgladh suas duinn sealladh taitneach air oibribh lionmhor Dhe. ’S ann leis a ghloine so a tha sinn a’ faicinn nithe a tha co mheanbh, fhaoin, ’s nach bu chomasach do shùil air bith a ghlacadh. Leis an Innleachd so tha iongantais ùr r’a fhaicinn anns gach àit air am feud sinn beachdachadh. Chi sinn leis a ghloine so nach ’eil an ni is faoine air aghaidh an t-saoghail nach ’eil na àite fein, agus do réir a ghné fein, àillidh agus iongantach. Mas e lannan an éisg is cumannta, gu bheil iad air an cur r’a chéile air dhòigh nach ’eil do innleachd aig daoin’ an t-saoghail a b’ urradh a dheanamh. Gu bheil na h-uile fuiltein a tha ’nar ceann na fheadan fosgailte, air a dheanamh suas do mhìle teud agus snàthain meanbh; gu bheil gach fosgladh caol a th’ air ar craicionn, trid a’ bheil am fallas a’ teachd a mach, co lionmhor agus co beag, ’sgun dean an gaineamhuin is lughadh còrr agus sea fichead mìle dhiu a chòmhdachadh. Tha sinn leis a ghloine so a’ faicinn beo mheanbh bhiastan ann an cuid do nithibh co ro bheag, agus nach biodh leth-cheud mìle uiread ri fineag càise; ’s gidheadh tha gach aon diubh air an dealbh gu snasmhor, le beul, sùilean, agus cuislean, freagarrach d’an gné. Tha sinn mar so a’ tuigsinn gliocas agus cumhachd glòrmhor Dhe; agus gu bheil an t-aon chùram ’s an aon mhaitheas air a thaisbeanadh ’sna nithibh is meanbha co math agus annta-san is mò: agus tha ’n dearbhadh is soilleire againn gu bheil Dia le chumhachd agus le mhaitheas a làthair anns gach àite, a’ beothachadh agus a’ cumail suas gach ni. O na lochrain a tha soillseachadh nan speur, o’n aingeal is àirde a tha frithealadh na làthair, gus an creutair is meinbhe air talamh, eadhon an smùirnean a tha co beag ’snach dean an gloine meudachaidh is cumhachdaich air thalamh a thogail. O Thighearna! is iongantach t-oibribh, ann an gliocas rinn thu iad air fad! T—O— UR-SGEUL FIRINNEACH. THA eachdruidh againn air duin’ àraid ann an rioghachdan na h-àirde ’n ear, a b’ éiginn a dhachaidh fhàgail, an lorg geur-leanmhuinn a rinneadh air, agus imeachd na aonar gu h-allabanach roimh fhàsaichean fiadhaich, agus dhùthachanan air air nach robh e eolach. Cha robh aige do stòr no ghoireas saoghalta, ach lochrann beag a b’ àbhuist da a’ lasadh san oi’che, chum an lagh a leughadh; coileach ’an àit uaireadoir, chum a dhùsgadh sa mhaduinn, agus asail air an do mharcaich e o àite gu àite. Air oi’ch’ àraidh thainig an t-anmoch air gun fhios aige c’àit an d’thugadh e cheann, no’n leagadh e thaobh. Bha e air a chlaoidh le sgìos, agus an impis toirt thairis, ’nuair a thainig gu àite far an robh baile beag, agus cuid do thighean còmhnuidh as an robh smùid. Smuaintich e far an robh daoine gum faigheadh e aoidheachd, agus fasgadh tighe gu maduinn, ach mhealladh e; dh’iarr e cairtealan, ach dhiùltadh e, ionnas gum b’eiginn da dol do choillidh bha dlù do laimh, agus fo fhasgadh craige leig se e fein sios gu tàmh. ’S bochd da rìreadh, a deir esan, nach urradh dhomh aoidheachd aon oi’ch fhaighinn, no fasgadh fo dhruim tighe; ach tha Dia gun teagamh ceart, ’s esan a thug so m’an cuairt; cha’n ann gun fhios da a tha aon ni a’ tachairt; agus ga nach leur dhomhs’ air an àm, [TD 37] c’arson a tha mi mar so; tha mi beachdta gur ann chum mo mhath tha so a’ tachairt. Las e an lochrann chum, a reir a chleachdaidh, gun leughadh e beagan do’n lagh m’an coidleadh e; ach ’s gann a thoisich e, ’nuair a thainig iom-ghaoth a chuir as a sholus. Nach truagh, a deir e, nach ’eil e air a cheadachadh dhomh an sòlas so fein a shealbhachadh, an leabhar naomh a leughadh ma’n tuitinn am chadul; ach, a deir esan, tha Dia cothromach, agus cha bhi mi ’gearan. Thilg se e fein na shìneadh air an talamh gu tàmh a ghabhail; ach cha luaithe dhùin e shùil na thainig mada-alluidh as a choille a mharbh an coileach. Ciod a nis a thainig orm, a deir e, an do mhilleadh mo chombanach dìleas furachair. Cò nis a dhùisgeas mi sa mhaduinn a leughadh an lagha; ach cha’n fheudar a bhi gearan; cha’n’eil ni air bith a’ tachairt air thuiteamas do mhac an duine. ’S gann a bha ’m focal as a bheul, ’nuair a thaining leomhann garg fiadhaich as a choill a chuir as do’n asail a bha na luidhe r’a thaobh. Ciod so a nis, a deir e, a thachair? Dh’ fhalbh mo lochrann, mo choileach, agus m’asail bhochd. Dh’ fhalbh iad uile, ach cha bhi mi ’gearan, ge b’e ni a thig a’m’ charamh, ’se Dia tha ga cheadachadh, agus feumaidh e bhith chum math. Chaidh an oi’che thairis gun chodal. Anns a mhaduinn thug e ’m baile beag air a dheuchainn am faigheadh e doigh gu dol air aghaidh air a thurus, ach fhuair e le iongantas agus uabhas nach robh duine beo ann. Thainig buidheann chreachadairean orra san oi’ch’ a chuir as do gach aon diubh, agus a thug leo gach ni a bhuineadh dhoibh. ’Nuair a chunnaic e so, thuirt e, Thus’ a Dhe Abrahaim, Isaaic, agus Jacoib, a nis tha mis a’ tuigsinn gu bheil clann nan daoine gearr-fhradharcach, agus dall; gu tric a’ smuainteachadh gur bochduinn agus culaidh bhròin nithe tha air an cur nar rathad chum ar math; ach thusa, tha thu ceart, caoimhneil agus tròcaireach. Mar biodh na daoine an-iochdmhor sin air mis a chur o’n bhaile, agus aoidheachd a dhiultadh dhomh, bha mi ’n diugh mar a ta iadsan. Mar biodh a ghaoth air mo lochrann a chur as, chitheadh na creachadairean far an robh mi, agus mhurtadh iad mi; agus ’s ann an caoimhneas a mhilleadh an coileach agus an asail, man deanadh iad le’n éughaich bràth a thoirt far an robh mi. Moladh do’n fhreasdal a ghabh cùram dhiom. Ead. le T—O— LAOIDH. Mat. vi. 25. C’arson tha’n t-ionracan fo sprochd, A’ triall roi’ ghleann nan deur; An dìobair Dia e ’n àm na h-airc, Nach dean e taic na fheum? Feuch eoin nan speur tha seinn gu binn, Cha chuir iad sìol, ’s cha bhuain, Gidheadh tha Dia a’ freasdal doibh, Le chaoimhneas càirdeil buan. Feuch blàithean maoth na’n cluaintean ùr, Cha saoth’raich iad, ’s cha sniomh; Gidheadh air Solamh fein cha robh, Deise co àillidh riamh. An Dia a dh’ éisdeas gairm nan eun, ’Sa chòmhdaicheas gach blàth, Nach solair e do’n Chriosduidh chaomh, A mhaoin o là gu là. [TD 38] Iarraibh rioghachd na’n gràs air tùs, Is fìreantachd Dhe gu grad, Is gach uile ni tha dligheach dhuibh, Builichear oirbh air fad. C’arson tha’n t-ionracan fo sprochd, A’ triall roi’ ghleann nan deur, An dìobair Dia e ’n àm na h-airc, ’Snach dean e taic ’na fheum? T—O— RAIDHEAN NA BLIADHNA. An t-Earrach. Cò i a mhaighdeann àillidh tha tighinn oirn air a h-éididh ann an deiseadh ùir air shnuadh uaine? Tha fleasg do na blàithibh òg mu ceann, agus anns gach àit an leag i cas, tha lusan maoth a’ fàs. Tha fuachd a’ teicheadh roimpe, leaghaidh an sneachda o fhireach nam beann, agus an teann reodha o gach linnidh, ’nuair a mhothaicheas iad ga h-anail chùbhraidh: sgaoilidh gach blàr a chòmhdach àluinn roimpe. Fosgailidh na cuileagan beaga fein a mach an sgiathan sìoda, air an dùsgadh le caoimhneas a blàis. Tha ’n snothach a’ dìreadh na’n craobh a chuir fàilt’ oirre. Tha na h-uain bheaga co geal ris a chanach ri mireag ma’n cuairt di. Tha eoin bhachullach na’n craobh ga fàilteachadh le ’n co’-sheirm cheolmhor. Tàlaidh na leannain bheaga r’a chéile, agus togaidh iad an nid chlùthmhor. A fhleasgaiche òga, agus a mhaighdeanna, chunnaic sibhse an òigh àillidh so, ma chunnaic innisibh dhomh cò i, agus ciod e a h-ainm? AN SAMHRADH. Cò so tha tighinn o’n àirde deas, air a h-éididh co rìomhach ann an truscan eatrom? Tha h-anail teith—tha i ’g iarruidh fasgaidh fo sgàile na’n craobh. Tha i air tòir nam fuaran fionnar—ag iarruidh na’n caochan fallain chum i fein fhailce, ’s i air a claoidh. Tha na fuarain agus na caochain a’ teicheadh roimpe, air an tioramachadh suas le teas. Tha i cosgadh a tart le dearcaibh sùghmhor nan tòm—leis na sùidheagaibh is boidhiche snuadh, ’s le badain bhachullach na’n caorann dearg. Tha luchd-caoineachaidh an fheoir, agus luchd-lomaidh nan rùsg, a’ cur fàilte oirre le sòlas. Tha choille ’sna glinn làn do aoibhneas. ’Nuair a thig ise, a mhaighdeann aoibhinn so; leigibh dhomhsa luidhe fo sgàile dhubharach na’n craobh. Leigibh a mach mi na cuideachda gu moch, sa mhaduinn chùbhraidh, fhad ’sa tha ’n dealt air a choill. Leigibh dhomh imeachd leatha mu eadar-sholus an anamoich, ’nuair tha ’m buachaille ’saodachadh na spréidhe gu cùl nan tòm, agus tha ciar-imeachd an fheasgair a’ dùnadh mu ’n t-saoghal. Cò ise tha tighinn mar so o’n àirde-deas? A fhleasgaiche agus a mhaighdeanna òga, innsibh dhomh cò i, agus ciod e a h-ainm? AN FOGHARADH. Cò esan a tha tighinn le cheum ciallach stòlda? a’ dlùthachadh oirn uidh air uidh, gun fhaireachadh gun fhios. Tha sùgh nam fìon-dhearc air aodach, agus mu cheann tha coran do’n chruithneachd choimhleanach bhuidhe. Tha fuilteana a chinn air tuiteam—tha ’n dubh ’s an liath ag amaladh na chéile na’n cualainibh tiomhaidh. Tha adharc sheilge na laimh, tha e ga séideadh, agus air ball tha na sealgairean a mach. [TD 39] Chuala mi ’n urchair—chi mi ’n coileach ruadh le mhaluidhean dearg a’ tuiteam san fhraoch, agus an liath-chearc bhòidheach air tuiteam sa ghleann. Tha farpais bhuanaichean a muigh air an raon; an òigridh mheamnach a’ ceangal nan sguab. Tha na mulain gu tomuldach ag éiridh, tha’n seann duine a’ deanamh nan sìoman, le gille na’n car baoth, a tha sgìth do’n chorra-shìomain, is e air tì fhàgail. Tha chlann bheag a’ dol a mach don choillidh chnù. Ach so esan a’ tighinn le ùbhlaibh abuich na laimh a’ tàladh na cloinne d’a ionnsuidh. Cò e? Chi mi e le sguaib bhuidhe abuich na laimh, a mhaighdeann-bhuanadh a’ leantuinn ’na dhéigh. A fhleasgaiche agus a mhaighdeanna òga, an aithne dhuibh cò e? agus ciod is ainm dha? AN GEAMHRADH. Co esan a tha tighinn o’n àirde Tuath, air eididh le béin chlùthmhor mholach. Tha e pasgadh a thruscain gu teann uime. Tha cheann maol gun fhalt. Tha boinne reodhta an crochadh r’a smig, agus a dh’ aindeoin a chòmhdaich tha e air chrith leis an fhuachd. Is caomh leis a bhi ’n taic an teallaich, cruach do chonnadh caoin a bhi dlùth air. Is fuar sgaiteach anail. Theich eoin na’n geug uaithe, sguir iad d’an ceileiribh, agus phaisg gach aon diubh a riobhaid. Fhad ’sa tha esan a mach, cha tog aon lus maoth a cheann, agus cha d’théid an seillein a mach o’n choinneag a chruinneachadh a mhàil. Teichidh an t-iasg gu aigeann na fairge roi ghnùis iargalt’, beucaidh an cuan le greann, agus o’n dùdlachd teichidh gach cabhlach gu caladh. Dh’ fhalbh am bainne, tha na leanaba ri ciùcharan bochd. Tha ’n dealanach a’ baoisge mu cheann,—tha tairneanach m’ an cuairt da,—tha ghailionn ’s a ghlib air a shiubhal,—an sneachd, an reodha, agus na siantan a mach na chuideachd. Tha anail reodhta, a’ cur crith air gach càileachd, tha greann dubh air an t-saoghal, na ghlaic tha fuachd marbhanta, agus ’na bhuille tha ’m bàs. A fhleasgaiche òga, ’s a dhaoine air fad, an leur dhuibh e. Tha e tighinn oirbh gu luath, bithidh e’n tiota. Innisibh dhomh cò e, agus ciod is ainm dha? Ead. le T—O— GNA-FHOCAIL GHAE’LACH. Ged a shàraichear an Sean-fhocal cha bhréugaishear e. An ni a gheall Dia, cha mheall duine. Thig Dia ’an àm airc, ’s cha’n airc ’nuair thig. Am fear a ghleidheas a theangadh, gleidhidh e charaid. Am fear nach seall roimhe, seallaidh e ’na dhéigh. Am fear nach cuir ri fuachd, cha bhuain ri teas. Am fear nach guth a ghuth, cha ràth a ràth. ’Nuair a sguireas an lamh a shileadh, sguiridh am beul do mholadh. Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi ri fear lichd. Bior a’ d’ dhearn fein na fàisg; Ri d’ nàmhuid t’easbhuidh na rùisg; Roinn sgeine ri t-fheoil na éisd; Béisd nimhe ri d’ bheo na dùisg. Cha’n’eil foill ann is mò, na gealladh gun a cho’-ghealladh. Cha’n’eil tuil air nach d’ thig traoghadh. [TD 40] Cha’n’eil ach rabhadh gun fhuasgladh ann am bruadar na h-oi’che. Cha dean am Bodach bréug, ’sa chlann a stigh. Cha’n e gogadh na’n ceann a ni ’n t-iomram. Ceannaich mar t-fheum, is reic mar t-àilleas. Cha’n’eil uaill ’an aghaidh na tairbhe. Cha’n’eil ăirc ann gu ăirc na h-ainnis. Cha bhi tom no tulach, No cnocan buidhe, féurach; Nach bi seal gu subhach, Agus seal gu dubhach, deurach. Coidlidh duin’ air gach cneadh, ach a chneadh fein. Cha d’òrduich Dia do’n duine bhochd an dà là cho olc. Cha bhi ’m bochd sògh’ar saibhir. Cha’n’eil cleth air an olc, ach gun a dheanamh. Mar thuirt clag Sgàin, an ni nach buin duit na buin dà. Sgeulachd mu righ Raibeard de Bruce. Air do’n Laoch ainmeil so, a sheas co duineil arson a dhùthcha an aghaidh ainneart nan Sasannach, bhi mach air là araidh a’ gabhail seallaidh air an fheachd choimheach a bha teachd na aghaidh, ghabh e mu thàmh an oi’che sin ann an sabhal beag a bhuineadh do dhuine bochd a bhuanaich dìleas dà. Anns a mhaduinn ’nuair a dhùisg e, ’se na shìneadh air a leabuidh chonnlaich, mhothaich e os a cheann damhan-alluidh a’ streap gu mullach a bhothain. Thuit e gu làr, ach gun dàil thug e’n ath-oidheirp. Chunnaic an righ so agus bu duilich leis fhaicinn a’ tuiteam an dara h-uair. Dh’ fheuch e ris an treas uair, ach ma dh’ fheuch cha b’ann a b’fhearr a shoirbhich leis. Dhùisg e iomaguin agus truas an righ fhaicinn a’ tuiteam sea uairean, ach air an t-seachdamh uair bhuadhaich e, agus rainig e mullach an t-sabhail. ’Nuair chunnaic an Righ so dh’ éigh e le deòthas, Theagaisg am beathach faoin so dhomhsa bhi adhartach, agus gun ghéilleadh. Leanaidh mi a shamhladh. Nach do bhuadhaich an nàmhuid sea uairean a’ m’ aghaidhse, agus math a dh’ fhaoidte gur ann ri aon d’fheuchainn eile a tha saorsadh mo dhùthchadh an earbsadh. Chrioslaich se e fein, agus beagan làithean an déigh sin chuir e ’n cath buadhar air blàr Bhanocburn, a bha co cliùiteach do’n rioghachd, agus co dosguinneach do’n fheachd anabarrach air an do chuireadh an ruaig. Foghlumadh an Criosduidh o’n fhaoin bheathach, agus o’n Laoch ainmeil so, a bhi gu h-adhartach seasmhach ann an cur cath a chreidimh, chum gum faigh e coron na glòire. “Uime sin, bithibhse daingean, neo-ghluasadach, a’ sior-mheudachadh ann an obair an Tighearn, air dhuibh fios a bhi agaibh nach ’eil ur saothair diomhan anns an Tighearna.” 1 Cor. xv. 58. T—O— Sgeul beag is fiach aithris. An uair a bha phlàigh mhòr ann an Lunnain is na miltean gach là a’ bàsuchadh, smaointich Iarla mòr àraidh am Baile fhàgail rè seal, chum an galar gabhaltach so a sheachnadh, agus anns a bheachd so chuir e roimhe dol do thigh mòr a bh’aig air an dùthaich. Bha charbad ’s a shea eich riòmhach aig an dorus, gach goireas a [TD 41] bha feumail air a chuir air leith, agus gach ni deas arson an turais. Mar bha e gabhail chum an dorais na làn uidheam, a bhata na laimh gu dol a stigh do’n charbad, chual e Gill’ òg dubh a thainig as na h-Innsibh, a bh’aige na sheirbhiseach, ag ràdh ri fear ga cho’-luchd muinntir, ’Si mo bharail gur ann air an dùthaich a tha Dia an Iarla, ’s nach anns a Bhaile, ’nuair a tha e mar so a’teicheadh da ionnsuidh o’n phlàigh. Thuirt an t-Innseanach bochd so ann an neo-chiontas a chridhe; oir bha esan aineolach air an aon Dia bheo, air dha teachd as an earrainn sin do’n t-saoghal far a bheil iad a’ creidsinn ann an diathaibh bréige. Gidheadh chual an t-Iarl e, agus dhrùigh a bhriathran air; sheas e gu grad, agus smaointich e ris fein, Tha mo Dhia-sa anns gach àite, agus tha e co réidh dha mo dhion sa Bhaile mhòr ’s a tha e dha san dùthaich: Fuirghidh mi gu deimhin far a bheil mi. O aineolas an Innseanaich bhochd tharruing mise teagasg feumail. A Thighearna maith dhomh am mi-chreidimh agus an cion earbsa sin a’d Fhreasdal, a chuir am chridhe teicheadh o d’laimh. “Dh’òrduich e na h-eich as a charbad, agus an goireas a bha e toirt leis a chuir a stigh. Dh’fhan e ann an Lunnuin, agus le bheartas, le ghliocas, agus le iochd bha e anabarrach feumail san am dheuchainnich sin, a saothaireacha gun sgios arson math nam feumach. Cha d’thainig a phlàigh ga chòir; agus mar so bheannaich Dia focal an Innseanaich bhochd chum leas nam mìltean. Ead. T. O. Sgeul mu mhnaoi uasail chràbhaich. ARSA bean-uasal dhiadhaidh, ’nuair a fhuair i fios gun do bhàthadh dithis de cloinn. “Tha mi faicinn nach bi Dia toileach mar bi m’uile chridh’ aige, agus ’se fein is airidh air.” ’S ann mar so tha uile phobull De, bheir iad mil as gach meas a chruthaich Dia, se sin, chi iad a ghairdein ann an uile oibribh a fhreasdail. G. B. LEABHRUICHEAN GAELIC. Còmhnadh arson aoradh Teaghlaich, agus ùrnuighean dìomhair, &c. Le P. MacPharlain. ’S gann a ruigear a leas a dhearbhadh gur i ùrnuigh a dheanamh dleasnas an duine; tha solus nàduir fein a’ teagasg so; tha’n dleasnas so air a dheargadh air clàr cridhe mhic an duine, le meur dìomhair an Uile-chumhachdaich, air chor ’s gur doirbh a dhubhadh a mach. M’as iad na Cinnich a tha aineolach air an Dia bheo, m’as iad na h-Innseanaich fhiadhaich a tha siubhal gu lòm rùisgte tre choilltibh fàs, teichidh iadsan ’an àm gàbhuidh a dh’ ionnsuidh an diathaibh bréige. Tha sinn ann mbarail nach deachaidh aon neach riamh tre’n t-saoghal so, ge b’e air bith co dall an-diadhaidh ’sa bha e, nach do choinnich ni-eiginn e uair na uair-eiginn a thug air ùrnuigh a chuir suas. Tha’n dleasnas so air àithne dhuinn anns a chainnt is soilleire tha’m focal De. Bu diomhain a chomharachadh a mach gach earrann anns a’ bheil so air àithne. “Iarruibh,” a deir Criosd, “agus bheirear dhuibh, siribh, agus gheibh sibh, buailibh an dorus agus fosgailear dhuibh e.” “Deanuibh ùrnuigh,” a deir an t-Abstol Pol, “anns gach àite, a’ togail suas làmha naomha, gun fheirg gun amharus.” Ach ged is i ùrnuigh an t-sochair is àirde is urrainn do’n Chriosduidh a shealbhachadh; ged is i a chuibhrionn is àirde ga shonas, [TD 42] gidheadh is iomadh aon a tha fo aidmheil a Chreidimh Chriosduidh, a tha aineolach air an t-sòlas so, agus dearmadach air an dleasnas anns a chùis so. Tha daoine, gu h-àraidh, dearmadach air ùrnuigh teaghluich, agus is lionmhor leth-sgeul a th’air a thairgse arson an neo-chùram so. Is aobhar eagail leinn gur e aobhar an dearmaid so aig mòran, cion tograidh agus neo-shuim. Cluinnear cuid ag ràdh nach urrainn iad ùrnuigh a dheanamh; gu bheil iad aineolach air an dòigh bu chòir a ghnàthachadh. Ri cuid diubh theireamaid, nam biodh mothachadh ceart ac’ air an uireasbhuidh, agus blas air an t-sòlas a tha ’g éiridh o ùrnuigh, gheibheadh iad an dòigh air ùrnuigh chuir suas. Ach am feadh a dh’fheudar so a ràdh mu mhòran, ’s eiginn aideachadh gu bheil cuid do mhuinntir òg ann, agus do dhaoine diadhuidh cràbhach, a tha fior dhéigheil air dol m’an cuairt an dleasnais so am follais no ann an làthair an teaghluichean, ach a tha gam mothachadh fein fàillneach nan labhairt, agus a tha uime sin fiamhach air an cainnt fein a chleachdadh. ’S minic a mhiannaich sinn, arson math nan daoine sin, gum biodh ùrnuighean air an cur a mach a bhiodh freagarach chum còmhnadh leo anns an dleasnas mhòr so. Rinneadh so sa bheurla, le Diadhairibh co urramach ’sa bha san Eagluis, agus bha’n saothair air a beannachadh chum leas anama mhòrain. ’S ann le sòlas a tha sinn a’ mothachadh gun d’rinneadh so a nis anns a Ghaelic, agus gun deachaidh a dheanamh air dhoigh leis a’ bheil sinn làn toilichte. Tha chuid is pailte do na h-ùrnuighean so air an eadar-theangachadh o na h-ùrnuighibh is taitnich agus is brìghmhoire a th’ againn sa bheurla. Chaidh so a dheanamh le duine da’m bheil a Ghaeltachd fo mhòr chomain arson a cho liugha leabhar math, feumail a dh’ eadar-theangaich e. Bha barail àrd againn do gach saothair eile do’n t-seorsa so a ghabh e os laimh, ach ’s eiginn duinn a ràdh nach do leugh sinn a h-aon diubh le barrachd tlachd na na h-ùrnuighean so. Tha chainnt so-thuigsinn, fallain, agus fior fhreagarach arson ùrnuigh. Anns an leabhar so tha cuid do ùrnuighean leis an duine ainmeil sin Dr. Iain Smith na chainnt bhlasda fein. Le dùrachd ar cridhe mholamaid an leabhar so, agus si ar n-ùrnuigh gum biodh e air a bheannachadh le Dia chum math ar luchd-dùthcha gràdhach. T—O— Leabhruichean beaga Gaelic. Thachair cuid diubh so oirn, a chaidh a chuir a mach o chionn ghoirid, le Comunn cràbhach ann an Glaschu. Le dithis diubh, gu h-àraidh, a chunnaic sinn o chionn latha na dhà, bha sinn làn thoilichte, ’s iad sin, LUATHAS AIMSIR, agus LA A BHREITHEANAIS. Bha na smuaintean a réir Sgriobtuir, agus a chainnt snasmhor. DAN DO’N BHOGHA FHROIS. A bhogha àluinn, ghràsmhoir, òrbhuidh, Urrais aird air slaint is còmhnadh; Biodh d’fhiamh ghàir ort an còmhnuidh; Seall ’an gràdh orm ri uchd dòruinn. ’Nuair a reubas stoirm an t-athar, ’Cuir nan dùil’ air mhire-chatha, ’Luidheas oi’ch air uchd an latha, Faiceam soillse do ghnùis fhlathail. Cuir an céill dhomh theachdair dhìleis, Gealladh aoibhneach Dhe na fìrinn; [TD 43] Innis dhomh ’am briathraibh mìne, Chaoidh nach sgriosar sinn le dìle. Seallam ort a choroin sgiamhaich, Mar roi’-earlais air Mac Dhia dhuinn, Chleth san fheòil àrd ghloir a Dhiadhachd, Ri’n sìor-sheallam ri àm diachuinn. Seallam ort a sheud ro àluinn, Mar air teachdair Righ na slainte, Mheasar leamsa fad mo làithean, Mar an ròd gu glòir is phàras. Nuair bha mi m’ leanabh eatrom gòrach, ’Dearc’ le ìoghnadh air do bhòichead, Dh’ innseadh dhomh mar sgeul gun bhòilich, Na’n glacainn thu gum mealainn stòras. O raon gu raon ’stric chuir mi’n ruaig ort, Le dòchas baoth gun d’thugainn buaidh ort, Ach char, is mheall thu mi ’gam bhuaireadh, Mar iomad faileas faoin o’n uair sin. Ach gad a mheall thu mi ’am bharail, ’S nach do chum thu rium do ghealladh; Gad a chaochail glòir do dhathan ’S gad a sgaoil iad feadh an athair, Dearcam ort, ’sna ceileam uam e, ’N ti nach tréig mi ri h-uchd cruadail; ’N ti bheir slainte dhomh is sòlas, ’S leis nach meallar chaoidh mi m’ dhòchas. ’Nuair bhitheas tuilte trom air m’ anam, ’S tonnan buaireis a’ dol tharam, Le sùil creidimh riut ’an còmhnuidh, Ios’! bi dhomhs’ ad bhogha dòchais. FIOR GHAEL. MU CHATH DHRUIMCLOG. Is beannuichte an saorsadh o gheur-leanmhuinn, air sgàth an creidimh a tha h-uile seòrsa Chriosdui’ean, anns na lìnnibh sonadh so a’ mealtuinn. Air an dion le reachdaibh cothromach na rioghachd, feudaidh gach neach seirbhis a thoirt do Dhia a réir a choguis fein, agus suidhe gun sgàth fo’ chrann fìge fein, gun neach ann gu eagal a chuir air. Ach cha b’ ann mar so a bha chùis ri linn ar sinnsir; anns an àm san robh iad a’feuchainn ris an Eagluis Shasunnaich a shocrachadh san rioghachd so. Cha robh cead aig ar n-aithriche cruinneachadh ’nan tighibh aoraidh mar bu ghnà leo; ach ’sann a bha iad air an dian-ruagadh co mòr ’s gum b’eiginn doibh an tighean fhàgail air a mheadhon oi’che, agus uaigneas nam monaidhnean, garbhlach n’an creag, agus àirde nam beann a thadhall, far am feudadh iad an luchd-teagaisg gràdhach fein éisdeachd, gun sgàth gun chùram. ’S ann air a h-aon do na h-àmaibh sin a choinnich co’-thional do na daoine sin a cho’-aontaich sa cho’-cheangal naomha, gu aoradh a dheanamh do Dhia air sliabh Dhruimclog, agus a chuireadh an Cath, air a’bheil sinn a nis a’ dol a thoirt cunntais; ann an cainnt a h-aon diubhsan a bha làthair. Bu ghrianach àillidh maduinn là an Tighearna, air an do chruinnich sinn air sliabh Dhruimclog; cha’n ann gu cath no còmhrag, ach a dheanamh aoraidh do Dhia. Bha sinn fada o othail agus o bhuaireas nam bailtean mòra; shuidh sinn air an fhraoch bhadanach ùr; cha do chuir sinn sgàth air beo chreutair, ach air an fheadaig ghuanaich agus air coileach an fhraoich. Thug sinn leinn, mar bu ghnàth leinn, ar n-airm chatha, gun fhios ciod a thachradh; oir bha buidhnean an-iochd’ar do shaighdearan garg a’ siubhal na’n crìoch, agus [TD 44] fo choslas bhi cumail fodha naimhdean an righ, ’s ann a bha iad a’ cogadh ’an aghaidh creidimh na dùthchadh, agus a’ saltairt fo’n casaibh gach ni a bha taitneach agus measail a’measg dhaoinibh; ionnas gun do sgaoil iad dosguinn agus leir-sgrios o thaobh gu taobh do Albuinn. Thòisich an Dùghlasach diadhaidh air aoradh an là. B’àrd an dealas naomh a bha na shùil. Chuir e far comhair àmhghairibh ar dùthcha, agus labhair e air a bhruid thruagh fo’n d-thainig sinn. Ann an smuaineachadh air cor bochd ar dùthcha ’s ar n-Eagluis, las ar n-anama, agus bha sinn, mar gum b’ann, air ar togail. Air a cheart àm so, thilgeadh urchair leis an fhear a bh’aguinn air freiceadan, agus thainig e ’na dheann-ruith far an robh sinn, a’toirt sanuis gun robh an nàmhuid a’tarruing dlù dhuinn. Dh’amhairc gach aon air a mhinisteir. Cha robh giorag na uabhas na ghnùis, Cha ’n’eil tuille, air an àm, agamsa ri ràdh, a deir esan. Is aithne dhuibh ar dleasnas. Tha e do ghnà laghail do dhaoinibh iad fein a dhion. Seasaibh gach aon as leth a chreidimh agus a dhùthcha, cha’neil tearuinteachd ri fhaotainn an lorg striochdaidh. Tha mi faicinn, a deir e, gu bheil iad a’tighinn. Thog e’n sin a shùile gu neamh, agus ann an ùrnuigh ghearr bhrìgh’or, dh’asluich e, “A Thighearna, m’as eiginn gun tuit cuid againn, caomhainn an t-an-abuich, is thoir do d’ ionnsuidh na tha deas.” Thàirneadh a mach na daoine, gach buidheann fo’n uachdran fein, is an Ruidir ainmeil Sir Raibeart Hamilton, na cheann-feachd air an iomlan. Dh’ iarradh air na seann daoine, air na mnathan agus air a chloinn, iad a dhol as an t-sealladh, ach cha b’ann gan deòin a cho’-aontaich iad. Bha àrd mhisneach agus cridheachan cruadalach aig na mnathan agus aig na pàisdean fein san àm sin, is gann is urrainn duinn a chreidsinn anns na lìnnibh sìothchail so. Bha dosguinn an dùthcha, agus foirneart na h-eagluis, a’dùsgadh suas barrachd iomaguin na’n cridheachaibh, na’n cunnart san robh iad fein no an càirdean. Mar theirinn an nàmhuid a nuas am bruthach, b’eiginn do na seann daoine falbh. Ghluais iad le cinn ruisgte, an ciabhan fada glasa a luasgadh leis a ghaoith. ’Nuair a dh’ imich iad, thog iad salm; ach bu shalm bhuadhar a bh’ann, air fonn tìomhaidh nam Mairtireach—fonn a thogadh o’n chridhe, agus a dhùisg dòchas. Chualas an ceol naomh leis gach aon, thainig e nuas orrasan a bha fo’n armaibh, air oiteig na gaoithe. Bha dùbhlan san fhonn; thog na fir-chatha caithream ’nuair a chual’ iad e; agus sheas iad a mach ri guaillnibh a chéile a’feitheamh a chòmhraig. Cha’n fhaca mi riamh misneach cho àrd a’lasadh ann an gnùis dhaoine. Bha mo bhean agus mo chlann bheag air mo chùl air a bheinn; bha tigh m’ athar, anns an d’rugadh mi, agus an gleann bòidheach anns an d’fhuair mi m’àrach, calg-dhìreach m’am choinneamh. Chualadh mi, air leam, mo dhùthaich a’togail a guth, agus an eagluis a’caoidh gu trom: agus an iad sud, deir mise, naimhdean mo dhùthcha Clèabhars’ ’s a chuid feachd, a’tearnadh slinnein dorcha na beinne ud thall? Chualadh sinn dùdach an nàmhuid agus druma a chinn-umha a’bualadh gu caithreamach chum na tuasaid. Sheas iad c’ar tamuill, agus chuir iad teachdair fo bhrataich d’ar n-ionnsuidh, ag iarruidh oirn striochda agus ar ceannardan agus ar n-airm a liuthairt thairis doibh. [TD 45] Pill air t-ais, arsa, Hamilton, agus abair ri d’ Cheannard, nach ’eil barandas aige tighinn ’an ceann-còrdaidh ruinn; gu bheil sinn eolach air fhoill agus air a chuilbheartaibh, fuirgheadh esan uainne, agus fuirghidh sinne uaithsan. Leigeadh e leinn aoradh a dheanamh do Dhia a réir ar coguis agus gnà ar dùthchadh; cuireadh e a chlaidheamh na thruaill, agus seachnadh e sinne; ach mar dean e so, tachraidh ni’s measa. ’Nuair a chualadh sinn am fios a chuir ar Ceannard air ais, thog sinn iolach àrd, agus na dhéigh sin, air dhuinn a bhi tamull ’nar tosd, sheinn sinn air fad salm buadhar a thog ar misneach. ’Nuair a thuig Clèabhars am fios a chuireadh air ais, am fuil, a deir esan, biodh air an cinn fein. ’Se focal catha air ar taobh-ne, Bàs gun iochd. Cho’-fhreagair gach saighdear a bha fodha, mar sin bitheadh e. Agus mar sin bitheadh e cuideachd, dhuitse agus dhoibh-san, arsa BURLEY tréun againne, agus nan d-thugadh am freasdal, thus’ aig a bheil an dos geal ibhtean a’ d’ cheann, an diugh fo m’ laimhse, ’s i mo dhùthaich a chumadh cuimhn’ air m’ ainm. Thainig iad air an adhart, agus ghlaodh an Ceannard againne, ’Se focal an là air ar taobh-ne, Dia agus ar dùthaich. Chaidh sinn an sin ’an sàs na chéile, agus thòisich a cho’-strigh. Bu diomhain aithris na thachair, mar chuir sinn an cath uchd ri uchd air an là sin. Fa dheireadh chuireadh an ruaig air Clèabhars agus air a chuid feachd. Bha e fein air a reubadh gu trom, ghiulaineadh air falbh e le chuid daoine, agus chàirich iad air muin eich e, gun chlaidheamh gun cheanna-bheairt, thug e Glaschu air, agus na bha làthair ga chuid daoine ga leanailt mar b’fhearr a dh’ fheudadh iad. Lean sinn an ruaig fad dà mhìle, agus ghlac sinn ioma prìosunach. Air an là màireach chaidh mi a dh’ fhaicinn na h-àraich, agus b’ oillteil an sealladh a bha ri fhaicinn: daoine agus eich nan sìneadh feadh a chéile, ann an gaor agus ann am fuil. Thionndaidh mi air falbh o’n t-sealladh ghràineil. Mar so b’eiginn d’ar sìnnsir sna lìnnibh a dh’fhalbh, seasamh arson an creidimh agus an saorsuinn; am Biobull san dara laimh, agus an claidheamh san laimh eile. Cia taingeil bu chòir dhuinne bhith arson gach sochair spioradail a tha sinn a’ sealbhachadh. Gun d’ thugadh Dia dhuinn nach éirich gach mi-fheum a tha sinn a’ deanamh dhiubh mar fhianuis ’nar n-aghaidh. T—O— MU CHUID DO SHEANN EACHDRUIDH NA GAE’LTACHD. Mu Mhac Ionmhuinn, agus Chloinn-Illeathain. Chualadh sinn an sgeula beag a leanas o sheana Ghael, agus ge nach ’eil sinn cinnteach cò ’n lìnn sna thachair e, tha sinn a’ creidsinn gu bheil e fìor, agus gur aithrigh e air àit fhaotainn san Teachdaire Gha’elach. Bhuineadh earrann mhòr do leth-iochdrach Mhuile do Mhac Ionmhuinn an t-Sratha, agus bha Clann-Illeathain, aig an robh a chuid bu mhò do’n Eilean, ro dheònach air fhaotuinn. Leis an rùn so ghabh iad brăth air òige Mhic Ionmhuinn, e bhi as an dùthaich, agus Mac Dhomhnuill, Shléibhte, d’an robh e càirdeach a thaobh a mhàthar, a bhi neo-chomasach le laigsinn agus le sean aois, air còmhnadh a dheanamh ris. Uime sin roinn Teaghlach Dhuairt, agus Lochabui oighreachd Mhic Ionmhuinn am measg an càirdean, [TD 46] agus dh’ fhògair iad a luchd-leanmhuinn air feadh na dùthchadh. Tamull na dhéigh sin, chuir Mac Ionmhuinn roimhe oidheirp a thoirt air fearann a shinnsir fhaotainn air ais. Chum na crìche so, chaidh e dh’ Eirinn a dh’asluchadh còmhnadh o Iarl Antrom, a bha na charaid da. Thill e le dà fhichead òganach uasal, agus smuainich e, gun tadhladh e ann am Muile a dh’ fhaighinn naigheachd mar bha gnothaichean a’ dol, m’an rachadh e do’n Eilean Sgiathanach a thogail dhaoine. Thainig e gu tìr, air oi’che dhorch, aig Camus na fola, agus dhìrich e leis fein chum bothain bhig, a bha ’n gleann uaigneach, dlù ga thigh san Eirdhe, am bràighe Thobarmhuire. Bha sean bhean a Chloinn Ionmhuinn a chòmhnuidh sa bhothan sin, agus a chionn gun robh ainm dhi bhi na buitsich, cha d’ fhògair Clann-Illeathain i, mar rinn iad air a chuid eile do’n Chinneadh. Chaidh e stigh, agus leig e a rùn rithe, ag iarruidh a comhairle. Dh’ fheòraich i dheth, cia lion fear a tha maille riut? Cha’n’eil a deir esan, ach dà fhichead. Fhreagair i gun robh gu leòir aige, agus na’n gabhadh e a comhairle-se, ma’n éireadh grian air athar, gum biodh a shàth dioghaltais aig air Cloinn-Illeathain. Tha Duairt agus Lochabui an nochd ann an tigh na Leideig, gun amharus gun fhreiceadan, agus an cuid daoine, an déigh àbhachdais agus mòran òil, nan suain chodail nam bìrlinnibh. M’as daoine do dhaoine, agus mas mac mar an t-athair thusa, tha ’n gnothach soirbh r’a dheanamh. Phill e chum a dhaoinibh, agus dh’ iarr e orra iad ga leantuinn do’n choille. Gearradh gach fear agaibh cabar dha fein, sgathaibh dheth gach meur, agus taghaibh dhomhsa cabar fada dìreach, ach fàgaibh na meoir air. Rinn iad mar sin, agus dh’iarr e orra iad ga leantuinn. Rainig e tigh na Leideig, a chuairtich e le dhaoinibh, agus chuir gach fear dhiu a chabar an sàs san talamh mu thimchioll an tighe, agus chuireadh a chabar fein, le mheoir, mu choinneamh an doruis. Chaidh Mac Ionmhuinn a stigh, agus an déigh dha a chlaidheamh rùisgte a chrochadh os ceann dorus an t-seomair san robh Duairt agus Lochabui na’n codal, dh’ fhalbh e fein agus a dhaoine. ’Sa mhaduinn ’nuair a chuala Lochabui mar thachair, agus gach neach m’an cuairt da fo mhòr ìoghnadh, thuirt e, Tha mi lan thuigsinn mar tha a chùis. Bha Mac Ionmhuinn ’an so, air a’ bheil an cabar sin le gheugaibh mar shamhladh; le dhà fhichead fear, agus tha chlaidheamh a tha ’n crochadh os ceann an doruis san robh sinne nar luidhe, a’ dearbhadh gum bu rèidh dha ar beatha a ghabhail. Fhuaradh gu fiachail fiughantach e; Cuiribh fios air, biodh fhearann agus oighreachd air a thoirt air ais da, agus biodh sìth-rèite air a socrachadh eadar-ruinn. Agus is amhuil a bha. Mar so choisinn Mac Ionmhuinn le shuairceas agus le ghliocas, ni, math a dh’ fheudta, nach b’urrainn e bhuannachd le chlaidheamh. T—O— Mun Chomunn a tha’n Glaschu, chum leas spioradail ar luchd-dùthchadh, ann an America mu thuath, chuir air aghaidh. Cha’n’eil e comasach do neach a dh’ fhairich cumhachd Soisgeul Chriosd na chridhe fein, aig a bheil beo-mhothachadh air na sochairibh glòrmhor a tha sruthadh o chreidimh slainteil ann an Iosa Criosd, gun iarruidh gu dùr- [TD 47] achdach gum bi gach neach air aomadh gu bhi fo chumhachd an aon chreidimh sin o bheil e fein a’ mothachadh na h-uiread shòlais. ’Si ùrnuigh gach fior Chriosduidh as leth gach neach air aghaidh an t-saoghail, gum bi iad air an sàbhaladh; ’se ghuidhe gach là aig cathair na’n gràs, A Thighearna, gun d’thigeadh do rioghachd; agus fo chumhachd an Spioraid sin, iarruidh e ni eiginn a dheanamh, arson De, agus chum glòir an Fhir-shaoruidh chur air aghaidh. Is iomad Comunn cràbhach a tha nis air an suidheachadh san dùthaich, chum eolas Chriosd a chraobh-sgaoileadh feadh a chruinne-che. Gun soirbhicheadh Dia leo air fad, agus gu’n greasadh e an là anns am bi buaidh iomlan an lorg an saothaireach. ’S mòr a rinneadh o cheann ghoirid arson Gealtachd, agus Eileana na h-Alba; agus is mòr a tha ga dheanamh air a cheart àm so, ach mar nach fòghnadh le daoine cneast air a Ghalldachd, fiosrachadh, agus eolas a thoirt doibh nan dùthaich fein, tha iad an déigh Comunn beannuicht a chur air bonn, chum an leas spioradail a chur air aghaidh, ann an dùthchaibh céin, an déigh dhoibh an Rioghachds’ fhàgail. Cha’n’eil e iomchuidh no feumail duinn san àite so fheòraich, Ciod is cionfàth air na h-uiread do na Ga’eil a bhi fàgail an dùthcha fein a dhol do America; ach ’s cinnteach nam biodh iad ann an cor cothromach aig an tigh, nach iarradh iad dol ann? A Measg gach ana-cothrom a tha iad a’ fulang anns an tìr ùr sin, cha’n e easbhuidh òrduighean an t-soisgeil agus dì meadhonan na’n gràs, an t-aon is lugha air a bheil iad a’gearan. “Tha sinn an so,” a deir cuid aca fein, “mar chaoraich gun bhuachaille; agus ciod e dhuinne bhi air ar saoradh o gach cruaidh-chas a bha sinn a’fulang nar dùthaich fein ma théid sinn a dhì le cion eolais, agus mas iad pianta siorruidh ar cuibhrionn! Tha cùram oirn air arson fein agus arson ar sliochd. Tha iomaguin oirn an déigh an cuairt tre’n bheatha so, gun sealbhaich iad deadh-ghean De, agus a bheatha mhaireannach. ’Se ar dùrachd gum biodh againn sochairean an t-soisgeil mar bu ghnàth leinn—an t-sàbaid a choimhead—cùram an t-saoghail a leige dhinn—agus a bhi air ar togail os ceann nithe aimsireil, chum aire ghabhail do’n aon ni fheumail, cùram ar n-anama neo-bhàsmhor.” Tha fear eil’ a dh’fhàg a Ghaeltachd, ann an lìtir a chuir e nall gu caraid san dùthaich so, ag ràdh, “Is cianail d’a rìreadh ar cor a thaobh sochairean spioradail, tha ar clann a’fàs gach là ni’s aineolaiche mu Dhia. Tha là na sàbaid a’pilleadh, ach cha’n’eil an sòlas bu ghnàth na lorg. Cha’n’eil fuaim clag na h-eagluis, no guth teachdaire na slainte, no laoidhean Shioin air an cluinntinn air a mhaduinn naomh so. Tha fead na gaoithe r’a cluinntinn am measg ar coilltichean farsuing, ach cha chluinnear fuaim ar n-aoruidh. Cha’n’eil ar clann air am baisteadh, ach le deuraibh goirt am màthar.” ’S ann chum còmhnadh leis na daoine so, a shocraicheadh, an Comunn mu bheil sinn san àm a’labhairt, chum cuideachadh leo ann an luchd-teagaisg a chur d’an ionnsuidh. Cha’neil ach cùig bliadhna o’n a shocraicheadh iad, agus anns an ’ùine sin rinn iad mòran feum. Cha luaithe chuala ar luchd dùthchadh ann an America, gun robh a leithid do chom- [TD 48] unn ann, na thainig iomad iarrtas dùrachdach uatha, chum ministeirean a chuir a mach. “O!” ars iadsan, “thigibh a nall gur còmhnadh.” Ann an CAPE BRETON na aonar, cha lugha na seachd ministeirean Gaelach a tha dhì orra; agus tha iad co bochd, ’s gur beag is urrainn doibh a dheanamh ann an toirt beathachadh dhoibh. Gu deimhin “tha’m fogharadh pailt, ach tha ’n luchd saothaireach gann.” “Togaibh suas ’ur sùilean, agus seallaibh air na h-achaibh, oir tha iad cheana geal chum an fhogharaidh.” Tha aobhar taing aguinn gun robh an Comunn so nan urrainn ministeirean a chur cheana a mach, agus tha dòchas againn gum bi iad comasach air a bharrachd a dheanamh. Ma tha aon Chomunn aig a bheil còir air còmhnadh na tìre, os cionn gach aon eile, cha’n fheud sinn a ràdh, nach i ar barail, gur e so an t-aon. Dh’ earalaicheamaid air ministeirean òga, aig a’bheil Gaelic, agus a tha gun àite nan dùthaich fein, smuainteachadh air staid an luchd-dùthchadh ann an America mu thuath, agus an comhairl a chuir ris a Chomunn so, a bheir dhoibh gach misneach a dh’fheudas iad; agus ga nach bi an duais co mòr san t-saoghal so, tha luigheachd is àird’ a’feitheamh orra, eadhon beannachd nam mìltean a tha ullamh gu dol am mugha. Sibhs’, a Ghaeil ar gràidh, a tha fhathast ’nar dùthaich fein, agus a tha sealbhachadh uile mheadhona na’n gràs, O! deanaibh feum dhiu, a’ guidhe air Dia am beannachadh chum ur maith, gun fhios c’uin a bhios cuid agaibh mar ata iadsan ann an coilltichibh fàsail America, ag ràdh, O! c’uin a théid sinne suas mar a b’àbhuist, a dheanamh aoradh do Dhia! T—O— NAIGHEACHDAN. Cha’n’eil mòran naigheachdan againn is fiu aithris. Cha’n’eil cunntas fhathast againn cionnas a tha’n cogadh a’dol air aghaidh eadar na Turcaich agus na Rusianaich. Cha’n’eil mòran feobhais air ceaird no cosnadh. Tha barrachd feòraich air crodh agus caoraich: Ach ann an là no dhà cuiridh monadh Dhùnbreatuin sin as an teagamh. Tha feur is fochann ag amharc gu math. FOCAL SAN DEALACHADH. Tha sinn mòran an comain ar càirdean lionmhor arson na misnich agus a chòmhnaidh a tha iad a’toirt duinn ’nar saothair; Dlighear ar taing do’n “FHIOR GHAEL,” a tha thàmh, m’as math ar barail, ann am Muile, arson na chuir e d’ar n-ionnsuidh. Fhuair sinn litir “EOGHAIN OIG” a Eilean Chola; agus bheir sinn àite dhi ’an ùine ghoirid, agus ar comhairle co tairis ’s is urrainn duinn sa chùis a tha e cur far comhair. [TD 49] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRUIDH. AIREAMH III. 1829. TORR NA FIUGHAIR.* Cha’n’eil sinn a’ dol a ràdh co dhiu ’s ann san là no san oidhche, nar faireachadh, no nar suain, a chunnaic sinn an aisling so a leanas, ach tha dòchas gum meas sibh i airidh air àite san TEACHDAIRE GHAE’LACH. Air leam gun do thachair dhomh bhi air turas fada, ann an dùthaich aineoil, gun d’ rainig mi beinn àrd, aig an robh a mullach air fholach ann an leaba nan neul. Mhothaich mi sluagh mòr a’ dìreadh ri taobh na beinne air rathad a bha cas corrach. Air dhomh bhi air mo bhrosnuchadh le ìoghnadh, chuir mi romham an leantuinn; agus an déigh saothair mhòr rainig mi fior mhullach na beinne, far am faca mi tigh mòr, eireachdail, le baideal àrd, no turaid, na mheadhon. Bha’n luchd-turais uile a’gabhail air an aghaidh le deifir a dh’ ionnsuidh an tighe so, ach amhàin dithis a bha ’g amharc air an ais air an dùthaich a bha as an déigh; bha’n dara fear dhiu aosmhor, liath, le gnùis fhlathail stòlda, agus an t-aon eile ann an trein a neirt. Mhothaich mi an seann duine, ’an déigh beagan comhnaltraidh bhi aige le chompanach, agus an déigh dhà deagh chomhairl’ a thoirt air, m’an turas air an robh iad a’ dol, a’gabhuil a chead deth, agus bha e dol a thearnadh a bhruthaich; ach lean mi e, agus dh’asluich mi air e thabhairt dhomh uiread fhiosrachaidh ’sa dh’fheudadh e mu thimchioll na beinne, ’s na dùthcha m’an cuairt di. Dh’ innis e dhomh gum b’Fhìrinn a b’ainm dha, gun do chuireadh an sud e le Righ na dùthcha, a threorachadh gach neach a tha gu treibh-dhireach dìleas ag iarruidh chum slighe a ghliocais. Bha aoibhneas orm tachairt air, agus ghuidh mi air gun seòladh e mi chum na h-aitreabh eireachdail a bh’air mullach na beinne. Na biodh an t-anabhara cabhaig ort, a deir e, tha uait fuireach rè tamuill bhig air an uchd so fein, air cnochd an ath-sheallaidh†, as am feud thu beachd a ghabhail air an tìr a dh’fhàg thu as do dhéigh, agus le smuainteachadh ni’s dlùithe air na chaidh seachad, feudaidh tu bhi deas fa chomhair na tha romhad. Lean mi a chomhairle ghlic, ged a bha mòr chabhag orm gu triall, agus nach do ghabh mi ach beachd faoin air na chunnaic mi o chnochd an ath-sheallaidh. Mar a bha sinn ag imeachd chum * Hill of Expectation. † Retrospection. [TD 50] na h-aitreabh a bha romhainn, dh’innis e dhomh gur e b’ainm dha Tòrr na fiughair, agus gun robh sinn ’san àm air Beinn na faire.* Air dhomh fhaicinn gun robh ’n dùthaich air an taobh a b’fhaide uam, air a folach le ceo dùmhail, am feadh a bha e gu glan soilleir air mo chùl; dh’fheòraich mi cionnas a thachair so, agus dh’innis e dhomh gur i bh’ann tìr dhorch an AM RI TEACHD, a bha do ghnà doilleir dorch, ach a mhàin dhoibhsan a dhìrich ri Tòrr na Fiughair, aig an robh gloineachan amhairc a chitheadh cuspairean fada uatha. ’Nuair a rainig sinn an tigh, thuig mi gun robh e air a ghleidheadh le neach da’m b’ainm Dòchas, a dh’fhàiltich ar beatha le suilbhearachd agus tlachd. Dhìrich sinn suas gu mullach a bhaideil, far an d’fhuair sinn àireamh mhòr shluaigh, do gach seòrsa, le gloineachaibh fad-sheallach, a’ beachdachadh air an tìr cheòthaich, le anabhara deothais. Air mo shon fein cha robh gloin’ agam, agus dh’iarr am feur-iùil orm gun a h-aon a cheannach o dhuine bleideil, meachranach, gam b’ainm Faoin-bheachd, a bha gan tairgse dhomh, ionnas nach bu leir dhomh mòran fhaicinn do’n dùthaich air an robh an ceo. O nach robh gloin’ agam fein dh’ iarr mi eolas uatha-san a bha ’g amharc co dian, dh’ oidheirpich mi eisdeachd ris na bha iad ag ràdh, agus mar so beachd fhaotainn air an dùthaich a bha rompa. B’e cheud neach do na mhothaich mi, òganach uasal, eireachdail, aig an robh gloin-amhairc rìomhach na laimh, leis an robh e, do réir coslais, a’ faotuinn sealladh farsuing air an tìr a bha roimhe. Chuala mi e’n dràst agus a rithist ag éigheach a mach, O! cia àillidh an sealladh a tha romham! Tir an àigh! Cia sonadh a bhios mis an uair a ruigeas mi ’n t-àit ud, agus a shealbhaicheas mi gach ni is urrainnear a mhiannachadh? ’Nuair a chunnaic e ni sam bith nach do thaitinn ris thionndaidh e ghloin air falbh, agus sheachain e mar so sealladh a ghabhail air ni air bith nach robh taitneach. Fa dheireadh ghlaodh e a mach, Cha’n fhan mi ni’s faide san àite so, gabhaidh mi air m’ aghaidh, na h-uile ceum a théid mi air mo thuras bheir e mi ni’s dluithe air iomlaineachd sonais. An ath dhuin’ air an do bheachdaich mi, b’e seann duine dìblidh, neo-fhiachail na chòslas, a bha ’g amharc troi ghloine fhad-sheallaich òir, agus thuig mi gun robh e dian smuainteachadh air nithibh cudthromach a bha e ’g àireamh, agus a’ cunndas suas ’na inntinn. Dhlùthaich mi ris, agus chualadh mi e ag àireamh cheudan, agus mhìltean co luath ’s a b’ urrainn da. Ghlaodh e mach, mar neach a dhùisgeadh as a shuain, ’Nuair thig an t-àm sin, a deir e, bithidh mise ni’s beartaich na aon duine san dùthaich, agus an sin is mi gu cinnteach a bhios sonadh. Cha bhi cùram na iomaguin orm tuille, sealbhaichidh mi gach gne shòlais, ach tha ’n t-àm prìseil, agus cha’n fheud mi bheag do ùine a chall, ann an ruigheachd air an ionmhas luachmhor sin. Bha’n treas aon a chunnaic mi ann an tréin a neart, agus ann an àird a làithean; bha gloin-amhairc aige-san a bha anabarrach rìomhach, agus bha fein-spéis agus uaill air an deargadh gu domhain na aogas. * Mount of Observation. [TD 51] Am feadh a bha esan a’ beachdachadh air an t-sealladh a bha roimhe, Ghlaodh e mach, seadh, gun teagamh bithidh mi a’m dhuine ainmeil, urramach, a’m chulaidh- uaill do m’ dhùthaich, agus a’m chuspair-molaidh do’n t-saoghal. O! cia taitneach an sealladh so a tha romham! cia glòrmhor na nithe a tha ann am bheachd! bithidh m’ ainm cian-iomraiteach, agus luaidhidh gach teangadh mo chliu; ach greasam as a so, tha na h-uile là a’ cur dàil ann am shonas, agus a’ cumail air ais uam onoir agus toileachas inntinn, agus cliu nach dìobair. Ann an àit air leth o chàch, chunnaic mi aon duine bha air a stiùradh le fìrinn, agus ghabh mi da ionnsuidh. Do réir coslais thachair an duine so ri mòran triobluid, agus mi-thoileachadh san àm a dh’fhalbh; ach a nis bha sìth shuidhichte, agus àrd shòlas na inntinn. Chunnaic mi nach do ghabh esan ach sealladh aithghearr air na nithibh air an robh cach a’ beachdachadh. Dh’àrdaich esan a ghloine gu amharc air nithibh a bha os ceann na tìr air an robh an ceo. Bha na nithe air am bu mhiannach leis-san beachdachadh, co àrd as an t-sealladh, agus gum b’eiginn dha dol air a ghlùinibh m’am b’urrainn dha sealladh co àrd fhaotuinn le ghloine. Am feadh sa bha e mar so air a ghlùinibh, ’s a shùil ri neamh, chualadh mi e ’g ràdh os iosal ris fein, Tha mi deanamh gairdeachas ann an dòchas gloir Dhe, Cha’n’eil annam ach coigreach agus fear-cuairt air talamh; tha mi ’g iarruidh dùthaich is fearr, eadhon baile neamhaidh. Dh’eirich e’n sin, agus le dealas naomha, dh’amhairc e mar gum biodh e air ath-bheothachadh gu dol air aghaidh na thuras le càil ùr. Bha iomad aon eile ag amharc air tir a cheò, ach cha do ghabh mi beachd suidhichte ach orrasan a dh’ainmich mi. M’an d’fhàg mi Torr na fiughair bha mi ro-dhéigheil air sealladh fhaotuinn air an AM-ri-teachd, air an robh càch ag amharc, agus dh’fheòraich mi do Fhìrinn, am b’urrainn d’a, chum na crìche so, gloine a thoirt dhomh. Fhreagair e mi gun d’thugadh e dhomh gloine CHREIDIMH a bh’aige do ghnà air a shiubhal; ach dh’innis e dhomh gun robh a buaidh ann an tomhas mòr a réir sealladh na muinntir a bha ga cleachdadh, agus a réir na dòigh air an deanadh iad feum dhith. Ghabh mi gloin a Chreidimh, agus thuig mi nach b’urrainn dhomh faicinn ach mar “tre ghloine gu dorcha,” a thug orm fadal a ghabhail arson an àm a chithinn “aghaidh ri aghaidh.” Thainig a nis an t-àm sam b’iomchuidh dhomh tearnadh a thriall air mo thurus, ghabh m’ fhear-iùil a chead dhiom, agus gheall e an ath-uair a choinnicheamaid gum mìnicheadh e dhomh na chunnaic mi. Ann an aisling na h-oi’che theid gniomharan bhliadhnaichean seachad anns an inntinn, mar gum b’ann ann am prioba na sùl. Mar so dh’ éirich dhomhsa air an àm so. Air leam gun deachaidh mi air m’ adhart uidhe mhòr air an turus do dhùthaich a cheò, a bha a’fàs ni bu shoilleire romham. Air latha àraidh ’nuair a bha mi cur seachad mo sgìos fo dhubhar craoibhe, agus a’ beachdachadh air dealbh na dùthcha, bha aiteas agus ioghnadh orm ’nuair a chunnaic mi mo sheana charaid agus m’fhear-iùil a’ tighinn a’m’ chòdhail. An déigh dhuinn fàilte chridheil a chuir air a chéile, dh’iarr e orm dol leis, agus gu nochdadh e dhomh mar dh’éirich do’n cheathrar dhaoine [TD 52] chunnaic mi aig Torr na Fiughair. Air dhuinn bhi ’g imeachd air ar n-aghaidh thainig sinn gu tigh mòr rìomhach, eireachdail a bha làn maise m’an cuairt da. ’Se so, arsa m’fhear-iùil, “àite còmhnuidh an òganaich uasail a chunnaic thu air Torr na fiughair. Fhuair e an oighreachd mhòr ris an robh fiughair aige ge nach ’eil a mhiann air a sàsuchadh. Dh’ iarr e sòlas agus riarachas inntinn ann an giulan peacach, ach cha do mhothaich e na lorg ach truaighe, agus dubhachas. Mhealladh e na uile dhòchais, agus cha’n’eil ach mi-ghean agus mi-thoil-inntinn far an robh dùil aige ri aoibhneas àrd. Chuireadh mar a shaoil e, cupan làn na laimh, ach cha d’fhuair e ann ach searbhadas agus dòmblas. Foghlum thus a mhic, uaithe so nach ’eil uile shòlais an t-saoghail nan urrainn iarratais àrd an anama neo-bhàsmhoir a riarachadh; gum bu chòir dhuit do dhleasnas a dheanamh, agus gun fhiughair a bhi agad ri làn thoil-inntinn an taobh so do’n uaigh. Chaidh sinn air ar n-adhart, agus chunnaic sinn cuideachd mhòr dhaoine a’ leantuinn carbad san robh ciste-mhairbh, agus thuig sinn leis an rìomhadh a bha mu thimchioll a ghiulain, gur duine mòr agus saibhir a bha iad mar so a’ giulan chum na h-uaighe. So agad, ars am fear-iùil a bha maille rium, an dara aon a mhothaich sinn air Dùn na Fiughair. Chaochail e, agus tha iad a nis ga ghiulain do’n tigh chaol chumhann. Shaoithrich e a là agus a dh’ oi’che an tòir air saibhreas, agus is tric a ghnàthaich e meadhonan nach robh ro-iomchuidh chum a bheartas a mheudachadh. An déigh dha a làithean a chaitheamh ann an càrnadh suas airgid, le anabhara iomaguin agus spìocaireachd shuarach, chuir e roimhe ann am bliadhna no dhà sgur o othail ghnothaichibh, agus riarachd inntinn iarruidh anns a mhaoin mhòr a chruinnich e. Ach ann am meadhon an dòchais so, ’nuair bu lugha bha dùil aige ris, thainig euslainte na charamh, agus ghlac galar a bhàis e. Mhothaich e’n sin nach b’urrainn a bheartas fuasgladh a thoirt da, fois a bhuileachadh air anam, no righ nam fiamh a chumail air ais. ’Nuair a smuaintich e air a choimhlion car agus cealg a ghnàthaich e gu stòras a chruinneachadh, dhùisg a choguis, agus dhìt i e mar dhuine eacorach, cealgach, amaideach, sanntach. Mhothaich e gun robh am bàs a’ tarruing dlù, siorruidheachd a’ fosgladh air anam, agus an sin bheireadh e saibhreas an domhain mar iomlaid arson Dia a bhi réidh ris, Cheannachadh e fuasgladh o’n bhàs, no dàil aon bhliadhna le saibhreas an t-saoghail ga bu leis e. Ach so cha robh na chomas—rinn righ nan uamhas greim air,—ghlac spàirn a bhàis e, chaochail e ann an dòrainn anama, agus ann an an-dòchas spioraid. Cha do shile deur os a cheann,—cha robh beannachd nam bochd, no nam banntrach, no nan dìlleachdan na chuideachd. Thilg e’n deo, le aon osnadh thruagh dh’fhàg an t-anam an corp, cha robh caraid no bana-charaid ri taobh na leapach, agus cha chualas aon ag radh, Dia a ghabhail ri anam. Tha so a’ theagasg dhuits’, a mhic, nach ann an am beartas a mhàin a tha toileachas-inntinn seasmhach ri fhaotainn; gu bheil beartas gu tric na bhuaireadh gu olc, agus na mhàthair-aobhair air iomad truaighe. ’S doirbh mòran saibhreis a chur ri chèile le deagh choguis; ’s deacair a shealbhachadh [TD 53] gun droch fheum a dheanamh dheth; agus is eacomasach gràdh anabarach a thoirt da, gun dearmad a dheanamh air a bheartas bhuan sin, nach meall, agus ris nach dealaichear a chaoidh. An treas fear a mhothaich thu, ars’ am fear-iuil, ma tha cuimhn’ agad, bha fiughair aige ri cliu agus urram mòr a chosnadh o dhaoinibh: ach theich am faileas faoin roimhe, mar theine-sìth nach b’ urrainnear a ghlacadh. Mhealladh e na uile dhòchais, agus tha e nis a’ seargadh as fo fharmad agus ann-tlachd. Dh’iarr e cliu an t-saoghail, agus moladh o dhaoinibh, an àite cliu agus moladh o Dhia; agus mar a thachair do gach neach a dh’fheuch ri so a deanamh, ’s e is cainnt a nise dha, A shaoghail charaich, bhreugaich, ’s iomadh aon a mheall thu, agus gu dearbh tha mi fein san àireamh. Dh’fheòraich mi do’n fhear-iuil, ciod a dh’éirich do’n duin’ iriosal a chunnaic mi air Tòrr na Fiughair, a bha ’g amharc thar tìr an dorchadais, agus a bha air a ghlùinibh chum sealladh a b’àirde fhaotainn. Sin, ars’ esan, am fior Chriosduidh a dh’fhàsas ni’s iriosaile, agus ni’s sonadh, mar is mò is leur dha do ghloir Dhe, agus do shòlais neamha. ’S ioma ceum trom, airsneulach a ghabh an duine sin tre fhàsach an t-saoghail so, ach cha d’rinn e bròn mar neach gun dòchas. Cha robh a dhùil ann an sonas an t-saoghail so, uime sin bha shùil ri neamh; ’s ann an sin a bha ’n oighreachd ris an robh a dhòchas-san, agus cha mheallar e. Chunnaic mi e o cheann ghoirid,tha e fo thriobluid agus’an iargain throm, ach tha e làn striochdta; is aithne dha làmh an Athar a tha buntainn ris, agus tha e tuigsinn gu bheil na nithe sin air an leigeadh na charamh chum leas anama; agus uime sin tha e deanamh gairdeachas annta. Do réir coslais, tha e air a cheart àm so air leabuidh a bhàis, ach cha’n’eil fiamh air anam; chunnaic mi e gun sgàth a’togail aghaidh ri neamh, agus chuala mi e ag ràdh, “O bhàis, c’àit’ a’ bheil do ghath? O uaigh, c’àit’ a’bheil do bhuaidh? Tha solas, a deir esan, ag éiridh ’a’m chridhe, gad a shaoileas mi air uairibh gu bheil am fradharc a’ tréigsinn mo shùl. Gad tha pian air mo cholainn cha’n’eil sachd air m’inntinn: tha mo dhòchas air clach-chinn na h-oisinn; cha mheall Criosd mi, fàgaidh mi ’na làmhaibh-san an ceann crìche. Gad a tha mi dealachadh ri luchd mo ghaoil, tha aingil ghlòrmhor na soillse m’an cuairt domh; ann an ùine ghoirid dealaichidh mo chorp ri péin, agus sealbhaichidh m’anam mòr shòlas.” ’Nuair a chrìochnaich m’fhear-iuil na briathra so, dh’amhairc mi os mo cheann, agus air leam gu’m faca mi buidheann de ainglibh glormhor, iadsan a ta frithealadh do oighrichibh na’n geallaidhean. Bha na spiorada àluinn sin a’giulan anam an naoimh a chaochail gu rioghachd nam flath. Dh’amhairc e na dhéigh, le fiamh ghàire air an t-saoghal mheanbh bhochd a dh’ fhàg e, agus mar bha chuideachd àrd spioradail a’ dlùthachadh air tir na glòire, thainig an co’-ainglean a mach ’nan cò’-dhail, a chur fàilt air an anam a bha iad a’giulan, agus a dh’fhosgladh air an cionn na dorsan siorruidh. Rainig iad doras an àigh, a dh’fhosgail rompa gu farsuing, fial; agus gun dàil liuthair iad seachad na bha’n earbsa riu, fa chomhair cathair Dhe agus an Uain. Ach a nis thainig dearsadh co glòrmhor orm o’n t-saoghal neamhuidh, ’s gun do dhall e mo leirsinn, gun do bhuadhaich e thairis air m’inntinn, [TD 54] agus gu’n d’fhuair e a chuid a b’ fhearr do m’anam, ionnas gun do dhùisg mi a’deanamh gairdeachas, nach cuala cluas, nach faca sùil, agus nach d’inndrinn ann an cridhe duine, a thuigsinn na nithe a tha air an tasguidh suas le Dia fa chomhair na droing a bheir gràdh dhà. Ead. le T—O— COMHRADH NA’N CNOCHD. Fionnlath Pìobaire, Iain òg, agus Lachlann na’n Ceistean. FIONN. Tha thus’ an sin Iain òig, a’ deanamh na’n cliabh a thoirt dachaidh na mòine, obair a tha nis’ a’ dol a cleachda. C’àit’ an d’fhuair thu na slatan bòidheach caoil so? IAIN. C’àit’ an faighinn iad ach anns an doir’ ud thall, o’n duin’ uasal cheanalt’, nach do dhiult riamh slatag do dhuine bochd a dheanadh cliabh no croidhleag; agus tha bhuil, ’s bòidheach, dosrach a tha choill’ aige-san a’ fàs, o lìnn gu lìnn, mar dh’fhàs a choill’ o’n d’thainig i. Cha’n ionann ’san giubhas riobach gallda, a tha iad a nis a’cur air gach cnochd mu na tighean ùra, air an cumadh mar gun d’thigeadh iad o laimh tàilleir, agus a’ seasamh nan sreathaibh dòigheil, guala ri gualainn, mar b’àbhuist dhuinn a dheanamh an àm nam Volunteers air an fhaiche. A’ bheil cléibh-mhòin’ aguibhse ann an ceann shios na dùthchadh? FIONN. Cha’n’eil, cha’n’eil. Cha’n fhoghainn ach cuibhlichean air muir agus air tir. ’S ann air muinntir an t-saoghail a nis a tha chabhag, ’n saoil mi fhìn cia mar fhuair na daoine còire dh’fhalbh, roi’n t-saoghal le’n dòighibh aitheasach, ciallach. Na’n creideamaid an t-àl so, cha robh annt’ ach baoghairean, ann an coimeas riu fein. IAIN. Is soirbh r’a thuigsinn cò iad na baoghairean; mar bitheadh a Ghalltachd, cha’n aithne dhomh ciod a dheanadh iad. Cha’n fhaic thu fear san fhichead dhiu a laimhsicheas tàl na toradh; no is urrainn breaban no fraochan a chur air a bhròig, ach acfhuinn ghallda air eich agus air daoinibh, nàile ’s iadsan na baoghairean, ’s cha b’iad na daoine còire bha rompa. FIONN. Coma cò dhiubh, cha chluinn thu ach mar tha’n dùthaich a’ teachd air a h-aghaidh, agus an neul bòidheach a tha tighinn oirre. IAIN. B’e sin an t-ainm gun an tairbhe. Neul na bochduinn—cha’n fhaca mi mòran ràth air an dùthaich, no criodhalas no sùgradh, o’n a thòisich an neul Gallda so fein ri tighinn oirre. Ciod i do bharails’, a Ghoistidh? FIONN. Air m’ fhocal, tha’n fhirinn agad, o’n a sguir na mnathan uaisle do labhuirt na Gaelic, o’n a thòisich iad ris na tighearnan òga chuir do Shasunn a dh’fhaighinn an ionnsuich; o’n a fhuair iad na gillean gallda le’n deiseichibh rìomhach, agus o’n a rinn iad na rathaidean lùbach ùr a dh’ionnsuidh an tighean chaill mi mo thlachd dhiubh; cha’n aithnich iad mi, ’s cha’n’eil meas air mo phìob; tha i co mòr a cleachda ’s a tha na cléibh mhòinidh fein. IAIN. Gad a tha na cléibh a’ meas, ’s math is cuimhne leams’ a cheud chairt a thainig riamh do’n dùthaich, cha robh duin’ againn a chuireadh na h-uidheam i, ach fear a bhaile; is cha robh gearran san àite rachadh innte, ach sean each bàn nan clach; cha luaithe chluinneadh càch a dìosgan na bheireadh iad mullach a mhonaidh orra; ach m’as iad na h-eich fein tha iad a nis air fàs cialluch. Agus a thaobh nan daoine cha’n [TD 55] ’eil suim aca do mhireadh, do cheòl, no do shùgradh,, ach a bhi leughadh, ’sa streup ri uaisle. FIONN. ’S ann agam a tha fios; cha chruinnich a nis cuideachd nach d’thoirear làmh air leabhar, is coma c’àite; m’as ann ri tìre no cruadhachadh san àthaidh, m’as ann a’bleith sa mhuileann, m’a sann an déigh na cabhruich àir a bhlàr-mhòine, m’as ann air oi’che choinnle, no oi’che na collainn, cha’n fhaicear fearas-chuideachd ach leughadh. Cha chluinnear sgeulachd na duanag. Cha teichd na bha dheth so ’nar measg roimhe so, ach chuir an Teachdaire Gaelach cinn daoine gu tur air aimhreidh. Tubaist air fein agus air a theachaireachd, mhìll e mo cheird. Cha chuirear ni’s faide fios air Fionnlath pìobaire, no air Callum fìdhleir, no air Donnacha nan aoirean, no bodach nan dàn, an duine truagh; cha’n fhaicear dannsa, ’s cha chluinnear òran; air mo shon fein, feudaidh mi balg-séididh a dheanamh do’n phìob; cha d’thug mi ràn aisde o’n oi’che phòs Iain eatrom, is Annag an dannsaidh. Cha bu ghearan m’ar d’thigeadh e ach air cuairt Shamhruidh, mar ni bhana-charaid, a Chuthag, ’s na Gaill eile, ach a bhi maoitheadh tighinn oirn co tric ris a ghealaich ùir, tha so leamh. An saoil thu an suidh buachaille ri taobh tuim le feadan na laimh mar b’àbhuist da, ach a h-uile sìochaire dhiubh le leabhar na laimh, gun suim do fhochann no do fheur, ach a’ leughadh, a’ leughadh mar gum b’ann arson so a bhiodh iad a’faighinn an tuarasdail. Nach iongantach leats’ an Siorram, duine grunndail, tuigseach mar tha e, bhi co déigheil air sgoilean agus air leabhruichean a sgaoileadh feadh na dùthcha. IAIN. Air t-athais Fhionnlaith, mar ’eil mise meallta, tha’n Siorram co sgìth dhiubh ’s a tha thu fein na Calum fìdhleir. An cuala tu mar dh’eirich dha air dì-luain so chaidh, ’nuair bha e dol a chumail mòid an ìochdar Mhuile, thachair dha tadhall air an rathad, gus am pilleadh air an t-sruth; cha luaithe thionndaidh e chùl ris na gillean, na mach a ghabh a ghràisg a leughadh taoibh na craige, agus thràigh am bàta gu tioram glan. Nam biodh an Teachdaire Gaelach, cò air bith e, mar fhad a bhàta bhuidhe dha, ’nuair a thuig e mar bha chùis, cha d’thigeadh e’n dà là so a rithist air a theachdaireachd. Ach cò so a tha teachd a nall air a chlacharan? FIONN. Mar ’eil mi meallta, tha Lachlann na’n ceistean, an duine cneasda, ga nach taitneadh ar cainnt ris. B’e sin bhi teachd eadar a chraobh sa rùsg, a bhi cur eadar Lachlann agus na leabhruichean. LACH. A’bheil sibh gu sunndach, fheara? ’Se so a chòrdadh riutsa, Iain, a bhi deanamh nan cliabh, agus am Pìobair a’cumail seanachais riut. A’bheil Màiri ’s na pàisdean gu math? IAIN. Cha mhiste leatha sibhs’ fhaicinn san dol seachad, gabhamaid ceum suas chum an tighe; thig leinn Fhionnlaidh, gad a tha thu gearan gu bheil Lachlann ’s a chuid leabhruichean a’ milleadh do cheird, tha fhios agam nach miste leat a bhi greis na chuideachd. FIONN. Cha mhist gu dearbh, ach ’s minic a b’fheaird. LACH. O’n tha’n cliabh gu h-inbh bhig réidh, cuir thus’ Iain, crìoch air agus gabhaidh mis agus am Pìobaire ceum suas mu chnochd nam meann, a sheanachas mu na gnothaichibh sin. [TD 56] FIONN. Tha mi làn thoileach, ma gheallas sibh gun mo cheasnachadh. LACH. Ciod a tha thu nis ag ràdh mu na sgoilibh? agus mu leughadh? FIONN. Cha’n’eil a bheag. Tha sgoilean feumail, agus tha leughadh math gu leoir na àm ’s na àite fein; ach feudaidh daoine dol air muin an eich gun dol thairis. Feudaidh duine bhi math ni’s leoir gun fhuath a ghabhuil air gach mire agus sùgradh, agus fealadhà; bha leithid ann agus bithidh—agus cha’n’eil àit an cuirear fios orm nach seinn mi dhoibh gun dà sgillinn, a dh’ aindeoin cò theireadh e. LACH. A’bheil thu réidh, Fhionnlaith? FIONN. Cha’n’eil mis’ ag ràdh a bheag, is cha robh e ’m bheachd an uiread ud fein a ràdh. LACH. Eisd riumsa nis tiota beag, agus na chanainn riut dheanainn e gu stòlda, suidhichte, mar neach a tha ’g iarruidh na firinn a chuir an céill, agus math t-anama chuir air aghaidh. Tha fhios agam Fhionnlaith gur duine blà-chridheach, caoimhneil thu, nach deanadh lochd le d’fhiosrachadh, air duine beo. Tha fhios agam gu bheil thu fo dheagh theist san dùthaich, agus gu bheil thu ann ad dheagh choimhearsnach; ach Fhionnlaith, tha aon ni feumail, agus o nach ’eil an so ach sinn fhìn, ’s eiginn a ràdh gu bheil thu dearmadach air an ni sin; tha thu ro-dhéigheil air cuideachd, air òl agus air cridhealas saoghalta. air sùgradh amaideach; agus tha thu ann ad impidh air daoin’ eile a thoirt, agus an cumail, ann, air àmaibh mi-iomchuidh, o bheil anabharadh uilc ag éiridh. FIONN. Cha’n’eil mis’ a Lachainn, tha dòchas agam a’m’ mhisgear, no a’m’ shruthaire; agus gad a tha mi, math a dh’ fhaoidte, ni’s trice na bu chòir dhomh ann an cuideachda, cha chualas m’ fhacal àrd, no mo thuasaid, agus a bheil thu fein a’ diomoladh gach gnè shùgraidh, agus fhearas-chuideachd. LACH. Cha’n’eil idir; ach tha mi gu deimhin a’ dìteadh am baoth-shùgradh a tha tachairt air na còmhdhailibh sin, far a bheil òigridh ghòrach a’ coinneachadh, ann an tighibh òsda, agus far a bheil ioma peacadh nach ’eil sinn ag ainmeachadh, ga chur ’an gniomh, a tha tarruing masladh agus bròn na lorg, do mhòran dhiubhsan a tha gan tadhall. Cha’n’eil mis Fhionnlaith a’ dol gad cheasnachadh, ach is aithne dhuit a cheud cheist, Ciod is crìoch àraid do’n duine? agus a’ bheil e comasach dhuit a smuainteachadh gu bheil thus a freagairt na crìche so, no a’ glòrachadh Dhe air na còmhdhailibh amaideach sin air a’ bheil thu co déigheil? Am feudar cridhealas a chantuinn ri ni sam bith nach d’thoir sòlas le amharc air ais air. Na mhothaich thu t-anam riamh air ghleus gu moladh a thoirt do Dhia, no do thaingealachd a chuir an cèill da, air na h-àmannaibh mu bheil sinn a’labhairt? Far a bheil buaireas na dibhe, agus gleadhraich nam mionnan, a’fuadach gach deagh smuain o’n anam. An d’ thainig thu riamh air t-ais uatha ann am fonn ùrnuigh! Co liugha h-aon leis an do shuidh thu air na còmhdhailibh sin tha nis ann an siorruidheachd? An saoil thu an d’thug a h-aon diubh riamh buidheachas do Dhia, air leabuidh am bàis, arson uiread ’s a fhuair iad do shòlas o’n chridhealas air a bheil thus’ a labhairt? Agus a bheil e ea-comasach nach ’eil cuid [TD 57] diubh an ionad na dòruinn a tha caoidh uiread ’s a chaill iad d’an ùine san dòigh sin. Fhionnlaith bi glic, tha’m bàs a teannadh ort, tha’n t-àm a’ tarruing dlù, agus aig Dia tha bràth cia dlù ’s a tha e, anns am mothaich thu an saoghal so a’sleumhnachadh uait, agus siorruidheachd a’ fosgladh fa d’ chomhair. ’Nuair thig an t-àm sin, ciod an sòlas a bheir e dhuit, amharc air t’ais, air gach sùgradh faoin anns an d’iarr thu toileachas-inntinn? Tha mi rithist gad earlachadh, bi glic, agus thoir fainear: gabhamaid ceum suas a chum an tighe, ’s na cluinneam tuille an aghaidh leabhruichean no leughaidh, air an fheasgar so. FIONN. Gabh mo leithsgeul, a dhuine ghaolaich, gad a bha mis a’seanachas mar bha mi, cha’n’eil focal a thainig uait leis nach d’aom mo chridhe. Gun d’thugadh am freasdal duinn smuainteachadh air a chùis sin ni’s mò na a rinn sinn san ùine dh’fhalbh. T—O— DAN mu chraobh-sgaoileadh eolais air feadh na Gaeltachd. Bha na Gàidheil ro aineolach, dhall, Bha ionnsachadh gann ’nam measg: Bha ’n eòlas co tana, ’s co mall, ’S nach b’ aithne dhoibh ’n call a mheas. Cha chreideadh iad buannachd, no stàth Bhi ’n sgoileireachd àrd d’an cloinn, Ged fheudadh iad fhaicinn gach là, Gur i thog o’n làr na Goill. Ach b’annsa leo ’n airgiod, ’s an òr A chaitheamh gu gòrach truagh, Ri amaideachd, òranaibh, ’s òl, Ri bainnsibh, ’s ri ceòl d’ an cluais. Cha-n ioghnadh ged bha iad gun chàil, Do fhòcal na slaint aig Dia, Ged choisinn an nàmhaid an gràdh, ’S ged bha iad toirt da a mhiann. Ach theid aineolas nis as an tir, ’S gach cleachdadh neo-dhìreach, crom, A’s mealaidh sinn sonas, is sìth Gun fharmad no stri ’n ar fonn. Theid sgoilean chur suas anns gach cearn, Bithidh leabhruichean Gaelic pailt, Bithidh eolas, is diadhachd ag fàs Thig gach duine gu stàth, ’s gu rath. Nis “togaidh na Gaidheil an ceann, ’S cha bhi iad am fang ni ’s mo:” Bithidh aca ard fhòghlum na’n Gall, Is tuigse neo mhall ’na chòir: Theid innleachdan ’s oibrean air bonn, Chuireas saibhreas ’n ar fonn gu pailt, Bithidh ’n dìblidh co laidir ri sonn, ’S am bochd cha bhi lòm le h-airc. M‘G. EACHDRUIDH MU BHLIADHNA THEARLUICH. “Thainig mo Righ air tìr a’m Mùideart.” Cha’n’eil an t-àm fad air dol seachad ’nuair nach biodh e ceadaichte dhuinn ach labhairt gu faicilleach m’an chùis so. Dh’fhalbh Prionns’ Tearlach, agus cha d’ fhàg e oighre na dhéigh a tha tagradh na rioghachd o’n teaghlach àrd a tha nise thairis oirn. Tha righ Deors’ a nis air aideachadh, agus air a ghràdhachadh leis gach duine san eilean Bhreatunnach. Agus nam measg so gu leir, cha’n’eil daoine is toighich uime, agus si dìsle dha na Clann na’n Gael, seadh, eadhon sliochd na’n ceart daoin’ a dh’ éirich le Tearlach. Is iomad blàr garg san do dhearbh iad so: agus tha iad ag ràdh, nach ’eil duine san rioghachd is déigheil air naigheachd mu bhliadhna Thearluich, n’an righ fein, no ni’s togarraich duanagan an àma sin a chluinntinn. Chualas e gu tric a’ moladh na’n Ga’el, a chionn nach [TD 58] d’ fhuaradh duine nam measg a bha co dìblidh thruagh ’s a dheanadh brath air Tearlach, ga bu mhòr an t-airgiod cinn a chaidh a thairgse. Feudaidh sinn a nis labhairt agus sgriobhadh gu neo-sgàthach mu bhliadhna Thearluich; agus is cinnte leinn nach miste le òigridh na Gaeltachd an eachdruidh so éisdeachd. Dh’ fhalbh na seann laoich a b’àbhuist a h-aithris air an fheasgar gheamhruidh, agus tha i na h-uile bliadhna a’ dol ni’s mò air dì-chuimhn. ’S ann air an 20bh là do Mhios meadhon an t-samhruidh, anns a bhliadhna 1745, a dh’fhàg Prionns’ Tearlach an Fhraing, ann an Soitheach cogaidh, agus a rinn e arson Gaeltachd na h-Alba, chum oidheirp a thoirt air rioghachd athair, ’sa shean-athair, agus an teaghlach rioghail a ghairmeadh a stigh nan àite, fhogradh air an ais do Hanobher o’n d’thainig iad. Cha d’thug e leis ach dà mhìle gunna, agus cùig no sè ceud claidheamh Frangach. Cha robh saighdear ainmeil ’na chuideachd; agus cha robh aige ach tri ’no ceithir do mhìlte punnd Sasannach do airgiod. Bha uile earbsa as na càirdean a bh’ air thoiseach air, agus chuir e roimhe e fein a thilgeadh nan uchd. Rainig e ’n t-eilean fada, agus thilg e acair anns a chaolas eadar Uist agus Eirisca. Chuir e’n oi’che seachad air tìr, chuir e fios air Fear-Bhoisdail, bràthair do Mhac ’Ic Ailean, ach dhiult an duine so éiridh leis; agus rinn e na dh’ fheud e chum a thoirt air Tearlach dol air ais mar thainig e; ag asluchadh gun chogadh a dhùsgadh san àm, ni nach feudadh gun mhilleadh a tharruing air fein agus air na dh’éireadh leis. ’Nuair mhothaich am Prionnsa nach drùigheadh e air, thug e Arasaig air, agus air an aon-là-deug do mhios deireannach an t-samhruidh, thainig e gu acair ann an Loch-na’n-gall. Chuir e fios air Mac’Ic’Ailean òg, fiuran co flathail ’sa sheas riamh air balt bròige. Thainig am Mùideartach òg so na làthair air an là màireach, le Fear-Ghlinnealadail agus fear Dhail-eilealadh. Rinn iad na dh’fheud iad ga chomh-iarleachadh gun an oidheirp a thoirt; bha e fein agus iadsan a spaidsearachd ’an deireadh na luinge, esan ag asluchadh orrasan éiridh, agus iadsan co dian ga dhiultadh. ’Nuair nach mòr nach d’fhartluich iad air, mhothaich e Ga’el eireachdail na làn éididh, bràthair do Fhear Cheann-Locha-mùideart, a seasamh an ceann eile na Luinge. Thuig an Ga’el cò a bh’ann, agus chualadh e le iongantas agus corruich, a cheann-cinnidh agus a chàirdean a diùltadh éiridh leis. Thainig rughadh air a ghruaidh, ghlac e chlaidheamh gu gramail na laimh, thug e ceum goirid air ais agus air aghaidh, air clàr na luinge, le colg buaireasach ’na shùil. Mhothaich am Prionnsa dha so, thionndaidh e ris, agus thuirt e, An éirich thusa leam? Eiridh mi, a deir Raonull òg Cheann-locha-mùideart, agus ga nach biodh duin eile an Albuinn a dheanadh e seasaidh mi le m’ Phrionnsa gu bàs. Thainig na deoir an sùilibh a Phrionnsa, A Fhleasgaich fhoghaintich, a deir e, nam biodh mìle do d’leithid agam, ghearrainn a mach slighe chum righ-chaithir mo shinnsir. Cha luaithe chuala Mac-’Ic-Ailean ’s a chàirdean so na ghéill iad dà, agus dh’éigh iad a mach, éiridh sinn uile leat, a Thearluich Stiubhairt, Prionnsa, agus oighre Bhreatuinn. Latha no dhà an déigh so, chuireadh am Mùideartach òg air theachdaireachd a dh’ ionnsuidh Mhic-Leoid, Dhunbheagain, agus [TD 59] Mhic Dhòmhnuill Shléite, a dh’ fhiach an éireadh iad leis a Phrionnsa. Dhiult iad e gu tur, a’ tairgse mar leith-sgeul, nach d’thug e leis am feachd a gheall e; agus nach biodh iad co amaideach agus sgrios a thoirt orra fein agus air an daoine, ’n uair nach robh e, do réir coslas, gu buadhachadh. Bha so na chulaidh mhòr mhulaid do Thearlach, oir b’urrainn na Cinn-fheadhna sin, nan éireadh iad leis, sluagh mòr a thogail. ’S ann o thigh Fir-Bhoradail, far an robh ’m Prionnsa chòmhnuidh, a chuir e teachdairean a mach air feadh na Gaeltachd air fad, a thogail a chàirdean. ’S e cheud aon a thainig ga fhaicinn Domhnull Camshron, mac Mhic Dho’nuill duibh, duine co measail, agus gaisgeach co curanda ’s a bha ’an Gaeltachd Alba. Cha robh Lochiall òg na bu togarraich air éiridh leis na bha càch, a thaobh gum’ fac e gun robh e gun daoine, gun airm, gun airgiod. Ach cha luaithe a thainig e na sheanachas, na chaidh gach cunnart air di-chuimhn’, agus chuir e roimhe éiridh leis ge b’e mar thigeadh a dheireadh. Phill e gu grad do Lochaber a thogail a dhaoine mar rinn gach Ceann-cinnidh eile air an do chuir e impidh éiridh leis. Chaidh a nis a shocrachadh gu’n togta bhratach ann an Gleann-fionan, air an naothamh là deug do’n ath-mhios, agus chuireadh a mach litrichean chum gu’n coinnicheadh a chàirdean uile e air an là sin san ionad sin. Dh’ fhàg am Prionnsa tigh Fir-Bhoradail, agus chaidh e do Cheann-loch-muideart, agus as a sin do thigh Ghlinnealadail ri taobh Lochseile. ’Nuair a thainig an là san robh i ri bhi air a togail, rainig e Gleann-fionan, beagan roi mheadhon là, far an robh dùil aige gu’n coinnicheadh na Fineachan Gaelach e ’nam mìltean, Ach, ’nuair a rainig e, bha’n Gleann co ciùin shàmhach ’s a bha e aon latha riamh. Cha robh daoine na feachd ann. Smuainich e gun d’thainig sgiorradh eiginn air na daoinibh ris an robh fiuthair aige, agus chaidh e stigh do bhothan bochd a bha dlù do laimh, an dòchas gun d’thigeadh cuid diubh. Fadheoidh chualas nuallan pìoba o ghualadh beinne a bha fa chomhair, agus gu grad chunnaic Prionns’ Tearlach buidheann lionmhor a tearnadh. B’e Mac-Dhò’nuill-duibh ’s a chinneadh a bh’ann, fo bhreacanan fhéile, ’s fo’n làn armaibh. Air a thogail leis an t-sealladh so, agus leis a chunntas a fhuair e mu chath a chuir iad fein agus Clann Dòmhnuill na Ceapaich, agus Ghlinne-garadh, ’an aghaidh nan Saighdairean dearga, cha do chuir e tuille dàil ann an cogadh a ghairm ann an aghaidh righ Deòrsa. Chaidh iad an sin gu mullach tuim ’am meadhon a ghlinne, far an do thog iad a bhratach sin a bha co dòineach na dhiaigh sin do Albuinn. Cha luaithe chunnacas a a bhratach na ghleusadh gach pìob ga fàilteachadh, agus thogadh a bhuaidh chaithream leis an àireamh lionmhor a bha mu timchioll. Tamull beag na dhiaigh so, thainig Mac-mhic-Raonuill na Ceapach le tri cheud do cheathairnich fhoghainteach; agus an dàil an anamoich, thainig daoin’ uaisle do Shìol Leoid as an Eilean Sgiathnach, a’ tairgse éiridh leis, a dh’ aindeoin mar rinn an ceann-cinnidh. Champaich am feachd so, a bha mu thimchioll dà-cheud-deug an àireamh, air an oi’che sin anns a Ghleann; agus mar so thòisich an iomairt, air a bheil a mhiann [TD 60] oirn beagan a labhairt o àm gu h-am. T—O— DAN DO CHAISTEAL DHUAIRT. Chunnaic sinn o cheann ghoirid dàn a rinneadh ann am Beurla, do bhrataich a chunnacas a’ snàmh air a Chaisteal so air maduinn là na sàbaid, mar chomharadh do’n Dùthaich gum biodh searmoin air an là sin sa choimhearsnachd. Dh’fheuch sinn ’sna rannaibh a a leanas suim an Dàin sin a chur ’an céill. Air do bhallachaibh aosda a Dhuairt nan saoi, Gur h-àluinn do bhratach a’ snàmh anns a ghaoith; Air a bhaideal m’an iadh an eidheann gu h-àrd, Tha’n sanus ri fhaicinn air maduinn an àigh. Tha m’anam a lasadh le aiteas, ’s le faoilt, Ann leirsinn do bhrataich, a Dhuairt a chaoil; An ùr bhratach, àluinn gu h-àrd ris a chrann, Tha lìonadh le sòlas luchd-àiteach’ nam beann. Cha sanus a dhùsga na dùthcha gu blàr, Cha sanus gu éiridh le chéile gu h-àr, Cha sanus gu còmhrag, gu creach, no gu strìgh, Ach sanus tha tàladh gu àros na sìth. Fàilt air a bhrataich,—O! ’s taitneach an sgeul, Tha i sgaoileadh an diugh mu eirthir a chaoil, Air moch-thra na sàbaid chaidh a luasga sa ghaoith, A dhùsgadh na dùthcha gu lùth-chuirt nan laoidh. Cha’n’eil fiamh air an òigh roi’ bhratach an àigh, Gu’n gairmear air falbh uaipe leannan a gràidh; Tha màthair nam fleasgach gun eagal, gun fhuath, A’ faicinn an t-sanuis air Caisteal na’n stuadh. ’Deir an t-aosda, ’se ’g éiridh le faoilt air a ghruaidh, O! chi mi an sanus tha tional an t-sluaigh, Mo cheum ged is anfhann, ’s mo chiabh ged is liath, Théid mi le sòlas thabhairt aoradh do m’ Dhia. O! nach robh bratach gach dùthcha, ’s gach tìr, Air an sgaoileadh mar so air maduinn na sìth, A’ toirt caiseamachd àrd a thuigeadh na sloigh, Iad a dh’aoradh do’n Ti gan dligheach gach glòir. T—O— MORT GHLINNE COMHANN. ’S gann gu bheil cunntas againn, air gniomh co duaichnidh agus co bruideil ri Mort Ghlinne comhann. Anns a bhliadhna 1691, thainig lagh a mach gach aon de na Gael, nach mionnaicheadh a bhi dileas do Righ Uilleam roimh’n cheud là de’n bhliadhn’ ùir, gun rachadh a’ meas mar reubalaich, agus gum buinte riu da réir. Chaidh Mac’ic Iain Ghlinne comhann, meur àrd do’n fhine Dhomhnullach, agus maille ris na daoine bu mheasaile d’a chinneadh, gu COIRNEAL HILL, a bha os ceann Daighneach Ionarlochai, chum a’ mionnan a thoirt. Rinn an COIRNEAL am beatha, ach ma thimchioll na’ mionn chuir e’ chuis a’ null ’s a nall, a leigeadh air nach buineadh [TD 61] dh’asan a’ mionnan a ghabhail; gur h-ann a bhuineadh e do Shiorramaibh, do Bhaillinibh, agus an leithide sin. Thuirt Mac’ic Iain ris o’n bha’n t-àm cho dlù gun robh eagal air gun ruitheadh e’ mach m’am biodh e ’na chomas siorram na Baillidh fhaicinn: air ’so thug an COIRNEAL dh’a litir-dhidein, agus rinn e cinnteach e nach deanadh an righ no duine bha fodha dochann air gun bhràth a thoirt dh’a roimh laimh, agus ùine labhairt air a shon fein. Leis a so chaidh Mac’ic Iain dhachaidh làn thoilichte, ach, chum a chuis a chur a’teagamh, thug e Ionaraora air gu Sìr Cailein Caimbeul, siorram na Siorramachd agus, ghuidh e air a Mhionnan a ghabhail. ’Sa cheud dol a mach cha robh Sìr Cailean toileach a chionn gu’n robh e là an deigh an àm’, ach thùirt Mac’ic Iain ris nach b’e choire-san a bh’ann, gun deach’ e tràth gu leoir gu COIRNEAL HILL, neach a shaoil e ’dheanadh a ghnothach, ’s gum biodh e tràth gu leoir an Ionaraora cuideachd mar biodh gun do chum an droch shid’ air ais e, agus mar bha nach robh e ach aon là ’n déigh laimhe. Ma dheireadh ghabh Sir Cailein a mhionnan agus mionnan na’n uaislean a bha maille ris, agus phill iad dhachaidh. Anns a cheud mhios do’n bhliadhna 1692, thainig cuideachd de reiseamaid Iarl’ Earraghael do Ionarlochai. B’e barail dhaoine ’m bitheantas gum b’ann a chur eagail air muinntir a bha seasamh a mach a thainig iad, ach thug iad fein a mach gur ann a thainig iad a thogail airgid teallaich. O bha freiceadan Ionarlochai dòmhail chuireadh na saighd’earan air chairtealan do Ghleanna Comhann, ach bha Mac’ic Iain anamharasach umpa, agus ’nuair chunnaic e iad a’ tighinn am fradharc chaidh e na’n coineamh, agus dh’fheòraich e dhiu an robh iad a’ tighinn mar chàirdean no mar naimhdean? “Mar chàirdean” arsa na h-oifigich, “is tha sinn a’ gealltainn air ar n’ onoir nach dean sinn beud dhuit fein no do neach a bhuineas dhuit.” Rinn Mac’ic Iain am beatha, ’s cha robh ach caoimhneas agus fialachd air gach taobh fad cheithir là deug, no mu’n tuairm’ sin. Bha co beag amharais aig Mac’ic Iain gun robh droch ni sam bith am beachd nan saighd’eara ’s gun robh e ’g iomairt chairtean leis a cheannard, Caiptein Caimbeul Ghlinn-liobhann gu seachd uairean an oi’che roimh’n mhort. Uaireiginn air an là sin fein fhuair an Caiptein litir o Mhaidsir Duncanson anns na briathraibh a leanas. “Gu Caiptein Raibeart Caimbeul,” “Tha e air àithne dhuit leis an litir so làmh a chur anns na reubalaich Clann Domhnuill Ghlinne Comhann, agus a h uile h-anam dhiu, fuidh thri fichead bliadhna ’sa deich a sgrios. Tha thu ri geur aire thoirt nach téid an seann sionnach, no chuid mhac as. Tòisichidh tu orr’ air a shùil air chuig uairean sa mhaduinn a’ màireach, agus feuchaidh mise ri bhi agad le buidhinn laidir mu’n àm sin. Mar ruig mi direach air an uair na fuirich mionaid, ach tòisich orra. ’Si so àithne shonraicht’an Righ; feuch gun géill thu dh’i, no measar thu mi-dhileas dhà, agus neo-airidh air a bhi ’na sheirbhis. “RAIBEART DUNCANSON.” Bailechaolais, An dara Mios, 1692. Chi sinn a nis an t-òrdugh a fhuair Maidseir Duncanson e fein o Choirneal Hamilton. “Gu Maidseir Raibeart Duncanson. Tha thu fein, agus a chuid de [TD 62] reiseamaid Iarl’ Earr’ghael a tha fo’ d’ riaghladh ri gnothach Ghlinne Comhann a dheanamh. Feumaidh tu uime sin a bhi deas, gach bealach a dheanamh tearuinte, agus teannadh ri h-obair air chuig uairean a’ màireach, di-sathairn. Feuchaidh mis agus mo ghillean ri bhi air a cheart uair anns na h-àiteachaibh eile. Cuiridh tu freiceadan air na bealaich taobh deas a Ghlinne, agus ni thu’n t-aiseag tearuinte man téid an seann sionnach, no aon de chuileinean as. Cha’n’eil thu ri h-aon a chaomhnadh fo thri fichead bliadhna ’s a deich, no ri trioblaid na cosdas a chur air an rioghachd le priosanaich. ’S mise &c. SEUMAS HAMILTON.” Bailechaolais, An dara mios, 1692. Bha na saighdearan air an sgapadh an sud ’s an so, triuir no mar sin anns gach tigh: Thug na h-oifigich ordugh dhoibh an diomhair, agus air chuig uairean an la’r-na-mhàireach ’nuair bha gach teaghlach gun fhiamh gu’n umhail nan suain air an leapaichibh thòisich obair a bhàis! ’S ann an sin a bha an casgradh! leapaichean a’ snamh le fuil,—a’ mac ’s an t-athair a’ rodhadh na’n gaor—leanaba agus màthraiche ri éigh chianail mar éigh na h-Eiphit, ach cha robh tròcair ri fhaotainn, cha robh tiota gu ùrnuigh chur suas! chaidh duine còir a bha os ceann ceithir fichead bliadhna a mhort: bha guillan mu ochd bliadhna dh’aois, ’s nuair a chual e’n greadan cruaidh, ’s a chunnaic e’n casgradh, ruith e mach as an tigh dearg ruisgte, agus, air dha an Caiptein Caimbeul fhaicinn, air an robh e mion-eolach, ghlac e air chasaibh e, ’g eigheach tròcair tròcair, rainig a ghlaodh Mac-talla, agus ruith “tròcair, tròcair” o chnoc gu cnoc: bha’n Caiptein air a chur thuige cho mhor ’snach b’urrainn e dochann a dheanamh air, ach nuair chunnaic ofigeach d’am b’ainm Drummond so, ruith e ’s chuir e bhiodag an cridhe a ghiullain!!! Thuit Mac ’Ic Iain fein làn fola ann an uchd na ban-tighearna, ’se cur aodaich uime! mhortadh gu leir mu thimchioll ochd pearsa deug ’ar fhichead! Ach bu bheag so de na bha mhiann oir’ a mhort: bha ceithir cheud saighdear ri tòiseachadh air an obair cheudna, aig ceann eile ’ghlinne air an uair shuidhichte, ach chunnaic Dia iomchuidh gu’n robh an oi’che cho doirbh ’s nach robh e na’n comas ruigheachd ann an àm. Thug so cothrom do mhòran dol as: theich a chuid bu mhò do na mnathan a chum nam beannta’ leth-ruisgte; cuid dhiu le’n ciochrain mhaoth na’n gairdeinibh, cuid dhiu làn thorrach, bhàsaich a chuid bu mhò dhiu le fuachd ’s le ocras! Chaidh an tighean a chur ri theine,—dh’iomaineadh an spréidh, naoi ceud bò; da cheud each, le caoraich a ’s gabhair gun àireamh gu Ionarlochi, ’s roinneadh air na h-oifigich iad! A dhaindeoin na rin’n iad chaidh dithis mhac Mhic’ic Iain as. Bha’m fear a b’òige dhiu fad na h-ùine an-amharasach mu Chaiptein Caimbeul agus ’n uair a rachadh càch a luidhe rachadh esan do chùil, ach bha gach neach a fochaid air. Air an oi’che dhuibh so chunnaic e tuille shaighdearan a’ tighinn do’n tigh-fhreiceadain. Mheudaich so an-amharas: chaidh e agus thug e faireachadh d’a bhràthair, agus d’a athair, ach cha creideadh athair gun robh droch ni air bith nam beachd. Dh’ fhalbh an dithis bhràithrean, ’s dheàlaidh iad gu fàilidh dlù don tigh fhreaceadain feuch ciod a chitheadh na chluinneadh iad, ’s an àite, aon saighd’ear chunnt iad deichnear! Chual’ iad fear dhiu ’g radh r’a [TD 63] chompanach. “’S beag orm fhin so fein; nam biodh fhios agam gum b’i so an obair a bh’aca dhuinn cha d’thainig mi; cha’n’eil ach ceithreamh na h-uaire o na dh’innseadh dhomh e, bhithinn toileach gu leoir blàr a thoirt dhoibh, ach cha’n’eil ann ach gnothach bruideil a’ mort air an leapaichibh.” Ars’ a chompanach, “cha’n ann againne tha choire, ’s eiginn dhuinn géilleadh d’ar n’ òrdugh.” Cha d’fhan an dithis bhràithrean ri tuilleadh a chluinntinn, dh’ fhalbh iad chum na chual’ iad innse d’an athair, ach ’nuair a rainig iad an tigh bha e air a chuartachadh,—chual’ iad tairneanach na musgaidh air marbh na h-oi’che, chual’ iad lasan, is bas-bhualadh, is osna chianail a bhàis air gach taobh; smaonaich iad air ball mar bha chuis ’s thug iad as an casan. Cha b’ioghnadh da rireadh ged’ bha’n oi’che doirbh; cha b’ioghnadh ged chuir a ghealach neul eadar i ’san sealladh; ’s ann is aobhar ioghnaidh nach robh crith-thalmhainn agus uamhann ann. ’Nis a Theachdaire ghaolaich dh’innis mi dhuit mo sgeul. Rach agus faic an gleann; ’s fiach e’n t-saothair. Chi thu beannta mòralach le currachd ciar de cheò m’a cheann gach té,—an eilid s’an damh donn le chròic-cheann mar choill’ aig imeachd,—an iolair shuas a’measg nan neul,—na h-uain a méulaich le fiamh,—na h-easan ri monmhor trom ag innseadh, mar gum b’ fheadh do’n fhear rathaid na thachair ann. MACTALLA. EILEAN CHOLA, An cuigeamh mios, 1829. MA’N SGADAN. O’n is ann ma’n àm so bhliadhn’ is gnàth leis na Sgadain eirtheir na h-àird an Iar, agus Tuath a thadhall, tha sinn ’am barail gum bi e taitneach d’ar luchd-dùthcha beagan do eachdruidh an Sgadain a chluinntinn. ’S anns ’sna cearnaibh is fhaide mu thuath a tha lionmhoireachd na’n Sgadan. ’S ann mu mheadhon a gheamhruidh is tric leo na cuainte tuathach sin fhàgail, nam buidhnibh ni’s lionmhoire na’s urrainnear àireamh, no eadhon a smuainteachadh. Cha luaithe dh’ fhàgas iad an cairtealan geamhruidh a bha aca fo’n eidh, na tha mìltean de naimhdean air an tòir, iasgan agus eunlaith sgriosach de gach seorsa gu cur as doibh. ’Nuair a dh’éireas na sgadain suas gu uachdar an t-sàile ri là gréine, tha iad a’ dealradh cosmhuil ri neamh-nuidibh soillseach; agus air feadh na h-oidhche tha iad cosmhuil ri meall teine air aghaidh na fairge. “Air do’n tachdar mhòr éisg so àit àraidh anns a chuan mhòr a’ ruigheachd, tha iad an sin a’ dealachadh ri chéile, cuid diu a’ gabhail an Iar, chum America, agus àireamh mhòr eile a’ deanamh arson rioghachdan na Roinn-Eorpa. ’Nuair a ruigeas iad so taobh tuath Alba, tha iad an sin a’ sgaradh o chéile; cuid diu a’ dol gu tràigh na h-àirde ’n iar; cuid diu gu tràigh na h-àirde deas do Bhreatann, agus do Eirinn; agus cuid eile dhiu a’ dol gus na tràighibh mu thuath do’n Roinn-Eorpa. Stadaidh iad sna h-àitibh sin gus an tig àm na claidhe, agus air dhoibh an iuchragan, no na sgadain òga fhàgail, tha iad a’ tionndadh gu tuath do na h-ionadaibh is doimhne de’n chuan, far a’bheil iad a’ fantuinn gus an òrduich an Cruithfhear uile ghlic dhoibh, tre lagh nàduir, gluasad a rìs a dh’ionnsuidh na h-àirde deas.” ’Nuair dh’fhàgas an sgadan an cuan tuathach, tha iad co lion- [TD 64] mhor ’s gu bheil daoine fòghluimte ’g innse dhuinn, ged bhiodh na tha de dh’ eich air aghaidh an t-saoghail air an luchdachadh leo, nach giulaineadh iad am mìle cuid diu. Agus ’nuair a dhlùthaicheas am meall mòr dhiu chum a chladaich, tha iad air an roinn nam buidhnibh air leth, agus tha gach buidhinn diu so cuig no sea mìle air fad, agus tri no ceithir air leud. “’S iad na sgadain a ghlacar sna h-uisgeachaibh domhain is fearr a thaobh meud agus blas. ’Se so is aobhar gu bheil sgadan na h-àird an Iar ni’s priseile na sgadan na h-àird an Ear de Albuinn. Tre thoirbheartas an Tighearna is mòr an lòn a tha’n duine ’tarruing as a mhuir. Tha tachdar mòr sgadain air an glacadh gach bliadhna, agus air an sailleadh arson a mhargaidh. Tha mòran a dh’àitibh iasgaich ’nar tir, agus tha na h-iasgairean ’nam maraichibh cruadalach tapuidh. Tha iad a’ lionadh a chàbhlaich Bhreatannaich le deadh mharaichibh, agus o so feudar a ràdh gu bheil iad nam balladh-dìonaidh do’n rioghachd. Treun ri h-àm cruaidh-chais, agus foghainteach ri h-uchd feuma, theid iad gu sunntach suilbhear ’an dàil gach tuiteamais a thig fa’n comhair; agus an uair a bhios rioghachdan eile ’g ar bagradh le cogadh, seasaidh iad gu dìleas duineil air ar son.” Agus a nis nach iomchuidh an ni dhuinn beachdachadh le ard urram agus taingealachd, air caoimhneas agus gliocas an Ti ghlormhor sin, a tha anns àm is freagaraiche a’ stiùradh an éisg fheumail so gu eirthir ar dùthcha; oir ’s esan a tha gan aomadh gu tighinn, agus an uair a thig an t-àm ’se tha ga’n gairm air falbh. A’ bheil sinne taingeil do Dhia arson a thròcair sa chùis so? A’bheil sinn ag aideachadh a làmh fhialuidh anns an tachdar luachmhor mhara so, a tha e cur o bhliadhna gu bliadhna ’nar caramh? A’ bheil, na h-iasgairean fein ag iarruidh soirbheachadh o Dhia? A’bheil iad a’ dol gu fairge, ’s a’ tilgeadh an lìn ann an làn earbsa ri caoimhneas a fhreasdail? Is iomad cunnart agus dosguinn ga bheil iad buailteach; agus nach uamhasach r’a smuainteachadh na tha de mhisg, is de ghòraich, de an-diadhachd agus de mhalluchadh a’ dol air adhart a measg iasgairean an sgadain. Cha b’ann mar so a bha ann an cuid de chearnai nar dùthaich anns na lìnnibh a dh’fhalbh, ’nuair a chluinnte fuaim na’n salm o gach bàta, ’sa chìte gach iasgair le cheann rùisgte, is le shùil gu neamh, ag asluchadh o Dhia beannachadh air an saothair. T. O. MU INNEAL NA DEATHACHA.* Ann an lionmhoireachd innleachdan Mhic an duine, cha’n’eil, math a dh’fhaoidhte, a h-aon is feumaile no an t-Inneal so. Feudar gu dearbh, a càramh a’ measg iongantais an t-saoghail. Cha’n’eil e soirbh, agus cha mhò a dh’ fheuchas sinn ris an acfhuinn innleachdaich so a mhìneachadh; ach feudaidh sinn beagan a chur sìos uimpe. Tha fios aig gach neach a chunnaic coire, no soithach sam bith eile, làn uisge air an teine, an uair a thig an t-uisge gu goil, gun éirich deathach a mach, agus ma ghleidhear an coire * Steam Engine. [TD 65] fad air an teine gum falbh an t-uisge air fad ’na dheathaich. Faodar an deathach so a ghleidheadh gu teann ann an soitheach far nach bi dol as aice, ach feumaidh an soitheach a bhi diongmhalta, laidir, no sgàinidh e le neart na deathaich. Ma thilgear, uisge fuar air an deathaich so caillidh i a cumhachd, agus tionndadhar air a h-ais gu uisge i. Anis so an doigh air a’bheil an t-inneal iongantach so, air a’bheil sinn a’labhairt ag oibreachadh. Tha coire anabarrach mòr air a dheanamh do iarunn no dh’umha, air a lionadh le uisge, agus air a thoirt gu goil. Anns an doigh so, tha mòran deathach ag éiridh a tha dol roi fheadan mor farsuing, cosmhuil ri baraille fada iaruinn, a tha g éiridh o mhullach a choire so. Anns an fheadan so, tha slat iaruinn air a cumadh co dlù theann agus nach faigh an deathach suas eadar i agus am feadan, ceart mar chithear slat gunna-sgailc. ’Nuair a leigear an deathach a stigh do’n fheadan ann an iochdar na slaite so, sparraidh i suas i le anabharr cumhachd; cha luaithe ruigeas i gu h-àrd, na dh’fhosglas àite àraidh a leigeas a stigh steall uisge, a dh’fhionnaraicheas an deathach a chuir suas e, agus anns an àm cheudna tha àit eile fosgladh gu h-àrd a tha leigeadh deathach ùr a nuas os a cheann, agus mar so ga sparradh air ais leis a chumhachd cheudna leis an d’éirich e. Anns an dòigh so tha’n t-slat so a tha cur na h-acfhuinn air fad fo gluasad a’ direadh ’s a’ tearnadh le neart do reir cumhachd na deathacha tha air a chàramh rithe. Tha ùine mhòr o fhuaradh a mach cumhachd deathacha chum acfhuinn a ghluasad; ach bha greis m’an do chuireadh gu feum t-innleachd so. ’S ann chum uisg’ a thaosgadh a sluichd ghuail, a chuireadh an t-inneal so air tùs gu fòghnadh; na dhéigh sin chum gual a tharruing air rathad còmhnard. Tha féunain ghuail ann an Sasunn air an gluasad le deathaich, a ghiulaineas sea fichead tunna còmhlath, agus a ni ceithir mìle san uair. Tha daoin’ innleachdach a’ feuchainn a nis ri carbadan a chuir air ghluasad le neart na deathacha, ach tha iad anabarrach cunnartach, agus nan rachadh a bheag air aimhreidh, spealgadh na cuibhleachan, agus thàirneadh iad sgrios air gach neach a bhiodh sa charbad. Ann am Portsmouth tha bheairt-dheathaich is innleachdaich san t-saoghal; beairt a tha deanamh ulagan, agus roithleanan, arson cabhluichean Bhreatuinn. Tàirnidh a bheairt so an t-sail is mò a stigh air an t-slochd-shàbhuidh, gearraidh agus snaithidh i e mar dh’fheumas e. Uimichidh i gach roth agus ulag, agus gach gne oibre a dh’iomaireas iad, agus le saothair deichnear dhaoine, ni i seachd fichead mìle ulag dheas choi’leant ann am bhliadhna. Anns an àite cheudna tha na h-achdairean is mò air an cumadh leis a bheairt so; agus an t-umha a bhios iad a’ fuaigheal air iochdar na’n loingeas air fhuineadh a mach leatha, co soirbh ’s ge b’e taois a bhiodh foidhpe. ’S ann leis a chumhachd cheudna a tha iad a’ sniomh a chanaich agus an t-sìoda, agus arson pailteachd agus saoiread a ghuail ann am Breatunn tha iad na’n urrainn am bathar so a reic ni’s saoire na aon rioghachd eile. Tha uiread oibre air a dheanamh le beartan deataich ann am Breatunn sa dheanadh ceud mìle each, agus ma bheir sinn fainear co tric ’sa dh’fheumar na h-eich a mhùghadh, chosdadh iad [TD 66] dà mhuillein airgid sa bhliadhna. ’S ann sa bhliadhna 1807, a chaidh a cheud shoitheach smùid a chur air sàile. ’S ann an America a chaidh so a dheanamh, agus air Cluaidh cùig bliadhna an déigh so. Tha iad a nis ro-lionmhor, agus gach là a’dol an lionmhoireachd. Tha iad a’ smuainteachadh té dhiu a chur eadar Sasunn agus Innsean na h-àird an Ear, agus tha fiughair aca, an turas a b’àbhuist sea mìosan a ghabhail, gun dean is’ e ann an sea seachduinean. Thainig té dhiubh o cheann deich bliadhna o America, asdar ceithir mile de mhìltean, turas a rinn i ann an là thar fhichead, a deanamh mar so dà cheud mìle san latha. ’S gann gu bheil e comasach innse na sochairean a tha ’g éiridh o’n innleachd iongantaich so, nach ’eil do réir coltais ach na toiseach. Is urrainn doibh le so an achdair is truime a dhealbh, agus crò a chuir anns an t-snàthaid is caoile;—is urrainn doibh an càbull is gairbhe a thoinneamh na chéile, agus an snàthainn is grinne a tharruing a mach; is urrainn di obair ghréis a chur air an anart is caoile; gearraidh i dealbhan air a ghloin is fìnealta, gun a bristeadh;—fuinidh i mach na dhuilleagaibh tana an t-iarunn is cruaidhe;—ni i am paipeir is snasmhoire, clò-bhuailidh i leabhruichean, agus cuiridh i ’n soitheach is truime luchd, an aghaidh sruth agus soirbheis. Tha aobhar againn gu chreidsinn ’nuair a thig an t-innleachd so gu barrachd foirfeachd, gu’n gnàthaichear soithichean na smùide ma’r an t-inneal i’s luaithe, agus is goireasaiche eadar na rioghachdan is fhaide o chéile; agus mar so gum bi ait-theachdaireachd na slainte air a craobh-sgaoileadh gu crìochaibh iomallach an domhain. Tha muinntir na Criosdachd a nis air an dùsgadh o’n neo-shunnt, agus ag iarruidh am Biobull a chuir a dh’ionnsuidh gach neach aig nach ’eil e. Tha teachdairean an Fhir-shaoruidh, le teisteas De nan làmhaibh, agus focal na slainte nam beul, ullamh gu dol a mach a shearmonachadh do gach rioghachd, agus sluagh, agus nach ion duinn an dòchas àrach, ’nuair a réitichear mar so an rathad rompa, agus a ghiulainear iad le leithid do luaths, gun d’theid rioghachd an dorchadais, an gradaig, gu làr, agus gu’n còmhdaich eolas an Tighearna an saoghal mar tha na h-uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge. T—O— Dàn, mu chraobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Theid an Soisgeul le sholus mar ghrian, A dh’ionnsuidh an Iar mu’n cuairt; America, ’s Innseanaich fhiat, Is Eileanaich cian a chuain; Tha iad aineolach, alluidh, gu’n chiall. Tha’d buaireasach, fiadhaich, coirbt, Tha’d diorrasach, dioghaltach, dian, Bras, àrdanach, iargalt, borb. Bi’dh gach aidmheil is creidimh nan aon, Gun seachran, gun aomadh clì; Thig na Pàpanaich thugainn gu saor, An ceangluichibh gaoil, is sìth. Thig Arabaich, ’s Turcaich le chéil, Is éighear Mahomet a sìos; Thig na h-Iudhaich le dùrachd nan déigh, Thoirt ùmhlachd, is géill do Chriosd. Cha bhi dùthaich, no rioghachd fo’n ghréin, No fine, no treubh, no clann, Air nach soillsich an soisgeul gu réidh, Man dìobair an fhéill a th’ ann. Nach aoibhinn an obair do dhaoin’, Am biobull a sgaoileadh ’an céin? [TD 67] Bhi gnàthach’ an dìchill ’s am maoin, Chur innleachdan gaoil ’an céill. M‘G. A GHEUG BHRISTE. An naothamh là de’n Mhàigh. Air an là chiatach so, tùs a chéitein da rìreadh, thachair dhomh bhi dol seachad air lios bòidheach, anns an robh mòran de chraobhan a bha nis a’ fosgladh a mach fo bhlàth ùr’or. Bheachdaich mi gu h-àraidh air craoibh dhreachmhoir fo’ choslas co àillidh ’sa chunnaic mi riamh. Crochta ris a chraoibh so bha meanglan briste, cha robh e uile gu leir dealaichte o’n a chraoibh, bha fior bheagan fiodha agus caileiginn dhe’n rùsg ga’n cumail ri chéile. Ach ’se’n ni chuir iongantas orm gun robh blàth air a ghéig so co ùrmhor àluinn ri aon ghéig a bhuineadh do’n chraoibh. Cionnas a thachair so, a deir mise rium fein, nach blàth so nach bi toradh ’na lorg? Ach an d’thig e dhomhsa labhairt mar so? Mise tha ann am ghéig bhriste mi fhìn, air mo sgaradh, gu inbh bhig, o’n fhìneamhuin fhior? A’bheil a gheug bhriste na culaidh-iongantais ni’s mò na mise? Tha i da rìreadh lag, ach tha dàimh bheo eadar i fein agus a chraobh o bheil i a’ tarruing a sùgh agus a brìgh: is earrann i fhathast de’n chraoibh; uime sin tha i fo bhlàth. Bi taingeil, O! m’anam, tha thu da rìreadh a’ d’ mheanglan lag, ach fhad ’sa tha aobhar dòchais agad nach ’eil thu air do sgaradh gu tur o’n chraoibh, na tuit gu dìobhail misnich. Anns a bhlàth a tha thu a’ nochda tha dearbhadh agad gu bheil thu fhathast ann an dlù dhàimh ris a chraoibh. Ach O! an d’thig am blàth so gu bhi na mheas? Is earrann da rìreadh mi de’n chraoibh, ach is earrann chearbach leth-oireach; cha’n aonaich mi gu bràth ris a chraoibh; leagaidh a cheud d’fheuchainn mi, agus is iomad oiteag laidir a shéideas m’an d’thig am fogharadh. ’Nuair a thig fear coimhid a ghàraidh, a dh’iarruidh meas abuich o na geugaibh eile, gum bi mise, tha aobhar eagail orm, cosmhuil ris a mheanglan lag bhriste chunnaic mi’n diugh, air m’fhaotainn gun mheas gun toradh. Chaidh mi air m’aghaidh le cridhe trom. Air an oi’che sin fein shéid a ghaoth, agus thuit na tuiltean; a’ measg smuainte na h-oi’che, ’s mi ’m aireachadh air mo leabuidh, thainig am meanglan briste ’am aire. Mo thruaighe! a’ deir mise, Tha thus an nochd air làr, do bhlàth air seargadh, agus do dhàimh ris a chraoibh dhreachmhoir air crìochnachadh. Air an latha màireach, ’nuair bha mi dol seachad air an lios, thug mi sùil air a mheanglan bhriste. Bha e ’g amharc co bòidheach ri a h-aon a bh’air a chraoibh, a bhlàth co ùrmhor ri h-aon diu, agus e fein air àrdachadh gu mòr. Bha fear-coimhid a ghàraidh a’ beachdachadh air le aiteas àrd. Shaoil mi, a’ deir mise, nach seasadh am meanglan briste sin doinionn na h-oi’che chaidh seachad; nach ’eil e co math a ghearradh air falbh, agus a thilgeadh a mach as a ghàradh? Cha’n eagal da, a’ deir esan, Tha mi eolach air a leithid; chunnaic mi ’n stoirm a’tighinn, agus chuir mi cùl-taice fodha: nach faic thu le cheann a bhi co iosal gu’n do ghleidh e a bhlàth ni’s fearr na iadsan is àirde. Cheangail mi suas e, ged is fann an dàimh a tha eadar [TD 68] a gheug sin ’sa chraobh, gidheadh tha dàimh bheo ann, trid a’bheil snothach na craoibhe air a shùthadh leis a ghéig. Aonaichear iad fhathast ri chéile. Tha mo shùil air a ghéig sin, air dhi bhi co breòite. Thig i fhathast roimhe, agus m’as beo sinn gu fogharadh, chi thu toradh pailt àir a ghiulan uaipe. Dhealaich mi ris.—Dhuits’ a Thighearna gu’n robh cliu arson a cho’-fhurtachd a fhuair mi o’n t-sealladh so. C’àite, deir mise, bheil mo chreidimh; C’àite bheil m’ earbsa a geallaine Dhe? Am faca fear-coimhid a ghàraidh so an doinionn ag éirigh, agus an do smuaintich e air a ghéig bhriste, an do chuir e taice foidhpe—an do cheangail e suas i—bheil a shùil oirre do ghnà—a’bheil dùil aige ri meas uaipe? A Thighearna, thoir maitheanas domh. Biodh do shùilsa do ghnà ormsa, aonaich thusa mise ni’s mò ris an fhìneamhuin fhior, na leig le oiteig nimheil mo bhlàithean bochd a sheargadh, braon a nuas orm frasa ciùine do ghràis, thoir air Grian na fìreantachd dealradh orm le gathaibh gràsmhor, agus ’nuair a thig là an fhogharaidh mhòir, gu’n robh meas agamsa r’a fheuchainn chum glòir t-ainme. Fhir-choimhid a ghàraidh guidh as mo leth! SEUMAS. Caol-shràid ùr Ghlaschu. CEOL. ’S binn caoirean na’n caochan ann an aonach nam beann ’Nuair tha’n latha sgaoileadh air aodan na’n gleann, ’S binn osna na gaoithe, ’s gur aobhach a toirm Air ciùineach do’n doininn, ’s air codal do’n stoirm. ’S binn co’-sheirm na coille, na’n doire ’s nan stùchd ’S ro bhlasda an ceol e san òg-mhaduinn dhrùchd O! ’s taitneach r’a chluinntinn geum laoigh tighinn o’n chrò, ’S binn gàrthaich na tuinne, is bàirich nam bò. ’S binn naigheachd air caraid chaidh fada air chuairt, ’S cha seirbhe guth leannain dh’fhàs banail is suairc’, ’S ro bhlasda guth màthar làn blàis, agus gaoil, Mar cheol iad nach àluinn, nach càirdeil, nach caoin? Ach tha ceol ann is uaisle na bhuaidhibh gu mòr, Is fuaim ann is binne, ’s is grinn’ air gach doigh, Tha pòncan is mìls’ ann nach diobair gu sior, Gach ceol rinn thu sòlasach ’n oir no an iar. Nach milis mar cheol e, nach bòidheach, nach binn? Guth chlag mhaduinn dhòmhnach, nach sonraichte grinn? Na fuinn tha ro àluinn tha fàilteach an lò A bheannuich an t-Ard Righ chum slainte nan slògh. Nach binn a chruit chiuil ud, nach rùnach gach ial, An cridhe trom brùite ag ùrnuigh ri Dia? Nach taitneach mar cheol, nach bòidheach, is caoin? Guth mholaidh, a shòlais, a dhòchais, a ghaoil? FIOR GHA’EL. [TD 69] Fhir-ullachaidh an Teachdaire Ghaelich. Uasail Urramaich, Bha mi ann an comunn an oi’che roimhe far an cuala mi iad ag ràdh gur a h-Olladh ainmeil sìbh,—gu bheil ceann anabarrach maith agaibh, agus nach ’eil galar, mar h-e’m bàs fein e, nach leighis sibh. Cha’n urrainn mise ainm a chur air mo ghalar, ach ’nuair dh’innseas mi mar tha mi faireachdain cha’n eagal nach tuig sibh e. Tha caileag bheag bhòidheach anns an sgoil maille rium, ’s cha’n’eil uair a sheallas i orm nach tig teas ann a m’ aodunn, agus nach fairich mi mar gu’n rachadh gath ’nam chridhe. Shaoileadh neach gu bheil i tuigsinn gu’n d’rinn i mo choire, oir ma thachras gu’n coinnich ar sùilean a chéile, lasaidh a gruaidhean a thiotadh, agus seallaidh i air an làr. Ach, ’s e fàth mo ghearain nach ’eil i, do reir coslais, déigheil air mo chomunn, agus nach ’eil agamsa sonus, na socair, na sìth ach ’nuair tha mi ’na cuideachd-se. Rachain deich mìle thar monaidh ri re-dorcha a dheanamh a riar;—’ar leam gum fàgadh e ait mi car mìos na’n gabhadh i sràid uaigneach leam, agus O! bu mhise an duine sona, ged nach eil ni no earras aig a h-aon againn, na’n abradh tus’ a Mharsali, gum pòsadh tu Eoghan! Cha’n’eil fhios a’m ciod is coireach rithe, tha mi ’am òganach sgiolta tapaidh; tha mi o cheann ghoirid air fàs stòlda, ciuin, agus tha mi ’nis a tòiseachadh ri duanagan òran a dheanamh feuch an cluinn i gur bàrd mi. Cha’n’eil oi’che nach h-i mo smuain dheirionnach, cha’n’eil maduinn nach h-i ceud chuspair mo breathnachaidh, s’e bhi cluinntinn a h-ainme agus daoine a bruidhinn uimpe ceol is binne am’ chluasaibh, ach ma thachras gun abair iad gu bheil gaol aice air an fhear ud, no air an fhear ud eile, thig mar gum biodh laigse ma ’m chridhe. Ghabh mi leth-sgeul an là roimhe gu dol do thigh a h-athar; thainig iad uile far an robh mi ach ise. Cha do leig mi ’bheag orm, ach thubhairt mi rium fein gum fac’ i mi tighinn, agus gu’n d’fholaich si i fein; air a shon so cha do ghabh mi greim bìdh fad da latha; ach dh’fhoghlum mi rìs nach robh i aig an tigh. Chunnaic mi là eile i a’ sraid-imeachd le òganach, thuirt mi rium fein se so Iain Dubh; las m’anam le eud, ach chum mi ’m folach e; chaidh mi dhachaidh is ghabh mi mo leaba, ach chuala mi rìs gur h-e bh’ann a bràthair. Mar so, air mo riasladh, cha’n’eil biadh na deoch a gabhail orm. Am fear a b’àbhaist a bhi bòidheach ruiteach, ’s ann tha e air fàs tana glas-neulach. Duine their gun d’ rinneadh buitseachd dhomh, ’s duine their nach eil orm ach dathagan. Cha’n’eil ni shaoileadh mo mhàthair a dheanadh feum nach d’fheuch i, eadar sùgh ghilleacha-geala, ’s bainne blà na buaile, ’s an leithide sin. Cha’n’eil agam suim de chomunn na chòmhradh; cha’n’eil ann uair is fearr a ta mi na ’nuair a ghabhas mi sràid aonaranach a beachd smuaineachadh, ’s ag osnaich: no theagamh gun toir mi fein agus Mactalla greis air seinn, Bu mhaiseach Eden le chuid gheug is chrann, Ach ’s beag de dh’aighear fhuair ar n’ athair ann, Bu diomhain do na h-aingil mhaith bhi’n dùil Gun cuireadh iad air aiteas le’n cruit-chiuil; Bu diomhain do na h-eoin, air òb ’s air ghéig, [TD 70] Bhi cur ri ceol san fheasgar bhòidheach chéit; Bu diomhain do’n t-sruth mhòr bhi cròn’aich dha, ’S do bheachan bhreac bhi srannraich ’measg na’m blà; Cha robh na’n ceol ach glòramas gun bhlas, Cha robh an Gàradh ach mar fhàsach glas; Bha Adhamh còir na Onaran fo’ ghruaim Gus ’n d’fhuair e Eubh’, a bhean a b’ eibhin snuadh. Fuirghidh mi gu Feill-leathain feuch ciod a chomhairl a bheir sibh orm, no feuch ciod an doigh air an fhearr dhomh deanamh suas ri Marsali, O feartan na h-ighinn so! dhall i mi le sùilibh—thug i buaidh orm gun bhuille bhualadh—cheangail i mi gun slabhruidh—chuir a feith-ghàire fo’ liunn-dubh mi! Tha mi le mòr spèis, Bhur seirbhiseach umhail, EOGHAN OG. EILEAN CHOLA, An cuigeadh mios, 1829. Tha e fior gur Ollaidh sinne, ach ’s duilich leinn arson Eoghain Oig nach Ollaidh-leighis sinn. Ach bheireamaid a chomhairl’ air tuille meas a bhi aig’ air fein na bhi na thràill do nighinn air bith. Tha e ro pheacach an sealladh Dhe an cridhe thoirt do ni no do neach, ach dha fein. Leigeadh Eoghan Og air gu bheil e suarach mu Mharsali, agus math dh’fhaoidte nach bi i cho mhòr aisde fein. Fàsadh Eoghan slàn, agus is dòcha gu’m fàs Marsali tinn. Sluagh an t-saoghail, &c. A Theachdaire Ghaelich, O nach’eil thu fathast ach òg, agus mise, tha fhios agad, cho sean ris na cnocaibh, fuiling dhomh o àm gu àm focal a chur’ad bheul a dh’innseas tu dhoibhsan a chuireas ceist ort. Tha moran de d’ luchd dùthcha nach d’fhàg riamh a Ghaeltachd, agus nach urrainn, uimesin, gun a bhi aineolach air staid agus suidheachadh dhùchanna eile. B’aithne dhomh fein dithis bhan a mhuinntir Mhuile a bha aon latha tighinn air na nithe so, ars’ aon dhiu “Saoil mi cò ac is mo Erinn na Arin?” “Tud òiseach” ars’ a ban-choimhearsnach “’s mo Erin na Aoin-bhé agus Arin!” Da bhaile bheag ’an Iochdar Mhuile. A thuilleadh air gur measail an ni eolas a bhi againn air staid an t-saoghail, cuidichidh e leinn beachd cubhaidh a bhi againn air an Dia chruthaich e, agus a ta ga chumail suas, leis gach ni beo a th’ann. Tha e, mata, air a mheas gu bheil de luchdàitiche air an t-saoghal anns gach linn, air a char is lugha, Ochd ceud muillein. Tha mu chuig ceud muillein dhiu so ann an Asia; Ceithir fichead muillein ann an Africa; Tri fichead muillein sa deich ’an America, agus seachd fichead muillein ’sa deich ’sa ’n Roinn-Eorpa! Do thaobh an creidimh, no’n aidmheil, cha teid sinn fada mearachd ma roinneas sinn iad mar a leanas. ANA-CREIDICH, ’s e sin iadsan a tha ’g aoradh do dhee bhréige mar tha ghrian, a ghealach, &c. 490,000,000 MAHOMETANAICH, 130,000,000 PAPANAICH, 100,000,000 PROTESTANAICH, no’n creidimh athleasaichte 43,000,000 GREUGAICH agus ARMENIANAICH 30,000,000 IUDHAICH, 7,000,000 Tha so a leigeadh fhaicinn dhuinn gu bheil corr is ceithir ana-creidich [TD 71] ann mu choinneamh a h-aon a ta creidsinn ann an Dia, agus nach ’eil dhiu so fein ach aon duine ’san ochd-deug de’n chreidimh ath-leasaichte:—Ged’ b’fhior chriosduidh gach duine tha ’g aidmheil a chreidimh phapanaich, a chreidimh Ghreugaich, agus a chreidimh ath-leasaichte, dh’fhagadh e se ceud agus fichead muillein, a tha tur aineolach air an Dia bheo, agus nach cuala riamh iomradh air Slanui’ear!! Abradhmaid a nis gu’n robh ochd ceud muillein air an t-saoghal anns gach linn a reir a chéile, agus lua’saicheamaid da bhliadhn’ dheug’ ar fhichead de gach linn, ni sinn a mach gun robh seachd fichead mile muillein ’sa cuig air an talamh o linn Adhaimh! Do reir so tha cuig muilleine fichead a faghail a bhais a h-uile bliadhna,—da mhile ochd ceud da fhichead ’sa tri deug a h-uile uair,—da fhichead ’sa seachd a h-uile mionaid; agus an t-àireamh ceudna ga’m breith! MAC-TALLA. EILEAN CHOLA, 1829. SAOBH-CHRABHADH INNSEAN NA H-AIRD AN EAR. Ma losgadh nam bantraichean. Is cianail ri smuaineachadh an staid anns a bheil earrann mhòr do’n t-saoghal a thaobh aineolas mu nithibh spioradail. ’S e beo iobairt bhan aon de’n t-saobh-chràbhadh is gràineile ’s na h-Innsibh. Ann an earrann mhòr de na rioghachdaibh farsuinge sin, tha e na chleachda na bantraichean a losgadh maille ri corpaibh an cuid fear. Tha cunntas againn o dhuine as an feud sinn earbsa, gun deachaidh eadar ceud-gu-leth agus dà cheud bantrach a losgadh gach bhliadhna, mar astar deich mìle fichead do Chalcutta, àrd bhaile na th’ againn anns na h-Innsibh, fhad ’s a bha esan a chòmhnuidh san dùthaich sin. Chunnaic mi, a deir e, aon de na Sagairt a b’àirde a’measg nan daoinibh dubha air a ghiulan an déigh a bhàis chum àit àraidh, far an deachaidh meall mòr connaidh a chruinneachadh, air an do chàireadh esan le mòr ghreadhnachas, agus ghiulain na Sagairt air an guaillnibh triùir ga chuid ban, a dh’ asluich a bhi air an losgadh maille ris. Leig siad iad fein nan sìneadh ri taobh a chuirp, agus chuir a mhac lasair ris a chruaich chonnaidh, a bha’n tiota na caoiribh dearga. Chuireadh crìoch air an ìobairt ghràineil ud, ’measg fuaim agus gleadhraich dhrumachan, agus iolach shagartan. Bheir sinn sgeul eile mar chaidh ochdnar bhan a losgadh maille ri Righ a bha sa na h-Innsibh, a dh’ innse le oifigeach a bh’ann san arm, ’s a bha làthair san àm. Mu éirigh na gréine chaidh corp an righ a ghiulan a mach as an lùth-chuirt air carbad ro rìomhach. Bha e air a sgeudachadh leis gach usgar agus seud riomhach a bh’aige, direach mar gum biodh e beo, agus bha ochdnar de chuid mhnathan, air an sgeudachadh gu h-àluinn, còmhdaichte leis na séudan bu luachmhoire, a’ marcachd air steud eich eireachdail, air thoiseach air a ghiulan; bha asdar thrì mìle aca ri dhol chum an ionad-adhlacaidh. Bha na boirionnaich a sgapadh anabharra airgid a measg an t-sluaigh. ’Nuair a rainig iad, chaidh corp an Righ a chuir na shuidhe sa chruaich-thòrraidh. Bha taobh a stigh na cruaiche air a lìonadh le canach, le geir agus le ròiseid; agus sgaoilte air uach- [TD 72] dar sin uile bha brat dearg sìoda, le iomall òir ro-luachmhor. Chaidh na mathan a dh’ ionnsuidh sruthain bhig, dh’ionnluid iad iad fein, agus chuir iad suas ùrnuigh ghearr; choisich iad an sin mu thimchiòll a chonnaidh, agus chaidh iad a stigh ann, a lìon té agus té a’ suidhe dlù air a chorp, a réir an inbh; ’nuair chaidh iad uile a stigh, chaidh am bealach a dhruideadh. Sheinn an t-àrd shagart an sin trì rannan de Laoidh, agus thug e àithne gabhail a chuir ris a chonnadh. Ann am prioba na sùl, bha e uile na dhearg lasair, agus an teas co mòr, ’s gun do ruidh gach neach uaithe mar a b’fhearr a dh’ fheud iad. Cha robh fuaim air bith ann, cha robh uiread is glaodh! O! gairisinn dhéistinneach! Tha e sa cheart àm so a’ toirt air m’fhuil ragadh ann am chuislibh, bhi cuimhneachadh air a chùis sgreitidh. Chaidh na mnathan a losgadh leis gach seud rìomhach a bhuineadh dhoibh umpa—bha mòran diubh anabarach luachmhhor! Thug té dhiubh car neamhnuidean do shagart a b’fhiach mòran airgid. Chaidh an teine chumail suas ré thrì làithean, ’s an sin chuir iad as e le bainne; chaidh an luaithre a chruinneachadh gu cùramach, chum gun rachadh a cuir san abhuinn Ganges. Cò is urrainn smuainteach air a ghràinealachd so gun ùrnuigh a thogail suas ri Dia, gu’n soirbhicheadh e leis gach comunn a tha saothaireachadh ann an oidheirpeachadh soisgeul Chriosd a chraobh-sgaoileadh nam measg. P. M‘F. NAIGHEACHDAN. Thaobh naigheachdan an t-saoghail, feudar a ràdh, Gur math an naigheachd a bhi gun naigheachd. Tha sìth choitchionn feadh an t-saoghail, ach eadar na Rusianaich agus na Turcaich; agus cha’n’eil mòran cunntais againn san àm man timchioll. Rinn an t-uisge trom a bh’ann o cheann ghoirid mòran feum do’n dùthaich, agus tha fiughair aig daoine gum bi feòraich mhaith air crodh agus caoirich. Bha Monadh Dhunbreatuinn ro fhreagarach do na Gaedheil, bha farraid mhath air an sprèidh, agus reic iad am bitheantas mu dheich tastain an ceann os ceann na tharruing iad a bhliadhna na taic’ so. ’S duilich leinn a ràdh nach eil’ a bheag de àrdachadh air olainn no air Ceilp. Tha cosnadh beagan ni’s fearr, agus tha fiughair againn gun d’théid e am feothas. FOCAL SAN DEALACHADH. Tha aobhar againn a bhi taingeil airson gach còmhnadh a tha sinn a faotuinn o’r càirdibh lionmhar, agus tha dòchas againn gun d’théid iad an lionmhoireachd. Fhuair sinn an litir a chuir Fionnlath Piobaire gar n-ionnsuidh, agus tha sinn a’ gealltuin fios-freagradh a chuir d’a ionnsuidh san ath-Theachdaire. Tha sinn fo chomain do S. C. ann an Sgìreachd Chill-Bhrèanuinn, agus do O. T. ann am Muchd-carn, do SHEUMAS agus do MHACTALLA. Cha bu mhiste leinn litir eile fhaotainn o’n FHIOR GHAEL. [TD 73] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. A CHEUD MHIOS DE’N FHOGH’RADH. AIREAMH IV. 1829. Cuairt a Mhinisteir Ghallda. B’AILLIDH an là air fior dheireadh an t-sàmhruidh so dh’fhalbh, ’nuair ghabh mi sgrìob do bhail’ àraidh a bh’anns an sgìreachd, a dh’fhaicinn tuathanach diadhaidh còir, a bha gu h-iarguineach lag, air a leabuidh, as nach robh coslas gu’n éireadh e. Bha ’n duine so, air a mheas san sgìreachd, agus gu ceart-bhreitheach, ’na chreid’each neo-chealgach; bha e teisteil, ionraic, a dheagh oibre soilleir ’an làthair dhaoinibh, agus a’ taisbeanadh feabhas a chreidimh, ’ann na dheagh chaithe-beatha, agus ghiulan. ’Nuair chaidh mis a stigh bha e na shuidh air taobh na leapach a’ seanachas ri cuid d’a choimhearsnaich, a thainig ga fhaicinn. Bha’n co’-naltradh m’an deagh choslas a bh’air aghaidh an t-saoghail, agus an fhiuthair a bh’ aca ri deagh fhoghar’, agus ri bàrr tarbhach. Is dreachmhor, a deir mise, an t-achadh cruithneachd a chunnaic mi dlù do’n tigh, is ciatach a choslas, agus ma fhreagras an t-sìd, cha’n’eil ag nach bi toradh pailt uaithe. Ma ta, a Mhinisteir, ars’ an tuathanach, dh’fheumadh e sin; cha’n ann gun saothair, agus gun chostas a tha e san inbh sin. Bu fhliuch fuar an là a chuir mi e; tha cuimhn’ agam gu’n robh sibh fein a dòl seachd sa cheart àm agus frasan sneachdaidh ann; ach bha miann orm a chur mu’n caillinn an t-àm; agus ged is mòr a dh’fhuiling e le fuachd, ’s le reodhadh, gidheadh, buidheachas do’n fhreasdal, is àluinn an diugh a choslas. Fhreagair mi e, Nach ann mar sin a tha ’n t-abstol ag innse dhuinn, “gur ann an dòchas is còir do’n treabhaiche treabhadh.” Agus ’s cuimhne leat mar thuirt an Salmadair, “Iadsan a chuireas gu deurach sìol, buainidh iad le gairdeachas. Esan a théid a mach, agus a ghuileas, ag iomchar roghadh sìl, gu cinnteach thig e a rìs le gairdeachas, ag iomchar a sguab,” Tha’n gealladh gràsmhor so air fhìrinneachadh dhuitse ann ad ghnothaichibh aimsireil, agus tha dòchas agam gu’m fìrinnichear dhuit mar an ceudna e air dhòigh spioradail. Cha’n’eil mi gun stéigh dòchais gu’m bi e mar sin, ars esan. Is iomad latha deurach, iomaguineach a bha mi, gun soilleireachd air bith gu’n robh Dia ann an sìth rium, no gu’n robh mo chòir air Criosd air a nasgadh; ach buidheachas d’a ainm ’mar is laige tha mo cholann a’ fàs, is ann is làidire tha dòchas m’ anama ’cinntinn. Dh’fhiosraich mise gur fìrinn a labhair an Spiorad Naomh, ’nuair [TD 74] a thuirt e, “Gu’n cuirear mar phòr gu frasach pailt solas do’n fhìrean;” agus cò e am fìrean ach esan a tha air fhìrinneachadh le Criosd? Tha Dia a’dùsgadh dòchais àrd ann am anam, agus c’arson a cheilinn e. Tha fadal orm arson an fhogharaidh mhòir, ach dh’iarrainn a bhi foighidneach. ’S e sin, a deir mise, do dhleasnas, nach cuimhne leat comhairle an abstoil, A bhràithre, bithibh foighidneach gu teachd an Tighearna. “Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor an talmhainn, agus fanaidh e gu foighidneach ris, gus am faigh e an ceud uisge agus an t-uisge deireannach.” Ann an àm iomchuidh buainidh sinn; agus is e’n t-àm iomchuidh àm Dhe. Ged is bòidheach an cruithneachd ud a mach fo dhéis, cha smuainticheadh tu sguab dheth a ghearradh, gus am biodh e làn abuich agus ged a tha do shabhal réidh, cha chruinnicheadh tu e gus am biodh e deas. Tha neamh réidh, ach cha’n’eil thus’ ullamh; nam bitheadh, chluinneadh tu gu luath guth mar anns an Fhoillseachadh ag ràdh, xi. 12. Thig a nios ’an so. Is fearr làn an dùirn de’n chruithneachd abuich, na sguab a tha gorm; agus bithidh neamh ni ’s mìlse do na naoimh ’nuair a tha iad làn uidheamaichte, trid creidimh agus gràs, air a son. Cha bhuin e do dhaoinibh a fhuair earlais san t-saoghal so air mòr shubhachas nan naomh, a bhi do ghnà a’g éigheach a mach, O nach robh agam sgiath a chalmain, dh’itealaichinn air falbh, agus bhithinn aig fois. Aig Dia tha bràth cò tha deas, agus c’uin a tha iad deas; ach buinidh e dhuinne co’-ghairdeachas a dheanamh maille riutsa, anns an stéigh dòchais a tha agad, gu bheil thu ’g abuchadh gu luath arson aoibhneas néimh. Bha fear de na coimhearsnaich a bha na shuidhe san t-seòmar, ’sa bha gu so ’na thosd, a mhothaich mi ro fhurachair m’an t-seanachas a bh’againn. Is bochd, ars’ esan, is e dlùthachadh oirnn, nach robh gach neach ag abachadh arson an fhoghair’ mhòir. Nach ’eil iad mar sin, a charaid, a deir mise? Cò esan nach ’eil ag abachadh arson siorruidheachd de shonas no de thruaighe? Amhairc mu d’ thimchioll an diugh air aghaidh an t-saoghail, agus am faic thu pòr no luibh nach ’eil ag abachadh arson an fhogharaidh; agus tha’n t-àm sin gach mionaid a’ tarruing ni ’s dlùithe dhoibh, anns an cuirear a mach na buanaichean, a chruinneachadh an dara h-aoin gu bhi air an losgadh, agus an t-aon eile do’n t-sabhal. Tha iad le chéile ag abachadh, agus tha na luibhean is suaraich, eadhon iadsan a ta cronail, ag amharc co rìomhach, àillidh ris an déis is prìseile de’n chruithneachd. ’Si ’n aon ghrian, an t-aon drùchd, agus air an t-aon chùram a thug air an aghaidh iad air fad. Agus ’s ann mar so tha e tachairt anns an t-saoghal; tha Dia a’toirt air a ghrèin éiridh air a mhaith agus air an olc, tha a chaoimhneas gràdhach thairis air uil oibre a làimhe. Chi thu a mhuinntir aingidh gu h-àrd, uallach, aighearach, a’ sealbhachadh miann an cridhe, gach ni a’ soirbheachadh leo mar bu mhaith leo, agus do réir nòs an t-saoghail so, cha’n’eil Dia a’deanamh eadar-dhealachadh eadar iadsan agus na h-ionracain; ach ’s i a chainnt fein d’an taobh so, “Leig leo, tha’m foghar’ a’ tighinn.” Mhothaich mi mar bha mi teachd a dh’ ionnsuidh an tighe so [TD 75] an diugh anns an achadh bhòidheach chruithneachd ud, cuid de luibhean na mheasg; ach thuig mi gu’n deanadh e barrachd dochair do’n chruithneachd dol a nis ga’n gart-ghlanadh as, na am fàgail mar tha iad gus an d’thig am fogharadh. Is ann de thròcair Dhe gu bheil e ’caomhnadh nan aingidh sa bheatha so, agus nach ’eil sgrios obann a’ teachd orra an lorg am peacaidh. Mar tha an cruithneachd agus na luibhean air an amaladh ’na chéile, is amhuil sin a tha càirdeas dlù eadar na h-aingidh agus a mhuinntir ionraic, air chor ’s nach feudar sgrios a thoirt air an dara muinntir gun dochair shònraicht a dheanamh air an aon eile. Is tric a tha deagh leanabh an làn earbsa ri droch athair; agus a tha uile shòlais shaoghalt’ a Chriosduidh chòir gu tric ann an leanabh mi-dhleasnach, a bheireadh a cheann liath le bròn a dh’ ionnsuidh na h-uaighe, fhaicinn a’ bàsachadh ann an staid neo-iompaichte. Tha deagh bhean, gu minic, le muirichinn mhaoth, an earbsa ri droch chompanach peacach. Anns an aon luing air a chuan, anns an aon charbad air tìr-mor, tha’n t-olc ’s am maith a’ triall tre’n t-saoghal so; ionnas nach feud breitheanas ruigheachd air an dara dream gun dochair a dheanamh air an dream eile. ’S éiginn duinn, uime sin, fuireach ri là mòr an fhogharaidh, ’nuair a chruinnichear an cogul gu bhi air a losgadh, agus an cruithneachd gu tigh-tasguidh neamhuidh an De. A Mhinisteir ghaolaich, ars’an duine cneast a bha ’na leabuidh, nach ’eil aobhar tròcaireach eil’ ann arson a’ bheil Dia a’ caomhnadh na’n aingidh. Ciod a dh’éireadh dhomhsa, ciod a dh’éireadh dhuinn air fad, nan sgaradh Dia air falbh peacaich m’an do dhùisgeadh iad gu mothachadh? Nach ’eil fad-fhulangas De a’g aomadh gu aithreachas. ’S ann agams’ tha ’n t-aobhar Dia a ghlòrachadh arson fhad-fhulangais do m’thaobh. Tha thu ceart, a deir mise, Is tric a tha Dia ag àrdachadh saibhreas a thròcair, ann an cloinn na h-easùmhlachd iompachadh gu bhi na’n cloinn d’a fein; oir ge nach ’eil e comasach do’n tuathanach is eolaich air talamh, aon lus fiadhaich iompachadh gu bhi na chruithneachd, gidheadh trid gràs De, feudar an t-aingidh iompachadh gu bhi na naomh, agus trid fuil a chùmhnainte shiorruidh, feudar naimhdean a dheanamh na’n càirdean agus ’na’n cloinn do Dhia. Gu’n deonaicheadh Dia dhuinn gur ann mar sin a dh’éireas duinne, ars’an coimhearsnach a bha maille ruinn. Mar sin, a deir mise; ach is iomchuidh dhuinne, an fheadh s a tha sinn a’ guidhe mar sin ri Dia, arson còmhnadh a ghràis, an aire shònraicht a thoirt gu bheil sinn a’ gnàthachadh nam meadhon a tha Dia a’buileachadh oirnn. Anns an t-saoghal so, is ann mar chuirear a bhuainear, agus gu tric a réir na saothair ’s ann a tha’n toradh. Is tuathanach thu fein, agus cha bhi fiuthair agad ri bàrr far nach cuir thu; tha fhios agad gu dearbh gur ann o Dhia a tha’m fàs; agus na’n cumadh esan air falbh frasan ciùin a mhàirt, teas na gréine, agus an drùchd tlà, gum bu diomhain duit gach saothair. Ged a tha sin mar so, tha fhios agad gur ann an cleachda nam meadhona, ’s nach ann an deanamh dearmad oirre, a bheannaicheas Dia do shaothair. Tuigear cò e ’n deagh thuathanach air a dhìcheall, agus leis an fhoghar’ a bhi do ghnà na bheachd; agus mar so an deagh Chriosduidh, chi thu [TD 76] e do ghnà a’ deanamh deas fa chomhair neamh. Beachdaich air o là gu là, agus cha’n fheud thu gun a thuigsinn gur e siorruidheachd a tha dùsgadh a chùram. Tha fhios agam gu bheil thus’ ann ad dhuine saothaireachail, dìchiollach, agus tha bhuil; is bòidheach do bhàrr; ach an saoil thu nan d’ thigeadh coimhearsnach faoin, diomhanach, agus nan abradh e riut, is amaideach thu a bhi co tròm ort fein ’s a tha thu; amhairc ormsa, tha fearann agam, is cha’n’eil mi saothaireachadh no ’g obair; agus an uair a thig am foghar’ théid mi co maith as, riutsa. Nach saoileadh tu gu’n robh a leithid sin de dhuine as a bheachd? Ach, O! ’s lionmhor iad a tha mar sin ann an gnothaichibh spioradail; dearmadach air uile mheadhona na’n gràs, agus gidheadh g’am mealladh fein le dòchas gu’n éirich gu maith dhoibh. G’un dùisgeadh Dia suas iad. Ghairmeadh a stigh an teaghlach, leugh sinn an treas caibdeil deug de n t-soisgeul do réir Mhata, agus dh’ asluich sinn beannachd Dhe. Ghabh mi nunn gu taobh na leapach, a ghabhail mo chead de’n duine mhaith. Dh’iarrainn deir mi, gairdeachas a dheanamh maille riut anns an deagh dhòchas a tha Dia a nis a deonachadh dhuit. Buidheachas, ars’ esan, d’a ainm gu bheil. Tha m’anam ’an geall air Dia. O! c’uin a nochdar mi ’na làthair? Tha ’n tuath a nis a’ feitheamh ris an fhogharadh. Ach ciod e am foghar’ acasan ann an coimeas ris na tha feitheamh air sluagh Dhe. Chuir mi le deuraibh, ach tha mo dhòchas gum buain mi le gairdeachas. Tha mo làn earbs’ air cloch-chinn na h-oisinn, agus cha chuir Dia gu nàire an aitim a thogas oirre. T. M. M. T. Fios-freagradh do Fhionnlath Pìobaire, arson na litir a chuir e d’ ar n-ionnsuidh. Fhionnlaith, Fhuair mi do litir, agus ge nach do mheas mi iomchuidh a cur san TEACHDAIRE GHAE’LACH, freagraidh mi gu saor, soilleir, gach ceist a tha innte, mar is fearr a dh’ fheudas mi. Anns a cheud àite, tha thu ann am mearachd a’ smuainteachadh gur Gall mi. Rugadh mis, agus na daoine o’n d’ thainig mi, ann an tìr nam beann. ’S ann an sin a fhuair mi mo thogail, agus m’ àrach; agus is Gael na h-uile òirleach dhiom, co fìrinneach ri aon duine a sheas riamh air balt bròige. Cha’n’eil cridhe fo bhreacan aig a’ bheil barrachd gràidh d’a dhùthaich na th’ agam; agus cha ghéill mi do dhuine beo anns an dùrachd leis an iarrainn am maith a chur air aghaidh. Is bòidhiche leam gu mòr am monaidhnean liath-ghorm àrd, na machruichean na’n Gall—is taitniche le m’shùil am fraoch badanach ùr, na’n cruitheanachd fo dhéis, ged is prìseil e. B’ aoibhinne leam a bhi siubhal a garbh-chrìocha farsuing, no suidhe ann an uaigneas a glinn le co’-sheise mo ghaoil, na bhi spaisdearachd leis na maithibh is àirde air a chausair réidh. Mar is fhaide thàirneas mi air falbh o thìr m’ òige, is ann is mò mo spéis d’ i; agus cha’n’eil am beachd mo Theachdaireachd air a’ bheil thus’ a’ gearan, ach maith mo Dhùthcha chur air aghaidh. Ach ge bu Ghall mi, c’arson a thigeadh sin eadaruinn; [TD 77] is mòr a chomain fo bheil ar dùthaich do na Gaill. Bu bhochd ar cor mar bhitheadh iad; is ainneamh a h-aon a leughadh an TEACHDAIRE GAE’LACH, mar biodh iadsan air réiteachadh na slighe roimhe; mar bhitheadh iad bha’m Bìobull fein mar leabhar glaiste, agus ceò an aineolais fhathast thairis air ar dùthaich. Na cluinneam focal tuille ’an aghaidh na’n Gall. Tha thu fo mhearachd eile ann an smuainteachadh gu bheil mis a’ dol a dhi-moladh gach seana chleachdadh a bh’ aig na daoin’ o’n d’thàinig sinn; gu bheil mi fuathach air gach gne chridhealais, agus fearas-chuideachd; cha’n’eil idir. Is iomadh cleachda maith Gae’lach a tha dol air di-chuimhn, agus is iomad droch-cleachda ùr Gallda tha teachd a stigh ’nan àite. Tha cridhealas ann nach ’eil peacach; bu mhiann leam ur stiùradh d’a ionnsuidh; tha fearas-chuideachd ann as nach ruigear a leas aithreachas a ghabhail, agus dh’ iarrainn a chuimeasachadh a mach. Tha cuid de sheann-dhàna ’n ur measg fein, is aithrigh air an cumail air chuimhne, mheoghairich mi iad a’m’ òige, agus is bitheanta leam an aithris a’m’ shean aois, “Is taitneach leam focal nam fonn, Mar thubhairt Cuchuluinn nan sonn deas.” Tha dàna eile air nach ’eil sibh eolach, a dh’ oirpichinn a chur d’ur n-ionnsuidh. Tha òrain ’n ur measg a tha salach, draosda, agus b’e m’ iarrtas dùrachdach ur tarruing gu fuath a ghabhail diu; agus tha òrain naomh ann nach ’eil air an seinn n’ur measg mar bu chòir dhoibh, agus dh’iarrainn ur dùsgadh gus am fonn naomh a thogail le chéile. Cha dubhairt mise gu’n robh na h-uile seòrsa ciùil peacach, agus na smuaintich gur duine mi air nach drùigh ceòl. Cha’n fhuathach leam a phìob, agus cha b’ fhuathach riamh. Tha a ceòl nuallanach fuaighte ann am chuimhne ri iomad còmhdhail, agus iomad latha air nach urrainn mi smuainteachadh gun seòrsa do àrd-thoileachas-inntinn a tha tùrsach, gidheadh, taitneach do m’anam. Is minic, air leam, a tha fonn tìomhaidh a’ teachd orm, air oiteag an anmoich, ’s mi m’ shuidh a’m’ aonar air uchd an tuim, mo smuaintean a mach air na làithibh a dh’ fhalbh, cruth na muinntir leis an do chaith mi m’ òige, a’ dol seachad orm ann am faileas faoin, agus na deòir a’ ruidh o’ m’ shùilibh. Tha àmanna ann anns a’ bheil ceòl taitneach, ach tha ceòl gu tric, mar a dh’ innis mi dhuit san teachdaireachd air a’ bheil thu gearan, na mheadhon gu gòraich agus ann-diadhachd a dhùsgadh, le òigridh chruinneachadh far nach bu chòir dhoibh a bhi, ann an tighibh òsda far a’ bheil mòran de ann-diadhachd air a chleachdadh. Na smuaintich gur Cùilteach, bochd, gearanach mise: bha mi ann am latha fein co déigheil air cridhealas ri aon Ghael a’ d’ dhùthaich; bha mi gu meamnach, sunntach, àrd-thogarrach; cha do chuireadh riamh sprochd, no dubhachas as mo leith; ach tha mi nis air fàs sean; tha mo chiabhan air glasadh, agus ge nach feudar a ràdh, gur seann duine mi, cha’n ann a’ dìreadh na beinne a tha mi. Tha beachd ùr agam ga fhaotainn gach là air an t-saoghal chaochlaideach, bhochd so. Tha cridhealas m’òige fuaighte a’m’ chuimhne ri còmpanaich m’òige, agus iadsan cha’n’eil ann. Is iomad tìr anns a’ bheil iad ’nan luidhe, agus is fad o chéile gach uaigh anns a’ bheil iad air an càramh. Tha mo [TD 78] dhùthaich ri faotainn, ach cha’n’eil mo dhaoine. Iarram iad, ach ’s e’m fòid gorm a chomharaicheas a mach iad. Dh’ fhalbh iadsan, agus falbhaidh sinne ann an là no dhà. Cha’n àm gu cridhealas saoghalta, agus an saoghal a’ sleumhnachadh as; cha’n fhearas-chuideachd bhi seasamh air stairsnich a bhàis. Nan saoilinn gu’m biodh tusa, agus mo luchd-dùthcha gu léir tearuinte, agus Dia ann an réite ribh, ’an sin ghairminn oirbh gu cridhealas agus aighear; ach fhads a tha mòran agaibh co fad o thobar nan uisge beo, c’arson a threòraichinn sibh gu soithichean ea-dìonach nach cum uisge. Am feadh a tha cuid d’ar luchd-dùthcha a’ triall do’n ionad anns a’ bheil gul agus gìosgan fhiacall, an e nach feuch sinn ri’n aire aomadh o bhaoth-shùgradh an t-saoghail, gu nithibh cudthromach ris a’ bheil an sonus siorruidh ’an earbsa. Tha ’m biobull a mach ’n ar measg, tha sgoilean a mach mar an ceudna, tha meadhona na’n gràs agaibh ’g an sealbhachadh; mo ghuth togam, ’s ni ’m bi mi a’m’ thosd! tha’n là a’ dol seachad, tha’n oi’ch a’ teachd anns nach feudar obair sam bith a dheanamh. Smuaintich air so, Fhionnlaith, agus cha sgrìobh thu rithist co geur-chuiseach, m’an duine chòir am Ministeir Gallda, no mu d’ charaid dìleas, agus t-fhear-dùthcha fìrinneach an TEACHDAIRE GAE’LACH. T.—O.— REULL BHETLEHEIM. ’Nuair tha reullta àrd na’n speur, A’ dealradh le chéile san iarmailt shuas; ’Nam measg gu léir tha lòchrann iùil, A thàirneas sùil a pheacaich thruaigh. Eisd, éisd, do Dhia tha cho’-sheirm bhinn, O reullta grinn a ghuirm bhrait àird; Tha h-aon a mhàin ’toirt sgeul mu Chriosd, Reull Bhetleheim, O reull an àigh! Thuit dhomh uair bhi mach air chuan, Bha’n oi’che duaichnidh—shéid a ghaoth; Dh’ at an cuan, ’s bha sìopan fairg’, A ’g iadhadh gu garbh m’an eithear fhaoin. Ghlac uamhann eagail m’ anam bochd, ’S mi mach air faontra fad o thràigh; ’Nuair dh’ éirich reull rinn dhomhsa iùl, Reull Bhetleheim, O reull mo ghràidh! Mo sholus ait, mo lòchrann gaoil, An sealladh faoilt dom’ chridhe sgìth, O ghàbhadh cuain, ’s o ghlaic a bhàis, ’S tu thàlaidh mi gu caladh sìth. ’S a chaladh ait so ni mi tàmh, Gun sgìos, gu’n phràmh gu’n seinn mi cliu O’n àm so mach gu siorruidh buan, Do reull nam buadh, a rinn domh iùl. Ead. T.—O.— COMHRADH NA’N CNOCHD. Fionnlath Pìobaire, agus Màiri, a bhean. MAIRI. Cha b’ìoghnadh leam fhein, Fhionnlaith, a ghràidh, ged bhiodh am fogharadh gu math tràthail am bliadhna. Tha’n TEACHDAIRE GAE’LACH ag ràdh, gu’m bi’n cruithneachd abuich ’an ceann fichead latha. Cha’n fheud e bhith nach d’théid thu mach am bliadhna; b’fheaird thu fein, fheudail, sgrìob a thoirt a dh’fhaicinn an t-saoghail, is tha ’m figheadair, ma dh’ fheudar earbs’ as, a gealltuinn gum bi an clòdh dhachaidh an ceann latha no dhà. FIONN. An do thòisich thu, Mhàiri? ’S e ’m fogharadh so fein a chaidh eadar thu ’s codal na h-oidhche; fhad ’sa gheibh mise [TD 79] cosnadh maith san dùthaich, c’arson a rachainn a mach go Galldachd air a thòir? MAIRI. C’àit am faigh thusa cosnadh dùthcha is fiach a ghabhail? FIONN. Gheibh mi, agus gu leoir dheth. Nach ’eil Fear-a-bhaile dol a chur suas gàradh-droma air a bhliadhna so, far am faigh mi obair mhaith a’ buithinn chlach, agus cothrom agam air bhi a’m’ thigh fein gach oidhche? MAIRI. An e gu’n rachadh d’thus’ a bhuithinn chlach, a dh’fhaotainn do shùilean a smùideadh asad le fùdar, mar thachair do dh’ Eoghann mòr clachair, ge b’ eòlach e; agus a thuilleadh air sin, a mhilleadh do mheoir? Cò an sin, Fhionnlath a gheibheadh urram an latha a’m’ measg nam Pìobairean, agus do mheòir-sa, ghràidh, co cruaidh ris na h-adhaircean. FIONN. Nach ’eil Ceilp ri dheanamh; cha’n olc an obair sin, ged a tha mòran de’n t-sàmhradh seachad? MAIRI. Ceilp! Cha b’e m’ Fhionnlath fein a leiginn g’a deanamh; diù gach cosnaidh. Thus’ a’ d’ Cheilpeir, Fhionnlaith; cha bhi gu dearbh; is cuimhne leam duineachan beag prabach o iochdar Mhuile a bha san dùthaich a’ deanamh Ceilpe o cheann bliadhna no dhà: cha luaithe thigeadh e stigh do chuideachd, na bhiodh na h-uile adharc shnaoisein a mach. FIONN. Cha chualadh mi thu riamh a Mhàiri a’ labhairt co amaideach. Cha dubhairt thu focal a’m aghaidh mu dheireadh an fhoghair a dh’ fhalbh ’an àm a bhi smiuradh nan òisgean, ga bu shalach an obair i, seach a bhi deanamh na Ceilpe. MAIRI. Cha’n ionann, gu dearbh, do’n dà chuid. Ni’n teàrr ghlan, ’s an t-ìm agus fallas chaorach, ga ’n cur ’an coimeas ri Ceilp shalaich. FIONN. Nach maith an cosnadh a fhuair mi an uraidh a’ rùsgadh na coille; nach do phàigh mi mo mhàl, nach do chuir mi stigh min an t-sàmhruidh, agus bloidh sheiche leathair, le dlighe do leathar-iall? Cha’n’eil fhios am feud Pàra mor, le bhuain Ghallda, an ni ceudn’ a rdh: Tha cunntas maith air an sgadan, mu thuath, agus b’ fhearr leam dol ga iasgach, na Ghalldachd a thoirt orm, gun smid bheurl’ a’m’ cheann, ni’s mò na tha ann an sionnsair mo phìoba. MAIRI. A dh’ iasgach sgadain! Mata ’s tu a dh’ amuis air a chosnadh, fa dheireadh, is olc a chòrdadh e riut. Gabh thusa mo chomhairle-sa, agus thoir a bhuain ort ’am bliadhna, a mach gu Galldachd, le Pàra mòr. FIONN. A’ bheil thu cinnteach an do shocraich Pàra mòr a mhàl an uraidh, an déigh gach cosnadh mòr a rinn e? MAIRI. Cha’n aithne dhomh cia mar tha sin; ach tha bhuil gu bheil Pàra mòr a’ dol gu fogharadh; is rìomhach, eireachdail a bhean aige air gach còmhdhail; le cleòca sgarlaid, agus le bonaid chonnlaich; agus mis air an tonnaig ruaidh bhreacain, agus boineid chonnlaich cha deachaidh riamh air mo cheann. FIONN. Cha deachaidh, a Mhàiri, agus ma dh’ fheudas mise, cha d’théid. Cha leigeadh mo nàire leam, t-fhaicinn ann an cuideachda, le sgùlan mòr connlaich air do cheann, mar a th’ air bean Phàruig. Tha curraichdean maithe ni ’s leòir agad, gun bhi strìgh ri amaideachd. MAIRI. Cha b’ ìoghnadh leam ach thu bhi tighinn thairis orra. O na thuit duit labhairt mu na curraichdean, ’sann an uair a chuir [TD 80] mi Lachlunn beag bhàr na cìche a fhuair mi ruibein buidhe air mo churrachd àrd, agus tha uaithe sin a nis tri bliadhna. Cha’n’eil mise strìgh ri amaideachd, ach feumaidh daoine bhi cosmhuil r’an coimpiribh. FIONN. Sin thu Mhàiri, cum thusa sin suas. Cha’n imir, agus cha’n fheud iad a bhi strigh r’an coimpirean amaideach; nach e cho’fharpuis so a tha milleadh an t-saoghail. Cha b’ iongantach lem ged a bhiodh tu ’g iarruidh sgàileagan, no mar their iad fein, umbrella, mar tha aig luchd nam boineidean connlaich. MAIRI. Ged a dh’ iarrainn sin fein, bu shuarach an gnothach e; ach tha fhios agad fhein gu bheil cleòca dearg, agus ceanna-bheairt a dhì orm; agus sud dà ni a tha dhì ort fein, ad, agus uaireadair. FIONN. Cha chreid mi nach ’eil a bhean ’na breislich; ad, agus uaireadair! C’ arson nach do chuir thu spuir agus bòtainnean ris? Cha chuir mis ad orm am fad ’s a’s beo mi, agus do thaobh uaireadair, cha’n’eil iunndrain agam air. Mar thubhairt Alastair dubh nan damh, Is maith an t-uaireadair mo shùil, mo bhrù, ’s an coileach. Fuireamaid a Mhàiri, mar tha sinn, gu sàmhach, seasgair: tha na mnathan, tha mise ’g ràdh riut, air bàinidh le rìomhadh. MAIRI. Nach iad fein, mo thruaighe, tha ga chosnadh. Nach nàdurra, cliùiteach, gu h-àraidh, do mhnaithibh òga bhi eireachdail, tlachdmhor nan éididh. FIONN. Aidichidh mi gu bheil e nàdurra, ach ’se nach ’eil cliùiteach. Bu mheasaile gu mòr dhoibh beagan d’an tuarasdal a chur seachad arson là an fheuma. Is cuimhne leamsa ’nuair nach robh bana-chosnaich san dùthaich leis nach bu ghnà caileiginn d’a tuarasdal a chur seachad, a’ feitheamh an fheum ri teachd; agus bhiodh plaideachan agus eididhean eile aca a’ feitheamh là am bainnse; ach a nis ged a tha ’m barrachd mòr tuarasdail aca, gabhaidh an druim, ’s an ceann, agus na casan air fad e. Cha’n’eil guanag nam measg a nis, a chaomhnas uiread ’sa chuireas cist is anart oirre aig àm a bàis. Coma leam iad. MAIRI, Obh! Obh! ’Stu leig ruith do d’ theangaidh! Ciod a choire rinn iad ortsa? FIONN. Tha mis ag radh riut gur h-anbharra peacach an giulan. B’ urrainn domh an ainmeachadh a tha dol do’n eagluis fo dheise shìoda, agus gun an léine air an druim; agus is aithne dhomh ni is gràineile na sin uile, feoghainn a tha dol do’n eagluis le rìomhadh uails’ umpa, agus an athair agus am màthair, a thog agus a dh’ àraich iad, a shaothairich iomadh là air an son, gu tròm, airsneulach le fallus an gruaidh, gun aodach, gu’n chaisbheart leis an urrainn doibh dol do thigh an Tighearna. An saoil thu an sìn iad an làmh gu bonn-séa a chuir ’am bocsa nam bochd. Tha iad co uaimhreach, ’s gum bu nàr leo an rathad mòr a ghabhail le ’m pàrandaibh air là na sàbaid. Ni maith a thoirt maitheanas domh, ’nuair a chi mi iad co briagha, agus fios agam an dearmad a ta iad a’ deanamh orrasan a thug a dh’ ionnsuidh an t-saoghail iad, is rud a dhùraiginn an rìomhadh a shrachda bharr an droma. Is ìoghnadh leam nach ’eil am ministeir fein a’ fosgladh oirre as a chrannaig. Nam b’ann diù thu a Mhàiri, cha dubhairt iad riamh, Sud agad leannan Fhionnlaidh Phiobaire. Togamaid de’n t-seanachas, tha ’m foghar fhathast fad air falbh. MAIRI. Cha’n e sin a tha’n [TD 81] TEACHDAIRE GAE’LACH ag ràdh; agus chunnaic mise Marsali mhòr o cheann là no dhà, agus tha togail an fhoghair na sùil. Aithnichidh Marsali air abachadh na’n cnò ann an Ard-ghealladh, no air dath an eòrna san Aoini-mhòr c’ uin is còir dhi a Ghalldachd a thoirt oirre, co cinnteach ’s ged a thigeadh teachdaire ga h-iarruidh. Mar ’eil mi meallta tha i deanamh deas gu falbh. Tha ’n t-iomaire buntàta air Croit-an-fhraoich air ùireadh—chuir i ’cearcan air àireachas—chunnaic mi ’n coileach eirionnach air dùnan a Ghobhainn—rinn Eoghann greusaich na brògan—chuala mi gu’n d’fhuair i teisteannas o’n Mhinisteir, agus tha so uile na chomhara co cinnteach gu bheil a bhuain an ùine bheag ri tòiseachadh air a Ghalltachd, ’s a tha séide na muice-mara ann an Loch-suaineart air teachd an sgadain. Faic thusa Marsali, fheudail, agus cuir do chomhairle rithe; oir tha iad ag ràdh gur foghainteach air a bheurl’ i ’nuair dh’ fhàgas i ’n dùthaich. Fuirich thusa ’na taic fein agus Phàra-mhòir, agus cha’n iunndrain thu ’bheurla; agus ge nach bi e goireasach dhuit an cleòca sgarlaid no a bhoineid chonnlaich a thoirt dhachaidh, feuchaidh mi ri bliadhn’ eile thoirt as an tonnaig ruaidh, ged a tha mi cinnteach Fhionnlaith nach bu mhaith leat mi bhi air deireadh air càch. FIONN. Chi sinn a Mhàiri. ’S e ’m màl a chur ri chéile an t-aon ghnothach; ’se so a fhreagairt gu pòncail a chumas na maoir o’n dorus, agus an teaghlach gun imirich. Cha cheannaich mise aon ni dhuitse no dhomh fhein, fhad ’sa tha uallach màil no fiachan sam bith eile thairis orm. Bitheadh iad a’ bruithinn mar is àill leo, agus a’ fochaid oirnn; ach a Mhàiri, creid thusa mise, gur measaile a bhoineid ghorms’ agamsa, an tonnag ruadh agadsa, leis an dà bhò bhainne, am badan beag ghabhar is chaorach, a chroit bhòidheach ri taobh an uillt, far an d’ rugadh ar pàistean, anns an do chuir sinn a cho liugha latha sonadh seachad le chéile, na rìomhadh gòrach; na maoir gach là aig ar sàil, ’s a bhàirlinn crochta ris an àrd-dorus. A Mhàiri, m’ fheudail do mhnathan an domhain, biomaid gu sunndach toilichte, a’ fuireach gu seasgair, sàmhach, mar bha na daoine o’n d’thainig sinn, gun bhi streap ri nithibh nach buin duinn. Tha na leanaban a’ tighinn air an adhart. Gu’n cumadh am Freasdal sinne o ana-caitheamh a chuireadh as ar comas a bhi ’nar dleasnas dhoibhsan. T.—O.— EACHDRUIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH. “Moch sa mhaduinn ’s mi dùsgadh, ’S mòr mo shunnd, ’s mo cheòl gàire, O’n a chuala mi ’m Prionnsa Tighinn do dhùthaich Chloinn-Ranuill.” Dhealaich sinn ri Prionns’ Tearlach ann an Gleannfionain, aig ceann Loch-seile, ann am bràighe Mhùideairt, far an do thog Alastoir Domhnullach, Triath Ghlinnealadail, caraid dìleas ar n-òige, Tùr rioghail, mar chuimhneachan air a ghnothach ainmeil so. Bha Righ Deorsa, II. ann an Hanobher san àm, agus bha gnothaichean na rioghachd ’an earbsa ri riaghlairean a shònraicheadh na àite. Bha ’n t-arm dearg an Albuinn fo ’n cheannard sin, air an tric a chuala sinn iomradh ’nar n-òige, Sir Iain Cope. Chaidh mìos ùine seachad an déigh do Thearlach teachd do [TD 82] Albuinn, m’an d’ fhuaradh fios cinnteach uime ann an Duneidinn. Air a cheart là air an do thog Tearlach a bhratach ann an Gleann-fionain, chuir Sir Iain Cope e fein air ceann na’n Saighdeara dearg ann an Sruileadh; agus air an ath-là ghluais e le ceithir cheud deug fear fo ’n armaibh, agus ochd gunnachan mòra, agus airm-chatha a chuireadh e ann an lamhaibh nan daoin’ a shaoil leis a dh’éireadh leis mar bha e ’gabhail air aghaidh. Bha e cheud oi’ch ann am baile Chraoibh, far an do choinnich e Diuchd Adholl, agus Mor’ear Ghlinn-urchaidh, agus fhuair e mach uatha-san nach robh iad fein no an daoine ro-thoileach éiridh. Bha mìle leith-sgeul aca; air chors gun do chuir Sir Iain Cope air ais na h-airm a thug e leis, do Shruileadh, far am bu mhiann leis fein, tilleadh nam feudadh e. Mar is faide chaidh ’n t-arm-dearg air an aghaidh an coinneamh Thearlaich, ’s ann is mò a thuig iad nach robh muinntir na dùthcha air an taobh. Cha robh seol a shaoileadh iad gu campar a chur orra no grabadh nach do ghnàthaich iad. Ghoid iad an cuid each san oi’che, agus thug iad a h-uile sgeul bu bhreugaiche na chéile d’an ionnsuidh chum am mealladh. ’Nuair a ràinig e Coirre ghearaig fhuair Cope fios cinnteach gun robh am Prionnsa agus na Ga’eil dlù do làimh; agus a’ feitheamh gu bhi ’n sàs ann ’nuair a gheibheadh iad e ann an cas-bhruthach a Choire. Cha robh Cope deònach air dol ’na’n caramh; chum e comhairle-chogaidh, agus cho’-aontaich iad am Prionns’ a sheachnadh, agus thug iad Inmhernis orra. Bha aig a Phrionnsa fodha air an àm so, ochd-ceud-deug do dhaoine curanda, treun, dian, togarrach,—gu bhi’n sàs sna saighdiribh dearga, agus nam biodh iad air tachairt riu air a cheart là sin, is cinnteach sinn, mar thuirt an t-Oran, “Gur iad a luaidheadh an clòdh ruadh gu daingean.” Ghlac Tearlach fein spiorad na’n Gae’dhal. Thòisich e air an cànmhuinn ionnsachadh, thogadh e’n Luinneag leo air an t-slighe; chuir e suas breacan-an-fhéilidh, leis an làn-éididh Ghae’lich; agus anns an fheachd air fad cha robh na bu lùthmhoire a shiùbhladh garbhlach nam beann na e. Mu ghlasadh an latha, dhìrich Tearlach ’s a chuid daoine ri uchd Coire-ghearaig, agus an déigh bhi dlù do’n mhullach, leig siad iad fein nan sìneadh san fhraoch, ’an dùil gun d’ thigeadh Cope; ach cha b’ fhada gus an d’ fhuair iad bràth gun do thàr e as do Inmhernis. Thog iad iolach le buaidh chaithream, a’ deanamh uaill a gealtaireachd nan saighidirean dearga; agus dh’ òl iad an deoch slainte. Thog am Prionnsa ’s a chuid daoine orra a stigh tre Bhàideanach, agus Adholl, do mhachraichibh na’n Gall. Agus mar is fhaide chaidh iad air an aghaidh, ’s ann is déigheile a chinn na daoine m’an Phrionnsa. Choisich e ri ’n taobh guala ri guala, a’ dol o chuideachd gu cuideachd a’ seanchas leo mu eachdruidh gach cinneach agus teaghlaich, ionnas nach robh duine fodha nach dùraigeadh fuil a chridhe a dhòrtadh air a shon; agus is cuimhne leinn gu maith ’n ar n-òige cuid do na seann laoich a bha maille ris, fhaicinn a’ sile nan deur ri iomradh air ainm, agus ag aithris na thachair san àm. Mheudaich am feachd gu mòr mar chaidh iad air an adhart. Mar dh’ atas an abhuinn mhòr ann an tìr nam beann o’n d’ thainig iad, leis gach [TD 83] caochan a tha sruthadh innte o gach gleann mar tha i dol seachad. Air an treas là-deug de mhìos meadhoin an fhogharaidh thainig e gu Peairt. Chuir e suas air an là so deise rìomhach do bhreacan, air a h-uidheamachadh le h-òr, a chomharaich amach am flath rioghail sin am measg nam mìltean. Dh’ fhàiltich sluagh a bhaile mhòir so e, le mòr dhealas, agus chaidh iad leis mar aon duine le iolach ghairdeachais chum an tighe san robh e gu tàmh a’ ghabhail. Smuaintich iad le uaill air greadhnachas nan làithean aoibhneach a dh’ fhalbh, ’nuair chum sìnnsire rioghail Thearlaich am mòid ’nam measg; agus cha b’ urrainn doibh beachdachadh air-san a thainig a dh’ aiseag air ais dhoibh, mar shaoil iad, mòralachd nan àmanna sin, gun mhòr thaitneachd. Cha robh san àm so sgillinn ruadh na sporan, ach thog e cìs anns na bailtibh mòra m’an cuairt, agus chuir a chàirdean a Duneidean suim mhòr airgid d’a ionnsuidh. ’S ann do Pheairt a thainig Mor’ear Deòrsa, bràthair Dhiùchd Adholl, an toiseach d’a ionnsuidh: Saighd’ear curanda a thogadh ri cogadh o aois òige, agus thug Tearlach dha, fodha fein, àrd riaghladh an airm. An déigh dha bhi ochd làithean ’am Peairt, ghabh e air adhart do Dhuneidean. Cha’n fhiach aithris an t-ullachadh faoin a rinneadh anns a bhaile mhòr so chum na Gae’dheil a chumail a mach. Chuireadh trupairean Ghardner agus Hamilton a mach na’n còmhdhail; ach cha luaithe thainig an t-arm Gae’lach san fhradharc na theich iad. Chuir e gairm chum a bhaile iad a strìochdadh, agus nach deanta dochoir air ni no neach a bh’ ann. Bha luchd-riaghluidh a bhaile deonach dàil a chur san fhreagradh a bheireadh iad dà, air dhoibh a chluinntinn gun d’ thainig Cope agus an t-arm dearg air tìr aig Dunbar. Ach cha tug Tearlach mòran ùine dhoibh gu smuainteachadh; chuir e Mac Dhò’ill duibh, Mac ’Ic Ranuill na Ceapach, Fear Airdseile, agus O Suilibhan, le naoi ceud fear a ghlacadh a bhaile. ’Nuair a rainig am feachd so am baile fhuair iad an geata fosgailte, agus m’am b’urrainnear a dhruideadh bhrùchd iad a stigh, agus theich gach aon, le maoidhm rompa. Ghabh iad suas an t-sràid mhòr, chum tigh an fhreiceadain; agus am Pìobaire seinn port caithreamach nan Stiùbhartach, “Gabhaidh sinne ’n rathad mòr Olc air mhath le càch e, &c.” Nuair a dh’ éirich muinntir a bhaile, thuig iad gu’n robh mùgha uachdranachd orra, leis nach robh cuid diu ro-thoilichte. ’Nuair a chual’ am Prionnsa gun robh a chàirdean ’an seilbh sa bhaile, Ghluais e le fheachd gu Lùthchuirt rìoghail a shinnsir. ’Nuair a fhuair e cheud sealladh air an aitreabh aosmhor sin, far an do rìoghaich iadsan o’n d’ thainig e rè iomad lìnn, theirinn e o’n steudeach air an robh e marcachd, agus sheas e c’ar tamull na thosd a’ beachdachadh air an àite le geur dheòthas anama. Thainig mòr shluagh a mach ’na chòmhdhail ga fhàilteachadh le gairdeachas. Sheas e c’ar tamuill chum gu’m faiceadh an sluagh e. Bha e san àm sin gu h-òg, eireachdail, an treun a neart. Bha e àrd flathail; bha fholt buidhe-ruadh; bha aghaidh ruiteach, le beagan do bhreacadh-sianain; bha mhaildhean àrd, dreachmhor; bha shùil ghorm gu tlàth, lìontach. Ann an aon fhocal, bha e ro-àillidh, gun chron cumadh, mu shea troighean air [TD 84] àirde; gu cruinn dealbhach, a’ nochdadh gun robh e gu làidir, fulangach. An déigh dha cothrom a thoirt do’n t-sluagh air beachd a ghabhail air, ghluais e chum na Lùthchuirt, air a cheart shlighe air an deachaidh righ Deòrs IV. chum an ionaid cheudna, seachd-bliadhna-deug agus tri fichead na dhéigh sin. Do réir coslais bha’n sluagh mòr a chaidh a mach ’an còmhdhail Thearlaich, ro shòlasach fhaicinn. Chunnaic muinntir Dhun-eidean, ’nar latha ’s n ar cuimhne fein, Righ Deors’ ag imeachd do’n àite cheudna, agus dh’ fhàiltich iad e mar bu chubhaidh dhoibh le dealas àrd. Air an là san d’ fhosgail Lùthchuirt nan righ, a’ dorsan aosda chum esan a ghabhail a stigh, cha robh neach a’ tagradh a chòrach; agus b’e guidhe gach duine ’an Albuinn, Dia ga bheannachadh. Bheachdaich gach sùil le urram agus iongantas air an righ a b’ àirde, agus bu chumhachdaich air thalamh. B’ esan gun teagamh an righ laghail, agus dh’ innis an cinn agus an tuigse dhoibh gur ann dhàsan a bhuineadh an righ-cholbh, agus crùn Bhreatuinn. Ach Tearlach òg Stiubhart, m’ar d’ aidich an cinn gu’m b’e oighre Bhreatuinn e, dh’ aidich an cridheachan e. Thainig e nise nam measg, na ghaisgeach curanda, flathail, le buithinn do laoich fhoghaintich nach strìochdadh: Mi-shealbhar na òige, chunnaic iad e nise toirt oidheirp àrd, chunnartach chum cathair a shinnsir a chosnadh. Sliochd na’n righrean, is tric a threòraich Albuinn gu blàr, ’s gu buaidh, cha b’ ìoghnadh ged a lùb a liugha cridhe leis, agus ged a thàirneadh a cho liugha claidheamh as a leith. Ma dh’ fhàiltich muinntir na h-Alba righ Deòrsa le urram agus meas mar bu dligheach dha, dh’ fhàiltich iad an t-aon fa dheireadh de na Stiùbhartaich mar bu dùgh dhoibh le bàigh an cridheachaibh. Dh’ fhàiltich iad righ Deorsa na charbad rioghail, le gàir aoibhneis; ach tha e air innse dhuinn gun robh breacan Thearlaich òig Stiubhart air a thaiseachadh le deuraibh gràidh na h-aitim a bha ’g iarruidh a phògadh. Bu latha sòlasach do’n lùth chuirt aosda, an là sin san do thilg i a dorsan gu fialuidh fosgailte do dh’ ogha an righ ma dheireadh bha chòmhnuidh ann. Bha cuid do dhaoine fhathast beo, a chunnaic mòr-chùis righrean san talla sin, a bha nis o cheann fhada gu folamh fàs; agus bha mòran a chuala o na daoinibh o’n d’ thainig iad mu ghreadhnachas nan làithean sin; cha’n ioghnadh, uime sin, ged a bha iad aoibhneach ’nuair a chual’ iad am mac-talla bha co fada ’na thosd, a rìs air a dhùsgadh agus a’ co’-fhreagradh air feadh nan Lùth-chuirtibh àrda, Fàilte Phrionns’ òig. Ead. le T.—O.— Prosnachadh na ’n Gael, le Alastoir MacAonghais, duin’ uasal de Chloinn Iain Ghlinne-comhann, anns a bhliadhna 1745. A Chlannaibh na’n Gael Dam b’ àbhaist bhi rioghail, Hò rò, togaibh an àird; A’s freasdailibh an tràsa Do Thearlach mar dhìllsean, Hò rò, togaibh an àird. Freasdailibh dha uile Gun fhuireach ri rìghneas; Na leughaibh ur cunnart, Ach bhi gu fulangach, rioghail; Gu foirmeil, tartarach, Stoirmeil, acfhuinneach, Sunnd gu astar oirbh, ’S colg gu tapadh oirbh, Hò rò, togaibh an àird. [TD 85] Ma théid sibh a baile, Thugaibh aire d’ur n-eòlas, Hò rò, togaibh an àird; Thugaibh thairis d’ ur mnaibh, D’ ur tighean, ’s d’ ur stòras, Hò rò, togaibh an àird. Biodh gach aon fhear ’na dhithis, ’Nàm tighinn gu comh’strigh. Gach gàirdein na ruigheach, ’Sgach cridhe ’na leomhann; Gu dàna, drabasta, Làmhach, ladurna; Buaidh gach machair libh, ’S gach àit an tachair sibh, Hò rò, togaibh an àird. Nis siùbhlaibh le m’ bheannachd, Gun mhoille, gun ghruaman, Hò rò, togaibh an àird. A’ nochdaibh ’s gach àite, Gur Gae’dhil tha gluasad, Hò rò, togaibh an àird. Nochdaibh ur spionnadh, Ur neart, a’s ur cruadal; Gach aon neach a chasas ribh, Grad thugaibh buaidh air: Feuchaibh dh’ fhir Shasunn, Nach tais anns an ruaig sibh; Fàgaibh ’s na claisibh, Gach fear dhiu a bhuaileas. Hò rò togaibh an àird, &c. EACHDRUIDH SGEIR NA BAN-TIGHEARNA. Cò chaidh riamh tre Chaol-muile, no tre’n Linne-sheilich, do nach do chomharaicheadh amach sgeir na Ban-tighearna. Sgeir a tha dlù do Mhùstal, ceann mu dheas Liosmòir, agus mu thimchioll mìle dh’astar san airde-’n-ear do Dhuairt. Be’n Leth-sgeir a b’ ainm dhi gus an do thachair an eachdruidh air a bheil sinn a nis a’ dol a’labhuirt. Bha aig Gilleaspuig ruagh, (an dàra Iarl’ a bh’ air Earraghael, an t-ochdamh Mac Chailean mhòir, agus an seathamh triath deug do na Guinich,) ceathrar mhac, agus seisear nighean. Bha Ealasaid an nighean a b’òige dhiubh, pòsda ri Lachlann Catanach, Triath Dhubhairt. Thainig connsachadh eadar e fein ’sa bhan-tighearna. Cha robh clann aca, agus tha beul-aithris ag ràdh, gun robh ise ’g eudach ris, agus gu’n robh esan toileach air a cur uaithe. ’S e’n ni a thachair gu’n d’fhàg e i air an sgeir air a’bheil sinn a’ labhairt, mu dhorcha nan trà, chums gun rachadh a bàthadh, ’nuair a thilleadh air an t-sruth. Ach mar bha’m freasdal càirdeil d’ise chuala sgioba bàta a bha dol seachad i a’bas-bhualadh agus a’ glaodhaich; agus theasraig iad i o’n bhàs eagallach a bha dlù oirre. Tha aobhar againn a bharalachadh, o’n eachdruidh a thainig a nuas oirnn o’n àm sin, gum b’ e cuid de Chloinn Illeain fein, aig an robh amharus mar thachair, a shaor o’n ghàbhadh so i, agus a thug i ann an càirdeas gu Ionar-aoradh tigh a h-athar. Fhuair i litir-dhealachaidh o fear; phòs i an déigh sin, Triath Achnambreac, agus phòs Lachlann Catanach nighean fir Threisirnis, màthair Eachainn mhòir, agus Ailein nan sop. Fhuair e aois mhòr, agus mhortadh e ma dheire ’na leabuidh, ann an Dun-eidean, le Iain Caimbeul, Tighearna Chaladair, bràthair na ban-tighearn a dh’fhag e air an sgeir, ann an dioghaltas arson a ghiulain d’a phiuthair, agus droch oidheirp a thug e air mac a bhràthar, Iain gorm, ceud thighearna Loch-nan-eala, ’nuair bha e na leanamh. ’S ann anns a bhliadhna 1490 a dh’fhàgadh Ealasaid nighean Ghilleaspuig ruaidh air an sgeir. Ged a rinn Lachlann Cat- [TD 86] anach mar sin, cha do chuir so stad air a chàirdeas a bha eadar a chinne foghainteach treun, agus na Caimbeulaich. Phòs oghadh a cheart duine sin, Seonaid nighean Ghilleaspuig Oig, an ceathramh Iarl Aorach, agus b’i so màthair an duine urramaich sin, Lachlann mòr Dhuairt, a thuit air tràigh Ghruinaird, anns a bhliadhna 1577. Cha’n’eil teagamh ann an eachdruidh sgeir na ban-tighearna, mar dh’aithris sinn san àm i. Ach o cheann bheagan bhliadhnaichean, chaidh iomad seanachas mearachdach aithris m’an chùis so. Mas fior, gun do ghabh Mac’Illeain air gun do bhàsuich a bhean ann an Duairt; gu’n deach e fein agus a dhaoine, le ciste-mhairbh do Ionar-aoradh, gun do choinnich athair-céile agus a dhaoine e ann an bràigh Ghlinn-aoraidh, far an d’fhosgladh a chaisil-chrò, agus an do nàraicheadh Mac ’Illeain arson a chealgoireachd. Chuireadh a mach Dàn ann am beurla le bàrd co ainmeil sa tha san linn so, mu thimchioll na cùis so, agus ga nach ’eil an sgeula fior mar tha e air aithris san dàn, dh’oidheirpich sinn a chur ’an Gaelic, mar anns an dàn a leanas. T.—O. GLEANN-AORADH. O! n cuala sibh nuallan na pìoba sa ghaoith? Tha’m bannal a’ tighinn le tuire ’s le caoidh; Dh’eug nighean Mhic Chailean, ’s trom acain a chléibh, Ag imeachd le ghillibh ’an coinneamh a créubh. Ghluais esan roi’n ghiulan, luchd-bròin air gach taobh, A chinneadh ’ga leantuinn, cha chualas an glaodh; Phaisg iad am breacain m’am broilleach gu teann, Ghluais iad le h-aimheal, gun smid as an ceann. Ghluais iad gu tosdach roi’ mhonadh an fhraoich, Gu réidhlean an daraich bh’air crìonadh le aois; Fo leachd-lighe na còinnich, ’an so càiribh mo luaidh: Nach labhair mo ghillean? deir Gleann-aoradh fo ghruaim. A luchd-cinnidh mo chéile, ars’ an Leathanach garg, C’arson tha gach maladh co duaichnidh le fearg? A’bheil foill air a chleth fo bhreacan a dàimh? Thogadh na breacain, ’s bha biodag ’s gach làimh. Bhruadair mise m’an rìbhinn, smu eislinn nam marbh, Ghlaodh guth an fhir-chinnidh gu tartarach searbh; Bha chaisil-chrò falamh, an t-anart gu’n chrèubh, ’Mhic Chailean, ’Mhic Chailean, an aisling so leugh. O chinn Mac’Illeathain gu glas-neulach fann, ’Nuair dh’fhosgladh a chiste, an corp cha robh ann; ’N sin ghlaodh am fear-cinnidh ni b’àirde fo cholg, Am flath uasal thug gràdh do Ealasaid òig. Chunnaic mis ann am aisling ribhinn mo ghaoil, S an t-ainneart a fhuair i ’an Duairt a chaoil; [TD 87] Air carraig a chuain ’sann a chuala mi h-éigh Mhic Chailean, Mhic Chailean, an aisling so leugh. Thuit an cealgoir le geilt air a ghlùinibh san ùir, Is dh’aidich e’n t-àite ’n robh ’n t-àilleagan ùr; O charraig a chuain thugadh ainnir nam buadh, ’S bha chuirm air a càramh an àros nan stuadh. Ead. le T—O— LEABRUICHEAN GAELIC. Seolaidhean do’n Oigridh; anns am bheil teagasgan cudthromach agus sònruichte Focail De air am mìneachadh gu h-aithghearr, ’s air an comh-chur; agus cor an anama d’an taobh air a leigeil ris. Le Uilleam Innis, Ministeir an t-soisgeul an Dun-eidean. Eadar-theangaichte le iarrtas dùrachdach arson maith spioradail Oigridh na Gaeltachd.” Tha’n clar-aimne a cur an céill duinn na crìche cudromaich arson an deach an leabhar beag so eadar-theangachadh o’n bheurla. Tha e gu cinnteach fior fhreagarach arson na crìche so. Agus tha sinne cur ar làn aonta ris a chliu a ta air a thoirt m’a thimchioll, anns an Roi-radh thuigseach a ta na chois, leis na ministeiribh cliùiteach sin ’s an Taobh Tuath, Mr. Cléirach an Inbhirnis, Mr. Mac-an-Tòisich, am Bailedhùthaich, agus Mr. Dòmhnullach ’s an Tòiseachd; ’n uair tha iad ag ràdh, “Tha anns an leabhar bheag so teagasgan Dhe air an deanamh aithnichte, agus cor an anama air a leigeil ris. ann am briathraibh cho aithghearr, agus cho so-thuigsinn, sgu’m feudar gu cothromach beachdachadh orra. Tha iad air an cur gu sònruichte a dh’iunnsaidh na h-òigridh. Tha sinne ’gan gairm gu sònruichte agus gu cudthromach ann an ainm Dhé, an gabhail gu cridhe. ’S diomhain dhuinne sgrìobhadh, agus is diomhain dhuitse léughadh, mur gabhar gu cridhe na nithe a léughar. Léugh thusa ma ta, agus beachd-smuainich. Eigh ris an Tighearn arson an spioraid Naoimh a theachd a nuas ort.” Is Esan amhain is urrainn na teagasgan a ta ’s an leabhar so a dheanamh, sgaiteach, drùiteach agus slàinteil do d’anam. Feudaidh muinntir a ta air tighinn gu lathachan agus aois, co math ris an òigridh buannachd fhaotuinn o’n leabhar so; agus uime-sin dhuraigeamaid gu’m bitheadh e air a léughadh agus air a chnuasachadh le lìonmhorachd de mhuinntir ionmhuinn ar duthcha.” Thug sinn an aire do bheagan, mhearachdan a chlo-bhualaidh nach deach a cheartachadh; Ach is barail leinn nach cuir aon diubh so an léughadair am mearachd air an t-seadh. J. M. Mo cheannachd agus Reic gun chìs-dhìoladh. Chum ’s nach bitheadh aon sam bith da’r luchd léughaidh a saoilsin nach ’eil an gnàthachadh maslach cronail sin ris an abrar “smugleireachd” na pheacadh an aghaidh lagha Dhe co math ’s an aghaidh lagh dhaoine, cuiridh sinn sios an so earrann de mhìneachadh air an ochdamh àithne, “Na dean gadachd.” O’n leabhar bheag a chaidh o cheann ghoirid eadar-theangachadh o’n bheurla arson [TD 88] maith òigridh na Gaelt’achd, agus a chaidh a roi-’ainmeachadh. Tha’n t-ochdamh àithne air a briseadh ’n uair a tha daoine a toirt oidheirp dol as o chìs sam bith ìocadh tha air a leagadh air nithe àraid le ughdarras ar n-uachdranan talmhaidh, agus chum math na rioghachd. Tha fhios aig gach neach, cia mar tha so deanta, gu h-àraid ann an iomadh earrann do’n Ghaelt’achd, air seol anns am bheil an àithne so gu soilleir air a briseadh. Tha féum aig luchd riaghlaidh ar rioghachd a dhìon, agus a cosdasan a sheasamh. Tha iad a’ leagail cìse, na cuspuinn air nithe àraid chum an t-suim so bhi aca thaobh sgu bheil gach sgillinn de’n airgiod air a comharrachadh leo, ’s air a gealltuinn arson feum àraid fa leth. Nis ’s a cheud àit ann a bhi seachnadh na cìse so iocadh air aon ni a dh’itheas no dh’òlas sinn air am bheil i leagta le ùghdarras, tha sinn dol an aghaidh riaghailt focail Dé. Rom. xiii. 1—7. Tit. iii. 1. ’S an dara àit, tha sinn dol an aghaidh àithne agus eisimpleir Chriosd. Matt. xxii. 21. Matt. xvii. 24—27. ’S an treas àit, tha sinn gu sònruichte, a briseadh na h-ochdamh àithne. 1 Tha sinn, a’ cur bacaidh gu h-eucorach air saibhreas saoghalt na muinntir a tha deanamh am beòlaind dhe bhi a reic agus a ceannachd na nithe sin, gu laghail, tha sinne mar so a reic, a’ ceannach, ag itheadh, agus àg ol, gu mi-laghail. II. Tha sinn a’deanamh a ni ceudna, mheud agus an t-suim nach ìocar leinne, mar so, gu’m feum sin a bhi air a thogail o ar coimhearsnaich eile air feadh na rioghachd. III. Tha sinn mealtuinn sìthe, agus dìon, agus socair shaoghalt, o’n leth muigh, fuidh ar n-uachdaranaibh talmhaidh, agus le bhi seachnadh na cìse iocadh, a tha feumail dhoibhsan a thogail, chum ’s gu’m bi sinn fein air ar coimhead anns a chor cheudna, tha sinn a’cumail air ais an còir fein uatha, gu h-éucorach, agus mar sin a briseadh na h-àithne so. Agus a thuilleadh air so uile, ann a bhi cur ri gnothaichibh neo-laghail de’n t-seòrsa so, tha sinn gu soilleir agus dàna an àit a bhi seachnadh a bhuairidh, a dol na choinneamh, agus a toirt fath-chothrom do naimhdibh ar n-anama, ’nar ’n aghaidh fein, ar treòrachadh a chum gach uilc; a chum na misge a chum brisidh sàbaid, a chum mortadh féin, agus gach cleachdadh éucorach agus sgriosail. M‘I. M‘K. Fein cheasnachadh dùrachdach, arson gach maduinn. 1. An robh Dia ann am smuaintibh, an àm dhomh luidhe sìos, agus éirigh suas? agus an robh a bhi smuainteach uime sòlasach agus taitneach do m’ anam? 2. Ciod am fonn sa bheil mo chridhe air a mhaduinn so? A’ bheil mothachadh agam air maitheas De ann am fois na h-oi’che, agus arson mo bheatha a chaomhnadh? Arson so uile, a’ bheil mi taingeil? 3. An urrainn domh le m’ uile dheòin mi fein, agus gach ni a th’ agam earbsa ri Dia, air an là an diugh, chum bhi air mo riaghladh le chomairle, air mo dhìon le a chùram, ’sa bhi gu h-iomlan air mo stiùradh leis? 4. An e mo rùn labhairt as leth Dhe, agus arson a ghlòire? Agus ann an neart Chriosd am bi aon chuid eagal, nàire, no sgìos orm ann an deanamh maith? 5. An leanamh le Dia mi, agus a’m’ oighre air glòir; no an e a th’ [TD 89] annam tràill do’n pheacadh, agus aon de chloinn an droch-spioraid? Mas le Dia mi, nach iomchuidh dhomh truscan na fìreantachd a chur umam? Mas oighre air neamh mi, nach còir dhomh mi fein a chumail saor o pheacadh? Nach còir dhomh tuille dheanamh na ni daoin’ eile? 6. Cò e am mealltair is mò? Mas e sin mo chridhe, nach còir dhomh a bhi cùramach agus furachair uime? C’ àite bheil na cunnairt is mò, agus na mearachdan is mìlltich? Mas ann ann an gnothaichibh an anama, nach iomchuidh dhomh gach ni eile a chall, seach m’anam neo-bhàsmhor a chall? 7. Cò iad na naimhdean is mi-rùnaich, is cumhachdaich, agus is mò a tha air tì m’ anam a sgrios, ach an saoghal, an fheoil, agus an diabhol? Agus nach bu chòir dhomh bhi air m’ fhaicill, sa bhi measarra, chum nach deanainn tuille ’s a chòir do ghràdh a thoirt do’n t-saoghal, an fheoil a shàsachadh, no géill a thoirt do’n droch-spiorad? 8. Cò e mo charaid is fearr, ach Dia? Nach còir dhomh am barrachd fiamh a bhi agam roimhe, na roi’n bhàs, a bhi ’n tòir air a dheadh-ghean thairis air beatha, agus rè fad an là so, gràdh, urram, agus ùmhlachd a thoirt da? 9. C’ àite bheil an diomhanas agus am buaireadh is mò, ach anns an t-saoghal? Agus nach bu chòir dhomh mo bheatha a chaitheamh os a cheann? Nach e diadhachd a bhuannachd is mò; agus nach bu chòir dhomh prìomh obair mo bheatha a dheanamh dheth? 10. Ciod e m’ obair neamhuidh, ach réis a ruidh, cath a chur, strìgh agus gleachd a dheanamh? Agus am feud mi iad sin uile dheanamh, gun chùram, gun dìcheall, agus gun fhaicill? 11. Cò ’n t-sùil a bhios orm fad an là so, a dh’ fhaicinn mo dheanadais agus mo smuainte, ach a shùil-san a tha na Bhreitheamh air an domhan uile? Am bi do bhathais agam na pheacaicheas na làthair, agus masladh follaiseach a thoirt da? 12. Ma chaitheas mi ’n là so am faoineachd, an diomhanas, agus am peacadh, nach bochd a chulaidh smuainteach e air cheann na h-oidhche? Ma bhuilicheas mi e gu naomha, tarbhach, nach dean mi ùrnuigh leis a bharrachd muinghinn, luidhe sìos ni ’s sìothachaile, le teisteas deagh choguis a thogail fianuis leam? 13. Cionnas a bhithinn an diugh nam b’e là a Bhreitheanais a bhiodh ann? Nach bu chòir do m’ chainnt, agus do m’ ghniomhara, a bhi san àm, mar bu mhath leam an sin a bhitheadh iad? 14. Cionnas a dh’ fheudas mi air an là so mo ghnothaichean a riaghladh air an dòigh is glice, agus is tuigsiche, is ionraice, agus is tréibh-dhìriche, agus a chum m’ fhìor bhuannachd? 15. A’ bheil mi nis ann an suidheachadh iomchuidh chum dlùthacha ri Dia ann an ùrnuigh; agus an urrainn domh air tùs rioghachd Dhe agus fhìreantachd iarruidh, mar an t-aon ni feumail? Ead. le P. M‘F. MU BHEACHAN. Tha iomadaidh d’ar càirdean a’g iarruidh eolas mar ghnàthaichear Beachan, no Seilleinean, agus tha caraid againn a tha co caoimhneil sa ghealltuinn gu’m builicheadh e oirnn o àm gu h-àm, mion-chunntas mar ghnàthaichear iad; agus bheir sinn àite dhoibh sin san TEACHDAIRE, a réir ’s mar thig iad d’ar n-ionnsuidh. [TD 90] Mu Bheach-lann. M’as àill leat buannachd fhaotainn o bhi deanamh meala, faigh àit iomchuidh arson beach-lann. Ann an droch àite cha soirbhich iad a dh’ aindeoin aon chùram a ghabhar dhiu. Bitheadh na sceapaichean suidhichte ri grian na h-àird an ear-dheas, agus far nach cuirear dubhar orra gu feasgar, air a dhìon o’n ghaoith, agus fo sgàile na’n craobh. Tha a ghaoth millteach dhoibh. Tha gaoth na h-àird an Iar laidir, agus gaoth na h-àird an Ear fuar; agus nam biodh an doras gu tuath, bheireadh e am bàs sa gheamhradh. Tha fasgadh thar na h-uile ni fenmail doibh. Is gann a dh’ fhòghnas balladh no gàradh na idir sgitheach dheth fein, do thaobh gur annsa leis na beachan, a théid a thional meala air a mhachair, stad ri obair, far a’ bheil a ghaoth tlà, aig bun nam preas, no dìon sgithich, far am faigh iad gu leòir dheth, no ann an àitibh far an séid a ghaoth gu buaireasach. Sgìthichear iad o bhlàth gu blàth, ach gu mòr ni ’s mò le pilleadh do’n ionad-còmhnuidh, an déigh dhoibh an luchd beag a chruinneachadh. Chithear iad, agus gu minic fad air falbh, a’ dol dìreach rompa, agus air uairibh an aghaidh na gaoithe, mar shaighead a’ bogha, gus an tig iad am fagus d’an sceipibh: an sin gluaisidh iad ni ’s socraiche, a’g itealaich m’an cuairt doibh, gu bhi cinnteach gu bheil iad ceart. Nan rachadh iad am mearachd le dol do sceip nach buin doibh, chuirte gu bàs iad mar mhearlaich, a tha ri slad air ionmhas an coimhearsnaich. San ath-àite, biodh do bheach-lann, m’as comasach e, dlù air uisge. Tha uisge domhain mìllteach dhoibh, agus ann an sruth bras ruithteach, bithidh iad an cunnart am bàthadh; gidheadh tearnar mòran diu ma thilgear geugan chraobh ann air am feud iad seasamh. Cha soirbhich iad gun uisge. Tha e feumail doibh arson a bhrochain thiugh, no na lite taine, a ni iad suas d’an àl òg, an uair a tha iad na’n cnuimhibh. Tha’n lite so air a deanamh suas le uisge, beagan meala, agus gràinnein de mhin mhìn is àbhuist doibh a chruinneachadh o bhlàthaibh agus o luiseinibh, agus a giulan dachaidh na meallaibh beaga air an cosaibh. Mar ’eil tobair no caochain am fagus doibh, ullaichear dhoibh amair chlach, no soithichean fiodha, lìonar iad le còinnich, agus biodh iad an còmhnuidh làn uisge. Thig na seilleanan, ach gu h-àraidh san earrach, gun chunnart a chasgadh am pathadh, agus a tharruing uisge do na seilleanaibh òga. San treas àite, cha chòir an tighean a shuidheachadh ann am fior theas na gréine; ach cha chomhairlichinn an cur air cùl na gréine, ach a mhàin gun rachadh an gleidheadh fo sgàile chraobh, no fo sgàile rud air bith eile, far nach buail an teas iad, no fo chòmhdach fodair, a dhìonas iad o fhrasaibh uisge. Bheir blàs na gréine beothalachd agus misneach dhoibh an àm cruinneachadh an ionmhais. Is ann air an aobhar sin is gnàth leinn an uair a luidheas sgaoth bheach air preas, air craoibh, no air aon àit’ eile, an còmhdachadh air ball, a chionn gun toir soillse na gréine orra éiridh, am feadh a bheir an dubhar orra fuireach mar tha iad. Ma bhios neach deònach air badan sheillean air beulaobh sceip a sgaoileadh, cuireadh e iad ri dealradh na gréine, ann an àrd theas an latha, grad ruithidh iad foidhpe, no air a cùlaobh, no do àite sam [TD 91] bith gu dubhar fhaotainn. Is tric leo bhi toigheach air dol do choilltibh, agus an ionad tàimh a thogail ann. Is minic a chithear ri aimsir dhian-theas an t-samhruidh agus an fhoghair a mhil a ruith sios, agus na cìre meal’ air leaghadh air falbh, agus ann an ùine bheag na seilleanan uile air an sgrios, ann am beach-lann gràineil. Is mearachd a smuainteachadh gun d’thig an ceud sgaoth, agus na sgaothan is treise o sgeipibh ’na leithid a dh’àite. Is trice gu mòr a tharlas so ann am beach-lann air bheag gréine. Mar ’eil sgàile agus fasgadh chraobh agus phreas aig do sgeipean, faigh dhoibh uachdar no còmhdach fodair no fiodha, no seana phlaide, no aon ni eile a ghleidheas iad o àrd theas na gréine. Is còir na sgeipean a chumail iosal, gun an togail ro àrd, oir mar is àirde bhitheas iad is ann is buailtich iad gu bhith air an dochann le gaoith. D. AN T-EUN, AN SEILLEIN, AGUS AN DEARABADAN-DE. Sgeulachd a dh’innse le Maighstir sgoile do Chloinn. Mhothaich mi o cheann ghoirid gné mhùighteach, iomlaideach, ann an cuid diubhsan a tha fo m’ chùram, a chuir mòr dhuilichinn orm. Tha iad, a réir coslais, deonach air mòran fhòghlum, agus tha faoin-eolas aca air iomadh ni; ach le cion cùram cha’n’eil iad mion-eolach air ni air bith. Tha an ni m’an robh iad toigheach o cheann ùine bheag, a nis air a chur o’r cùl, agus iad a’teannadh ri ni eile, a dh’fheudas an ùine ghearr a chuir mar an ceudna a thaoibh, le tòiseachadh air ni eile na àite. Leis a ghiulan so tha’n inntinn do ghnà air a cumail a’snàmh air uachdar na cùise, gun an danarachd adhartach sin gu fuireach bunailteach ri aon ni. Air dhomh a bhi mar so a’ smuainteachadh m’an chùis, ghabh mi an dòigh so a leanas air mothachadh a thoirt doibh air am mearachd.—’Nuair a bha iad uile cruinn, dh’aithris mi faoin-sgeul doibh ris an abrar, “An t-Eun, an Seillein, agus an Dearabadan-dé.”—Air latha bòidheach sàmhruidh, an uair a chuir an saoghal air fad uime an suaicheantas is rìomhaiche, anns na dathaibh is àillidh, ’sa bha gach seorsa bheothaichean ri sùgradh air gach àilean, thachair a bhi a’measg chàich, Eun, Seillein, agus Dearabadan-dé. Bha ’n t-Eun gu dìchiollach a’ cur a nid r’a chéile, ’sa chum sin a dheanamh thug e iomad sgrìob o’n chraoibh san robh e ri bhith, chum an fhearainn a bha mu thimchioll; agus phìll e do ghnà le iteag no le sràbh ’na ghob. Ged a shaoileadh sibh nach robh e teachd ach mall air aghaidh, le e bhi dol gu tric air a thuras, gu h-adhartach, teòma, chuir e an ùine bheag crìoch air an nead. Bha’n Seillein mar an ceudna gu saothaireachail a’deothal meala o gach blàth; agus na chuir e mar so ri chéile, thaisg se e gu cuanda anns a bheach-thigh, chum freasdal a rìs d’a fheum. Bha’n Dearabadan-dé a’leum o bhlàth gu blàth, agus o lus gu lus, ga shàsachadh fein le’m mìllseachd, no ga thoileachadh le’m bòidhichead, gun aon ghoireas a thasguidh fa chomhair an àm ri teachd. Ach ann an ùine bheag dh’fhalbh an sàmhradh. Rinn an t-Eun a nead, dh’àraich e àlach òg, a tha nis na’n culaidh-shòlais san dlù-dhoire cheolmhor. Bha’n Seillein cuideachd a’sealbhachadh toradh a shaothaireach; am feadh [TD 92] a bha’n Dearabadan-dé gun ionad còmhnuidh, gun lòn, buailteach do dh’airc agus do ainnis. Bu taitneach ri fhaicinn fiamh gnùis na h-òigridh leis an ur-sgeul a chluinntinn. Mhol cuid diu an t-Eun arson co teoma ’s a rinn e an nead, s a dh’ àraich e chuid àil. Bha’n Seillein air a chliùthachadh arson a dhìchill ann an tasguidh suas lòin arson a gheamhruidh; agus mhol cuid diu an Dearabadan-dé, arson co bòidheach, àluinn ’sa bha e, agus co grad ’sa leumadh e. An déigh dhomh an cluinntinn fa leth, thuirt mi riu:—Ma chàirde ionmhuinn, anns na tri beothaichibh beaga sin, chi sibh samhladh fìrinneach oirbh fein. Mhol sibh an t-Eun; deanaibh mar rinn esan. Ge b’e ni a chuireas sibh roimhibh fhoghlum, ionnsuichibh e gu dùrachdach, dìcheallach. Ge nach ionnsuich sibh ach beagan ann an uair, le shior aithris soirbhichidh libh. Cosmhuil ris an t-Seillein nach cruinnich ach beagan meala cò’-lath, ach aig ceann na h-aimsir anns nach gabhadh tuille tional, tha pailteas aige fa chomhair a gheamhruidh: air an dòigh cheudna ma chàrnas sibhse suas eòlas ’nar meoghair, ni e feum mòr dhuibh air gach àm. Tha àm na h-òige dhuibhse, mar tha an sàmhradh do’n t-Seillein. Ma ni sibh am feum ceudna dheth, bithidh e na impidh air ur beatha a dheanamh feumail, agus sonadh. Ach, mar rinn an dearbadan-dé, ma bhios sibh a sìor-leum o aon ni gu ni eile, ’s beag ’s nach bi ur n-eòlas co faoin ri trusgan rìomhach a bheothaich sin; ’s an uair a thig deuchainn agus cruaidh-chas oirbh cha’n urrainn duibh an giulan, ni’s mò na is urrainn do’n Dearabadan-dé fuachd a gheamhruidh fhulang; agus bithidh sibh an cunnart a chuid eile d’ur beatha a chaitheamh ann an dìomhaireachd agus ann an teinn. Ead. le P. MCF. Chum Fear-ullachaidh an Teachdaire Ghae’laich. A Dhuine-uasail, Urramaich, Is mi tha toilichte leis a chunntas a tha sibh a’ toirt duinn o mhios gu mìos air nithibh mu bheil e co taitneach dhuinn eolas fhaotainn. Mar thuirt Eoghann Brocair e, ’S ann agaibh a tha’n ceann. Tha e cur iongantais orm, c’àit a bheil sibh a’ faotainn gach eolas a tha agaibh. Tha dùil agam gu bheil fhios agaibh air na h-uile ni a ta ann, agus air nithibh nach ’eil idir ann. A’ bheil taibhstearachd agaibh? Cha’n’eil dùil agam fhein gu bheil sibh fad air deireadh air Calum Chille. Bi’dh mi air uairibh a’ caoineadh, agus san ath-mhionaid a’ gàireachdaich. Tha sibh ni’s eolaich air a Ghael’tachd na a mhuinntir a tha chòmhnuidh innte. ’Nuair a thòisicheas sibh air sean eachdruidh, saoilidh mi gur i mo shean-mhàthair a tha a rìs air tighinn beo, agus na suidhe air a mhàtaig ri taobh an teine le cuigeil ’s le fearsaid. Tha sibh an darna h-uair sa ghealaich, agus an uair eile taobh thall an t-saoghail. ’S e’n t-aobhar air son am bheil mi cur na litireach so d’ur ’n-ionnsuidh a dh’ iarraidh oirbh, na’m biodh sibh co math agus gu ’n d’ thugadh sibh dhomh sgeul agus seòladh, leis am bi mi comasach air toradh mo chruidh a ghleidheadh o na buidsichean; oir tha ’n t-eilean anns am bheil mise a chòmhnuidh lan diu, agus feudaidh sibh fein a thuigsinn gu’m bheil e doirbh do dhuine bochd, gun sgil gun eòlas, mar a ta mise, a bhi [TD 93] beò na measg. Ni iad long mhor-thri-crann, do phlaosg uibhe, leis an seol iad do’n Fhraing, ann an tiota do dh’ ùine—ni iad steud lùth-mhor do’n ghas-sguabaidh, air am marcaich iad, co luath ris a’ ghaoith, feadh an t-saoghail uile—agus chunnacas iad, gu minig, roimh éiridh na gréine, air la-bealtuinn, a ruidh mar mhaigheich, o bhaile gu baile, agus o bhuaile gu buaile. Feudaidh sibh a bhi cinnteach nach ann air aon turus maith a bhitheadh iad. Cha ’n ann fuar na falamh a thigeadh iad dachaidh, agus tha fhios sin agamsa air mo chosd fein. Tha sé mairt-laoigh agam, agus cha mhòr gu’m bheil déur bainne aig a h-aon aca, agus, am beagan a tha aca, cha d’ thig mir im air, ged a bheirinn o mhaduinn gu feasgar air a mhaistireadh. Ged a tha na bà-laoigh aig daoine eile gu reamhar laidir, ’s ann a tha mo chuid cruidh-sa (an cead duibhse) lan do’n ghalar-tholl agus do’n chrùban; gus an ann le h-eigin a choisicheas iad air a bhlàr. Cha’n’eil ni, a shaoileadh duine a dheanamh feum dhoibh, nach d’ rinn mi. Chrath mi uisg àraid nach ainmich mi orra, agus chuir mi teàrr na’n cluasan, agus chuir mi caorann sa’n àrd-dhorus, oi’che bhealtuinn; ach cha d’rinn sin math air bith. Thug mi iomadh peic mhine do’n Dall, agus do’n Chripleach, a tha dol ma’n cuairt air feadh na duthcha; ach ged a rinn iad leigheas, agus feum do dhaoine eile, dh’fhairtlich orra an toradh a thoirt-dhachaidh dhomhsa, no an crodh a leigheas. Tha amharus agam fein co rinn mo chron. Tha fios aig an t-saoghal gu’m bheil comunn, nach ’eil cneasd, aig Buitseach Ruadh Eisenish ris a Mhac-mhallachd. Tha poca mòr aige, fo’n leabaidh, làn do chrodhain spréidh, do ìnean chàt, agus do spora-teine, leis an dean e do dhruidheachd, do ghisreagan, agus do dh’ ubagan, na chuireadh eagal air criosduidh. Tha geilt air na h-uile dhaoine roimhe, agus tha aobhar aca; oir cha’n’eil ach dosguinn, tubaist, agus sgiorradh a tighinn an déigh a chéile, air cuid agus cuideachd an fhir a chuireas corruich air; ach cha dean sìth no saoghalta coire, air ni no neach a bhuineas do’n fheodhainn as toil leis. Ach cha’n easan (slan far an ainmichear e) rinn mo chuid a thoirt uam-sa. ’S math a tha fios agam gur h-i a Chailleach-shìth nighean an Làrcanaich, bean Dhrollair, a rinn mo choire. Throid i fein agus Ceit, mo bhean, gu math ’s gu ro-mhath, aig faraire a Mhaoir-ghlais, nach maireann (a chuid do throcair gu’n d’fhuair e) agus mar a bha Ceit na gloichd thilg i oirre, anns an aodan, nach robh innte ach a bhuitseach. B’ fhearr dhomhsa gu’n robh Ceit ann an Iort, o cheann iomadh latha, ged nach eil a chridh’ agam sin a ràdh; tha fior dhroch theanga aice, nuair a thogar oirre. Riamh o oidhche na faraire tha naimhdeas agus folachd aig a Chailleich-shìth dhomh, agus as duilich dhomhsa gur fior; oir tha ise agus Drollan a’g itheadh mo chuid ime gu reamhar ròiceach ’nuair a tha mi fein agus mo phàisdean gun ìm gun bhainne. Na’m bitheadh sibhse cho math agus gu’n cuireadh sibh a Chailleach-shìth a cnaimh na h-amhach, an ath-uair a theid i an riochd maigheich, agus gu’n d’thugadh sibh air ais dhomhsa an t-im a dh’ith Drollan, cha’n’eil mi ’g iarruidh ach mo chuid fein, bheirinn dhuibh clach do’n ìm, agus mulachag mhath chàise. Gu’m faic am fortan gur beag sin do na chosd na gnothaichean so dhomhsa cheana, air bheag feum. B’eiginn [TD 94] domh siola uisge-bheatha thoirt do Dhonull Sgoilear mu’n sgriobhadh e an litir so dhomh. Tha’n samhradh air dol seachad. Bithidh fadal orm gus am faigh mi fios freagairt. Is mi’ur seirbhiseach umhal, IAIN MACALASTOIR. Ila an seachdamh mios 1829. FIOS FREAGRADH. Iain ’Ic Alastoir, Cha’n’eil aon chuid taibhstireachd no buitseachd againne, ni’s mò na th’aig aon Chaillich ann an Ile. Ach dh’fheuchamaid ri comhairl a thoirt dhuitse, a ni feum dhuit ma leanas tu i; Agus gheibh thu i gu saor, gun chuach ioma, gun mhulachag chàise. Cum thusa nis ceithir mairt an an àite na sea a b’àbhuist duit, beathaich gu maith iad, agus geallaidh sinne dhuit nach cluinn sinn tuille mu’n ghalar-tholl mu’n chrùban, no mu’n bhuitseachd. Biodh agadsa crioman beag fearainn dlù do’n tigh, agus gàradh grunndail mu thimchioll, ’s an déigh dhuit uidheamachadh, agus a dheagh leasuchadh, cuir beagan deth fo eòrna agus fo fhrasan feòir; agus cuir iomaire dheth fo pheasairluch, nithe a chuireas air aghaidh an dà chuid dàir agus bliochd. Thoir dhoibh, ’nuair bhios iad a stigh ri teas an là, dorlach dheth sin, agus mothaichidh tu gum fàs iad gu reamhar laidir. Glanadh Ceit na h-uile latha na soithichean le uisge goileach, anns am bi i ’gleidheadh a bhainne. Na cuireadh i fein na duin’ eile an corag air an uachdar, a’ cuimhneach’ mar thuirt an sean-fhocal, “Cha dean corag mhilis ìm, no glutaire càise.” Dean thusa mar so, agus leig leis na buitsichean a bhi feadaireachd. Is duilich leam gu bheil duine co aineolach ann an Ile, ’s gun d’thoir e creideas d’a leithid de dh’amaideachd: ach ’s eagal leam nach ann am Bòid uile tha’n t-olc. NAIGHEACHDAN. Mar thuirt an sean-fhocal, Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd; agus ’sann mar so a dh’ éirich dhuinne air an àm so. Ged a dh’ eadar-theangaicheamaid o cheann gu ceann, gach Paipeir-naigheachd a chuireadh a mach o cheann mhìos, cha mhòr a b’urrainn duinn a thoirt asda a bhiodh taitneach, no feumail, do’n earrann is mò dhiubhsan a tha gabhail an Teachdaire Ghae’laich. Do thaobh na’n Turcach agus na’n Rusianach, tha iad fhathast ’am badaibh a chéile, agus eatorra fein bitheadh e. Tha pilleadh mòr air na marguidhean o cheann ghoirid, gu h-àraidh ann an Sasunn, far an robh e deacair an spréidh ma dheireadh a chaidh ann, a reic. Cha’n aithne dhuinn ciod is cionfath air so, ach ’s duilich leinn a ràdh gu bheil e fior. Cha robh bàrr riamh air machraichibh na’n Gall ni’s fearr coltas na th’ ann am bliadhna. Cha bhi am foghar’ trà, ach nan d’thigeadh turadh agus teas, bhiodh e anabarrach tarbhach. Tha mhin a’ tuiteam gach là le fiughair gum bi fogharadh maith ann. Tha ceaird [TD 95] agus cosnadh beagan ni’s fearr, ach tha eagal oirnn ’nuair a thòisicheas a bhuain gum brùchd na h-Eirionnaich a nall co lionmhor ris na meanbh-chuileagan, is nach faigh na buanaichean Gae’lach an cosnadh a b’ àbhuist doibh. Thachair sgiorradh bochd, o cheann là no dhà, air abhuinn Chluaidh, aig Port-Glaschu. Chaidh seisear dhaoine mach a dheuchainn Biorluinn bhòidheach ùr, a chuireadh air an là sin fein fo uidheam, a bhuineadh do dhuine measail, Mr Iain Mac-an-t-saoir, ’an Glaschu, agus is duilich leinn a ràdh gun deachaidh e fein agus ceathrar eile bha leis a chall. Nach furachair faicilleach bu chòir dhuinn uile a bhith, is iomad sgiorradh agus dosguinn ga’ bheil sinn buailteach; is beag a tha fhios againn sa mhaduinn ciod a dh’ éireas duinn m’an d’ thig an oi’che. Bu shunndach cridheil a chaidh an duine tapuidh fiughantach so a mach a dheuchainn a bhàta, o’n robh fiughair aige mòr thoileachadh fhaotainn; ach ann am prioba na sùl bha esan agus na bha maille ris, ach a h-aon, ann an siorruidheachd. Biomaid uile, uime sin, ri faire, oir cha’n aithne dhuinn ciod an t-àm san gairmear air falbh sinn. FOCAL SAN DEALACHADH. Thainig mòran litrichean d’ar n-ionnsuidh sa mhìos a dh’ fhalbh: cuid d’ar moladh, agus d’ar di-moladh. Cuid a’ gealltuinn gun seas iad leinn a dheoin no dh’ aindeoin, agus fear no dhà eadar feala-dhà agus d’a rìreadh a’ bagradh cùl a chur ruinn, mar dean sinn sud, agus mar dean sinn so. Is furasda coire fhaotuinn, agus is tric a shaoileas am fear a bhios na thàmh gur e fein is fearr air an stiùir. ’Nuair a leughas sinn gach comhairl’ agus seoladh a tha sinn a’ faotuinn, agus a chuid is mò dhiu co calg-dhireach an aghaidh a chéile, cha mhòr nach ’eil ar cinn nam breislich. Uime sin, o nach urrainn duinn gach comhairl a ghabhail, ’s eiginn duinn ar dòigh fein a ghabhail; m’an tachradh dhuinn mar dh’ éirich do’n duine bhochd aig an robh an asail. Bha duine àraidh agus a mhac a’ dol le asail chum na féille. Bha iad a’ coiseachd agus an asail ac’ air thaod. “Nach tu am burraidh, ars’ an ceud neach a thachair orra, nach ’eil a marcachd na h-asail; cha luaithe chual an seann duine so na chuir e mhac air an asail, agus dh’ fhalbh e fein gu sunndach suilbhir r’a thaobh. Thuirt an t-ath fhear a thachair orra ris an òganach, “A’ bheil e ceart no dligheach gu’m biodh tus’ a’ marcachd air an asail ’nuair tha t-athair aosda agus lag a’ siubhal d’a chois?” Cha bu luaithe chual an seann duine so na thug e air a mhac teachd bhàr na h-asail, agus chaidh e fein a mharcachd air. “A’ bheil sibh a’ faicinn,” thuirt an treas fear, “mar tha ’n duine laidir leisg so a’ marcachd, ’nuair a tha a mhac òg, sgìth, agus crùpach, ag imeachd d’a chois!” Cha bu luaithe chaidh so a ràdh na thog an seann duine a mhac suas air a chùlaobh. “Guidheam ort,” thuirt an ceathramh fear, “am buin an asail so dhuit fein?” “Buinidh,” thuirt an seann duine. “Cha smuainticheadh aon sin,” thuirt aon eile ris, “do bhrìgh gu bheil thu ga cur thar a luchd; tha thu [TD 96] fein agus do mhac ni’s comasaich air an ainmhidh a ghiulan, na tha ’n t-ainmhidh air sibhs’ a ghiulan.” “Ni air bith g’ur toileachadh,” thuirt an seann duine; agus air tearnadh dha fein agus d’a mhac bhàr na h-asail, cheangail iad a chosan, agus thug iad oidheirp air a ghiulan thar an drochaid a bha stiùradh chum a’ bhaile. Chruinnich an sealladh iongantach so mòran sluaigh cuideachd; agus an uair a bha iad a’ fochaid air an t-seann duine agus air a mhac, agus a’ dlùthachadh riu le iolaich mhòir, ghabh an asail eagal,—rinn e strì gu faotuinn air falbh,—bhris e’n gad a bha ga cheangal, agus na chabhaig gu dol as, chaidh e thar an drochaid, agus bhàthadh e. Mar thachair do’n duine shocharach so, le bhi feuchainn ris gach neach a thoileachadh, ’s ann ceart mar sin a dh’ éireadh dhuinne ’s do’n Teachdaire Ghae’lach, nan leanamaid na h-uile comhairle tha sinn a’ faotuinn. Tha sinn an comaine na muinntir a tha cur còmhnadh d’ar n-ionnsuidh: Na dealaicheadh an Gael eudmhor a th’ ann an Sruileadh ruinn gus an cruinnichear a mhil. Is ann an diugh fein a fhuair sinn litir an Eileanaich, agus a laoidhean bòidheach, Mìle taing dha; ach chuireadh e comain shonraicht oirnn nan innseadh e cia mar gheibheadh litir ga ionnsuidh. Tha mòran d’ar càirdean ag iarruidh oirnn beagan do Eachdruidh nam Fineachan Gae’lach a thoirt doibh, o na chaochail na seanachuidhean a b’ àbhuist an aithris. O nach ’eil ar meoghair fein co math, chuir sinn fios gu Mac-talla, a tha co sean ris na cnochdaibh, e dh’ uidheamachadh cuid do eachdruidh mu na fineachan is sine; ach ’s ann an so a tha ’n cruaidh-chas, cò an t-aon diubh is sine. Saoilidh Cloinn Ghriogair gum buin an t-urram sin doibh fein, “Uilc, is cnoichd, is Ailpeanaich.” Tha fhios againn gu bheil bàigh aig Mac-talla ri Cloinn Illeathain, is tha bàigh aig an Teachdaire ri Sìol-Leòid, ach tha Iain mòr Dòmhnullach ’an Glaschu, ag ràdh mar d’ thoir sinn an làmh-dheas d’a Chinneach-san, gun dean iad cleas Chùilfhodair oirnn. Fhuair sinn litir an Leinibh bhig; mar ’eil sinn meallta tha fheusag co fada r’a fhiacail. Tha mòran againn ri ràdh ris ann an càirdeas, nan innse e dhuinn cò e? Is furasda do’n Leanabh bheag, cuideachadh leinn m’as àill leis. Tha mòran d’ar càirdean a’ cur an litrichean a nasguidh d’ar n-ionnsuidh, ni a tha ro chaoimhneil agus thuigseach; oir nam biomaid ag ìocadh duais arson an giulan cha b’fhada sheasamaid. Cha’n urrainn duinn àit a thoirt air an àm so do dheuchainn nam murtairean a chuir as do Mhac Laomuinn a Muile, ach cha dean sinn dearmad air san ath-THEACHDAIRE. Clo-bhuailte le D. Maclure, Glaschu. [TD 97] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. MIOS MEADHONACH AN FHOGH’RAIDH. AIREAMH V. 1829. Sgeul’ mu Mhàiri nighean Eoghainn bhàin; air aithris leatha fein. B’e sin latha na bochduinn do iomadh a h-aon, anns an do dhealaich Mac Chailean, ri oighreachd a shìnnsirean, ’san àite ’san d’ fhuair mise mo thogail. Shaoil le muinntir an Doire-mhòir nach d’ thigeadh imrich orra am fad ’s bu bheo iad. Am feadh a phàigheadh iad am màl, agus cha robh sin doirbh r’a dheanamh, cha robh iomaguin orra; agus aonda cha d’ iarr iad. ’S ann an sin a bha choimhearsnachd chàirdeil, ge nach ’eil an diugh ach an aon smùid o thigh a bhuachaille ghallda, far an robh roimhe so dà-theaghlach-dheug a chòmhnuidh. An là a fhuair sinn bàirlinn gu falbh, shaoil sinn nach robh ann ach maoitheadh chum barrachd màil fhaotainn; agus thairg sinn sin gu toileach; ach cead fuireach cha d’ fhuair sinn. Reiceadh am meanbh-chrodh, agus mu dheireadh b’eiginn dealachadh ris an aon mhart. C’ uin a dhì-chuimhnicheas mise ciùcharan bochd nam pàistean, ag ionndrainn a bhainne nach robh ni b’ fhaide ri thoirt dhoibh? c’ uin a dhì-chuimhnicheas mis an sealladh ma dheireadh a fhuair mi do m’ bhadan bòidheach ghabhar, a’ miogadaich air bile na’n creag, mar gum biodh iad ga m’ fhuran gu dol gam bleodhann? ach cuach cha do leigeadh dhomh a chur fòdhpa. Thainig latha na h-imrich, bha na maoir na chois; agus oi’che ni b’ fhaide cha robh ri fhaotuinn de fhasgadh tighe. B’ eiginn falbh. Rainig e mo chridhe a ghàoir a thug an teine as, air lic an teintein ’nuair a bha iad ga bhàthadh. O’n a dh’ fhartlaich oirnn bothan fhaotainn san dùthaich, cha robh againn ach a Ghalldachd a thoirt fo’ ar ceann. Bha’n t-seana-bhean, mo mhàthair-chéile san àm sin beo, na cripleach, lag, aosda; thog Iain i ann an cliabh air a dhruim, lean mis e, le Aonghas beag na naoidhean air mo chìch, agus thusa nach maireann, Alastoir ghaolaich, a’ d’ loireanach lag, a’ coiseachd le d’ phiuthair ri m’ thaobh. Ghiulain ar coimhearsnaich leo am beagan airneis a bh’ againn, agus thaisbein iad gach caoimhneas a b’ urrainn caomh chàirdeas a nochda. An là a dh’ fhàg sinn an Doire-mòr, shaoil mi gu’n sgàineadh mo chridhe; bhithinn ceart, air leam, nam faigheadh mo dheòir sileadh, ach faochadh air an dòigh so cha d’fhuair mi. Shuidh sinn greis air cnochd na’n càrn, a’ gabhail an t-seallaidh ma dheireadh de’n àite san d’ fhuair sinn ar n-àrach. Bha na tighean cheana [TD 98] gan rùsgadh—bha méilich na’n caorach mòr air a bheinn—fead a bhuachaille ghallda, agus tabhann a chuid con air an uchdaich. Bha sinn brònach, ach taing Dhà-san a thug dhuinn an comas; cha chualas guidhe no droch-rùn o a h-aon againn. Cha’n eagal duinn, ars’ Iain, tha’n saoghal farsuing, agus seasaidh Dia sinn; tha mis’ ann an so a’ giulan mo mhàthar, agus thus’ a Mhàiri, agus mo phàistean ag imeachd maille rium, air an imrich bhochd so, ceart co sonadh,agus math a dh’ fhaoidte am chulaidh-fharmaid co mòr ri oighr’ an fhearainn, a chuir air an allaban sinn. Ciod a th’ agad air, ach gun d’ ràinig sinn Glaschu, agus le litir an duine bheannuichte nach maireann, mo mhinisteir gaolach, (is beag a shaoil mi nach faicinn tuille a ghnùis fhlathail,) fhuair sinn a stigh do obair Chotain, far an robh cosnadh maith seasmhach aig Iain, agus aig na pàistean, mar thainig iad air an adhart. Bha sinn socrach, agus tha dòchas agam gun robh sinn taingeil. Bha’n t-seana-bhean fathasd beo,—a tùr agus a meodhair aic’, mar a bha riamh. Bha do chonaltradh taitneach aice mu eachdruidh na Gael’tachd, ’s gum b’ fhaochadh do Iain, ’nuair a thigeadh e stigh sgìth o’n obair, suidhe sios a sheanachas leatha. Fhuair sinn deagh chothrom a thoirt do’n chloinn; leughadh iad a bheurl’ agus a ghaelic co’-ionann; agus na chunnaic an t-seana-bhean riamh, ach a bhi ged éisdeachds, Alastoir rùnaich, a’ leughadh a Bhiobuill, agus leabhraichean maith eile a bhiodh agad, agus is tus’ a dheanadh sin gu suidhichte, cialluch. Thoilich e Dia an t-seana-bhean a ghairm air falbh; agus thuit i ann an suain a bhàis, a’ tiomna suas a h-anama do’n t-Slanuighear bheannuichte chaidh gu bàs air a son. Dh’ionndrain sinne i gu mòr; ’an àite bhi taingeil an fhad ’s bu deòin le Dia a caomhnadh, ’s ann a bha sinn ga caoidh thar tomhais. Smachdaich Dia sinn. Ghabh mo mhac lurach, àluinn am fiabhrus gabhaltach a bha san àm sin ’sa bhaile mhòr, agus beagan na dhéigh sin ghabh athair agus a phiuthar e. ’S ann aige-san a mhàin a thug comas domhs a sheasamh, aig a bheil fhios air na dh’ fhuiling mise san àm. Na canadh daoine gu bràth nach ’eil iochd anns na Gaill; is mi nach d’ fhuair gun iochd iad. Ged a chum eagal an fhiabhruis air falbh a chuid bu mhò de m’ luchd-eolais, thog Dia suas domh càirdean a sheas mi; ghabh bana-choimhearsnach air nach robh ach beag eolais agam, mo chaileag uam, agus chuir mi Aonghas, a sheachain am fiabhrus, do thigh caraid. Thugadh an duine agus Alastoir do’n Tigh-eiridinn, am bràighe bhaile, agus dheònaicheadh dhomh fhein an leantuinn. Bu trom airsneulach mo cheum, as déigh a charbaid a bha ’ga’n giulan. Shaoil mi nach b’ urrainn domh a bhi ni bu bhrònaich ged bhithinn ga’n leantuinn do’n Chìll; ach, O! ’s fhad o chéile, mar dh’ fhairich mise, an dà ni. Chualadh mi cho liugha sgeula m’an Tigh-eiridinn, ’s gun robh oillt orm roimhe. Ach ’s mi nach ruigeadh a leas; chuireadh iad ann an seomar a dh’ fhòghnadh do righ, agus léigh agus muime-thinneis a fhrithealadh dhoibh, a bha co cùramach umpa ’s ged a b’ iad a b’ ionmhuinne leo a bh’ air aghaidh an t-saoghail. Cuig-latha-deug an déigh dhoibh dol a stigh, air maduinn là a Chomunaich, chaidh a ghuin sin annam chridhe nach d’ thainig agus nach [TD 99] d’ thig as. Chaill an saoghal, o’n àm sin, dhomhsa mòran da thlachd—chaochail thus’ Alastoir, a mhic mo ghràidh, nach dubhairt riamh ri d’ athair no ri d’ mhàthair gum b’ olc. Ach c’arson a bhithinn a’ gearan, ’s ann aige fein a ghairm d’a ionnsuidh e a bha ’m barrachd còir air? cha’n’eil againn ach a bhi strìochdta. Dh’ fhalbh Alastoir, ach taing do’n Athair chaomh cha d’ fhalbh an t-iomlan; thainig Iain uaithe, agus ochd seachduinean an déigh dha dol a stigh, phill sinn a rithist dachaidh. Ach, O! ’s ann air an dachaidh sin a bha’n t-atharrachadh. Alastoir cha robh ann.—’S esan a b’ àbhuist leughadh dhuinn mu anamoch, an àm gabhail mu thàmh. Mhothaich mi fhìn an neul bochd a bh’ air gruaidh an duine, ’nuair a thuirt e, a bhean c’àite bheil am Biobull? Thoir ga m’ ionnsuidh fein an nochd e. Thig an so, Aonghais, arsa mise, agus gabh am Biobull. O! nach fìor, ars’ Iain—thig a nall a laochain, buidheachas do Dhia gu bheil thu ann. Cha robh comas aig an duine gu cosnadh a ghabhail; bha e lag, fann, gun mhisneach. Cha robh againn ach na bha Aonghas a’ toirt a stigh o là gu là, air chors gum b’ eiginn domh bhi reic uidh air uidh cuid de’n airneis a b’ fhearr a dh’ fheudamaid a sheachnadh, ann an dòchas gun d’ thigeadh làithean a b’ fhearr. Ma dheireadh bha ’m màl ri dhioladh, ’s gun dad ma choinneamh. Thog Iain air a mach le uaireadair Alastoir, agus ainm m’ fheudail air a ghearradh air a chùl. Thìll e stigh an déigh am màl a phàigheadh, agus leig e e fein na shìneadh air an leabuidh gun fhocal as a cheann; ach mar thug Dia ma’n cuairt air a cheart fheasgar sin, cò a thainig a stigh ach am ministeir, agus b’e sin céilidh ’n àigh dhuinne. Rinn e mòran seanachais; chuir e suas ùrnuigh a dhrùigh air ar cridheachan. Thog ar misneach gu mòr, bha chainnt mar dhrùchd an anamoich air luidhibh maoth a bha seargadh. Bha slaint Iain a’ teachd air a h-aghaidh, agus fhuair e gne de chosnadh eatrom fad na bliadhna; ach oi’che de na h-oi’chean sin, toiseach a gheamhruidh, o cheann chuig bliadhna, thainig Aonghas a stigh, agus mulad mòr na ghnùis, mar gum bitheadh e gul. Ciod a th’ ort a ghràidh? arsa mise. Cha’n’eil mòran, a deir e. Theagamh gum fosgail àit’ eile, ged a tha’n obair anns a bheil mi an déigh stad. Tha’n luchd-oibre air éiridh ’an aghaidh am maighstir, ag iarraidh àrdachadh tuarasdail, agus a’ maoitheadh an obair a losgadh mar géill iad doibh. Tha iad an déigh sgrìobhadh a tharruing a mach, agus tha iad a’ bagradh olc a dheanamh air gach neach nach cuir a làmh ris. Bha Iain na shìneadh san leabuidh, agus co luath ’s a chual e so, thog e cheann, agus thuirt e, Tha dòchas agam, Aonghais, nach do chuir thusa do làmh ris an droch phaipeir sin. An e mis, Athair, ars’ am balach bochd, da rìreadh cha do chuir, agus cha chuir? Cha chuir a laochain, ars’ athair, bi dìleas, onarach, mar bha na daoin’ o’n d’ thainig thu. Seas thusa ri d’ righ agus ri laghannaibh na rioghachd, agus na biodh companas agad riu-san a tha ’g iarruidh gu mi-riaghailt. Tha againn na dh’ fhòghnas an nochd, agus na chuireas seachad an t-sàbaid, is ’nuair a thig di-luain fosglaidh Dia dorus eile. Thig Dia ri airc, ’s cha’n airc ’nuair thig. Gabhamaid gu tàmh—a nall na leabhraichean Aonghais, agus thugamaid buidheachas do Dhia. Gabhamaid an [TD 100] nochd 146 Salm—togamaid am fonn le chéile. Is minic a sheinn mi e sa chuideachda mhoir, maille ri cuid diubhsan nach ’eil a nis ri m faotainn air aghaidh an t-saoghail; is cha chuala mi riabh e nach d’ thug e faochadh do m’ chridhe. Chaidh sinn do’n eagluis air an là màireach, agus chuala sinn teagasg a chuidich leinn an saoghal bochd so a’ leigeadh air dì-chuimhn. Is beannuicht’, a deir Iain, ’nuair a phill sinn dachaidh, latha na sàbaid: ’se Dia fein a chuir air leth e. Toiseach na seachduin thainig dithis dhaoine o’n obair Chotain, air an robh sinn eolach, ag iarruidh air Iain agus air mo mhac seasamh a mach leo, nach robh feum dhoibh fuireach air leth, agus a’ labhairt mòran mu fhoirneart, agus sannt nam marsontan mòr, agus anabarradh eile mu’n righ, agus m’an rioghachd nach b’ urrainn domhs a thuigsinn. Fàgaibh mi, ars’ Iain, cha’n’eil stàdh dhuibh bhi labhairt ni ’s faide. Cha seas mis a mach, is cha mhò a ni mi lochd air na daoinibh còir a thug dhomh cosnadh o thainig mi do’n àite; agus a fhuair mi gu fìrinneach, seasmhach anns gach càs. Fàgaibh mi—cha’n’eil fuil na ceannairc ann am chuislibh. Dh’ innis iad dha gu’n robh e ’na’n comas cuideachadh a dheanamh ris, gu’n robh airgiod aca a thainig a Sasunn, arson cobhair nam feumach a sheasadh leo; agus mar chomharadh air so, thairig iad bonn crùin fhàgail aige. Cha’n fhàg, ars’ Iain, cha’n fhàgar sgillinn d’ ar n-airgiod san fhàrdoich so; tha mallachadh na chois; cha sheas mise libh, ni mò a ni mo mhac. Cha’n’eil agam ach e, chunnaic mi a bhràthair, mo dheagh mhach dileas air a ghiulan do’n Chìll, gun chomas a bhi fo cheann, a’s bu chruaidh an deuchainn e; ach b’ fhearr leam esan a tha làthair fhaicinn air a chàramh r’a thaobh, na e bhi ’m broilleach na muinntir a tha ’g iarraidh fuil agus aimhréit’ a thoirt air an dùthaich. Togaibh libh ur n-airgiod. Cha’n’eil peighinn an nochd a’m’ fhàrdoich—cha’n’eil sgillinn ruadh agam air aghaidh an t-saoghail; ach an là a dh’ éirinn libhse, gu’n robh mi gun fhasgadh na h-oidhche. Falbhaibh, ars’ esan, ach guidheam oirbh, togaibh d’ar n-amaideachd; cha shoirbhich libh. Rinn iad glag gàire, ’nuair a dh’ fhalbh iad, a’ deanamh fanoid air a chainnt. Bha là an déigh là a’ dol seachad, agus cha robh cosnadh ri fhaotuinn; bha gach ni a ghabhadh reic air falbh, ach an dà leabuidh agus trealaich bheag eile nach b’ fhiach a chur a mach. Chaill Iain a shunnd gu buileach. Cha rachadh e ’mach air an dorus, ach a’ turamanaich taobh a ghealbhain gun smid as a cheann. Bha againn Biobuill ùr a bhuineadh do Alastoir; mhothaich mi an duine ’gan toirt a mach an dràs agus a rìs, as an àite san robh iad glaiste; agus an déigh dha sùil a thoirt orra, chithinn e ’sile nan deur—a’ clisgeadh air ais le osnadh throm, agus ’ga’n càramh a rìs anns a cheart àite san robh iad. Cha reic sibh iad, sin athair, ars’ Aonghas, agus mise beo. Da rìreadh a mhic cha bu mhaith leam dealachadh riu, nam b’ urrainn domh. Air an fheasgar sin fein chaidh Aonghas amach, agus o nach do thill e san àm am bu ghnà leinn gabhuil mu thàmh, bha sinn fo iomaguin mhòr uime. ’Nuair a thainig e bha seorsa de lasadh ’na ghruaidh, agus togail éiginn na ghnùis a chuir ìoghnadh agus eagal oirnn. Athair, ars’ esan, thoir maitheanas domh, agus a mhàthair mo ghràidh, na dean thusa mo [TD 101] dhìteadh. Cha reic sibh Biobuill Alastoir, ni mò an leab’ air a’ bheil sibh a’ luidhe. Sin agaibh na chuidicheas libh. Thug e mach deich buinn òir, agus chàirich e air a bhòrd iad. Chlisg athair le oillt, ’s mar biodh taice r’a chùl bha e gu glan thairis air an ùrlar. Ciod e so a rinn thu, a mhic, ’se bualadh a làimhe air uchd, ciod e so a rinn thu? An do leig Dia gu buileach thar a làimh thu? Ciod tha mi ’g ràdh a dh’ éirich dhuit? Cha d’ éirich, ars’ Aonghas, ach gu’n do ghabh mi san arm. Tha mi nochd a’m’ shaighdear aig Righ dearg Deorsa; agus tha dòchas agam nach d’ thoir mi nàire air mo dhaoinibh, no air mo dhùthaich. Thog Iain a shùil, agus thìll an fhuil a bha ’n déigh a ghruaidh fhàgail. Aonghais, thig dlù dhomh; dh’ fheudadh e a laochain a bhi ni bu mheasa; ’se dh’ fheudadh; O! ’s math nach ’eil; ach c’arson nach d’ innis thu dhuinn na bha a’ d’ bheachd? Cha bhitheanta le òigridh, a deir e, an comhairle chur ri’n athair no ri’m màthair m’an gabh iad an t-òr; agus is maith do’n Righ gur ann mar so a tha. Ghabh mi aig Fear an Earrachd, agus gheall e tighinn am màireach, agus mo leithsgeul a ghabhail. Air an là màireach thainig Ailean mòr mar a gheall e, agus ’nuair a thuig e cò sinn, rinn e còmhnadh mòr ruinn. Ciod a tha ri ràdh, ach nach do chaill e sealladh air Aonghas fhad ’s a bha e fodha. Thog e ceum air cheum e san arm; tha e nis air a rathad dachaidh, le saor dhuais o Righ ’s o dhùthaich a chumas socair e fhad ’s a’s beo e. Tha e nis réidh de ’n t-Saighdearachd tuille, agus tha dùil againn ris dachaidh fo cheann mhìos. Tha Iain na shlainte, fhuair e àite aitheasach o na daoinibh cneasda nach do dhìobair e. Tha mo nighean pòsda ri gille glic, grunndail a mhuinntir na Gae’ltachd, agus a nis buidheachas do’n Ti ghràsmhor a fhreasdail dhuinn. Tha guth an aoibhneis ri chluinntinn ’nar measg. Thainig cruadal ’n ar caramh, ach bheannuich Dia e chum ar maith. Sheas e leinn anns gach cruaidh-chàs a thainig oirnn. ’S minig a thig Iain, ann an comhnaltradh an anamoich, thairis air gach ni a thainig ’na ’r caramh, a’ lorgachadh mar is fearr a dh’ fheudas e ceumaibh freasdail an Tighearna chum leas ar n-anama. ’S i chainnt, Is maith dhomh gu’n robh mi fo thriobluid; agus de na h-uile aobhar sòlais a th’ againn, cha’n e ’n t-aon is lugha, gu bheil Aonghas, do réir gach cunntais, cuimhneach air a Dhia, agus gràdhach mu Shlanuighear. Cha do dhealaich e riabh ri Biobull a bhràthar. Is minic a bha e air a shiubhal air latha bhlàir; agus na cheann-adhart dà an àm na h-oi’che ann an tìr chéin. Tha e’g innse dhuinn gu’n robh a cheart leabhar so air a bheannachadh, chum math do mhòran d’a cho’-shaighdiribh gam b’ àbhaist da a leughadh. Agus a nis nach ann againn a tha’n t-aobhar gu bhi taingeil! O na cailleadh daoine gu bràth an dòchas ann an Dia! na d’ thugadh cruaidh-chàs no bochduinn orra a lagh a bhristeadh, no dearmad a dheanamh air òrduighibh. Mar is àirde bhuaileas an doinionn, gu ma h-ann mar sin as dlùithe a theicheas iad fo sgaile na creige mòire anns an tir airsneulaich. Thuirt thus’, a Thighearn, agus is fìrinneach do bhriathra gu leir, “A chionn gur ionmhuinn leis-san mi, Sàr-fhuasgladh bheir mi dhà; Air m’ ainm a chionn gur eolach e, Ardaicheam e gach là. [TD 102] Gairidh e orm, is freagram e; ’Na thriobluid bitheam leis; Onoir is urram bheir mi dhà, Is fuasglam air gu deas.” Is sinne da rìreadh a dh’ fhiosraich gur fìrinneach esan a gheall; agus uime sin a deir mi ann an cainnt na sailm cheudna, Their mi a nis mu thimchioll Dhe, Mo thearmunn e, ’s mo neart; Mo dhaingneach: cuiream dòchas ann: Mo Dhia, ’s e Dia nam feart. An Criosduidh aig bruaich Iordain. Chuireadh an Dàn a leanas d’ ar n-ionnsuidh le fear-eolais, a dh’ innis duinn gur ann le Diadhair ainmeil san Taobh tuath a rinneadh e. Cha bhuin e dhuinn ainmeachadh o nach ’eil a chead fein againn; ach ma thig so gu làimh, creideadh e gu’n cuireadh e comain shonraicht oirnn barrachd de ’n t-seòrsa chur d’ar n-ionnsuidh. Is dlùth air abhainn Iordain mi, ’S tha ’n fheoil a’ gabhail sgàth; Bu mhaith anis an dòchus ud Nach cuir gu bròn no nàir— An dòchus fhuair na h-athraichean, Air carruig bhuan nan àl, Tre ’n d’fhuair gu tearuint’ dhachaidh iad, A steach do thìr Chanàin. Tha ’n fheoil a’ crith, ’s cha ’n ioghnadh e Dol sios gu Iordan bàis; Tha sgàil na h-oidhch’ ag iathadh orm; ’S tha cianalas a’ fàs; Oir se tha romham siorruidheachd, Nach tomhais grian no là; An cuan ata neo-chriochanach, Gun iochdar ann no tràigh. Ach tha mo shùil ri Slanuighear, Bha gràsmhor fad mo chuairt, Sa threoruich troimh an fhásach mi, Nach fàg e mi san uair: Ach fòs g’ an dean e teasairgin Dhomh fein, san t-seasamh chruaidh, ’S gun sgoilt e dhomh na h-uisgeachan, ’S gun ruig mi nunn le buaidh. ’S ann annsan tha mo mhuinighinn, A chuir an cath bha cruaidh, Ri naimhdibh laidir fuileachdach, ’S a thug amach a bhuaidh: Thugadh buaidh air Satan leis, Air peacadh, bàs is uaigh; ’S do thaobh an t-sluaigh a ghràdhaich e, Am bàs do shluig se suas. Do cheartas thug se riarachadh, Is dioladh mar bu chòir; ’S an lagh ro-naomh cho-lìonadh leis, Bha orms’ gu dian an tòir; Is choisneadh saorsa shiorruidh leis, Air Buaidhibh Dhe chuir glòir, ’N tra ghlaodh se, “Tha e criochnuichte,” Se sud mo dhion ’s mo threoir. Na rinn ’s na dh’fhuiling Slanuighear Mar sud an’ àit a shluaigh, ’Se ’mhàin is bunait thearnuidh dhomh, ’S cha n’e gach gràs a fhuair— ’Se sud is dion ’s is teàrmunn domh, Dol ’n coinneamh bàis is uaigh, ’S e sud bheir dhachaidh sàbhailt mi, Do’n àit a’m faic mi ’n t-Uan. Ach O! ’m faigh neach cho-ghràineil rium ’S do nàdur cho mi-naomh, A choidhch’ a steach ’na làthair-san, Tha àillidh glan gun ghaoid. Ach glanaidh fuil an t-Slanuighir Mo ghrainealachd gu saor; Is gheibh mi’n sin do’n àros ud, ’Sa’m bheil muir-làn a Ghaoil. Is mealladh mòr, is gàbhaidh e, Th’ air àireamh ’measg an t-sluaigh, Le aideachadh gun ghràsan ac, Dol ’n coinneamh bàis na’n suain; [TD 103] Gun eagal orr’ roimh shiorruidheachd A dh’ iathas ump’ gu luath— Bidh gul is giosgan fhiacal ac, A choidhch mar dhioladh duais. Ach bheirinn comhairl àmail orr’, Mu’n d’thèid mo cheann ’san ùir, Gu’m pilleadh is gu’n tionnd’eadh iad, Gu teann gu Righ nan dùl; Is ghuidhinn air a phàirt ud dhiu, Bha fad mo là dhomh dlùth, Gu’n dùineadh iad ri’n Slanuighear, Gun dàil a chuir sa chùis. Oir theirinn, ’s thogainn fianuis air, Thaobh Iosa, fear mo ghràidh, Gur Ceannard caomh is fialaidh e, ’S gu’n d’ fhuair mi riabh e tlàth: Gu bheil e truacant trocaireach, Is pailt gu leòir ’na ghràs; ’S a mheuds’ a chuireas dòchus ann, Gu’m bi iad beo gu bràth. Tha comain chuir an Tighearn orm, Is dh’iàrruinn chuir an’ cèill, Gu’n d’ fholaich e gu miorbhuileach, Mo lochda diomhair fein: Gu’n d’ cheaduich e, na fhàbhar dhomh, Air ’ghràs bhi deanamh sgeul— Mo lochda ’chuir ’na làthair san, ’S do chàch bhi ’g aidmheil fein. Thaobh ’fhreasdail anns an t-saoghal dhomh, Bu chaomh e, ’s cha bu shearbh; Oir fhuair mi biadh is aodach ann Mar d’ fhuair mi maoin is ainm; Ach chum e suas air dòchus mi, ’S cha b’ann air stòras seilbh; ’S na’m b’e a thoil, na throcair e, Nis dheònuichinn bhi falbh. Tha sluagh mo ghaoil ’smo bhràithreachas, —Na braithrean caomh is treun— A shiubhail troimh an fhàsach leam, Air m’ fhàgail nis gu lèir. Is dh’fhàg sud aon’rach cianail mi, Mar eun air sliabh leis fein, ’S o dh’fhalbh an comunn diadhaidh-san, Tha m’aigne triall ’nan deigh. Ach feitheams’ àm an Tighearna— Se àms’, gu fior, a’s fearr;— ’S d’a thoil ro-naomhsan striochdar leam, Thaobh riaghluidh beath is bàis: ’S tra thig an t-àm a dh’òrduich e, An’ rùintibh ghlòir ’sa ghràis, Feuch, sud a nunn thar Iordan mi— ’Sa ghlòir dha fein gu bràth! Sud thairis air gach buaireadh mi, Gach cunnart cuain is gaoith, Gach laigs’ is ciont is truaillidheachd, Gach pian is gruaim is caoidh; Is sud a steach do’n lùchuirt mi, ’Sa’m faic mi gnùis an Righ; ’S na chomunn iomlan ùrail-san, Gu’n seinn mi ’chliù a choidhch! I. M‘D. Fein-cheasnachadh dùrachdach arson gach Feasgair. 1. Ciod a rinn mi an diugh arson Dhe agus a ghloir? Ciod air am feud mi amharc air m’ais le tlachd? 2. Ciod am fonn san robh mo chridhe rè an là an diugh? An robh mi ni ’s mò an tòir air nithibh neamhuidh no air nithibh aimsireil? An robh tuille toilinntinn agam ann an Dia, agus ann an dòchas ri glòir shiorruidh, na ann an saibhreas saoghalta, ann an urram, agus ann an sòlas? An robh tuille bròin orm arson peacaidh, na arson triobluidean na beatha so? An d’ fhuair mi tuille sòlais o shoithichibh briste, na fhuair mi o Dhia an tobar? 3. Ciod a bh’ air m’ aire? An robh mi treibh-dhìreach, agus an do choimhid mi deagh choguis saor [TD 104] o chionta a thaobh Dhe agus dhaoine? An d’ ith agus an d’òl mi, an d’ rinn mi ùrnuigh agus co’-naltradh, chum glòir Dhe, no an robh mo mhiann agus mo thogradh fein an uachdar? 4. Ciod na dleasnuis spioradail a chuir mi an gniomh an diugh? An robh na h-uiread shuim agam do’n dòigh, ’s a bha agam do’n chùis; agus gur ann a deagh choguis a rinn mi iad, ni ’s mò na air sgàth sgéimh? An do ghuidh mi gu dùrachdach, an do leugh agus an do chnuasaich mi air mhodh a dhrùigh orm? 5. Cia dìleas, dichiollach, agus cùramach a bha mi ’s na bha’n earbsa rium? An do chuir mi seachad a bheag de’n là ann an diomhanas? 6. Cò bu chuideachda dhomh air an là an diugh? Ciod am maith a rinn mi dhoibh, no a fhuair mi uatha? An d’fhuair mi coire, an d’ earalaich, agus an do neartaich mi, an d’ thug mi misneach, sòlas, agus sanus doibh, mar bha chùis ag iarruidh? 7. Cionnas a ghiulain mi le triobluidibh agus deuchainnibh an là a chaidh seachad? An d’ rinn mi aon chuid an cuir an suarachas, no an do ghéill mi dhoibh? an d’ thug mi aon chuid caidreamh do dhroch bharail mu Dhia, na idir focal obann a labhairt na aghaidh. 8. Ciod am buaireadh a thainig am charamh air an là an diugh? An do ghéill mi gu socharach do pheacadh, no an robh mi, fo bheachd air sùil uile-leirsinnich Dhe, air mo chumail air m’ ais uaithe? An robh fearg obann orm, agus an do mhair i fada, ’s an robh aithreachas orm air a son? Ciod an geur-mhothachadh, an tròcair no an sanus a chiontaich mi ’na aghaidh? 9. Ciod na sochairean a mheal mi, agus ciod am fonn san robh mo chridhe leo? An do dhrùigh maitheas De orm ann am’ shlainte, mo dhaimhich, mo mhaoin, a bhrosnuich mi gu taingealachd, agus uime sin tarbhach ann an deagh oibribh? 10. Ciod a dh’ fhòghlum mi an diugh? An d’ fhuair mo chridhe am barrachd eolais mu Dhia agus air a ghlòir, orm fein agus air mo pheacaidh, m’an t-saoghal so agus air an ath-shaoghal? 11. Ciod air a bheil cuimhn agam do fhocal Dhe, aon chuid o leughadh no o éisdeachd? An robh aon earrann deth taitneach do m’ anam? An d’rinn mi tre chreidimh aon do gheallaibh Dhe a ghabhail do m’ ionnsuidh fein? An do riaghailtich aon àithne shònraichte mo ghiulan? 12. Ciod na gràsan a ghnàthaich mi? An do bhuilich mi an latha ann an creidimh, an do ghràdhaich mi Dia le m’ uile chridhe, an do dhiult mi mi fein arson Chriosd? An do ghabh mi ri Dia an t-Athair, mar mo shonas agus mo chuibhrionn; ri Criosd, mar mo Shlanuighear, m’ Eadar-ghuidhear, agus mo charaid, agus ris an Spiorad Naomh, mar m’ Fhear-iùil, mo neart, agus m’ Fhear-co’-fhurtachd; a’ furan a chumhachd drùighteach? 13. An robh agam cridhe truacanta, agus làmh fhialuidh do aon neach ann an uireasbhuidh? 14. Gu h-àraidh an d’rinn mi maith dhoibhsan a tha do theaghlach a chreidimh, ’s an robh meas agam orrasan air a’ bheil eagal an Tighearna, ged a robh iad gu broineagach làn chréuchd, mar bha Iob, no Lasarus; agus an robh mi co measail umpa ri neamhnuid luachmhor, ged a b’ann air dùn-aolaich a bhitheadh iad? [TD 105] 15. An labhair mo theaghlach, agus iadsan is eolaich orm, gu maith umam? An d’ rinn mi math mar fhear no mar mhnaoi phòsda, mar phàranda no mar leanabh, mar mhaighstir agus mar sheirbhiseach? An do mheall mi aon duine le ceilg; an d’ rinn mi dochair air na dheagh ainm; an d’ rinn mi cron air na anam no na chorp, le dearmad a dheanamh air a pheacadh no air a chruaidh-chas? An d’ rinn mi do chàch, mar bu mhath leam iadsan a dheanamh dhomhsa? 16. An d’thug mi maitheanas do m’ naimhdibh; an d’ rinn mi gairdeachas ri sonas chàich, agus nach robh aon chuid farmad na sannt orm ri urram, saibhreas no ri càirdean neach eile? An do chuir mi mach air mo choimhearsnach, ach gur ann a thug mi oidheirp air sìth a shocrachadh, agus a leantuinn ris na h-uile dhaoinibh? 17. An robh mo ghiulan ciallach, suairce, agus cùramach? An robh mi aon chuid faoin, eatrom no guanach, ann am ghiulan no ann am chainnt? 18. An do chuir mi cùl ri mòrchuis an t-saoghail so, ’s an do mheas mi e na challdach agus na aolach arson Chriosd agus a ghràis? 19. An do chuir mi da rìreadh am bàs fa m’ chomhair, ’s an do mheas mi mo bheatha mar neul, no mar sgàile? Ciod an t-ullachadh a rinn mi fa chomhair a bhàis? Nan druideadh Dia an nochd mo shùil le bàs, ciod a dh’éireadh do m’ anam? An gabh mi do dhànadas na luidheas sios fo aon chionta d’an d’thug mi caidreamh? 20. Ga mòr, glormhor, agus uabhasach a bhios là a bhreitheanais, a bheil do mhisnich agam na choinnicheas Criosd a’ teachd ann an teine lasara, maille r’a ainglibh cumhachdach a dheanamh dioghaltais? An dean mo dheagh-bheus d’ fheuchainn an latha a sheasamh? Agus an d’rinn mi an diugh mi fein a rannsachadh, breith a thoirt orm fein, agus m’fhàgail ciontach? 21. A’ bheil mi creidsinn gu bheil piantan ifrinn bith-bhuan? Agus a’ bheil mi ’g oidheirpeachadh teicheadh o’n fheirg a ta ri teachd? 22. A’ bheil do dhànadas agam na luidheas sìos air an oi’che nochd, gun ùrnuigh a dheanamh ri Dia chum mo pheacaidh a mhaitheadh, gum buanaicheadh e a dhìon agus a bheannuchadh, agus fadheoidh m’ anam a shaoradh trid Chriosd? P. M‘F. DLEASANNAS LATHAIL A CHRIOSDUIDH. A Chriosduidh cuimhnich gu bheil agad an diugh, Dia r’a ghlòrachadh. Anam r’a théarnadh. Aithreachas r’a iarruidh agus r’a ghabhail. Slanuighear ri creidsinn ann agus a leantuinn. Corp r’a cheannsachadh trid an Spioraid. Gràsan agus subhailcean r’an iarruidh tre ùrnuigh dhùrachdaich. Peacaidhean ri bhi brònach air an son, agus r’an tréigsinn. Tròcair agus saoradh r’an cuimhneachadh. Ifrinn ri seachnadh. Phàrras r’a bhuannachd. Siorruidheachd ri smuainteach oirre. Aimsir ri deagh bhuileachadh. Coimhearsnach ri feum a dheanamh dhà. Gniomhara seirc r’an coilionadh. Saoghal ri bhi fo eagal roimhe, gidheadh ri buaidh a thoirt air. Deamhain ri strìgh a dheanamh riu. Tograidh r’an cìosnachadh [TD 106] Agus theagamh Bàs r’a fhulang. Agus dol fo bhreitheanas. Agus is eiginn aghaidh a thoirt orra sin uile, agus an deanamh tre GHRAS CHRIOSD, Agus ni h-ann ad neart fein, nach ’eil ach ro lag. P. M‘F. LITIR O FHIONNLATH PIOBAIRE D’A MHNAOI. A Mhàiri, a Ghràidh, Is bliadhna leam gach là o dhealaich mi riut fein agus ris na pàistean. Tha mi’n tràs’ ann an Glaschu mòr nan stiòpall, baile na gleadhraich. O! nach robh mi aon uair eil’ a’m’ shìneadh air bruaich na h-aibhne far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam bò, agus ceilearan nan eun. Tha mi nise, mar gheall mi, dol a dh’ innse dhuit mar fhuair mi a mach. Tha cuimhn’ agad fein mar dhealaich sinn. Thog mi orm le bocsa na pìopa gu beul a chaolais; ’s ann an sin a bha’n othail: Marslaidh mhòr agus na buanaichean a bha leatha co aoibhinn aighearach, ’s ge nach biodh iad ach a’ dol do’n choille chnò; cò bha ’m broilleach na cuideachd ach Pàra’ mòr le éile-bheag, ’s le bhoineid mar a b’ àbhuist da—cuaille de bhàta daraich na laimh—màileid do bhian gaibhre air a dhruim. Fàilte ort, Fhionnlaith phìobaire, ars esan, gu meal thu do bhrigis. Mata, arsa mise, tubaist oirre—’si so a cheud uair a chuir mi orm i: nam fuirgheadh i shuas cha bu ghearan e; ach tha mi cheana cho sgìth dhi ’sa bha dà bhliadhnach eich de’n ghad, a cheud oi’ch’ a chuireadh air e. A mach ghabh sinn an coinneamh soitheach na smùide, a Mhaighdeann-Mhoirearnach, mar their iad rithe. Bha i teannadh oirnn o Mhuile, a’ cur nan smùid di. Tha i so a’ tighinn, arsa Pàra’ mòr, an aigeannach mhaol ghrannda, le gleadhraich, ’s le h-ùpraid: cha b’ ìoghnadh leam ach a Mhaighdeann a ràdh rithe; bi sin a Mhaighdeann gun mhodh, gun eisimeil. Tharruing i oirnn le caoiribh bàn fo a sròin, a slachdraich, agus a’ sloisreadh na fairge foidhpe, bha ’g éiridh na h-iomairean bàna còbhragaich a nunn gu Aros. Thainig i nuas oirnn a’ bagradh ar smàladh fo a cuibhleachan. Fa dheire stad a bhéisd; is cha luaithe stad na cuibhleachan o dhol m’an cuairt, na thug feadan fada caol a bha suas ri taobh an t-siomlair mhòir, aon ran as, a shaoil mi a sgàineadh mo cheann. ’S ann an sin a bha’n ùinich san othail an dol ri cliathaich na Luinge, a h-uile beul sa bhàta fosgailte san aon àm—gun urram fear ga chéile: Mas i Marslaidh mhòr thug i mach a bheurla sin nach do chleachd i o’n a bha i ’n uraidh air a Ghalldachd; cò ach ise—bha Bheurla ’s a Ghaelic a’ measg a chéile. Dean fodha, ars’ an dara h-aon, nach iomair thu a mhic do mhàthar, ars’ an t-aon eile: a stigh an ràmh bràghad shuas, buille ga deire shìos; na dean thus Iain Bhàin: Canai, canai ghillean arsa Marslaidh mhòr—gu réidh, ars’ a h-uile h-aon. Mar bhitheadh mo nàire, ’s mar bha mi ceangailte sa bhrigis, bha mi mach a shnàmh gu tìr. Fa dheire thainig ball cainipe le fead m’ar cluasaibh, agus ghlaodh gach neach, Cùm air gu gramail, Iain Bhàin. Thug a Gheòladh aon sàthadh aisd a nunn gu taobh na Luinge, agus shaoil leam gun robh sinn thairis. Fhuair mi suas, ach cha’n fhios domh cionnas; is cha mhò bha fhios agam c’àit an tionndainn. Thà thu ’n sin Fhionnlaith arsa [TD 107] Pàra’ mòr, mar bhò mhaoil a’m’ buailidh choimhich. Thig leam a dh’ amharc mionach na Maighdinn so fein, a dheuchainn an tuig sinn mar tha bheairt innleachdach ag iomairt. Ach, ma chaidh, ’s ann an sin, a Mhàiri, a bha ’m fire, faire.—Sailean iaruinn agus slatan a’ gluasad a nunn agus a nall, a sìos agus suas, air an ais, ’s air an adhart gun tàmh gun stad; cnagan agus gobhalain agus eagan a’ freagairt d’ a chéile. Cuibhleachan beaga nan deann-ruidh mu na cuibhleachaibh mòra. Duine truagh shìos a’ measg na h-acfhuinn, a’ cur na smùid deth, far nach saoile tu a’ b’urrainn do luch dol gun a milleadh; ach bha esan a’ gluasad air feadh na h-ùpraid, co neo-sgàthach ’sa rachadh Pàra’ mòr na mis’ a’ measg na’n caorach; ag armadh gach acfhuinn, gach achlais, udalan, agus feadan le oladh agus le h-ìm.—A dhuine thruaigh, arsa Pàra’ mòr, ’s ann agam nach ’eil sùil ri d’ àite; is daor a tha thu cosnadh t-arain. C’arson ars’ esan? ’s e tionnda suas a shùl, a bha snàmh ann am fallas. Ged a labhradh a gheibhleag iarruinn a bha ’na laimh, cha b’ urrainn duinn barrachd ìoghnaidh bhi oirnn na ’nuair a chuala sinn an duine so a’ labhairt na Gaelic.—Nach do shaoil mi, arsa Pàra’ mòr, gur Sasunnach, no Eirionnach, no Gall bochd a bh’ ann. Thainig e nìos, a’ siabadh an fhallais o ghnùis le bad còrcaich a bha ’na laimh; agus thòisich e air beachd a thoirt dhuinn air an acfhuinn: Ach fheudail, bi sin an fhaoineis. An saoil thu, a Phara’ mhòir, a deir mise, nach anns a cheann a smuaintich an toiseach air so a bha’n t-innleachd. Coma leam e fein is innleachd, arsa Pàra’ mòr. Is mi-nàdurra, peacach an t-innleachd so fein, a’ cur sruth agus soirbhis an Fhreasdail ga’n dùlan, a’ dol nan aghaidh gun seòl gun ràmh.—Coma leam i;—cha’n’eil an t-innleachd so cneasda. B’fhearr leam a bhi ann an Geòla dhuith Achnacraige,—Eoghann an rugha air an sdiùir a’ ruith le croinn riùsgte, roi bhuinne nam biodag, na bhi innte—tha mi ’g ràdh riut nach ’eil an t-innleachd so cneasda. Mar bha sinn a nunn gu ceann Mhùsdail chuala mi fhein sgal pìoba air mo chùl, agus air dhomh tionnda, cò bha’n so ach balach ronnach de mhuinntir Thìrie, a’ gleusadh a phìob, an fhad ’s a bheireadh duin’ eile cuairt aisde. Ma ta, arsa Pàra mòr, Is ceannach air an ubh an gloc.—Cia mar tha so a’ còrdadh riut, Fhionnlath, ars esan? Is searbh a ghlòir, a deir mis, nach feudar éisdeachd. Chluich e, fa dheire, Bodach nam brigsean, agus m’an do sguir e dhi, bha mi co sgìth dheth fein ’s da cheol ’s a bha mi de ’n bhrigis lachduinn. Cò bha’n deire na Luinge, ach Alastoir ruadh Mac-an-Abraich, Tighearna Chola. Mhothaich e dhomh fhein, agus sméid e orm—cha robh maith a dhiùltadh—bha mòran uaislean shìos leis air clàr deire na luinge, Sasunnaich, Gaill, agus Fràngaich. Cuid diubh a’ leughadh, cuid na’n codal—cuid a’ méananaich, cuid ag itheadh. Fear dhiubh le gloin’ amhairc fhada rìomhach ri shùil, mar gum biodh e dol a losgadh air Caisteal Duairt; mhothaich mi fear fada, caol, glas-neulach le spéuclair air a shròin, is bioran ruadh ’na làimh leis an robh e ’tarruing dealbh a Chaisteil. Bha ban-tighearna mhòr rìomhach ’nam measg agus measan leibideach de chù beag molach na h-uchd, ris an robh i a’ brìodal agus ga phògadh, agus dà mhaighdinn òg [TD 108] leatha, air an robh rud nach faca mi riamh roimhe, brigisean geala anairt, fo’n chuid eile d’an aodach. Thug mi fhein a mach a phìob mar a dh’ iarr iad, ach a cheud sgal a thug i, theich gach aon diu, ach aon Sasunnach mòr reamhar, a shuidh m’am choinneamh le dha mheur na chluasaibh, agus sgràing air mar gu’m bithinn a’ dol ga itheadh. Ma bha ceòl a’ measg nan uaislean, bha ceòl agus dannsa ’an ceann eile na Luinge. Ach mar bha sinn a’ dol sìos gu Eisdeal, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle. Bha ’n fhairge na mìll agus na gleanntaidh; thòisich soitheach na smùide fein ri dannsa. Cha robh ràn a bheireadh am feadan mòr as, nach saoileadh tu gun robh muc-mhara r’a cliathaich. Cha chluinneadh tu nis ach osnaidhean o gach àite, Bha’n Sasunnach mòr a bha fochaid air a phìob, ’s a cheann thar beul-mòr na luinge, an impis sgàinidh. An tuille teannaidh ort, a deir mise; neor-thaing mar ’eil pluichd pìobair’ a nis ort fein. Ràinig sinn an Crìonan. Is prìseil, arsa Pàra’ mòr, a chas air tìr; a cheud fhocal a thainig as a cheann o chaidh sinn seachad air beul Lochfaochann. Air an là màireach ràinig sinn Glaschu, àite ris an abair iad am Broomiela; b’e sin Ceadha na h-ùpraid. Luingis na smùide a’ falbh agus a’ teachd làn sluaigh, mar gu’m biodh an saoghal a’ dol do Ghlaschu, agus an saoghal a’ teicheadh as. O nach d’ fhàs mi bodhar leis a ghleadhraich a bha m’ chluasaibh, cha chùram leam gu’n caill mi mo chlaisteachd tuille. Bha sreath dhaoine air an tarruing suas fa chomhair nan soithichean le ball cainipe mu ghuala gach aoin diu, agus bràiste rìomhach air an uchd. Bha iad so a’ sméide oirnn mar bha sinn a dol gu tìr, a h-uile beul fosgailt mar gum biodh iad a’ cur fàilt oirnn; gach làmh sìnnte, agus gach sùil siùbhlach mar gum biodh iad ag iarruidh luchd-eolais. Bha aon fhear, gu h-àraidh a shocraich a shùil orm fhìn, agus air dhomh amharc air gu geur, a dh’ fheuch an cuimhnichinn cò e, chuir e làmh ri aid, agus chrom e cheann co modhail, sìobhailte, ’s nach b’ urrainn domh fein gun an fhàilt a fhreagradh; ann am prioba na sùl bha e air clàr na luinge, agus thog e leis bocsa mo phìoba agus màileid Phàra’ mhòir, co easguidh ’s a ghlacadh Gauger Thobar-Mhuire buideal uisge-bheatha gun chuireadh gun chead. Air t-athais, arsa Pàra’ mor, An cuala tu riamh, mo ghille maith, mar thuirt Clag Scàin, An rud nach buin duit na buin dà. Leanaibh mis, a dhaoin uails’, ars an duine, agus e falbh ceum romhainn. ’S anns a bhaile mhòr fhein, a deir mis, a tha ’m modh. Is fad o chuala mi, gum bi gill’ aig an fheannaig fhein is t-fhoghar. Dh’ iarr sinn air, e g’ar toirt gu tigh Eoghainn òig, far an d’rinn iad ar beatha gu cridheil. Slàn leat a Mhàiri, a ghràidh air an àm. Cuiridh mi litir eile a’ d’ ionnsuidh ann an ùine ghoirid, ’nuair a gheibh mi cosnadh. Cha’n’eil thu fein agus na pàistean tiot as mo chuimhne. O! bi furachair mu Lachlann beag, mo chuilean gaolach. Am Freasdal a bhi maille riut. Guidhe dùrachdach, t-Fhir-phòsda ghràdhaich, FIONNLATH MACAONGHAIS. T—O— AISLING MHAIRI. ’Nuair dh’ éirich gealach Gheal nan trà, Os ceann nam beann is àird tha ’s tìr; ’S a thaom o’n ear a solus fann, A’ nochdadh chrann, is àird gach ni. [TD 109] Leig Màiri sìos i fein chum pràmh; ’S a beachd air Sanndi fad o thìr; ’Nuair chual’ i guth gu ciùin ag ràdh, A Mhàiri leig am bròn sin diot! O’n chluasaig thog i suas a ceann, A shealltuinn cò a bh’ ann, is i; Cò chunnaic i ach rùn a gràidh, Bha shùilean fàs, ’s a ghnùis gun lì. O! ’s fuar a ghràidh, ’s ro fhuar a tha, Mi’n iochdar cuain, ’s mo chàil gun chlì; Is fada uait mi’n suain a bhàis, ’S a Mhàiri leig am bròn sin diot. Tri oi’che doineannach air cuan, Bha sinn le àrdan stuagh ’g ar claoidh, A strìgh r’ar bàrc a chumail suas; Ach b’ fhaoin san uair, ’s bu truagh ar strìgh. ’An sin ’nuair mheilich m’ fhuil le h-oillt, Mo chridh a ghaoil bha làn le d’ ghràdh. Nis tha ghaoth ’na tosd, ’s tha mis aig fois, ’S a Mhàiri leig am bròn sin diot. O! Mhàiri ghràidh, dean deas thu fein; Oir ’s gearr an réis gu’r còmhdhail mhòr; ’An sin bithidh gràdh o chùram saor; Is dealach a choidhch cha bhi ni ’s mò. ’An sin ghlaodh an coileach, ’s theich an sgàil, ’S ni ’s mò de Shanndi cha’n fhac i; ’S e thuirt an taibhse ciúin, ’s e falbh, A Mhàiri leig am bròn sin diot. MU BHLIADHNA THEARLAICH. Latha Blàir Sliabh-chlamhain. Deanaibh ullamh chum ur turais, ’S bithibh guineach, deonach; So an cumasg am bi na buillean An deantar fuil a dhòrtadh. Och a dhuine ’s lionmhor curaidh, Is fior sturroil co’-strigh, A Leigear bhàr éille mar chuilean Dh’ fhaotainn fuil air Seòras! Mhoir’ is sgairteil, foirmeil, bagant, Gaidheil ghasta, chròdha; Gach aon bhratach sìos do’n bhaiteal, Le’n gruaidh laiste ròis-dearg; Iad gun fhiamh, gun fheall, gun ghaiseadh, Rìoghail, beachd-bhorb, pròiseil; Gu neo-lapach ri roinn gaisge, Spàinnich ghlas ’n an dòrnaibh. AM feadh a bha ’m Prionns’ òg, ’sna fineachan Gae’lach a dh’ éirich leis, ann an Lùchuirtibh a shinnsir ann an Dun-eudean, thainig Sir Iain Cope leis an arm-dhearg air tìr aig Dunbar, baile beag an cois na fairge, seachd mìle fichead an taobh an ear do Dhun-eudean; agus air an là màireach ghluais e fein agus fheachd an coinneamh na’n Gae’dhal. Chaidil e fein agus a dhaoine an oi’che sin ann an Haddington, agus air an ath-là ghabh iad air an aghaidh air an t-slighe do Dhun-eudean. Chuir e Mor’ear Loudai agus freiceadan leis air an adhart roi ’n arm eile, an earalas nach d’ thigeadh am Prionns’ orra gun fhios. Ach cha b’ fhad a chaidh e ’nuair a phill e an deannaibh nam bonn, ag innse gu’n cual e pìobaireachd na’n Gae’dhal, gum fac e am brataichean coimheach. Chuir so ìoghnadh air Cope, ach cha do ghabh e eagal. Chuir e stad air an fheachd, agus tharruing e suas iad ’an òrdugh catha. Tamull beag na dhéigh sin thainig Tearlach agus luchd nam breacan san fhradharc. Bha iad so an àrd mhisnich, an déigh na fois a fhuair iad, an Dun-eudean. Air an là so fein mu éiridh na gréine thainig na Granndaich, Cloinn-Lachlainn, agus muinntir Adhoill d’an ionnsuidh; agus chuir Tearlach e fein air ceann a chuid daoine. Thuirt e riu, Tharruing mi mo chlaidheamh, mo [TD 110] Chàirdean, agus thilg mi uam an truaill. Fhreagair an t-arm e le iolach àrd, agus ghluais iad air an aghaidh, tri air doimhneachd, a’ sìor chumail cothrom a bhruthaich, oir bu toigh leis na Gaedheil riamh cothrom a’ bhruthaich a bhi aca air an naimhdibh; a’ cuimhneachadh mar thuirt Eoghann dubh Mac-a-Chòmbaich, Théid an taigeis fein gu dàna sìos am bruthach. Cha robh ’n t-arm dearg ro-dhéigheil air teachd gu cumasg air an fheasgar sin, agus uime sin tharruing na Gaedheil suas air leachdainn air an robh fraoch agus conasg, far an do ghabh iad gu tàmh paisgte nam breacanaibh, an déigh dhoibh freiceadan laidir a chur a mach a dheanamh fàth-fheitheamh air an nàmhuid. Bi so a cheud oidhch’ fhuar a thainig, o’n a sgaoileadh bratach Thearlaich ann an Gleann-fionain: Thuit air an oi’che so ceo dùmhail agus liath-reodha, a chuir doimheadas mòr air an arm dhearg, ach a mheasadh suarach le luchd-àiteachadh nam beann. Thug Cope fainear teinntean mòr fhadadh mu thimchioll an airm g’an cumail blàth, agus a thoirt misnich dhoibh; ach leig Tearlach ’s a chuid daoine iad fein nan sìneadh san fhraoch, agus thugadh òrdugh gun smid a’ labhairt. An déigh do na daoine gabhail mu thàmh, thainig òganach uasal, a bha nam measg air adhart, a thogadh anns an àite sin, agus a thairg iùl a dheanamh dhoibh roi mhòintich dhomhain a bha eadar iad fein ’s an t-arm dearg, tre bhealach àraidh, leis am feudadh iad tighinn dlù air an nàmhuid, gun iad a mhothachadh dhoibh. Dhùisgeadh am Prionnsa, a bha na luidhe agus sguab pheasrach mar chluasaig dha. Chumadh comhairle-chogaidh, agus cho’-aontaich iad comhairl an òganaich a ghabhail. B’ ann air di-sathairn, a cheud là thar fhichead de mhìos meadhonach an Fhogharaidh, bha na Gaedheil air éiridh tri uairean an uaireadoir m’an do thog a ghrian a ceann, gu latha Sliabh-chlamhuin a chur. Ghabh iad sios tre ghlaic dhomhain, gun smid as an cinn. Cha robh e ’n comas an nàmhuid am faicinn leis a cheo dhùmhail a bha air an t-srath. Chuireadh Clann Domhnuill air an laimh dheis, urram a fhuair iad air Blàr Bhanocburn, agus a ghleidh iad anns gach cath uaith sin, ach air cath ainmeil Harla, ’nuair a thug iad fein thairis i le ’n deoin do Shiol-Leoid. Air a mhaduinn so, bha Mac Dho’ill dui ’s a chuid daoine, agus Stiubhartaich na h-Apunn air an laimh chlì, agus Clann-Ghriogair sa mheadhon. Bha Diùchd Pheairt na Cheannard air an laimh dheis, agus Mor’ear Deorsa Moireadh air an laimh chlì. Bha chuid eile de na Gaedheil, muinntir Adhoill, Clann Donnchaidh, Clann Iain Ghlinne Comhann, agus Clann Lachluinn, air an tarruing suas nan sreath eile leth cheud slat air cùlaobh chàich, fo stiùradh Mhor’ear Nairn, agus eadar an dà chuid bha Tearlach e fein. Bha de Ghaidheil a làthair sa bhlàr so dà mhìle agus ceithir cheud, agus do’n arm dhearg tri cheud ni bu lugha. Mhothaich am freiceadan a bh’ aig Cope do na Gaedheil a’ tighinn, agus thug iad sanus seachad. Bha nise brise na fàir’ ann, bha ’n ceò ag éiridh suas, agus òg ghathan na gréine ag òradh àirde nan speur. Bha fhathast meall ceo eadar an dà fheachd, air chor ’s nach fhac iad a chéile, ged a thuig iad gun robh iad dlù. Leanaibh mise, arsa Tearlach, agus le còmhnadh Dhe ni mi an diugh [TD 111] sibh ’nar daoine sonadh. ’Nuair bha iad gu bhi ’n sàs thug na Gaedheil dhiu am boineidean, agus chuir iad suas ùrnuigh ghearr. B’ uaislean air fad a bha san t-sreath thoisich. Bha gach Ceann-cinneadh am broilleach a dhaoine fein, agus na càirdean bu dìsle dha mu thimchioll. Thainig am feachd Gae’dhlach co bras air an aghaidh ’s nach robh cothrom aig Cope air mòran a labhairt r’a chuid airm. Thog na Gaedheil, mar bu nòs leo, aon iolach oillteil chatha, agus ann am prioba na sùl bha iad am bad an nàmhuid. Dh’ fhosgail an t-arm dearg orra le’n gunnachaibh mòra, agus leig iad aon dairearach ghailbheach orra le’n airm-theine o thaobh gu taobh; ach bu shuarach so ’an aghaidh cruadal foghainteach nan laoch treun a bha tighinn orra. Cha d’ fhuair iad ach an aon lòd a thilgeadh, ’nuair bha luchd nam breacan le ’m biodaig ’s le ’n claidheamh ’nam broilleach. ’S e Mac Dhò ’ill dui ’sa dhaoine agus muinntir na h-Apunn thug a cheud fhuil. Thainig na Trupairean ’n a’n còdhail, ach ma thainig cha b’ fhad a sheas iad. Thainig Clann Dòmhnuill air an adhart, agus cha b’iad bu tàire, ’na dhéigh sin Clann Ghriogair a dhearbh gum b’ aithrigh iad air cliu an sinnsireachd. Cha robh e comasach seasamh nan aghaidh. Ann an tiota chuir iad an ruaig air an arm dhearg. Bha aon bhuidheann bheag a sheas, fon duin’ ainmeil COIRNEAL GARDNER, a sheas leo so an déigh ga dhaoine fein fhàgail; agus a chuir an cath gu duineil, gus an do bhuaileadh gu làr e le iomad creuchd fhuilteach, ann an sealladh a thighe fein, Cha do mhair an cath ainmeil so thairis air cuig no sea mhionaidean; ach anns an ùine ghearr so chaidh a choilion gniomh foghainteach a dheanamh sa lionadh leabhar cuimseach. Cha d’ fhuair as de ’n arm dhearg air fad ach mu shea ceud; mharbhadh, no rinneadh priosunaich de chàc. Theich an Ceannard COPE fein, agus cha do tharruing e srian gus an d’ ràinig e Dunbar. ’S ann le taitneachd a tha sinn a’ leughadh, ged a bha na Gaedheil co cruadalach a chur na ruaig, gun do thaisbein iad an caoimhneas a b’ iochdmhoire dhoibh-san a bh’ air an leònadh. Thainig na Camshronaich do Dhun-eudean an ceann tri uairean an déigh am blàr a chur, a’ nochda gu follaiseach brataichean an airm dheirg; agus air an latha màireach thainig am Prionns’ agus am feachd gu leir nan déigh, le ’m prìosunaichibh, a bha gu inbh bhig co lionmhor riu fein; agus cuig fichead pìobair a’ seinn gu caithreamach, ’nuair a thìll iad mar so gu buadhar do Cheann-bhaile na rioghachd. T.—O.— CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. Sáthaibh an corran, oir tha am fogharadh abuich. Joel 3. 13. Agus tháinig aingeal eile a mach as an teampull, a’ glaodhaich le guth árd ris an ti a bha ’na shuidhe air an neul, Sáth a steach do chorran; oir tha foghar na talmhuinn abuich. Foill. 14. 15. Thachair dhomh bhi gabhail sgriob roi ’n sgìreachd o chionn latha no dhà, agus air dhomh bhi ’g imeachd tre bhaile àraidh mhothaich mi tuathanach còir, teisteil, le càraid d’a choimhearsnaich ag coiseachd tre achadh cruithneachd, agus thuig mi leis an laimhseachadh a bha iad a’ deanamh, gur ann a bha iad a feuchainn an robh an cruithneachd abuich. An déigh dhoibh bhi greis air fheadh, chuala mi’n tuathanach le guth àrd ag glaodhaich ri aon a bha na sheas- [TD 112] amh aig dorus an tighe aige, Cuir a mach na buanaichean, tha’n cruithneachd so abuich. ’Nuair a mhothaich iad dhomhsa thàinig iad ceum a’m’ chòmhdhail, agus shuidh sinn le chéile tamull beag ri taobh an tuim. Cha’n’eil, eadar dha cheann na bliadhna, daoine ris am fearr leam tachairt, n’an tuath chòir. Tha de thùr agus de thuigs’ annta, tha iad am bitheantas déigheil air seanachas stòlda, is ro thric a gheibhear iad gu fiachail, ionraic, le aodhradh Dhe ’nan teaghluichibh, agus seachantach air mòran de dhroch chleachdannan a tha gu mi-shealbhar a’ buadhachadh am measg muinntir eile. Bheir mi, ann an so, seachad beagan de’n chonaltradh a bh’ againn air an àm so. MINISTEIR. Tha coslas maith air a chruithneachd so, a Thòmais. An saoil thu a’ bheil e abuich? TOMAS. Tha mi deanamh dheth gu bheil: chaidh mi fhìn agus mo choimhearsnaich air fheadh, agus air leinn gur mò a chailleadh e na bhuidhneadh e le fhágail ni b’fhaide. Tha cheann ag aomadh, tha ’n grainne gu trom, tarbhach, agus nam fàgamaid e ni b’fhaide, thuiteadh a cheann fo chois. MIN. ’S ann de na comharan sin, gu dearbh. Mar ’eil mi meallta tha na fòghannain agus an sgeallan, agus gach luibheannach ag abuchadh mar an ceudna. TOM. Mata, a Mhinisteir cha mhinic leo sin a bhi air deireadh. Cha’n fhaca mi foghar riamh anns nach d’ abuich iadsan, Mar thuirt an sean-fhocal, “Cinnidh an droch lus anns gach fonn.” Bha mis agus mo choimhearsnach ’an so, a’ tighinn thairis air cuid de na nithe a chuir sibh fein ’n ar cuimhne air an t-sàbaid so chaidh, air an stéigh-theagaisg sin, Leig leo gus an d’ thig am fogharadh. MIN. Nach follaiseach an soilleireachadh tha agad mu choinneamh do shùl air an fhìrinn a tha fillte steach anns na briathraibh sin. Nach faic thu gu bheil neul abuich air an dà chuid? Thàinig am foghar, agus cha’n fhàgar aon seach aon diu ni ’s faide gun bhuain. Ceart mar sin tha daoine maith agus olc ag abachadh le chéile arson an fhoghair mhòir; agus feudar comharan an abachaidh fhaicinn air gach aon diu. TOM. ’S ann aig Dia, a mhinisteir, a tha bràth cò a tha maith no cò a tha olc; is dàna dhuinne breith a thoirt. MIN. Tha thu ceart; tha sinne ro ullamh gu bhi air ar mealladh, agus cha bhuin e idir dhuinn bhi geur-shuileach a dh’ fhaotainn a mach an smùirnein a tha ’n sùil ar coimhearsnaich, ach cha’n urrainn duinn a bhi tuille ’s furachair mu ar cor fein. Tha cuid de chomharan ann leis am feud sinn barail theann a thoirt air ar staid; agus ’se ar dleasannas sinn fein a cheasnachadh leo sin. TOM. Mar dàna dhomh fheòraich, bhithinn ’n ur comaine cuid diu innse dhomh. MIN. Mheasainn na chomharadh eagallach, gu bheil an duine sin ag abachadh arson ionad na dòruinn, aig a’ bheil a choguis, mar gam b’ ann ’na suain, agus is urrainn dol air aghaidh na aingidheachd gun agartas air bith uaipe; a chaitheas an là, agus a choidleas an oi’che gun umhail gun iomaguin. Is truagh staid an duine sin a tha aineolach air agartas a choguis, tha aobhar eagail gun dubhairt Dia, a thaobh an duine so, “Leig leis;” agus gu bheil e abuich arson a ghearradh sios. TOM. Cha ’n fheud e bhith gu bheil sibh a’ dìteadh gach aon nach ’eil fathast air an dùsgadh, [TD 113] agus aig a bheil a choguis na suain, mar dhuine caillte, a ghearrar sios gu cinnteach, agus a thilgear anns an teine? MIN. Cha bhuin e dhuinne breith a thoirt air neach sam bith, ach is cùis chinnteach ma ghlacas am bàs e ann an staid neo-iompaichte, gu bheil e caillte. Cha dubhairt Dia fathast, Gearr sìos e; ach ciod am fios m’an d’thig meadhon oi’ch’ an nochd nach faigh e gairm. TOM. Shaoilinn fhìn fhad ’s a tha là na’n gràs gun chrìochnachadh, nach fheudar a ràdh mu neach air bith, gu bheil e caillte. MIN. Nior leige Dia gun abrainnse gun robh; ach feudaidh duine bhi sa chor sin leis am feud sinn le barandas a ràdh, gu bheil e abuich arson sgrios, mar d’thig grad atharrachadh slainteil air. Nam biodh seirbhiseach agad fein, agus nam bithinnse san làthair ’nuair chuir thu muinntearas air, agus na’n cluinninn thu ag earbsa do ghnothaichean ris, agus a’ cur mar fhiachaibh air obair àraidh a bhi aige deas ’nuair a thigeadh d’thusa dhachaidh mu anamoch, le gealladh air duais mhòr arson a dheanamh, agus a’bagradh peanas an lorg eas-ùmhlachd; nam faicinn an duine so, an déigh aontachadh leis a chùmhnanta sin, a’caitheamh an là ann an diomhanas, agus a’ deanamh calg-dhìreach an aghaidh t-iarrtuis; nan rachainn d’a ionnsuidh ’an dàil an anamoich chum earalachadh cumail r’a ghealladh, e chuimhneachadh gun robh am feasgar a’tighinn, gun robh a ghrian dlù air dol fodha, agus gun d’thigeadh tus ’an aithghearra; nan abradh e, tha mo choguis réidh rium, tha tamull fathast m’an luidh a ghrian; theagamh nach d’thig e idir san àm an do gheall e: an saoil thu nach amhaircinn air an duine sin mar sheirbhiseach mi-dhìleas, a bha làn thoilltinneach air t-fheirg agus do chorruich. TOM, Tha sinn uile fior, a mhinisteir; ach nach ’eil sinn a’ leughadh mu’n t-seirbhiseach a bha dìomhanach gus an aon uair-deug, gidheadh nach do ghabhadh a stigh e, agus nach d’fhuair e an aon duais riu-san a dh’ oibrich rè an latha? MIN. Buidheachas do Dhia, tha iomadh cunntas sòlasach againn air muinntir a dhùisg an Spiorad gu aithreachas ann am feasgar an làithean. Cha’n’eil e deacair do ghràs an Uile-chumhachdaich iadsan a bha gu diomhanach dearmadach fad an latha, aomadh d’a ionnsuidh fein san anamoch; ach cuimhnich mar thuirt am Bard, Gur ionann aithreachas crìche, ’Sa bhi cur sìl mu fhéill-mhartuinn. Ach o’n a thuit duit labhairt m’an t-seirbhiseach a fhuair cuireadh air aon uair deug, bha leithsgeul maith aige-san, cha do thairg duine sam bith obair dha, Mat. XX. 5. ’se sin ri ràdh, cha d’ thàinig na Cinnich a stigh gus an aon uair deug, cha do shearmonaicheadh an Soisgeul doibh ni bu luaithe; ach cò nis a dh’fheudas a ràdh aig co’-dhunadh a bheatha, nach do thairg duine sam bith obair dhàsan? Cò nis aig nach ’eil iomad cuireadh, agus earail dhùrachdach? Tha gach leithsgeul air an toirt as an rathad, agus is ceart-bhreitheach do Dhia a ràdh, d’an taobh so, Sàth an corran, tha’m foghar abuich. TOM. Buinidh dhuinn uile Dia a ghlòrachadh arson fhad-fhulangais. MIN. Dh’fheudainn iomad comharadh eile mu abachadh [TD 114] pheacach a nochda. Dh’ ainmichinn gu h-àraidh a h-aon, ’se sin, ’nuair a tha daoine buanachadh anns a pheacadh, an déigh dhoibh mothachadh fhaotainn air an staid chaillte; ’nuair a tha iad le’n làn fhios gun sgàth gun eagal a’ dol air an aghaidh air an t-slighe tha treòrachadh do ifrinn. Gabh mar shamhladh luchd na misg agus nam mionnan, a dh’fhàs liath anns a pheacadh; agus nach dean na labhras Dia no daoine deargadh orra chum am peacadh sin a sheachnadh, ris a bheil sgrios siorruidh fuaighte. Tha aingidheachd nan daoine so gach là a’fàs ni’s iomlaine, chitear soitheach eu-dionach sa chuan, a’ gabhail a stigh an uisge a lìon beagan, agus beagan gus am bi i làn, ’s an sin théid i gu grad fodha. Ach o’n a chi mi na buanaichean a’tighinn a mach, chum crìoch a chuir air an t-seanachas, cuiream a’d’ chuimhne gu bheil air an làimh eile comharan sòlasach ann leis am feud sinn abachadh ann an gràs a thuigsinn. Thuirt thu rium an diugh ’nuair tha’n cruithneachd dlù air bhi abuich, gun aom an ceann ni’s isle na bha e ’nuair a bha e gorm. ’Nuair tha sluagh Dhe abuich, trid gràis, arson neamh, fàsaidh iad ni’s iriosaile, agus ni’s ìsle ’nam beachd fein, na bha iad ’an tùs an aidmheil. Mar is faid’ a tha ’n Criosduidh anns an t-saoghal so, is ann is eolaich e air a chridhe fein, agus air an éirig luachmhor leis a’bheil daoine gan irioslachadh gu làr. Bha Pòl dlù air bhi abuich arson neamh ’nuair a thuirt e, gu’m b’e fein an t-aon bu lugha am measg na’n naomhaibh, agus an ceud fhear do na peacaich. Thuirt thu rium mar an ceudna, ’nuair bhios am pòr dlu air bhi abuich, gu’n cinn an grainne gu teann, biachar; is amhuil sin an criosduidh: tha ghràsan uile a’ cinneachadh, ’sa teachd gu foirfeachd. Tha shlighe mar sholas na maidne, ata fàs ni’s soilleire agus ni’s soilleire gu àird a mheadhon-là. Cha’n’eil feart gu leoir ann an gréin an t-saòghail so chum am meas prìseil a thoirt gu foirfeachd. Cha’n ’eil sa bheatha so ach geamhradh a chriosduidh. Tha na h-oi’chean gu fada, fuar, na làithean gu dorcha, doilleir. Cha’n’eil na gràsan is àirde air an ruig sinn ’an so, ach mar bhlàthaibh an earraich, ann an coimeas ris mar bhitheas iad ’an déigh so. ’S ann an neamh a tha foghar a chriosduidh—Cha’n’eil oi’che idir an sin—dealraichidh Grian na fìreantachd gu bràth—cha’n’éirich neul—cha bhi reothadh ann, agus doinionn gu bràth cha séid a chuireas dragh air na naomhaibh. Ann an sin fàsaidh na fìon-dhearcan làn abuich. Aon fhocal eile, agus bithidh mi ge d’fhàgail. Thuirt thu fhein rium an diugh ’nuair a tha’n sìol làn abuich, gu bheil e ullamh gu tuiteam o’n choimhlein gu làr, mar gum biodh e toirt caiseamachd do na buanaichean gur àm dhoibh an corran a shàthadh ann. Mar so tha fadal naomh air a chriosduidh arson teachd a Thighearna. Tha a thograidh a’dol a mach ga choinneachadh; tha e fàilteachadh a bhàis; agus mar tha’n t-arbhar ag aomadh gu làr, mar sin tha anam a chriosduidh a’togradh do neamh. Tha so a’dearbhadh gu bheil am fogharadh ac’ am fogus. D’ar n-uallach talmhuidh sgìth, mar so ’s tric thairgnear osna leinn; Ach saoraidh ’m bàs gu caomh sinn uaith, is dhachaidh suas théid sinn. T. M‘M. T. [TD 115] BEATHA MHIC AN DUINE. Ar beatha tha mar aisling fhaoin, Mar sgàile faileis air an raon; Mar bhaoisge gréin’ roi neoil air fàir, Mar ursgeul dhìomhain, ghoirid, ghearr, Mar bhadan ceò air bhàrr nam beann, No mar chloich a’ruidh le gleann; Mar shaighead luath o’n taifeid réidh, O’n bhogha luaineach ’n laimh an tréin; Mar bhogha frois roi bhraonaibh tlà, Mar neònain ùr is àillidh blàth; Mar pheileir teine ruidh roi’n speur, ’San ath-shealladh dheth nach leur; Mar neoil na h-oi’che théid ’nan luaths, ’Nuair dh’éireas grian an àigh a suas; Mar latha geamhraidh air bheag spéis, Mar leud boise, no fad réis, Mar shlighe Luingis air a chuan, Mar chobhar aibhne nach bi buan, Ar beatha mar so tha ruidh gu luath, Gun stad, gun fhois gu bàs a’s uaigh. Ead. le T—O— DAN DO’N BHIOBULL. Cò dh’innseas dhomh cò dhealbh na saoghail, ’Sna neamhan àilt gu h-àrd a sgaoil, Os cionn na talmhainn fholamh fhaoin? Am Biobull. Cò thug dhomh sgeul air tùs gach ni? Cò thug dhoibh bith, is cruth is brigh? Le mais’ is oirdheirceas gun di. Am Biobull. Cò dh’innseas dhomh mar las a ghrian, A lòchrain ghlormhor, lasrach dhian; O shiorruidheachd gu bheil thu Dhia? Am Biobull. Cò dh’innis dhomh gur àrd thu Dhe, Os cionn mo smaointean lag gu léir, Do ghlòir gun lion i talamh, ’s neamh? Am Biobull. Cò thug dhomh sgeul mo chruitheachd fein ’Smo cheud staid shonadh ’m Pharas Dhe, M’ àrd smachd os cionn gach ni fo n ghréin? Am Biobull. Cò dh’innseas dhomh le dearbhadh fior, Mar bhris mi’n tùs do thoil, ’s do riar, ’S mar chaidh air seacharan o Dhia? Am Biobull. Cò dh’innis dhomh mo chor an tràs, Gu fìrinneach gun bhreug, gun bhàigh, ’S gach fòtus tha a’m chridhe tàmh? Am Biobull. Cò ’n sgàthan anns am faic mi fein, Gach gràinealachd tha tàmh a’m’ chré; ’S gach dubhailc fholaicht tha fo m’ sgéith? Am Biobull. Cò thilg fo smalan mi ’s fo bhròn, Le bhagraidhibh ro chruaidh a leòn; Shàth saighdean corranach a’m’ fheoil? Am Biobull. Cò, ’nuair shaoil mi a bhi saor, A thilg ’an geimhlibh mi, ’s an daors’, A dhruid a steach mi air gach taobh? Am Biobull. Cò, ’nuair a ghlaodh mi ann am airc, Dh’ fhosgail bealach dhomh chum slaint’; Bhris gach cuibhreach dhìom is sàs? Am Biobull. Cò ’nuair a luidh oi’ch’ le gruaim, Air uchd m’ anama; ’s a bheuchd cuan, Labhair sìth ri m’ choguis thruaigh? Am Biobull. Cò thaom gathan gréine is là, Air uchd m’anama le caoin dhears’, A lìon le solus e, ’s le blàs? Am Biobull. FIOR GHAEL. [TD 116] GUTH NA CAOMH THROCAIR. ’S milis ’s an òg mhaduinn, séimh-ghaoth air mor bheanna’ Ag osnuich ’s a mhòintich, ’s a monbhur’ air falbh; Is òrbhuidh a cheud-ghath, tha lasadh o’n ghrein’, ’San Ear, is i g’éiridh, mar threun fhear fo airm. O! ’s milis an caochan, tha sruthadh gun traoghadh, ’S le caithream a caochladh a chùrs, ’measg na ’n gleann. Is aoibhinn an soillse, tha seoladh feadh oidhche, A mharaich fo ainneart, air faontradh feadh thonn. Ach s milse gun choimeas a Dhe? guth do chaoimhneis Air m’anam a baoisgeadh mar dhrùchd air an fhonn, Le ursgeul is àghmhoire. Beath’ agus Slainte, A dh’ fhuadaich gach sgàil’ dhorch’ a shàruich mi trom. O seadh! ’S maith is eol domh, ro-chaoimhneil ga m’ chòmhnadh Mar chlos i a mòr ghuth, ’bha ceartas ri seirm, Aig cluinntinn an òrdugh, dhoirt Aingil na Trocair’, Ioc-shlainte na m’ leontaibh, thug sòlas gun seirbh. Gu daonnan na m’ chluasaibh, ’smi seoladh air chuantaibh, Gu’n cluinn mi ’m fuaim ceudn’, an soirbheas, ’s an tonn, A’ dùsgadh o chagailt, gach éibhil na m’ aignibh, Ga m’ lasadh gu tagairt, a gheallaidh nach meall. Se guth ciùin an Ti, ’rinn air Calbhari iobairt, (Cha n’ ann arson fhirean,) dhe, spiorad s dhe’ fheoil, O’n ruith uisge coisrigte, ’is fuil a chuir casgadh, Air cruaidh éigh a Cheartais, a g’ agairt a chòir. Tha ’n guth so a Chriosduidh! mar shòlas ’smar sgiath dhuit ’Nuair tha’m bàs teachd dha d’iarruidh gu d’chaol leabai’ fhuair. Reult na Maidne ag éiridh, aig fuaim a ghuth éibhinn, ’S le òr-bhrat, a g’ éudach, gleann iargalt na’n uaigh. Ead. leis an Eileanach. Mu Dhiùchd Earra-ghael. Chuir an treas Righ Deòrsa, agus Diùchd Earra-ghael, nach mairionn, geall cò aig am biodh an solas a b’fhearr ’s an coinnleir bu luachmhoire. Chuir an Righ a làthair dreòs anabarrach céire ann an coinnleir òir. Thug an Diùchd am follais spealg do sheann stochd giubhais, a chuir e ann an làimh a mhic, a bha san àm na leanabh ro eireachdail. Chaidh an dà chuid a lasadh; agus dh’aidich an Righ gun robh an solas agus an coinnleir fada thairis air na bh’ aigesan; agus bhuidhinn an Diùchd an geall. Ead. le P. M‘F. [TD 117] MU GHARADH CHROITEIREAN. ’S iomad connsachadh a th’ eadar sinn fein agus na Gaill mu leisg na’n Gael; agus is eiginn duinn aideachadh eadarainn fhìn gu bheil beagan de’n fhìrinn aca. Nac fhaic thu, a’ deir na Gaill, ’nuair a philleas iad o’n cuairt Shàmhraidh, mar luidheas an Gael lunndach ri taobh an tuim, gu leisg neo-shunndach, ’nuair a dh’fheudadh e bhi ri fearas-tighe, agus a ruamhar na ghàradh, a tha làn de chopagaich, de luibhean agus de shalachar, far am feudadh e bhi cur thairis le nithibh a bhiodh feumail dha fhein agus d’a theaghlach. Feumar aideachadh gu bheil a chùis ro thric mar so, ged is maith leinn a ràdh gu bheil atharrachadh so ri fhaicinn an iomad àite. Chomhairlichinn do na h-uile Croiteir aig a’bheil beagan fearainn gàradh-càil a bhi aige, agus a chumail ann an deagh uidheam, saor o shalachar anns an cuir e Buntàta tràthail, càl glas, agus càl cearslach, currain, peasair, néapan, agus gu h-àraidh léicis agus uinneinean. Am bitheantas air feadh na Gae’ltachd tha leasachadh no mathachadh furasd fhaotainn; tha feamuinn air na cladaichean, agus raineach anns na glinn; agus ma chumar bothan beag do’n mhuic, agus deagh leabuidh foidhpe, agus fo’n mhart cruinnichear cus maith innearach. Feudaidh an Croiteir mòr-bhuannachd a mhealtainn o bheachaibh: ni tri sgeapaichean gu minic suas a mhàl, cha’n iarr iad mòran aire. Feumar fair’ a dheanamh tharta ’nuair tha’n sgaoth òg a’teachd a mach; agus feumar an sgeap a chòmhdachadh o fhuachd a gheamhraidh, agus o mhòr theas an t-sàmhraidh. Mar so le dìchioll agus saothair feudaidh aon duine e fein agus a theaghlach a chumail gu socair sonadh, bhi fo mheas aig uachdran, agus gach neach a chi e, am feadh a bhios an lùnndaire a’ fulang fo thàir agus bhochduinn. T. O. M’an mhuinntir a mhort Mac Laomuinn a Muile, air bòrd Bàta na smùid o’n Tairbeirt do Ghlaschu. Tha dearbhadh brònach againn an so air an olc a tha ’g éiridh o òl, agus tadhall droch cuideachd. *Bha Iain Stiubhart agus Catrìne Nic an t-saoir, a bha gabhail leis mar mhnaoi, a siubhal na dùthcha, an tòir air miunntir air an gabhadh iad bràth. Mar bha iad air an turus do Ghlaschu, mhothaich iad tomalt ann an achlais MhicLaomuinn, agus chuir iad rompa oidheirp a thoirt air: chum na crìche so, dh’aom iad e gu dol leo a dh’ òl. Chuir iad deoch codail san leann a bha iad ag òl, leis an do thuit e ’an ùine ghearr thairis, is an d’ fhuair iadsan cothrom air a chuid airgid a thoirt uaithe. Dh’ òl tuille do’n luchd turais a bha san luing do’n deoch mharbhtaich ud, ach thainig iad air fad uaithe ach esan. Chaidh an t-Eirionnach agus a bhean a chur ’an làimh. Dh’fheuchadh iad ann an Duneidean air 14 là de mhios deirionnach an t-Sàmhraidh Fhuaradh ciontach iad, agus bha iad ri bhi air an crochadh air an 19 là de’n mhìos so dh’fhalbh, agus an cuirp ri bhi air an toirt do na lighichibh. Dh’fheudamaid air a chùis so mòran a ràdh ri ar luchd-dùthcha nan saoileamaid gu’n gabhadh iad * ’Se Bradfoot bu shloinne dha, agus cha bu Stiubhartach. [TD 118] rabhadh uainn. Cha robh MacLaomuinn bochd air a thoirt suas do òl no dhroch chuideachd, a dh’aon ni is fiosrach sinne, ach bha e air an là so socharach, gun bhi air fhaicill. B’e a choire nach do dhiult e aontacha leo, sa cheud dol a mach; agus an déigh dol a dh’òl leo, ’nuair a chual’ e a chainnt a bh’aca, b’e dhleasannas am fàgail. Ach ’nuair a théid duine aon cheum am mearachd, cha’n’eil fhios ciod a chrioch gus an d’thig e. Is maith a thuirt an sean-fhocal, Seachain an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu; agus is fìrinneach briathran an duine ghlic, “Thig sgrios air companach na’n amadan.” Ghuidheamaid, uime sin, air ar luchd-dùthcha gràdhach a bhi seachantach air droch cuideachd, ’nuair thig iad gu Galldachd, far a’bheil na mìltean a’feitheamh gus am mealladh. Thainig duin’ àraidh a mach a eilean tha mu fhichead mìle taobh na h-àird an Iar do Mhuile o cheann bliadhna no dhà do Ghlaschu; tharraing e suas ri droch bhoirionnach; agus ’s e dh’éirich a mach gun do chaill e chuid airgid, mar is maith a thoill e; cha mhòr nach do mhortadh e; agus bha e na impidh, le a fein a chur na’n caramh, air dithis d’a cho’-chreutairean a thoirt gu bàs na croiche. Biodh na nithe sin nan sanus do mhuinntir na Gae’ltachd iad a bhi furachair, faicilleach, m’an chuideachd a thadhalas iad; agus th’ar gach ni, gun asluich iad sdiùradh agus seoladh an Uile-chumhachdaich, a’toirt fainear gu bheil a shùil orra do ghnà, ge b’e àit am bi iad. Cha’n urrainn duinn so a chrìochnachadh gun innse gun d’aidich an Stiùbhartach, agus a bhean, gun do mhort iad, air an dòigh cheudna, aon-pearsa-deug! Chaidh an crochadh air an 19la de’n mhìos a dh’fhalbh an làthair àireamh anabarrach shluaigh, agus an cuirp a thoirt suas do na Lighichibh. Drochaid ùr Ghlaschu. Air an 18la. de’n mhios so chaidh, leagadh Clach-stéigh na Drochaid a tha iad a’cur thar Cluaidh. Theagamh nach fhacas riamh ann an Albuinn air a leithid de chòmhdhail, na h-uiread shluaigh cruinn. Bha cuig cuideachda deug thar fhichead de chlachairean a làthair, gach aon diu le’n suaicheantas fein, le’n luchd-ciùil agus le’m brataichibh rìomhach. Chruinnich iad so uile, maille ri Luchd-riaghluidh, agus àrd Mharsontan a Bhaile, san Eagluis mhòir, far an d’thugadh searmoin freagarach dhoibh leis an Olladh urramach D. MacPharlain; uaithe sin ghiuais iad gu riaghailteach gu taobh na h-aibhne far an robh a chlach-stéigh, r’a suidheachach, far an d’thugadh an Urnuigh seachad leis an Olladh urramach T. MacLeoid, Ministeir Champsie. ’An déigh na h-ùrnuigh chaidh laoidhean binn a sheinn, an sin chàireadh a Chlach stéigh, am measg ait-iolach an t-sluaigh anabarraich a bha cruinn. Tha daoine fiosrach a’m’ barail gun robh, eadar thoiseach agus dheire, mu thimchioll ceud gu leth mìle sluaigh a chunnaic an sealladh so; agus is sòlasach leinn innse nach cuala sinn gun do thachair aon sgiorradh do neach ’nam measg. [TD 119] AN TUATHANACH AGUS AM MADADH. Chaidh tuathanach air là àraidh a mach do’n achadh a chàramh bearn ann am balladh; agus air dha pilltinn fhuair e a’ chreadhal san d’ fhàg e a leanabh ’na chodal air a tilgeadh bun os ceann, an t-eudach a bha mu’n cuairt da reubtadh agus dearg le fuil, agus am madadh a bha gleidheadh an tighe ’na luidhe làimh ris a’ chreadhail agus a cheann còmhdaichte le fuil mar an ceudna. Smuainich an tuathanach gu’n do mharbh an madadh an leanabh, agus ’na chorruich thog e tuadh a bha ’na làimh agus chuir e an t-eanchainn as. Ach air dha a’ chreadhal a thionndadh fhuair e an leanabh slàn beò, agus nathair mhòr ’na luidhe air an urlar, a mharbh am madadh ’nuair thug i ordhearp air streapadh ris a’ chreadhail. Chunnaic an tuathanach a nis amaideachd a dheanadais: thug e fa’near gu’n do theasairg am madadh dìleas agus tairis beatha an leinibh, agus gu’m b’e a dhleasannas bhi ro thaingeil da, an àit a chur gu bàs ann an corruich agus ann am fraoch feirge. Tha an sgeul so a’ teagasg dhuinn gu bheil esan a ta toirt sréin d’a chorruich an còmhnuidh buailteach do mhearachd, agus gu bheil e ealamh air an ni sin a dheanamh a chuireas campar air an déigh làimh. I. M‘D. AN TUATHANACH AGUS AM FEAR-LAGHA. Thàinig tuathanach a dh’ionnsuidh fear lagha àraidh bu choimhearsnachdha, ag aithris gun robh e ro-dhuilich air son sgiorradh a dh’ éirich do aon d’a spréidh. Chaidh damh leatsa, thubhairt an tuathanach, a mharbhadh le droch tharbh a bhuineas dhomhsa, agus b’ àill leam fios fhaotainn ciod a dhìolas mi dhuit air a shon. Tha thu a’d’ dhuine còir agus cothromach, thubhairt am fear-lagha, agus air an aobhar sin tha mi am barail nach meas thu e ’na ni cruaidh aon do d’ dhaimh fein a thoirt dhomh ’na àite. Tha sin ro-cheart, ars’ an tuathanach; ach ciod a thubhairt mi? Chaidh mi gu tur a’ mearachd, oir is e tarbh leatsa a mharbh damh leamsa, agus uime sin tha mi am barail a réir do bhreith féin gu’n toir thu dhomh damh eile ’na àite. Tha sin ag atharrachadh na cùise, thubhairt am fear-lagha; feumaidh mi fiosrachadh mu thimchioll a’ ghnothuich so, agus ma thachair—Agus ma thachair, thubhairt an tuathanach; tha mi faicinn gu’m biodh an gnothach air a chur gu taic’ gun agadh air bith nam biodh tusa cho deas gu ceartas a dheanamh do shluagh eile, is a tha thu gu ceartas a dheanamh dhuit féin. I. M‘D. NAIGHEACHDAN. Is duilich leinn gu bheil e againn ri innseadh gun robh tuil anabarrach diùbhalach san taobh tuath. Rinn i mòran dolaidh air daoine, air bàrr, air spréidh, air drochaidean, agus air soithichean. [TD 120] Cha chualas, ach ainmig, iomradh ’sna rioghachdaibh so air na h-uiread challdaich le tuil, agus le stoirm. Ann an iomad àite b’éiginn doibh tearmunn a ghabhail air mullach nan tighean, gus an d’thàinig bàtaichean gan iarruidh; agus tha na machraichean a b’àillidh, a bha fo làn bhàrr, air an còmhdachadh le grinneal agus gaineamh; agus chuireadh as gu tur do dhòchas an tuathanaich, a thaobh an fhogharaidh so. Chaidh mòran dhrochaidean gasd a sguabadh air falbh ann an tiota. ’Sann an Siorramachd Mhuraidh, a réir mar chuala sinn, bu ro mhò an calldach. Tha na Rusianaich a’ faighinn a chuid is fearr de na Turcaich. Tha bhuain a’ dol air a h-adhart gu faramach, agus am bitheantas tha’m bàrr ro throm. Tha de dhaoine mach a cosnadh, ’s na h-Eirionnaich co lionmhor, ’s nach eil na buanaichean is fearr a’faotuinn ach mu fhichead sgillinn san latha, gun am biadh; agus sea sgillinn deug o’n tuath a tha toirt doibh an lòin. ’S duilich leinn a ràdh nach ’eil mòran sàmhchair no sìth fathast ann an Eirinn. Tha iomadh sgeula muladach a’teachd mu chò-strìgh ghràineil, mu mhort, agus mu mharbhadh. Ge nach d’fhuair O’CONNELL, caraid nam Pàpanach, suidhe ’an Ard chomhairle na rioghachd air an àm a dh’fhalbh, tha e a rìs air a thaghadh arson Siorramachd Chlare, agus bheir e an ath-ionnsuidh air bhi stigh. Tha cunntas maith air margadh na h-Eagluise-brice, a sheas air a mhìos a dh’fhalbh. Tha daoine a’ meas gun robh an ni dubh deich tastain, agus na caoraich tastan, an ceann thairis air na bha iad air an àm sin an uraidh: air chor ’s gu bheil fiuthair aig daoine ri marguidhean maith deireadh an fhoghair so. Bha mòran each ann, agus farraid mhaith orra. Cha do thairgeadh os cionn naoi sgillinn sasunnach air a chàraid chlach de’n chlòimh. Tha mhin choirce ceithir sgillinn-deug am peichd, agus am buntàt sea sgillinn. FOCAL SAN DEALACHADH. Soraidh uainn do’n Fhìor-Ghael, do’n Eileanach, do Mhac-Talla, do’r Caraid ann an Sruileadh, agus do iomadh aon eile nach urrainn duinn àireamh. Fhuair sinn am Marbh-rann a chuir Rob Leughadair d’ar n-ionnsuidh, agus is dòcha gum faigh an Rann àite an ùine bheag; ach b‘fheaird Rob am barrachd foighidinn a bhi aige. Dhoibhsan a tha faotainn coire dhuinn o nach ’eil sinn a’toirt tuille naigheachd dhoibh, ’s fheudar dhuinn innseadh ann an aon fhocal, gun imir sinn a bhi ro-fhaicilleach anns a chùis so; oir cha’n fheudar mòran diu sin a chur ann, mar tha anns na Paipeiribh naigheachd, gun chìs ìocadh; agus cha bu mhaith leinn dol an aghaidh nòs na rioghachd. Printed by D. Maclure & Co. Argyle Street, Glasgow. [TD 121] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR. AIREAMH VI. 1829. DORUS NA H-URNUIGH. THACHAIR dhomh bhi air oidhch’ àraidh a’leughadh xi. Caib. do Shoisgeil Lucais, anns a bheil againn co liugha earail, agus misnich arson ùrnuigh; dhùin mi’n leabhar, agus dh’aom mi thairis air cùl mo chathrach, ann an trom smuaintean eadar chodal agus fhaireach. Air leam gu’n robh mi a’m’ sheasamh fa chomhair a gheataidh a bha treòrachadh gu lùchuirt dhreachmhoir Righ na dùchadh. Os ceann an doruis, mhothaich mi na briathran so air an sgriobhadh, mar gu’m b’ann ann an litrichibh òir, “BUAILIBH, AGUS BITHIDH E AIR FHOSGLADH DHUIBH.” Chuir mi romham an earail so a leantuinn, ach smuaintich mi gu’n seasainn tamull a dh’fheuchainn cia mar dheanadh daoin’ eil’ a thigeadh an rathad. Cha do sheas mi fada gus am faca mi duin’ uasal sparasach, rìomhach, ann an deise eireachdail, a’ dlùthachadh air an dorus ’na charbad. Stad e car tiota aige, agus leugh e na briathran a bh’air an dorus, sheall e air uaireadair, mar gu’m biodh e ’smuainteachadh ciod a dheanadh e; tha mi faicinn, a deir e, nach ’eil ùin agam an diugh, tha mòran agam r’a dheanamh; cha deanadh e ach moille chuir air mo thurus mi dhol a stigh an trà so; tha mi tuigsinn gu’m feud duine bhi fad a’ bualadh m’am fosglar an dorus, agus ged a gheibhinn a stigh, ’s dòcha nach faighinn luach mo shaoithreach. Air dha labhairt mar so, dh’imich e roimhe, agus cha d’thug e sùil tuille ’na dhéigh. Bha’n ath-fhear a thainig air aghaidh, a réir coslais, ’na dhuine stòlda, socrach, le aogas gruamach, neo-aoidheil; duine, mar thuig mi, a bha ro dhéigheil a bhi air a mheas diadhaidh agus cràbhach os ceann chàich. Chaidh esan gu dàna neo-sgàthach a dh’ionnsuidh an doruis, làn-chinnteach gum faigheadh e a stigh air a cheud bhuilleadh. Tha iad eolach orms, ars’ esan, san àite so, ’se ’g amharc m’an cuairt da gu stràiceil: is aithne dhomh gu math am fear ris a’bheil an dorus ’an earbsadh; agus tha mi mion-eolach orrasan a tha gu lathail a mach agus a steach san àite so. Tha’n Righ fein eolach orm na thigh; cha’n ’eil eagal orm. Bhuail e, uime sin, gu h-àrd aig an dorus, agus ghlaodh e air an dorsair e dh’fhosgladh dhà. Is mis, ars’ esan, aon de chàirdean an Righ, agus is aithne dhomh mòran de na maithibh m’an cuairt da. A dh’aindeoin co fein-earbsach ’sa bha’n duine so cha d’fhosgladh an dorus d’à. Cha d’fhuair e freagairt, agus ma dheire dh’fhalbh e [TD 122] air a thurus, fo nàire agus fo mhi-ghean. Bha’n treas fear a dhlùthaich air an dorus na dhuine mòr-chuiseach, uaibhreach, agus thainig e air adhart le ceum daingean misneachail, mar gu’m biodh còir aig air faighinn a stigh, agus gu’m b’onoir do’n Righ e thighinn ann. Leugh e an sgriobhadh a bh’air an dorus, ach ’nuair a mhothaich e gun robh an t-inneal leis an robh e ri bualadh aig ìochdar an doruis, nach b’urrainn da ruigheachd air gun chromadh gu làr, ni nach dùraigeadh e dheanamh, bhuail e gu dàna le bhàta fein; ach bu diomhain oidheirp; cha d’fhosgladh dha, agus le mòr dhiomb, dh’fhalbh e air a thurus. ’Nuair a thug mi so uile fainear, chaill mi mo mhisneach, smuaintich mi nach robh feum dhomhsa oidheirp a thoirt, bha mi, uime sin, ag èirigh gu falbh, ach air dhomh amharc gu geur air an dorus, chunnaic mi na briathra, Buailibh, agus fosglar dhuibh, air an deargadh co soilleir fo làmh sgriobhaidh an Righ fein, ’s gun do chuir mi romham fuireach ni b’fhaide a dh’fheuch ciod a chithinn. Thainig eilthireach bochd air aghaidh a bha gabhail air a thurus chum an doruis. Bha shùil air a socrachadh air an dorus co dian, ’s nach robh suim aige d’a cheumannaibh, air chor ’s gun robh e gu tric a’tuisleadh. Bhuail e aig an dorus, agus air ball chaidh fhosgladh, ach leis an dian chabhaig a bh’air gu dol a stigh thuit e air an làr, agus bha chòmhla air a druideadh leis an dorsair, a thuirt ris Dean faire agus ùrnuigh. Tharruing an t-eilthireach bochd osna throm, thog e shùil gu neamh, bhuail e rithist an dorus, air dha bhi ni b’fhaicillich, agus fhuair e stigh. Mhothaich mi an déigh sin do dhiol-déirce truagh, ann am broineagaibh neo-chuanda, ’s mar gu’m biodh e dol bàs le ocras. ’Nuair a rainig e’n dorus ’sa mhothaich e an sgriobhadh a bha os a cheann, las a shùil le aoibhneas, thuit e air a ghlùinibh gu h-iriosal, agus gu sgàthach ghlac e ’n t-inneal-bualaidh; ach air dha smuainteachadh co neo-aithrigh ’s a bha e air seasamh ’an lathair an Tighearna, chunnaic mi na deòir a’ sruthadh gu frasach o shùilibh. Chuala mi gu tric e ag ràdh, O! is duine truagh mi. Leugh e a rìs an sgrìobhadh a bh’air an dorus, agus ghabh e misneach, ma bhàsaicheas mi, ars’ esan, ’s ann air stairsnich an tighe so, ann an deanamh spàirn gu dol a stigh. Bhuail e aig an dorus, ag glaodhaich le dealas, O fosglaibh dhomh gu farsuinn reidh Geatan an ionracais: Is racham orra-san a steach; Iehobhah molaidh mis. Dh’fhosgladh an dorus, agus chuir na mìltean fàilte air le furan; agus cho’-aontaich iad maille ris ann an co’-sheirm bhinn, So an dorus air ’n d’théid a steach na daoine còire naomh, Sìor-mholam thu, oir chual’ thu mi; is tu mo shlainte chaomh. Na dhéigh so chunnaic mi duin’ eile teachd nach robh ea-coltach ris-san a bha air thoiseach air, ach gun robh barrachd misnich aige. Bhuail e a rìs agus a rìs, agus ge nach d’fhosgladh dha car ùine mhòr cha d’fhalbh e, ni mò a chaill e dhòchas. Bhuail e le barrachd dùrachd, agus chuala mi e ag ràdh gu beag ris fein, Ri Dia tha mis’ a’ feitheamh fòs, tha m’anam feitheamh ris; [TD 123] ’S na fhocal naomha firinneach mo dhòchas cuiridh mis. Bu treun an guidhe chuir e suas, bu dùrachdach a ghairm e air ainm Iosa, agus is mòr do réir coltais, a bha d’a ghràdh ’na chridhe. Fadheoidh, dh’fhosgladh an dorus da, agus chuala mi e ag radh, “Cha’n ait air bith eile so ach geata néimh.” Smuaintich mi fhìn air briathraibh an dàin, Cha’n e guth binn, ach guidhe tréun, cha teud ach cridhe ceart; Cha ghlaodh, ach gràdh, ni fuaim gu geur, ’an cluasaibh Dhe nam feart. ’S e ni is mò chuir de iongantas orm co liugha h-aon a chunnaic mi a’gabhail an rathaid, agus an déigh dhoibh an sgriobhadh a bh’ air an dorus a leughadh, a dh’ aidich gun robh an earail maith, gum bu chòir géilleadh dhi, a bhuaileadh le cridhe eatrom agus le sùil luainich, ’s a bha caoin-shuarach an rachadh no nach rachadh fhosgladh. Cha b’ann diu so am fear ma dheireadh a chunnaic mi air an àm so: Fear-turuis fiamhach, eagallach a mhothaich mi tarruing dlù air an dorus. Chunnaic mi neach ga choinneachadh aig an robh aghaidh dhuaichnidh ghrannda, agus a rinn a dhicheall gu chumail air ais. Cha ruig thu leas, a deir esan, a bhi dlùthachadh ris an dorus ud, no bhi ’g iarruidh gu dol a stigh; cha d’fhosgladh riamh do d’sheòrs’ e: ’an àite dhuit faotainn a stigh, ’s ann a dhìtear thu arson do dhalmachd. Gabh mo chomhairl’ agus seachainn e; ach cha do ghabh am fear-turuis suim de bhriathraibh a bhuaireadair so, agus rinn e arson an doruis. Uine bheag an déigh so choinnich e sean fhear-eòlais, a thuirt ris, a’ bheil thusa gu trom-inntinneach a’ dol chum an doruis ud. Thig leamsa air an t-slighe fharsuinn a tha treòrachadh gu sòlas; a stigh san aitreabh ud, cha’n’eil ach dubhachas agus bròn; ma mheasas tu e bhi feumail a dhol ann m’am bàsaich thu, tha ám gu leoir agad air. Dhiult am fear-turuis gabhail leis, agus dhealaich e r’a shean fhear-eolais, a bha ri tàir agus fochaid air, arson oidheirp. ’Nuair a ràinig e’n dorus, ’s a bha e dol ga bhualadh, dh’fhàillnich a mhisneach e, fo eagal gun rachadh a dhiùltadh. Bha mhiann air tionndadh air falbh; ach an uair a dh’amhairc e air a ghealladh ghràsmhor a bha os a cheann, agus a chunnaic e, mar gum b’ann, solus o neamh a’ dealradh air na focail, ghlac e misneach, bhuail e, ged a bha a chridhe an impis fhàgail. Dh’fhosgladh an dorus dà:dh’éirich e o ghlùinibh, agus le sòlas agus taingealachd do Dhia, fhuair e stigh, a’buadhachadh an aghaidh uile naimhdean, agus a’seinn le sòlas, Is toigh leam Dia, arson gu’n d’éisd ri m’ ghuth ’s ri m’ ùrnuigh fòs, A chionn gu’n d’aom e rium a chluas, ’sior-éigheam ris ri m’ bheò. An uair a chunnaic mi so uile, chuir mi romham dol a dh’ionnsuidh an doruis, agus bualadh mar dh’iarradh orm. Leugh mi an earail a rìs agus a rìs, ’S i làmh-sgriobhaidh an Righ, a deir mise, a th’ann. An dubhairt e rium, Buail aig an dorus, agus an e nach dean mi e? ’N do gheall e gum fosglar, agus an e gum meallar mi? Bhuail mi le buille àrd, mhosgail mi as mo shuain. Smuaintich mi ’n sin air amaideachd agus cunnart na’n daoine tha deanamh tur-dhearmad air ùrnuigh. Smuaintich mi air truaighe na muinntir a tha dol [TD 124] ma’n cuairt air an dleasannas so gu cealgach, uaibhreach, gun an spiorad ceart a bhi annta. Smuaintich mi air sonas na h-aitim sin aig a’bheil an inntinn iriosal, dhùrachdach, thréibh-dhireach, aig a’bheil an làn earbsa san ainm sin tre an éisdear ùrnuigh, agus mothachadh air còmhnadh an Spioraid, tre a mhàin a dh’fheudar ùrnuigh thaitneach a chur suas. O! ’s beannuicht, a deir mis, an duine sin a ta ri faire do ghnà aig dorus na h-ùrnuigh; fosglar dhà, agus gabhar e fadheoidh a stigh do làthaireachd Dhe, a dh’ionnsuidh a dheas-laimh, far a bheil aoibhneas agus mòr shubhachas gu bràth. Ead. le T—O— Laoidh na h-Urnuigh. ’Si ùrnuigh iarratas nan naomh, ’Sa bheil an déigh ’s an tlachd; Fadadh an teine, dhìomhair ghràis Tha lasadh anns an uchd. ’Si ùrnuigh suim na h-osnadh bhròin, ’Si ùrnuigh drùchd nan deur, Aomadh nan sùl an àird gu neamh, ’S gun neach ach Dia d’an léir. ’S i ùrnuigh cainnt an leinibh bhig, An uirigleadh ged ’s maoth, ’S i ùrnuigh chainnt is buadhaire, A ruigeas cathair Dhe. ’S i ùrnuigh anail beath’ nan naomh, Fàile ait an dùthcha fein; An deo mu dheire ’n glac’ a bhàis, Sgiath an anama gu neamh. ’Si ùrnuigh guth an aithreachain, ’S e ’g iompachadh air ais; Is aingle ’g rádh le gairdeachas, Feuch e ri ùrnuigh ’nis! Na naoimh, an ùrnuigh tha mar aon, ’An cainnt, ’an gniomh, ’s ’an smuain; ’Nuair shealbhaicheas iad le Dia, ’sa Mhac Co’-chomunn càirdeil, buan. Cha’n anns an t-saoghals tha ùrnuigh mhàin; Ag guidhe tha’n Spiorad Naomh; Is Iosa air ar son gun sgìos Ag asluchadh air neamh. ’S esan an t-iùil tha triall gu Dia, A bheatha, ’s an fhirinn fòs; Slighe na h-ùrnulgh dh’fheuch thu fein, O! teagaisg dhuinn i Ios’! Ead. le T—O— CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. Rinn iad gairdeachas a’d’ làthair, mar ghairdeachas anns an fhogharadh.—Isa. ix. 3. Thachair dhomh air an t-seachduin a dh’fhalbh a bhi ann an cearn àraidh de’n sgìreachd, far an robh coinneamh chum ceasnachadh agam, ri muinntir a dhà no thri de bhailtean, a chruinnich ann an tigh an duine mhaith sin, air an robh mi labhairt sa cheathramh àireamh de’n TEACHDAIRE. Bu tuathanaich air fad iad, le’n teaghlaichibh agus le’n luchd muinntir. Bha’n deire-bhuanadh a nis air dol seachad, agus am pòr uile air a chròthadh; chuala mi, mar a bha mi dlùthachadh air an tigh, iolach ait, ghairdeachais a thogadh leis an òigridh’nuair bha’n luchd ma dheire de’n arbhar a’ teachd a stigh do’n iolainn. An déigh do’n cheasnachadh bhi thairis labhair mi, mar bu ghnà leam, focal no dhà san dealachadh. Smuaintich mi feum a dheanamh de’n fhonn san robh na daoine ri linn na deire-thàirneadh, chum an leas spioradail a chur air aghaidh, le’n smuaintean a tharruing o ghairdeachas saoghalt’ an tuathanaich, a dh’ionnsuidh sòlas [TD 125] nan naomh, ’nuair a thig iad gu sealbhachadh ann an tròcair, làn thoradh an fhoghair’ mhòir ann an neamh, no eadhon an earlais a th’ aca dheth air thalamh, tha so a’ cur aoibhneas na’n cridhe ni’s mò no ’nuair is pailte arbhar agus fion aig muinntir an t-saoghail. Bha’n seann duine beannaichte, air an do labhair sinn roimhe, fhathast beo, agus ma bha earlais air subhachas nan naoimh aig duine riamh, bha e aig a chreideach neo-chealgach so. Smuaintich mi gu’m biodh an stéigh a ghabh mi chum co’-fhurtachd agus sòlas a thoirt do’n duine chòir so, agus math a dh’fhaoidte ged a tha cuid de m’ luchd-leughaidh eolach air mòran de na smuaintean a leanas, a fhuair sinn o Dhiadhair urramach, gidheadh tha dòchas againn gu’m feud iad le beannachd Dhe a bhi tarbhach chum leas mhòrain gus an d’thig iad. An déigh dhomh labhairt mu’n aobhar ghairdeachais a bh’aìg tuath na dùthcha air an àm so, agus am brosnachadh gu làmh Dhe fhaicinn anns a phailteas a bhuilich e orra, chaidh mi air m’adhart a nochdadh dhoibh, an t-àrd urram a th’aig aoibhneas spioradail thairis air gairdeachas saoghalta an tuathanaich. Tha tuathanaich ri gairdeachas a sòlas an fhoghair ’a chionn gu bheil am pailteas lòin aca fein agus aig an teaghlaichean; ach ’s ann a tha’n criosduidh ait, a chionn gu bheil aige-san lòn r’a itheadh mu nach fiosrach an saoghal. ’Se Criosd beatha anama, is biadh gu fìrinneach fheoil, agus is deoch gu fìrinneach fhuil. Cha ’n’eil ann am manna na’n aingeal ach samhladh faoin air lòn spioradail na’n creideach. Tha sibhse aighearach a chionn gu bheil am foghara cruinn, arson gu’m feud sibh le thoradh so ruigheachd air gach uireasbhuidh eile; ach ge luachmhor e tha nithe ann nach buannaich e dhuibh; ach ann an Criosd tha gach ni aig a chreideach; ’se ’n slaint e ’an àm tinneis, an neart ann an laigsinn, am faochadh ann an an-shocair, an ionmhas ann am bochduinn, an caraid ann an airc, am fasgadh san doininn, neart an cridhe, agus an cuibhrionn siorruidh. Tha sibhse ri sòlas gu bheil toradh na tàlmhuinn tearuinte, a thaobh so gum bi sibh ’nar n-urrainn ur fiachan a dhìoladh; agus da rìreadh is mòr an sòlas sin, agus buinidh dhuibh a bhi taingeil do Dhia a tha cur sin ’n ur comas; ach m’as aobhar sòlais bhi a fiachan dhaoinibh, cia ro mhòr an t-aobhar sòlais a th’aig a chriosduidh ’nuair a tha deagh chionfath aige gu shaoilsinn gu bheil a pheacaidhean gu léir air an dubhadh a mach a leabhar Dhe, gu bheil eusontais air am maitheadh dha, agus trid iobairt-réitich a Shlanuighir, agus fhìreantachd ta air a chur as a leth, nach feud an lagh a bheag air bith a thagradh air. Rom. viii. 1. So far a’ bheil an t-aobhar gairdeachais! Tha sibhse fo shòlas a chionn gu bheil ur bàrr tearuinte; am fad ’s a bha e muigh bha e buailteach do dhosguinn; ach a nis, o chuir sibh cruinn e, cha chuir an t-uisge cùram oirbh; ach ’s ann a tha na h-ionracain ri gairdeachas, ni h-ann arson gu bheil am bàrr tearuinte, ach a chionn gu bheil an anama tearuinte. Am fad ’s a bha iad ann an staid neo-iompaichte, bha iad gach uair an cunnart o chorruich an Uile-chumhachdaich; ach a nis, air dhoibh a bhi ann an Criosd, tha’n cunnart thairis; agus nach mòr am barrachd a th’aig tearuinteachd anam neo-bhàsmhor air tearuinteachd beagan arbhair? [TD 126] Cha ’n’eil ann an aoibhneas an tuathanaich ach aoibhneas a bhuineas do’n olc agus do’n mhaith. Buinidh e do Thurcaich agus do neo-chreidich; ach Criosd, is cuibhrionn e a mhàin do phobull taghta Dhe. Thig gairdeachas an tuathanaich gu crìch. Latha no dhà seachad, agus gearrar iad fein sios, agus cha dean iad ni ’s mò gairdeachas ann an nithibh saoghalta; ach an uair tha gach sòlas aimsireil seachad ’s ann an sin a tha sòlas nan naomh a’ tòiseachadh, agus air cha d’thig crioch. Feudaidh saibhlean làn a bhi aig an tuathanach, agus beag toilinntinn leis, ach esan aig a’ bheil Criosd tha gach sòlas is fiu ainmeachadh na cho’-lorg. Thoir air fàlbh toilinntinn aimsireil an duine shaoghalta, agus tha crìoch air a shòlas; ach feudaidh sluagh Dhe toil-inntinn a ghabhail ann an nithibh aimsireil cuideachd, agus ’nuair a thig crioch orra sin, tha culaidh-shòlais eile aca air nach d’ thig crìoch. Uaithe so gu léir thigeadh dhuinn uile gliocas fhòghlum. Anns a cheud àite, Labhruinn riutsa aig a’ bheil sabhal làn, ach aig nach ’eil Criosd. Nach math a thig e dhuitse ràdh, Cia mar a rinn mise gairdeachas a neo-ni, agus a riaraich mi mi fein le faoineis? Bheannaich Dia mi le mòran de nithe maith na beatha so, ach cia uireasbhui’each mi do thaobh nithibh spioradail. Tha mo shabhal làn cruithneachd, ach tha m’anam folamh do ghràis; nach uamhasach ri smuainteachadh gu’m feud mo shonas uile bhi fuaighte ris an t-saoghal so? Agus ma tha mi ’an teagamh mu’n ni so, am buin e dhomh gairdeachas a dheanamh? Ged a tha mo bhàrr tearuinte, am bi mi fo aighear am fad ’sa tha m’anam ann an cunnart? Bu sgaiteach am focal a labhair Abraham ris an duine shaibhir, Cuimhnich gu’n d’fhuair thusa sa bheatha so do nithe maithe. Gun d’thugadh Dia dhomhsa nach éisd mi ris an dìteadh cheudna. A rìs, Thus’ aig a bheil Criosd, is aig nach’eil sabhal làn, no bheag de nithe maith na beatha so, nach buin e dhuits’ a ràdh, ann an cainnt an abstoil, “Beannaichte gu’n robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Criosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadaibh neamhuidh ann an Criosd.” Eph. i. 3. Ge nach do thoilich e mòran stuic no stòrais a bhuileachadh orm; oir chunnaic e nach robh sin chum mo leas. ach shocraich e orm oighreachd is luachmhoire na is urrainn òr no airgiod a cheannach. Gu ma beannaichte gu’n robh Dia nach d’thug dhomh mo chuibhrionn san t-saoghal so amhàin, ach a thaisg suas e fa m’ chomhair ann an saoghal is fearr. A Thighearna Iosa, cha ’n’eil saibhlean no beartas agam, ach tha agam trid do ghràis, nithe nach urrainn beartas a cheannach. Beannaich an Tighearna, O! m’anam! A rìs, Ma tha aon san làthair aig nach ’eil sabhal no Criosd, saibhreas aimsireil no spioradail, nach buin dà-san a ràdh, O! nach truagh mise d’a rìreadh! aig nach ’eil a bheag san laimh, no san amharc, a tha truagh an so, agus ’an cunnart a bhi truagh ’an déigh so. Mo thruaigh mi! Tha mi bochd, agus tha mi peacach. A’m’ chulaidh thàir aig daoinibh, agus a’m’ chulaidh ghràin aig Dia; a’m’ chuspair di-meas aig neamh agus talamh. A Thighearna, amhairc orm ann an truas air sgàth Chriosd. Deonaich dhomhsa ann an saibhreas do ghràis cuibhrionn do [TD 127] shluaigh anns an t-saoghal a ta chum teachd, agus éireadh do’n t-saoghal so mar is àill leatsa. O! naomhaich dhomh mo bhochduinn; beannaich m’uireasbhuidh chum mo mhaith, ann an éigneachadh m’anama gu Criosd; ann an slighe na bochduinn thoir mi chum do ghlòire; agus an sin ann an siorruidheachd molaidh mi thu, arson mo bhochduinn anns an t-soaghal so. Anns an àite fa dheireadh. Ma tha e’n so a làthair, aig a’ bheil maraon sabhal làn, agus Criosd leis, mar tha dòchas agam ann an Dia gu bheil, agus dhà-san gu’n robh a ghlòir. Nach buin do’n duine shonadh so, a radh, ’Sann agams’, a Thighearn a tha’n t-aobhar bhi taingeil thar mhòran. Thug thu dhomh neamh agus talamh, nithe ta làthair, agus nithe ri teachd! Cha do bhuin thu mar so ri d’phobull fein gu h-uile; tha mòran diubh aig nach ’eil na sochairean a tha mis a’ sealbhachadh. Rinn Dia nithe mòr air mo shon, Ciod O! m’anam, a dh’ìocas tusa do Dhia! Mar is mò a fhuair mi, is ann is mò tha mar fhiachaibh orm, gidheadh cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil iomad dìol-déirc’ tha siubhal o dhorus gu dorus aig a’ bheil cridhe ni’s taingeile. A Dhe, thoir maitheanas domh! T. M‘M. T. An aitreabh mhaireannach. LAOIDH. Eabh. xiii. 14. “’S an t-saoghals’, cha’neil còmhnuidh bhuan,” ’S cruaidh an sgeul an cluas an daoi; Ach dhàs’ a thaisg a shuaimhneas shuas, Cha chion-fath dheoir, ’s cha’n aobhar caoidh. “San t-saoghals’, cha’neil còmhnuidh bhuan,” Na’m b’e ur dachaidh, b’olc an sgeul; Ach tha ur sùil ri Baile shuas— Aitribh neo-thruaillidh anns na neamh. “San t-saoghals’, cha’n’eil còmhnuidh bhuan” ’Sdualach dhuinn gu luath bhi triall; Mar choigrich, buil’chimid gach uair, A’ trusadh suas ’ur n’ uile mhiann. “San t-saoghals’ cha n’eil còmhnuidh bhuan,” Ach tha Cathair shuas sna neamh; Sion a h-ainm—Se Righ na’n sluagh, Agus an t-Uan, a sgiamh, ’s a grian. Se Iehobhah fein, a neart; Cha ghabh i fiamh, ro fheachd a naimh; Innt’ tha luchd-turais fann le tart, A faotuinn deoch, us fois, us tàmh. O còmhnuidh naomh a ghràidh, ’sna sìth! Nam b’ leamsa sgiath a cholumain luaith Shiubhlainn ’s chuirinn dhiom mo sgìos, Far ’m bheil sìth, aig anamaibh truagh. Ach socair Anaim! na bi caoidh, Se ’n t-àm a shuidhich Dia is fearr, Da thoilsa striochd, fhads’ tha thu shios, ’Us chi thu crìoch do bhròin gu gearr. Ead. leis an Eileanach. LAOIDH. 2 Samuel xxii. 7. O! Thus’ ’tha siabudh deur a bhròin, Bu dhorch an Saoghal truagh’s, N tràth ’leonar, ’s ’mheallar sinn an so, Mar gabhadh Tus’ dhinn truas! Na càirdean ’bhios ’san t-samhradh leinn, Triallaidh ’sa gheamhradh fhuar, S’ ged’ shileadh iad leinn an deòir B fhaoin chòmhnadh iad ’n àm cruais. Ach ceanglar leatsa suas an cridh’ Tha briste—mar luibhean pronn Nis mìls’ a sgaoileas fàileadh cùbhr’ ’Nuair bhruthar iad gu trom. [TD 128] ’Nuair dhibreas gach uil’ aoibhneas sinn, ’S an dòchas caoimhneil séimh, Mar bhoisgeadh Reult, bha dealrachadh, Tre dhorchadas na neamh! Co sheasadh gaillionn fhuar na beath’s! Mar d thigeadh columan gràidh, A’ giulan meangain—Sìth o neamh, Gu fuadach gruaim na’n tràth; Bi’dh dealas gloir air sùil a bhròin, ’Nuair bheir Thus’ sòlas da, Mar ’n oidhche nochdas mìle grian, Nach fhacas riamh feadh là. Ead. leis an Eileanach. Litir o’n Ghaidheal anns ’an Dùthaich. O na dh’éirich dhuibh tarruing a thoirt air buitseachd agus gisreagan, tha mi saoilsinn nach dona fhreagaras na rannan a leanas a chuir sios anns an ath-fhear a thig le theachdaireachd na’r measg. Ma mheasar so ceart libhse, tha iad aig ’ur toil. Bha iad air an clodh-bhualadh roimhe ann an leabhran beag, ach ma chi sibhse iomchuidh an cuir am beul an Teachdaire sgaoilidh e na ’s faide iad. I. “A luchd nan gisreag, ’s nan eolas, Inneal mheallaidh mhòir is sgrios; Tha gach aon dhiu so air fhoghlum, O Bheelsebub mòr tha fhios; Mar sin ’luchd-fiosachd do gach seorsa, A tha gabhail orra bhi eolach glic, Ach cha leir dhomh fein ni’s gòraich, Tha iad le’n deòin a dol gu sgrios.’ II. Cha’n’eil éucail, no galar r’a fhaotainn, ’An aoradh dhaoine, no nith; Nach b’àill le luchd-ubag is eolais, An leontaibh a leigheas le sgil, Mo thruaighe iad, tha iad gòrach, A’ toirt toibheum do Righ na gloire gun fhios; Le’n deanamh, ’an ainm na Trionaid ghlormhoir, Saoilear nach éucoir, no gò bhi ris. III. ’Se’n didein bréig’aig an t’seòrs’ ud Gum bheil fada o’n thòisich a ghis; Tha na briathraibh ro oirdheirc, ’S tha Peadair is Pol annt gu tric; B’e Calum Cille an t-ùghdar, ’S bu duin ’e bh’air a chunntas ro ghlic; Is ciod an éucoir th’ann dhuinne, Fhad sa gheibh sinn gur fiu dhuinn bhi ris. IV. B’i so ceart inntinn Bhalaaim, Bhur dearbh bhràthair fein; O ’na chaidh a ghealltuinn da le Balac Gun àrduichte leisan e, Dh’imich e le mòr ghairdeachas, A chàineadh sluaigh Dhe; Air an duais so do dh òr, Bha e’n tòir gu ro gheur. V. Is ceart ionann so sibhse, Le’r n-innleachdaibh fein; Tha sibh an geall air na plùicibh, Ged spùinnear leo iad, ’S iad ana-mhiannaibh shatain, A b’àill libh bhi deant’; Leanaibh-sa gu crich iad, ’S theid sibh sios mar ris fein. VI. Nam b’àill libh fios fhaotainn air an aois ac’ ’S fhad o’n dh’fhoillsicheadh san t-saoghal gis. Bha i ann ri linn Mhaois san Eiphit, A comhstri ri miorbhuilibh Dhe, ’s a Mhic, Dh’òrduigh an ti so le sheoladh Fein, Gum biodh iad gu leir air an sgrios; Mar so bha eagal air buitseach Endoir, Gun d’thugta ’n ceann dith gu clis. [TD 129] VII. Thachair do Shaul a bhi an teanntachd, Gheall e nach tachradh sin; Mar so dh’fhan siol beo dhiu, A bha ri linn Phoil am mòr mheas; Ach a mheud sa chreid ann an Iehobhah, Loisg iad gach eolas gan sgrios; ’S thug esan a chomhairl’ air an òig fhear, Sgleò sheana bhan a chuir a meas. VIII. Gabhaibh uime sin rabhadh tràthail, ’S deanaibh an càramh, sa ghrìosaich; Oir ma bhios sibh a cuir dàil ann Thig am bàs is sibh fuidh’n dìteadh; Creidibh ann am fuil an t-Slanuighear, O’n is i cànain a bhi glaodhach sìthe; Is glanaidh so ’ùr teangaibh gràineil, O gach sgràilleadh is droch ni ’S tric a thog sinn ’ar guth an aghaidh buitseachd eadhon anns an Eilean Ileach. Gidheadh tha mòran cosmhuil ri Ephraim, mu’n deachaidh a ràdh, “Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodholaibh, leig leis;” Ach cha’n ann am Bòid uile tha’n t-olc, oir gheibhear freumh do’n olc so air GHALLDACHD, co maith, ’s air Ghaidhealtachd, agus aig Iain mòr Sasunnach fein air causair Lunnainn: agus tha cuid de na H-UAISLEAN a géilleadh do’n ghnothach, co maith ris na H-ISLEAN. Ach ’s iadsan a tha aineolach, is air nach ’eil eagal an Tighearn ann am firinn, a bheir feart air ni sam bith da leithid so; oir nam biodh so air daoinibh bheireadh iad dùlan do gach buitseach RUAIDH is DHUIBH a tha air aghaidh na talmhainn; a réir briathran an Fhàidhe anns na leanas “Na biodh eagal oirbhse rompa, oir cha’n urrainn iad cron a dheanamh; agus fòs maith a dheanamh cha’n’eil na’n comas!” Is maith a bha fios aig Balaam nach drùigheadh a dhrùidheachd air sluagh an Tighearn, ag ràdh, “Gu cinnteach cha’n’eil drùidheachd an aghaidh Iacoib, ni mò ta fiosachd an aghaidh Israeil.” Air dhomhsa bhi air mo shuidheachadh anns an dùthaich, cha robh e co furasda dhomh mo sgeul a chuir am beul an Teachdaire, sa bha e do’n “Ghaidheal anns a Bhaile.” Ach a nis ma bheir sibh sgiathan do na facail so a rinn mi sgriobhadh cluinnidh sibh uam an dràst sa rithist mar a bhios cothrom air. An Gaidheal anns an Dùthaich. LITIR O’N T-SEANA-GHIULLAN. Is mòr mear thu Bhean-an-tighe, Cion a ghabh an t-annlann? Cion a ghabh toradh a bhainne, Bh’againn anns an t-Sàmhradh? Uasail Urramaich, Mo mhìle beannachd dhuibh arson ur saothair san TEACHDAIRE GHAE’LACH; ’s e guidhe mo chridhe gun soirbhich leis, agus gu’m bi e na mheadhon buadhar air deòthas laidir a dhùsgadh ann an luchd-àiteachadh nam beann chum ruigheachd air gach gne eòlais, a dh’àrdaicheas iad mar Chriosdui’ean, agus mar bhuill do’n chomunn choitchionn d’am buin iad. ’S iomad mìle droch cleachda san dùthaich air nach ’eil fhios agaibhse, nam bitheadh, ’s mi tha cinnteach gu’n d’thugadh sibh sùgh na’n cnàmh as na h-éucoraich a tha ciontach dhiubh. Tha e, ’s dòch, an an-fhios oirbh gu bheil e cumannda san dùthaichs’ ’nuair gheibh na mnathan na fir mìle no dhà o’n tigh, cruinneachadh an ceann a chéile gu cuirm sònraichte ris an abair iad cuil- [TD 130] eagan. Air na cò’-dhailibh dìomhair so tha gach mìr agus deur is sòghaile na chéile air an cur air bonn, mar tha smior an ioma, càise bainne bhlàth, uachdar bhàrr na measrach, breacagan tana eòrna, agus sùgh nan duilleagan Innseanach, co trom ris an roid; agus chum an teang’ a chuir air ghluasad gu cùl-chainnt mu’n coimhearsnaich, searrag no dhà de shùgh an eorna, a bha aice fein gu cùramach na cistidh, a toradh na’n cearc ’s nan uibhean fa dheireadh a reic i. Cha’n ann uair sa bhliadhna, no san ràidhe a tha chuirm so, ach co tric ’sa tha na fir on bhaile. Nach cealgach an cleachdadh so ’measg mhnathan a tha gabhail oirre bhi dleasannach d’am fir-phòsda? ’Nuair thig na fir bhochd dhachaidh san anamoch, gu sgith, airsneulach, cuirear maoirneanan boga buntàta,, agus meadar de’n dubh-brochan air am beulaobh; gabhaidh iad fein oirre nach ’eil iad air chòir; agus bithidh na fir a’furan oirre le caoimhneas a bheag no mhòr a ghabhail; ach ’s deacair dhoibh sin a dheanamh. Tha’n t-Ileach bochd a’gearan gu cruaidh air buitseach ruadh Eisnis, gu bheil i fein agus Drollan gu ròiceal air tàiltibh a chuid ìm agus chàise; an duine truagh! ’s iomad fear san dùthaichs’ a tha tuigsinn a ghalair, nam biodh cagar agamsa ’na chluais, bheirinn seoladh dha a bhiodh co tarbhach, ri peasair luch a chur na ghàradh-càil. Nam b’urrainn dà-san Ceit a chuir an dìosg o’n duilleìg Innseanaich, thigeadh uachdar ni b’fhearr air a bhainne, agus cha ruigeadh e leas an dà mhart a reic. Is aithne dhomhsa iad san tir so, aig a bheil sea mairt laoigh, agus cha bhi punnd ioma no chàis aca air an nollaig, ’s eiginn doibh dol do’n bhùth a cheannach na sheasas an nàire dhoibh air a Chollainn. Cha’n e mhàin na tha iad fein ag itheadh air na Cuileagain, ach na tha iad a reic chum ruigheachd air an lus ruadh Innseanach; cha ’n’eil Gaelic agam air. Mo mhallachd aig a cheud fhear a thug riamh thar sàil’ e; ’s e chreach na ceudan. An uair a sgriosas iad an t-ìm ’s an càise, tòisichidh am buntàta ri falbh ’na bharailibh, ’s na leth bharailibh, math dh’fheudta mu mheadhon oi’che, ’nuair tha fear an tighe ’na shuain air a leabuidh. Bha sàmhradh gortach ann o cheann ochd bliadhna, bha’m buntàta ochd tastain am baraile. B’aithne dhomh bean àraidh a reic an t-aon bharaile tri uairean ri fear a tighe. Mar so fhuair i ceithir sgillinn fichead sasunnach air. Thainig mi fein a nis gu inbh pòsaidh, agus bha togradh agam gu dheanamh; ach fhad ’sa mhaireas a chiotcharachd so a’ measg nam ban, cha’n urrainn mi le taitneachd té dhiubh a theannadh rium. Tha mis’ ag innse dhuibh gum b’fhearr do dhuine beatha sagairt a chaitheamh r’a bheo, na bhi ceangailte ri tè de na creachadairean so. B’fhearr do ghille bochd Guanag a thoirt bhàrr na sràid ’an Glaschu. Bhiodh i so saor o’n cheilg, ghabhadh i a cuid am follais, agus gheibheadh fear an tighe fein a chuid de na bhiodh ann. Ach tha m’fheoil air chrith roi ’na spùinneadairean cealgach ud a dh’itheadh an cuid ’sa chùil, gun fhios gu’n fhaireachadh d’am fearaibh pòsda. Tha fhios agamsa nam biodh sibhse amharusach gu’n robh a leithid sud de dhubhailc coitchionn san àite so gur fad o’n a thog sibh [TD 131] ur guth ’na aghaidh. A nis o’n a tha’n Teachdaìre co siubhlach nar measg, nach rùisg sibh air na ciotcharaichean ud gu searbh salach; nach d’thoir sibh am fuil ’nan aodan. Cha ruig sibh a leas an ainmeachadh air an cinn. Nochdadh sibhse an cionta dhoibh, agus cha’n’eil cùram nach tuig an cù fein a choire. Thugaibh sùgh na’n cnàmh as na biasdan. Cha d’rinn sibh gniomh o cheann bliadhn’ is fiachala na e, ma chuireas sibh grad chosg air na Cuileagain uaigneach. Is iomad beannachd a tha cheana air ur ceann, agus gu cinnteach cosnaidh so dhuibh mòran a bharrachd. Tha fhios agam nach’eil e comasach cosg a chur air cuid de na seana mhnathan; ach tha mi cinnteach gu’n dean sibh feum do na fearaibh bochda, agus do’n ghinealach òg air mhodh àraidh. ’S éiginn domh a nis criochnachadh, le guidhe dùrachdach gu’n soirbhich leis an Teachdaire, agus gu’n d’thoir sibh earrann deth do’n litir se, co luath ’sa dh’fheudas sibh. Is mi ur seirbhiseach umhal, agus ro dhìleas. AN SEANA-GHIULLAN. An carn-liath Mios meadhonach an Fhoghair’. Am fìos freagairt. Tha’n Teachdaire a’ cur mòran bheannachd a dh’ ionnsuidh an t-Seana-Ghiullain. Tha eagal air gu bheil e ro chruaidh ’an aghaidh nam ban. Ma dh’ innseas iadsan an sgeula fein, cha’n’eil fhios cò is fearr a théid as, iad fein no na fir. Na biodh cabhag air an t-Seana-Ghiullan gu Guanag na sràide a thoirt leis do’n Charn-liath; cha’n’eil na Guanagan Gallda co furasd a stiùradh sa shaoileas esan: Mar ’eil a cheann cho liath ris a charn, gheibh e bean mhaith ’na dhùthaich; ach’ is mòr ar n-eagal gu’n d’fhuair e ’n diùlta ro bhitheanta, ’s gur e so a bhrosnuich e co mòr nan aghaidh. LITIR O FHIONNLATH PIOBAIRE CHUM A MHNATHA. A Mhàiri, éudail nam ban. Gheall mi sgriobhadh ad’ ionnsuidh, agus d’a rìreadh is faochadh do m’ chridhe conaltradh beag a bhi agam riut. Cha’n’eil thu fein no na pàistean tiota as mo chuimhne. Am chodal no am fhaireach tha sibh fa chomhair mo shùl agus ann am beachd m’inntinn. Is taitneach leam uaigneas gu bhi smuainteach oirbh. Is minic a ghoideas mi ’mach s an anamoch, gu bruaich an uillt, a tha dlù do’n àite ’sa bheil mi chum conaltradh diomhair a chumail ribh; saoilidh mi gur e torman an uillt againn fhìn a th’ ann, agus ceileir nan eun bhuchallach a dh’ fhàg mi as mo dhéigh. Fhuair mi o cheann oidhche, no dhà, bàta beag seileasdair a’snàmh san linnidh, ’s ga faoin e ri ràdh, shil mo dheòir, oir thug i mo lurachan gaolach, Lachlann beag a’m’ chuimhne. A Mhàiri a ghràidh, ma dheònaicheas am freasdal domhsa dol dachaidh, cha bhi e soirbh mo chuir a rithist o’n’ tigh. Tha mi taingeil nach d’thainig mòran riamh eadaruinn, oir is gann gu bheil focal crosta no ath-ghoirid a labhair mi riut nach’eil a’tighinn gu m’ chuimhne; s cha’n’eil e a’m’ chomas am fuadach; ach thoir thus’eudail maitheanas domh. Bha mi seachduin ann an Glaschu m’an d’ fhuair mi cosnadh. Chunnaic mi Righ Uilleam, ’s an t-each odhar—an Eagluis mhòr, au Tigh-eiridinn, ’s am priosun. Chunnaic mi iad a’ sniomh an Tombaca ’sa Chotain—a’deanamh na’n gloineachan; chunnaic mi [TD 132] beartan a’ fidheadh leo fein, ’s a’ falbh co ciallach ’s ged a bhiodh Iain figheadair e fein aig ceann gach snàthainn. Stad thus’, a Mhàiri, ’s mar d’ thoir mise dhuitse naigheachd, ma tha e’n dàn domh dol dachaidh. Bha mi ann an tighean mòran d’ar luchd-dùthchadh, agus b’iad sin ’am bitheantas, na frògan dorcha as nach facas riamh gnùis na gréine, cha b’ionann ’smo bhothan bòidheach. A Mháiri, a rùin, biomaid taingeil; cha b’e’n fhaoineis a chuireadh do’n bhaile mhòr mi; Ge nach bi againn ach a chearc bhadanach, maorach a chladaich, fàile glan nam beann, agus sàmhchair bheannaichte, seach mar tha iad ann an so, air an tachdadh le toit, ’s air am bòdhradh le gleadhraich. Cha d’fhuair mi fhìn codal socrach sàmhach o’n oi’ch’ a dhealaich mi riut. Shaoil leam gu’m biodh fois ann air là an Tighearna, ach ma’n gann a dh’éirich mi thòisich na cluig, ’s ma thòisich! ’sann an sin a bha’m farum—fonn air leth aig gach aon diubh—agus na h-uile h-aon a’strìgh cò a b’àirde pòng. A mach bhrùchd an sluagh, as na h-uile cùil agus caol-shràid, a’ taosgadh a mach na mìlltean; sruth agus saobh-shruth sìos agus suas air gach sràid, carbadan air an ais agus air an adhart, saighdearan le’n drumaichean tartarach, agus na cluig a’ cur na smùid diubh. An e so, deir mise, là na sàbaid? O! nach robh mise aon uair eile ann an Uladal fo sgàile bharraich ri taobh an uillt shàmhaich, an t-athar àrd os mo cheann, na beanntai mòr mu m’choinneamh—mo dhaoine, mo chàirdean, ’smo leanabain ri m’ thaobh, sìth agus sàmhchair na sàbaid a mach air an t-saoghal; fear-teagaisg mo ghràidh fo sgàile na craige, anam gach aon ann am fonn an Dòmhnuich, agus an co’thional caomh càirdeil a’togail le Somhairle rùnach am fonn tìomhaidh, a sheinn iad gu tric leis na daoin’ o’n d’thainig iad! ’Smòr an cothrom a th’aig na Gaedhil anns a Bhaile mhòr so, thigeadh iad o’n ear no o’n iar gheibh iad Gaelic an dùthcha fein ann an eagluisibh a bhaile. An saoil thu Mhàiri nach do h-eap Pàra’ mòr agus mis’ a bhi sa phriosun an oi’che roimhe. Bha sinn a dol dachaidh gu sàmhach, cialluch, gun fhocal as ar ceann, mise ’giulan bocsa na pìoba fo m’ bhreacan, ’nuair a thainig triùir no chearthar mu’n cuairt duinn, agus mu’n abradh tu seachd, spìonar uam bocsa na pìoba, agus glacar mi fhein air sgòrnan. Mar bha’n tubaist air Pàra’ mòr, dh’ éirich e air càch le bhàta daraich, agus rinn e pronnadh nam meanbh-chuileag orra. Bha clach-bhalg aig fear dhiu, ’s cha luaithe thug e srann aisde, na thainig sgaoth dhiu mu’n cuairt duinn, agus giulainear air falbh sinn do àite ris an abrar am Police Office. Ait an uamhais! Tha oillt orm fhathast smuainteach air. Daoine nan sìneadh air dall na daoraich thall agus a bhos, a’ call fola, is mallachadh ’nam beul; mnathan, (b’e sin an sealladh gràineil) air an dallanaich, cuid diu caoineadh ’sa rànaich, is cuid eile ’gabhail òrain, agus, ni maith d’ar teasraiginn, duine marbh ’na shìneadh air an ùrlar. Dh’fheòraich mi fhein co modhail ’s a b’urrainn domh, c’ar son a thugadh ’an so sinn? Chi thu sin a thiota, deir fear dhiu, ’se cur a làimhe ann am bocsa na pìoba: thug a phìob ràn brònach aiste, agus chlisg e mar gam biodh nathair innte. Feudaidh tus’ ’Ille mhaith a ràdh, arsa Pàra’ mòr, mar thuirt an sionnach a bha’g [TD 133] itheadh na pìoba. Is biadh agus ceòl so dhomhsa. Ciod a th’agad air, ’sann a shaoil iad gur corp leinibh a bh’againn, ach ’nuair a thuig iad mar bha chùis leig iad as sinn. Fhuair mi cosnadh, sa cheud dhol a mach, o thuathanach sea mìle a mach a Glaschu, Thug e sinne agus sgaoth Eirionnach, agus dorlach bhan leis. ’Nuair a thainig an oi’che chuireadh air fad sinn a luidhe do’n t-sabhal. Is fad o chuala mi mu leabuidh mhòir na h-àirigh, agus d’a rìreadh b’i so i; na mnathan air an darna taobh, agus na fir air an taobh eile; cleachdadh nàrach, tàmailteach; agus nam biodh meas ceart aig na mnathan oirre fein, ghabhadh iad fasgadh ’n tuim a roghainn air a leithid a dh’ àite; ach is iomad aon a tha modhail nàrach ni’s leòir, do réir coltais, ’nan dùthaich fein, (cò ach iad, le’m boineidean connlaich, le’n gnùis-bhrat uaine a’ cleth an eudainn,) a tha gle shuarach ma’n gnàthachadh ’nuair thig iad gu Galldachd? Ged a bhiodh fichead nighean agam, (cha’n e idir, a Mháiri, gum bu mhiann leam an uiread sin a bhi ann) cha leiginn am feasd gu foghar’ iad air an dòigh so. Gheibhinn dhoibh, ni tha soirbh ri fhaotainn, cosnadh maith seasmhach ann an teaghlaichibh measail; ach an cuir a mach a measg Eirionnaich agus bhèistean, o bhaile gu baile, nior leig am freasdal gu’m faicinns, aon bu mhaith leam gu math air an dòigh so. Dh’fhàg mi tigh an duine ud, agus fhuair mi fhein agus Pàra’ mòr cosnadh a mhaireas gu Samhuinn, ma chaomhnar sinn, ann an tigh an duine bheannaichte, ma’n cuala tu Anna mhòr nighean Eoghainn ’Ic Ailean co tric a’labhairt, fear Mr. Ponton. Tha deagh thuarasdal againn, agus cha bhi e cruaidh orm am màl a chur ri chéile. An saoil thu, Mhàiri, nach faca mise bùth ann an Glaschu, far nach robh sion saoghalta ach boineidean connlaich, agus bha mi feoraich luach an aodaich sgarlaid a bhios anns na cleòchdaibh; cha’n abair mi bheag, ach cum thus’ éudail sùil air na pàisdean, agus cha’n’eil fhios ciod a dh’ fheudas tachairt. Tha tuiltean coimheach againn san àite so; bi furachair air Lachlann. Slàn leat a ghràidh, na bi fo iomaguin do m’ thaobh, tha mi gun dì gun deireas. ’Se’m freasdal a chuir do’n teaghlach so mi, far a’ bheil ioma deagh chleachda ri fhaicinn. Leig fios do’n Mhinisteir ’s do Fhear-a-bhaile mar dh’éirich dhomh. Cha’n abair mi tuille air an àm ach gur mi t-fhear-pòsda dìleas FIONNLATH MAC AONGHAIS. Fàilte an Teachdair Ghae’laich. A Theachdair Ghae’laich ceud fàilt’ ort, is buaidh leat; ’Se dh’ ùraich mo shlainte, an là thug mu thuath thu; ’Se dh’fhada tein eibhinn am’ ’chré nach grad fhuaraich, Bhi faotainn o d’ bheulsa gach sgeul ’sa bheil buannachd. ’S iomad caochladh, is mùghadh, gun sùil riu no fiughair, A thachair ’nar dùthaich, cha chùntainn cho liugha; [TD 134] ’S iomadh cleachda chaidh seachad gun cho math thighinn na àite ’S iomadh dubhailc a chinnich, is subhailc a bhàsaich, Bha tuineach ’sna beanntaibh nan àm is nan àl so, Beusan, giulan, is cainnte gun taing a bha àluinn; Bha snuim ann ’s bu chruaidh i, mo thruaigh gun i’n tràs ann! Ceangal islean, is uaislean ann an suairceas ’san càirdeas. Bha bhochduinn neo-sgàthach an làthair na mòrchuis, Bha’n uaisle gun àrdan’, a’s bàigheil do’n deòraidh, Bha aoidheachd, is fialachd, is biatachd gun sòradh, ’Na’n Gleannanaibh riabhach, bu chiataiche còmhdach. Bu chiatach a chòisri bha chòmhnuidh ’sna beanntaibh, Siol fior-ghlan gun fhòtus, ged dh’fhògradh gun taing iad, O’n Gleannanaibh bòidheach gu còmhnard na Galltachd, Ga’m fògradh thar chuantaibh, mo chruadal! b’e’n t-ainneart. Dh’fhàs a Ghael’tachd na fàsach, gun àiteach, gun tuath-cheatharn Mar lion iad ’nan àite an t-àireach, ’sam buachall Tha ur n-ionada’tàmha bu làine ’s bu chuanda, Gun mhireadh gun mhánran, ’nan làraichibh uaine. An òige mar shealladh gun mhealladh se fìrinn, ’Nàm dùsgadh sa mhaduinn b’e’n tlachd, ’san toil-inntinn, Bhi faicinn ’s gach gleannan, ’s gach lagan bu dìomhair, Mo luchd gaoil, agus comuinn a thogadh mo chrì dhomh. Ged dhirich mi’n trà so gu àiridh na’n gleanntai, Cha chluinn mi ur blàth-ghuth, cha’n fhàiltich sibh ann mi; Cha’n fhaic mi caomh aogas mo ghaoiltichean annta, ’S ann dh’fhògradh gun aobhar gu saoghal na’n crann sibh. A Theachdaire ghràdhaich, bi bàighail ri seann duin,’ ’S na cronaich neo-chàirdeil, ged cearr gheibh ’na chainnt e; Ge snigheach tha shùilean, ’s neo-shunndach san àm e, Tha blàs ann do d’ thaobhsa, is gaol, is cha’n fhann e. Le sòlas, ’s cha bheag e, gun bheadradh, gun bhòilich, Mo cluasan ri d’theagasg, a theachdaire ghlòir-bhinn, Eisdeachd thug iad le buannachd; ’s do dhuanagan bòidheach, Leam is blasda gach uair iad, ’s cha suarach mar cheòl iad. B’e’ naigheachd nach saoilinn san t-saoghals’ a chluinntinn, ’S gach Gleannan gun sgaoileadh am fòghlum a chinn ann; [TD 135] Gu’n cluinninn le m’ chluasaibh ’an cruaidh ghaelic fhior-ghloin, Am fiosrach, ’s an t-eòlas, tha’s a’ foghlum gach mìos uait. ’S iomad uair bha mi dubhach, is duilich, ni’n àicheam, Gun chaochail, a’m’ bheachd sa, iomadh cleachda bha àluinn; Bhi cur seachad na h-oi’che le laoidhibh, is dànaibh, Mu fhlaithibh na Feinne, ’s gniomh éuchdach an làmha. Ach ni’n ceileam, a charaid, gun d’ath’raich am bheachd mi, O’n chuir mi ort eòlas, ’s gur bòidhche gun ag e, Bhi tarruing o d’ stòr-thigh an stòras, ’s am beairteas, Tha thu sgapa gun sòradh, le d’ dheòin, beag sa nasguidh. Gun teagamh mar shealladh ’s ro mhaiseach do’n t-sùil e, Mo chròilein m’an chagailt ’nuair thachaireas cruinn iad, Ag éisdeachd le aire, ’s le barrachd de chùram, Gach sgeul, agus eachdruidh tha thu ’g aiseag d’ar n-ionnsuidh. ’S maith a labhair am Pìobair, gu cinnteach ni’n àicheam, Mu bheusan a shìnnsir, ged dhìobair an t-àls’ iad; ’S ged aontaicheam leatsa, a Theachdaire ghràdhaich, An di-mol’ gu h-uile, ’s gu buileach, cha’n àill leam. FIOR GHAEL. An Comunn a tha’n Duneidean a chum Luchd teagasg a chuir uath do dhùthchaibh choigrich. Bha coinneamh aig a chomunn so, o cheann ghoirid, mar is àbhaist doibh gach bliadhna, anns an Tigh-choinneamh an Duneidean, agus an déigh de’ aireamh do mhinisteiribh labhairt; thug an t’ Olladh Paterson cunntas gearr mu thimchioll nan caochladh ionad anns a’m bheil Ministeirean agus Sgoilean air an suidheachadh leis a Chomunn. Labhair e air tùs mu thimchioll na Mongolidheanich, cinneach borb agus lionmhor a tha sgapta na’n treubhaibh agus na’m buidheannaibh fad na h-uighe mhòir a tha eadar cladach muir Chaspia agus geatai baile mòr Chanton, uigh sé-mile-fichead do mhiltibh agus corr. Aca so tha a’m Biobull anis air eadar-theangeachadh chum an cànain fein, agus tha lionmhorachd dhiubh nan urrainn a leughadh. Ann am baile Chantoin tha eaglais ath-leasaichte a nis air a suidheachadh, agus ged bha òrdugh an Iompaire gu buileach ga thoirmeasg, bha corr agus tri mìle Biobull agus leabhraichean diadhaidh eile air an clòdh-bhualadh s a bhliadhna a chaidh seachad. Tha cuid mhòr dhiubh so ann an lamhaibh a phobuill, agus cha mhòr brìgh a bha ’n òrdugh an luchd-riaghlaidh thuilleadh air a bharrachd iarratuis a brosnuchadh an t-shluaigh chum na leabhraichean toirmeasgta fhaicinn. Tha dithis de na Sineach fhein, na ministeirean a craobh-sgaoileadh an t-soisgeil shiorruidh ann an cridh’ na riogh- [TD 136] achd sin, anns an dàna do Roinn-eorpeach sam bith fo phian bàis còmhnuidh a ghabhail. Tha am Biobull Sineach aca mar an ceudna ann an rioghachd Shiam, oir tha cànain Shinai so-thuigsinn do’n Phobull so. Anns na h-Innse-an-Ear tha aig a Chomunn, ’bharr air ionadaibh anns am bheil Ministeirean, da-cheud agus cuig-thar-fhichead sgoil; anns am bheil seachd-mile-da-cheud tri fichead sgoilear agus sé-deug; dhiubh so is mnathan agus Nigheanan cuig-ceud-deug. Ann am Madagascar, eilean mòr a tha air taobh an ear na h-Afric, ’s am bheil tri muilleanean de Shluagh, tha ceithir fichead fear-teaguisg agus a dha dheug; droing a bha uile air an àrach san eilean fein. Aig na Hottentoitich, cinneach a bha roimhe so na’n tràille diblidh tha anis sochairean agus saorsuinn aca co-ionann ruinn fhein. Bha leabhar àraidh a sgriobh an t-Olla Phillips na mheadhon sonraichte chum an atharrachaidh so a thoirt mu’n cuairt na’n crannchar. Tha dà Mhinisteir dheug eile gu seoladh chum na h-Afric, ’s a mhios dheireannach do’n t-Samhradh, agus an t-Olla Phillips na cheann-iùil doibh. Thug Mr. Ellis, a bha fad dheich bliadhna, a saoithreachadh ann na eileanaibh na h-àirde Deas cunntas taitneach mu thimchioll fàs agus soirbheachadh na muinntir sin ann am foghlum agus an eolas. Tha iad gu h-àraidh déighail air eolas scriobhuidh agus leughaidh fhaotainn. Bha barrachd meas aig Righ na’n eileanan Sandach air a chuid uigheam scriobhaidh na bha aig air long a chosg dha ioma crùn airgiod. Shaoil e an toiseach nach b’urrann da gu bràth a bhi air ionnsucheadh, ach ’nuair a thugadh air a cheud litir dhe’n A. B. C. a tharruing, ghlaodh e le mòr aighear, “’S urrainn mi ionnsuchadh.’ Bha mòr eagal air gun ionnsuicheadh a chuid dhaoine mòra an t-innleachd nis ealamh na e fein; agus air an aobhar sin chur e mar impidh air na Ministeirean gu’n fhoghlum a thoirt dhoibhsan gus an ionnsuicheadh e fein air tùs. Tha foghlum a nis air fàs co coitchionn s gu’m bi ceudan do litribh anns gach bàta a tha seoladh o eilean gu eilean, agus a chuid is mò dhiubh so scriobhta air duilleagan na craoibhe planntain. Anns na h’eileanaibh Sandach tha ceithir cheud fear-teagasg a saoithreachadh. Tha fichead mìle do’n t-shluagh comasach air leughadb agus scriobhadh, agus air do na sgoilean a bhi o cheann ghoirid air am feuchainn, fhuaradh annta corr air cuig mile fichead sgoileir. ’Nuair a thòisich na ministeirean ri searmonachadh sna h’eileanaibh so air tùs cha robh a a làthair ach naoidhnear, ach anis tha gu coitchionn mu’n cuairt air ceithir mile anam a teachd gu aoradh follaiseach an Tighearna air latha na Sàbaid. Anns an eilean sna mharbhadh Caiptein Cook tha tigh aoraidh air a thogail agus cha n’ainmig a chithear tri mile pearsa a’ frithealadh ann air seirbhis an aon De bheo fhior—Le so tha briathra an Fhàidhe air an co-lionadh, Feithidh na h-eileanan air do reachd—Gun d’thigeadh do rioghachd, O Thighearna! agus gu’n luathaich thu an t-àm, anns an còmhdaich fireanteachd an talamh mar ni na h-uisgeachean aghaidh na talmhainn! EILEANACH. [TD 137] Mu thimchioll an t-Siùcair. Tha chuilc no an t-slat o bheil iad a’toirt an t-siùcair ri faotuinn ann an iomad cearna de’n t-saoghal. Tha’n siùcar a nis co coitchionn, leis na h-uiread dheth bhi air a ghnàthachadh, ’s gun do mheas sinn nach bu mhiste le cuid a tha leughadh an Teachdair gun labhramaid caileiginn m’an doigh air a bheil iad ga dheanamh. Tha chuilc o bheil an siùcar a’teachd, cosmhuil ris a chuilc a chi sinn a’fàs ri taobh uisge no feur-lochain. Tha bad duillich, air a bàrr. Tha’n calpa laidir ach tha e ro bhrisg; agus tha brìgh mhòr ann o bheil mòran sùigh a’ tighinn. Tha e air uairibh a’ fàs seachd troighean air àirde. Tha dail dhiubh fo làn bhlàth na sheallàdh a tha anabarrach taitneach ri fhaicinn. ’Nuair bhios iad abuich, tha iad air dath an òir, le caileiginn de shreathan dearg na’m ’measg. Tha’m bad-mullaich aca an toiseach uaine, ach ’nuair a bhios iad abuich, buidhe-dhonn. Ainmichidh sinn a nis an doigh air an ullaichear e, agus an sin cuiridh sinn an céill mar ni iad an siùcar ann an Innsibh na h-àird an Iar. Feumaidh an talamh anns am miann leo a shuidheachadh, bhi air a ghlanadh o gach luibh agus salachar, agus a bhi air a roinn na earrannaibh ceithir-chearnach mu thri troighean-gu-leth air meud, agus anns gach earrann diu sin tha dà chuilc air an suidheachadh mu shea òirlich air doimhneachd. Ann an ceann cheithir là deug chi sibh failleinean a’ teachd an uachdar; agus is còir an cumail ro ghlan, agus ùir a chuir umpa. ’Se’n t-àm is fearr gu’n cur, eadar Lunasdal agus Samhuinn, a chionn nach bi na slatan co buailteach do bhi air am milleadh leis an dìle throm uisge, agus leis a ghaoith bhuaireasaich a tha’n Innsibh na h-àird-an-Iar. Cha dean, an déigh sin uile, gach cùram agus faicill is urrainnear a ghnàthachadh, am bàrr air uairibh cinnteach. Tha cuilc an t-Siùcair buailteach do chrannadh, air nach d’fhuaradh fhathast leigheas. Is ni a th’ann muilleinean de bhiasdan beaga, d’an culaidh-bheathachaidh sùgh naCuilce, agus a chum ruigheachd air, tha iad ga cuir an dolaidh. Cha’n iad na meanbh-bhiasdan sin na h-aon naimhdean a th’ aig an tuath ri cathachadh ’nan aghaidh. Tha na h-apachan agus na radain a’ deanamh diùbhail mhòr air na fiùrain; ach tha iad sin ni ’s usa cur as doibh. Thig na h-apachan nan iomainibh san oi’che, gu tosdach, sàmhach; agus ni iad mòran dolaidh le’n itheannaich, agus le’n cleasachd. Is dìomhain rioba no lìon a shuidheachadh chum an glacadh, oir tuigidh iad far am bi iad air fhaicillichead ’s gan suidhichear iad; agus ’se’n t-aon doigh air a bhàrr a choimhead, daoine agus coin a chur nan luchd-faire air. Anns na machraichibh ìosal tha na radain ro chronail. Tha iad ag ràdh gur ann o’n Roinn-Eorp’ a chaidh iad, anns na Luingisibh, ach tha iad a nis air fàs ro lionmhor. Tha a Chuilc air a gearradh mu Fhéill-brìde, no air feadh an Earraich, a chionn gu bheil i san àm sin abuich. San àm sin tuigear air coltas nan daoine dubha, agus air gach ainmhidh, am beathachadh a tha iad a’ faotuinn o’n t-Siùcar; ionnas gur àm subhachais agus gairdeachais dhoibh e. Tha Sgriobhair àraidh ag ràdh, “Gu [TD 138] bheil sùgh naCuilce so co bhrìogh’ar, bhlasda, ’s gu bheil gach duine agus beathach a’ faotuinn slainte agus beothalachd o’n t-sùgh fhallain, mar bhios gu soilleir r’a fhaicinn goirid an déigh am muilean a chuir air obair. Tha na h-eich oibre, na daimh, agus na muileidean, ged a robh iad gu goirt air an oibreachadh, san àm so a’ fàs gu reamhar laidir.” ’Nuair a chruinnichear a chuilc r’a chéile fàisgear i gu team fo chudthrom mòr, agus brùichear an sùgh ann an uisg’ aoil, a bheir air barrag thiugh éiridh suas air; agus tha’n sùgh glan air a leig as o iochdar a choire, ni le bhruicheadh gu tric, a dh’fhàsas tiugh, an dreach an t-siùcair dhuinn, mar thig e dhachaidh d’ar n-ionnsuidh-ne. Leigidh iad leis seasamh ann an soitheach, anns am bi na h-uiread de thuill na mhàs ’s a leigeas le aon stugh tana a bhios ann ruith as. Is ann o’n iarmad so a ni iad TRAICLE mar their sinn ria &c. o’n dean iad an deoch laidir, ris an canar Rum. Chum siùcar geal a dheanamh, feumar am fear donn a ghlanadh o gach fòtus: is éiginn a leaghadh ann an uisge glan, air a choi’-measgadh le gealagan uibhean agus fuil cruidh, tha e rìs ga chur ga bhruicheadh, a tha cur barrag thiugh an uachdar, agus tha’n sùgh glan, air ‘a dheanamh tiugh le shìor bhruicheadh, air a thaosgadh ann am mòltairibh air cumadh builionn shiùcair. Tha ni eile a dh’easbhuidh air chum a dheanamh geal; chum so a dheanamh, tha ceann caol na molt rach air a chur foidhpe, agus an ceann leathann air a chòmhdachadh le criadh, tre ’m bheil uisge gu ruith, a tha toirt air falbh gach anabas, gus am bi an Siùcar fìor gheal. Ead le P. M‘F. Mu thimchioll Tea. De gach luibh a tha fàs ann an CHINA, is ann do’n Tea is mò is fiù dhuinn an air’ a thoirt, leis mar tha i, a’buileachadh deoch thaitneach air gach inbh dhaoine ’nar measg. Is ainmig a tha’m preas so, a tha cosmhuil ri seorsa roide a’ cinntinn ni’s àlrde na dris nan ròs, no mar is mò sea no seachd troighean air àirde. Is minic a shuidhichear e na shreathaibh, mu thuaiream tri no ceithir de throighibh o chéile. Tha’n duilleach is mò mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a’ fàs caol ’nam bàrr, mar dhuilleach dris nan ròs. Tha’m preas so gach àm uaine. Tha e ’giulan fras mu mhendachd spiligein peasrach, o bheil am preas a’fàs. Is ann air an deiseir is fearr a chinneas iad. Bha e roimhe so air a mheas leis a liugha seorsa Tea bha air an reic san Roinn-Eorpa, gur ann a bha iad a’fàs o mhùghadh phreas; ach fhuaradh a mach gur mearachd a bha’n so: nach ’eil ann ach toradh an aon ghne phris, ag eadar-dhealuchadh o chèile ann an dath agus ’an cùbhraidheachd, a réir an fhuinn o’n d’fhàs iad, àm an tionail, agus an uidheamachaidh. Tha cheud chuid gan tional sa Mhàrt, ’nuair nach ’eil ach beagan duillich air fàs air a phreas, agus gun iad ach là no dhà a dh’ aois: ’s an àm so cha’n’eil iad ach beag, uaine, agus maoth: tha daoin’ a ’meas gur e so gne is fearr; agus le’n ro fheobhas tha iad air an gleidheadh fa chomhair righrean agus dhaoine mòra; agus arson sin, theirear Tea rìoghail rithe. ’S ann an Iapan a tha’n cùr- [TD 139] am is mo air a ghabhail do’n phreas phrìseil so; tha’n cùram air earbsa ri muinntir aig a bheil òrdugh na duilleagan a choimhead o dhuslach, agus an dìon o’n fhuachd. Tha iad air an trusadh leis an fhaicill is mò, agus cha bheir iad oirre nan làmhaibh gun làmhainnean grinne bhi umpa. ’Nuair, mar so a chruinnichear an TEA thaghta so, cuirear fo fhreiceadan laidir i chum an Iompaire, agus theid a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Iompaire. Tha iad a’meas gur ann a tha’n dath uaine aig an t-seòrsa Thea so ag éiridh o’n àm sam buainear an duilleach, comhuil ri meas an-abuich, a tha mar is trice uaine agus geur sa bhlas. Tha’n dara tional air a dheanamh mu dheireadh a Mhàirt: tha na duilleagan san àm so mòr, gun a bheag de’m fàile-cùbhraidh a chall; ach tha mùghadh eadar an abuichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach ’eil; Ach tha iad air an tional feadh a chéile, ’s a rìs air an sònrachadh a réir am buaidhibh fa leth; agus na duilleagan is fearr air an reic fo ainm an t-séorsa rioghail. Tha’n treas tional a’tachairt ann am Mìos meadhonach an t-Samhraidh, ’nuair tha na duilleagan air teachd chum an làn mheudachd. ’Se so an cruinneachadh is tomadaich, ach cha’n’eil an TEA co maith. An déigh dhoibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iadair an toirt do na tighibh-caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum. Chaidh na tighean sin a thogail air chosdas na rioghachd, agus feudaidh gach neach, aig nach ’eil cothrom air a dheanamh aig a thigh fein, a chuid TEA a thoirt chum aon de na tighibh-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; ’s an uair a tha i gu tioram, làn uidheamaichte, tha iad an sin ’ga’n cur ann an cisteachaibh lìnnichte le luaidhe thana, agus gan cuir air falbh do’n Roinn-Eorpa. ’S anns a bhliadhna 1610 thainig a cheud TEA do’n Roinn-Eorpa, agus ’s iad na Dùitsich a thug ann i. Anns a bhliadhna 1666 chosd am punnd di ann an Lunnuin tri pùinnd shasunnach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707. Thachair do’n TEA mar thachair do’n tombac, a’ leigeadh ris a bhuaidh a th’ aig cleachadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream dà cheud bliadhna roi’n àm so, cha robh aon chuid diu aig muinntir na h-Eorpa; ach an diugh is tearc duine bochd leis nach annsadh an TEA, (anns nach ’eil beathachadh sam bith) seach bainne sùghmhor na bò. Cha’n ìoghnadh ged a tha muinntir CHINA toigheach uimpe; tha i fàs aca ’nan tir fein; agus ’nuàir a smuainticheas sinn air a chùis, chi sinn mòr mhaitheas an Fhreasdail ann am buileachadh na luibh so co pailt nam measg, a chionn gu bheil uisge na tìre sin co mi-fhallain; agus mar biodh ni-eiginn aca ’na cheann, nach b’urrainn iad feum a dheanamh dheth. Ead. le P. M‘F. Litir o Eoghan Og. “Bhi fadadh teine fo’ loch, ’Bhi tiormachadh cloich’ an cuan, Comhairl’ ’thoirt air mnaoi bhuirb,— Mar bhuill’ ùird air iarunn fuar.” Fhir Ullachaidh an Teachdaire Ghae’lich, ’S mise rinn an car tuathal an latha ’sgriobh mì thugaibhse do thaobh mo ghalair, cha’n’eil duine thachras orm nach dean gàire na m’ eudan,—cha’n’eil comunn nach mi ’s lan-beoil dhoibh, [TD 140] agus ma bha Marsali fiadhaich roimhe tha na seachd truaighean a nis oirre! Mar a dh’iarr sibh orm, dh’fhiach mi ri fàs slàn, agus ri fuath a thoirt dhi, mar gum b’eadh; ach ’s fasadh so a ràdh na ’dheanamh. ’Se’n doigh a ghabh mi, rinn mi suas ri maighdinn bhòidhich eile feuch an cuireadh i Marsaili as m’inntinn, no, theagamh gu’n tugadh e gu aithreachas i arson a ceannairc: ach, mar a bha’n tubaist an dàn, thuit i so an gaol orm, shaoil i gu’n robh mi da-rireadh, agus ciod a chuala mi fein aon latha, ’s mi’n cùil gun fhios, ach a’ màthair a’ comhairleachadh d’a h-athair “leaba eile ’cheannach; oir, ’nuair thachradh a chùis gum feumadh iad fein mo chumail car leth-bhliadhn’ feuch ciod a thilgeadh suas,—nach bu chòir tairgse mhaith a dhiultadh, oir, ged, maith dh’fhaoidhte, a gheibheadh Ceit fear bu bheartaiche, nach b’ann a h-uile latha ’gheibheadh i gille cho stuama agus cho ceanalta ri Eoghann.” Cha b’ioghnadh ged chuir so iongantas air fear aig nach robh smuain air pòsadh, ’s nach tug riamh iomradh air a leithid. Co dhiu, cha do leig mi bheag orm, ach an àite dol d’an tigh uair san t-seachduinn, cha deach mi na dheigh so ach uair sa cheithir-la-deag, no, theagamh, uair sa mhios, Chunnaic iad gu’n robh mi tarruing air m’ais, agus an àite ’bhi càirdeil, siad a nis naimhdean a’s mo th’agam. B’fhearr leam na mòran nach deach mi riamh d’an tigh, oir ged nach eil Ceit ghrinn ag ràdh ’bheag, tha e soilleir gu bheil a cruth a’ caochladh, agus a’ gruaidhean a’tanachadh. Na dhéigh so thachair dhomh ’bhi aig Tea aon oidhche far an robh òigh cheutach àluinn: chuir a ceud shealladh sùl saighead ’nam’ chridhe, agus ged nach robh nam bheachd mo làmh a thairgse dhi ’ar leam gu’n robh e measail gu’n abradh daoine “sud leannan Eoghainn Oig.” Choinnich mi i tri na ceithir de dh’uairean na dheigh so agus bhruidhinn mi rithe, ach cha d’fhuair mi ach freagradh fuar, cha’b’fhiù leatha gnothach a bhi aice rium. Las so m’aigne, agus mu’n robh ùine agam a chùis a chnuasachd thuit mi an gaol oirre. Thòisich mi ri mi fein a mholadh dhi air gach dòigh, ri dol do’n t-searmon gu riaghailteach,—ri innse mar ghabh mi air Dòmhnull mòr, agus mar mharbh mi na tri eallachan le aon urchair, agus an leithide sin. Chunnaic mi ma dheireadh gu’n robh i tighinn chuige ’lion beag a’s beag;—thainig Marsali gum’ chuimhne, ghabh mi’n t-aithreachas, agus dhùraiginn a bhi far nach cluinneadh ’s nach faiceadh i mi. Cha leigeadh mo nàire leam i so a threigsinn an graide, ach thug i fainear gu’n robh mi ’fàs fuar,—chuimhnich i air mar ghnàthaich mi Ceit Bhàn, agus air dhomh a ràdh rithe aon latha, “a Mhairi m’eudail, thiugainn a ghabhail sràid,” thug i ’chuigeal as a crios, agus mar rachadh a’ màthair ’s an ead’ragain bhris i mo cheann! Mar so, Fhir Ullachaidh an Teachdaire; tha mi ni’s measa na bha mi riamh! Cha’n’eil nighean eadar Cornaig ’san Caolus nach eil sgàthach umam,—ni’s lugha na bhuailinn an tarunn air a ceann a thiota, cha teid iad gu féill na gu clachan leam; agus, ged nach leig àrdan leam aideachadh, cha’n eil e’n comas a chridhe bhochd so gaol a thoirt do mhnaoi fhad ’s a’s beo Marsaili, agus chuir mi romham fhad ’s a’s maighdeann ise gur fleasgach mise. ’S fearr [TD 141] le m’ chridhe amaideach beathachadh air an sgàile de dhòchas gu’n tuit sinn fathast air a cheile na ged gheibhinn nighean Iarla le ceud mìle punnd. Ach tha mi smuaineachadh mar biodh aislingean na h-oidhche gu’m faighinn a chuid a b’fhearr de’m’ ghalar. An raoir fein, gun dol ni’s faide, an deigh dhomh dol a luidhe, agus mi fein earbsa ri m’ Chruithfhear, thòisich mi ri beachd-smuaineachadh ciod idir an dòigh a ghnàthaichinn air a gean-math a bhuannachd? B’iomadh innleachd a dhealbh mi ach cha d’fhuair mi ’h-aon a bha coltach. M’a dheireadh thuit mi ’nam chodal, ach dh’fhan m’inntinn na dùsgadh: Bha mi, air leam, leis a chrodh ’san fhang; Co ’thainig ’san rathad ach m’éudail! Leum mo cridhe mar b’àbhaist ’nuair chunnaic mi i: an àit an rathad a sheachnadh chuir i, eadar fiamh agus feith-ghàire fàilt orm! Chuir so ioghnadh agus aoibhneas orm, agus fhuair mi de mhisnich na dh’fheoraich dh’ith ciod am fuath a bh’aic’ orm? Thainig rugha na gruaidhibh, ’s cha dubhairt i guth. Thug mi fein dhith mo ghairdein, ’s phill mi leatha; ma dheireadh fhreagair i, “cha’n’eil fuath agams’ air neach air bith Eoghainn, ach ’s beag orm dol am beul dhaoine, agus na’n cluinneadh mo mhàthair is m’athair e mharbhadh iad mi.” Thòisich sinn an sin r’ar cridheachan a leigeadh ris d’a cheile, ’s mar thòisich ar gaol ri oibreachadh, agus rinn sinn a mach gur h-ann ’san aon latha ’bhuail e sinn. B’àrd agus bu bheusach ar smuaintean,—b’ ann ’nar cridheacha nach robh cealg! Thug mi fein, air leam, a mach fàinn as mo phòca, ’s thòisich mi ri feuchainn am freagradh e d’a meur, chuir mi air meur an deigh meur e, oir b’ulaidh leam a bhi beantuinn r’a mìn-chroicionn, agus bha fhios a’m nach bu bheag oirre-se cuideachd e, ach gu’m feumadh leith-sgeul a bhi ann m’am fuilingeadh i e. Ach, mo chreach! cha robh mo shonas ach dim-buan; dhùisg an toilinntinn mi, agus cha robh agam air son Marsaili ach mo chluasag! Tha na nithe so g’am’ chur fad’air m’ais. Tha fios agam, mar tha sibhs’ ag ràdh, gum bheil e peacach an cridhe thoirt do ni no ’neach ach Dia; agus ’s e so thug dhomh sgriobhadh an tràs, o’n tha mi tuigsinn gur h-Olla Diadhachd sibh, feuch am bheil comhairl’ agaibh is fearr na’n té ma dh’eireadh, oir, ged tha mi ’guidhe air Ni-maith gu’n tugadh e uam cusbair mo ghraidh—iodhol so mo chridhe, ’sann tha eagal diomhair orm gu’m freagair e mi, agus tha fhios agam nach h-i so an ùrnuigh cheart. Thugaibh fios-freagairt cho luath sa dh’fheudas sibh ma tha iomguin oirbh mu staid Bhur Seirbhisich Umhail EOGHAN OG. Eilean Chola an t-ochdamh mìos 1829. Fios freagairt. Ciod a chomhairl, a dhuine thruaigh, tha dhì ort? A’bheil dùil agad an robh duine riamh ’an gaol ach thu fhein? A’bheil ceaird agad? ’Mar ’eil, tòisich air aon gun dàil. Tog a shealgaireachd ròn agus ealachan, agus a gleachda no tuasaid ri Domhull mòr, no fear air bith eile. Cha d’fhuaradh gu maith thu do thaobh Ceit Bhàin. Is maith leam a chluinntinn gu bheil na maighdeannan òga ga d’sheachnadh. An tuille tàmailte dhuitse [TD 142] agus do d’leithid, a tha brìodal, ’sa beadradh, ’s a’mealladh chaileagan òga. Tha tuille ’sa chòir dheth so air feadh na Gae’ltachd. Cuireadh Caileagan Thiri agus Chola fios a’m’ ionnsuidh-se mud’ leithid sa; thugadh iad dhomh an ainm, is mar dean mise follaiseach iad, leigear dhomh. Rinn thusa gu maith an fhirinn innse dhomh, agus uime sin cha diult mi dhuit mo chomhairle. Tog mata de d’bheadradh, éirich air do chéird, bi suidhichte, seasmhach; iarr sdiùradh o Dhia; seachainn cuideachd dhaoine gòrach, gach òl, agus ruiteaireachd; leugh do Bhiobull, agus feith air òrduighibh Dhe; bi glic, grunndail, dichiollach, bithidh tu fein sonadh a’d’ inntinn agus chi thu ciod a ni Marsaili. SGEULA BEAG IUDHACH. Mar Achmhasan dhoibh-san a tha mi-sheirceil. “An uair a bha Abraham na shuidh ’ an dorus a bhùth, mar bu ghnà leis, a’feitheamh gu luchd-turuis a ghabhail a stigh, chunnaic e seann duine, crom, lag, a thaic air a luirg, a bha ceud bliadhn’ aois, a’ teachd far an robh e: ghabh e ris gu fialuidh, dh’ionnlaid e a chosan, thug e dha a shuipeir: ach air dha fhaicinn nach d’asluich an seann duine beannachadh air a bhiadh, dh’fhiosraich e dheth c’arson nach d’thug e aoradh do Dhia nèimhe. Thuirt an seann duine ris gum b’e amhàin an teine bu chuspair aoraidh dhàsan, agus nach robh e’g aidmheil dia air bith eile. Le so a chluinntinn las corruich Abrahaim co mòr ’s gun do chuir e’n seann duine a mach, d’a aindeoin, as a bhùth, d’a fhàgail buailteach do dhosguinn na h-oi’che, gun dion gun fhasgadh. ’Nuair a dh’fhalbh an seann duine, ghairm Dia air Abraham, agus dh’fheoraich e dheth c’àit an robh an coigreach? thuirt e ris, Chuir mi mach e, chionn nach d’thug e aoradh dhuitse. Freagair Dia e, leig mise leis o cheann cheud bliadhna, ged a chuir e eas-urram orm; agus nach b’urrainn duitse fhulang car aon oidhche, an uair nach robh e draghail duit? ’Nuair a chual’ Abraham so, thug e gu luath air ais e, thug e dhà aoigheachd fhialuidh, agus deagh chomhairle.” Dean thusa air an dòigh cheudna, agus bithidh do bhiatachd air a dìoladh le Dia Abrahaim. Ead. le P M‘F. An dòigh air bhi do ghnà sonadh. Bha Easpuig Eadailteach a’ spàirn ri mòr chruaidh-chais gun ghearan, agus choinnich e iomadh doilgheadais ann an cur a dhleasannais an gniomh, gun a bheag de mhi-fhoighidinn a nochdadh. Dh’fheòraich caraid ionmhuinn deth aon là, am bu chomasach dha aithris an diùbhras no an doigh a bhi do ghnà sonadh, “Is urrainn domh,” a deir an seann duine, “Teagaisgidh mi dhuit an diùbhras sin gu h-ullamh; is ann a tha e a’ co’-sheasamh ann thu dheanamh an fheum iomchuidh de d’ shùilean.” Ghuidh a charaid e shoilleireachadh na cùise dha. “Is toileach a ni mi sin,” ars’ an t-Easpuig. “Ge b’e staid ’s am bi mi, amhaircidh mi’n toiseach suas ri neamh, a’ cuimhneachadh gur e faighinn an sin mo phriomh ghnothach ’an so; tha mi ’n sin ag amharc sios air an talamh, ’s a’ smuainteach air an earrainn bhig dheth a dh’ fhòghnas dhomh ’nuair chuirear san ùir mi. Beachdaichidh mi’n sin air feadh [TD 143] an t-saoghail, agus chi mi co lionmhor ’sa tha iad, a tha ni’s neo-shonadh na tha mise. Tha mi le so a’tuigsinn far a’bheil fior shonas air a shocrachadh ’nuair a théid sinn eug, agus lughad an aobhair a th agams’ air talach no gearan a dheanamh.” Ead. le P. M‘F. Truaill’eachd an Duine. ’NUAIR a dh’innis na lighichean do dhuine mòr àraidh, mar sheachnadh e misg agus neo-ghloine, &c. gun cailleadh e a dhà shùil ris; bha e co toigheach air a pheacaibh, s gun do fhreagair e, Mata beannachd leat a sholuis àigh. B’fhearr leis a fhradharc a chall seach a pheacaidh a thréigsinn; ionnas gur annsa le duine th’air a dhalladh leis a pheacadh, Dia, Criosd, neamh, agus anam fein a chall, na dealachadh r’a chionta. Ead. le P. M‘F. An dòigh ’san còir laoigh a bheathachadh. O fhein-fhiosrachadh tha e nis air fhaotainn a mach le luchd-àraich, gu bheil laoigh a théid a thogail air blàthaich, no bainne-buailte, a’ cinntinn co math riu-san a thogar air bainne-blà, ach trian tuilleadh a thoirt dhoibh dheth, leis a bheil an t-ìm air a chaomhnadh gu bhi air a reic, agus cha chualas gun robh na laoigh a thogadh mar so buailteach do iomad galar a tha cumand ’nam measg-san a dh’àraicheadh air an dòigh ghnàthaichte. Ead. le P. M‘F. An dòigh air uibhean a ghleidheadh fallain. Taom càrt uisge air punnd de aol gun bhàthadh, crath gu math e; air an latha màireach, cuir an t-uisge tana ann an soitheach, agus cuir na h-uibhean ann ’nuair a bheirear iad. Mar so gleidhidh iad gu fallain ùr fad leth bhliadhna. Ead. le P. M‘F. M’an Iunndagaich. Nam b’aithne dhuinne am feum a th’ annta, ’s gann a tha luibh no lus air bith gun fheart eiginn; agus thuig ar n-aithriche am feum fa leth gu mòr ni b’fhearr no r’ar linn-ne. Tha bun na luibh so feumail le bhruicheadh agus alm a chur na mheasg, gu dath buidhe a chuir air snàth no aodach. Ni e mar an ceudna ’nuair bhios e maoth, leis an t-sùgh bhi làidir, air a dheagh bhruicheadh, ann an àite dheasgunna gu bainne bhìnnteachadh; agus gleidhidh e rè ùine mhòr; ni e cuideachd ann an àite càil mu dheireadh an Earraich. Air an dòigh so chi sinn gu’m feudar an luibh so, a tha ro neo-chuanda, a thionnda gu iomad feum. Ead. le P. M‘F. LAOIDH. Na Mairbh agus na Beothaibh. Càit bheil na mairbh? A’n saimh no’n truaighe, Tha’n anma tàmh; an cuirp ’s an uaigh, Gléidht’ fo chòmhdach tròm ’s an ùir, Air cheann breth cheart an latha mhòir. Co b’iad na mairbh? B’iad clann an lò; ’S gach linn, is inbh’, is dùich ri’m beò; Ainmeil, masluichte, no a cuimhne An t-àit ’s an ro’, cha’n’eil dhiu suim. Càit bheil na beothaibh? Tha an tràs’ Far ’n cluinnear ùrnuigh arson gràs; Far ’n àm na beath’ neo-chinntich ghearr, ’S an ruigear còir air beatha ’s fearr. Cò iad na beothaibh? Iads’ gach uair, Tha tarruing dlù air ùir na h-uaigh; [TD 144] ’Nan oighreachan air truaigh’ no glòir, Ciod ’n roghainn àghmhor tha na’n còir. O nis gu’m bith’mid glic ’na thrà, ’S ri Criosd ga’n gabhamaid le gràdh; S gu fàs’mid annsan suas gach lò, Triath gach aon,-ma’s marbh no beò. J. M. Glaschu. NAIGHEACHDAN. Cha’n’eil teagamh nach ’eil na Rusianaich air faotainn buaidh air na Turcaich; agus is doirbh a ràdh c’àit an stad iad; no ciod a tha nam beachd. Tha e air a ràdh gun do chaill iad cheana ceud gu leth mìle fear, agus gu bheìl iad dol a thogail tri cheud mìle eile, chum am feachd fhàgail do-cheannsachaidh. Tha’m foghar’ am bitheantas crìochnaichte; agus tha’m bàrr ro-tharbhach. Tha na Mor’earan dearg ’an Glaschu san àm; chaidh mòran a dheuchainn, agus fhuaradh dithis diubh toilltinneach air bàs, agus tha iad ri bhi air an crochadh air an 29 là de’n mhoì so: tha àireamh mhòr ri’m fògradh do dhùthaich chéin. FOCAL SAN DEALACHADH. Tha ar càirdean a nis co lionmhor ’s nach urrainn duinn fios fa leth a chur d’an ionnsuidh air fad. Gabhadh iad uile ri’r taing, agus ri’r buidheachas arson an caoimhneis. Chi iad gu bheil sinn, uidh air uidh, a deanamh feum de na dheònaich iad a chur d’ar n-ionnsuidh. Fhuair sinn litir, ’an ainm Marsaili Og, anns a bheil mòran Gréugais agus Laidinn. ’S i ar barail gu bheil barrachd de fhoghlum no de thuigse an ceann an fhir a sgriobh i. Fhuair sinn litir eile o’n Leanabh Bheag. Mar dean e còmhnadh leinn cha ’n ’eil comas air; gabhadh e a dhòigh fhein. Fhuair sinn litir Dhonnacha ruaidh ag innse gun robh e fàs gaolach air an òl: Bha fhios againn air sin m‘an d’thainig a litir. Fhuair sinn litir Chaomhain, agus dh’fheuch sinn ri leughadh, fada agus trom, mar bha i. Chuimhnich sinn air an t-sean-fhocal, IS MATH AN LA A NI AM MADA-RUADH SEARMOIN. Printed by D. Maclure & Co. Argyle Street, Glasgow. [TD 145] AN TEACHDAIRE GAE’LACH. A CHEUD MHIOS DE’N GHEAMHRADH. AIREAMH VII. 1829. THA’N GEAMHRADH AIR TOISEACHADH. Isa. lxiv. 6. Tha sinn uil’ a’ seargadh mar dhuilleach. DH’FHALBH an sàmhradh àillidh, le gach aoibhneas a bha na lorg, agus lean am foghar’ e le dian chabhaig; tha’n Geamhradh gruamach air teachd, le oi’ch’ fhada ’s le latha goirid, le stoirm agus le dhoininn. Cha chluinnear ni’s faide ceileirean sunndach na’n eun, phaisg gach aon diubh an ribheid, agus tha gach beo chreutair ag iarruidh gu blàs. Tha lom-sgrios air tighinn air gach lus; tha meanbh-chuileagan an t-samhruidh air bàsachadh; agus tha ’n geamhradh buaireasach air dol a mach air carbad ciar nan neul gu teann chogadh nan dùilean. Tha gach ràidhe math ’na àm fein, agus gach aon diubh a’ taisbeanadh maitheas agus cumhachd an Tighearna; mar bhiodh dorchadas na h-oi’che, cha bhiodh solus an latha co prìseil; mar biomaid eolach air dùlachd a gheamhraidh, cha bhiodh an céitein co taitneach ’nar beachd. Is muladach, gidheadh tarbhach, na smuaintean bu chòir do’n atharrachadh mhòr a tha tùs a gheamhraidh a’toirt air coslas an t-saoghail, a dhùsgadh ’nar cridheachaibh. Thugamaid caidreamh dhoibh, agus tàirneamaid gliocas uatha. ’Nuair a théid sinn a mach air an àm so, agus a chi sinn gach craobh lom rùisgte, an duilleach a bha o cheann ghoirid co àillidh uaine, a nis ag iathadh m’an cuairt duinn gu caoin seargta; agus a’ luidhe gu dùmhail fo ar cosaibh, anns gach ceum a shiùbhlas sinn, bu chòir dhuinn smuainteachadh air briathra Isaiah, Tha sinn uil’ a’seargadh mar dhuilleach. I. Is comharaicht an samhl’ a th’ againn air atharraichean an t-saoghail so, ann an searga duilleach ’nan craobh ann an tùs a gheamhraidh. Chi thu mac an duine aon latha gu subhach, sunndach, sona, a’ sealbhachadh gach beannachd, agus an saoghal a’ cinneachadh leis. Chinn e suas mar ùr chrann uaine àillidh, sgaoil e fhreumhaichean a mach gu fada; agus fo dhubhar sgàil’ a gheuga tha chlann ’sa chàirdean a’ faotainn fasgaidh. Tha e sealltain m’an cuairt da le snothadh sòlais ’na ghnùis, agus ’s i a chainnt, Tha mo bheinn laidir; anam ith, òl, agus bi subhach; ach anns a cheart àm anns a bheil e mar so fo làn dhuilleach, agus an dealt a’ luidhe gu trom air a gheugaibh, thig an doinionn a leagas a cheann gu làr. Thig doinionn a dhearbhas dha gu bheil beairteas mar eun [TD 146] beadarach air iteaig o phreas gu preas, agus gur mairg a dheanadh moinig as. Tha maith a dh’fhaoidte, aon d’a theaghlach a’claonadh o’n t-slighe cheart; thainig bàs ’an caramh a theaghlaich, chaill e fein a shlainte, chaochail iadsan a b’ionmhuinn leis, ’s mar a shuidheas e air an tulaichibh uaine, their e le cridhe trom, O nach robh e dhomhsa mar anns na làithibh a dh’fhalbh, tha mi sgìth do m’ bheatha, ach seargaidh sinn uile mar an duilleach. II. Ach ge nach d’thigeadh oiteag no doinionn sam bith a leagadh duilleach an duine roi’n àm, cha’n’eil a shamhradh no fhogharadh ach gearr; thig geamhradh a bhàis gu grad, a chrìonas gach duilleach, agus a dh’ aomas gach crann. Tha ’n duine rugadh le mnaoi gearr-shaoghalach, mar bhlàth thig e mach, agus gearrar sios e, teichidh e mar sgàile, agus cha mhair e. C’àite bheil co’-aoisean ar n-òige? na h-ògain àillidh leis an do thòisich sinn co’ruidh ar beatha; nach e’m bàs a rinn an sgapa truagh nam measg? Chaidh crioch air càirdeas agus air eòlas, a thug aon uair sòlas d’ar n-anam, agus tha càirdeas ùr air èiridh suas na àite. Cha’n ionann comunn anns a bheil sinn a nis air ar càramh, agus an t-aon leis am b’àbhuist duinn suidhe agus a bhi subhach. Ann an amharc air ’ur ’n ais air na làithibh a dh’fhalbh, ann an cuimhneachadh air tigh’ar n-athar, orrasan a thogadh air an aon chìch, agus a ghiulaineadh air an aon uchd; cò nach mothaich an osnadh ag éiridh ’na uchd, an deur air chrith ’na shùil, agus nach bi air a choi-éigneachadh gu ràdh, Do rìreadh seargaidh sinn uile mar an duilleach. III. Mar sheargas duilleach na’n craobh, ’s mar thilleas iad gan ùir, mar sin éiridh do mhac an duine, ach Ged chrionas lus, cha’n fhaigh e bàs, Thig fhàs ri ùine nìos; ’S ged sheargas craobh sa gheamhradh fhuar, Ni ’n t-earrach nuadh i rìs. Agus tha earrach a’ feitheamh oirnne mar an ceudna. Thig an là a bhristeas air dorchadas na h-uaighe. Cha mhair an geamhradh gruamach a chaoidh; mìos no dha seachad, agus feuch dh’fhalbh an geamhradh, agus tha’n t-uisge thairis; chìtear na blàithean air an talamh, agus tha àm seinn nan eun a rìs air teachd. Seadh mios aithghearr no dhà seachad, agus druidear suas a ghaoth dhoineannach, agus leigear an oiteag thlà a mach a dhùsgadh an earraich. Leaghaidh sneachda nam beann, agus siubhlaidh na h-uillt gu ciùin sàmhach sios do’n chuan. An sin bheir an talamh a mach a thoradh, ni na treudan òg gairdeachas, cuiridh a chraobh a mach a duilleach, togaidh na lusan maoth suas an cinn, agus lìonaidh iad an t-àile le’m boltrach cùbhraidh. Samhluidhean na h-aiséiridh! Sanus sòlasach o Chruthai’ear an t-saoghail, nach ’eil codal a bhàis bith-bhuan. An e nach ruig aoibhneas an earraich air dìomhaireachd na h-uaighe? Ma tha fiughair ri lus, ged a chrìonas e, gum fàs e a rìs; agus a craoibh ged a sheargas i; agus an e gun luidh mac an duine sios na chaol tigh dorcha, agus nach cuimhnichear ni’s mò e? Mac an duine, uachdaran an domhain, a chruthaicheadh a réir iomhaigh Dhe, an càirear esan le uile dhòchais àrd, le cheudfaithibh iongantach, le bheo thograibh an tòir air barrachd [TD 147] eolais, anns an ùir as nach ’eil e ri éiridh a chaoidh? Bi d’thosd, ana-creid’ich fhaoin! Amadain, am pòr a tha thu cur cha bheothaich e mar bàsaich e, cionnas a tha thu ga mheas eacomasach gun togadh Dia suas na mairbh? Beachdaich, O! dhuine, air an neònain mhaoth, a tha cinntinn air an fhòid ghuirm a tha thairis air caraid do ghaoil; éisd ri chainnt, oir tha’n neònain sin fein ag ràdh, O! uaigh, c’àit a’ bheil do bhuaidh! O! bhàis c’àit’, a’ bheil do ghath! Dùin Biobull mòr nàduir, agus fosgail an leabhar naomh, ann an sin faic Criosd a’ dol sios do’n uaigh ga blàiteachadh arson gach creid’each agus naomh, éisd mar thuirt an t-aingeal, Cha’n’eil e’n so, dh’éirich e, mar a gheall e, thig agus faic far an robh Criosd na luidhe. Seadh, dh’éirich e, agus cliu do Dhia éiridh gach aon a thuiteas nan suain ann an Criosd; agus a nis O! chreid’ich, ciod ged a tha ur sòlas a’ crìonadh m’an cuairt duibh mar dhuilleach na’n craobh, agus ged a thuiteas sibh fein an ùine ghearr, togaidh sibh fathast ur cinn, aisigear sibh do thìr bheannaichte, far a bheil samhradh gun gheamhradh, agus òige shiorruidh. Tìr an àìgh, far am fosgail an duilleach nach crìon, far am bi Iehobhah fein na ghrian agus na sgiath, agus far am fàs sibh gu dosrach ri taobh nan séimh uisgeachan o’n abhuinn mhòir a tha sruthadh o chathair Dhe agus an Uain. T. O. Earrann de Mharbh-rann air Iain Robeson Ministeir a bha’n Cinn-ghiusaich. Le Mr. Eoin Domhnullach, Ministeir anns an Tòiseachd. Tha sinn fad an comain an duin’ ainmeil, agus an Diadhair urramaich, a chuir d’ar n-ionnsuidh am Marbhrann brigh’or, blasda so: Leugh sinn i a rithist agus a rithist le mòr thaitneachd. B’ fhearr leinn gun robh i ann an laimh gach ministeir, agus duine sa Ghae’ltachd. Tha dlù do sheachd fichead rann innt air fad, agus tha’n àireamh fa dheireadh dhiu co freagarrach do na smuaintean a chuir sinn ’an céill an tùs an Teachdaire so, ’s gun do chuir sinn sìos iad mar leanas. “Och, a luchd-àiteachaidh na h-uaigh! O’n d’fhalbh gach àilleachd nis, is snuagh, S ann oirbh a luidh an tosdachd bhuan! O! c’uin a ghluaisear idir sibh? “Coidlidh an dnrrag anns an ùir, Is gabhaidh ’chuileag fois an cùil, Ri doinionn gheamhraidh ’s gaillionn dhlùth, Ach dùisgear leis an earrach iad. “Ach c’uin ’thig earrach thogas suas, Luchd-còmhnuidh thosdach chiùin na h-uaigh? O! c’uin a dhùisgear iad o’n suain? Is fada buan an codal e! “Eiridh duilleach fathast air gheig, Ged tha i’n diugh lom gun sgéimh; Is pillidh grian an astar speur, An deigh dhol as an t-sealladh uainn. “Ach c’uin a chìthear orr-san sgéimh, An diugh tha seargt’ fo laimh an éig O! ’cuin a thig na gathan gréin’, Bheir éirigh dhoibh o ’n leabuidh ud! “Seadh, pillidh blàs an déigh an fhuachd, Is pillidh là ’n déigh oidhche bhuan; [TD 148] Ach c’uin a bhriseas là air uaigh, ’S an oidhche bhuan theid thairis uaith’! Ach anam!—coisg do thuireadh truagh; Oir brisidh fathast là air uaigh, Roimh ’n teich gu sìor a h-oidhche bhuan, ’S gach gruaim a bha riamh ceangailt rith’. Is éirigh ’dhuslach-san a suas, Os-ceann ’n do ghuil thu iomadh uair, Le tuille àilleachd, mais’, is buaidh, No ged, san uaigh, nach luidheadh e. Is Uaigh! leans’ a mach an diugh do bhuaidh, Oir fhuair thu cead o Righ nan sluagh, Seadh, imich romhad, lean do bhuaidh, Is sluigsa suas na fineachan. Ach as do chumhachd na dean uaill, Oir ged is maireann da, cha bhuan, A chean thug Gaisgeach treun nam buadh, A mach a bhuaidh gu suthainn ort. Is annsan togar suas a mhairbh, Na’n cuideachd ghlòrmhor—’s iad a sheilbh; ’S an teanga tuille cha bhi balbh, Oir dh’fhalbh gach ni a cheangail iad. CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. Thachair dhomh, o cheann la no dhà, a bhi ’gabhail an rathaid, thainig mi suas ri duine bha ’giulan eallach de chraobhan òga. An déigh dhuinn beagan seanachais a bhi againn m’an tuil a bh’ann o cheann ùine ghearr, dh’fheòraich mi dheth c’àit’ an do chinn na craobhan òg a bha e ’giulan? dh’ innis e dhomh gu’n d’fhàs iad ann an lios beag a bha cùl an tighe aige, agus gur ann le’n leithide sin a bha e ga chumail fein suas. Nach iongantach, a deir mise, gu’n cinneadh craobh idir? Cha’n iongantach, ars esan tha ’m fonn maith, agus tha mi ga dheagh leasachadh. Fhreagair mi e gun robh sin fior, ach nach robh cumhachd aig an fhonn no aig an leasachadh craobhan a thogail; agus mar biomaid riamh air craobh, no preas, fhaicinn a’fàs as an talamh gus an là’n diugh, is mòr an t-ioghnadh a chuireadh e oirnn. Tha sin fior, a deir e, agus mar biodh iad air an cur ann uair no uair-eiginn, cha d’thig an là a chuireadh am fonn a b’fhearr os a cheann iad. Ach cò, a deir mis, a chuir iad air tùs, agus cò as a thainig iad? Fhreagair e mi gu stòlda, suidhichte, le urram mòr ’na chainnt, ’se Dia a chruthaich, ’sa thug seachad iad; oir ’s deimhinn leam nach ’eil de innleachd no de ghliocas air aghaidh an t-saoghail a b’urrainn aon chraobh, no preas a dheanamh. Cia meud preas agus lus a th’air aghaidh an t-saoghail, a deir mise? Fhreagair e mi, is doirbh sin innse. Cha’n’eil e comasach an áireamh; cha’n’eil an duine sin air aghaidh an t-saoghail a chunnaic air fad iad, no aig a’bheil eolas oirre; agus tha seòrsan ùr a’teachd am follais gach là. An saoil thu, deir mise, am b’urrainn an Gairneilear is eolaich aon seòrs’ ùr a dheanamh nach ’eil ann? Mata, ars’ esan, ’s cinnteach mi nach b’ urrainn; do Dhia a mhàin tha sin soirbh. Dhà-san cha’n’eil aon ni doirbh; agus tha mi làn chreidsinn gu bheil e comasach dhà-san deich mìle seòrs ùr a chruthachadh, agus gu’n dithis diu a bhi coltach ri chéile. Tha’n fhirinn agad; cha’n fheudar crioch a chuir air a ghliocas no air a chumhachd. Bu réidh dha deich mìle saoghal a chruthachadh le fhocal, agus an [TD 149] t-eadar-dhealachadh bu mhò a bhi eatorra air fad ’nan cruth ’s nan dealbh. ’N do smuaintich thu riamh, a deir mise, gu bheil e co duilich saoghal a sgrios ’s a tha e chruthachadh? Gu deimhin, ars esan, cha do smuaintich mi air sin, ach tha mi tuigsinn gu bheil a chùis mar tha sibh ag ràdh; oir ged a thòisich na tha do dhaoin’ air aghaidh an t-saoghail air a mhilleadh, cha b’urrainn doibh ach tuill a chladhachadh an sud, ’san so, a lionadh ann an tiota le uisge, a chuireadh stad air an saothair; ach esan a thuirt, biodh solus ann agus bha’n solus ann, cha’n’eil dà ach a ràdh, Na biodh solus ann, agus air ball cha bhi ann ach dorchadas. An saoil thu gur e Dia a mhàin a tha comasach air a chridhe atharrachadh? Fhreagair e mi gu brìgh’or, gun robh e cinnteach gur esan a mhàin a bha na urrainn a dheanamh: Oir ’s minic a thug mi oidheirp air a dheanamh, ach dh’fhartluich e orm; agus cha mhò a b’urrainn duine sam bith a dheanamh air mo shon: ach chaidh mi a dh’ionnsuidh Dhe, agus leagh an sean chridhe sios na làthair, agus thug e dhomh cridhe nuadh ann sa bheil eagal agus a ghràdh féin a chòmhnuidh—Ach a mhinisteir, ged a tha so na aobhar sòlais domh, gidheadh cha’n’eil mo ghràs ach fann, cha’n ’eil annam ach naoidhean ann an Criosd; tha mi co fada o fhoirfeachd, ’s gu bheil mi air uairibh ullamh gu tuiteam an ea-dòchas. Am faic thus’ a nis a chraobh mhor dharaich ud, nach coltaich i ri doire beag na ri aon chraoibh? gidheadh mòr mar tha i, bha i aon uair na faillean co beag ri a h-aon a tha fo d’ achlais, seadh, eadhon na cnò bheag dharaich; uime sin na d’ thoir céill, agus na dean dì-meas air là nan nithe beag. Ann an oibribh nàduir agus an Spioraid, ’s ann uidh air uidh tha gach ni a’fàs, agus o’n toiseach is lugha a’teachd chum làn fhoirfeachd. Dhealaich mi ris an duine thuigseach, fhiosrach so, agus mar ghabh mi air m’aghaidh thachair seann saighdear orm a bha dol a’ m’ionnsuidh air ghnothach. Phill e leam, agus an déigh dhomh mo bharail o thoirt da air a chùis m’an d’thainig e, Dh’fheoraich mi dheth cia fhad a bha e san arm, agus an deachaidh riamh a leòn? Bha mi cuig bliadhna fichead san arm, dh’fhosgail e bhrollach, agus leig e ris domh iomad aileadh creuchd dhomhain; agus dh’innis e dhomh mar an ceudna gun deachaidh peileir roi’n ghualainn aige, agus a h-aon eile roi bhac na h-easgaid, o’n d’éirich an ceum crùbaich a bh’ann. Is iomad companach a chunnaic thu tuiteam ri d’thaobh; an saoil thu’n robh iad uile deas gu bhi air an nochdadh ann an làthair Dhe? Chunnaic mi mòran, da rìreadh, a’tuiteam, ach mo thruaighe, cha robh ach beag ùin’ aca tròcair a ghuidhe, an déigh dhoibh am buille bàis fhaotainn. Agus a’bheil thus’ a’ smuainteach gum bu ghlic an ni dàil a chur ann an tròcair asluchadh gus an d’thainig an t-àm sin? Is cinnteach, a deir e, gum bu chòir dhoibh iarruidh ni bu tràthaile. An d’thug sin ortsa tròcair iarruidh an déigh an cath a chur, air eagal gun tuiteadh tu san ath bhlàr? Cha d’thug gu dearbh, thuirt e, oir cha robh mòr shuim againn do’n chùis. Bha sinn co eolach air a bhàs fhaicinn, ’s nach robh umhaill againn deth; agus nan deanamaid mòran smuainteach uime, dh’fhàsamaid uile ’nar cladhairean. An saoil thu gum fàs an duine sin air a bheil eagal De, agus gràdh dhà, na chladhaire? [TD 150] Cha saoil, a deir e, oir is cuimhne leam gun robh gill’ òg diadhaidh san aon chuideachd rium fhein, a bha gu riaghailteach a deanamh ùrnuigh, a seinn shalm, agus a leughadh a Bhiobuill, agus cha robh òganach bu stuama, agus bu mhisneachaile na e san arm. Rachadh e suas ri beul na’n gunnacha mòr gun sgàth, gun eagal. ’Se cheud fhear a chaidh suas air barra-bhalladh an Daighnich bu làidire thachair oirnn san Spainnd, agus cha b’e sin gniomh a chladhaire. Bha’m Freasdal caoimhneil a thug thusa tearuint a co liugha cunnart. An d’aom a mhaitheas thu gu aithreachas agus ath-leasachadh beatha? Cha’n’eil mi da rireadh co math ’s bu chòir dhomh. Innseamsa dhuit, a charaid, deir mise, Mar ’eil thu creidsinn ann am Mac Dhe, a thainig chum an t-saoghail a shaoradh pheacach, ni tha mi tuigsinn nach ’eil; gu bheil uile chiontaidh do bheatha sios ann ad aghaidh ann an leabhar cuimhne Dhe, an làthair an éiginn duit seasamh a fhreagradh air an son. Ged a bha thu gu minic ann an cunnart, agus ged a thainig thu téaruint as, is gearr an t-àm gus an éiginn duit tuiteam le laimh fhuair a bhàis; uime sin ghuidhinn ort, mar charaid t-anama, thu dh’ ullachadh fa chomhair an àm sin. Beachdaich le creidimh air Uan De, mar tha e air a leige ris duit anns na Scriobtuiribh; oir is esan a mhàin a tha comasach air peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh. An déigh dhomh dealachadh ris an t-saighdear, chunnaic mi coslas frois a’ cruinneachadh, agus chaidh mi do’n cheardaich gus am biodh i thairis. Cha robh a stigh ach an Gobha mòr e fein. Bha glasan, agus lùdain ro laidir air an ùrlar, agus bha e san àm san deach mis a stigh a’ tomhas glasan-làmh a chriochnaich e tiota beag roimhe sin. Ciod so an obair ealant a tha agad an diugh a Ghobhainn, a deir mise? Tha, ars’ esan, gnothaichean a bhuineas do’n phrìosun ùr a tha iad a’togail sa bhail ud thall: ’so agaibh glasan arson lamhan dhroch dhaoine, leis a bheil iad air am bacadh o theicheadh agus o chron a dheanamh anns a phriosun. An saoil thu, arsa mise, Nam biodh a leithid sin air làmhaibh gach aon a tha ciontach ’an aghaidh Dhe, nach iomadh aon a bhiodh ceangailte. Gu dearbh’ le’r cead, ars’ an Gobhainn, cha’n’eil fhios agam cò bhiodh fuasgailte; bhiodh an t-òg agus an t-aosmhor, uasal agus ìosal, math dh’fheudta cuid de na ministirean fein air an ceangal. Cha’neil thu fad am mearachd, thuirt mise; agus nach tròcaireach Dia nach ’eil a’cur comharaidh orrasan a tha briste a lagha. Nach tròcaireach e nach ’eil a’toirt comas na cainnte o luchd nam mionnan, a thuigs’ o’n mhisgear, a shùilean o’n duine fheolmhor, agus cumhachd nan dorn o’n duine thuasaideach, chum sanus a thoirt do mhuinntir eile fuireach o leithid. Is fior sin, ars’ an gobhainn, is e suathadh an fhalluis bhàrr aodainn. Tha’n t-iarunn sin trom r’a oibreachadh, a deir mise. ’S ann agam tha fhios, ars’ esan, ciod is cruaidhe n’an t-iarunn? ach tha dhoigh fhein ri ghabhail air. Ni an teallach a thaisleachadh. Fhreagair mi gun robh cridhe a pheacaich mòran ni bu chruaidhe; ach gum bu mhinic le Dia a mhaothachadh ann an teallach an àmhghair, agus a cho’-éigneachadh gu striochda agus lùbadh mar is àill leis. Dh’fheòraich mi dheth an robh e faighinn reic mhath do [TD 151] na glasan agus do na cùl-cheangail so? Tha mi, deir esan, a’deanamh fichead m’an aon a b’àbhuist domh. Tha na mearlaich a’fàs co lionmhor, sheolta, agus gum feum na goibhnean a bhi fàs ni’s teom’ agus ni’s seòlta mar an ceudna; oir chi mi ged a tha iad a’crochadh cuid de na mearlaich, tha gu leoir a’tighinn ’nan àite. Nach beannaichte, arsa mise, an dùthaich far nach ’eil glasan no mearlaich; far a’bheil gràdh Dhe anns a chridhe, agus uime sin gach aon ionraic agus beusach? Tha sin fior, ars’ an Gobhainn, ach fhad ’s a bhios daoine anns an t-saoghal so, do réir coslais, bi’dh feum air glasan; ach air mo shon fhein, cha saoil mi gur fad a bhios mi ann; tha mi dol air m’ais gu mòr: bha mi saoithreachadh le fallas mo ghruaidh o m’òige, is tha mi ’fàs sgìth do’n t-saoghal so fein, A ghobhainn, a deir mise, innis so dhomh, c’àit an d’théid thu, ’nuair a dh’ fhàgas tu e? Aig Dia tha fhios, cha’n’eil mi fhein ro chinnteach. Agus anns an aineolas sin a’bheil e comasach dhuit a bhi gun iomaguin? Tha iomaguin orm air uairibh, a deir e, agus gu leoir dhi; ach thig obair no cuideachd éiginn a chuireas na smuaintean sin as m’ aire. Dh’ fheòraich mi dheth an robh sin glic? Cha ’n ’eil gu cinnteach, dh’ aidich e, tha fhios agam nach ’eil; agus cha ’n ’eil mi sona no toilicht’ ann am inntinn, tha mi air uairibh a’faotainn dùsgadh mòr, agus an t-ath là tha mi ann am shuain. Cha ’n ’eil mi deas gu bàsachadh, agus a dh’ innse na fìrinn duibhse, tha uamhas orm roimhe. Tha Biobull agad, a deir mise, is urrainn duit a leughadh, agus dean sin le dùrachd agus le ùrnuigh. Rannsuich e gu mion, agus faic ann an sin na rinn Dia arson t-anama. Faic ann an sin an taisbean iongantach air gràdh Dhe ann an Iosa Criosd. Asluich còmhnadh a Spioraid gu’m fosgladh e do shùilean agus gu’n taislicheadh e do chridhe. Eisd ri cuireannan na’n gràs, tilg thu fein ann an uchd do Dhia, ag ràdh, cha dealaich mi riut gus am beannaich thu mi. Slan leat air an àm, chi mi daoin’ a ’tighinn chum na ceardach, agus bithidh mi ged fhàgail. Mo bheannachd ’n ur cuideachd, ars’ an Gobha, na rachaibh seachad orm, ma dh’ fheudas sibh, gun ghuth a dheanamh rium. ’N uair dh’ fhàg mi cheardach, bha eagal orm gum biodh daoin’ a’ fochaid orm, nam buanaichinn anns a chleachda so a bhi labhairt ris gach neach a thachradh orm, ach tharruing Dia mi gu smuainteachadh cia luach’or a tha anama dhaoine, cia gearr neo-chinnteach a tha latha na ’n gràs, agus cia dlùth a tha bàs agus siorruidheachd? Tha thus’ a Dhe gan leirsinn, cuidich leam a bhi dìleas, math a dheanamh ri m’ là. agus ri m’ linn, agus biodh muinntir an t-saoghail a’ fanoid mar is àill leo. Uaitse tha mi guidhe gliocas, dealas, agus gràdh; deonaich dhomh Spiorad Chriosd leis an imich mi gu dùrachdach o àite gu àite, a’ deanamh maith. T. M‘M. T. LAOIDH—1 SAMUEL vii. 12. “Gu ruige so chuidich an Tighearna leinn.” Tha mo thurus roimh ’n fhàsach a nis gu bhi réidh, Thainig feasgar mo làithean is deireadh mo ré; [TD 152] Ach aidichidh mi leis gach taingealachd crìdh’, An fhad so, a Dhia, gu ’n do chuidich thu mi. ’S tric a shearg mi fo euslaint, ’s a ghuil mi fo bhròn, ’S tric a ghluais mi gu deurach gun éideadh gun lòn; Ach dh’ earb mi a Dia anns gach deuchainn is dìth, ’San fhad so a Thighearna, chuidich thu mi. ’S ioma caraid bu chaomh leam a dhiobair, ’s a thréig, ’S ioma dòchas a b’ait leam a mheall mi le cheilg; Ach do chàirdeas-se sheas anns gach doilgheas is strìgh, ’S an fhad so a Thighearna, chuidich thu mi. Agus seallaidh mi romham, is gabhaidh mi beachd Air gach deuchainn is ànradh tha fathasd ri teachd; Ach m’anam fo gheilt, no fo iomcheist cha bhi; An Dia nach do dhiobair, cha diobair e mi. Ead. leis a GHILLE-GHOIRID. Tòm nam Buachaillean 1829. COMHRADH NA’N CNOCHD. Tigh a Mhaoir. MAOR. Tubaist air a mhada ghrànnda sin nach coisg sibh e, ciod a chomhartaich a th’air aire. Fàilt ort Ailean Bhàin, gabh a nìos, so agad àite-suidhe ri taobh na seana-mhnatha. Tha’n gealbhan againn fathast air meadhon an ùrlair. AILEAN. Is math mar tha e, ’S e ’n suidhe bochd a ni ’n garadh beartach. A’ bheil sibh air fad gu sunndach? Cia mar tha sibhs’ a bhean? An t-sean-bhean. Tha mi ’n eatorras Ailean, cha ’n fheud mi bhi talach. Tha mo mheodhair, mo chlaisteachd, agus mo fhradharc agam; is urrainn domh an air’ a thoirt orm fhein; sùil a chumail air na pàistean; agus car no dhà chuir san fhearsaid, agus cha ’n olc sin domhsa a tha ceithir fichead bliadhna ’s a deich. AIL. Is taitneach leam a bhean a chuigeal ’s an fhearsaid fhaicinn. Is fad o chunnaic mi roimhe iad. Tha’n calanas a’ dol gu mòr a cleachdadh; ma ’s i chuibhl’ fein cha chluinnear ach ainneamh a crònan, agus arson srann na cuibhle mòire, cuairt shunndach an eachain, agus cnac na croise, cha ’n aithne dhomh c’uin a chuala mi iad. A BHEAN. Is dithis duinn sin Ailean. Tha ’n calanas da rireadh a’ dol a’ cleachda. Is cuimhne leamsa nach rachadh bean do ’n bhuailidh, le cnò bhainn’ air a druim, gun a chuigeal ’s an fhearsaid a bhi aice; agus nach neo-shunndach tigh gun bhi ri sniomh. A’ bheil obair is taitniche na chuibhal le crònan bòidheach, an ceann, ’s an làmh, ’s a chas a’falbh le chéile, a’ co’-fhreagradh do’n duanaig, agus an naoidhein fein air a thàladh gu suain leis a mhànran bhìnn. AIL. A bhean tha sibh a’togail mo chridhe. Is minic a shaoil mi nach robh obair eil’ ann, anns am b’ eireachdail a shealladh boireannach tlachdmhor na na seasamh ris a chuibhle-mhòir, a’ tarruing a mach a rolaig chlòimhe le ceum eatrom, uallach, a’ gluasad air a h-ais gu meadhon an tighe, a’ fiaradh a làimhe suas le mòr eireachdas, a’ pilleadh air a h-ais [TD 153] air a ceum, agus a ruidh an t-snàthain gu faramach suas air an dealgan le fonn orain. Agus o’n a thuit dhuibh labhairt m’an chrois, is cuimhne leam ’nuair a shaoil mi nach robh innleachd air an t-saoghal bu mhò na i. Is minic a shuidh mi aig cosan mo mhàthar a’ feitheamh gus am buaileadh i; agus nach bu taitneach an crann-dealbhadh ri taobh an tighe, gach cuman, mias, agus meadar san tigh fo na ceairslean; ach a nis cha ’n ’eil iomradh air a leithid. BEAN, Agus nach ’eil a bhuil, tha chlann leth rùisgte, agus na mnathan fein cho sheang chaol ri miolchu, le’n luideagaibh tana gallda nach cùm a mach fras. C’uin a chunnaic thu gùn-goirid na eireasaid-uachdair de stubh làidir dùcha, air a liosrachadh gu bòidheach sa mhuileann-luaidh, air a h-aon diubh? Cha’n e coslas mnathan dùchadh a tha oirre san àm, ach coslas leth mhnathan uasal bochd, a’ strìgh ri rìomhadh air nach urrainn doibh ruigheachd. An saoil thu m’as i mo nighean Ceit, bean an tighe so fein, am faic thu obair na laimh ach a’ fuaidheal faoineachd eiginn: ’s ann aic a tha’n aon duine is mò foighidinn air an do chuir mi riamh eolas; cha’n e gu bheil e fein ’san làthair a tha toirt orm sin a ràdh. MAOR. Tapadh libh, a mhàthair-chéile, seasadh sibhse na fir. BEAN. Seasaidh mi, is fiach iad sin. Cha’n ann a’ seasamh san dorus, no mach air a chnochd, a dh’fhaicinn cò tha ’gabhail an rathaid, mar bhios na mnathan, a bhios iadsan. C’àite bheil thu Cheit? CEIT. Cha’n’eil mi fad air falbh a bhean, gabhadh sibhs air ar n-adhart, cha’n iarradh ur cliamhuinn an sin agus Ailean Bàn spòrs a b’fhearr na bhi cuir sios air na mnathan AILEAN. Am biodh na mnathan, a bhean, ris a phìob-thombac ri’r ceud chuimhne-sa? BEAN. PIOB-thombac! ud ud, cha bhitheadh, cha’n fhaca mi fhein bean chliùiteach rithe riamh: obair nam bana-cheard; cha’n fhearr e ann am bharail fhein no an t-òl; agus tha iad ’an dlù dhàimh r’a chéile. AIL. Theagamh nach robh an t-òl ro bhitheanta san àm sin, am measg nam ban, ni’s mò na an tombaca fein. S. BHEAN. Gu deimhin cha robh, b’ainmig a gheibheadh tu bean san dùthaich a ghabhadh gloin’ uisge-bheatha; agus do thaobh iad a bhi misgeach, cha b’ aithne dhomh ach aon aigeannach ris an canadh iad Seonaid ni ’Ic grìsinn, agus b’ainmeil i. Ach ’s mòr m’eagal gu bheil a leithid na dhà a nis ann. AILEAN. An saoil sibh a bhean nach sgob iad as gloine do’n treas tarruing a nis, co sgiobalta ri aon fhear san dùthaich. Cha’n e sin uil’ e bhean, ach théid iad le chéile, gun fhirionnach na’n cuideachd, do’n tigh-òsda, agus glaodhaidh iad air leth-bhodach, agus òlaidh iad e gu smiorail. S. BHEAN. Na béisdean! an saoil thu fhein a’ bheil sin fior? C’arson nach ’eil iad a’cur tarrang ’na’n cluais ri còmhla na h-Eagluis? C’arson nach ’eil iad d’an cur anns a bhràngas; chunnaic mi Ministeir a chuireadh gùn odhar na h-Eagluis oirre. CEIT. ’Sin sibh a bhean! agus leigidh sibh leis na fir a dheanamh mar thogras iad; is coma ged a bhiodh iadsan air mhisg. S. BHEAN. Cha choma; cha’n’eil e ceadaichte dhoibhsan ni’s mò na tha e do na mnaithibh, ach [TD 154] feudaidh mi so a ràdh air an son, gur ioma duine tha air a tharruing gu òl, nach ’eil gaolach air deoch, a tha stuama, furachair am bitheantas, ach cha’n’eil leth-sgeul aig mnaoi ach dubh-ghaol na dibhe. Cha’n fhaicear té sa cheud diubh a tha aon uair toigheach air a chuirear uaithe. Cùl mo làimhe riu; is uamhasach an ni cùram tighe agus leanaban a bhi’n earbsa riu. MAOR. Togamaid deth, chi mi’n Gobhainn mòr a’ tighinn a stigh. Fosgail an dorus, Iain bhig. CEIT. Gabhaibh a nuas a dhuine, is math an t-àm an d’thainig sibh. Cha d’fhàg iad so sgrid anns na mnaithibh bochda ’ga’n càineadh, agus ag ràdh gu bheil iad a’ dol ni ’s meas a h-uile bliadhna. GOBH. Ma tha na mnathan a’ dol ni ’s measa, tha na daoin’ a’ dol seachd uairean nis meas. AILEAN. Is bochd sin ’sa h-uile cothrom a th’aca. GOBH. Biodh an cothrom mar thogras e; ach ’si so an fhìrinn. Chi thu, math dh’fheudta, bean no dha a ghabhas dram, ge tàmailteach e r’a innse, ach cia liugha bean bhochd san dùthaich a tha gu stuama foighidneach, a’strì fo ioma doilgheadas gus an teaghlach àrach, le beag còmhnadh o na daoinibh misgeach, stròghail ris a’bheil iad pòsda. Is beag dhiubh a théid do mhuileann no cheardaich, a reiceas boll eòrna no clach mhine gun dràm agus dràm a bhi ac’ air a thàiltibh. Nach ’eil fir na sgìreachd so fein a’ cur a mach ann an òl na chuireadh aodach air gach leanabh rùisgt’ a th’ ann, a bheireadh sgoil do gach dìlleachdan, agus a chuireadh am Biobull anns gach laimh anns nach ’eil e. Nach iomad bean bhochd, an déigh a pàistean ocrach rùisgte chur a chodal, a tha suidhe taobh an droch ghealbhainn, a’ feitheamh a companaich, a tha mach gu sròghail, gleadhrach san tigh òsda, a cosd na chumadh iadsan gu cuanda aig an tigh; agus an uair a thilleas e a stigh, le mionnachadh agus le malluchadh, a mhaoitheas an dorn, ma their i ris gur olc. AILEAN. Cha’n’eil teagamh nach ’eil beagan de sin ann, ach tha iomad atharracha maith, ma choinneamh sin, a’teachd air an dùthaich; agus tha na daoin’ a’ fàs ni’s fiosraich agus ni’s eolaich na bha iad. GOBH. Air t-athais Ailean, tha mi seachd sgìth a bhi cluinntinn dhaoin’ a’ labhairt mar sin. Tha eòlas o leabhruichibh a’ sgaoileadh ni ’s mò air feadh na tìre: ach an cuir thu’m fiacha orm gu bheil tuath-cheatharna na Gael’tachd ni’s tuigsiche agus ni’s measaile na bha iad? A’ bheil barrachd tlachd ’na’n cuideachd, no tùr nan seanchas? A’bheil iad co duineil, càirdeil, no co treun, foghainteach? A’ bheil iad eadhon co aoigheil na’n coslas, co tlachdmhor air faiche, co easguidh tapuidh air muir agus air tir? Tog dheth, cha’n’eil annt ach na sìochairean bochd ’an coimeas ris na daoinibh còir o’n d’thainig iad. AILEAN. Cha’n’eil mi ’g ràdh gu bheil iad co foghainteach, treun, cha’n’éil fàth gu’m bitheadh; chn’n ann le neart nan dòrn a bhelrear a mach a chòir a nis; ach nach ’eil iad ni ’s diadhaidh, ni’s eolaich air am Biobull? bu bhochd mar bitheadh; agus na daoin’ òga, dealasach, foghainteach a tha searmonachadh nam measg. GOBH. Do thaobh diadhachd, is doirbh a ràdh cò dha a bhuineas sin. Ma dhearbhas aidmheil àrd, agus teangadh bhinn bhlasda, agus [TD 155] a bhi labhairt mu theagasg agus mun chléir, ’s eiginn domh aideachadh gu bheil mòran diadhachd feadh na dùchadh; ach tha giulan ann a tha, ann am bharailse, na dhearbhadh air diadhachd ni ’s mò na cainnt, agus ’s ann an so a tha iad ann an déigh laimhe. An abair thu rium gu bheil iad fìrinneach na’n cainnt ’s nan geallainibh, stuama ’na’n giulan, seasmhach ri’m focal, gun fheum air fianuisean no sgriobhadh. A’ bheil iad fialuidh, seirceil, carthannach, gun fharmad no cùl-chàineadh, gun a bheag de’n teangaidh leam leat? A’ bheil an òigridh modhail, nàrach, màlta, beusach? Ailean; éisd rium, tha mi nis a’ fàs sean, ’s iomadh atharrachadh maith a chunnaic mi teachd air a Ghaeltachd a dhùisg mo thaingealachd. Chi mi mòran sgoilean, agus tha aoibhneas air ma chridhe. Chi mi ’m Biobull anns gach bothan, agus buidheachas do Dhia air a shon, chi mi leabhruichean maith ann an làmhaibh dhaoine, agus am freasdal a shoirbheachadh leosan a tha ’gan cur a mach. Tha mi cluinntinn ministeirean òga diadhaidh, is fiach éisdeachd, agus gun robh beannachd an Ti is àirde an cois an saoithreach; ach a dh’aindeoin so uile is cianail ri smuainteachadh an an-diadhachd chomharaichte a tha mach air feadh na tìre. Cha ruig thu leas uime sin na h-uiread a ràdh mu’n atharrachadh mhaith a thàinig oirnn. AILEAN. Nach cuala tu am Ministeir fein ag ràdh gun d’thainig atharrachadh beannaicht’ air an t-sluagh. GOBH. Tha Ministeir na dhuine maith, ach is duin’ òg e; cha robh e eolach orrasan a dh’fhalbh. Ma tha’n sluagh co ro mhaith ’sa tha e ’g ràdh, c’arson nach ’eil e cur air leth nam foirfeach sin air an robh e labhairt o cheann thri bliadhna? ach ’s duilich dha. Dh’fhalbh na daoin’ a’ b’airigh air suidhe mu chrannaig, agus cha d’thainig ach pronnag bhochd nan àite. Agus a thaobh na thuirt thu nochd co tric ann ad sheanachas, mu na Ministeirean ùra, òg, dealasach, a tha co lionmhor air feadh na dùchadh, tha iad mòran diubh, tha mi ’g aideachadh, mar sin, agus tha mi co gaolach umpa riutsa, na duin’ eile; ach ann am moladh na tha beo, na cluinneam di-moladh air na mairbh. Is mì a chunnaic, ’sa chual iad, b’ aoigheil an coslas, agus bu bhuadhar an cainnt. Is minic a dh’fhairich mi reachd am mhuineal le uamhann, agus a shaoil leam gun togadh clochan an tighe fianuis leo. Ann an càramh gràs an t-soisgeil fa chomhair a pheacaich, O cumhachd agus blasdachd an cainnt; ach dh’fhalbh sibh, a ghaisgich nam buadh, agus iarram sòlas gu tric ann an sile mo dheòir air na tulaichibh uaine fo bheil sibh ’nar suain. Ach tha sinn uile mar cheo air an t-sliabh. T—O. MAIRI ALUINN BHOIDHEACH. Fonn—Catharine Ogie. A bhruchaibh, uillt, ’s a thulaichean, Mu Chaisteal Inbhirlòchai, Gur taitneach leam bhur sruthanan, ’S bhur bruthaichean fo neòinein: ’An sin biodh Samhradh luiseineach A’ tuineachadh’ an còmhnuidh, An sin do ghabh mi cead gu bràth’ Do m’ Mhàiri àluinn bhòidhich [TD 156] Bu dosrach duilleach barraich ghuirm, Bu mhilis sgitheach blàth’or, Is mi fo’ fhasgath cùbhraidh úr, ’S mo Rùn rium dlùth’ ga càramh, Ghrad rinn an tiom dol seachad oirn, Gun aire dhuinn, ’n ar sòlas; Oir b’annsa leam no beatha, gràdh Mo Mháiri Aluinn bhòidhich. Le h-iomadh bòid, is mànran blàth Mo Ghràdh a rinn mi’ phògadh, ’S a’ gealltuinn tric mi ’thachairt orr’, Ar dealachadh bha brònach: Ach O mo chreach! an reòdhadh bàis A sgar mo Ghràdh ’n a h-òige; Gur fuar an Uaigh, an t-àite taimh, A th’aig mo Mhairi bhoidhich. Gur fuar ’s a’ bhàs am béulan gràidh Is tric a bha mi ’pògadh, Is dùint’ gu bràth a mhìog-shuil bhlàth Bha daonnan càirdeil dòmhsa; Is anns an uir tha ’n Cridh’ a’ cnàmh A thug dhomh gràdh le deòdhas— O! ’n crìdh’mo chuim bidh Bìth gu bràth Aig Màiri àluinn bhòidhich. Ead. le ABRACH, BLIADHNA THEARLAICH. “Thoir a nall leat Pannal ghruagach, Luaidheas an clòdh ruadh gu daingean.” Agus h-ò Mhòrag, &c. An déigh do Phrionns’ Tearlach, agus d’a dhaoine sea seachduinean a chaitheamh ann an Dun-eidean, agus ’nuair thug e dùil nach éireadh tuille dhaoine leis, chuir e roimhe Sasunn a thoirt air, ged a bha chuid bu mhò de Shasann fo’n armaibh chum cur na aghaidh. Bha fiughair aige ri còmhnadh as an Fhraing, agus bha làn earbs’ aig a cruadal nan daoine bha leis san àm. Air latha Sàmhnadh dh’fhàg e Lùchuirt a shinnsir, agus chuir se e fein air ceann a chuid dhaoine, a bha nis ann an rogha misnich, leis an fhois a fhuair iad. Bha ann diubh mu thimchioll sea mìle fear, agus còrr agus an leth na’n Gaedhil, a bha ’nan deagh uidheam a thaobh éididh agus armachd. Ochd làithean na dhéigh sin chaidh iad a steach do Shasunn, agus chuartaich iad Carlisle, a sheas a mach car latha no dha nan aghaidh, ach a ghéill dhoibh fa dheireadh, far an d’fhuair e mòran armachd, each, agus nithe luachmhor a chaidh a thasguidh suas ann, a bhuineadh do uaislean na dùthcha m’an cuairt. Chuir a bhuaidh a fhuair e air a bhaile so, iongantas air an rioghachd uile; smuaintich iad nach robh aon ni eacomasach do na Gaedhil; ’s nach robh dhoibh ach gabhail air an aghaidh do Lunnainn, a bhuannachd na bha nam beachd. Ach o so a mach cha robh soirbheachadh leo. Thòisich easaonachd nam measg fein. Bha cuid arson dol dìreach air an adhart do Lunnainn, agus cuid eile arson pilleadh air an ais. Thàinig Diùchd Uilleam agus an t-arm dearg a bha maille ris ann am Flànnras, dhachaidh: bha deich mìle de dh’arm deanta ann an aon champ, a bhàrr air feachd lionmhor a thogadh ’an Lunnainn, air an robh ’n Righ fein ’na cheannard. Ghairmeadh comhairle choguidh ann an Carlisle, agus ’se smuaintich iad dol air an aghaidh. Cha d’éirich duine de na Sasunnaich leis, gus an d’ràinig iad Manchester, agus thréig mu mhìle fear d’a dhaoine fein e o dh’fhàg e Dun-eidean: Ann am Manchester fhuair e mu dhà cheud fear. Ghabh e air adhart air an t-slighe do Lunnainn, gus an d’rainig e Derby, asdar cheithir làithean o cheann-bhaile mòr na rioghachd. Bha’n dà arm an so mar bheagan mhìltean da chéile, agus bha fiughair aig na Gaedhil [TD 157] a h-uile mionaid a bhi’n sàs anns an arm dhearg. Nuair a chualas ann an Lunnain gun robh na Gaedhil co dlù dhoibh, glac oillt agus uamhunn gach neach san àite; agus cha robh an t-arm dearg fein saor o eagal, ionnas nam biodh iad air coinneachadh san àm, bi barail dhaoine gum buadhaicheadh na Gaedhil, agus gu’m feudadh righ Deorsa an rioghachd fhàgail mar rinn righ Seumas roimhe. Ach chunnaic am Freasdal iomchuidh a chùis òrduchadh air dhòigh eile. Fhuair am Prionnsa fios gun robh tri mile saighdear, fo Mhor’ear Strathallan a’tighinn nan déigh chum an còmhnadh; agus an déigh comhairle choguidh a chumail, shùnraich iad nach robh dhoibh ach amaideachd aghaidh a thoirt air feachd co lionmhor; a dh’aindeoin na dh’fheud am Prionns’ a ràdh, no dheanamh, chuir iad rompa pilleadh air an ais do Albuinn. Ghluais am feachd fada roimh latha, agus o nach d’innse dhoibh ciod a bha’m beachd na’n Ceannard, shaoil iad gun robh iad a’dol ’an coinneamh an nàmhuid; bha iad ann an àrd mhisnich, agus ro dheonach gun tachradh sin; ach ’nuair thainig solas an latha ’s a thuig iad gur ann a’pilleadh a bha iad, cha mhòr nach deach iad air bàinidh le farran agus mìothlachd, agus inntinn Thearlaich fein thuit i gu tur. Bha dol air ais na’n Gaidheal air a chumail co dìomhair ’s gun robh iad asdar dà latha air an t-slighe do Albuinn, ma’n do thuig an t-arm dearg gun do phill iad. Co luath ’sa chuala Diuchd Uilleam so, chaidh e air an tòir leis gach feachd a b’urrainn da a chur r’a chéile; agus thainig e suas riu aig Clifton. Bha chuid fa dheire de arm Thearlaich fo riaghladh Mhor’ear Dheorsa Mhuire. Bha Stiubhartaich na h-Apunn, Mac Dhò’ill Dui sa dhaoine, Clann Dòmhnuill Ghlinne-garadh, agus reiseamaid Fir-chluainidh aige, agus leis a bhuidheann bhig so chuir e roimhe, aghaidh a thoirt air na Sasunnaich a bha nise suas riu. Bha dorcha nan trà ann, cha robh aca ach fann sholas na gealaich, ’nuair chaidh iad an caramh a chéile. Thugadh greadan goirt, chuireadh an ruaig air na Sasunnaich, mharbhadh ceud gu leth dhiu, ach cha do thuit ach dà-fhear-dheug de na Gaidheil. Lean a chuid de’n arm a chuir an total so a chuid eile aig an robh toiseach orra; agus air do Thearlach tri cheud fear fhàgail ann an Daighneach Charlisle, ghabh e fein agus càch air an adhart do Albuinn. ’Nuair a ràinig iad a chrioch, bha’n amhuinn Esc air at co mòr ’s gu’n robh e deacair dhoibh dol thairis: ach ’nuair a chunnaic iad fraoch badanach an dùthcha fein thog e am misneach, fhuair iad a nunn, agus thog iad aon iolach ghairdeachais, a’dì-chuimhneachadh na thachair, agus suarach mu na bha rompa. Mar so air an àm so chrìochnaich an oidheirp e thug iad air Sasunn; agus oidheirp a b’fhoghaintich cha d’thugadh. Mhair an ionnsuidh so sea seachduinean; agus thugadh i ann an dùthaich agus am measg dhaoim a bha naimhdeil doibhsan, agus na bha ’nam beachd. Thugadh an ionnsuidh ann an làthair feachdan lionmhor, ach air an robh sgàth teachd ’nan rathad. O’n la a chaidh iad a stigh do Shasunn gus an do thill iad, cha do chaill iad a cuig mìle fear ach dà fhichead. Ghiulain iad a bhratach a thogadh ann an Gleann-fionain gu buadhar a [TD 158] stigh do chridhe Shasunn, agus thug iad air a h-ais i gun tàmailt fhaotainn as gach cunnart anns an deach i. T.—O.— CAOI URAIN. Bha cheum gu Dunalbha san oiche, B’ioghna leis fhaotainn dorcha; Chleachd da reul ghorm bhi dearsa, Ach dhruid am bàs deart-shùile Lorma. A Lorma, c’àit an tàmh dhuit? Ionad do phraimh ca’bheil e? ’N do ghlac an oich’ thu san fhàsach, Air aghaidh nan àrd-bheann seilge? Og-bhean an iughair, is caoin slios, ’S truagh nach fios domh do chònuidh. An i cois na creige do thuineach, Aig bile nan sruthan uaigneach? Ma ’s i, do bhrollach bidh fliuch, Bidh e fliuch, is tha’n oiche fuarraidh. Ach tha thu ghnà le m’anam fein, A ghaoil, gu ma séimh do bhruadair! A thaibhsean air osnai ’na h-oiche Buinibh gn caoineil ri m’ ghaol, Tha fé air a gnùis ’s i ri gàire, Na seidear o m’ ghradh e le gaothaibh. Caoin is seimh fo dhoinionn nan speur, Tha m’ annsachd fein, ’s a h-ùigh air Uran; Na dùisgear i le rua-bhoc an raoin, No le caochan a ghlinne dhiomhair. Fhìrein fhiadhaich nam beann, Na biodh t-fharum an gleann mo ghaoil. Caidil, a ghaoil, gun smuairean, Aig sruthan uaigneach nan ioma bad; Mar chagar beacha na bruaiche, Measg ròsan uaigneach nan allt, A’ croma’ fo dhrùchd na maidne Thig mise gu d’ chadal a Lorma. Séimh gun robh, ghaoil, do thàmh, ’S mo thuiteas pràmh orm fein, Eirich an aisling mo chadail, ’S biodh do ghnùis gu farasda màlta. Leag e thaobh ri Albha nan còs, Thuit cadal mar cheo air a rosg, An dearsa na gealaich ’s nan sruth, Dh’eirich ath-bhuailt caoin chruth Lorma. Bu chosail an òigh ri neul geal, Air aghaidh na gealaich san earra-dhubh. AISLING A GHAEL ANNS A BHAILE. “Air sruth aimsire a’ snàmh Gu neo-chùramach tha iùrach an duine.” Laoidh lxii. A Theachdaire Ghaelich; Thachair dhomh aon oidhche o cheann ghoirid a bhi leughadh na laoidh anns am bheil na briathran so, agus air dhomh a bhi ’nam aonar thòisich mi ri cnuasach, agus ri coimeas an t-saoghail ri cuan, agus an luchd-aiteachaidh ri Bàtaichean. B’ard da-rireadh am fonn-inntinn ’san robh mi: nuair bheachdaichinn air Breatunn an àigh, bha mo chridhe ’cur thairis le taingealachd do Dhia gur h-ann a bha mi fein a’ seoladh, far nach ruiginn a leas cala fhàgail gun chairt gun chompaist, agus gun fhear-iùil; agus far an robh na reulta do ghnà r’am faicinn. Ach ’nuair a smuainich mi air na muilleinibh a ta seoladh fad am beatha gun ghealach, gun chairt, gun chompaist, gun reul-iùil, ghuil mo chridhe, agus shil mo shùilean! Anns an staid inntinn so thuit m am chodul agus air leam gu’n robh mi ann an seomar luinge. Chuala mi ùpraid fhuathsach os mo cheann,—na seoladairean a’ seinn ’sa nuallanaich,—cuid ri iolach eibhnis, cuid ri èigh mhuladaich,—a ghaoth a’feadaireachd a’measg na cainipe shuas, agus an fhairge ’slachdradh a daraich! Ghlaodh mi fein le graide ri fear a bha ’tearnadh an fhàraidh, “Ciod e so! Ciod e so! C’àit am bheil sinn?” “Tha [TD 159] sinn,” ars’ esan “a’togail an acair ’sa gabhail a chuain,—cuan gàbhaidh na beatha; tha naoidheineachd bhras air an sdiuir, a dh’aindeoin co theireadh e.” Rug e air sgornan air searraig uisge-bheatha a bha ann an cliabh, agus suas a ghabh e, a’seinn “O cha’n’eil mulad oirn, Ciod a chuireadh mulad oirn? Mulad cha’n’eil oirn na gruaim, Gur fada uainn a ghabhadh e.” &c. Lean mi air a shàil, ’s fhuair mi mi fein a nis air clar uachd’rach no luinge,—dh’amhairc mi ann an ceithir àirde an athair. Bha’n long direach air togail a mach o chala,—chunnaic mi air an sdiuir eileana, beaga do-àireamh,—cùirn is sgeirean a nochdadh an cinn an sud ’san so, air chor ’s gu’n robh e mar mhiorbhuill dhomh cia mar a thainig sinn trompa. Thionndaidh mi’n sin ri toiseach na luinge, agus chunnaic mi gu’n robh sinn ag inntrinn air cuan ùdlaidh, iargalt. Cha robh na tonnan, gu dearbh, ag éiridh ro àrd, no fathast a briseadh ’nan caoran, ach bha coltas co gruamach air an iarmailt ’s gun robh an cuan fein mar gum beadh a gabhail fiamh-eagail, agus bha’n ceò co trom romhainn, ’s air gach taobh, s’ nach b’urrainn do’n neach a b’fhearr fradharc thar séoladh mionaid fhaicinn! Cha b’fhada gus an do thuig sinn nach robh an linne tearuinte, oir shaoil sinn gu’n tilgeadh an long an sdiuir tri uairean a cheud latha le sgeiribh làir, ’s le oitiribh gain’mhich. Chunnaic sinn ceudan a’dol fodha air gach taobh dh’inn, fo làn an aodaich, an uair a b’àill, ’s iad a fanoid orrasan a dh’fhàg iad nan deigh! Bha’n ceò da rireadh co dùmhail s’ nach mor a bha dol as o sgiorram eiginn: bha iad aon chuid gan tàladh leis an t-sruth do chuartagaibh a shluig sios beo iad, no air an cur thairis a thiotadh le taobh-ghaoith o na beanntaibh; no ’bruthadh ’sa bàthadh a chéile anns an dorcha! Ach ged a bha’n sruth co laidir ’s nach robh dol as aig soitheach ni’s lugha na bhiodh a siùil an còmhnuidh làn, agus ged nach robh e comasach pilleadh, gidheadh cha robh e cho olc ’s nach feudadh sdiuramaiche math feum a dheanamh; gu sonruichte nan tuigeadh e’n seol-sruth, agus na’n tugadh e aire do’n chairt-iuil agus, do na reulta a bha do ghnà soilleir. Ach so far an robh an dìth: bha gach aon gun ghiorag gun fhiamh, ga bhreugadh fein nach b’eagal d’a shoitheach-san ged a bha e le ’shuilibh a faicinn a chompanacha a dh’fhag cala maille ris, agus aig an robh iùraichean cho ùr, agus cho maith siùil agus acfhuinn ri thé-san, gam milleadh ’s gam bàthadh air gach taobh! Bha mi fein fo mhòr iomaguin, agus cha robh mi gu h-uile saor o eagal; thainig mo mhàthair is m’athair, agus cuid-eiginn eile nach ainmich mi gum’ chuimhne,—Dh’ òrduigh mi mo chas air tir. Chunnaic mi duine uasal air bord, ann an deise b’fhearr na càch, “Le’r cead” ars’mise, càit am bheil sinn?” “Tha sinn” ars’ esan, mu mheadhon cuan na beatha.” Leis a so thionndaidh e uam agus chuala mi e ’seinn dha fein “’Nuair a dh’èireas i shuas oirr’ Le sgualsaichibh bheann, Cha bhi’n sgiobair fo’ mhighean Gus an diobair i’n crann” &c. Chuir mi fein gloine ri m’ shùil agus air guala an fhuaraidh chunnaic mi cuairteag eagallach mar choire air ghoil, a thug gum’ chuimhne Coire-bhreacain. Bha [TD 160] eileana beaga mu dheas air fo choill, fo’mheasaibh, ’s fo’bhlàth, agus o’n d’thainig an ceòl a b’àill a chuala cluas riamh. Bha na miltean soitheach agus bàta ’a sdiuradh air na h-eileana so, ach cha luaithe fhuair sruth na cuartaige greim orra na thòisich e air an tarruing lion beag is beag do’n bhuinne; rachadh iad ma dheireadh man cuairt mar ghille-mirrein, agus an sin shluigeadh an coire sios iad! ach ’se chuir ioghnadh agus uamhann orm nach robh iadsan a bha tighinn nan deigh a gabhail rabhaidh! Bha cuid de shoithichean foghainteach, gu dearbh, ach b’ainmic iad, a thug iad fein as a chuartaig; ach fhuair iad a leithid de bhruthadh ’s de mhi-mhodh am measg sgeirean coire ’mhacnuis ’s gu’n robh iad eu-dionach, agus breòite riamh na dhéigh. Bha saoir-bhataichean gu leoir ann aig an robh mar obair a bhi calcadh ’s a tearradh, ach cha chuimhne leam gu’n do sheas a h-aon ro fhada a fhuair moran càramh; cha ’n e sin, ach bha na saoir iad fein ’g an call cho bitheanta ri daoin’ eile. Am feadh a bha mi mar so ag amharc, air mo bhualadh balbh le h-ioghnadh agus le uamhann thainig guth d’am ionnsuidh a bha cho eagalach ’s gu bheil mi fathast, air leam ’g a cluinntinn, a thuirt, A dhuine òig, c’arson a ta thu’ dian amharc air muinntir eile? Am bheil umhail agad gum bheil thu fein a dol fodha? Dh’ amhairc mi, ’s chunnaic mi gu’n robh an soitheach a toiseachadh ri dol m’an cuairt ann am buine coire-mhacnuis,—bha fhad sa chithinn m’an cuairt domh lan do sgeirean, ’s do chlacha mòra, ’s gun orra ach mu thuairm troidh de uisge! Ghrad dhùisg mi le giorag, agus cha do mheas mi gu’n robh mo bhruadar gun bhrigh, nuair fhuair mi mi fein. AN GAEL ANNS A BHAILE. Glaschu, 1829. Sgeula mo Mhort Ghlinne Comhann. Ann an Apuinn Mhic Iain Stiubhart tha Tigh-òsda, ris an abrar tigh Phort-na-Croise. Thainig saighdear dearg ga ionnsuidh aon latha, agus air dha bhi gabhail gloine maille ri fear-an-tighe agus coimhearsnach a dh’éirich a bhi stigh san àm; bha e toirt naigheachdan dhoibh a bha ro thaitneach leis na daoinibh. Mu dheireadh dh’ fheòraich iad dheth ciod an gnothach bu sgreamhala a chunnaic e fhad sa shiubhail e; Fhreagair e gum faca e iomadh ni a bha gle uamhasach, ach gur ann aig Mort Ghlinne Comhann a bha e na fhianuis air an aon ni bu sgreamhala chunnaic e riamh, agus b’e so e. “ Cheangladh sea fir dheug le’n lamhaibh air an culaobh, maille ra’n easgaidibh, agus caolaibh an cas. Chuireadh nan suidhe air béingidh Mhòir iad agus chàireadh sea-musgacha-deug ra’m broillichibh, leis an do thuit iad marbh ceart còmhlath’; Sin ars esan gnothach bu ghràineala a chunnaic mi riamh. An so dh’ éirich fear an tighe agus a choimhearsnach a mach, agus dh’fhàg iad an saighdear na aonar san t-seòmar. ‘Tha mi nis a tuigsinn arsa fearan-tighe gun robh an saighdear so mu mharbhadh m’athar, oir bha e do na sea-fir-dheug ud; agus tha m-inntinn air éirigh co mòr na aghaidh, ’s gu bheil mi smaointeachadh cuir as da gun tuilleadh dàlach.’ Cha ’n ’eil sin [TD 161] aige-san ach an t-òrdugh,’ ’S ann a théid sinn a stigh agus a dh’ fhiosraicheas sinn ni’ s faide dheth mu thimchioll a ghnothuich. Se so a rinn iad, ag ràdh ris an t-saighdear, Ciod an sin a thachair, cia ’mar a chriochnaich an gnothuch? Aig briseadh an latha, ars’ esan, fhuair sinn òrdugh togail oirnn ’san Gleann fhàgail. Air dhuinn a bhi ’g imeachd air ar n-aghaidh air an rathad mhor, san Ceannard a marcachd air ar ceann; a dol thar allt a bha air an rathad chuala sinn sgriach leinibh os air cionn ann am bruaich an uillt. Thill an Ceannard air ais, agus seach fear eile dh’òrduich e dhomhsa dol suas, agus ma ’s e leanabh gille bh’ann a mharbhadh. Dh’ fhalbh mi, agus air dhomh dol beagan air m’aghaidh chunnaic mi bean chòir eireachdail agus plaide uimpe, ’si gabhail a chur na plaide am beul an leinibh ga chumail gun chaoineadh. Ged is e leanabh gille bh’ ann cha dùraichdinn làmh a chur ann, agus thill mi air m-ais ag innseadh do’n Cheannard gur leanabh nighinn bh’ann. ’S mise, arsa fear-an-tighe Osda an leanabh a bha’n sin ann an achlais mo mhàthar, is a rinn thusa ghleidheadh beo. Nuair chual’ e so, am fear a bha smaointeachadh cuir as da roimhe, cha robh fhios aige nis ciod a dheanadh e ris an t-saighdear, a nochdadh dha na h-uile caoimhneas a bha na chomas. AN GAIDHEAL ANNS AN DUTHAICH. MU LATHA SAMHNADH. Cha’n’eil sinn a’dol a thoirt cunntas air gach cleas faoin a tha òigridh na Gae’ltachd a’ cleachdadh air oi’che Shamhnadh. B’ fhearr leam foghlum a thoirt dhoibh mu nithibh bu tarbhaiche. Cha’n e gur iad a mhàin na Gae’dheil a tha toigheach uime so; tha na Gaill, ga mòr-chuiseach iad as am fiosrachadh, co togarrach mu na cleasibh sin ’s a bha na Gaidheil riamh. An earalas gu bheil cuid d’ar luchd dùthcha aineolach air seadh an ainm so, smuaintich sinn nach biodh e mi-iomchuidh a mhìneachadh dhoibh. ’S ann ri linn nan Drùidhean a fhuair a cheud là de’n gheamhradh an t-ainm so. B’iad na Drùidhean rè iomad linn Sagartan agus Feallsanaich na Roinn-eorpa. Bha iomad latha féill aca, ach b’iad an dithis a b’ainmeile an t-Samhuinn ’sa Bhealtuinn. Air là Bealtainn, mar tha’m focal a’cialluchadh (Béil-teine, no teine Bhaail), Bha gairdeachas mòr air a dheanamh, bha teintean mòr air an lasadh air gach cnochd a b’àirde, a chur fàilte air teachd na gréine na teas agus na blàs, a bha aca mar shamhladh air an dia Beil. B’e’n t-ath-latha féill a bh’ac’ an t-Samhuinn, no an Sàmhtheine, no teine na Sìth. ’S ann air an àm so de’n bhliadhn’ a choinnich na Druidhean anns an àite bu fhreagaraich san dùthaich, a chumail mòid mhòr a shocrachadh gach conspoid, agus a réiteachadh gach co’-strigh. Air an àm sin bha gach teine san tìr air an cur as, agus bha mar fhiachaibh air muinntir an àit air fad teachd a dh’ ionnsuidh nan Drùidhean a dh’ iarruidh éibhl’-bheothachaidh o ’n teine bha air a lasadh, agus air a choisrigeadh leo-san. Ma bha aon neach san dùthaich ciontach de ghnothach olc air bith ’s a bhliadhn’ a chaidh seachad, cha ’n fhaigheadh e srad de ’n teine naomh so, gus an d’ thigeadh e fo mheachainn nan Drùidhean. Nan éireadh dhà [TD 162] bhi co dàna ’s gu ’n cuireadh e ’n aghaidh so, bha e air a sgaradh a mach o bheannachd nan Drùidh, binn a b’ eagallaich na am bàs. Cha robh e air a cheadachadh do neach sam bith fardoch no teine a thoirt dhoibh, no an caoimhneas a b’ fhaoine thaisbeanadh dhoibh. Ionnas nach robh ach am bàs ma’n coinneamh m’ar géilleadh iad do na Drùidhibh. Ann an iomad cearna de Albuinn tha na teinntean am bitheantas air an lasadh, ris an abair iad Samhnagan. Agus nan tachradh do theaghlach sam bith an tein’ a leig as air an oi’che so cha ghnothach furasd air an là ’n diugh, ann an iomad àit air Galldachd co math agus air Gae’ltachd, dhoibh an teine maidne fhaotainn. Tha so a nochda co deacair ’s a tha e seana chleachdannan, agus saobh-chràbhadh a ghlanadh a mach, cia air bith co amaideach agus faoin a tha iad. T—O— AN FHEADAG. Naigheachd fior. ’Nuair bha mi m’ bhalachan beag, mu sheachd bliadhn’ a dh’ aois, fhuair mi iomad sgillinn o’m’ chàirdibh, air latha féille. Chaidh mi gu grad do bhùth far an robh iad a reic culaidh-chleasachd do chloinn; agus thaitinn fuaim feadaig a chunnaic mi aig giullan eile rium co math ’s gu ’n do thairg mi dha mo chuid airgid uile air a son. Thainig mi ’n sin dachaidh leatha, a’ feadaireachd fad an rathaid, ro thoilichte le m’fheadaig, ni a chuir mòr dhoimheadas air an teaghlach leis an fhuaim neo-chuand’ a bh’aice. ’Nuair a thuig mo chàirdean an luach a dhìol mi air a son, thuirt iad rium gun do cheannaich mi tuille ’s daor i. Chuir so am chuimhne, mar biodh sin air tachairt, gur iomad ni eile a dh’fheudainn a cheannach leis a chuid eile de ’n airgiod; agus rinn iad na h-uiread fhanoid orm arson m’ amaideachd ’s gun do ghuil mi gu goirt; agus chuir a bhi cuimhneach mar dh’ éirich dhomh tuille farrain orm na thug an fheadag de thoil-inntinn dhomh. Ach rinn sin caileiginn de stàdh dhomh na dhéigh sin, ionnas ’nuair a bhithinn air mo bhrosnuchadh gu ni neo-fheumail a cheannach, theirinn rium fhein, Na d’ thoir tuille ’s a chòir air an fheadaig; leis a sin chaomhainn mi mo chuid airgid. ’Nuair a dh’ fhàs mi mòr, ’s a thug mi fainear gnàthachadh dhaoine, air leam gun do thachair iomad fear orm a thug tuille ’s a chòir air fheadaig. ’Nuair a chunnaic mi aon neach tuille ’s déigheil air gean-maith nan daoine mòra, a’ call ùine, a shuaimhneas a shaorsainn, a dheadh-bheus, agus theagamh a chàirdean, chum ruigheachd air, ’s minic a thuirt mi rium fein, Gun d’ thug am fear ud tuille sa chòir air fheadaig. ’Nuair a chithinn fear eile toileach a bhi ann am miagh, a’ sìor thaghall cuideachdan tagluinneach, a’ dearmad a ghnothaichean fein, ’s tric a thuirt mi, Tha e toirt tuille ’s a chòir air fheadaig. B’aithne dhomh spìocaire bochd, a thug thairis gach sòlas ’na chaithe-beatha, gach toileachadh air math a dheanamh do chàch, gach meas a bha dligheach dha fhaotainn o dhaoin’ eile, agus sòlas càirdeas mathasach, arson maoin a [TD 163] cruinneachadh. An duine truagh, a deir mise, tha e toirt tuille ’s a chòir air fheadaig. ’Nuair a chi mi fear an t-sùgraidh, a’ lege dheth gach deagh-bheus, ’s a’ struigheadh ùine agus a mhaoin arson toileacha faoin, Amadain bhochd, arsa mise, ’s ann a tha thu ’g ullachadh cràdh dhuit fein ’an àite toil-inntinn; tha thu toirt tuille ’s a chòir air t-fheadaig. Ma chi mi fear toigheach air aodach rìomhach, air àirneis chostail, agus air lòiseam mòr thar a theachd a stigh, ’s a chum am faotainn a théid an ainfhiach, ’s a chrìochnaicheas a chuairt ann am prìosun: Mo thruaighe, a deir mise, dhiol e gu daor air fheadaig. ’Nuair a chi mi ainnir mhàlta dheagh-bheusach pòsda ri fear mi-shuairce: Nach bu mhòr am beud e, a deir mise, gun d’ ìoc i na h-uiread airson feadaig! A dh’ aon fhocal, mhothaich mi gun robh a chuid bu mhò de thruaighe a chinne-dhaonna air an tarruing orra leis a bharail mheallta a bh’ ac’ air luach nithibh, agus le iad a cheannach am feadag tuille ’s daor. Ead. le P. M‘F. AISLING A CHUMHNANTAICH.* Ann an aisling na h-oi’che chaidh mo ghiulan an àird Chum nam beann air ’n do ruagadh na Mairtirich àigh; ’Sa’bheil Biobuill nan naomh ’s airm-chatha nan laoch, Air an gearradh air cloich far an dosrach am fraoch. B’e aisling mu lìnntean geur-leanmhuinn a bh’ann, ’Nuair dh’fhògradh na Naoimh roi choilltibh nam beann, Bha caomh bhratach Shion ,an uaigneas an t-sléibh, Air a dathadh le fuil, agus reubt, as a chéil’. B’e maduinn an t-samhraidh, is bha fann ghath na gréine, Gu h-àillidh a ’baoisge air gorm shlios nan sléibhtean; Air beanntai na dùcha bha tlà dhealt is drùchd, A’braonadh air lusan, ’s air blàithean nan stùchd. Bha’n uiseag gu ceolmhor feadh neoil ghil nan speur, A’seinn le toilinntinn a binn cheileir réidh, Bha’n fheadag ga cluinntinn ann an doimhneachd an aonaich, ’S air monadh an fhraoich bha méilich na’n caorach. Gleann Welwood bha ùr’or a’fosgladh fo shòlás, ’S gach ceud-bhlàth air fàs ann an àirde am bòichead; Chuir òighean a ghlinne le aiteas an gràidh, Fàilte le sòlas air maduinn an àigh, Ach mo thruaighe do’n bhuidhinn a dh’éirich le chéile, Fhuair sealladh roi’-laimh air an teanndachd bha ’g éiridh; * The Covenanter’s Dream. [TD 164] Cha b’urrainn iad tlachd a bhi ac’ air an làraich, Far am b’fhios doibh am fuil bhi ga dòrtadh am màireach. B’ iad fuidheall nan laoch a shea dìleas le Cameron, Bha gam folach sa cheo air feadh ruadh-eoin a gharbhlaich, Oir bha marcaichean Earshall a’tarruing ’gan còir, Srianan nan each bha ri’m faicinn roi’n cheò. Bha’n aghaidhean uaine, ’s an claidheannan rùisgte’, Ach bha’n dioghaltas a dhùbhraich an sùilean gun bhrùchda, Na naoimh thog an sùilean le ùmhlachd an àird; Is sheinn iad gu tiòmhaidh do’n Dia o’n robh ’n slaint’. Bha na beanntai’ean creagach a’freagairt an òrain, Rinn an fheadag ’s a ghuilbneach co’-sheirm riu cò’lath; Ach bhàsaich an ceòl a’measg spòrs agus gàraich, ’Nuair bha feachd nam mi-dhiadhach a’triall chum na h-àraich. Ged bha iad a’tuiteam feadh deataich is teine, Bha anama nam fìrean ciùin, sìochail gun eagal, Bha’n sùilean a lasadh, ’s le taise cha ghéilleadh, ’S ann a sheas iad mar charraig, is an dealan gan reubadh. Rinn na gunnachan làmhach—dheàrs’ gorm-lanna faobhrach, Na clogaidean spealgta—bha’n dearg-fhuil ga taosgadh; ’S na treun-fhir ga’m marbhadh ’an garbhlach a mhonaidh. ’Nuair mharbhadh na fìreain, ’sa chriochnaich an stréupaid, Thainig carbad de theine roi dhubh-neoil nan speuran; B’iad ainglean is cheruib nan-speur a luchd-coimhead, ’S bha rothan a’lasadh air aisilean soluis. Chaidh seraph a dh’fhosgladh a dhorsan geal maiseach, A bha deàrsadh mar òr chaidh seachd uairean a ghlanadh, ’S na h-anamaibh éibhinn a dh’éirich a àmhghar, Do fhlaitheanas dh’fhalbh air charbad na slainte: Air bogha nan speuran bha’n carbad air fhaicinn, Roi’ ràidean na tàirneanach thàirneadh am marc-shluadh, Greasaibh aingle gu luath, oir tha’n duais ann ’ur còir, Crùn a bhios siorruidh ann an rioghachd na glòir. Sgìreachd Chille-Bhreanainn. S. C. Mu Imrich nan Eun. “Seadh, is aithne do’n chorra-bhàin anns an athar a h-àm fein, agus is aithne do’n choluman, agus do’n ghobhlan-ghaoithe am an teachd;” Ieremiah. Cha’n’eil e comasach smuainteachadh air an tuigse nàduir a bhuilich Dia air na h-eunlaith, gun bhi air lionadh le iongantas, agus de gach tuigse tha aca, cha ’n’eil ni is aithrigh air beachd, na [TD 165] mar theid cuid diubh o thìr gu tìr air àmaibh sonraichte. Gad a tha iomaduidh seòrs’ againn san t-sàmhradh cha mhòr a dh’ fhuirgheas againn fad a gheamhraidh. Cha luaithe a thòisicheas am fuachd ri teachd na dh’fhalbhas a Chuag, an Gòlan-gaoithe, an Liath-truisg, a Chorra-riathach, agus iomad seòrs’ eile. Itealaichidh iad air falbh do dhùthchaibh is fearr a fhreagras doibh: agus anns an àm cheudna thig eoin eile oirnn o rioghachdaibh is faide mu thuath n’an dùthaich againne. Tha dà ni ro-chomharaichte san imrich so. ’Se cheud ni gun tuigeadh na creutairean sin an t-àm is freagaraiche dhoibh gu falbh agus gu tighinn; agus ’se ’n ni eile, Gum biodh fhios aca c’àite ’m bu chòir dhoibh dol, agus ciod an t-slighe bu chòir dhoibh a ghabhail.Tha e air a thuigsinn gu bheil aig eoin na h-imrich so sgiathan, agus cumadh a tha gu h-àraidh freagarach arson dol air asdar fada. Agus tha e ro-shonraichte gu bheil iad air na h-àmaibh so a’leige ris gliocas agus riaghailt a tha cur mòr ìoghnadh oirnn. Mhothaicheadh ann an cuid de Dhùthchaibh gu’n cruinnich iad nan sgaoithibh lionmhor, as gach cearnaidh de’n tìr, ann an àiteachaibh fa leth a réir an gné, beagan ùine ma’n gabh iad an turus, mar gum biodh iad a’ deanamh suas ri cheile ma’n àite chum an robh iad a’ dol; agus falbhaidh iad an sin le aon fheachd, agus gun sdiuir gun chòmbaist san oidhche dhall dhorch, thairis air chuantaibh, agus rioghachdaibh, do na dùchaibh is iomallaiche. Tha turus na’n Giadh agus nan Tunnaga fiadhaich, aithrigh air beachd sonraichte. Falbhaidh iad nan dà shreith a’ coinneachadh air an toiseach, mar gum biodh geinn ann. Tha ’n t-aon is toisiche a’ gearradh an àile do chàch; ’s an uair a bhios esan agus an dithis a tha na dhiaigh sgìth, theid iad a chum an deiridh, agus gabhaidh triùir eile an àite. Tha e air a mheas gu bheil cuid diubh so a ni dà cheud mile an aon là, ’s gun a bhi air iteig ach sèa uairean. Anns an imrich so tha maitheas agus freasdal De ro-shoilleir. Nach furasd fhaicinn a chaomh thròcair dhoibh ann an solar lòin, air an son agus gan sdiùradh far a bheil so ri fhaotainn, ’nuair tha e faillneachadh orra an àite eile. Tuigeamaid uaithe so gu bheil gach ni ann an rioghachd an Uile-chumhachdaich air a shocrachadh le gliocas neo-mhearachdach, agus maitheas neo-chriochnach. Tha’n t-eun is faoine san ealtuinn fa fo chùram Dhe. Smuainticheamaid air a so, agus gabhamaid nàire arson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin. Easan a tha seoladh a mach slighe do na h-eoin, nach mòr is mò na sin a ni e dhuitse, O! dhuine, air bheag Creidimh? Ead. le T—O— A MHATHAIR CHRABHACH. Bha ann an America bean dhiadhaidh, aig an robh an toileachadh na chunnaic a clann ’an àm an òige air an toirt chum eolas na fìrinn, a’ gluasad ’an eagal an Tighearna, agus a bha nam meas do eagluis Chriosd. Bha ministeir àraidh air a thurus, chual’ e iomradh air a mhnaoi so, agus bha e ro dheònach a’ faicinn; a’ saoilsinn gu ’n robh ni eiginn ro shonraicht san dòigh air an do theagaisg i a clann, a dh’ fhàg co tarbhach e. Chaidh e da faicinn, agus dh’ fhiosraich e dhi ciod am modh a [TD 166] ghnàthaich i ann am foghlum a cloinne. Fhreagair a bhean nach b’fhiosraich i gu ’n robh i comharaicht air mnathan deagh-bheusach eile, ann am foghlum cràbhach a cloinne. ’An déigh beagan seanchais, thuirt i ris, “Am feadh a bha mo chlann gu maoth air mo ghlùn, mar bha mi ’g am failce, no gan nigheadh, dh’asluichinn air Dia gun ionnlaideadh e iad san ‘fhuil sin a ghlanas o gach peacadh; ’nuair bha mi cur an aodaich umpa sa mhaduinn, dh’ asluich mi air m’ Athair neamhuidh gu ’n sgeadaicheadh Dia an anama le aran o neamh, agus deoch a thoirt dhoibh de uisge na beatha; ’nuair a chuir mi ’nan uidheam iad arson dol do thigh Dhe, ghuidh mi gu’m biodh an cuirp nan teampuill do ’n Spiorad Naomh chum támh a ghabhail annta; ’nuair a rachadh iad do ’n sgoil, ghuidhinn gum biodh an cuairt tre ’n bheatha so, mar sholus an ionracain a dhealraicheas ni ’s mò agus ni ’s mò chum an latha iomlain; ’s an uair a chuir mi luidhe iad san oi’che, b’e guidhe dìomhair dùrachdach m’ anama, gu ’n gabhadh an Athair neamhuidh air a chùram iad. Deanadh pàrandan am bitheantas cleachdadh an deagh mhàthar so a leantuinn, agus chìtear gu luath a bhuil agus a bheannachd ann an giùlan ciatach na h-òigridh. P. M‘F. Sgeul mu losgadh a Bhiobuill. Bha roimhe so Comunn de dhaoin’ uaisle ann, a fhuair deagh fhòghlum, ach aig an robh barail an ana-creidich; bu ghnà leo coinneachadh aig an tighibh fein, chum dìmeas agus tàir a dheanamh ar focal De, a daighneachadh a chéile ’nam mi-chreidimh. Ma dheire chuir iad rompa am Biobull a losgadh air mhodh follaiseach, chum nach cuireadh e ’m barrachd dragh orra. Thainig an là a chuir iad rompa sin a dheanamh; chaidh teine mòr uidheamachadh; chaidh Biobull a chur air a bhòrd, agus soire de dheoch laidir chum a dheoch cuimhneachain òl. Chum sin a dheanamh shocraich iad air duin’ òg measail a bha gu modhail, teoma, tapaidh. Ghabh e a chùis mu laimh, ’s an déigh dha gloin’ no dhà chridheil òl, a measg co’-ghàir a chòmpanach, chaidh e chum a bhùird, ghlac e am Biobull, agus dh’fhalbh e leis gu fòill chum a chuir sa ghrìosaich; ach bhuail ball-chrith obann e; mhùgh e neul, gun chomas gluasad. Chuir e uaithe am Biobull, agus thuirt e, le h-uabhas, “Cha loisg sinn an leabhar sin gus am faigh sinn aon is taitniche!” Beagan an déigh so bha’n duin’ uasal sunndach òg ceudna air leabuidh a bhàis, agus bhuail fior aithreachas e, le làn mhuinghinn ri maitheanas agus sonas fhaotainn o na bha san leabhar sin a bha e aon uair a’ dol a losgadh. Thuig e gu dearbh, cha ’n e mhàin gum b’e leabhar a b’ fhearr rè àm a bheatha, ach mar an ceudna air adhart a bhàis. P. M‘F. Mu theum coin chuthaich. Tha so na sgiorradh a tha tuille s tric a’tachairt ann an sàmhradh teith. Co luath ’sa ghearrar neach le mada (co ac’ tha no nach ’eil e air a chuthach) ’s còir an lot ionnlad le uisge agus salann, no le fion-geur agus salann—cha bu [TD 167] chòir an cù a mharbhadh gus am biodh-te làn chinnteach an robh no nach robh e air a chuthach. Is iomchuidh grad fhios a chuir air lighiche, agus gus an d’thig e oidheirpeachadh fallas a bhrosnachadh le shuathadh gu teann le h-ola bhlàth, ni a chuidicheas gus an nimh a tharruing air falbh, no cur as da cumhachd anns an lot. Ge b’e cungaidh leighis a ghnàthaichear is còir leanailt air fad shè seachduinean; agus is iomchuidh do’n neach a lotar fuireach ré na h-ùine so o fheòil, agus o gach ni goirt no saillte, Cha’n fheud e deoch làidir òl, agus gun ach lòn eatrom a ghnàthachadh. P. M‘F. Leigheas arson losgaidh. Co luath ’sa loisgear neach le uisge, is còir a chuid loisgte a ghrad chuir ann an uisge fuar; no mar gabh sin deanamh, rachadh pailteas uisg’ a thaosgadh air, gus am fuaraichear an t-aodach; ’s am-feadh a bhios aon a’fuasgladh ’s a’ toirt an aodaich bharr an duine dheireasaich, is còir do neach eile bhi sìor thaomadh uisge fuar air a chuid sgàillte; ach ma dh’éirich an craicionn cha chòir fion-geur no aon deoch làidir a shuathadh ris, ach is feumail an t-uisge fuar a ghnàthachadh gun sgur gus am falbh an goirteas. An uair nach gabh a chuid loisgte chuir ann an soitheach uisge, feumar mìr anairt air a fhliuchadh le uisge fuar a chur air, gun bhi ga thoirt dheth, a chionn gu bheil e feumail a ghaoth a chumail uaithe, ach a chumail do ghnà fliuch. An uair a dh’fhalbhas an cràdh feudar sgur de’n fhliuchadh leis an uisg’ fhuar; ach ma dh’ fhàsas e a rìs goirt, feumar teannadh r’a fhliuchadh. P. M‘F. MU SHONAS A CHRIOSDUIDH. Cha’n’eil duin’ air talamh co sona ris a chriosduidh. ’Nuair a dh’ amhairceas a suas gu neamh smuainticheadh e ’s e sin mo dhachaidh: an Dia a chruthaich e, agus d’ am buin e, ’s e m’ Athair fein e; na h-aingil àrd a tha m’an cuairt da, is luchd-frithealaidh dhomhs’ iad, agus mo nàimhdean is ìochdrain iad nach urrainn lochd a dheanamh orm. Seadh, eadhon na nithe is eagallaich do’n mhuinntir aingidh pheacaich, siad is taitniche dhàsan. ’Nuair a chluinneas e tàirneanach an Tighearn os ceann a chinn, smuaintichidh e ’s e guth m’Athar a th’ann. ’Nuair a chuimhnicheas e air cathair a bhreitheanais, bheir e fainear le sòlas gur e a Shlanuighear a tha ri suidhe oirre. ’Nuair a thig am bàs cha’n’eil e dhà ach mar theachdaire tha ga ghairm do fhlaitheanas. Ann an aon fhocal, cha’n’eil ni air talamh, no ann an ifrinn, is urrainn a dheanamh truagh. Cha’n’eil ni no neach air talamh na’n culaidh-fharmaid ach an Criosduidh. T—O— Grad fhreagradh. Bha duin’ uasal àraidh, leis am bu ghnà bhi ri mionnan obann oilteil. Bha e aon là a’dol ’na charbad do Dhuneidean, agus thainig an carbad an aghaidh cloiche, a thug air stad—sheall e mach, agus chunnaic e’n cionfath,—ghlaodh e ri seann duine còir a bha ’g obair air an rathad-mhòr, “E thogail na cloiche, agus a’tilge do ifrinn.” “Cha tilg idir! a deir [TD 168] an duine, ’s e cromadh ga togail. is fearr leam a tilge thar a ghàradh, oir nan deanainn mar dh’iarr thu orm, bhiodh i rìs ann ad rathad.” P. M‘F. NAIGHEACHDAN. THA sìth a nis air a nasgadh eadar na Rusianaich agus na Turcaich. Tha dòchas aguinn gum bi i seasmhach; cha’n’eil sinn gun teagamh m’an chùis. Bha’n Fhéill-mhiochail so chaidh gun bhi idir math, aon chuid air crodh no air caoraich; bha iad gu mòr ni bu lugha luach na bha iad mu’n àm so n-uraidh. Fhuaradh gabhail aig a bhàrr gun a bheag a dholaidh a thighinn air, agus tha e gu dùmhail tarbhach. Tha’n Cruithneachd a’tuiteam; agus tha’m Buntàta ro-phailt. Cha’n’eil ceaird, agus cosnadh, a bheag ni’s fearr; agus tha na cosnaichean a’fulang a chion oibre. Is duilich leinn a chluinntinn gu bheil mòran calldaich air muir, leis an uair stoirmeil a bh’ann o chionn ghoirid; agus gu bheil cuid de na Soithichean a bhuineadh do’n Ghae’ltachd air an call. FOCAL SAN DEALACHADH. Fhuair sinn na Laoidhean taitneach a chuir ar caraid o Thom-nam-buachhaillean d’ar n-ionnsuidh. Bu mhithich dha smuainteachadh air, “O’n a chaidh a Chailleach na ruith, tha dòchas againn gun d’théid i na deann ruith.”—Fhuair sinn litir CHALUM BHAIN—cha’n’eil againn ri ràdh ris-san, ach mar d’thoir e chuid do’n duine bhochd, na bitheadh e a’ fochaid air. Fhuair sinn an litir a chuir Seonàid Og d’ar n-ionnsuidh. Cha’n’eil comhairle sam bith againn ri thoirt oirre—pòsadh i’n Taillear, no diùltadh i e mar is deònach leatha fein; ach cuimhnicheadh i an sean-fhocal—‘Gur fearr an Giomach na bhi gun fhear.’ Fhuair sinn litir mholaidh A MHAOIR-GHLAIS.—Tha sinn fo chomain dhà arson a dheagh bharail;—ach bu taitniche leinn cuideachadh fhaotainn uaith na sodal. “Cha dean a ghlòir bhòidheach, an t-amadan sàitheach.” Printed by D. Maclure & Co. Argyle Street, Glasgow. [TD 169] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MEADHONACH A GHEAMHRAIDH. AIREAMH VIII. 1829. LATHA NALLAIG. “Rugadh dhuibh an diugh Slanuighear, ann am Baile Dhaibhidh, neach a’s e Criosd an Tighearna.” Luc ii. 11. ’S ann air a chùigeamh latha fichead de’n mhios so a tha chuirm sin air a cumail ris an abrar an Nallaig. Tha’m focal so Nallaig a’teadhd o fhocal Laidinn, a tha cialluchadh breith, no teachd chum an t-saoghail. ’Se so an latha a tha air a chur air leth le cuid de Chriosduibh, mar chuimhneachan air an ni is cudthromaich a thachair o chruthaicheadh an saoghal, ’s e sin, breith CHRIOSD. Latha cuimhne na h-aimsir sin anns na choilionadh na ghealladh gu moch, gum biodh Mac air a bhreith ann am Betlehem, cathair Dhaibhidh; a bhiodh ’na Uachdaran a stiùradh sluagh Israeil. Cha’n’eil, gu dearbh, iomradh air bith againn air là Nallaig sna sgriobtuiribh; is cha mhò tha aon là air a chur air leth seach là eile le àithne Dhe, chum cuimhn’ a chumail air breith Chriosd; air chor ’s nach ’eil e mar fhiachaibh air duine sam bith a tha gabhail a Bhiobuill mar a riaghailt sdiùraidh, an là so a chumail mar latha cuirm spioradail. Cha do choimhideadh là Nallaig leis na ceud Chriosduibh rè thri cheud bliadhn’ an déigh do’n t-Slanuighear teachd a dh’ionnsuidh an t-saoghail; agus tha fhios againn nach ’eil na daoin’ is foghluimte, agus is ainmeala arson an àrd-sgoileireachd, a dh’aon bharail m’an là, no eadhon m’an mhìos anns an d’rugadh e. Ach ge nach ’eil e mar fhiachaibh air daoine an là so a naomhachadh, a’bheil e iomchuidh, no freagarach, an là a tha air ainmeachadh air Criosd, agus a tha cuid de dh’ eagluisean a’cumail naomh mar chuimhneachan air a bhreith, a thoirt thairis do òl, do chamanachd, do dhannsa, agus do bhaoth-shùgradh? Chuireadh urram air latha breith Chriosd le ainglibh Dhe. Theirinn iadsan air feasgar an àigh le ceileireabh binn; bha aca-san an céol agus an òrain naomh; ach cia eadar-dhealaichte o cheòl agus òrain mòran d’ar luchd-dùthcha air an là sin a tha iadsan a’cumail mar latha Nallaig. Sheinn na h-aingil “glòir do Dhia anns na h-àrdaibh, air talamh sìth, agus deagh-ghean do dhaoinibh.” Dh’uidhimich an àird an Ear air an fheasgar sin, a h-òr, a tùis, agus a nithe luachmhor,chum an càramh aig cosan an leinibh so a bha air a bhreith ann am Betlehem. Bha Drùidhean glice na Dùthcha sin air an dùsgadh gu mothachadh. Ghluais reull ùr rompa a threoraich iad [TD 170] [Taobh-duilleig 158 san leabhar fhèin] air an t-slighe a dh’ionnsuidh an ionaid san robh an Naoidhean air a bhreith. Rinn na Drùidhean gairdeachas le aoibhneas ro mhor. Chaidh iad a stigh, agus fhuair iad an Naoidhean le Muire a mhàthair. ’S ann an so a bha’n sealladh iongantach! Cruthai’ear an domhain na luidhe ann am prasaich! An t-Athair siorruidh na leanabh! Aosda nan laithean na naoidhean maoth! Ciod a rinn na Drùidhean, agus cionnas a chum iadsan an Nallaig? Thuit iad sios, agus rinn iad aoradh dha. Bi’n oidhche anns an d’rugadh Criosd, oidhch ’an àigh do na buachaillibh bochda a bha mach air a mhagh a’deanamh faire oidhch’ air an treud. Thainig aingeal an Tighearna orra, air éideadh le solus a shoillsich dorchadas a mheadhon oidhche, agus dhealraich gloir an Tighearna m’an timchioll. Ghabh iad eagal mòr, ach dh’fhògair an t-aingeal gach eagal le bhriathraibh caomh, “na biodh eagal oirbh, “deir e,” oir feuch tha mi ’g innseadh dhuibh deagh sgéil a mhòir aoibhneis do na h-uile shluagh, rugadh dhuibh an diugh Slanuighear, ann an cathair Dhaibhidh, neach is e Criosd an Tighearna.” So na thachair air an oidhche sin, air a bheil là Nallaig air a chur air leith mar chuimhneachan. Air maduinn an là so, is gnà leis an Eagluis Shasunnaich agus Eagluis na Ròimhe, cruinneachadh gu moch nan tighibh aoruidh, agus le fuaim an orgain bhinn, agus co’-sheirm an t-sluaigh mhòir laoidh na Nallaig a sheinn. Agus ma ’s e so an doigh air an do chumadh a cheud Nallaig, le Drùidhibh glice, agus le Ainglibh àrda, ma se so an doigh anns a bheil e fhathast air a choimhead, le Eagluisibh Criosduidh, an d’thoir sinne tàmailte dha le chur air leith chum òil agus ruiteireachd. Cha’n’eil sinne ’g aideachadh gu bheil ùghdarras sam bith ann am focal De arson latha féill a dheanamh de’n là so; ach thogamaid ar guth gu laidir an aghaidh an là so a chaitheamh air mhodh àraidh, seach là eile, ann an gòraich. Ma shonraicheas sinn idir e, na b’ann le òl agus le amaideachd. Ma ni sinn la aoibhneis dheth, gu ma h-e gairdeachas spioradail a bhios ann. Mu chumas sinn idir e, gum b’ann mar rinn na h-Aingil, a toirt cliù do Dhia le bhi breithneachadh air iongantas na saorsadh, agus a’ coisrigeadh ar beatha dha ann an nuadh ùmhlachd caithe-beatha agus giùlain. Cumamaid cuimhne air breith Chriosd, cha’n ann air latha seach a chéile, ach gach là agus oidhche am fad ’s a’s beo sinn. Fàilticheamaid teachd Prionnsa na sìth, le gabhail gu taingeil ris an t-sìth a tha e ’tairgse. Thainig esan a dheanamh suas sìth-réite eadar Dia agus daoine, uime sin ghuidheamaid oirbh as uchd Chriosd a bhi réidh ri Dia. Gach gloir do Dhia ’sna neamhaibh shuas, Sìth bhuan air thalamh ta, Nochd Dia ’dheagh thoil do’n chinne daoin’; ’S cha traogh am feasd a ghràdh. T. O. [TD 171] [Taobh-duilleig 159 san leabhar fhèin] LAOIDH. Mat. ii. 2. A Reult! is ainmeile is dealraiche do ’òigridh na maidne, Dùisg sinn o’r codal, a’s mosgail o’r suain, ’San Ear, moch a ’g eiridh, stu ’s àilte anns na speuraibh, Treoruich ’ar ceumaibh, gu Fear-saoraidh na’m buadh. Troi eudach a leapa, tha trom dhealtan a drùghadh, Is ro-iosal a chàradh, air an làr, a measg bhrùidean; Ge tàireil na’r sealladhs’, tha Ainglean ’toirt cliu Dha, Fear-cumaidh, Fear-saoraidh, Fear-riaghlaidh gach dùile. An d’thoir sinn dha aoidheachd is saibhire luach, Iobairt thùis thig o Edom, a’g éiridh dha suas; Seudan bheanntaibh-’us neamhnuidean cuain, Ioc-shlaint choilltibh, òr o mhèinn thig anuas? Bu diomhain an tairgse, òr, airgiod, na tùis, Si ùrnuigh na’m bochd, is ro-sprochdaile tùrs’ Na shealladh s’ is luachmhoir’-cha’n fhuath leis na deoir Tha sileadh o ghruaidh an truaghain tha leònt’. A Reult! is ainmeile, is dealraich do ’òigridh na maidne, Dùisg o’r codal sinn—mosgail o’r suain, San Ear, moch a’g éiridh, ’stu is àilt anns na speuraibh, Treoruich ’ar ceumaibh, gu Fear-saoruidh na’m buadh. Ead: leis an EILEANACH, COMHRADH NAN CNOC. Aonghas, Eachann, &c. agus am Ministeir. EACH. Tha thùg agaibh air fheara. A’bheil guth idir agaibh air sgur? Gu dearbh, Aonghais cha’n’eil an stachd sin fein furasd a chur as a làraich. AON. ’Sann agam tha fios; ach cruaidh ’s ga bheil e, mar thuirt muileann gliongach a ghlinn bhig, théid againn air, théid againn air. EACH. Mata is briagh an t-innleachd drochaid fein; is mòr am feum a bh’air té an so. ’S iomadh mìobhadh a bha daoin’ a’faotainn air a bheul-àtha so. A’ bheil cuimhn’ agad air an oidhch’ a bha sinn air tòrradh bràthair do shean-athar? AON. Fhir mo ghràidh, nach tu bha thall, ’s a chunnaic sin. Tha, agus bithidh cuimhn agam air. ’S ann air na daoin ’a bha’n saod maith an oidhche sin fein, is dh’ fheudadh iad; bha’n tòiseachd ni bu phailte na tha e’n diugh. B’e sin an tòrradh, ’s cha b’e tòrradh spìocach na bochduinn, leis a bheil iad a nis a’cur dhaoine còir, fiachail fo thalamh. SEUM. ’Si mo bharail, a dhaoine, gum feudadh cuimhn’ a bhi againn uil’ air an tòrradh a bha’n sin. Is [TD 172] [Taobh-duilleig 160 san leabhar fhèin] minic a chuala mi ’m athair a seanachas air. EACH. Tha thu ceart, bha e làthair, agus bu ghramail, sgairteil an ceatharnach e san àm sin. SEUM. M’as fior an seanachas cha’n fheumadh e a sgairt a bhi na sporan: tha mi’m barail nach b’uilear dhuibh uile gach sgairt a bh’agaibh. EACH. Bha sgròbadh mosach ann; ach ’s minic a chunnaic sinn ni bu mheasa sa chladh cheudna. Agus ged is cinnteach gur e’n dràm bu choireach, ’s e’n t-aon sìochaire bu leibidich’ a bha san dùthaich a thoisich an iorghuill, agus b’e sin Pàra saighdear, sgealb de dhuine bha cho chrosta ris an dris. Cò bha na fhear-freasdail again, ach Iain na beinne agus cha b’e sin làmh na gorta. Mar dean mi breug cha’n’eil cuimhn’ agam ciod a fhuair sinn mu’n do thogadh an giùlan; ach tha cuimhn’ agam gun do ghabh sinn sgoba math aig bealach nan càrn, agus chithe tu còrr-fhear gle thulgach air a chasan a’tearnadh a stigh na catha os cionn na h-eagluis; ach ’s ann air deireadh an latha bu teothaidh an cath; thainig am feasgar, agus, a mhic chridhe luidh sinn air. Ciod a th’ agad air, ach bha Pàruic ’se na shuidhe air ultaich de chloich chruinn, anns an turramanaich; ann am prioba na sùl dh’fhalbh a chlach, agus sios chaidh e fein agus ise car air char leis a bhruaich. Mar bha’n tubaist ann, cò bha na shuidhe làmh ri Paruic ach an ceatharnach còir, agus b’e sin esan, Eoghann mòr. Cha chòmhdaicheadh an saoghal air Pàruic, (agus e na pheasan mar bha e,) nach e Eoghann a chuir leis a bhruaich e, agus na bhad a bhitheadh e; ach b’e sin streap a mheasain ris a mhiol-chu; ach coma leat chaidh an ceòl air feadh na fìdhle, ’s bha’n t-sàbaid air bonn. Dh’éirich na h-uile fear gun fhios cò bu Chalum, agus bha iad mar sin a’spìonadh agus a sgròbadh a chèile, gus an deach an oidhch’ agus an abhuinn so fein san eadraiginn. Rainig sinn am beul-àtha so, ’sa mach bhiodh na h-uile fear gun suim de’n chlachran; agus chitheadh tu iad a sìos leis an t-sruth, an sàs na chéile mar gum biodh coin air lothainn ann, ach feuch riut, ’nuair chaidh iad am bogadh sa ghlumaig mhòir mar robh iad gle sgìth d’a chéile: chluinneadh tu iad a ròcail thall sa bhos mar ni an dòbhran donn, ach cha luaithe fhuair iad gu tir, na bu bhuidhe leis na h-uile fear a thigh a thoirt a mach mar a b’fhearr a dh’fheud e. Och! ’s ann air an dùthaich a thainig an dà latha. SEUM. Mata bu ghrannda sin fein a’measg luchd-dùthcha. EOGH. Coma co dhiù, bha daoine còrdadh gle mhaith airson sin; an dram, fhir mo chridhe, a rinn uil’e. AON. Ciod eil’ ach an dram? MINIS. Ciod so, Eachainn, a rinn an dràm? Is iomad olc a rinn e riamh. EACH. Nach e sin fein an cliu a th’air; ach mar thachair do’n Eirionnach, cha’n’eil e ni’s measa na tha ’n t-ainm dha; is sibh a thainig orm gun fhios domh, tha’n rathad so co comhnard réidh ’s nach cluinn duine an t-each donn fein a’tighinn, ge sunndach farumach a dh’fhalbhas e: m’each còir; an saoil thu fein Aonghais nach beo an da shùil tha na cheann. AON. Tha Eachann agus mis a Mhinisteir a’tighinn air seann naigheachdan, tha e cuimhneachadh dhomh na thachair air tòrradh bhràthair a shean-athar; agus a’talach mar tha’n t-òl a’ dol a’ cleachdadh air na tòrraidhibh. EOGH. Cha’n’eil mis, Aonghais, [TD 173] [Taobh-duilleig 161 san leabhar fhèin] a’talach air dì drama; ge nach ’eil fhios agam cò chuireas ri chluais le moit e ni’s mò na ni mise, cha’n’eil mi dad ni ’s déigheala air na daoin’ eile; ach na dhéigh sin ’sgu lèir cha’n fhaic mi c’arson a bhiodht’ an aghaidh cuimse dheth an àm feuma. MINIS. ’Se sin, a’m briathraibh eile, an còmhnuidh; oir tha fios agadsa far am bi déigh an drama, nach robh leith-sgeul an drama riamh air chall. Iarruidh daoine san t-sàmhradh e chum am fiunnarachadh, agus anns a gheamhradh gu teas a chur annta. EOGH. An saoil sibhse ’nuair tha daoin’ a’saoithreachadh thar muir is monadh, mar is tric a tha iad air tòrradh, nach feum iad biadh is deoch? MINIS. Feumaidh, ach feudaidh iad biadh is deoch a ghabhail ann am measarrachd, gun suidhe sìos ann an Cladh n’an Cill, agus iad fein a chur air an daoraich, agus is tric a chunnaic mi, nach iadsan is faid a thig air astar is ciontaich anns a chùis so. Chi mi gur iad na daoin’ is dlùithe air a Chladh is mò a dh’itheas agus a dh’òlas. EACH. Tha sin fior; ach air leam fein, gur grannd an gnothach daoine fiachail a chur fo thalamh mar gum b’ann gun fhios, gun uiread agus gloin òl mar chuimhneachan orra. Tha rathad laimh ris an rathad mhòr, agus cha’n fheud e bhith gum bi sibh an aghaidh cuimse. MINIS. Cuimse, Eachainn, is doirbh a ràdh ciod ris an abradh tusa cuimse. Nach cianail an gnothach ’nuair a tha bàs ann an teaghlach, nach ceadaichear do na cairdibh tùrsach an deoir a shileadh ann an sìth; agus iad fein a striochda gu sàmhach do’n Ti a smachdaich iad; ach g’um feum iad éiridh le cridhe luchdaichte le bròn a dheasachadh na fathraire, agus O b’i sin a chuirm gun bhlas, do gach neach aig a’ bheil mothachadh. Air mo shon fein, ’nuair a chithinn daoine a’ suidhe sios air chùl gàraidh anns a Chill, a stròiceadh feòla, agus a’ cnuachdadh arain agus chàise, ag òl le cìocras, is minic a chuir e sgreiteachd orm. Tha meisg air àm no an àite sam bith ro ghràineil ach is i mheisg is oillteile meisg an tòrraidh. Ciod an sealladh is uamhasaiche na daoine air an dalladh le daoraich, a’tuiteam air na leachdaibh sin fo ’m bheil an caomh chàirdean nan sìneadh, agus far am bi iad fein ann an ùine ghearr a’ breothadh gu ùir. Seadh, agus mar is bitheant a chunnaic thus’ Eachainn, iad a’dortadh fola càch a cheile air a cheart fhòid sin air am fac’ iad deòir nam banntrach agus nan dìlleachdan a sileadh gu frasach. B’e so Eachainn an sealladh gràineil, agus cha b’e a mheasarrachd air a bheil thus’ a’ talach. Mo thruaighe sinn! tha sinn ullamh ni’s leoir chum am bàs a dhi-chuimhneachadh, ged a chumamaid air chuimhne e an fhad ’sa tha’n uaigh, a chiste, a chnuimh, ’san claigionn rùisgte fa chomhair ar sùl. ’Si so an t-searmoin, agus is cruaidh an cridhe air nach drùigh i. Tha fàs fhuaim eagallach aig an ùir a’tuiteam air a chistidh’ bu chòir toinisg a dhùsgadh suas san duine is neo-mothachala. Tha a’teagasg àraidh fein aig gach uaigh fa leith, ach tha iomad teagasg cudthromach aca gu leir. Tha gach uaigh fhosgailte feòraich dhìotsa, a’bheil thusa uidheamuichte chum an saoghals’ fhàgail, agus a’ cur an céill duit gur duslach thu, agus a chum an duslaich gum pill thu faidheoigh. Nan smuainticheadh [TD 174] [Taobh-duilleig 162 san leabhar fhèin] daoin’ air so mar bu chòir dhoibh, is ann le smuainte stòlda a sheasadh iad m’an uaigh. Cha b’e fleadhachas na cuirm a dh’ iarradh iad, ach uaigneas agus sàmhchair anns an guidheadh iad air Dia na chunnaic iad a bheannachadh chum leas an anama. AON. B’i sin an fhìrinn, ’se cridhealas bu lugha bu chòir tighinn fainear dhuinn air a leithid sin de chòdhail. EACH. Aidichidh sinn sin uile, ach gu dé dheth sin cha luaithe thig bàs san rathad, na chi mi gur maith leis na h-uile h-aon an gràdh a nochdadh le dol gu cosdas mar ni daoin’ eile, chum crìoch onarach, mar their iad, a thoirt dhoibh. MINIS. B’fhearr dhoibh an gràdh a nochdadh an fhad ’sa dheanadh e feum dhoibh; cha’n ’eil ann an cosdas tòrraidh ach stràichd agus fearas-mhòr. Is aithne dhuits’ iad, agus is maith is aithne dhomhs’ iad a chosd gu stàdail, ’sa chuir iad fein fo ainmhiach air nach d’fhuair iad fhathast an uachdar, le tòrradh an càirdean, m’an robh iad caoin-shuarrach rè am beatha; a dh’fhàg an sud iad sa chùil dhoirche gun suim nan diaigh. An saoil thu nam b’urrainn doibh an guth a thogail o’n uaigh, an abradh iad gun do chuir stròghalachd an tòrraidh comain orra. Mar coisinn daoine deagh chliu dhoibh fein san t-saoghal so, le giùlan teisteil, ionraic, cha dean aon rìomhadh tòrraidh suas doibh e; agus creid thusa mis, Eachainn, ged a chosgadh tu na th’agad anns an t-saoghal; ged a rachadh tu do Ghlaschu a dh’iarruidh goireis, is beag buidheachais a bhiodh agad air a shon air a cheann fa dheireadh: bhiodh cuid a’talach agus a’ cur-iomchair. AON. Mata, a Mhinisteir, ge nach ’eil mi cur an ag aon fhocal a tha sibh ag ràdh, feumar aideachadh, gum bi bàigh aig daoine ri cleachdadh an sinnsireadh, agus nach ’eil ann, am fear aig a’bheil de mhisnich a bhi air leith o dhaoinibh eile. MINIS. O! b’e sin leith-sgeul na truaighe, leis a’bheil daoin’ air am mealladh anns na nithibh is cudthromaiche; cha toigh le daoin’ a bhi air leith o dhaoin’ eile, ged a tha na daoin’ eile sin a’dol do ifrinn. ’Se co’-fhurtachd an duine dhona air thalamh e; ach an saoil thu, an d’thoir e co-fhùrtachd dha ann an siorruidheachd, gun abrar ris ann an dorainn gu bheil e mar dhaoine eile? Cha toigh leams’ a bhi air leith air daoin’ eile anns an ni tha dligheach agus ceart: ach fhad ’sa tha’n ceartas a’m’ thaic, is coma leam ged robh sluaigh na dùthcha a’m’ aghaidh. Is bàigheil leamsa cuimhne nan tréin o’n d’thainig sinn; is measail leam na làraichean briste san robh iad a chòmhnuidh, agus na leachdan lighe aosmhar a tha thairis orra; is taitneach leam an deise leis an do shiubhail ìad an t’ aonach, agus a chànmhuinn anns ann deachaidh an teaganna air tùs gu còmhradh; ach tha fiosrachadh againne nach robh aca-san, agus an lean sinn na h-uile cleachda a chionn amhàin gun robh e aig ar n-aithrichean? Cha’n’eil an t-àm fada thairis ’nuair a shaltair ar n-aithrichean am Biobull fo’n casaibh, ’sa lùb iad an glùn do iodhalaibh bréige; ach am bu mhiann leat gun deanamaid an ni ceudna? Cha ghabh a h-aon agaibh garbhlach an t-sléibh ud thall, no doimhneachd na h-àth ud thall, a roghainn air comhnard an rathaid mhòir, air tearuinteachd na drochaid, a chionns nach robh a h-aon [TD 175] [Taobh-duilleig 163 san leabhar fhèin] seach aon diubh ann ri linn ar n-aithrichibh. Tha bàigh againn, agus tha e nàdurra a bhith, ri cleachdanna ar n-aithrichibh, ach an e gun stailceamaid sinn fein air làrach nan bonn, agus gun leigeamaid leis an t-saoghal gabhail air aghaidh mar a chitear, ann am fiosrachadh agus ann an eolas; agus nach gluaiseadh sinne a nunn no nall, ach mar ghluais na daoine o’n d’thainig sinn. Tog dheth, Aonghais, fhad ’sis beo mi seasaidh mi mach an aghaidh òl agus meisg air tòrraidhean: ged a tha, buidheachas do Dhia air a shon, an cleachdadh nàrach so a’dol a nis air cùl; gidheadh tha e fhathast a’buadhachadh ann an cuid de chearnaibh, agus far a’bheil, tha e na thàmailt do’n sgìreachd, agus do gach neach a bhuineas di. Ach o’n a thachair dhuinn tighinn air an t-seanachas so, innis dhomh, o’n a tha sibh uile co déigheil air ur gràdh a nochdadh dhoibhsan nach maireann, c’arson nach ’eil sibh a’cur leachda lighe os an cionn, no gàradh cloiche m’an chladh anns a’bheil iad nan sìneadh. Cha ruig thu leas innse dhomh gum bu neo-ni sin doibhse, b’eadh, ach cha bu neo-ni dhuinne e. Nach bu taitneach an ni ri ciùineachd maduinn na sàbaid, an àm dlùthachadh air tigh aoraidh an Tighearna, na h-uaighean anns a’bheil ar càirdean ’nan suain, fhaicinn, cha’n ann, air an stàmpadh fo chrodh agus fo chaoraich, ach gu tosdach sàmhach mar bu chòir dhoibh fo bhlàth a chluarain ghuirm, agus an neònain àillidh. Ann an so, gu dearbh, ghabhta leithsgeul dhaoine ged a chuireadh iad càileiginn de chostas orra fein. AON. Mata, cha’n ann a chur cosg air ur seanachas, ach tha muinntir na sgìreachd gu leir ga fhaicinn sin na thàmailte, agus na ni mi-chiatach, ach tha fhios agaibhse, an gnothach a tha’n earbsa ris na h-uile fear gum bi e fada gun deanamh; ach ’nan cuireadh sibh fein, (leis gach ni maith eile tha sibh a deanamh) mu thimchioll, cha chreid mi nach aontaicheadh gach duine san sgìreachd libh; agus ged a bha mis a labhairt an diugh mar bha mi, mar bu dù do sheann duine, a chunnaic iomad atharrachadh san dùthaich, cha bhithinn air deireadh sa chùis sin. Mo bheannachd libh a Mhinisteir, agus gu ma maith a théid sibh dhachaidh, agus cha bhi’n t-each donn fada ga dheanamh. J. M‘L. XLV. SALM. I Earrann. Chuireadh an Dàn spioradail a leanas d’ar n-ionnsuidh o Thobar-mhuire ann am Muile. Chaidh chur san uidheam so le Gill’ òg, fo sheachd bliadhn’-deug aois. Cuiridh sinn an dara earrann deth san ath-theachdaire. De aoibhneas naomh mo chridhe maoth ta làn Le m’aobhar ciùil o’n tionnsgain mi mo dhàn, ’Smi cur an ceill go fonnmhor àrd le cliu, Sàr chumhachd fior a’s mòrachd Righ nan dùl. Na bhruidhneas teang ’s na sgriobhas peann a sios Tha rannan ciùil a teachd ni’s dlùth o m’ chrìdh. [TD 176] [Taobh-duilleig 164 san leabhar fhèin] Uil’ mhaise dhaonn’tha t-àilleachd chaoins’ os cionn, Oir ’s àillidh ciatach dealradh fiamh do ghnuis; Deich mìle grian ge b’àillidh ’n sgiamh gu leir Gum biodh ’san duibhre ’n làthair do shoillse fein. Mu d’ chuairt gu leir tha gràsa neamhuidh ’soills; ’Sbidh àgh a’s glòir gun chrìoch ’na d’chòir a chaoidh. O! Ghaisgich rach ’na d’neart ro ghaisgeil threun, ’S do chlaidheamh crioslaich air do leis gu feum, A’d’mhòrachd dhealraich rach a’d charbad suas A’s cuir O Righ! an cath gu crìch le buaidh— Do chumhachd foillsich ’s aimhréitich do naimh; Ach tròcair ghràsmhor bidh gu bràth a’d’laimh: Bheir d’aobhar ceartais, misneach, neart, as clì, Le naomh-euchd treun dhuit leis an dean thu strìgh. Do naimhdean sgathar leat fo d’ chlaidheamh treun, ’Stheir Righrean cìosnaichte gur e an Triath thu féin. Gach neart ’s leat fein Iehobhah Dhe a’s Aird, ’Sa’d’ chathair-righ gun rioghaich thu gu bràth; Borb-Righrean reachd’or tha fo smachd do reachd, ’S fuath leat an t-aingidh ’m firean ’s annsa leat, F’an aobhar sin tha Dia Ard-Righ nan neamh Ga d’thogail suas an cumhachd buaghar treun. A’d’chùirtibh greadhnach, feuch! tha prionnsa mòr Mud’ chathair-righ a’ feitheamh air do ghlòir; ’Sthu fein gu h-àrd an cùbhraidh’chd thlàth ’san sìth, ’Sfior aoibhneas àghmhor sàsuchadh do chridh’ Ta nigh’nan righ a frithealadh ’na d’ chòir ’Sdo bhanrigh ’seasamh air do dheas-laimh fòs, An trusgan rìomhach òr-mhaiseach mu bheil Gach cùbhraidh’chd àraidh thig o’n Aird-an-ear. J. M‘I. LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE, MU OIDHCHE NA CALLUINNE. A THEACHDAIRE GHAOLAICH.—Fàilt is furan ort fhir mo ghràidh, rùn do chridhe air do chliathaich; nam biodh e mar bu mhiann leamsa, ’s ann agad a bhiodh an cridhe eatrom, agus an sporan trom. Tha mis aon uair eile ann am thigh fein, agus da rìreadh is fiach do dhuine dol o’n tigh arson an t-sòlais a tha ann am pilleadh dhachaidh. ’Sann an sin a bha’m furan; cò ach Màiri ’nuair a fhuair i a bhòineid chonnlaich, agus an cleòca sgarlaid. Chunnaic mi nach robh feum seasamh a mach ni b’fhaide. Is duine pòsd thu fein a Theachdaire, agus tha fhios agad nach ’eil e iomchuidh cur uile gu leir an aghaidh nam ban. Is priseil sìth, agus bu choma leam riamh cànnran teallaich mu fhaoineis. [TD 177] [Taobh-duilleig 165 san leabhar fhèin] ’Nuair a dhealaich sinn air Ghalldachd gheall mi sgrìobhadh a’d’ ionnsuidh o àm gu h-am, mu chuid de na cleachdaidhean sin a’bha cumanda ’nar dùthaich anns an àm a dh’fhalbh. Ge nach miann leinn cuid diubh ath-ùrachadh, o’n a tha iad gu luath a’dol air dì-chuimhn, cha ’n’eil e mi-iomchuidh an aithris leo-san a chunnaic iad, arson fiosrachadh na h-aitim a thig ’nar dèigh. ’Sann air là deireannach a mhìos so a b’àbhuist doibh a Challuinn a chumail. Tha iad ag innse dhomhsa, (ach ’s ann agad fein is fearr aig a’ bheil fios,) gu bheil am focal so, Calluinn, a’ciallachadh fuaim, gleadhraich, no farum, ’sgur ann o’n othail a bhiodh air na Gaidheil air an oidhche sin a fhuair i’n t-ainm. Bheir mi cunndas duibh air an oidhche ma dheireadh Challuinn a chunnaic mi, ann an teaghlach Ghlinndeisearaidh, anns a bhail’ ud thall. Och! och! b’e sin tigh a mhànrain, ’sna h-aoigheachd, ge fliuch fuar an nochd a làraichean briste. B’e m’ athairse pìobaire Ghlinndeiseireadh, mar bha athair fein roimhe. Feudaidh mi ràdh gun d’rugadh sinn na’r pìobairean: cha’n’eil mac a rugadh dhomh m’an gann a rachadh e bhàrr na cìche, nach glac feadan co nadurra ’sa thogas am meann ris a chraig. Ach, mar bha mi dol a ràdh, b’e cleachdadh an teaghlaich so an tuath, ’san gillean, gach oid’ agus muim’ agus co’-dhalta a chruinneachadh air oidhche Challuinn, agus mar bu ghnà, thainig Eoghann bàn maor m’an cuairt latha no dhà roi’n àm. ’Illean, ars’ Eoghann, biodh ur camain deas agaibh arson là na bliadhn’ ùire; agus ’se iarrtas an teaghlaich gu’n cumamaid a Challuinn mar bu nòs. B’aobhar sòlais an cuireadh so leis na daoinibh; cha d’fhàgadh a mach air a bhliadhna sin ach Calum dubh nan gabhar, agus clann Eoghainn mhòir nan cluas. Cha b’ann gun aobhar a rinneadh so, ach o’n oidhche sin bha’m binn a mach san dùthaich, agus b’eiginn doibh iad fein a thoirt as. Thog m’athair air mu àird an fheasgair, na làn éididh ghae’laich, agus claidheamh chinn airgid air a chrios a thug e fein a mach latha Chùil-fhodair, agus lean mis e, ’smi m’ phroidseach beag air an àm, a’ giùlan na pìoba. Ràinig sinn an tigh mòr, agus an saoil mi fhein am bi mo chridhe am feasd tuille co eatrom, shùnndach? Choinnich maighdeanan an teaghlaich sinn le dos de ruibeinean a dh’ionnsuidh na pìoba. Thug m’ athair cuairt air an réithlean, agus chruinnich na daoine. Thainig àm na Calluinne.—Cò ghiulaineas an t-seiche ’m bliadhna, a deir Eoghann bàn maor? Cò ach Pàra mòr, ars’ an dara h-aon.—Cò ach Iain bàn leathann, ars’ an t-aon eile. Mach an t-seich’ a Phàra mhòir, ars’am maor, agus thus’ Iain bhàin, seas r’a ghualainn, an earalas nach tuislich e. Cha robh an t-seiche fada ga toirt a nuas bhàrr nan sparran, leis gach sùidhe agus luath a luidh oirre o’n a chaidh an tarbh buidhe leis a chraig deireadh an fhogharaidh. Tharruing Pàra mòr, (’s ann dà a b’aithne,) an t-seiche mu mhullach a chinn, agus cuairt de’n iorbull aige gu daingeann na dhòrn. Cothrom na Féinne, arsa Pàruic, ’se gabhail a nùnn gu dorus an tigh mhòir, far an robh fear a bhaile na sheasamh le chaman na dhòrn. A challainn so, a deir esan, ’se toirt a cheud bhuille. Thug Pàra mòr as, ’s ma thug ’s ann an sin a bha cho’-ruidh na dhéigh; a dh’aindeoin a luaths, bha ceathairn a Glinne [TD 178] [Taobh-duilleig 166 san leabhar fhèin] r’a shàil. Shaoileadh tu gun robh gach buailtean san dùthaich air aon lobhta, ’s a h-uile mac màthar ’sa challuinn nam beul, a Challuinn, a bhuilg bhuidhe bhoicinn, buail an craicionn, a Challuinn so! Tri uairean chuairtich iad deiseal na h-aitreabh. Séid suas a Phìobaire ars’ am maor, ’s nuair a cheartuicheas a chuideachd iad fein, rachadh iad a steach do sheòmar a mhàil. Chluich m’athair fàilt’ a Phrìonnsa, oir ge nach robh duine san rìoghachd bu rìoghala na Fear Ghlinn-deisearaidh do’n Teaghlach a bh’air a chathair, bha bàigh aige ris a phort so, agus is minic a chunnaic mi e a’ sile nan deur, ri cluinntinn a cheùil nuallanaich sin, a bhrosnaich na daoin’ o’n d’thainig e, gu fearalas air na blàraibh iomraideach anns na chaill iad an nì ’san daoine. Ghabh sinn a stigh do’n t-seòmar far an robh ’n teaghlach agus na h-uaislean cruinn. Bha e fein, ceann uighe na fèille, aig ceann a bhùird, agus a bhan-tighearna mhàlta chaomh r’a thaobh. Bha’n òigridh rùnach, (ach O! ’s beag a tha’n diugh dhiubh a làthair) nan seasamh m’an cuairt doibh. Bha fear a Choire aig an dorus m’an goideadh fear air bith a stigh gun rann na Calluinn aithris, agus Iain bàn nam buideal r’a ghualainn, agus searrag na laimh. Cha robh neach aig nach robh rann air an oidhche sin, ach Iain mòr Gallda, agus gille òg moiteil, a bha bliadhna na dha ann an Glaschu, agus a dhì-chuimhnich cleachda na dùthcha. Co luath sa bha chuideachd a stigh chaidh an caisein-uchd a dhathadh, agus chuireadh m’an cuairt e. Chuir Iain bàn nam buideal m’an cuairt an deoch, agus bha’n t-aran ’s an càise air a chàrnadh suas air an ruideil mar bu nòs. An déigh beagan seanachais, thòisich na h-òrain. Thug e fein duinn iorram, agus sann dà a b’aithne. Ghabhadh iomad luinneag, agus duanag bhòidheach, maille ri òrain iomraidh, agus luaidhe. Thug am brocair dhuinn dàn a choin ghlais, agus Aonghas nan aoirean sgeulachd m’an Fhéinn. An déigh nan òran thòisich an dannsa, ach cha b’iad na ceumanna mìne sìod’ a th’ac’ an dràsta. Cha d’éirich sa cheud dol a mach ach a h-aon, te’ a thainig a stigh fo èididh cailliche làidir tighe, le h-iuchraichean a gliongarsaich air a crios, agus fire faire na coslas. Shéinn na mnathan port a’ beul dhi, Cailleach an dùdain; is i chuireadh na cuir dhi. Na dhéigh sin dhannsadh an Dubh-luidneach, agus danns a chlaidheamh; ach ’s ann a bha’n fhearas-chuideachd ’nuair a thòisich dannsa nam boc, figh an Gùn, agus croit an droighinn. Thainig àm an dealachaidh; chuir na h-uaislean fàilte na bliadh’n ùir oirnn le caoimhneas, agus dhfhalbh sinne. ’Illean, ars’ e fein, mar bha sinn a’ dol a mach, bithibh tapaidh am màireach air an fhaiche, tha muinntir an Leathair a’ maoitheadh gum fartluich iad oirnn sa chamanachd am bliadhna. Mar so chuir sinn seachad a Challuinn, agus ga sean m’athair seach mise, cha’n fhac e tuasaid, agus cha chual e focal mi-thlachdmhor riamh air a leithid a chò’dhail. ’Sann o na sguir na h-uaislean a choinneachadh nan daoine, agus o eolas mar so a ghabhail orra, a thòisich a mhisg ghràineil anns na tighibh dubha òsda, a tha tarruing a dh’ionnsuidh gach mi-bheus. Bha muinntir gach oigh- [TD 179] [Taobh-duilleig 167 san leabhar fhèin] reachd mar aon teaghlach, snuim a ghràidh a’ ceangal gach cridhe r’a chéile, agus sùil chàirdeil an uachdarain thairis air an iomlan. B’e sgeul a bhròin dhàsan nach fhaigheadh cuireadh dh’ionnsuidh na Calluinn. Mar tha’n caidreamh agus an dlù-eòlas so eadar uaislean agus ìslean a’ dol a’ cleachda, tha modh agus sìobhaltachd a’ fàgail na tìre; agus an àite an fhleasgaich mhodhail shuairce, aoidheil, dhàicheil, a b’àbhuist duinn fhaicinn, a measg ceatharna na dùthcha, cha’n fhaic sinn ach an du-bhalaoch trom-cheannach gun mhodh, gun suairceas. Dh’fheudainn ann an so, iomad deagh chomhairle tharbhach a thoirt air na h-uaislean, ach cha leugh iad a Ghaelic, agus cha ghabhadh iad suim de chomhairl’ a Phìobaire. Slàn leat a Theachdaire Ghaolaich, ma chaomhnar mi gu là na bliadhn’ ùire leigidh mi fios duit cia mar théid do’n chamanachd. Is mi air an àm. Do charaid dìleas, FIONNLADH MACAONGHAIS. Bliadhna Thearlaich. Dh’fhàg sinn Prionns’ Tearlach, agus a dhaoine air fòid Alba, an déigh pilleadh a Sasunn. Rainig iad Glaschu air latha Nallaig; agus chuir am Prionnsa am baile fo chìs chum fheachd a chur nan uidheam, air an robh iad fior fheumach an déigh an cuairt do Shasunn. An déigh dha fuireach sa bhaile rè dheich làithean, agus na bha dhì air fhaotuinn, ghabh e a thurus air an t-slighe do Shruileadh; agus an uair a ràinig e, dh’àithn e do’n bhaile strìochdadh. Dh’asluich iad beagan ùine gu smuainteach air, fhuair iad sin, agus an ceann na h-ùine ghéill am baile, ach sheas an Caisteal a mach; agus chuir an t-uachdaran roimhe nach strìochdadh e. Mar so bha’n t-arm Gae’lach, a bha mu thimchioll naoi mìle fear ann an àireamh. Bha’n t-arm dearg a’cruinneachadh a stigh do Dhun-eideann as gach cearnaidh, agus bha’n Dùthaich a’deanamh gach còmhnadh leo a dh’fheudadh iad. ’Nuair a chruinnich an t-arm dearg, a bha ann an àireamh dlù air naoi-mìle fear, chaidh an cur fo òrdugh a Cheannaird HAWLEY, a chuir e fein na uidheam, le mòran spagluinn, a dhol air tòir Thearlaich. Rainig e dlùth do’n Eagluis-bhric agus ann an sin tharruing e suas an t-arm. Cha robh Tearlach na thàmh, chuir e roimhe coinneamh a thoirt doibh, agus theann e nan cò’dhail. Cha chreideadh HAWLEY gu’n robh dhànadas aig na Gae’dhail ionnsuidh a thoirt air, bha e uime sin gun umhaill, gun fhiamh, a cosd na h-ùine ’am fleadhachas le Banmhor’ear CHILL-MARNOC. ’Nuair bha esan san t-suidheachadh so, tharruing na Gaidheil dlù air monadh na h-Eagluis,’ ’s ’nuair a fhuair e fios air so, chuir e mòr dhoimheadas air, ach cha ro ùine ri chall. Leum e air each, agus anns a chabhaig mharcaich e gun chòmhdacha cinn a dh’ionnsuidh an airm, a fhuair e air an tarruing suas, ullamh gu triall ’an coinneamh nan Gae’dheal. Air a cheart àm so dh’fhàs na speuran gu dorcha, duaichnidh; shéid a ghaoth gu laidir o’n àird an Iar-dheas, bha h-uile coslas stoirm ghàbhuidh air, agus chuir na Gaidheil rompa cothrom a bhruthaich agus an t-soirbheis a chosnadh, mar rinn iad air Sliabh-chlamhain. Thug HAWLEY so fainear, agus chuir e roimhe gu’m biodh toiseach aig [TD 180] [Taobh-duilleig 168 san leabhar fhèin] orra, ’snach éireadh dhasan mar thachair do CHOPE. Thug e àithne do’n mharc-shluagh, àird an t-sleibh a thoirt orra co luath ’sa b’urrainn cosan an cuid each an giùlan; agus gun leanadh an t-arm coise iad mar a b’fhearr a dh’fheudadh iad. Bha na gunnaichean mòra air deireadh na cuideachd, air an tarruing le Cairteirean de mhuinntir na h-Eagluisebrice, agus co dhiu is ann a thaobh tuiteamais, no le deoin a thachair e, cha b’fhios do dhaoine san àm; ach chaidh na h-inneil-iomchair an sàs ann an làthaich dhomhain, as nach b’urrainnear an tarruing. ’Nuair a thuig na Cairteirean so, (oir bha iad an deagh rùn do Thearlach) ghearr iad na beairtean, agus phill iad gu luath air an ais do’n bhaile. Thòisich a nis a chò’-ruith chruaidh eadar an da fheachd, a dheuchainn cò bu luaithe a ruigeadh am mullach, agus an doinionn a’ séideadh gu searbh an aghaidh nan Sasunnach. Bha na Gaidheil, mar bu nòs, gu bearraideach, sgairteil; agus thàr iad am mullach air thoiseach air an arm dhearg. B’iad Clann-Ghriogair a bh’air thoiseach nan Gaidheal, agus uaithe so ghleidh iad an lamh-dheas fad an latha. Bha e nis mu cheithir uairean an déigh a mheadhon là, air an t-seachdamh là-deug de’n bhliadhn’ ùir, 1746, agus le uamhas na doininn bha dorcha nan trà a’dùmhlachadh, ’nuair a thug HAWLBY òrdugh do na trupairean a bhi ’m bad na’n Gaidheal. Chuir e tri-ceud-deug Marcaich nan aghaidh le fiuthair nach seasadh feachd Thearlaich an aghaidh na h-ionnsuidh. Ach cha b’fhada gus an do thuig e gun robh e fad ann am mearachd. Chaidh na trupairean suas gu fiamhach, aitheasach an aghaidh muinntir Thearlaich, agus ’nuair a bha iad mar leth urchair daga dhoibh, leig na Gaidheil aon dairearach riu, leis an do thuit mòran, agus chuireadh an ruaig air càch. Ach ged a theich a chuid bu mhò de’n mharc-shluagh gu tàmailteach, buinidh e dhuinn cuimhn’ a chumail air euchd buidhinn bhig dhiu a bha fo riaghladh CHOIRNEAL WHITNEY; oifigeach foghainteach, a choisinn air an là so, cliu thar aon duine a bha san arm dhearg air fad, agus a thuit a’cur a chath gu treun an aobhar a righ agus a dhùthcha. ’Nuair a theich na trupairean, theirinn Clann Domhnuill gu dian toirionnach an aghaidh an airm dheirg le fearalachd do-chasgaidh, agus ann an tiota chaidh an ruaig air na bha fa’n comhair, mar thuirt fear dhiu fein. Donnacha Bàn, Mar gan rachadh cù ri caoraich ’S iad nan ruidh le aodann glinne, ’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh, Air an taobh air an robh sinne. Mac an t-saoir’ Ach ged a chaidh an ruaig gu h-obann air a chuid bu mhò de’n arm dhearg, sheas buidheann diu gu neo-sgàthach: agus cha b’ann gus an d’thug Tearlach air adhart fheachd gu h-iomlan a ghéill iad so. Theich a nis an t-arm dearg uile, agus bha iongantas air na Gaidheil fein co saor-lamhach ’sa choisinn iad an latha. Cha chluinnte o fhear gu fear de na Gaidheil, ach c’àit an deachaidh iad? cha’n fheud e bhith gu bheil an gnothaeh seachad. Lean an t-arm Gae’dhlach an ruaig do’n bhaile, agus rinn na Camshronaich, &c. mòr dholaidh air cuid do’n arm-dhearg, a thachair orra. Thàr HAWLEY as le cabhaig co mòr ’s nach d’fhuirich e ri aon ni a bhuineadh dha a thoirt leis; ionn- [TD 181] [Taobh-duilleig 169 san leabhar fhèin] as gun do thuit gach goireas a bha sa champ aig air Tearlach, agus air a dhaoinibh. Fhuair e an gunnachan mora, agus iomad trealaich còmhraig a thuilleadh. Cha do thuit de arm Thearlaich ach dà fhichead féar, agus bha ceithir fichead air an leonadh. Thuit de’n arm dhearg eadar a dha agus tri cheud, agus anns an àireamh so bha mòran de na h-oifigich a b’àirde; agus nam measg sin an duin’ urramach SIR ROBBERT MONRO, Ceann-cinnidh Chloinn-an-Reothaich, saighdear ainmeil a choisinn mòr chliù ann am blàr FONTENOI. Rainig fuigheall an airm dheirg Dun-eideann air feasgar an ath-latha, agus o’n a thòisich an iomairt so cha robh am baile fo bharrachd geilt. Ghabh Tearlach ’sa chuid daoine mu thàmh air an oidhche sin san Eagluis bhric. Chuir am blàr so iongantas air an dùthaich air fad; ’nuair fhuair na Gaidheil buaidh air Sliabh-a chlamhain, cha robh ma’n coinneamh ach saighdearan òg nach robh ann an cath roimhe; ach ’s ann a bha’n so brod an airm Shasunnaich, a choisinn cliu ann an iomad cath ainmeil ann am Flànras; agus nam biodh Tearlach air an leantuinn do Dhun-eideann, is doirbh ri ràdh an rachadh blàr Chùil-fhodair a chur fhathast. Chaill na Gaidheil, le sgiorradh goirt, a chuir am barrachd duilichinn orra na na thuit sa bhlàr, Mac’Ic-Alastoir òg, le urchair a dh’ fhalbh gun fhios o fhear de’n fheachd a bha glanadh a ghunna; agus ge nàr ri innseadh e, cha’n fhòghnadh aon ni le Cloinn-Domhnuill ach grad chur as do’n cheatharnach bhochd, ge bu neo-choireach dha e. Phill Tearlach a rìs air ais, an dùil gun géilleadh CAISTEAL Shruileadh, ach an déigh mòr shaothair agus chostas, b’èiginn da an oidheirp a leige dheth, agus fheachd a thoirt leis. Mnathan na Gaeltachd air an saoradh o chasaid an t-sean-ghiullain. A Theachdaire Ghaolaich, Ann an àireamh VI. leugh mi litir o sheanghiullan an aghaidh mnathan na Gaeltachd, agus a dh’innse na firinn cha robh mi tuile ’s toilichte leatha. Bu bheag orm riamh an teanga shalach, agus cha socair ’s cha tàmh dhomh ’s mnathan na Gaeltachd fuidh ’leithid do sgleò! ’s maith leam nach do sgriobh aon diubh fein, oir co burrainn an seanghiullan a fhreagairt ann an cainnt shoirbh? agus cha tlachdmhor leam bean no nighean a chluinntinn a’ trod, ged bhiodh an ceartas fein air an taobh. Tha e soilleir a dh’aindeoin ardain, a dh’aindeoin mì-ruin,—a dh’aindeoin faicill gu’n dlùthaich na gillean agus na caileagan ra chéile ma dheire: cha’n’eil e suairce uimesin, a bhi ’cur eatorra, no idir eadar muinntir a ta cheana pòsda: dh’ fheudainnsa iomadh droch cleachda a th’aig na fir innse, ach nach biodh e duineil an dubhailcean a chomharrachadh a mach, agus dearmad a dheanamh air an subhailcean. Chan’eil e air a mheas duineil a’measg ghìomanach, ’nuair theid iad gu frìdh na seilg, losgadh air eun, no air fiadh-bheathach gun iad fein a leigeadh fhaicinn an toiseach, ach cha’n’eil nàire air an t-seanghiullan crùbadh air chùl tuim,—a churrachd-eunaich sgroigte m’a cheann, air chor’s nach aithnichear e seach tom [TD 182] [Taobh-duilleig 170 san leabhar fhèin] fraoich,—a ghunna meirgeach air sorchan, agus mar so a’losgadh gun trocair, air gach mnaoi agus màltaig a theid seachad; o’m minic, theagamh an d’fhuair e deòch de bhainne bla an àm na buaile, no bonnach eorna oidhche challainn! Gu cinnteach cha b’ann mar so a fhuair a luchd dùthcha an cliu mar shaighdeara! Theagamh gu’n do shiubhail mise cho fad ris an t-seanghiullan, agus deiream, gun leith-bhreth, nach ’eil air uachdar an domhain daoine cho sigeantach’-co aoidlieil’-co teòdh-chridheach’-co onarach agus co treun ris na Gaeil; no mnathan co beusach, co dileas d’am fearaibh pòsda, agus co deanadach! ’S aithne dhomh mnathan sa Ghaeltachd a ta co curamach mu fhear an tighe, ’s ma thachras dha ’bhi anmoch nach teid a luidhe gus ’an tig e ged bhiodh e cùig uairean ’sa mhadainn;—’S aithne dhomh mnathan ’sma thig coigreach rathad an tighe a their gur aithne dha fear-an-tighe, a chuireas an loinid ’san uachdar a thiota, agus a chuibhrinicheas am bord! ’S aithne dhomh mnathan a shuidheas suas an deigh do fhear-an-tighe dol o luidhe, a’ shniomh na cuibhle, a chum am màl a chuideachadh; agus ’s aithne dhomh mnathan nach do bhlais riamh de shùgh an lus Innseanaich gun fhios d’am fearaibh, agus nach cuala uiread a ’s iomradh air cuileagain! Bheirinn rabhadh do gach neach, air sgàth onoir mo dhùthcha gun chainnt co doirbh a ghnathachadh do thaobh nam ban ’s a rinn an seanghiullan “na beistean” ars esan! Tha còir aca air urram sònruichte, agus cha’n’eil e suairce a diulta dhoibh. Ged nach biodh ach a chainnt so fein, chuirinn an teagamh firinn litir an t-seanaghiullain. ’S aon ni tha cinnteach nach eil i coltach ris a mhacantas a bh’ ann an teagasg, ’s an deacadh Athair na firinn air talamh. Tha sinn a leughadh anns an fhocal gu’n do reub gaoth mhòr agus laidir na beanntan, agus bhris i na creaga nam bloighdibh, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an deigh na gaoithe crith-thalmhainn; ach cha robh an Tighearna anns a chrith-thalmhainn; agus an deigh na crith-thalmhainn teine, ach cha robh an Tighearna anns an teine; agus an deigh an teine guth ciùin caol; Agus an uair a chual Eliah e chomhdaich e ’aghaidh le’fhalluing &c. Thugadh an seanaghiullan “guanag bhàr na sràide,” agus cha b’ion d’a nàmhaid sgiorradh bu mhò iarraidh dha. Ciod an truaighe ’ni i ’s a “charn-liath?” Cha dean i muileann no àtha,—cha dean i buain no buaile,—cha dean i sniomh na càrdadh, agus as eug’ais sùgh na duilleig Innseinich cha bheò dhi! Cha’n abair mi tuill’ air a cheann so, ach abram a dh’aon fhocal gu’m biodh tuille meas aig an t-seanghiullan air mnathan agus caileagan a dhùthcha, nam faiceadh e uiread de ghnàthachadh ghuanagan na sràide ’sa chunnaic AN GAEL ANNS A BHAILE. Glaschu, 1829. Fhir ullachaidh an Teachdaire, Tha mi cur romham a bhi cur thugaibh o àm gu h-àm, cuid de shaothair nam bàrd a tha, no bha ’n ar measg: agus aig an àm so tha mi cur d’ar n-ionnsuidh marbh-rann a rinneadh o chionn [TD 183] [Taobh-duilleig 171 san leabhar fhèin] deich bliadhna fichead le duine nach beò anis, de mhuinntir an àite so, bha aig an àm ann an Eirinn an Reiseamaid Mhic-Aoi, air dha sgeula bàis caraid fhaotuinn. Bha ’n caraid so ’na dhuine fiùghail òg, measail; bha a bhàs gle obann; bha cumha mhor air a dheanamh air a shon le a luchd eòlais uile; agus bha e rìreadh ’na airidh air a chliu a ta am bàrd a toirt mu a dheibhinn le uiread a dh’fhaireachduinn. Tha dòchas agam gu’m bi an deagh bhiùthas so ’n a mheadhon gu bhi brosnachadh luchd leughaidh a mharbh-rainn, gu bhi g’iarraidh agus ag ùrnuigh, gu’m bitheadh iad air an deanamh comasach air a bhi ga’n giùlan fhein amhuil mar bha’n duine math measail so, chum gu’m bi cliù co-fhreagarach ris a chliù so, ri aithris mu’n timchioll an déigh dhoibh a bhi air an gairm leis a bhàs as an t-saoghal bhuaireasach, sgleòthach agus dhibuan so. Tha ’m marbh-rann so air dol a cuimhne agus a clo-bhualadh ’n ar measg; agus uime sin bu thaitneach leam fhaicinn ’san Teachdair Ghaelach. B’àbhaist dhuinn a bhi ga shèinn air fonn Coire-cheathaich.—Bithi’mi aig an àm so gabhail mo chead dhibh le deagh dhùrachd agus rùn math dhuibh fein agus do’n Teachdaire Ghaelach. ROB LEUGHADAIR. Clais-na-faire, fagus do Dhroit a Bhanna 1829. Marbh-rann do Phadruig Gordon. Fhuair mi sgeul an diugh a ’n Eirinn Dh’fhàg mo chridhe, trom fo ghruaim; An t-ògan spèiseil a b’fhearr a’m béusaibh, Gun d’rinn an t-eug nis a thabhairt uainn An t-ògan éutrom, ’bha cridheil éibhinn Gun chomas eiridh anis ’san uaigh; Cha’n ioghna Céitidh an diugh bhi deurach, O’n chaill i’n céil a b’fhearra buaidh! Bha buadhan Phàdruig ro mhòr ri’n àireamh Fior lionmhor bha iad mar iasg a chuain: Cha d’fhuair an t-àrdan riamh comas fàs ann, ’S a neart a ghairdein cha d’rinn e uaill: Bha ni no b’fheàrr no sin gabhail tàmh ann Cha do chuir e’thàland riamh fo bhruaich; Miann no àilghios mar dh’iarradh nàdur Cha d’rinn e àrach no chumail suas. Ach toiseil tàbhachdail, cridheil abhartach; Cridhe gràdhach, ’se làn a dh’uails: ’Se sgeul cràiteach fhuair mi ’n trà so, Gu’n deachaidh Pādruig leo chur ’s an uaigh: ’S fhada ràinig thus ’a Bhàis mi, Gu’n d’rinn thu m’ fhàgail gu trom fo ghruaim; Gu’n d’thug thu càirdean uam aig’n robh gràdh dhomh; ’S o choin! gur cràiteach tha mi ga’n luaidh! ’S cràiteach brònach tha mis a chòmhnuidh, An tir nach èol domh, ’s nach eil mo mhiann; ’S mi cuimhneach ’n còmhnuigh ’n tra bha mi gòrach, ’S ann eadar Dornach is Innsnanlion: B’fhearr comunn còmhra Phadruig Gòrdon, Bha a chiall ’s a sheòltachd toirt bàrr air ciad; Bha eud is èolas toirt meas ro mhòr air Le coguis shònruicht’ is cridhe fial. [TD 184] [Taobh-duilleig 172 san leabhar fhèin] Bha eud is deòin aig, le’ chuid ’s le chò’nadh, Air taobh na còireach bha e ga dion: Cha b’ann air gòraich a chaith e òige, ’S cha d’rinn e stòr de ni fo ’n ghrian; Aon lochd no dò-bheart no ni mi-orduicht’, Air aois no òige cha d’rinn e riamh; Mo dhùil ’s mo dhòchas a réir an dòigh ud, Gur àrd a shòlas a’n lathair an Triath. Do bhuadhan prìseil, a’m pears’ ’san inntinn, Cha ’n eol domh ’n innseadh no’n cur an rian: Thug thu o’d shinnsir bhi foinneamh finealta, Maiseach mìn, is ro threun an gniomh: Air mùir ’s air tir bu deas an laoch thu;— Do ghnùis ro fhaoilidh bu chaoimhe fiamh ’S o’n ghearr an t-eug thu an leth do shaoghail, Co measg ’nan daoine nach leag e sios? O! ’s tus’ a Bhàis, tha gun iochd gun fhàbhar, Cha toir thu dàil do neach fo ’n ghrian! O’n gheibh thu làmh orr le d’bharand laidir, Toic no càirdean cha dean an dion! Bheir thu bhàn iad o’n àitibh àrda. ’S a neach is tàire cha leig thu dhiot! ’S moch thug thu Abel gus an dùs o’n tainig ’S na h-uile h-àlach o’n là sin sios! Nis tha e dearbht’ dhuinn gur eiginn tearbadh, O gach ni talmhaidh dh’a bheil ar miann; Gach òr is airgiod, gach neach is ainmhidh, ’S an robh sinn ’g earbsa roimhe riamh— Nis biodh ar muinghinn’s an Ti a dhealbh sinn, ’S a bheir dhuinn seilbh air ard rioghachd shior, Ma ni sinn leanmhuinn gu dlù ’na sheirbhis, Gun dol air falbh uaith air ròidibh fiar. Smuaintean mu mheadhon oidhche. Cia uamhasach an t-sàmhchair a tha ma’n cuairt domh! Cia tosdach uaigneach àm a mheadhon oidhche! Tha trom shuain an déigh tuiteam air gach aon; tha e mar gum biodh nàdur air teachd car tamuill gu stad! Tha’n t-àm so ro-fhreagarrach do bheachd-smuainteachadh cudthromach. Cia lionmhor iad air feadh an t-saoghail, an àite bhi sealbhachadh suaimhneas agus tàmh, a tha nis a’fulang gach gne dhòrainn, agus chràidh? ’Nuair a théid mi mach ann am inntinn air feadh an t-saoghail agus a bheir mi fainear do chuid de na nithe sin a tha dol air an aghaidh anns a cheart àm so, cia liugha smuainte thiomhaidh chudthromach a tha dùsgadh suas ann am chridhe O! ’s lionmhor tighean a bhròin air feadh an t-saoghail allabanaich so. O! ’s lionmhor fàrdoch as a bheil osna bhròin an nochd ag éiridh, agus deur a mhulaid a’tuiteam! Chi mi ann an aon diu, mo cho’-chreutair truagh na shìneadh air leabuidh na h-easlainte, tha e air a chlaoidh la fiabhras buaireasach; tha e tionndadh o thaobh gu taobh, chuir an codal cùl ris; o chionn ghoirid chuala mi e ’g éigheach, Och! nach b’e am feasgar e; ach mo thruaighe! Thainig am feasgar, ach cha d’thainig fois na lorg. Tha e nis ag ràdh, Och! nach bi mhaduinn a bh’ann. Air leam gun deachaidh mi stigh do thigh eile, agus gum faca mi màthair chaomh a’gul ri taobh [TD 185] [Taobh-duilleig 173 san leabhar fhèin] leabadh a mic ghràdhaich, gun aic’ ach e, agus i fein na banntraich. Is trom acain a cléibh fo dhòchas agus fo eagal! Cia furachair a tha i mu gach caochladh a thig air a shnuadh! Ann an dubhachas a h-anama tha mi ga cluinntinn ag ràdh, “Na faiceam bàs mo leinibh.” “Athair, ma dh’fheudas e bhith, rachadh an cupan so seachad orm-sa;” ach san ath-mhionaid tha mi ga cluinntinn ag ràdh, “’Se’n Tighearn a th’ann, deanadh e rium mar is àill leis.” “Athair, cha’n e mo thoilse, ach do thoilse gun robh deanta.” Ach ciod is cùl-taice dhi anns an àm dheuchainnich so? Tha creidimh. Tha fhios aice gur e Dia tha ga smachdachadh, agus gur ann trid mòran àmhghair a ghabhar sinn a steach do rioghachd nèimh. Tha mi dol a stigh do thigh eile, agus a’faicinn creidmheach aosda ann an glaic a bhàis. Cia cudthromach an sealladh a tha ’n so! Tha’n teud airgid a nis ga fuasgladh, agus a chuach òir a’bruanadh as a chéile, tha lòchran na beatha a’dol as, agus an deo a’plosgail na mhuineal. Cia sàmhach ciùin a ghnùis; tha shùilean ag aomadh gu neamh; tha lamhan paisgt air a bhroilleach; tha bhean bhrònach, agus a chlann, air an glùinibh m’an leabuidh, deònach air a bhriathran deireannach éisdeachd! Chi mi a bhilean a’gluasad, agus air dhomh dlùthachadh air, tha mi ga éisdeachd le guth fann ag ràdh, Ann ad làimh-sa tiomnam mo spiorad, O! mo Dhia saor mi. O! bhàis c’ait’ a’bheil do ghath? Cia as a fhuair e’n t-sàmhchair bheannuichte so? O a chreidimh; “is aithne dha co ann a chreid e.” Tha pheacaidh air am maitheadh trid fuil an Fhir-shaoraidh, ’se so tha na chùl-taic dha anns an àm dheuchainneach sin, ’nuair tha chridhe agus fheoil a’faillneachadh. Le aon osnadh chiùin thilg e ’n deo, agus phill anam chum an Dia a thug seachad e. O! anaim shona! gun robh mo chrioch dheireannach mar do chrìoch-sa. Athair nan uile thròcair amhairc air an teaghlach so chum maith. Is lionmhor tighean a bhròin ann an gleann nan deur. Ann an aon diu, chi mi a bhanntrach bhrònach; chaill i companach a h-òige, agus tha smuaintean a nis a mach, a’ cuimhneachadh air na làithibh sona’ dh’fhalbh; is mar tha i tàladh gu suain an naoidhean maoth, tha i’meoraich rithe fein le iomaguin chràitich, co anis a sheasas mo chòir? A Thighearna cobhair oirre! aom a cridhe chum a h-earbs’ a chuir annad; agus abair rithe, cha dìobair, agus cha tréig mis thu gu bràth. Ach ciod ann sealladh oillteill a tha mi faicinn san tigh ud eile? Oganach na shìneadh air a leabuidh; a shùilean a’lasadh na cheann, agus draoch a bhàis na aodann. Ah! an t-òganach truagh! ciod a thug e chum na h-inbhe bhrònaich so? Tha’m peacadh. Chaill e a thùr ’s a thoinisg leis an òl: b’e’n diugh co’-ainm a latha-breith, bha e mach le chompanaich ghòrach, agus ’s ann mar so a tha e air mheadhon oidhche. Oganaich thruaigh! Cia uamhasach do chor nam b’e toil De, air an àm so, do ghairm as an t-saoghal? Athair thròcairich na rachadh a bhinn eagallach so a mach, “Amadain. an nochd fein iarrar t-anam uait.” O! am peacadh, cia meud an truaighe a thug e steach do’n t-saoghal? Ach cha d’theid mi ni ’s faide. Gun d’thugadh Dia dhomh feum iomchuidh a dheanamh de na smuainte sin, agus a bhi taingeil arson co liugha [TD 186] [Taobh-duilleig 174 san leabhar fhèin] sochair agus sòlas a tha mi a’sealbhachadh. Gun deanadh suaimhneas uaigneach na h-oidhche so deagh smuaintean a dhùsgadh suas ann am inntinn, chum, trid Chriosd, gum bithinn deas fa chomhair na h-oi’che sin anns am bi othail agus ùinich an t-saoghail bhuaireasaich gu siorruidh seachad. An sìth-shaimh luidhidh mi faraon, is coidlidh mi le suain: Oir ’s tus ’a mhàin bheir dhomh, a Dhe fo dhìdean, còmhnuidh bhuan. DAN SPIORADAIL. Ri doille na h-oidhche, ’s mi ’g éisdeachd na stoirm, A’ nuallan ma’n cuairt domh, O! b’eag’lach a toirm. Nochd mise do’n Tighearn gach taingealachd cri’, Gun do cheadaich e dhomhsa fasgadh a’s sìth. Ach a’fuadach a mach mo smuaintinean uam, Cia lionmhor iad, deir mi, tha nochd air a chuan; Gu faondrach truagh air an udal fo ànradh Gun reull a’toirt soillse, ’s gun chala gan tearnadh. O! b’ait leam nam b’urrainn domh lochran na soillse, A dhearsadh fa’n comhaìr ri dubhar na h-oi’che; ’S gach maraich th’air faondra gu h-airtneulach sgìth, A thàladh gu tearuint do chala na sìth. Ach innis domh, chreid’ich, an d’fhairich thu riamh An tearuinteachd sheasgair o chorruich do Dhia? Ann an tuiltibh na feirge,—’stu’n impis bhi bàite, An d’fhuair thusa fasgadh o charraig na slainte? ’S an e, nach seall thu a nis, le fadal do chrì, Air na mìltibh tha fhathast fo ainneart a strìgh; Air seachran san doille, ’s an doinionn a’bàrcadh, Gun leirsinn air cunnart—’s gun iùl chum an tearnadh? O! mosgail a Chreidmhich, ’s le dealas a’d’ ghruaidh, Thoir iùl do gach peacach th’air seaehran gu truagh: O! mosgail, ’s le d’ ghniomhar, a dealradh mar ghréin, Seol dà-san an t-sligh’ air an imich e fein. Bi’dh do dhuais anns an t-saoghal saibhir a’s pailt, Ma thearnas tu’n t-anam tha’n impis bhi caillt’; Is bheir e binneas do d’chaithream aig deas laimh do Righ, Gur leur dhuit e sonadh ann an rioghachd na sìth. J. M‘L. DUN-FHINN, 1829. [TD 187] [Taobh-duilleig 175 san leabhar fhèin] Mu na Speuraibh Rionnagach. S tric a bha thu mach fo ghorm-bhrat nan neamh, ’san fheasgar, an deigh dol fodha na gréine, agus a chunnaic thu na spéuran a’ dealradh làn rionnagan. Tha na rionnagan sin fìor fhada uainne, ni’s fhaide, theagamh na bhreithnaich thusa riamh. ’S fad’ an t-astar leats’ agus leamsa, muillein mile; gu dearbh tha sinn féin ’nar créutairean co beag, agus gur gann a chithear sinn, an latha ’s grianaiche ’thig, mòran na’s fhaid’ as na astar mìle, ach ’s goirid an sgrìob muillein muillein de mhìltibh, ann an coimeas ris an astar a ta cuid de reultaibh uainne, agus o a cheile. ’S e ’n t-astar so a’s aobhar, iad a bhi co beag ’nar sealladh-ne, ged tha ioma h-aon diubh na’s mò, mìle uair, na’n talamh so air a bheil ar còmhnuidh againne. Tha cuid a’ deanamh dheth gu bheil a ghrian, air a chuid a’s lugha, muillein uair ni’s mò na’n cruinne so, agus gu bheil i as, de dh-astar, deich agus ceithir fichead muillein d’ar mìltibh-ne.—’S dò leam gu bheil iòghnadh ort; ach thugadh am fuathas so ort breithneachadh air mòrachd Dhé. Aca sin, ge mòr iad, tha crìochan àraidh, crìochan a ghabhas tomhas; ach tha esan neo-chrìochnach; agus, anns a h uile seadh air bhith, cha’n eil crìoch air a bhith-san. ’S e ’s ainm do ’n eigse ’ta teagasg fiosrachadh mu na réultaibh, Réull-eolas; agus a mhuinntir a ta gu h-àraidh a’ gabhail beachd air rian agus riaghailt nan rionnag, theirear Réullsgaich no Spéuradairean riutha. Tha ’mhuinntir so ag innseadh dhuinn, gu bheil, ann am failbhe ghreadhnaich so nan speur, rianas no comh-bhuidheann àraidh de réultaibh, (na’s faisg’ òirnne na cuid sam bith eile), a ta ’g iath chuairtean anacuibheasach timchioll na gréine, mar uighe àraidh d’a chéile, agus gu bheil a ghrian i féin, mar shùil, am meadhoin an iomlain. ’S e ’n t-ainm thug iad orra sin, planaidean; focal a ta ciallachadh, cruinneachan siùbhlach no gluasadach, chionn gu bheil iad a’sìor-ghluasad no a sìor-shiubhal ’nan iath-shlighibh, no ’nan cuairtibh féin, timchioll na greine. ’Si ’ghrian a ta ’gan soillseachadh sin gu léir, direach mar a tha i ’toirt soluis do’n talamh so, mar is fiosrach thu. A bhàrr orra so, tha réultan eile ann, a ta mòr agus fad’ as, ris an abair na speuradairean RIONNAGAN SEASMHACH, do bhrìgh ’s gu bheil iad daonnan a’ fuireach ’san aon àite, no a’ deanamh glé bheag atharrachaidh as, ar leinne, ma tha iad a’ carachadh idir. Tha solus trom, suidhichte, aig na planaidibh; ach aig na rionnagaibh seasmhach tha solus drìllseineach, biorach, caogach; agus uime sin tha cuid am beachd gur grian gach aon diubh, mar ar grian-ne, agus gu bheil iad a’ sitheadh amach an soluis a shoillseachadh shaoghalan dorcha eiginn a ta suidhichte mu’n timchioll féin. Is gann gur comas do dh-inntinn an duine breithneachadh air anabarrachd meud an astair a ta na réultan sin o chéile. A réir cunntais cuid de na spéuradairibh, tha’n t-aon a’s dlùithe oirnne dhiubh, céud mìle uair na’s faide uainne na tha sinne o’n ghréin; agus uime sin, ’s éudar gu bheil i uainn astar ioma ceud muillein de mhìltibh. Na’m fàgadh péileir gunna mhòir an talamh so leis an aon t-siubhal a bhiodh aige teachd a beul a ghunna, agus na’n leanadh e air an aon imeachd direach roimhe, fo’n t-siubhal cheudna,—chaidh a [TD 188] [Taobh-duilleig 176 san leabhar fhèin] mheas gun gabhadh e còrr ’us sè céud mìle bliadhna mu’n ruigeadh e’n réull diubh sin a ’s faisge dhuinne! Cha luig mi leas tighinn air na rionnagaibh earballach. Is réultan lasarra iad sin a thig agus a dh-fhalbhas a réir riain air nach eil ach beag eòlais againn. Is cosail gur mìll uamhasach mòr iad air am beothachadh le teine, agus a siubhal mu’n cuairt fo làimh an Tighearna, le astar miorbhuileach. Nach ann an so a ta ’n greadhnachas iongantach! nach ann an so a ta ’n t-uamhas! nach ann an so a ta ghlòir! Ach, gidheadh, tha so gu léir crìochnach, tha tomhas aige gu leir; agus, uime sin, cha’n eil e, ann an coimeas ri Dia, ach mar ghràinnein gaineamh ann an coimeas ris na réultaibh agus ri’n astar maraon. Cò ’n teanga ’s urrainn luaidh, cò ’n inntinn às urrainn breithneachadh gu ceart air an leithidibh sin de chuspairibh? Cia mòr na’s lugha na sin a’s urrainnear labhairt no breithneachadh mu ’n Tì a chruthaich iad? Nach bu chòir da so irioslachd a theagasg dhuinn? Nach bu chòir do na rinn e ar toirt fo ghéill do na labhair e? Cò, le a rannsachadh féin do ’n comas Dia fhaotainn amach? Cò d’an comas, air dhòigh sam bith, eolas fhaighinn air, ach trìd an fhoillseachaidh a rinn e air féin? ABR. MU CHARBAD NA SMUIDE. Chuireadh iongantas mòr air an Dùthaich ’nuair a fhuaradh a mach an t-innleachd leis a’ bheil Loinghis, agus soithichean a’ gluasad fo chumhachd teine: agus an uair a thòisich iad ri màgaran eadar Glaschu agus Grianaig, is beag a shaoil sinn gu’n gabhadh iad de dhànadas, bliadhna no dha na dhéigh sin, an cuan mòr a thoirt fo’n ceann; agus seòladh gu neo-sgàthach eadar na rioghachdan is faide o chéile. ’Nuair a chuala sinn daoin’ a’ labhairt ma’n innleachd cheudna arson charbadan, agus Féunaidh mhòr chudthromach, rinn sinn gàire fanoid uime, mar nach biodh ann ach spleadhraich, ach fhuaradh a nis a mach an dòigh chum so a dheanamh, ann an iomlaineachd ris nach robh fiughair againn fhaicinn anns an linn so. Tha innealan toit air an deanamh air an fhoghar’a dh’fhalbh de sheòrs’ ùr, a thàirngeas luchd mòr nan déigh, le luas anabarrach, agus leis an tearuinteachd is mò. Tha aon ri fhaicinn air an àm so ann an Sasunn, nach ’eil mòran os ceann leth tunna air cudthrom, a thàirneas dà-fhichead tunna na dhéigh, agus a shiubhlas leis a chudthrom so-ceithir-mìle deug san uair. ’Nuair nach bi cndthrom co mòr na dhéigh falbhaidh e os ceann deich-mìle-fichead san uair, air an t-seorsa rathaid a tha air uidheamachadh air a shon fein. Tha na h-inneil so co innleachdach ’s nach ’eil e comasach gun sgàin an t-àit anns a bheil an t-uisge goileach, agus tha am barrachd cumhachd aig an fhear a bhios air an stiùir air carbad na smùide, seach na th’aig’ fear-greasaidh na’n carbad eile leis na h-eich is ciallaiche. Is urrainn da stad a chur air ann am prioba na sùl, agus theid e m’an cuairt air rathad mòr a tha deich troighean air leud. ’S e’n connadh a th’aca air a shon gual air a losgadh ann an slochd fo thalamh, agus air a bhàthadh le uisge, connadh a tha eatrom ri ghiùlan air bheag tomaid, agus ro chumhachdach chum an deathach a thogail. Giulainidh carbad na [TD 189] [Taobh-duilleig 177 san leabhar fhèin] smùide de’n chonnadh so na dh’ fhòghnas da a dheanamh leth cheud mìle, agus cha’n fheum e leasachadh uisge ach uair san fhichead mìle. Ma shoirbhicheas leis an innleachd so mar tha dùil aig daoine, cha’n fheumar each as a mhìle de na tha’n greim san àm so; agus is soirbh fhaicinn na bhitheas de lòn ri sheachnadh do’n chinne-daonna, a bha dol a bheathachadh nan each. Is iomchuidh dhuinn innse gu bheil na ràthaide-mòr air a’ bheil na carbadan so a’ gluasad air an uidheamachadh air mhodh àraidh air an son fein, agus gu bheil an t-slighe air an ruidh na rothan air a leagadh le h-iarrunn. Tha na daoin’ innleachdach a thùr na carbadan so a’ feuchainn ris an acfhuinn so chàramh ri soithichean na smùide; agus ’se barail dhaoine gun soirbhich leo. Agus bithidh so na shochair mhòr a chionn gum bi i ni’s cumhaichdiche agus ni’s tearuinte, nach bi feum aig na soithichean air na h-uiread ghuail a chur a stigh, an ni bu mhò a bha nan aghaidh air turusaibh fada. A dh’innse na firinn cha’n fhios duinn c’àit an stad na h-innleachdan so; ach thig atharrachadh air na rathaide-mòra anns a Ghael’tachd m’am bu mhiann leinn an tadhall ann an carbad na smùide. MU STAID NA H-EIRINN. ’S duilich leinn a ràdh gu bheil Eirinn anns a cheart àm so ann am fior dhroch cor. Tha foill agus foirneart, àr agus mort, a’buadhachadh ann an tomhas mòr anns gach cearnadh de’n Eilein. Cha’n’eil seachduin a’dol thairis nach ’eil mort eagallach ga chur an gniomh anns an dùthaich thruaigh sin. Mhortadh o cheann ghoirid Ministeir de’n chreidimh ath-leasaichte co measail iochdmhor, dhiadhaidh, sa bha san earrann sin de’n Eilein. ’Mar bha Mr. Going a pilleadh dhachaidh chum a thighe, ’s a theaghlaich, chaidh a thilge le urchair mar uighe leth-mhìle da thigh fein. Is iad na daoin’ is fiachala agus is measala san dùthaich a tha iad a’ comharachadh a mach arson am mortadh san àm; a’leige dhuinn fhaicinn gur e an ni àraid a tha’m beachd nan daoine sin, reachd agus ceart na dùthcha sin a thilgeadh bun os cionn; ’s diomhain duinn a ràdh gur faoin an oidheirp; ach is cianail ri smuainteachadh, an truaighe a tha iad a’tarruing air an dùthaich, agus an fhuil a dhòirtear m’an cuirear cosg air gach ana-gnàth a tha nam measg, air an d’thug iad iad fein fo mhionnaibh bhi dileas da chéile, chum am mi-bheus gràineil so a chumail suas. Tha na gnothaichean so fo bheachd na muinntir d’am buin e, agus tha dòchas aguinn gun d’thoir iad gu buadhar gu crìch iad, agus gun cuirear grad stad air cleachdanna tha co tàmailteach do’n rioghachd. Mu mhorta gràineil a rinneadh air Haddington. Chuireadh mortadh oillteill an gniomh o cheann ghoirid anns a bhaile so air mnaoi chòir agus air a h-ighinn, a bha thàmh ann an tigh uaigneach leo fein. Tha e na ni co sgreitidh ’s air an cualas iomradh san tìr so. Thuit amharus [TD 190] [Taobh-duilleig 178 san leabhar fhèin] air cliamhuinn dith, agus tha e air a cheart àm so ann am priosun Dhun-eideann; agus ge nach robh aon fhianuis air a chùis, is minic a chi sinn nach urrainnear mortadh a chleth, agus gu bheil Dia a’ faotainn mìle doigh air a dheanamh follaiseach. Is tràth a chaidh a ràdh “Esan a dhòirteas fuil duine, le duine gum biodh fhuilsan air a dortadh.” Mu eadar-dhealachadh barail ann an Creidimh. Is aithrigh cainnt an duin’ ainmeil Iain Wesley da thaobh so a chumail air chuimhne. “Cha chuir thus’ agus mis a mach air a chéile arson aon eadar-dhealachadh ’nar barail; a mhàin biodh do chridhe ceart do thaobh Dhe, gur aithne dhuit an Tighearn Iosa Criosd, agus gu bheil gràdh agad dha, gu bheil spéis agad do d’ choimhearsnach, agus gu bheil thu gluasad mar ghluais Criosd, dean so agus cha’n’eil am barrachd a dhìth orm. Tha mi seachd sgìth de barailean, a bhi ’g éisteachd umpa, a bhi seanchas umpa, agus a’leughadh umpa, tha gràin aig m’anam air an lòn so, oir cha bheathaich se e. Thoir dhomhsa creidimh tarbhach, suidhichte, ciallach: thoir dhomhs’ an duine iriosal, caomh, carthannach, aig a bheil gràdh do Dhia agus do dhaoinibh; duine làn de throcair, agus de dheagh oibribh, gun leth-bhreith gun cheilg; duine tha soithreachadh o àite gu àite a’deanamh maith. ’S e so mo charaidse, agus bithidh m’anam leis ge b’e àit am bi e, agus ge b’e barail a th’aige. Cò air bith a ni mar so, toil m’Athars’ a ta air neamh, ’s esan mo bhràthair, mo phiuthar, agus mo mhàthair.” MU GHRADH CRIOSDAIL. ’S i so m’ àithne, gu’n gràdhaich sibh a chéile, mar ghràdhaich mise sibhse. Eoin xv. 15. Feudar a choilion seòrta Chriosdui’ean de gach ainm a tha iad ag aidmheil, agus d’a bheil Eagluis Chriosd air a deanamh suas, a choimeas ri bogha-frois, ged a tha e air a dheanamh suas le co liugha dath, gidheadh tha iad co’-fhreagradh le chéile chum aon bhogha àrd, neamhuidh, làn de àilleachd a dheanamh; no feudar an coimeas ri buidheann de luchd ciùil air an deagh theagasg, ged a tha inneil fa leith aig gach aon diubh, tha iad le chéile a’togail suas an aon cho’-sheirm bhinn, cheolmhoir. Ge b’e eadar-dhealachadh a tha a’measg Chriosdui’ean ann am modh an aoruidh, agus ann am modh an aoruidh, agus ann an nithibh faoine o’n leth a muigh, gidheadh ’s e’n aon dòchas a th’ ac’ air fad, agus an aon ni mòr a tha ’nam beachd. Bu chòir dha so an cridheachan a dhlùthachadh ri chéile ann am bannaibh gràidh, agus an aomadh gu spéis a bhi aca do chàch a chéile. Cha’n’eil e iomchuidh gum biodh fuath no falachd aca ri chéile; tha tuille sa chòir dheth so air aghaidh an t-saoghail, agus is mòr an aimlisg agus an dolaidh a tha e a’deanamh. ’Nuair bha eagluis Chriosd na h-òige, thugadh fainear an gràdh mòr a bh’aca da chéile. Gu ma h-e so a bhios air a ràdh umainne, chum ’s an uair a thig ar Tighearna an dara uair, gum faigh e sinne a’ toirt ùmhlachd da àithne fein, “Sinn a ghràdhachadh a chéile.” An Tuathanach agus a chuid Mac. Air do sheann tuathanach còir saibhir, a bhi mothachadh bris- [TD 191] [Taobh-duilleig 179 san leabhar fhèin] teadh a teachd air a shlàinte, agus air dha, o sin, a smaoineachadh nach robh ro fhad’ aige ri bhi beò, ghairm e air a chuid mac cruinneachadh mu thaobh a leapach. “A chlann ghràdhach, ars’ esan, “Guidheam oirbh, mar m’iarrtas bàis, gun sibh a dhealachadh ris an fhearann a tha nise air ruith air ar teaghlach-ne o cheann ceud bliadhna; chionn, a leigeil ris dhuibh sgeul-rùin a dh’ innis m’athair dhòmhsa, agus a’s àill leamsa ’nis innseadh dhuibhse, tha ulaidh am falach ann an àit-’eiginn de’n talamh, ged nach b’urrainn mise riamh fhaotainn amach co an ceart bhall. Coma co dhiùbh, co-luath ’s a chuireas sibh am bàrr an tasgaidh, na caomhnaibh ur saothair air iarraidh, agus tha dearbh-chìnnt’ agam sa nach caill sibh ur saothair. Cha bu luaithe chaidh an seann duine glic a chur ’san ùir, ’s a thàinig an t-àm a dh’ainmich e, na thòisich a chuid mac air a h-uile troidh de’n fhearann a ruamhar ’s a bhùrach a rithist ’sa rithist, dh’fheuch am faigheadh iad an ulaidh; ’se thachair an lorg so, ged nach d’fhuair iad an cuspair bu mhiann leo, gun d’thug an cuid fearainn amach bàrr mòran na b’ fhearr na bh’aig an coimhearsnaich. Aig deireadh na bliadhna, ’nuair a bha iad a cur riaghailt air an cuid ghnothaichean, agus a cunntas am buannachd, “Cuiridh mi geall,”—“Cuiridh mi geall arsa fear de na bràithrean bu ghéire na càch,—gur h-i so an ulaidh air an robh m’athair a tighinn.” Tha mi cinnteach, co dhiùbh, ars’ esan, gun do dhearbh sinne gu’m bheil Dìcheall féin ’na ulaidh.” A. B. R. A Theachdaire Ghaelich, Tha fios agam gu bheil moran de na Gael bochd, agus ged tha iad deigheil air gloine nach urrainn iad siabann a cheannach: innsidh mise dhoibh mu shiabann a ta fàs dhoibh fein, agus a ni feum cho maith ri ni air bith: ’se sin, Buntàta air a leth-bhruich. Cuireadh iad an cuid anairt am bogadh car uair an uaireadair: na dheigh sin cuireadh iad ann am poit de uisge teth iad, agus an sin gabhadh iad am Buntàta dhoibh mar gum bu shiabann e. Goileadh iad an sin iad mu thuaiream leth-uaire, agus suathadh, agus fàisgeadh iad gu gramail iad, agus chi iad gu’m bi an cuid anairt cho geal ’s ged ghabhadh iad an siabann is fearr an Glaschu. ’S ann ’nuair bha mise san Fhràing le m’ fhear, cha’n’eil ag nach b’aithne dhuibh e, Domhnull sear dsean, a dh’ionnsuich mi so. MAIRI-NA-RAFAGAICH. Eilean Chola, 1829. NAIGHEACHDAN. Mu theine sgriosach, diùbhalach a thachair ann an Glaschu o cheann ghoirid. ’S ann a thòisich e ann an tigh-tasguidh far an robh mòran cruithneachd, Cotain, agus Uisge-beatha. Cha robh doigh air a chasgadh, gus an do loisg an t-iomlan; agus an uair a thuit na [TD 192] [Taobh-duilleig 180 san leabhar fhèin] ballachan, rinn iad mòran dolaidh air na tighibh bu dlùithe dhoibh. Tha e air a mheas gun do loisgeadh mu thimchioll luach còrr agus dà fhichead mìle punnd Sasunnach. Chaidh cuid do dhaoin a dhochann, ach cha chuala sinn gun deachaidh aon neach gu bàs san àm. ’S ann a thachair e air 20 là de’n mhìos so dh’fhalbh. FOCAL SAN DEALACHADH. Feuchaidh sinn gliocas fhoghlum o’n litir a chuir Celticus d’ar n-ionnsuidh.—Gabhadh e ar leith sgeul.—Cha do chaill sinn idir Oran bòidheach an Earraich, a chuir O—T— d’ar n-ionnsuidh,—thig e mach toiseach an Earraich. Tha dochas againn nach do chuir O—T.— am balgan suain fo cheann.—Mo bhannag air. Ciod a tha’n t-Abrach a’ deanamh?—Taing do’n Earra-ghae’lach—Mìle taing do I. M‘L.—Buaidh a’s piseach leis an Eileanach—am Fior Ghaedhal; Mac Talla; Seumas, agus Dìleas—Seana-cheann, agus Seana-ghiullan—Rob Dona, agus Iain dubh—Coamhan-ciar, agus Calum Cille; agus na ficheadan eile nach urrainn duinn air an àm ainmeachadh. ’Si’n litir a thainig oirnn as a Ghlasdrum luach-a-peighinn arson tasdan, co bochd ’sa fhuair sinn riamh. Is olc an ni do Chalum mòr beum a thoirt dhuinn, is nach d’thug e fhathasd mìr dhuinn—cha b’ionann is ar caraid ann an Gleann-charadail. Taing dhasan. Tha sinn seachd sgìth de Lachlann sgoileir—dheanamh a cheart duine teaghair de ròinneig. Fhuair sinn litir Uisdean Oig—agus litir Anabla. Is ro choslach r’a chéile an Gèadh breachd, ’sa mhàthair: ’s cha’n’eil e comasach an coslas a chleth.—Tha sinn suarach mu mhaoitheadh Uisdean,—bagradh e mar is àill leis,—cha’n fhaigh e na tha mhiann air. Tha sinn ni’s eolaich’ air Coille, na bhi fo eagal na Caillich-oidhche. Obh! Obh! Uisdean! ’s ann ort a chaidh uisge nan uibhean an là a sgriobh thu’n litir chrosda, gun fhios c’arson:—Agus cha’n fhearr thus’ Anabla.—Ach fhad ’s a tha stiùir an Teachdaire Ghae’laich anns an laimh ’sa bheil i, cha leig e le sgainneil no tuaileas an aghaidh coimhearsnach no bana-choimhearsnach dol a steach ann. Gabhadh Uisdean agus Anabla sanas, agus bitheadh iad sàmhach—is fios duinn gu maith cò iad—Lùdag agus òrdag na h-aon ghlaice. D. Maclure & Co. Printers, 43, Argyle Street, Glasgow. [TD 193] [Taobh-duilleig 181 san leabhar fhèin] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS DEIREANNACH A GHEAMHRAIDH. AIREAMH IX. 1830. EARAILEAN FREAGARACH DO’N BHLIADHN’ UIR. Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithibh a chaidh seachad.—Eabh. x. 32. Chaith sinn ar bliadhnacha mar sgeul a dh’ innseadh.—Salm. xc. 9. A MHUINNTIR mo chridhe ’s mo ghaoil, sibhse tha ’g àiteachadh tìr nam beann, bliadhna mhaith ùr dhuibh, agus mòran diùbh, ma chi Dia sin iomchuidh air ur son; agus ’nan lorg, gach sonas agus beannachd a bhios chum ur maith. ’Se so da rìreadh dùrachd m’ anama as ur leth, agus anns an dùrachd so chuirinn a nis fàilte na bliadhn’ ùir oirbh. O’n àm san deachaidh an Teachdaire fa dheireadh a mach, chriochnaich roth mòr an t-saoghail a chuairt sin a thug bliadhna eile gu crìch. Bhuail Uaireadair mòr nàduir aon bhuille eile, a chual’ an saoghal o thaobh gu taobh, ag innse do gach neach aig a’ bheil cluas chum éisdeachd, no tuigse chum a thoirt fainear, gu bheil iad a nis bliadhna ni’s sine, bliadhna ni’s dlùithe air bàs agus air siorruidheachd. Mo luchd dùthcha ionmhuinn, chaidh earrann àraidh d’ar n-aimsir a nise seachad, agus tha sinn a’ tòiseachadh air earrainn ùr. De na bliadhnaichean ainneamh agus neo-chinnteach tha air an luathasachadh dhuinn, tha aon eile ’an déigh dol seachad, leis gach dòchas agus triobluid, leis gach cùram agus iomaguin, leis gach aoibhneas agus toileachas inntinn a bha ’na lorg. Dh’fhalbh i, ’s cha phill i tuille. Air leinn gum b’fhad a bhliadhna le amharc romhainn ’nuair a thòisich i, ach O! cia gearr i nis ’nuair a dh’ amhairceas sinn air ar n-ais oirre. Mar so tha bliadhn’ ’an déigh bliadhn’ a’ dol seachad, agus an uair thig iad gu crìch, ciod is urrainn duinn a ràdh, ach gun do chaith sinn iad mar sgeul a dh’ innseadh, So an coimeas a tha’n Salmadair a’ cleachda; cha’n ann ri aon ni buan no seasmhach a tha e coimeas ar n-ùine, ach ri sgeul a dh’ éisdear c’ar tamuill bhig, far a’ bheil aon ur-sgeul a’ tighinn a stigh ’an déigh a chéile, gus fadheòigh an d’ thig an sgeulachd air fad gu crìch. Tha e ga choimeas ri sgeul, taitneach no mi-thaitneach gam bi e, a dh’ aithrisear ann an ùine ghearr, agus a dhi-chuimhnichear ann an ùine co goirid. Mar so tha bliadhn’ a’ goid as déigh bliadhna, mìosan agus làith- [TD 194] [Taobh-duilleig 182 san leabhar fhèin] ean a ruith seachad le deifir dhian; agus an uair a thòisicheas sinn ri ath-bheachd a ghabhail orra, is bochd an cunntas is urrainn an t-aon is fearr againn a thoirt. Cia liugha bliadhn’ a chaidh seachad ann an làithibh ar leanabais, air nach ’eil sinn comasach air cunntas sam bith a thoirt,—ann an làithibh ar n-òige, ’nuair a bha sinn a’ruith co dian as déigh gach faileas faoin, nach robh ùine no togradh againn air ar giulan a thoirt fainear: agus an uair a thainig sinn gu aois anns am bu chòir dhuinn gliocas fhoghlum, thainig an sin cùram agus othail an t-saoghail bhuaireasaich so leis an robh sinn ann an tomhas mòr air ar dalladh, ionnas gun do chuir sinn gach smuainte chràbhach agus chudromacb air chùl, ag ràdh ris gach aon diubh mar thuirt Felics ri Pòl. “Imich romhad an trà so, ’nuair a bhios ùin’ agam cuiridh mi fios ort.” Anns a chuairt so, tha àl ag imeachd an déigh àil, agus gu truagh tha laigsinn agus iarguin aois a’ glacadh mòran ma bheil iad a’ feoraich dhiubh fein, c’arson a chuir Dia iad a dh’ionnsuidh an t-saoghail, na ciod is ciall do’n cheist sin, “Ciod i crioch àraidh an duine?” A mhuinntir mo chridhe, cha dean so cùis, agus cha’n fheud maith éiridh uaithe. A’ seasamh mar tha sinn an diugh air starsnaich na bliadhn’ ùire, thugamaid fainear do chor spioradail ar n-anama. Air dhuinn fios na h-aimsir a bhi againn, mosglamaid as ar codal, a cuimhneachadh co cinnteach ’s a tha ghrian an diugh ar soilleireachadh an t-saoghail, no tha anam ’n ar còm, gu bheil na mìlltean an diugh a’ tòiseachadh na bliadhn’ ùire gu meamnach, slàn, fallain, a bhios ann an siorruidheachd fada man d’thig i gu crìch. Co dhiùbh a thacharas so dhomhsa no dhuitse, aig Dia, agus aig Dia a mhàin, a tha bràth. Ath-chuimhnicheamaid, uime sin, na làithean a dh’fhalbh, agus oidheirpicheamaid gliocas fhoghlum. Cha’n’eil e comasach dhuinn amharc ais air na làithean a dh’fhalbh gun bhi fo mhulad. Tha cuimhne nan làithean a dh’fhalbh tùrsach do’n anam. Aoibhneas ar n-òige, na nithe air an do shocraich sinn gu moch tlachd ar cridheachan, cuimhne an àite air an d’fhuair sinn ar breith, ’s ar n-àrach; far an d’éirich a mhaduinn oirnn ann an sìth, ’s an deachaidh am feasgar fodha ann an gairdeachas, ’nuair a bha ’n cridhe gun sprochd, ’s an saoghal làn sòlais,—seadh, tha eadhon cuimhne nan gleann ’s nam beann, nan creag ’s nam monadhai’ean, a bha ri fhaicinn o thigh ar n-athar, ris an do chuir sinn a nis ar cùl, tha cuimhne nan nithe sin gu leir a’ dùsgadh bròn agus mi-ghean anns a chridhe. Ach, ciod e cuimhne nan nithe sin ann an coimeas ri cuimhne nan càirdean caomh ris an do dhealaich sinn, na co’aoisean gaolach leis an do chuir sinn seachad a chuid a b’fhearr d’ar laithean nach ’eil a nis air uachdar an t-saoghail; an t-athair dleasnach agus a mhàthair chaomh nach ’eil ann, na bràithrean agus na peathraichean rùnach nach ’eil beo; co esan is urrainn smuainteach air na nithibh sin gun a bhi air a mhaothachadh, gun mhothachadh, do’n osna ’g éiridh na uchd, agus an deur a’ braonadh o shùil? Ach, a bheil sinn air ar fàgail gu caoidh mar mhuinntir aig nach ’eil dòchas? An suidh sinn sìos mar rinn Rachel a’ caoidh a cloinne, agus a’ diùltadh co’-fhurtachd, do bhri nach ’eil iad ann? Cha shuidh—ach théid sinn le creidimh agus le taingeal- [TD 195] [Taobh-duilleig 183 san leabhar fhèin] achd do’n ionad san robh Criosd na luidhe, agus as an d-éirich e. Eisdidh sinn le sòlas briathran an Aingil, “Cha’n’eil e’n so; oir dh’éirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t-àit an robh an Tighearna ’na luidhe. “Mar a dh’ éirich Ceannard nam buadh, is amhuil sin a dh’ éirigheas gach neach a bha ’na chreideach ann. “O! uaigh, c’àit a bheil do bhuaidh? O! a bhàis, c’àit a bheil do ghath?” Agus a nis, ged a tha bhliadhn’ ùr air tighinn a stigh le fuachd agus le gaillinn, agus ged a tha marbhantachd a gheamhraidh a mach air aghaidh an t-saoghail, cha mhair an geamhradh sin am feasd, thig Earrach nuadh anns an dùisg luchd-àiteachaidh na h-uaighe, agus anns an tòisich a bhliadhn’ ùr sin nach toimhaisear le cuairt gréine, agus air nach d’thig crìoch gu siorruidh. A rìs, ann an ath-chuimhneachadh na bliadhn’ a dh’ fhalbh, thig e dhuinn fheòraich le mòr iomaguin cionnas a chaith sinn i; agus ma chuireas sinn a cheist so gu dìleas dlù r’ar cridheachaibh fein, mar ann am fianuis De, bithidh aobhar nàire agus cromadh-cìnn aig gach aon againn. Innis, domh, mata, cionnas a chaith thu a bhliadhn’ a dh’fhalbh? Math a dh’fheudta gun abair thu rium gun do shaoithrich thu an earrann bu mhò dhi le fallus do ghruaidh o là gu là, gur ainneamh a ghlac a ghrian a’ d’ leabuidh thu, agus gur e dorchadas nan tràth a thug dhachaidh thu; gu’n robh thu leantainn do chosna gnàthaichte fein, gu teisteil, cliùiteach, mar a b’fhearr a dh’fheud thu, agus nach ’eil a bheag de mhi-bheus ri ràdh a’ d’ aghaidh. Theagamh gu bheil so uile fior, ach ’se rud a tha mis a’ feòraich dhiot cionnas a chuir thu bhliadhna seachad, mar neach aig a’ bheil anam prìseil a tha triàll gu siorruidheachd, agus aig a’ bheil fhios gur e crioch àraidh an duine Dia a ghlòrachadh agus a mhealtuinn gu suthainn. An do chaith thu a bhliadhn a dh’fhalbh air dhòigh a dh’fheudas tu a chuimhneachadh le sòlas air leabaidh do bhàis, agus a dhùisgeas do thàingealachd do’n Athair naomh a thug dhuit an toil agus an comas gu sin a dheanamh? Cia liugha cothrom prìseil arson leas t-anam’ a chur air aghaidh a chaidh seachad? Cia liugha àm arson ùrnuigh, leughadh nan scriobtuire, arson co’-chomunn a chumail ri Dia, agus ri d’ Shlanuighear; cia liughadh àm arson fein-cheasnachadh, agus beannachadh spioradail air an d’rinn thu dearmad? Bha tri-cheud, tri fichead agus cùig làithean anns a bhliadhn’ a chaidh seachad: ciod an earrann de’n ùine sin a bhuilich thu air Dia? An do thòisich agus an do chrìochnaich thu gach là dhiubh le ùrnuigh? Bha dà shàbaid dheug agus dà fhichead anns a bhiadhn’ a dh’fhalbh, anns an d’ fhuair a cholann fois o shaothair na beatha so, ach an d’fhuair Dia a h-aon diubh o mhochthra gu h-oidhche gu h-uile dha fein? Anns an aon bu diadhaidh a chaith thu dhiubh, co ac’ is e Dia no an saoghal a bha’n uachdar? Feòraicheam de chuid agaibh a tha leughadh so, cia iomad uair a thug sibh ainm naomh glòrmhor an Tighearn ann an diomhanas anns a bhliadhn’ a dh’ fhalbh, cia liugha gniomh gràineil d’an robh sibh ciontach? Cia liugha focal gòrach, peacach a labhair sibh? Cia iomad smuain eagallach d’an d’thug sibh caidreamh? Nach ann de thròcair Dhe gu bheil sibh fhathast beò? Nam biodh am bàs air ar glacadh san àm sin, c’àit’ an robh [TD 196] [Taobh-duilleig 184 san leabhar fhèin] sibh a nise? “Air dhuibh, uime sin, fios na h-aimsir a bhi agaibh, mosglaibh as ur codal, an diugh an t-àm taitneach, an diugh là na slainte;” cha’n’eil obair no aithreachas anns an uaigh chum a bheil sibh a’triall. Deanaibh obair fad an là, Is dorchadas nan tràth d’ur còir; M’am fàs an teanga gun chlì, Is uinneagan a chinn mar cheò. Ach air an laimh eile, tha dòchas agam gu bheil cuid de m’ luchd-dùthcha, a dh’fheudas, tre ghràs Dhe as an leth, amharc air an ais air a bhliadhn’ a dh’fhalbh le mòr shòlas. Tha iad da rìreadh air an irioslachadh ann an cuimhn’ air iomadh ni bu mhiann leo a dhi-chuimhneachadh, agus arson a’ bheil iad a’ guidheadh air Dia, air sgàth a Mhic, gun d’thugadh e maitheanas doibh, gidheadh, tha cuid de nithe ann air an urrainn iad amharc air an ais le toileachas-inntinn. Cha’n ann gu dearbh le uaill, no mar stéigh dòchais ’am fianuis De, ach mar dhearbhadh air a chaoimhneas, agus air saibhreas a ghràis sin a thug comas doibh an creidimh a nochdadh, le toradh co blasda agus co taitneach. Innsibh dhomh, mata, ciod iad na nithe sin a tha toirt sòlas duibh, ann an ath-chùimhneachadh oirre? An ann ann am fleadhachas na cuirme, ann an sàsachadh ar n-ana-miannaibh, an am baoth-shùgradh, òl, no dannsa, a fhuair sibh an sòlas brìghmhor, firinneach sin, air an urrainn duibh a nis amharc air ur n-ais le taitneachd, agus le taingealachd do Dhia? Da rìreadh cha’n ann, oir riamh cha do riaruich na nithe sin anam a chriosduidh, ni mò bheil sonas seasmhach ’nan lorg. Nach ann air na làithibh sin anns an robh sibh cuimhneach air ur Dia, furachair mu leas ur n-anama, anns an d’fhuair sibh neart chum ur n-ana-mianna a chìosnachadh, agus buaireadh a chur gu dhùlan; na làithean sin anns na dh’fhiosraich sibh, gum bu mhaith agus gum bu mhilis Dia, agus anns an dubhairt sibh le taingealachd cridhe, a Thighearna, ciod a dh’ ìocas mi dhuit arson do mhaitheis? so na làithean a tha taitneach ri ath-chuimhneachadh oirre, agus arson a mhàin an urrainn duinn taing a thoirt do Dhia gum faca sinn iad. Ma thug Dia dhuitse, a tha ga leughadh so, gràs anns a bhliadhn’ a dh’ fhalbh, gu bhi dleasnach anns an inbh anns an do shuidhicheadh thu, a bhi dìleas anns gach daimh; ma thug e comas duit maith a dheanamh do d’ cho’-chreutairibh, cobhair a nochdadh do’n uireasbhuidheach, agus càirdeas do’n deòradh bhochd; ma bha thu a’d’fhear tighe aig a bhantraich, a’d’ athair do’n dìlleachdan, a’d’ shùilean do’n dall, agus a’d’ luirg aig a chripleach lag, an sin tha cuimhn’ agad air nithibh a tha taitneach do’n anam. Beannaichte gun robh cuimhne nan làithean sin, agus beannaichte gun robh thus’, O! Dhe, a thug an togradh, agus an comas duinn feum iomchuidh a dheanamh dhiubh. Tha cuimhne nan làithean sin, mar dhealradh nan reultan àrda, nach ’eil ach ainmig ri’m faicinn anns an oidhche dhoilleir: ach ainmig ’s mar tha iad, orra-san deanamaid ar gabhail, agus stiùraidh iad sinn do’n chaladh anns a bheil sonas firinneach ri fhaotainn. Chum ar brosnachadh gu feum iomchuidh a dheanamh d’ar n ùine; cuimhnicheamaid co neo-chinnteach ’sa tha ar làithean. Is iomad [TD 197] [Taobh-duilleig 185 san leabhar fhèin] neach a tha’n diugh a’tòiseachadh air a bhliadhn’ ùir so nach faic crioch oirre. Tha ar n-aimsir, gu dearbh gearr; nach goirid a chuairt a th’ eadar a chreathall ’s an uaigh, eadar àm ar breith agus am ar caochlaidh? Sibhse is faide bha anns an t-saoghal so, aig a’ bheil an ceann liath, ’s an ceum goirid, ath-chuimhnichibh na làithean a dh’ fhalbh, agus innsibh dhuinn ur beachd umpa. Tha mi’g ur cluinntinn a’ freagairt, chaith sinn ur bliadhnaichean mar sgeul a dh’innseadh. Cha’n’eil spàl an fhigheadair ni ’s luaithe na bha ar làithean, no an dreag a tha ruidh roi’n speur. Theirig do’n chladh, agus éisd ris na tha na leachda-lighe ann an sin ag ràdh, oir cha dean iadsan breug. A’ bheil luchd-àiteachaidh nan caol-tighean dorcha sin gu leir aosda? Cha’n’eil, tha ciochrain mhaoth ’an ’sin a tharruing an osna, agus a dh’eug; tha leanaban ’an sin a chaidh sios ann an àird an àilleachd, agus òigridh ann an tréin an neart. Ciod i, mata, ar beatha? Tha i mar neul tha dol seachad, mar luibh mhaoth na machrach, a tha sgiamhach, bòidheach an diugh, agus am màireach a ghearrar sios. O mhuinntir mo chidhe, ’s mo ghaoil, bitheamaid glic, agus deanamaid feum maith d’ar làthean! An uair a dh’fheudas sinn a ràdh gu bheil ar n-obair criochnaichte, an sin feudaidh sinn bhi diomhanach; ach gus an d’thig sin, mosglamaid, agus bitheamaid air ar faicill, agus guidheadh gach aon againn air Dia gun neartaicheadh e sinn, chum an seann-duine le ghniomharaibh a chur dhinn, agus a leigeadh air cùl maille ris an t-seana-bhliadhna; agus a bhliadhn’ ùr a thòiseachadh mar dhaoine nuadh. Tha e gnàthaicht’ air an àm so, ’nuair choinnicheas càirdean a chéile, gu’n guidh iad bliadhna mhaith ùr dhoibh, agus gu ma shamhuil sin duibhse. Dia bhi maille ribh ré na bliadhna, agus gach là agus oidhche am fad is beo sibh. Gun robh Esan maille ribh gur stiùradh ’n ur n-uile cheumannaibh: a’ toirt faobhachadh dhuibh ’an àm deuchainn, agus a’ beannachadh dhuibh uile shochairean na beatha. Gun robh a làithaireachd ’n ar n-ionadaibh-còmhnuidh, agus altair anns gach cridhe agus teaghlach, as am bi aoradh neo-chealgach, moch agus feasgar air ìobradh dha. Slàn libh. T. M‘L. Campsie, Ceud là na bliadhna, 1830. DAN. An Gaidheal ann an tìr chéin air oidhche Chainnle. ’S tiomhaidh tròm mo chrìdh a’ nochd ’S mi ’m aonaran bochd leam fein; Cha’n iarr mi tàmh, cha’n fhaigh mi lochd ’S mi fo sprochd an dùthaich chéin. ’S iomad cuimhne thùrsach throm, Tha dùsgadh fònn a bhròin a’m uchd, Se thog an osnadh ann am chòm Nach’eil mi ’n tìr nam beann an nochd. Tha tìr nam beann mar bha i riamh, Gach gleann is sliabh is creag nam faobh; A chreachain ard ’sa’m bi am fiadh, ’S an leacainn liath tha sios o’ taobh. Tha gach àllt a leum le toirm O chraig gu craig a sios gu tràigh; Tha bàrr an fhraoich bhadanaich ghuirm Gu tròm dosrach mar a bha. Ach c’àite a bheil, na cairdean gràidh, Ga’n tug mi bàidh an làithean m’òig? Se fà mo mhulaid is mo chràidh Mheud sa tha dhiubh ’nochd fo ’n fhòid. [TD 198] [Taobh-duilleig 186 san leabhar fhèin] M’athair-sa cha’n’eil e beo, Mo Mhàthair chaomh cha’n’eil i ann: Dh’fhalbh mo chò-aoisean mar cheo, ’Dh’fhuadaichear le gaoth nam beann. Slàn le comunn caomh mo ghaoil! Chuireadh faòilt am chridhe bochd: Cha’n’eil iad air uachdar an t-saoghail, Dheanadh aobhach mis an nochd. Ach tha iad beò ’an dùthaich chéin, Tìr na gréin gun oidhch a choidhch; Coinn’chidh sinn fhathasd a chéil’ Gun sùil fo dhéur, gun chridhe caoidh. Tha àl a falbh is àl a’teachd, Mar shlacaireachd nan tònn air tràigh; Air bliadhnaichean tha iad gu beachd, Mar sgeulachd dhiomhain ghearr gun stà. Glòir do Shlan’ghear caomh nam buadh’ Thug a nuas o thìr an aigh, Sgeul an aoibhneis do’n t-sluagh, Beatha bhuan nach mìll am bàs. Choisinn e bheatha so gu daor, As a thaobh gu’n thaom an fhuil; Ach O! cia grásmhor, fialaidh saor Do’n chinne-dhaoin, a h-àdh, ’s a buil. C’arson a bhithinn brònach bochd, A caoidh fo sprochd an so leam féin, Do shùil a Dhe, tha orms’ a nochd, Fo dheòruidheachd an dùthaich chéin. Cha bhi mi caoidh, cha toir mi céill, Fo thaic do sgéith, gu’n iarr mi tàmh, Do d’ thoil-sa Thighearn bheirinn géill: Gam’ striochadh féin a chaoidh fo d’ laimh. T—O— Ceud là na bliadhna, 1830. Na Sochairean a tha Dia a’ buileachadh anns a Gheamhradh, air gach beo-chreutair. Nan rannsaicheameaid oibre Dhe leis a bharrachd cùraim na is gnàth leinn a dheanamh, is iomad cion-fath a bhiodh againn gairdeachas a dheanamh na mhaitheas, agus gu mòr iongantais a ghliocais a mholadh. Is tearc iad, gun teagamh, nach ’eil mothachail air maise nàduir san earrach, san t-sàmhradh, agus anns an fhogh’radh. Ach is ainmig a tha ’n aitim is mò mothachadh, air am mosgladh gus an taingealachd is blàithe a nochda, ’nuair a chi iad na craobhan air an rùsgadh gun duilleach, gun mheas;na machraichean air an lomadh o gach còmhdach; ’nuair a shéideas oiteag sgaiteach a gheamhraidh m’ar n-ionad-còmhnuidh, ’s an uair a thig an reothadh fuar a cheanglas teann am fonn, ’s a chrupas suas gach beo chreutair. Ach a’ bheil sochair air bith r’a shealbhachadh san àm neo-aoidheil so? Tha gun teagamh, mòran diubh. Amhàin cleachdamaid an inntinn gu beachd n’’s dlùithe a ghabhail air oibribh Dhe, biodh gnà mhothachadh againn air a mhaitheas, agus gheibh sinn aobhar gu leòir, eadhon ann an dùdlachd a gheamhraidh, air ar taingealachd do Dhia a bhrosnachadh. Thugaibh fainear cia truagh a bhitheadh sibh mar biodh agaibh san àm dheuchainneach so, connadh, no eudach, chum ur cumail blàth. Mo thruaigh iadsan air a’ bheil mòran de’n dà chuid a dhì. Is goirt, agus is cruaidh leam an cor; am feadh a tha’n staid uireasbhuidheach anns a’ bheil iadsan a’ leige ris domh maitheas De do m’ thaobh fein, tha e cur a’m’ chuimhne co fiachaichte ’s a tha e orm [TD 199] [Taobh-duilleig 187 san leabhar fhèin] freasdal doibhsan a réir a chothrom a bhuilich e orm. ’Se Dia rinn an geamhradh co maith ris an t-samhradh, agus tha e uime sin, na dhòigh fein, co feumail ris gach ràidhe eile. Is taitneach ri thoirt fainear an cùram a tha Dia, na fhreasdal, cha’n e mhàin a’ gabhail de chloinn nan daoine, ann an solar dhoibh nithe feumail na beatha so, ach mar an ceudna do gach beo-chreutair eile. Bhuilich nàdur còmhdach iomchuidh air a chuid is pailte de bheathaichean, tre ’m fuiling iad am fuachd, agus an solair iad an lòn anns a gheamhradh, co maith agus an t-samhradh. Tha e air òrduchadh gun tilgeadh na fiadh-bheathaichean an calg san t-samhradh, agus gum fàsadh e orra, m’am d’thig an geamhradh, chum an cumail gu clùth’or, blàth, ris an fhuachd is gàbhuidh. Tha cuid eile de mheanbh-chreutairean a’ faghail fasgaidh fo chairt nan craobh, ’am frògaibh, agus an tuill nan creag, agus nan uadhachan, ’nuair a tha ’m fuachd a’ toirt orra ionad an àbhachdais san t-samhradh fhàgail. Is ann an sin tha cuid diubh a giulan an lòin a tha r’am beathachadh, a chruinnich iad san t-samhradh; tha cuid eile na’n trom shuain fad a gheamhraidh. Bhuilich nàdur air cuid de eunla’ibh tùr chum an ionad còmhnuidh fhàgail m’an d’thig an geamhradh. Chithear iad air iteig nan sgaothaibh mòr a’dol chum dhùthaichibh blàtha. Tha cuid eile air nach ’eil sùnnt triall, a’ faotainn an uireasbhuidh air a deanamh suas san àm so. Tha eoin eòlach mar gheibh iad baoiteagan anns a chòinnich, agus ann an sgoltadh cairt chraobh. Tha cuid de cheithir-chosaich a’ toirt sa t-samhradh an lòin do uadhachaibh, agus ga’m beathachadh fein leis fad a gheamhraidh. Tha cuid eile d’an eiginn iarruidh fo shneachda agus fo éidhreadh, Tha cuid de bhiastan snàigeach, a tha sa gheamhradh ann am feur-lochain, agus ann an aibhnichean reòdhta, aig nach eil biadh fad na h-ùine sin, ach a tha do ghnàth beo. Gu cinnteach tha iomad dòigh aig an fhreasdal air creutairean a chumail beò air a’ bheil sinne an-fhiosrach. Thugaibh, leamsa, cliu do’n Uile-chumhachdach, a tha d’ar dion, agus nach ’eil a mhaitheas agus a mhòrachd a’ meas mar thàir, suim a ghabhall de’n chreutair is dìblidh a tha anns a chruthachadh air fad. O’n ainmhidh is àirde gus an fhìneag is isle, tha iad uile an comaine Dhe arson an ionaid-taimh, am bìdh, agus am beatha; agus far a’bheil nàdur fein, do bhrìgh coslais, gun bhi co saibhir, tha Esan a’ deanamh suas an uireasbhuidh. Deanadh a bhi smuainteachadh air na nithibh so ar muinghinn ann an Dia a neartachadh. Cionnas a gheibh iomaguin no cùram greim air ar cridheachaibh, no gu a shaoilsinn nach gabhar cùram dhinn fad a gheamhraidh? Cha tréig an Dia sin a tha solar do na creutairibh, an cinne-daonna. An ti sin a tha co cùramach mu nithibh beaga, bithidh e ni’s ro mhò ann mu nithibh cudthromach. Solairidh an Dia sin a tha buileachadh còmhdach air na beathaichibh, truscan duinne. An Dia sin a tha ga’n seoladh-san gu dìon a ghabhail am frògaibh nam beann, sdiùraidh e sinn chum ionad-dion anns an caith sinn ar làithean gu suaimhneach. Tha an Dia sin a sholair an lòn air an son-san [TD 200] [Taobh-duilleig 188 san leabhar fhèin] fo’n t-sneachda agus fo’n eidh, comasach air sinne a dhìon anns na h-àmaibh is deuchainniche. Foghlumamaid uaithe so, o’n a tha cùram aig Dia do’n chreutair is isle, gur iomchuidh dhuinne sonas ar co’-chreutairean a chur air aghaidh, agus mar an ceudna leis gach beo-dhùil; agus gur ni peacach, cràdh neo-fheumail a dheanamh air a chreutair is laige: agus ma tha còir àig beathaichean na machrach air ar cùram, agus air ar meachainn, nach mòr is mò a tha dhlighe aig ar co’-bhràithrean de’n chinne-dhaonna? Na bu leoir leinn ar n-uireasbhuidh fein a shàsachadh, ach thugamaid oidheirp air sònas chàich a mheudachadh. Ead le P. M‘F. Tha na DAIN a leanas a’ co’-fhreagradh do na smuaintean a th’air thoiseach, agus ’s ann le tlachd a tha sinn d’an cur sios. DAN SPIORADAIL. Ri àilleachd a Chéitein—tha’n saoghal gu léir, A’ cur maitheas an Tighearn gu h-éibhinn an céill. Tha na tuiltean, sna cuanta, na coilltean, ’s na glinn, Gun airsneul a’ seinn da le co’ sheirm bhinn. Ged chuala mi chaithream—cha do thog mi am fonn, Ach dh’imich mi romham gu neo-shunntach trom, Gun urram gun ghràdh, ’s gun fhiughantachd crìdh, Do’n Dia sin a chòmhdaich le àilleachd gach ni. Ach thainig an geamhradh—gu tartarra doirbh, Theirinn an doinionn, is dh’ éirich an stoirm, Is theich mi gu h-anfhann a’ d’ ionnsuidhs’ a Dhe, A’g iarraidh ort fasgadh fo sgàile do sgéith. Thainig samhradh mo bheatha gu h-aoidheil ’s gu guanach, Is dh’ imich mi romham, gach ni mar bu mhiannach, A’ mealtuinn gach sochair, is saor o gach dòlas, Ach fathast san Tighearn cha d’ rinn mise sòlas. Ach feuch! thainig caochladh a bhròin air mo chàradh, Thainig le m’ gheamhradh gach deuchainn is ànnradh; Is ghluais mi gu silteach fo iargain ’s fo bhròn, Gun chobhair, gun chòmhnadh, gun éididh, gun lòn. Shiubhail mi’n saoghal gu h-airsneulach sgìth, Ach tha faoineachd is diomhanas sgriobht’ air gach ni; Is air uachdar an domhain cha d’ fhuair mi cùl-taic, Gus ’n do thill mi ri Dia, mar an calaman do’n àirc. I. M‘L. [TD 201] [Taobh-duilleig 189 san leabhar fhèin] AN GEAMHRADH. Amhairc mar lom an geamhradh fuar A choill, ’s mar chuir e ’m fonn fo ghlais; Ach thig a chlisg’ an t-earrach àigh, ’S bheir àilleachd do gach ni air ais. Tha m’anamsa bròn fo gheamhradh ’s cruaidh, Cha d’thig duill’ uaine dhomh no blàth; O c’uin thig ormsa ’n t-earrach ciùin, A thoirt dhomh fàs as ùr ’an gràs? Seall ormsa, Iosa, Ghrian an àigh, ’Stu fein ni’n cridhe reòta tlà; Ciùinich an stoirm tha ormsa ’g iadh Is tearuinn mi fo sgàil do ghráidh. A Thighearn éisd ri m’ ghearan lag, Tha fadal orm thu theachd a là’ir, An geamhradh dhòmhsa bhliadhn’ air fad, Am fuiling thu do d’ lus dol bàs? Bi sàmhach, m’anam, ’s feith r’a uair, Le ùrnuigh bhuan is creidimh beò Is gus am foillsich e a ghràs Na ghealladh biodh a ghnàth do dhòidh. Ead. le S. C. AN NALLAIG. Caomh fhàilt ort a latha, a latha mo rùin! A latha ro aithrigh air moladh, is cliu; A Nallaig ge doilleir, leam is soilleir do ghnùis ’Sro aoibhneach do sgeulsa do’n éuslan, ’s do’n chiùirt. Bhur cleasachd, ’s ’ur gòraich, cha deonach leam fhein, ’Ur dannsa, ’ur ceol cha bhòidheach air chinnt; ’Ur sùgradh, ’ur mànran—’s ’ur n-àbhachd ro-bhaoth, Le m’ chridhe tha tàireil, ’s cha’n àraich dhoibh gaol. Ge nach taitneach le m’ chridh-sa ceol fhìdhlean, is theud, Ge nach blasda, ’s nach binn e san tiomsa le m’ chré; Tha ceol tha ro-thaitneach do m’ bhlas-sa san lò, Bheir sòlas do m’ aigne am fad bhitheam beo. Tha naomh cheol a’ bualadh mo chluasan gu h-àrd, Guth molaidh ro uasal bhios buan anns gach àit: “Mòr ghlòir anns na h-àrdaibh do Ard-righ na glòir, Air talamh caomh shlainte do’n chràiteach, ’s do’n leoint.” ’N diugh thuirling feachd aingeal o thalla na glòir, ’Nan culaidhibh geala, le farum, ’s le ceòl; Air faiche Bhetlehem O b’éibhinn, ’s bu bhinn, Ard fharum an teudan—an sgeul bu ro bhinn. ’N diugh rugadh dhuibh Slan’ear ’am fardoch na spréidh, A lùthchairt cha’n àluinn, ge b’àghmhor i’n neamh: [TD 202] [Taobh-duilleig 190 san leabhar fhèin] ’Smar chomhara gheibh sibh an leanabh ro naomh, ’Sa mhàthair dha’m fogus, am prasaich nach caomh. Feuch! acair mo dhòchais, mo shòlais ’s mo shìth! M’ àrd aoibhneis, fàth m’òrain, mo ghlòir e gu cinnt; Mo dhìdean fo thruaighe, gach uair e ’s gach linn, Làn ìoghnadh a’m’ chluasaibh a luaidhean ge binn. FIOR GHAEL. LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE. A Theachdaire Ghaolaich, Bliadhna mhaith ùr dhuit, agus mòran diubh. Thug mi cunntas duit san litir roimhe m’an doigh air an do chuir sinn seachad an oidhche challainn mu dheireadh a chunnaic mi ann an tigh Ghlinn-deiseiridh. Theid mi air m’adhart a nis mar gheall mi, gu cunntas a thoirt duit man chamanachd air latha na bliadhn’ ùir. Bha ghrian air maduinn latha cainnle fada gun a gnùis a nochda, agus an déigh dhi teachd am follais os ceann nam beann, bu ghlas-neulach a h-aogas, mar gum biodh i’n raoir a mach air a challuinn, agus i fein agus Dòmhnull Bàn nam buideal ro mhòr aig a chéile m’an deach iad a luidhe. Bha’n ceo gu h-ìosal air an leachduinn, a chorra-riabhach ag éiridh o’n lòn, bha langan an fhéidh air a chreachainn, bha’n coileach dubh anns an leitir, a’ ceartachadh a chuid ibhtean, agus le dùrdail bhòidheach a’ cur fàilte na bliadhn’ ùir air an liath-chirc shomalta a bha sràidimeachd r’a thaobh. An déigh dhomh fàilt a chuir air mo theaghlach, agus am beannachd a b’àird’ a ghuidheadh as an leth; agus an déigh dhomh a chaora-nallaig a chur seachad, agus sguab a thoirt do’n spréidh, mar bha mi ga m’ cheartachadh fein, cò thainig orm ach Pàra mòr, agus mo Ghoistidh Aonghas òg. Mo bhannag ort a Phìobaire, ars’ iadsan, le aon ghuth: bliadhna mhaith ùr dhuit. Mar sin duibhs’, arsa mis; ciod so a Phàruig? (is e toirt làmh air searraig a bh’ aige na achlais,) Coileach dubh, aig a’ bheil gogail ni ’s mìsle na aon ràn a thainig riamh a siunnsair do phìoba. Dh’òl sinn air a chéile, agus thug Màiri an sin làmh air rud beag a bh’ aice ann an seotal na ciste mòire, de’n fhìor thòiseach. Na dheigh sin thog mi fein orm, oir b’e mo dhleasnas na daoin’ a chruinneachadh air maduinn an là so, le fuaim na pìoba. Ghabh mi suas an Gleann o bhaile gu baile, a toirt air mac-talla nan creag freagradh do’n phort, A mhnathan a Ghlinne nach mithich dhuibh éirigh. Nam biodh a phiob an diugh pàiteach, b’ ullamh a gheibheadh i a chasgadh. Bha chuideachd a’ dùmhlachadh mar chaidh sinn air ar n-aghaidh, gus an do phill sinn a nuas taobh eile Ghlinne, gu tigh Eoghainn bhàin mhaoir, far an robh muinntir a Ghlinne air a mhaduinn so ri’n trà maidne a ghabhail. Chuir a Bhan-tighearna tri-bhliadhnach muilt do thigh Eoghainn, a dheanamh na h-eanraich. Bha boc-earb againn a Coire-na-h-iùraich, brad- [TD 203] [Taobh-duilleig 191 san leabhar fhèin] an a linne-nan-gealag, agus ’nuair chuireadh ri chéile na thainig as gach tigh, de mhulachagan càise, de chuachan ime, agus de bhonnaich chruaidh choirce, bha ann na dh’fhòghnadh do uibhir eile, ged a bha sinn ann deich-fir-fhichead, de cheatharnaich deas uidheamaichte arson na camanachd, a bhàrr air mnathan agus air cloinn. Cò thachair a bhi sa chuideachd ach an duine cneasda Lachlann nan ceistean, agus cha robh do charaid am Minister Gallda na urrainn altach’ a b’fhearr a thoirt duinn na fhuair sinn. Bha greis an déigh dha bhi réidh m’an do labhradh focal. So! so! a mhuinntir mo chridhe, ars’ am Maor, bithibh tapaidh, tha ’m pailteas roimhibh, agus na caomhnaibh e. Tha’n eanraich maith, agus a bhuidheachas sin dise a chuir an deagh mhult ga deanamh. Cha’n’eil an eanraich dona, arsa Pàra mòr, ach tha i anabarrach teith, air leam fhein nach bu mhist i dileag bheag dhe’n TOISEACH ga fionnarachadh. ’S maith a dh’ fhàg thu e, ars’ am Maor, C’àit a’ bheil an t-slige-chreachainn? Sin i fa d’ chomhair, a Ghoistidh, cuir seachad i, agus cuimhnich nach ’eil aiseag saor ’an Albuinn. Bi tapaidh, a Phìobaire, tha ghrian a’ tarruing suas ri Dùn-dà-ghaoith, agus air a mheadhon là tha chamanachd ri tòiseachadh. Fhalbh! Fhalbh! arsa Pàra mòr, leig leis a ghréin gabhail air a h-aghaidh, tha rathad aicse, agus rathad againne. Cha’n’eil Dùn-dà-ghaoith soirbh r’a dhìreadh an diugh fein; tha iomad ceum sleumhain gu mhullach. Tha ghrian ro-chiallach m’an àm so bhliadhna, cha’n’eil an t-anabarra deifir orra sa mhaduinn, ged is cinnteach mi gun d’theid i na deann-ruith mun d’thig am feasgar, mar rinn i na h-uile feasgar sunndach a chunnaic mi riamh. Mo thruaigh, a Phàra mhòir, arsa Lachlann nan ceistean, na bi labhairt mar sin m’an ghréin, agus a’ tighinn thairis air faoineachd de’n t-seòrsa sin. Cum do thruas agad fein, arsa Pàra mòr, cha truagh cù agus marag mu amhaich, leis a so thug e làmh air sgonn de ìsbein a bha ma choinneamh. Rinn Lachlann còir glag gàire, deir e, cha’n’eil maith a bhi bruidhinn ri Pàruig. Thug am Maor sùil orm fhein, agus an déigh do Lachlann buidheachas a thoirt seachad, thog mi orm a mach, agus chluich mi GHLAS-MHEUR, fhad ’sa bha Eoghann ruadh Saighdear a’tarruing suas nan daoine; a h-uile fear sa chaman na dhorn. Rainig sinn Guala-nan-càrn, far an robh na h-uaislean againn fhein ri’r coinneachadh, agus mun robh fios againn c’àit an robh sinn, co chuir e fein air ar ceann ach Dòmhnull òg againn fhein, Oighre ’n teaghlaich, is e an déigh tighinn dachaidh air a cheart mhaduinn sin, gun chodal oidhche o’n a dh’fhàg e Dun-eidean. A dhuine chridhe, b’e fein am fiuran àillidh! Cha b’ urradh dhomh deo chur sa phìob; séid suas Fhionnlaidh, ciod am mulad a th’ ort? Mulad, a deir mise, is fad a ghabh e uam. Thainig muinntir an Leathair am fradharc, agus Alastair ruadh a Chaoil air an ceann. ’Nuair a mhothaich an dà bhuidheann d’a chéile, thog iad iolach ait ghairdeachais, a’ fàilteachadh a chéile le mòr shubhachas. Rainig sinn an fhaiche, ’sann an sin a bha iomad fàilte chridheil, am measg chàirdean agus luchd-eolais. Thog an latha oirnn gu grianach soilleir, air na cnuic m’an [TD 204] [Taobh-duilleig 192 san leabhar fhèin] cuairt do’n Blàr-ruith bha na mnathan agus na leanabain, maighdeannan na tìre, uasal agus ìosal, eadar dà chloich na dùthcha, a dh’amharc na camanachd. ’Nuair a thug mi fhein sùil a nunn nam measg, cha’n fheud mi ràdh nach robh mi gle thoilichte gun d’thug mi bhoineid chonnlaich, agus an cleòca sgarlaid dhachaidh, a bha air Màiri, is i thall ’nam broilleach. Chomharaicheadh a mach an taodhall, agus thòisich iad air na daoin’ a tharruing. “Buaileam ort, Alastair,” arsa Domhnull, “leigeam leat,” ars’ Alastair. Is leamsa Domhnull bàn Chuilfhodair, an aon duine bu shine bh’air an fhaiche: thug Domhnull ceum gu taobh, agus shaoileadh tu gun leumadh an dà shùil as le h-aighear. ’Nuair bha na daoin’ air an roinn, dà fhichead air gach taobh, buideal aig gach ceann de’n taodhall, thilg Alastair ruadh an caman suas, Cas no Bas, a Dhomh’uill nan Gleann? Bas a chumas ri d’ chois gu h-oidhche. ’Sann air Alastair a thainig an ceud bhuille bhualadh, agus air dha am ball iomanach a shocrachadh, mar bha e togail a chamain, ghlaodh Dòmhnull òg, deis-dé! Alastair, rinn sinn dearmad air cleachda an latha, ach ’s matha an t-àm fhad ’sa dh’ fheudar a leasachadh. Thig air t-adhart Eoghainn bhàin, agus aithris riaghailtean na h-iomain. Chruinnich gach aon ma thimchioll, agus thoirmisg Eoghann ann an ainm cinn-fheadhna na camanachd, agus do reir nòs an sinnsireachd, connsachadh no trod, focal àrd no mionnan, buille no dorn, caonnag no misg, agus bhrosnaich e iad gu farpais chairdeil, co’-strigh dhuineil, fhearail, gun bhacag gun cheap-tuislidh. Bhuail Alastair a cheud bhuille, agus thòisich a chamanachd. Ach cha’n’eil cainnt agamsa gus na thachair a chur sios. Chaidh a cheud taodhall le muinntir an Leathair, ach ma chaidh cha deachaidh an latha. Rùisg Dòmhnull òg is a chuid gillean, agus shaoile tu gun robh blàr-na-léine a rìs ga chur. Bha’n latha leinne. Bhuaileadh a bhuille-choilleag le Eoghann bàn leathann, fìdeag choimheach a chuir a thaodhall am ball. Thog sinn caithream na buaidh, ach cha robh ann ach gràdh agus fiughantas. Chruinnich sinn m’an bhuideal, agus cha robh dì no ganntar oirnn. Na dhéigh sin chaidh a cheatharna a chaitheamh na cloiche neirt, agus an déigh iomad urchair thàbhachdach choisinn Eoghann-bàn leathann urram an latha. Mo nàire, Illean, arsa Pàra mòr, na caileagan bòidheach, lurach gam meileachadh ri taobh an tuim; c’àit a’ bheil na dannsairean? Seid suas ruile-thulachain Fhionnlaidh. Thòisich an dannsa, agus bha ghrian a’ tearnadh sìos gu ìochdar Mhuile, agus seachad air Barra man do dhealaich sinn. Thog sinne oirnn do na Glinn, agus sgaoil ar càirdean sios chum an Leathair. Cha chualas focal àrd no mi-mhodhail, Bha iomad peirceall agus lurgann air dhath nan dearcan-tomain, ach cha robh fuath no farmad mun chùis. Rainig sinn tigh na h-uaisle, bu lionmhor leus a bha’n oi’che sin ann an aitreabh na h-aoidheachd, ge iosal dorch an diugh i. Chaidh an oi’che seachad le ceol agus le sùgradh, agus cha do dhealaich sin gus an d-thainig brise na fàire, a threòrachadh gach aon againn, a bha gu sgìth codalach, d’ar leapaichibh fein. Agus a nis a Theachdaire Ghaolaich, sin agad cunntas air [TD 205] [Taobh-duilleig 193 san leabhar fhèin] an dòigh anns am b’àbhaist do d’ shinnsirean latha Cainnle chur seachad. Agus theagamh, ge nach creid iad air a Ghalldachd e, is iomad deagh bhuaidh a bha’n lorg a cho’-chomuinn so eadar uaislean agus an cuid daoine. Bha cainnt ar dùthcha an sin aig ar n-uachdrain, agus cha bu tàmailte leis an aon a b’àirde dhiubh, labhairt ruinn air ar n-ainm aig aon choinneamh no còdhail aig am bitheamaid. Bha cinneadas, codhaltas agus càirdeas eadaruinn, ge b’ ùbhlan iadsan air a ghéìg a b’ àirde bu mheanglain sinn uile de’n aon chraoibh. Ruigeadh an t-aon bhuille oirnn air fad; ach taobh mach de’n teaghlach fo bheil mi air an àm, feudar a ràdh, Dh’fhalbh sud uile mar bhruadar, No briste builgein air uachdar nan tonn. Pìobairean cha’n’eil a nis aca; agus ma ’se an gillean cha’n fhiach leo fear dùthch’ a ghabhail, ach garthaich Ghallda, peasain chaola leibideach, le’m brigisibh goirid, agus stocainean geala, gun smid Ghaelic nan ceann; gun dùthchas gun dàimh, gun uiread mhisnich sa theasairgeadh Oighre an teaghlaich o ghob a choilich fhrangaich. Cha b’ ionann ’s do ghillean, a Dhomhnuill nan Gleann, an là a thainig an righ air tir ann am Mùideart, m’an cuala mi m’athair co tric a labhairt. Slan leat a Theachdaire Ghaolaich, is dòcha nach bi cothrom agam air litir a chur an cabhaig a’ d’ionnsuidh, ach is mi da rìreadh an là a chi ’s nach fhaic, Do charaid, dìleas, FIONNLADH MAC AONGHAIS. Failt an Teachdaire Ghaelaich. Tha uiread de fhior chaoimhneas anns an litir a fhuair sinn o’n t-Sean-Ghael o thaobh a Gharbhuisg, agus nach urrainn duinn an Dàn a leanas a chumail air ais, ged theagamh, gun abair cuid de dhaoine, nach bu chòir dhuinne ni a tha moladh an Teachdaire co mòr a chur ann. Fàilt’ ort fein a Theachdaire Ghaelich, A cheud là de’n bhliadhn’ ùir: S gu ma h-iomadh bliadhn’ a chi thu dhiubh, M’an dall an t-éug do shùil. Is fiùran òg tha flathail thu, Tha air teachd oirnn as ùr; ’S mar thuirt Eoghann Brocair e, O! ’s ann ad cheann tha’n tùr. O! ’s ann tha’n t-iul, ’s an sgoileireachd, Ged tha thu fhathast òg: ’S ann shaoileadh daoin’ gur co’-aois thu, Do’n chomhachaig bha’n san t-sròin. Gach inneal smùid le’n carbadan, ’S tu dhealbhas dhuinn gun strìgh; Tha thu eolach mu na rionnagan, Co maith ’s air muir is tìr. Tha sean eachdruidh m’an Phrionns’ agad, Gan aithris duinn as ùr; Co soilleir ’s thug mo shean-athair dhuinn, A sheasamh ’m Prionns’ ga chùl. Do dhàin is t-òrain luinneagach, Tha iad co blasd’ r’an luaidh; ’S gur deimhin leam gur caraid thu, Do Mhàiri Nigh’n Alastair ruaidh. Is fear lùth’or anns a choiseachd thu, Do chosan ’s iad tha luath: Gheibhear an Eilean Arainn thu, ’S aig tigh Iain Ghrot ’s taobh tuath. [TD 206] [Taobh-duilleig 194 san leabhar fhèin] Sior ghuidheam fàilt’, is furan duit, Is cridhe sunndach slàn; ’S gum biodh do thigh gun snidhe ann ’S do chiste mhine làn. SEANA GHAEL. Taobh a Gharbh-uisg. BLIADHNA THEARLAICH. ’Nuair a chual’ iad ’an Sasunn mu Bhlàr na h-Eaglaise-brice, ghlac uamhas càirdean an righ, agus air ball chuireadh a nuas Diuchd Uilleam gu bhi na Cheann-feadhna air an arm-dhearg: ann an ùine cheithir làithean an déigh dha Lunnainn fhàgail bha e ann an Duneidean; cha d’fhan e an sin ach còrr is aon latha, ’nuair a ghabh e air aghaidh an déigh nan Gaidheal leis gach feachd a b’urrainn da a chur ri chéile. Bha Tearlach agus a dhaoine a nis a’ deanamh arson na Gaeltachd; cha’n ann le eagal roi’n arm-dhearg, ach a chum a chàirdean a chruinneachadh r’a chéile, agus leis an rùn so rinn e arson Inbhernis. Lean Diùchd Uilleam e mar a b’fhearr a dh’ fheud e. Rainig Prionns’ Tearlach tigh Mhic-an-Tòisich na Moidhe, far an d-fhiosraich e sàr-aoidheachd o’n bhan-tighearna urramaich sin, a thog a daoine an aobhar Thearlaich, ged a bha a fear san arm-dhearg. Am feadh a bha Tearlach a’ cur seachad na h-ùine sa Mhoidh gun sgàth gun chùram, bha Mor’ear LOUDAI le mòran de’n arm-dhearg ann an Inbhernis, agus chuir e roimhe am Prionns’ a ghlacadh le feall, fo dhubhar na h-oidhche; ach ged a ghnàthaich e gach seoltachd a dh’ fheud e, chum na bha na bheachd a chleth, fhuair ban-tighearna Mhic-an-Tòisich sanus air, agus chaidh am Prionns’ as an rathad. Chuir am boirionnach misneachail so seisear dhaoine fo riaghladh Gobha na dùthcha, chum faire chumail air Mor’ear Loudai is air a chuid daoine. Bha’n Gobha na dhuine foghainteach, agus ge bu dalma dha smuainteach air, chuir e roimhe le sheisear fhear maoidhm a chuir air a Mhor’ear agus air a chùig-ceud-deug saighdeir; agus an uair a thainig an t-arm air an aghaidh, air do’n oidhche bhi dorcha, shocraich an Gobha a chuid daoine co iomchuidh ’sa b’urrainn da, agus cha luaithe chual e farum an airm dheirg ga chòir, na thilg e urchair air thuairmeas, agus bha òrdugh aig na bha leis an ni ceudna a dheanamh. Rinn iad an sin na h-uiread ghleadhraich ’sa b’ urrainn doibh, a’ gairm air na Camshronaich agus air Cloinn-Dòmhhuill iad a theannadh air an aghaidh an coinneamh an airm-dheirg a bha air thi am Prionns’ a ghlacadh. Cha luaith chuala Mor’ear LOUDAI so na ghrad phill e fein is a chuid daoine, le dian chabhaig air a cheart slighe air an d’thainig iad: is am fear nach fhanadh ri bhogha, cha’n fhanadh ri chlaidheamh; agus is i a chas bu mhoille a chas bu lugha orra; agus bha iad ann an aimlisg co mòr ’s gun robh iad a’ tuiteam gu tiugh air muin a chéile, ionnas nach comasach a mhi-riaghailt san robh iad aithris, ann an làn bharail gun robh an t-arm Gaidhealach air an tòir. Lean iad air a chabhaig so gus an d’rainig iad dlù do Inbhernis, far an do thuig iad nach deach ach aon fhear dhiubh a mharbhadh le urchair a Ghobhainn, gidheadh bha iad air dhroch dhìol le leòin, le creuchdan, agus le tàmailte. Chruinnich Tearlach a chuid daoine air an là màireach, agus [TD 207] [Taobh-duilleig 195 san leabhar fhèin] ghabh e air aghaidh do Inbhernis, chum aicheamhuil a thoirt a mach arson brath-foille na h-oidhche an raoir; ach thuig Mor’ear Loudai nach robh e airson aghaidh a thoirt air nà Gaidheil, an déigh do sheisear an ruaig a chur air, agus ghabh e’n t-aiseag aig Port-cheasaig leis an arm-dhearg, do Shiorramachd Rois, leis an robh e air a chumail o’n arm-dhearg am fad ’s a mhair an iomairt. Ghabh Tearlach an sin seilbh air Inbhernis, agus ghlac e’n daighneach, a leag e sìos gu làr. ’Se aon aobhar a bh’aig Tearlach teachd co fada mu thuath, gum biodh e dlù air gach cobhair ris an robh fiughair aige o’n Fhraing; agus a dheanamh na firinn, cha bu bheag a chaidh chur ann le righ na Frainge, ge nach mòr a fhuair esan diubh. Le bochdainn na dùthcha b’ éiginn do Thearlach a chuid airm a sgaoileadh air feadh na tìre, agus an uair a chruinnich e iad r’a chéile, bha iad ann an airc a chion bìdh. Bha’n t-arm-dearg a’teachd air an aghaidh a chois a chladaich, gus an d-thainig iad Inbhernarrun, far an do chuir an Diùchd roimhe cuirm a thoirt do’n arm air co’-ainm a latha breith; thachair so air a chùigibh latha deug de mhìos mu dheireadh an Earraich; agus chuir Tearlach agus a chuid airm rompa ionnsuidh a thoirt air a champ Shasunnach air an oidhche sin, le fiughair gum biodh an t-arm-dearg air mhisg agus air mhi-riaghailt. Leis an rùn so thog iad orra mu dhorcha nan tràth, a los an ionnsuidh a thoirt, ach bha’n oidhche ro dhoilleir, agus an t-slighe ro-dhochair, ionnas gun robh an fhàir a’briseadh m’am b’urrainn doibh ruigheachd. Leis a so cha robh feum dhoibh dol ni b’fhaide, agus phill iad air an ais gu sgìth, allabanach, acrach, gun a bheag aca a chaisgeadh an ciocras. Rainig iad monadh Chuilfhodair, agus claoidhte mar bha iad, chuir e aiteas orra Mac-Mhic-Raonuill na Ceapach. agus a dhaoine, agus Mac-Shimidh le fheachd ainmeil a thighinn orra air a mhaduinn sin. Tharruing Tearlach suas a dhaoine air an t-sliabh, agus cha robh aige ach mu thuaiream cùig mìle, agus a chuid bu mhò dhiubh so fann le cion bìdh, caithris, agus sgios. Cha b’fhad a bha iad ’an so ’nuair chunnaic iad an t-arm-dearg a’teachd san fhradharc, a bha ann an àireamh dithis m’an aon fhear dhiubhsan, agus dhlùthaich iad orra mar neul dorch eadar iad agus fàire, a’teachd air an aghaidh gu neo-sgàthach ann an òrdugh catha. Bha’n airm a’ dealradh ris a ghréin, am brataichean a’snàmh sa ghaoith, agus àrd chaithream nan ceuda druma a’toirt dùlan do an naimhdibh. Ann an ùine ghoirid bha’n dà arm air an tarruing suas an òrdugh catha mar uidhe shea-ceud slat d’a chèile. Bha’n latha gus a so gu baoisgeil grianach ach a nis thòisich frasan sneachdaidh, a’séideadh as an àird-an-Ear. ’an aodann nan Gaidheal. Chuir so na h-uiread dhoimhidis orra ’s gun d’thug Tearlach oidheirp air cothrom an t-soirbhis fhaotainn, ach cha deachaidh so leis. Chum mòr spéis nan Gaidheal do’n Prionnsa a dhearbhadh, cha bhi e mi-iomchuidh aithris mar thug a theas-ghràdh dhà air fear dhiubh dol a nunn do’n champ-dhearg chum cothrom fhaghail air cur as de Dhiuchd Uilleam, ged a bha e làn-chinnteach gun dìoladh a bheatha fein air a shon. An déigh dha a bhi measg an airm Shasunnaich far an robh iad a’deanamh culaidh-bhùird dheth [TD 208] [Taobh-duilleig 196 san leabhar fhèin] fein agus d’a earradh, bha esan mar gum b’ann gu neo-umhailleach, ag imeachd air am feadh, a dheuchainn am faiceadh e an Diuchd; agus air dha àrd-oifigeach ann an éididh ro-rìomhaich fhaicinn, shaoil e gum b’e sin e, ghrad spìon e musgaid a laimh saighdear a bha dlù dha, agus loisg e air, ach cha do thuit e leis. Is gann a ruigear a leas innse gun do chuireadh grad chrioch air a cheatharnach bhochd so. Fàgaidh sinn air an àm an dà fheachd so fa chomhair a chéile, a bha ann an uair a dh ùine ri cor rioghachd Bhreatuinn fad linntean a shocrachadh. Theagamh nach do chuireadh blàr riamh (a dh’aon chuid cha do chuireadh mòran) air an robh na h-uiread an earbsa, agus ris am b’ion fiughair a bhi, do réir sin, gum biodh a cho’-strigh ro gheur. Gheibhear cunntas man Bhlàr san ath Theachdaire. Mu Aibhnichean mòr an t-saoghail. Cha bhi e mi-iomchuidh gum biodh caileiginn de chunntas aig ar luchd-dùthcha air Aibhnichean mòr an t-saoghail. ’Si’n Abhuinn is mò anns an Roinn-Eorpa an t-aon ris an abair iad an WOLGA, ann an rioghachd RUSSIA. Tha’n abhuinn so a’ruith seachd-ceud-deug mìle o’n àite bheil i ’g-éiridh gus a bheil i a ruigheachd a chuain. ’Siad an DANUBE agus an DON, an ath dhithis is mò. Tha iad so a’ruith os ceann dà-cheud-deug mìle. ’S i’n Abhuinn is mò ann an Asia, taobh na h-àird-an-ear de’n t-saoghal, HOANHO, ann an CHINA, tha i ruith ceithir cheud fichead mìle. ’S i’n Abhuinn is mò ann an Africa, cearna eile de’n t-saoghal, an NILE, a tha ruith da mhìle de mhìltean: Ach cha’n’eil annta seo ach faoineachd an coimeàs ri Aibhnichean mòr AMERICA. Tha’n AMAZON, an Abhuinn is mò air an t-saoghal, a ruith còrr agus tri mìle de mhiltibh, agus far a’bheil i a’ruigheachd na fairge, tha i ceud-gu-leth mìle air leud. ’Nuair bheir sinn fainear lionmhoireachd agus meud Aibhnichean mòr an t-saoghail, tha e soilleir gu bheil de dh’uisge a’tuiteam gach là do’n chuan, barrachd air na ’s urrain duinn a bharalachadh, no eadhon a’ smuainteachadh. Gidheadh tha daoine foghluimte ann a dh’fheuch r’a thomhas cia uiread uisge ’s a tha Aibhnichean an t-saoghail a’giùlan a chum a chuain. Tha iad so ann am barail a reir a mheas is tinne is urrainear a thoirt, gu bheil na-h-Aibhnichean a giùlan meall uisge, nam biodh e air a chàramh ri cheile, a bhiodh ceithir mìle deug de mhìltean air àirde, air leud, agus air doimhneachd; agus tha iad a’deanamh dheth nam biodh an cuan tioram, traighte, gu’n gabhadh Aibhnichean an t-saoghail os ceann fichead mìle bliadhna ga lionadh. Tha da Cheist an so a thig gu nàdurra fainear dhuinn, Cò as a tha na h-Aibhnichean a’faotainn an uisge? agus cionnas a tha e tachairt nach’eil an cuan ag at agus ag éiridh thar an t-saoghal, o’n a tha tomhas co mòr uisge a’ dol gu lathail a stigh do’n chuan? Le teas na gréine tha’n t-uisge air a thogail suas na bhraonaibh tlàth do na speuraibh o’n fhairge, agus tha e snàmh gu h-àrd na cheò agus na neulaibh glas os ar ceann. Tha’n ceo no an neul deatach sin air a ghiùlan chuig agus uaithe leis an t-soirbheas anns an iarmailt, agus tha e a rìs a’tuiteam air àirde nam beann, agus air gualainn nan [TD 209] [Taobh-duilleig 197 san leabhar fhèin] sliabh a drùghadh sios ’an còsaibh agus an uamhaibh nan creag, ’s a tha ’n sin a’brùchdadh a mach na thobraichibh, sa ruith sios gu srath nan gleann, far a’bheil mòran diubh a’coinneachadh a chèile, is a’fàs nan Abhuinn, agus is iad lionmhoireachd dhiubh so a tha a’ còmhalachadh a tha deanamh suas Aibhnichean mòr an t-saoghail. Is iomad feum a tha ann an Aibhnichean mòr an t-saoghail. Tha iad a giulan air falbh anabarra de’n uisge sin a tha tuiteam o na speuraibh, no tha drùghadh o na tobraichibh, a shocraicheadh nan lochain lobhta, a bheireadh plàigh air gach àite. Tha iad mar an ceudna a’toirt air falbh gach anabas as ar tir. Tha iad a’toirt air ais chum a chuain an t-uisg a tha teas na gréin a’deothal uaithe. Tha iad a’ fionnarachadh an àile, tha iad a’fàgail na tìre tre’m bheil iad a’ ruith torach, tarbhach, tha iad a’beathachadh mìle seòrs èisg a tha taitneach r’an itheadh, tha iad a’giulan o dhùthaich gu dùthaich gach seòrsa bathair agus goireas; maille ris a so uile, tha iad le’n lùbaibh bòidheach, le’n gluasad siùbhlach, agus le’n leumaibh uisge farumach, a’sgaoileadh ciataichead agus àillealachd air aghaidh an t-saoghail. Cia iongantach t-oibribhse, O Thighearna, ann an gliocas rinn thu iad air fad! T. O. MU THOBRAICHEAN GOILEACH Iceland. Is ann de iongantasan an t-saoghail iad so. Tha’n t-eilean Iceland, anns a bheil na tobraichean so ann an rioghachdan na h-àirde tuath, agus tha e ann am méudachd uiread ri Breatuinn agus Eirinn. O cheann gu ceann deth cha’n fhaicear ach beanntan àrda, creagach, aig a’bheil am mullaichean do ghnà còmhdaichte le sneachda. Anns na gleannaibh is tìoraile cha’n’eil ac’ ach ro bheagan feoir agus am barr is bochda. Tha anns an Eilean iongantach so beanntai loisgeach, a thug linn an déigh linn sgrios agus fàsachadh air an tìr. Ach is iad na tobraichean goileach a th’ ann is mò tha cur de iongantas air luchd-turuis. Tha fear dùthcha dhuinn fein ag ràdh, anns a chùnntas a tha e toirt duinn air an Eilean so, “Rainig sinn le mòr dhoilghiodas an t-àit anns an robh na fuarain ghoileach. Bha sinn ag imeachd, mar gum b’ann, air sgrath loisgte, a bha eagal oirnn gach mionaid a bhristeadh fo’r cosaibh: fa dheireadh rainig sinn tulaichean, no tuim chruinn as an robh na fuarain so ag éiridh, le teas bu mhò no is gnà leinn a mheas le bhi air ghoil, agus ag éiridh suas a chuid is mò dhiubh tri no ceithir de throidhean os ceann beul an tobair. Cha d’ fhuirich mi fad ag amharc oirre so, ach chaidh mi dh’ionnsuidh an fhir bu mhò dhiubh, ris an abair iad an Geyser, no am fuaran mòr. Bha’n tom as an robh am fear so ag éiridh gu mòr ni b’àirde no càch, agus do bhrigh gun robh fois air ’nuair a rainig mi e, bha cothrom agam amharc sios do’n t-slochd as an d’thigeadh an t-uisg a mach. Bha beul an t-sluichd mu leth-cheud troidh air leud, agus a chuisle as an robh an t-uisg’ a’teachd mu fhichead troidh air leud. Tamull beag an déigh dhomh bhi ri thaobh, chuala mi bodhar-fhuaim a’teachd as an t-slochd, mar gum biodh fuaim ghunnacha mòra fad as; agus anns an àm cheudna, mhothaich mi mar gum biodh crith-thalmhuinn fo’n àit air an robh mi a’m’ sheasamh. Tiota beag na dhéigh sin thòisich an t-uisge goileach ri teachd a nìos, agus dh’éirch e le [TD 210] [Taobh-duilleig 198 san leabhar fhèin] fuaim bheucach àrd os ceann dà throidh dheug air àirde, agus shìolaidh e air ais ann an ùine bheag, agus bha e sàmhach fad an fheasgair sin. Air an là màireach chuala sinn mar gum biodh fuaim ghunnacha mòr o chabhlach shoithichean a muigh air a chuan; agus thuig sinn uaithe so gun robh an tobar mòr a’stealladh as ùr. Chaidh sinn co dlùth air is a b’urrainn duinn, agus rinn mi mach gun robh an coileach uisg’ a bha e cur os a cheann ag éiridh suas gu dìreach os ceann an tobair, deich-slata-fichead air àirde. Ach bu shuarach so ann an coimeas ris na chunnaic sinn ag éiridh air an fheasgar so fein o thobar eile a bha dlùth do’n àite. ’Nuair a thòisich am fear so air cur os a cheann bha’n fhuaim anabarrach thar cuimse. Dh’éirich stuagh de uisge goileach calg-dhìreach suas ceud-gu-leth troigh air àirde, agns seachd-troighe-deug air dùmh’lad. Bha ghrian a’baoisgeadh air, agus le a dealradh air a chathadh sgidealach a bha e cur uaithe, agus a bha ’g éiridh gu àirde nan speur, bu dreachmhor, àillidh, seadh, b’uamhasach an sealladh e. Thilg sinn clacha mòr ann a bha ’nan éireadh dhuinn an giulan, agus bha iad air an smàladh suas nan spealgaibh beaga. Mhair so uair gu leth a dh’ùine, agus anns gach àit a dh’ imich mi cha’n fhaca mi riamh sealladh a b’fhearr a b’fhiach fhaicinn. Air dhuinn a bhi labhairt m’an Eilean so, feudaidh sinn beagan a ràdh m’an luchd àiteachaidh. ’S gann gu bheil dùthaich ann is bochda na i, cha mhòr gu bheil cearna de’n Eilean air nach ’eil blàth an teine, a tha sruthadh o na beanntaibh loisgeach; gidheadh cha’n’eil daoin air talamh is toilichte le’n staid na iad. Cha’n urrainn gach crith-thalmhuinn, gorta, losgadh, na easlainte d’am bheil an tìr buailteach, am fògradh as. Agus am beagan diubh a théid do thaobh malairt do rioghachd Lochlann, (d’am buin an t-Eilean,) cha bhi iad toilicht’ oidhche no latha gus am pill iad air an ais. Tha iad am bitheantas stuama, beusach, agus diadhaidh, aoidheil, agus càirdeil ri coigrich, agus tha moran de dhaoine foghluimte nam measg. Tha so a-nochda dhuinne nach ’eil sonas fuaighte ri dùthaich seach dùthaich; agus gum bi gach maith far an saoilear e. T. O. Balla mòr rioghachd CHINA. Tha’n rioghachd so air a suidheachadh taobh na h-àird-an-Ear de Asia. Tha i cùig mìle de mhìltibh air fad, agus da mhìle de mhìltibh air leud. Agus tha a luchd-àiteachaidh air an àireamh nan tri cheud gu leth muillein anam. Tha na mìltean diubhsin a’caitheamh an làithean ann am bàtaichean a mach air aibhnichibh, agus uisgeachan, far am faicear na pàistean a’snàmh mar gum biodh sgaoth de thunnagan òg ann. Cha’n’eil sluagh air bìth co gniomhach, shaoithreachail ri muinntir CHINA. Cha’n’eil an earrann is lugha de’n tìr gun bhi air àiteachadh, eadhon gus am mullach is àirde. Dh’fheudamaid iomad ni iongantach ainmeachadh m’ an rioghachd so, ach théid sinn san àm air ar n-aghaidh a thoirt cunntas m’an Bhalla mhòr dhìon, a thogadh m’an cuairt air earrann mhòr de’n rioghachd so. ’Se ’m Balla, no a Challaid so gnìomh làmh dhaoine is mò tha air uachdar an domhain, ionnas nach ’eil togalaichean mòr bharra-chaol na h-Eiphit an coimeas ris. Tha’n obair mhòr so a’co’-sheas- [TD 211] [Taobh-duilleig 199 san leabhar fhèin] amh ann am balla air a thogail le clochaibh creadha, cùig-troidhe-fichead air àirde, le barra-bhalla mar gam biodh mùr no daighneach laidir ann. Eadar an da bharra-bhalla so, tha rathad mòr a tha leathann gu leoir arson seisear mharcaichean a’shiubhal taobh ri taobh. Aig ceann gach ceud slat tha tùr laidir, dà fhichead troidh ceithir-chearnach, (’s e sin dà fhichead troidh air gach dòigh,) air mullach a bhalla; agus tha’n rathad mòr a’dol fo na tùir àrda so, mar fo bhogha drochaid. Anns na tùir sin tha cairtealan aig na saighdearan uair air bith a ghairmear iad chum am Balla dhìon. Anns an astar anabarach a th’eadar dà cheann a Bhalla so, tha sia mìle fichead tùr, agus ge nach biodh ach leth-cheud fear anns gach tùr, ghabhadh e aon mhuillein, agus trì cheud mìle saighdear, gus am Balla chur na làn uidheam. Tha stéigh a Bhalla so air a leagadh le sreathaibh de chlochan a tha anabarrach mòr. O thoiseach gu dheireadh tha e cùig-ceud deug mìl’ air fad, ann an cuid a dh’àiteachaibh tha e ruigheachd thar na monaidhean is àirde, agus a’tearnadh tre na glinn is isle. Tha e dol thairis air na h-aibhnichean is mò agus is buaireasaich, agus ann an cuid de àitean, tha e air a dhùbhlachadh agus air a thrìbleachadh, chum a dheanamh ni’s tearuinte. Ach cha’n e meud a Bhalla so uile gu leir a tha na chùis iongantais, ach an doigh anns am b’urrainn doibh an goireas chum a dheanamh, a thoirt do gach àite docair air an robh am Balla so air a thogail. Tha aon bheinn air a bheil e dol thairis mìle troigh ni ’s àirde na Beinn-ibheis, a Bheinn is àirde a tha’m Breatunn. Tha nis os ceann dà mhìle bliadhna o thogadh am Balla-dìon so, agus tha e gus an là an diugh co daingean laidir, do réir coslais, ris na beannta air a bheil e dol thairis. Tha iad ag ràdh gun robh gach treas fear ann an CHINA ga thogail, agus nach do ghabh iad ach cùig bliadhna ga chur suas. Chum gne bheachd a thoirt duinn air an obair mhòir so, a tha air a meas, le ceartas, a measg iongantasaibh an t-saoghail, tha daoine foghluimte deanamh dheth, gu bheil de chlachan ’s de dh’aol sa Bhalla so, na thogadh balla sia troidhean air àirde, agus dà throidh air leud, a bhitheadh leth-cheud mìle de mhìltibh air fad, (50,000) agus a reir so, a rachadh da chuairt timchioll an t-saoghail. Ollamh Urramaich, Gu ma fada shoirbhicheas leis an Teachdaire fhiachail a tha sibh a’cur chugainn o mhìos gu mìos air feadh nan eileana; cha’n’eil de dh’eagal oirnn ’s na criochaibh so ach gu’n cuir an geamhradh, agus Buinne-na-Caillich gealtachd air: Ach bithibhse co math agus innse dha a bhi fuidh dheadh mhisnich, oir gu bheil gillean na dùthcha so nan seòladairean neo-sgàthach, an da chuid ealamh air sdiuir ’s air scòd. M’as ann de’n fhior fhuil Ghaelich e bithidh a chleachdadh, agus a mhisneach, a reir misnich agus cleachdadh a shinnsearr, nach do gheill riamh fhad’s a bhiodh boinne fola nan corp! Biodh e smachdail, oir cha bhi nàrachan treubhach; abraibh ris a ghuth oscara laidir a thogail an aghaidh gach frith-bhaile eadar Rudha-na-h-urbhaig agus Beinn-chinn-mhara, cho luath sa gheibh e ’chas air tìr. Ma ni e so gu dileas ’s iomadh teaghlach bochd d’an dean e feum. Tha’n geamhradh a nis air [TD 212] [Taobh-duilleig 200 san leabhar fhèin] teachd, agus maille ris fàth mo leoin-sa! cha’n’eil sgaothaire de ghill’ òg’ s an dùthaich nach ’eil co deigheil air mealladh chaileag ’s a tha’n sionnach air fuil an uain, nach cruinnich nam bailtibh fa leith air a cheud sheachdain de’n ràidhe so. Theid fios a thiotadh a chur air Domhnull fìdhleir, air Nial Mac Callum, agus air Tearlach Mac Ceòraidh. Theid cumhnant’ a dheanamh ris an fhìdhleir gu’n d’thig e oidhche ’san t-seachdain a chumail dannsa riu arson leth-bharaille buntàta o gach gille, agus ni air bith a thoilicheas iad fein o na h-igheanaibh, ged, ’theagamh a dh’fheumas am pàranda bochd cùig tasdain gheala thoirt air a bharaille roimh la Lùnasdal! Cha’n ’e so a’s mò tha cur de dhorran orm’ ach oidhche’ bhàil: cha luaithe ’ghabhas a chlann an suipeir na mach a bitheas iad, a’ fàgail an t-seann duine bhochd na aonar, agus a dh’innse na firinn duibh falbhaidh mo chodalsa maille riu. Nach mi-nadurra an gnothach dhoibh am pàrandan-fhagail mar so? Nach beag toilinntinn a shruthas o chuideachd dhiomhain luchd an dannsa seach nam fanadh iad m’an cuairt d’am parandaibh, a chur maith an teaghlaich air aghaidh, no leasachadh an ìnntinne fein? Cha bhithinn idir an aghaidh a dhà no thrì dh’oidhchean ’s a bhliadhna, ach oidhche ’s t-seachdain ’s ni e tha ro ghraineil! Nam biodh sibhse ’s na cuideachdan a bhios an sud ’s ann agaibh a bhiodh an naigheachd! Gillean is nigheanan a’ measg a chéile gu’n nàire gun sgàth; an “Righ” an duine còir, ged tha ’chlann m’an teine, ag eigheach “Port nam pòg!” dannsa, a’leigeadh mo dhiubhrais ribhse, a tha thar tomhas mì-stuama. Shaoil mi gu’n cuireadh luchd a chreidimh cosg air a chleachda so, no gu’m fògradh ar ministeir math as an dùthaich e, ach tha mi faicinn nach dean neach gnothach ach an Teachdaire Gaelach. Bithibhse co math agus bata maith glas-daraich a chur ’na laimh a bhriseas na fìdhlean, a chuireas geilt air an òigridh, agus guidheam dha’n soirbheachadh a bh’aig bata-buidhe thighearna Chola aon uair. ALASTAIR MOR. EILEAN THIRIDHE. An deicheamh mìos 1829. FIOS FREAGRADH. Alastoir Mhòir, Fhuair mi do litir, agus is duilich leam an cunntas a tha thu toirt air an doigh anns a’ bheil muinntir òg Thiridhe a’ cur seachad an oidhcheachan fada geamhraidh. Cha tlachdmhor e da rìreadh innseadh orra, agus bu shona mheasainn mi fhein nam b’urrainn domh air doigh sam bith, stad a chur air gnàthachadh co mi-chiatach. Cha ’n’eil teagamh agam nach ’eil gach duine measail san Eilean a’ deanamh a dhìchill chum so a thoirt m’an cuairt; ach ’s gnothach doirbh stad a chur ann an tiot’ air droch cleachdadh a fhuair buaidh ann an dùthaich. Nam b’e ’m bata daraich a ghabhainn cha b’ ann air ceann na h-òigridh a leagainn e, ach orts’, agus air do leithid, nach do chum an smachd bu chòir dhuibh orra, am fad ’sa bha iad òg. ’An àite thus’ a bhi gearan nach fhuirich do chlann aig an tigh, thoir fainear nach ann ort fein uile a tha chuir iomchair. Nam biodh tusa air do thigh fein fhàgail taitneach do d’ chuid cloinne, le eolas agus fiosrachadh a thoirt doibh, mu nithe a thogadh an inntinn os ceann gach gòraich [TD 213] [Taobh-duilleig 201 san leabhar fhèin] agus baoth-shùgradh, is dòcha nach fàgadh iad thu a’d’ chrùban taobh na griosaich a dhol gu dannsa no làn-aighear. An do chleachd thusa bhi guidhe ’nan làthair, agus as an leth, ga’n cumadh Dia iad o leithid a chòmhailibh, far am biodh iad ’an cunnart tuiteam ann am peacannaibh a bheireadh masladh orra san t-saoghal so, agus call an anama san ath-shaoghal? An àite bhi ’g ràdh, gum feudadh Ministeirean agus luchd-creidimh, agus sinne tha cur a mach leabhraichean, sud agus so a dheanamh, thoir fainear gur ann agads’, agus aig do leithid a tha e r’a dheanamh. Fhad ’sa bhios pàrandan dearmadach ann an teagasg an cloinne, gun eagal De a bhi ’nan cridheachaibh fein, no aoradh ’n an teaghlaichibh, is beag maith is urrainn meadhonan eile a dheanamh. Smuaintich air so Alastair, leugh le cùram fàilte na bliadhn’ ùire leis a bheil an aireamh so a’ tòiseachadh, agus ma ni thu sin, tuigidh tu an seorsa bata bu mhiann a bhi air a ghabail a chur fodha droch cleachdanna na Gaeltachd. Le do charaid an TEACHDAIRE GAELACH. LITIR O EOGHAN OG. “Cha’n’eil carraig air nach caochail sruth.” A Shair, ’S ann agamsa dhuibhse tha’n naigheachd! Fhuair mi ’chuid a’s fearr de m’ghaol, taing dhuibhs’ arson ’ur comhairle! Tha mi ’nis cho suarach mu Mharsali ’sa tha mi m’a brogaibh; tha mi ’gabhail mo bhìdh, ’s tha mo bhiadh a’ gabhail orm; agus ’s e’s cuis-ghàire dhomh gach là a bhi smuaineachadh air m’ amaideachd fein ’nuair a bha mi ’suirtheadh oirre;—’nuair a rachainn ceithir mìle as mo rathad gam’ leigeadh fein fhaicinn ’nuair ’gheibhinn còta na eile-beag ùr,—’nuair chaithinn an oi’che reòta ’nam’ chrùban aig a h-uinneig a’ guidhe oirre mo leigeadh a stigh, agus nach deanadh i ach gàire fanoid orm, no theagamh glaodhach r’a h-athair gu’n robh meirleach aig an uinneig,—’nuair, a dh’aon fhocal, b’u shaoghal leam a cuideachd, agus as eugmhais a cuideachd nach bu chuideachd leam an saoghal! Beagan an deigh dhomh sgriobhadh an nuair ma dheireadh, chuibhtich mi’n t-Eilean,—thainig ardan mo chinnidh ’nam phòraibh, agus, ged bha mo mhathair agus m’athair an impis dol thar am beachd mu m’thimchioll, cha robh feum ann. Rainig mi Baile-mòr Ghlaschu; agus ma rainig sin far am faca mi ’mhaise, a bhuigead, ’san rìomhadh! Arsa mise rium fein; “bu mhise faoileag an droch cladaich: ’siomadh Marsali tha’n so! Cha’n fhaod gu bheil cridhe cloiche ac’-uile,—cha’n fhaod gu bheil iad uile ’n aghaidh Eoghain Oig!” Fhuair mi obair an aithghearr, ach bha mi fathast tròm-inntineach, agus do ghna ’g osnaich, mar neach a dh’fhag a’ chridhe corr a’s ceud mìle ’na dhéigh! Rachain dhachaidh gach oi’che a leughadh do sheomar taoibh, agus cha tugadh an saoghal do chuideachd mi. Ma dheireadh dh’fhàs mi eolach air an teaghlach, agus gu sonraicht air nighean fir an tighe, Seònaid, boinne fola cho àluinn agus cho suairce’s a chunnaic mi riamh! Ged tha na ceudan pund aig a h-athair, ’nuair ’chuireas mi orm mo dheise dhomhnuich theid i leam do’n t-sean eaglais Ghaelich far am faigh sinn a Ghaelic bhog thoirteil, agus bheir i d’a [TD 214] [Taobh-duilleig 202 san leabhar fhèin] h-àite-suidhe fein mi. Tha mi’n tràth’s, an so ag amharc mo chairdean, ach cha’n’eil ’nam bheachd fuireach fada. Tha’m pobull da rìreadh caoimhneil rium; cha’n’eil tigh d’an teid mi nach tairgear deoch uachdair dhomh, agus cupan de dhrùchd nam beann, mar their sinn ’s a Ghalldachd ris. Rinn athair Marsali cuirm mhòr agus chuir e fios orm; ghabh mi’n cuireadh gu taingeil ach cha b’fhad’ a dh’fhuirich mi; dh’fhàisg Marsali mo làmh tri uairean, mar gu’n abradh i, “Eoghain, Eoghain, tha nàir’ orm a ràdh, ach feudaidh tu mo thuigsinn,” agus dh’innis caraid dhomh fein a rithist nach tugadh an saoghal am follais i’n deigh dhomh falbh. Cha do leig mi ’bheag orm ach thuirt mi rium fein, “An neach nach gabh ’nuair a gheibh, cha’n fhaigh ’nuair is aill: bha thusa gòrach mar tha iomadh aon ded’ sheorsa; cha ghabh iad na coisichean, ’s cha tig na marcaichean: ’s ann tha dùil agad, a chionn gu’n robh t-athair na phiobair aig an tighearn’ gur bean uasal thu, agus gur h-ann air do cheann a ta ’ghrian ag eiridh! Uaisle! b’i sin marag gun gheir, b’i sin aon snàthain siod’ an lùirich, t’uaisle-sa! Ach leigidh mise fhaicinn duit, mo chaileag, gu’m feud thu’n clobha ’ghleidheadh fada gu leoir arson Eoghain Oig, thug e’ fhocal do the’s fearr na thu air gach doigh; agus tubaist air an fhear nach Tagh a ghruagach do reir a buadhan M’an tagh e’n uaisle ged bhiodh i ann. Theagamh ’nuair chi thu a chlann nam propanaich bheaga a’ ruith an coinneamh an athar am beul na h-oi’che, gach aon feuch co’s luaithe ’gheibh a phòg, gu’n dùraigeadh tu gu’m bu tu ’màthair!” Ach a Shàir urramaich agus rùnaich, ’s e thug orm sgriobhadh an tràths’ nach ’eil mi fein agus mo mhàthair a’ tighinn air a cheile mu’n chùis. Tha ise ’g ràdh gu bheil mi ro òg airson posaidh, ’s tha mise ’g ràdh nach ’eil. Dh’ aontaich sinn ma dheireadh a chùis a leigeadh gur ràidhe-sa. A reir cunntais mo mhathar i fein tha mi air an fhicheadamh feur; ach tha na coimhearsnaich ag ràdh gu bheil mi tuille. ’Nis a Theachdaire rùnaich, ’nuair a sgriobhas sibh bithibh air mo thaobhsa; cuimhnichibh gu’n robh sibh fein òg roimhe. Cha’n e sin amhàin ach ma phòsas mi’n ceart-uair tha mi fein agus Seònaid cho so-lùbaidh ’s gu’n gabh an dara h-aon teagasg agus comhairl’ o’n aon eile; ma dh’fhanas sinn gu sean aois bithidh a dhoigh fein aig gach neach, agus an car theid ’s an t-seana mhaide ’s ainneamh leis dìreadh. Ma phòsas sinn an ceart-uair bithidh ar clann laidir m’an tòisich sinn fein ri dol leis a bhruthach: ma’ dh’fhanas sinn gu sean aois, theagamh nach faic sinn iad ach air mhàgran, nuair a’s eigin duinn siubhal agus am fàgail. Gun tuille ’ràdh, tha’m Biobull agus tha Nadur ag iarraidh oirn pòsadh. Agus cha’n e sin ach tha fhìos a’m mar buail mi’n t-iarunn fhads’ a tha e teth gu’m fuaraich e; ’s e sin, cha’n fhuirich Seonaid Ni’c Leòid ri Eoghan, oir cia lion nighean riamh a dh’ fhuìrich gun phòsadh agus cùig’ear ’na tairgse? Tha sinn le chéile luath laidir; thig sinn do’n Ghaeltachd far nach cuir airgiod POLICE, airgiod BRIDEWELL, na airgiod bhochd cùram oirn. Le’r cead na h-innsibh do m’ mhàthair gu’n dubhairt mi no h-uiread as mo leth fein, cha’n’eil màthair eadar an t [TD 215] [Taobh-duilleig 203 san leabhar fhèin] Eilein mòr a’s Gunna ’s fearr na i, ach co dhiu, bithibhse air mo thaobhsa, agus so dhuibh mo làmh ma thachras a chùis an Glaschu gur sibh fein a phòsas EOGHAN OG. Eilean Chola, 1829. Fios freagraidh do’n litir cheudna. Eoghan Oig, Ciod eile ni thu ach pòsadh? Mo bheannachd ort, agus dean e co luath ’s is urrainn duit, oir tha mi tuigsinn gus an tachair so nach bi fois agad fein no agamsa. O’n a tha do mhàthair ag iarradh mo chomhairlse, theirinn rithe, Leig le Eoghann dol air aghaidh, agus na bac e; agus bi taingeil gun do thachair suirtheach mar bha esan air caileig co measail ris an aon a tha ’na bheachd. Ach ciod a tha ’gad thoirt air t-ais a rithist do’n Ghaeltachd? Fuirich far a’bheil thu Eoghain, agus oidheirpich le dìchioll agus stuamachd éiridh gu meas agus miagh sa bhaile mhòr. Chuimhnich ged a tha cuid de nithe saor sa Ghaeltachd, gu bheil an t-airgiod gann da réir sin. Mar thuirt an Sean-fhocal, “A mhin air an sgillinn agus gun an sgillinn ann.” Agus mar thuirt an duanag, “’S olc a chòirdeas Cola creagach Ris an fhleasgach bh’ann am bùth.” Tha mo chomhairlss’ a nis agad fein, agus aig do mhàthair, agus deanaibh mar is àill libh. Ach a dh’ aon chuid theirinn riut, na bi labhairt uiread mu na pàisdean gus am faic thu iad. Chuala tu “trod nam ban m’an sgarbh, agus an sgarbh a muigh air an loch.” ’Nuair a bhios gach ni deas agus socraichte, tha fhios agad gu bheil teangadh a chuireas snuim nach fuasgail fiacail aig do charaid, AN TEACHDAIRE GAELACH. FOCAL SAN DEALACHADH. Le fior bhlàs agus deagh dhùrachd ar cridheachan, thairgeamaid soraidh na bliadhn’ ùire do na càirdean lionmhor a tha o àm gu h-àm a’toirt còmhnadh dhuinn. Tha ’n aimsir a nis ra fhuar arson Còmhradh nan cnoc, ach bheir sinn san ath Theachdaire Còmhradh a bha eadar Fionnladh Pìobaire, agus Pára mòr, an oidhche m’an d’fhàg iad Glaschu, an àm bhi pilleadh air an ais o’n bhuain. Tha sinn fo chomain dhasan a chuir an Còmhradh so d’ar n-ionnsaidh. Taing do’n Mhuileach—do’n t-seana-cheann, agus do F. M. R.—gun iomradh a thoirt air mòran a thòisich leinn, agus nach do thréig sinn fhathast.—Tha iomad ni taitneach againn cùl ar laimhe a’ feitheamh an latha fhliuich. Fhuair sinn litir a chuir Iain Gallda, ann am beurla chruaidh Shasunnaich, d’ar n-ionnsuidh. ’S dh’ fheudadh e a ràdh mar thuirt an t-Oran, “Faicill oirbh an taobh sin thall, Nach d’thig an ceann a thiota dhibh.” ’S e’n gearan is truime tha aig Iain Gallda ’n ar n-aghaidh, an spéis tha againn do Shean-fhocail; agus gu bheil e leamh mi-mhodhail dhuinn litrichean ar càir- [TD 216] [Taobh-duilleig 204 san leabhar fhèin] dean a fhreagairt le Sean-fhocail.—Do réir coslais tha Iain sgìth dhiubh—Mar bha’n losgann de’n Chleith-chliathta.—A nis Iain, arson fearas-chuideachd dhuinn fein freagraidh sinn do litir le Sean-fhocail, a dhearbhas dhuit cia freagarach ’s a tha’n doigh so, air a’ bheil thu gearan co trom. Co luath ’s a thainig do litir, thuirt sinn, ’S mithich a bhi bogadh nan gad. An cuala tu riamh, Iain Ghallda, “Ged a dh éignichear an Sean-fhocal, nach breugaichear e?” ’S e an ath-ghearan a th’agad—Gu bheil sinn ro-ghaolach air na tha sinn fein a sgrìobhadh. An cual’ thu riamh, “Gur toigh leis an fheannaig a garr-isein fein.” agus “Gur e leanabh fein is luaithe bhaisteas an Sagart.” Tha thu gearan gu bheil anabhara spéis againn do chairdean àraidh, agus gu bheil sinn ri tàir air muinntir eile a tha airidh air barrachd meas.—Iain Ghallda,—“Tha’n càirdeas mar chumar e.” agus na cuir thusa do mheur eadar a chlach, ’s a sgrath:—Tha thu ’g ràdh, “Gu’n cum thus sùil oirnn,” agus “gun dean thu faire oirnn;” dean sin Iain. Tha sùil iongantach agad ma chuireas i eagal oirnne; agus do thaobh faire dheanamh oirnn—b’e sin gleidheadh a chlamhain air na cearcan.—Tha thu maoidhe gun dean thu tuill san Teachdaire! éirich air—ach cha’n’eil toll a ni thus’ anns nach cuir sinne cnag.—Tha thu ’g radh nach fiù leat sgriobhadh arson an Teachdaire, nach d’fheuch thu ris, agus nach feuch. An cual’ thu riamh leithsgeul na Caillich, A Chailleach an gabh thu’n righ, Cha ghabh, o nach gabh e mi. Thaobh an leabhair tha thu ’g ràdh tha tighinn a mach, a smàlas an Teachdaire bochd: fuirich, Iain gus an d’thig e,—ach gabh thusa comhairle, agus na h-abair bìd ris an eun gus an d’thig e as an ubh. Tha chuid fa dheireadh de d’litir ni ’s taitniche na toiseach. ’S i a cheud taom thig as an taigeis am bitheantas is teoithe. Slan leat Iain. Na tig ni ’s dàine, agus na buail ni’s truime, no tuigidh do thuadh an Sean fhocal, “Gur maith an ealag a chlach gus an ruigear i.” Agus tuigidh tu fein, mar thachair do Eoghan, ’nuair a shaoil e bhi air muin na muice gur ann a bha e làmh rithe anns an lub. Bha na Mor’earan-dearg ann an Glaschu air an t-seachduin a dh’fhalbh. Cha’n ’eil duine r’a chur seachad, ach tha mòran r’am fògradh thar muir. MARGAIDHEAN. Tha mhin choirce, o 15s. gu 18s. am Bolla. An t-Eorna, o 24s gu 26s am Bolla. Càise, o 7s. 6sg. gu 10s. 6sg. a chlach, Muic-fheoil o 5s. gu 5s. 10sg. a chlach. Im sailte, o 13s. gu 14s. a chlach. Uibhean, o 8½sg. gu 11sg. an dusan. Cearcan, o 2s. 6sg. gu 3s. 4sg. a chàraid. Geòidh, o 5s. 2sg. a chàraid. Cearcan-frangach, o 5s. 2sg. gu 7s. 6sg. a chàraid. Tunnagan, o 2s. gu 2s. 6sg. a chàraid. Mart-fheoil, o 6s. gu 7s. 6sg. a chlach. Mearachd a Chlò’bhuailaidh. T-dhuilleag 185, sreath 9, arson faobhachadh leugh faochadh. [TD 217] AN TEACHDAIRE GAELACH. A CHEUD MHIOS DE’N EARRACH. X. AIREAMH. 1830. CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. Gearr sìos e, c’arson a ta e fàsachadh an talmhainn? Luc. xiii. 7. THACHAIR dhomh, o chionn latha no dha, bhi gabhail ceum roi’n sgìreachd; thainig mi gu abhall-ghart san robh iomadaidh seorsa chraobhan, o’n do reic fear-coimhead a ghàraidh mòran de mheas luachmhor air an Fhogh’ar a dh’fhalbh. Bha e na dhuine tuigseach, agus o nach d’thainig mi riamh na charamh, gun seanachas taitneach a bhi agam ris, smuaintich mi dol a stigh far an robh e ’g obair. Fhuair mi e fein, le tuadh na laimh, agus dithis ghillean maille ris, a gearradh sios, agus a’ freumhachadh as am bun, craobhan abhaill a bha sa ghàradh. Dh’fheòraich mi dheth, c’arson a bha e gearradh sios craobh, a bha do réir coslais, co maiseach? Tha, deir esan, a chionn gun d’fhartluich i orm; toradh cha d’thoir i seachad, agus as eug’ais sin, cha dean a deagh choslas feum dhomhsa. Fhuair i an t-aon chothrom ris a chraoibh is fearr sa ghàradh, tha’m fonn tarbhach, tha fasgadh aice, tha i ri aodann na gréine, dh’fheuch mi gach doigh a bha ’m chomas, agus o na chaidh i a ’m’ aghaidh chuir mi an diugh an tuadh ri bun, agus ghearr mi sios i, gu bhi air a losgadh mar chonnadh. Tha so, a dhuine ghaolaich, arsa mis’ a’ leige ris duitse, nach e bhi ’nar buill de’n eagluis fhaicinnich, no bhi air ar suidheachadh ann am fion-lios an Tighearna, a dhearbhas ar luach ann am fianuis De. Cha’n iad ar sochairean, no na meadhonan a tha sinn a’ sealbhachadh a thearnas sinn o’n fheirg a tha chum teachd. ’Se toradh chum aithreachais a mhàin a dhearbhas gu bheil creidimh Abrahaim ’nar cridheachaibh. Cha dean e bonn stà do Iudas air an latha dheireannach a ràdh, A Thighearna, sheas mi le d’ dheisciobuil, bha mi ann ad theaghlach, shearmonaich mi air do shon, agus as do leith, dh’ ith agus dh’òl mi ann ad làthair, cha dean so uile feum, mar chi sinn le amharc air Mat. vi. 22. xxv. 11. Math a dh’fhaoidte, deir mise, ri fear coimhead a ghàraidh, nach robh foighidinn agad ris a chraoibh sin. ’S ann agam a bha, a deir esan, am feadh ’sa bha fàth dòchais agam, chaomhainn mi i; ach ’nuair thug mi dùil, chuir mi’n tuadh r’a bun, is cha tog i a ceann ni ’s mò. Mar so smuaintich mise, Tha Dia gu tròcaireach a’ feitheamh ri peacaich neo-thorach, gu fad-fhulangach o shàbaid gu sàbaid, o bhliadhna gu bliadhna, gun toil aige aon neach a bhi [TD 218] caillte, ach na h-uile dhaoine theachd chum aithreachais. Mar so dh’fheith Dia ann an laithibh Noaih air na craobhaibh seargta sin a tha nis a’ losgadh ann an ionad na truaighe. Tha foighidinn mhòr aige ri peacaich, ach tha e gleidheadh mion-chunntas air gach là agus mios a tha e ’gan caomhnadh. Mar so, anns an t-Soisgeul do réir Lucais, tha e’g ràdh, Tri b!iadhna thainig mi dh’iarraidh toraidh air a chraoibh so; agus ann an leabhar Ieremiah tha e labhairt mu thri bliadhna fichead, anns an robh e strigh ri sluagh Iudaih gu moch agus anamoch, gidheadh nach éisdeadh iad. Bhuaileadh am buille fa dheireadh. ’Nuair a thig sin, arsa fear coimhead a ghàraidh, cò is urrainn a sheachnadh? Cha’n urrainn, a deir mise, ni ’s mò na b’ urrainn do’n chraoibh sin cuir ann ad aghaidh-sa, an diugh ’nuair ghlac thu’n tuadh. Cha’n urrainn am peacach is dalma cur an aghaidh a bhuille leis an gearrar air falbh e; agus mar dh’aom a chraobh am feadh a sheas i, ’s ann mar sin a thuiteas i; agus mar thuiteas i ’s ann a luidheas i. Gu deimhin, a Mhinisteir, tha sibh ga m’ chuir gu smuaintean. Tha mis, agus mo ghillean a’ dol a ghiulan na craoibh so nis a mach, agus cha ghabh i freumh tuille am measg chraobhan eile a ghàraidh. Is iomadh là a bha blàth bòidheach oirre ’na h-òige, agus is iomad dòchas maith a dh’àraieh mi d’a taobh, ach mhealladh mi; agus a dh’innse na firinn, an déigh na h-uile saothair a bhuilich mi oirre, tha mulad orm a spealtadh as a chéile arson connaidh. Thuirt mi ris, nach muladaiche gu mòr r’a smuainteachadh co tric ’s a tha sinn air ar gairm gu luchd-aidmheil neo-thorach a ghiulan a mach a fion-lios an Tighearna, le dearbh-chinnte nach bi an anama tuille ann an co’-chuideachd nan naomh. Agus ’nuair thig am bàs orra so, nach maith a dh’fheudas iad a radh, Slan libh, a luchd-muinntir Dhe, a chraobhan na fìreantachd, leis an robh mise co fad air mo shuidheachadh, maille ris an d’ rinn mi co tric aoradh agus éisdeachd; leis an robh mi air m’ uisgeachadh fo mheadhonan gràis; slan libh! tha mise gu siorruidh air mo sgaradh uaibh. “Thig Tighearn an t-seirbhisich ann an là nach ’eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios da, agus gearraidh e na bhloighdibh e, agus bheir e a chuibhrionn da maille ris na mi-chreidich.” O gun d’thugadh iadsan so fainear, nach cuimhnich Dia, air eagal gun reub e as a chéil iad, gun neach ann d’an teasairginn. ’Se sin da rìreadh an là eagallach, ’nuair ni an aon làmh, a shuidhich, ’sa thog, ’s a dh’ uisgich iad co fada, le caoimhneas, agus caomhalachd co mòr an gearradh a nis gun athadh; oir cha ghabh an ti a rinn iad truas diubh, agus cha’n nochd esan a dhealbh iad caoimhneas doibh. Oir tha là na tròcair seachad, agus tha là na feirg air teachd. Dh’fheòraich mi de’n ghàradair, ciod air leis bu chionfath air neo-thoraichead na craoibhe ud? Chomharaich e mach dhomh gun robh i gu grod mosganach na cridhe, agus gur ann an sin a bha’n fhàilinn, ge nach robh e mothachail air gus an deach a gearradh sìos. ’Se’n latha deireannach, a deir mise, a ni an soilleireachadh iongantach air iomad neach, a bha fo dheagh choltas ’an so, aig an robh an cridhe cealgach; nach robh air an dlù-cheangal ri Criosd, [TD 219] nach do tharraing am beathachadh uaithe, agus an lorg so nach d’thug toradh iomchuidh a mach. A gheug nach ’eil fallain na cridhe seargaidh i gu deimhin. Tha cealgoireachd a chridhe mar euslainte san anam, a mhilleas gach ni. Tha e mar eu-dion ann an luing, beag no mòr gam bi e, a chuireas fodha an long mar cuirear cosg air. Agus ’s ann aig Dia fein a tha fios gur iomad neach a tha fo dheagh choslas o’n leith a muigh, aig a’ bheil cridhe mi-fhallain san leith a stigh; ach bheir an latha deireannach so uile gu follais. Is cudthromach, uime sin, na briathran a labhair Criosd, Eoin xv. 6. “Mar fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a mach mar ghéig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad san teine iad, agus loisgear, iad.” Is fìrinn neo-mhearachdach so, nach ’eil aon chraobh ann am fion-lios an Tighearna, o nach faigh e urram, an dara cuid le toradh a ghiulan ann an so, no le dìteadh san t-saoghal a tha ri teachd. Dhealaich mi ris an duine chòir so, a’ smuainteachadh, mar bha mi gabhail an rathaid, le mòran iongantais, nach robh barrachd uamhais orm le bhi faicinn mòran de’n luchd-aidmheil sin a bha fo m’ chùram fein, ris an robh mi labhairt o là gu là, air an gearradh sios nan staid aimrid agus neo-iompaichte. Am feud mis’ a ràdh, mar thuirt an duine còir ud, nach ann agams’ a tha choire? An d’ rinn mise gach dìchioll a dh’fheud mi ann an cur gach dleasnas agus cunnart fa’n comhair, agus nan seoladh da ionnsuidhsan is urrainn a mhàin na meadhonan a bheannachadh chum am maith; an drùchd spioradail agus frasan ciùin a ghràis a bhraonadh a nuas, a bheir air an aon is seargta nam measg cinntinn gu h-ùr’or àluinn, agus toradh pailt a thoirt a mach chum glòir ainme fein? Gun deanadh esan mo neartachadh, agus mo bhrosnachadh gu bhi ni’s dùrachdaiche na bha mi riamh. “A nis tha’n tuadh air a cur ri freumh nan crann: air an aobhar sin, ge b’e crann nach toir a mach toradh maith, gearrar e, agus tilgear san teine e. A Minister Gallda, T. M. M. T. DAN SPIORADAIL. Eisd a pheacaich, is thoir fainear, An sgeula gearr a chual thu’n tràs; Mosgail o d’ shuain, is biosa glic, M’an tig gun fhios ort buille bhàis. Is iomad bliadhna phrìseil àigh, O shuidhicheadh thu’n gàradh Dhe; Is iomadh tairgs’ is cuireadh gràis, A fhuair thu chàramh riut a’ d’ rè. San t-sàmhradh chiùin bha thu fo bhlàth, Gu h-ùr’or, àrd an àilleachd uidh; Ach ’s coslas meallta baoth a bh’ann; Oir dh’fhalbh gach blàth dhiubh leis a ghaoith. Gu mosgain caoin tha thus’ an diugh, Gun bhlàth, gun duilleach air do ghéig; ’S geur an tuadh a thig gu grad Ged sgathadh as an glaic an éig. Tri bliadhna fad, is os a chionn, Gun chaomhnadh thu le foighid mhòir; Air sgàth an eadar-ghuidhe chaoimh Tha Iosa deanamh ann an glòir. Ach cuimhnich thus’ a pheacaich thruaigh, Tha oidhche bhuan aig latha gràis; Tha’m feasgar sin a’ tarruing dlù, A leagas tu le buille bhàis. [TD 220] O dŭisg o d’ shuain, a dhuine thruaigh! Tog a suas do shùil ri neamh; Asluich air Dia an doimhn’ a ghràidh, Sàr fheartan tlà a Spioraid Naoimh. Ged tha thu nis gu mosgain marbh, Do fhreumhaichean gun chàil san ùir; Ma thig an drùchd o neamh a nuas, Cinnidh tu suas gu beothail ùr. T. O. Campsie, 1830. An Sliabh, ’s an Gleann. Thachair dhomh air feasgar àraidh a bhi m’ shuidh a’m’aonar ’am sheòmar fein, agus a bhi smuainteachadh air laigsinn agus bàsmhoireachd mhic an duine, an uair a bha mi, air leam, air mo ghiulan gu fior mhullach beinne àird, air an robh dòmhladas sluaigh a bha dol le leathad, agus a chuid bu lionmhoire dhiubh mar gam biodh iad neo-fhiosrach, agus gu tur suarach m’an luaths’ leis an robh iad a’ tearnadh. An déigh dhomh amharc m’an cuairt domh o mhullach na beinne, thòisich mi air téarnadh mar bha càch; a’ cumail, san àm cheudna, sùil fhurachair air gach ni a bha dol air aghaidh m’am thimchioll. Thug mi fainear cuid de ’n luchd-thuruis nach luaithe thug iad a cheud cheum na dh’fhàillnich an cosan, agus shleamhnuich iad sios as mo shealladh do aigean a Ghlinne uaignich a bha fodhpa, Gleann doilleir, dorcha, air nach robh leus soluis a’ dealradh, a bha aig fior bhun na beinne. Bha muinntir eil’ ann a chaidh ni b’fhaide air an aghaidh, ach thuislich iadsan mar an ceudna, agus chaidh iad as an t-sealladh. Bha iad ann a bha ann an àird an slainte, agus ann an tréine an neirt; fiùrain àillidh d’an robh an saoghal a’ fosgladh suas le dòchais àrd, agus a’ siubhal sios le cridhe aighearach, agus le ceum eatrom uallach, air ball thuislich iad, agus chaill mi sealladh orra fo sgàil’ a ghlinne uaignich a bha fodham. Bha luchd-turuis ann a fhuair gu maith air an aghaidh gun tuisleadh, agus chuir e iongantas orm cuid diubh so fhaicinn gan tilge fein thairis d’an deoin le cuthach, agus boile amaideach: am feadh ’s a bha feaghainn eile a’ greimeachadh ris gach preas agus meanglan a thigeadh nan rathad, agus a’ cleachdadh gach dichioll a b’ urrainn iad, chum iad fein a chumail o shleamhnuchadh do ghleann an dorchadais. Thug mi fainear mòran a bha cosmhuil, ann am bheachd-sa, ri spiorada aingidh, air an éididh le trusgain àillidh rìomhach, agus iad fein ro thaitneach ri amharc orra; ach bha ni-eiginn nan coslas mar gum biodh iad buaireasach aingidh, agus teom air mealladh. Chunnaic mi iad so a’ tairgse an làmhan do luchd-turuis a bha tearnadh, agus gam brìodal gu teachd fo’n comaraich-san, no fo’n seoladh-san. Cho’-aontaich mòran de’n t-sluagh amaideach, agus ma bha iad a’ dol gu luath leis a bhruthach roimh, chaidh iad a nise sios leis a bharrachd cabhaig, ge nach robh iad fein mothachail air. Chunnaic mi !e mòr iongantas dòmhladas mòr sluaigh a cruinneachadh a dh’ aon àite, agus air ball na mìltean diubh a’ dol ’an caramh a chéile sios am bruthach, gus an do chaill mi sealladh dhiubh, ann an uaigneas dorch a ghlinne a bha fòdhpa. Mar dhlùthaich mi air bun na [TD 221] beinne mhothaich mi nach robh an luchd-turuis ach tearc; fear ’an sud, ’s ’an so, agus cha robh iad sin fein ach gu lag, turamanach, agus cha b’fhada gus an deach iad as an t-sealladh. Air amharc dhomh as mo dhéigh chuir e iongantas orm an luaths’ leis an d’ rainig mi ìochdar na beinne, man robh mi ach a’ smuainteachadh gun robh mi ach ag ùr-thòiseachadh; air chor ’s gun do theirinn mi, mar gum b’ann, gun fhios domh. Chuir na nithe so iongantas orm, agus dh’ iarr mi gu tric fiosrachadh agus eolas o m’ cho’-luchd-turuis, ach bha cuid diubh co mear, aighearach, cuid diubh co ro-shaothrachail, cuid diubh co dùr, agus cuid diubh co aineolach ’s nach d’thug iad feairt orm. Fa dheire thug mi fainear do sheann duine liath aosmhor, a bha tearnadh le ceum goirid lag, agus a gluasad gu fann, fòill, air bile na bruaich a bha os cionn gleann an dòrchadais. Na laimh bha lorg air an do leig e a thaic, agus cha b’ uilear dha. Tharruing mi suas ris, agus thuig mi guu robh e na dhuine tuigseach, diadhaidh. Thòisich sinn air seanachas, agus thug e dhomh gach fiosrachadh a bha dhi orm mu gach sealladh a chunnaic mi. ’Si bheinns’, ars esan, sliabh na beatha, agus aig bun na beinne tha gleann dorcha sgàil a bhàis, d’a bheil luchd-turuis a’ sior ghluasad. An dream sin a chunnaic thu tuiteam air a cheud cheum, sin agad naoidheanan agus leanabanan; aois anns a bheil mòran a’ bàsachadh m’an tig iad gu inbh dhaoine. Iadsan a chunnaic thu gan tilgeadh fein sios le boile amaideach, sin agad fein-mhortairean mi-nàdurra; agus iadsan a bha deanamh greim bàis air gach preas agus stacan a bha teachd nan rathad, sin agad iadsan a bha rè am beatha fo gheilt roi’n bhàs, a strigh r’a sheachnadh; agus gidheadh suarach m’an anam neo-bhàsmhor. Iadsan a chunnaic thu co guanach eatrom, a’buaireadh dhaoine, agus a tairgse an treorachadh; b’ iad sin baoth-aignidhean agus ann-tograidhean chloinn nan daoine, a tha faotainn ceannais orra, agus gam mealladh chum bàis agus sgrios siorruidh. An sluagh anabarach a mhothaich thu a’tuiteam ’n an aon bhuidhinn mhòir, sin agad iadsan a tha bàsuchadh le cogadh, le gorta, no le plàigh mhilltich. A bhuidhinn lag a chunnaic thu dlù do bhun a bhruthaich, sin agad samhladh air an àireamh thearc a ruigeas sean aois, agus a tha tuiteam mar sguaba làn abaich. Chuir e iongantas ort am beag suim a bha sluagh a’gabhail do’n dian luaths’ leis an do theirinn iad; agus mhothaich thu gun robh thu fein dlù air crìch do thuruis, m’an gann a shaoil leat a bha thu aìr tòiseachadh. Tha so a’leige ris duinne co neo-mothachail ’s a tha sinn, agus co ullamh ’s a tha sinn gu amharc air gach duin’ eile, mar chreutair a tha na dhian ruith chum bàis, a’ di-chuimhneachadh fad na h-ùine gu bheil sinn fein a’ruith air an turus cheudna. Mòran taing dhuit, a deir mise, arson gach fiosrachadh a thug thu dhomh. Bu chòir do na nithibh sin a thoirt oirnn barrachd meas a bhi againn air Soisgeul an Tighearn Iosa Criosd. a thug beatha agus neo-bhàsmhoireachd am follais, agus a tha toirt comas do chreidich amharc air a bhàs mar theachdaire chum an gairm do thigh an Athar ata air neamh. [TD 222] Am feadh a bha mi fein agus mo cho’-fhear-turuis ag imeachd còmhladh, bha sinn ri seanachas feumail agus taitneach, air an deachaidh stad a chur le coslas teachdaire a bha teachd nar cò’-ail, le gnùis dhuaichnidh, agus le coslas eagallach, a thuirt ri m’ chompanach le guth neo-bhinn, “Dean deas fa chomhair coinneamh a chumail ri d’ Dhia.” Bha uamhas orm ris an sgeul, agus chlisg mi le h-eagal, ach thuirt mo cho’-fhear-turuis, “Na biodh eagal ort; slàn leat; cha’n fhada gus an coinnich sinn a chéile anns an ionad bheannaichte sin, far am bi fois aig an aitim a tha sgìth.” Agus air tionnda ris an Teachdaire, chuir se e fein fo a riaghladh, ag éigheach, “Ged a shiubhail mi troimh ghlinn sgàil a bhàis, cha bhi eagal uilc orm: oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.” Air a cheart àm so, mhosgladh suas mi o m’ bheachd-smuainteachadh le fear a thainig do m’ ionnsuidh le litir, a dh’innse mu bhàs caraid ionmhuinn agus diadhaidh: “Ro mhaith,” thuirt mi, “is mi-iomchuidh a bhi ’cur iomchair, no farmad a bhi oirnn ri sonas an fhir-turuis, a rainig crioch a chuairt, teach Athar neamhaidh, agus a dhachaidh bhith bhuan, beagan romham-sa. Deonaich dhomh a thoirt fainear nach ’eil ’n ar beatha ach leacainn chorrach a tha treorachadh chum bàis, agus gur e gleann a bhàis, do’n Chriosduidh, ìochdar beanntai siorruidh Néimhe.” BLIADHNA THEARLAICH. BLAR CHUIL-FHODAIR. Thòisich na Gaidheil am Blàr ainmeil so, le’n gunnaichean mor a thoirt gu tilgeadh air an earrainn sin de’n arm dhearg, far am fac iad, mar shaoil leo, Diuchd Uilleam; ach cha do ghabh iad ach droch chuimse; chaidh na peileirean thairis orra, gun dolaidh a b’fhiach iomradh, a dheanamh. Mu thuairim uair an déigh a mheadhon là, dh’fhosgail an t-arm dearg orrasan le’n gunnachaibh mòra fein, ach cha b’i ghunnaireachd gun chuimse bha’n so; cha robh dararach a leig iad, nach d’ fhosgail bealach farsuing roi’ shreathaibh nan Gaidheal; gan smàladh sios nam ficheadan; a’ spealgadh as a chéile nan creagan aìr an robh iad nan seasamh; agus a tilgeadh sios gach bothan agus tigh a bha nan còir, air an doigh a b’eagallaich. Bha Diuchd Uilleam air ais agus air aghaidh a’ brosnachadh a chuid airm: a’ gairm orra gu bhi seasmhach duineil, gun bhi fo gheilt roi na Gaidheil. Chaidh Prionns’ Tearlach, mar an ceudna, o cheann gu ceann a chuid airm, a’cur nan cuimhne a bhuaidh a fhuair iad air Sliabh-chlamhain, agus mar chuir iad an ruaig air monadh na h-Eagluise-brice. Fhreagair iad e le àrd iolaich, agus an sin thug e air, uchdan àrd as am biodh sealladh aige air na thachradh. Mo thruaighe! ’s cinnteach sinn gur e chridhe bha plòsgartaich le iomaguin, mar bha nis crùn agus uachdranachd rioghachd co cumhachdach ’s a bha air aghaidh an t-saoghail, no bochduinn agus fògradh an earbsa ris a cho’-strigh a bha nis gu tòiseachadh, agus a bheireadh leth uair an uaireadair gu crìch. An déigh do ghunnacha mòr an airm-dheirg mòran de na daoine bu treine ann am feachd Thearlaich a sgathadh as, fhuair na Gaidheil fa dheireadh cead an claidhean a tharruing [TD 223] agus a bhi ’m bad an naimhdean. Cha luaith chaidh am focal, iad a bhi n sàs, a mach, na thug Cloinn-an-Tòisich orra; Cinneadh treun, curanda, foghainteach. Ge nach robh iad ann am blàr riamh roimhe, gus an là sin, cha b’urrainn doibh seasamh ni b’fhaide, dh’ fhaicinn an sgrios a bha na gunnaichean mòr a’toirt air an càirdean. Bhrist iad a mach, nan aon sgaoth o mheadhon an fheachd, agus thàr iad as roi thoit an fhùdair, agus an aghaidh frasan sneachdaidh, gu bhi am broilleach an naimhdean; ghrad lean Muinntir Adhoill, na Camshronaich, na Stiubhartaich, na Friosailich, agus Cloinn-’Illeathain iad; an Ceannard Muireach air an toiseach, leis a mhisneach neo-sgàthach sin airson an robh e co comharaichte. Ann an tiota bha’n t-arm-Gaidhealach uile mar aon bhuidheann anns an ionnsuidh; ach Cloinn Domhnuill, dh’ fhuirich iad sin air an ais, a’gabhail mar leithsgeul gun d’thugadh urram na laimhe deise uatha, ’s gun d’thugadh do na Camshronaich i. Bu ghnà leis na Gaedheil an àm dol sios do’n chath, am boineidean a sgrogadh a nuas gu teann air am maluidhean; agus b’àbhuist do sheann duin’ uasal, measail, a chaochail o chionn ghoirid air a Ghalldachd, innse, gur e’n sealladh is mò a dhrùigh air a chridhe a chunnaic e riamh, coslas uamharra nam Fineachan Gaedhealach (leis an robh e fein a’ cur a chath air an là sin) mar bha iad a’ ruith a stigh air an nàimhdean le colg buaireasach air gach sùil; gach curaidh air a thogail gu mire-chath, gu bàs a chàirdean a dhioladh: lùth-chleas an lann ri fhaicinn os cionn an cinn; toirm a bhlàir a mach air an raon; caithream nà h-ionnsuidh air a togail, agus BAS no BUAIDH ann am beul gach seòid. Bha’n ionnsuidh a thug na Gaidheil, agus a choinneamh a a fhuair iad, mar bu dùgh do dhaoinibh a bha strìgh arson geall co àrd. Dh’ fhosgail an t-arm-dearg o cheann gu ceann le làmhach bhàsmhor air na Gaidheil mar bha iad a’ teachd air an adhart. Bha na gunnaichean mòr air an tarruing a mach air dhòigh ’s gum feudadh iad muinntir Thearlaich a’ smàladh nan ceudaibh leis gach griosaich oillteil a thainig uatha; agus an àit’ aon pheileir mòr a bhi anns gach aon diubh, ’s ann a bha ad làn de pheileirean beaga a-thainig mar fhrois chlocha meallain air nà Gaidheil. Bha buidheann de’n arm-dhearg air an tarruing suas air leith o chàch a fhuair cuimse chinnteach a ghabhail air na Gaidheil mar bha iad a’ dol seachad orra; ach a dh’ aindeoin so uile, ghabh iad air an adhart, gun umhaill, gun sgàth. Na bha comasach do mhisnich agus do ghaisge, do fhearalachd, agus do threubhantas air nach d’thugadh riamh bàrr, a dheanamh, rinneadh air an là so. Cha d’thug na Gaidheil an ionnsuidh mar dhaoine aig an robh spéis no suim d’am beatha, ach mar bhuidheann a bha cogadh fo chumhachd nach b’urrainnear a chosg, no cheannsuchadh. An ulfhartaich eagallach leis an d’thugadh an ionnsuidh,—an sgairt àrd leis an do bhuaileadh a cheud bhuille,—torran nan gunnacha mòra,—dùdach nam marc-shluagh,—fuaim nan drumaichean,—lannair nan airm-chatha—bha ni’s leoir annta sin uile a dhùsgadh meith-inntinn agus fiamh anns a chridhe bu chruadalaich. [TD 224] Mar dhealan oidhche sa’ bheinn, Mar onfha béucach a chuain, ’Nuair ghluaiseas an tonn gu h-àrd; Mar thorrunn air cùl nan cruach, Bha fuaim, is faram a bhlàir. B’uamhasach agus b’iomaguineach an tiota e,—ach cha robh ann ach tiota; oir cha luaithe a sguabas an ioma-ghaoth an duilleach seargta o gheugaibh nan craobh, na sgiùrs na Gaidheil rompa a cheud earrann de’n arm-dhearg a choinnich iad. Gidheadh cha’ b’ann gun chall air taobh nan Gaidheal. Bha maise agus uaill nam Fineachan anns an t-sreith thoisich, agus thuit a chuid bu mhò dhiubh anns an ionnsuidh eagallaich so: agus ged a dh’aom a chuid so de’n arm-dhearg air an ais roi’n treubhantas dho-cheannsuichte thainig orra, cha b’ann gus an robh an airm-chatha air lùbadh sa chò’-strigh, agus air an dearga gum bun ann am fuil chraobhach nan Gaidheal. ’Nuair a bha ’m feachd toisich de’n arm-dhearg air an sgiùrsadh as an rathad, ghabh na Gaidheil air an adhart roi’n làmhach mhìllteach a bha tighinn orra, gus an robh iad dlù do’n ath-bhuidhinn de’n nàmhuid; ach m’am b’urrainn doibh a bhi nam bad so le’n cloidheannaibh, bha chuid bu tréine ’s bu lionmhoire dhiubh nan sìneadh air an raon. Cha robh comas air, b’ éiginn strìochda; cha deanadh cruadal no gaisge barrachd feum. Bha daoin’ ann nach pilleadh ’s iad beo, chaidh iad so fhathast air an aghaidh, ach cha d’ràinig duine dhiubh an nàmhuid. Thuit am fear ma dheireadh dhiubh mar fhad a chlaidheamh do’n fheachd, agus na ceudan an déigh cuimse bhàsmhor a ghabhail air uchd an laoich. Cha’n’eil ni sam bith is mò a dhearbhas treubhantas nan Gaidheal air an là so, na gun robh iad ’an cuid de àite nan sìneadh nan sreithibh ’an glaic a bhàis, triùir no chearthar ann an doimhneachd dhiubh air muin a chéile. Chaidh mòran de Chloinn-an-tòisich a ghearradh as, agus thuit an ceannardan air fad, ach aon triùir. Am feadh ’sa bha na fineachan mar so a’ cur a chath, bha Cloinn Domhnuill nan tàmh, cha rachadh iad ceum air an aghaidh. “Leanaibh mise, a Chloinn Domhnuill,” arsa Diuchd Pheairt, “Cuiribh an cath mar bu ghnà libh, agus bithidh mi am Dhomhnullach ri m’ bheo;” ach cha ghluaiseadh iad ceum. Bha daoine nam measg aig an robh caochladh spioraid, agus b’ann diu so Mac-mhic Raonuill na Ceapaich; curaidh co treun ’s a sheas riamh air faiche; chaidh e fein ’s a dhaoine air an adhart gu fearail, ach cha b’fhada gus an do thuit esan, agus mòran de na daoine treun a bha leis. ’Nuair a b’eiginn do na Gaidheil pilleadh, chuir am Prionns’ e fein air ceann a chuid de’n fheachd nach robh sa chath; ach ged a thug iad tilleadh beag air na Sasunnaich, b’eiginn doibh ann an ùine ghearr géilleadh. Rinn Tearlach na dh’fheud e a bhrosnachadh a chuid daoine, gu aon oidheirp eile a thoirt, ach bha’n t-àm seachad, dh’fhàs iad meith-chridheach, thuit an inntinn, agus cha chluinnte uatha, ach Ochòin! Ochòin! mo chreach, is mo dhìobhall, a Phrionnsa ghràidh, tha’n latha caillte. Bha’n ruaig a nis iomlan; ach cha b’ann gun spàirn a fhuaradh Tearlach o’n àrfhaich. Ghlac iongantas co mòr an t-arm-dearg, ’nuair chaidh an latha so leo, an déigh na deuchainn chruaidh a fhuair iad, ’s gur gann a chreideadh iad gun robh iad [TD 225] buadhar; ionnas gun robh iad rè seal m’an gabhadh iad de mhisnich na rachadh air tòir nan Gaidheal; ach ’nuair a chaidh, mhort agus mharbh iad gu neo-sheachantach, gach neach a thainig nan caramh. Cha mhòr nach do ghearradh as gu buileach an earrann a ghabh rathad Inbhernis; ach fhuair earrann mhòr eile dhiubh as, a rinn arson nam monaidhnean, far nach bu chomasach do’n arm-dhearg an leantuinn. Mar bha bhuidheann so gu dol a nunn air abhuinn a bha dlù dhoibh, choinnich iad buidheann mhòr de na trupairean Sasunnach, a chuireadh a mach chum an sgrios, ach ’nuair chunnaic iad an coltas colgarra chuir na Gaidheil orra, rinn iad bealach dhoibh gu dol seachad gun bhuille bhualadh. Cha robh measg n’an Sasunnach ach aon fhear a thug oidheirp air grab’ a chur air na Gaidheil, b’ oifigeach am fear so, agus is daor a dhìol e air a shon; thug e ionnsuidh air priosunach a dheanamh de fhear de na daoine so a bha air deireadh, ach thionndaidh an Gaidheal ris agus ghearr e sìos e le aon bhuille da chlaidheamh: Cha’n fhòghnadh so leis, ach chrom e sìos agus thug e leis uaireadoir òir an t-Sasunnaich; agus lean e a chàirdean. Cha’n urrainn duinn cunntas a thoirt mu gach gniomh treubhach a rinneadh leis na Gaidheil san àm so, ach cha’n fheud sinn gun iomradh a thoirt air gniomh euchdach a rinneadh le duine foghainteach dam b’ainm Gillios mòr Mac Bheathain. ’Nuair a theich a chompanaich uile, thug a naimhdean ionnsuidh air, agus leointe mar bha, chuir e chùl ri balladh, far an do sheas e gu gaisgeil an aghaidh àireamh mhòr de na trupairean. Bha iad tìtheach gu cur as da, ach bha esan co gramail ga dhìon, ’s gun do thuit tri-fir-dheug da naimhde marbh ma thimchioll. Ghlaodh cuid de na h-oifigich an duine foghainteach a chaomhnadh, ach cha do ghabh iad suim do’n iartas—cha riaruicheadh ni air bith iad ach bàs an fhuirbhidh threun. Mar so chuireadh blàr Chùil-fhodair, ann an uidhe bu lugha no leth uair an uaireadoir. Fhuair an t-arm-dearg buaidh co iomlan is a b’urradh dhoibh iarruidh, ach beag buidheachais doibh air a shon, bha gach cothrom aca. Nam bitheadh Clann Domhnuill air dol sios mar chaidh càch, agus leis an treubhantas a bha cho dualach dhoibh, bhiodh, maith a dh’fheudta, deireadh eile aig an latha. Ach beag no mòr a choisinn an t-arm-dearg de chliu air an là so, chaill iad e le’n giùlan brùideil, mi-chneasda na dhéïgh sin, leis an d’thug iad tàmailt orra fein, agus air a cheannard chruaidh-chridheach, dhioghaltach a bha air an ceann. T. O. DAN MU BHLAR CHUIL-FHODAIR. Tha’m Blàr air a chur air monadh an fhraoich, Tha’n sgiath air a spionadh o ghuaillibh nan laoch; Bhristeadh an claidheamh ann an lamhaibh nan Saoi, ’S tha fuil nam fir gheala fo bhonnaibh nan daoi. [TD 226] Tha’m breacan, ’s an t-fhéile leis na dh’éidigh na Sàir, Le marcaichibh Shasuinn air an saltairt ri làr; Tha’n suaicheantas uasal a chòmhdaich na suinn, Ri fhaicinn ’s an àrfhaich, gun àilleachd gun loinn. Ann an dùthaich nam mòr bheann, tha uabhas is caoidh, Luchd nam boineid, ’s nam breacan cha’n fhaicear a chaoidh, Na fir ùra bu tréine nach géilleadh ’s iad beo, Air monadh Chùil-fhodair, gun phlosg is gun deo. Slàn leat a Thearlaich, chaidh an iomairt le càch; Oighreachd do shinnsir, chaidh i dhì ort gu bràth, Thug thu’n oidheirp, ’s bu tréun i, le gaisgich mo ghràidh; ’S bi’dh iomradh ur cruadail air a luaidh’ gu là bhràth. T. O. M’AN DOIGH AIR AN D’ FHUAIR CLANN DOMHNUILL OIGHREACHD ANNTRIM ’AN EIRINN. Is iomad atharrachadh a thainig air an t-saoghal o’n a thachair an sgeula beag a leanas. O chian, bha Eirinn air a roinn na h-iomad rioghachd bheag; agus àrd-cheannas, agus uachdranachd aig gach righ air earrainn fein. Anns na linntibh sin thachair do Mhac-fionn, righ Anntrum. a bhi dol le Cao’-mhala, àilleagan an fhuilt réidh, agus ban-oighre a rioghachd, gu cuirm mhòr a bha Triath ainmeil taobh eile na h-Eirinn a’ toirt seachd, do uaislibh agus do mhaithibh na tìre. Cha robh maille ri Mac Fionn ach buidheann bheag de ghillean, gun fhiughair air bith aige ri caimdeal air a shlighe. Mar bha e ’g imeachd air a thurus roi’ mhonadh farsuing uaigneach, cò choinnich e ach duine cumhachdach, borb, d’an do dhiult e roimhe sin a nighean a thoirt ann am pòsadh. B’e O Dochairti righ Innis-Eoghainn a bh’ann, agus cuideachd laidir leis. Thuig Mac Fionn na bha na bheachd, agus tharraing e suas a chuid daoine ann an cuairt a’ cur a nighean, chum a dion, anns a mheadhon. Chaidh Mac Fionn a lot gu trom, agus thuit a chuid bu phailte d’a dhaoinibh. Thog O’ Dochairti rìbhinn an fhuilt réidh, air a bheulaobh air muin steud-eich lùth’oir, agus ghiulain e air falbh i a dh’aindeoin a glaodhaich, a’ smuainteachadh gun d’fhuair e fa dheireadh na bha cho fada na bheachd. Bha ’s na linnibh sin co’-chaidreamh, agus dlù-eolas eadar Ceann mu thuath na h-Eirionn, agus Earaghael ’an Albuinn; thachair gun robh Albannach òg eireachdail, ann an làn earadh a dhùthcha, le chlaidheamh air a leis, a’ gabhail an rathaid tre’n mhonadh cheudna, a dh’ionnsuidh na ceart chuirm gus an robh righ Anntrum a’ dol. Chual’ am fleasgach curanda so àrd ghlaodhaich Chao’-mhala, agus rinn e arson bealach cumhang far an do choinnich e O’ Dochairti, agus dh’àithn e dha àilleagan an fhuilt réidh a chur fa [TD 227] sgaoil. Theirinn O Dochairti bhàr an eich, agus an caramh a chéile ghabh e féin agus an Gaidheal. An deigh iomad leòn agus creuchd taobh air thaobh, fa dheireadh bhuadhaich an Gaidheal, agus dh’fhàg e O Dochairti na shìneadh air an raon. Ann am prioba na sùl bha e fein agus Cao’-mhala air an steud-each luath, rinn iad arson tigh a h-athar, Caisteal Bhaile Ghali, a tha tri mìle o’n àite sa bheil Baile-Lathurna a nis air a thogail; agus far a’ bheil a làraichean briste ri fhaicinn gus an là an diugh. Cha robh an Gaidheal treun, agus rìbhinn an fhuilt rèidh, fad anns a Chaisteal, ’nuair a thainig Mac Fionn air a ghiulan le dhaoinibh, a chuala mar a thachair, a chaidh mach air a thòir, agus a thug dhachaidh e. Is soirbh r’a thuigsinn gun d’rinn Mac Fionn mòr ghairdeachas ’nuair a fhuair e gun robh a nighean gu saor slàn, air a teasairginn o O Dhochairti. Thug e buidheachas, agus cha b’ann aon uair do’n Albannach, a’ guidhe air e dh’fhantainn maille ris, a dhìon a Chaisteil, gus am bitheadh e fein leighist’ o a chreuchdaibh, agus comasach air aicheamhuil a thoirt a mach air O Dochairti, a choinnich e le foill co tàmailteach. Rè shè seachduinean dh’fhan an Gaidheal ann am Baile Ghali ann an cuideachda ri Cao’-mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh. A cheud là a chunnaic an Gaidheal i bha a chridhe aice’ agus do réir na h-uile coslas bha ise san rùn cheudna dha. Co luath ’s a bha Mac Fionn slàn, fallain, dh’iarr an Gaidheal cead co’-naltradh a bhi aige ris ’na shéomar fein. Fhuair e sin. Is mis, a deir esan, Aonghas Mac Domhnuill, Triath Chinn-tìre; is iomad strìgh agus cogadh a bha eadar na daoin’ o’n d’thainig sinn. Deonaich dhomh a nis làmh do nighinne, agus bithidh càirdeas daingean eadar ar teaghlaichean am feasd. Ghabh righ Anntruim corruich mhòr, agus co luath ’s a b’urrainn da labhuirt, ghlaodh e ’stigh air a chuid ghillean; Glacaibh, a deir esan, an duine dalma so, agus tilgibh sios e do’n ionad-dhion is diongmhailte, agus dùinibh a chòmhladh iaruinn air dhoigh ’s nach bi dol as aige. Cha robh feum do’n Domhnullach cur nan aghaidh; lean e sios iad do’n ionad dhorch far an cual e na croinn agus na slabhruidhean iaruinn air an glasadh gu teann, daingeann. Thilg se e fein air ceannaig chonnlaich a dh’fhàg iad aige, a’ meoraich ris fein cia mar dhìoladh e an droch bhiatachd so nach do thoill e. Mu mheadhon oidhche chual e na slabhruidhean a bh’air an dorus a’ fuasgladh, agus na croinn air an tarruinn. Chuir e roimhe nach cuireadh iad gu bàs e gun aicheamhuil, ghlac e slachdan mòr iaruinn fhuair e san aite, agus sheas e ann an cùil, le dhruim ris a bhalla, a’feitheamh na muinntir, a shaoil e a bha tighinn a stigh chum cur as da. B’ioghnadh leis fhaicinn nach d’thainig ach aon seann duine, agus fann sholus ’na laimh; Is mis, a deir an seann duine, oid’-altrum Cao’-mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh; chuir i mi chum thus a chur fa sgaoil, agus làn chinnt’ a thoirt do’n Ghaidheal ghast, nach tréigeadh i am feasd e. Lean mise, ars’ esan; so dhuit do chlaidheamh; tha bìorluinn luath, agus sgioba nach meataich cadha fairge, a’ feitheamh ort chum do ghiulan do d’ dhùthaich fein. Ràinig an [TD 228] Domhnullach an tràigh, agus fhuair e gach ni mar ghealladh dha. Ghabh e’n linne, agus ann an ùine ghoirid chunnaìc e leus air tùr àrd Dhùnabhartaidh, agus m’an do bhris an fhàir’ bha e ’na aitribh rìomhaich fein ann am Machaire mhòr na mòralachd. ’Nuair a thuig Mac Fionn nach pòsadh a nighean a h-aon de na bha ga h-iarraidh, agus gun robh rùn a cridhe aig an Domhnullach òg, thog e tùr laidir, ceithir-chearnach, air sgeir a muigh air a mhuir, fo mhaoil àrd a bha dlùth da thigh fein, o’n robh iad nan urrainn aon bhàt’ a thigeadh na chòir, a chur fodha le clochaibh. Ann an seomar àrd de’n tùr so bha ainnir àluinn an fhuilt réidh air a glasadh, fo chùram dhaoine as an robh a h’ athair earbsach; oir chuir e roimhe nach faigheadh boirionnach air bith dol da còir. Ruith foighidinn Aonghais òig gu tur, agus chuir e roimhe gum faigheadh e a mach an t-àite san robh Cao’-mhala rùnach an fhuilt réidh air a glasadh suas. Dh’fhàg e Ceann-tìre mu àrd-fheasgair, agus ann an dubhar na h-oidhche chaidh e air tìr na aonar air a charraig air an robh an tùr anns an robh ise air a glasadh. Thainig e fo uinneig a a seomair, bha’n oidhche gu ciùin sàmhach, cha robh ri chluinntinn ach onfha trom a chuain, agus torman nan tonna beag air an tràigh; do réir coslais, bha’n luchd-faire nan suain, agus thog Aonghas òg duanag bhòidheach a b’ àbhuist da a ghabhail do Chao’-mhala; m’an deach e fad air aghaidh, dh’fhosgail Ainnir àluinn an fhuilt réidh an uinneag, agus thog i le binneas a beoil, an luinneag maille ris. Chuir iad an comhairle ri chéile, agus dh’ aontaich i falbh leis; ach b’e ’n càs dhàsan an uinneag a ruigheachd; fa dheireadh fhuair e suas, agus le neart a ghairdein bhrist e gach sàs a bha ga cumail: agus ann an tiota bha i aige ann an Iuraich rìomhach Chinn-tire. Chualas nuallan a phìoba ann an aitreabh Mhic-Fionn, mar ghiulain e air falbh Ban-oighre theaghlaich; phòsadh iad air an là am màireach. Ann an ùine ghoirid thainig a h-Athair ’na déigh, rinn iad suas an réite; agus leis a phòsadh so fhuair Cloinn Dòmhnuill seilbh air tìr Anntruim, a ghleidh iad gus an là an diugh. T. O. COMHRADH NAN CNOC Fionnladh Pìobaire, agus Pàra mòr, an oidhche mu’n d’fhag iad Glaschu. FIONN. So! so! a Phàruig, tha’n t-àm dhuinn codal. Tha *Mhaighdeann-Mhorairneach a’ falbh gu math moch. Chunnaic mi fhein an Sgiobair. PAR. Gruagach mo ghràidh, cha b’e sin ach a h-àbhaist: té na moch-éiridh! Ach ged a ghluaiseadh i fhein, ’s a h-ùpraid m’am blais an t-eun an t-uisge, ’s e Pàruig nach biodh dìombach, is fhad an oidhche gu latha gus am fàg mi’n t-uamhas àite so. FIONN. Cha’n uilear dhuinn a bhi air ar cois aig ceud ghairm a choilich. PAR. Sin a ghairm shùrdail nach cuir air do chois san àite so thu. B’e bhi cur an uain do charn an t-sionnaich, coileach a chur do Ghlaschu. Ged is iomad cailleach mhòr laidir a tha san dùth- * Maid of Morven Steam-boat. [TD 229] aich againn, a’ trusadh uibhean a’s chearcan, arson an cur do Ghlaschu, cha chuala mi goc circe, gun ghuth air gairm coilich o na thainig mi ann. Ach nach coma co dhiubh, fhad ’s a tha ’n duine truagh ud a’muigh air a chausair, a’ spaisdearachd ’s a’ glaodhaich fad na h-oidhche. An cluinn thu’n dràst e? Gu dearbh a fhleasgaich, mar thuirt am mada ruadh ris an fheannaig, “cha d-thoir do cheòl a cuideachd thu.” Cha’n’eil do ghuth ach reasgach, agus cha’n nàr dhuit: cha’n iongantach thu bhi sgìth de’n chausair; agus gu dearbh tha mi fein ann. Tha mi co brùite sgith an nochd fein ’s ged a bhithinn a’ siubhal a mhonaidh fad seachduin. FIONN. Cha d’rinn mi fhein mòran coiseachd an diugh; bha eagal orm gun caillinn mo rathad, agus cha do leig mi ’n t-each odhar as mo shealladh fad an latha, am fad ’sa bha mi ceannach trealaich bheaga do’n teaghlach. PAR. Cha b’e sin domhs’ e. Cha deachaidh stad air mo chois. Cha bhi mi ’n Glaschu an dà là so a rithist; agus air leam gum faicinn na b’fhiach fhaicinn ann. An saoil thu, a mhic chridhe, nach robh mis’ an diugh air tòrradh? Bha mi ’n sud a stàraineachd o àite gu h-àite gus an d’fhuair mi mi fein ann an lùchuirtibh a Cholaisde; àite cianail, sàmhach, far nach do thachair duine orm, gus na bhuail an t-uaireadoir mòr, agus an sinn thòisich drànndan de chlag beag a bha fodha, ann am prioba na sùl, bhrùchd sgaoth a mach ’an sud ’s an so de sgoileirean le’n tonnagan ruadha, mar gum faiceadh tu tom sheangan anns an sàthadh tu do bhata. Tachraidh na daoine ge nach tachair na cnuic, cò thainig orm ’an so ach Calum òg. Mac an athar, ’se rinn an caoimhneas rium, Leig e ris domh iongantais an àite. Chunaic mi’n sud barrachd leabhraichean na shaoil leam a bha air aghaidh an t-saoghail. ’Nuair a rainig sinn an t-sràid, faicear an tòrradh a’ tighinn a nuas ’na aon mheall dubh; an carbad mòr fein anns an robh an giùlan, mar gum biodh cnap soithich ann, ’sa beul foidhpe; ach an uair a theann i oirnn ’s ann an sin a bha ’n rìomhadh. Bha an carbad fein air a chomhdachadh le sàr eudach dubh; oir de shìoda geal ma thimchioll; bara-bhidein àrd air gach oisinn, le cnaip òir os an ceann; stiallan fada de riobainean sìoda crochta riutha; agus mar shuaicheantas bròin agus bàis, dealbhan chlaignean agus chnàmh air an tarraing air fiamh an òir air gach taobh dheth. Agus cha’n fhòghnadh sin, marbhaisg orra! ach na h-eich fein, na brùidean bochda, ’s mairg a dheanadh amadain diubh, bha iad an sud agus brat dubh air na h-uile fear dhiubh, agus bad de dh’ itean dubha ’nan cinn. An saoil thu an robh ga chaoidh, ach aon seisear. Bha iad so a’ falbh roi’n ghiùlan, curraichdean maola dubha air an scrogadh mu mhullach an cinn, sgonn de bhata goirid ann an laimh gach fir dhiubh; agus iad a’ coiseachd, (na daoine truagha) gu tùrsach trom, le’n sùilibh ri làr mar gum biodh an cridhe gu sgàineadh. Mo thruaighe! a deir mise ri Calum, ’s iad so càirdean, an fhir nach maireann. Cia air bith ars’ esan mar tha sin, tha latha maith acasan an diugh air a shàiltibh. Ach leanamaid iad do’n Chladh, agus chi thu’n sin deireadh a ghnothaich. FIONN. An ann do’n Eagluis mhòir a chaidh iad? Nach bochd [TD 230] nach robh mise leat, ’s gun do gheall mi do Lachlann nan ceistean dol da h-amharc. PAR. Mata is fiach i a faicinn. Ach b’e sud àit an uamhais. An eagluis fein na h-aon mheall mòr glas, uamhachan eagallach le dorsaibh meirgeach iaruinn a stigh foidhpe, agus iad làn, mar dh’innse dhomhsa, de dhaoine marbha. Bha’n cladh so co farsuing ri dail a gharbhain, agus leachdan lighe co dlu air a chéile, ’s gur gann a gheibh an iunndagach fein a ceann a thogail ’nam measg. An saoil thu, ged a b’e’n latha geal a bh’ ann, nach robh sgàth orm; bha fuaim co fàs aig na h-uile ni. Ma dheireadh, ’sma dhiù, thainig an tòrradh; ma bha e fada gun tighinn cha robh e fada dol seachad; bha ’n uaigh réidh glan, agus an t-urram dhasan air cùl sluasaid a bha cur a stigh na h-ùrach. Is fad o chuala mi, So mar théid na h-eich do’n mhuileann, sud mar thig iad as. Air falbh ghabh na h-uile carbad diubh ’sios an t-sràid, nan deann ruith; chithe tu’n carbad mor fein, na GABARD luidneach, mar bha i, san turamanaich sios le càch, na claignean agus na cnaimhnean mar gan leumadh iad anns na speuraibh; agus cha’n e sin uile, ach luchd nan curraichdean maola, a ghràisg! bu mhis’ am burraidh bochd, a bha gabhail truais diubh, co a bh’annta ach luchd-tuarasdail. Cò ach iadsan! nan deann ruith sios an t-sràid, co aoibhinn, aighearach ’s ged a bhiodh iad air banais. Ach stad thusa gus am faic mise Lachlann nan Ceistean; tha mi air mo bhòdhradh leis; cha chluinnear aig ach am FASAN gallda, biodh daoine beo, no marbh; ach ma tha’n dàn domhs’ fhaicinn, cuiridh mi ’ghlas-ghuib air an déigh na chunnaic mi’n diugh. FIONN. Tha Lachlann gle fhada ’sa bheachd sin, agus cha’n fheudar àicheadh nach robh mòran eireachdais san doigh tòrraidh a dh’ainmich thu. PAR. Eireachdas, an dubhairt thu? gnothach co mi-chiatach ’s a chunnaic mi riamh; an saoil thu nam biomaid a’ dol leat fein do’n Chill, am b’eireachdas e a chuireadh onoir ort, brat mairbh a chur air an each bhàn agad, agus bad fraoich, no dos de itean dubh a chur ’na mhùinge? Tog dheth. FIONN. Tha na cleachdan sin tlachdmhor, no mi-chiatach a réir gnà na dùthcha san cleachdar iad. Chunuaic mise là anns nach bitheadh tòrradh eireachdail ’nar dùthaich fhein gun cheol na pìoba, ni, maith dh’fheudta, chuireadh uiread sgreamh air Gall no air Sasunnach, ’s a chuir na chunnaic thus’ an diugh, ort fein. PAR. ’Se sin iadsan a bhi gun tuigse; agus a bhi gun chridhe. Tha phìob a nis a’ dol a’ cleachdadh air na cò’-dhailibh sin, agus theagamh gu bheil sin co maith; ach cha chuala mi riamh BAILE DHUNEIDEAN agad fein, le nuallan tìomhaidh, ’s tu falbh air ceann na cuideachda do’n Chìll, nach d’thainig tiomadh air mo chridhe, agus deoir air mo shùilibh. FIONN. Tha cheart phort sin fein tìomhaidh ni ’s leòir, agus chunnaic tusa latha a chluichinn e co maith ris gach dara fear; ach an cluinn thu mi a Ghoistidh, ’se ni a tha Lachlann, agus am Ministeir fein a’ ciallachadh ’nuair tha iad d’ar n-earalachadh gus na FASAIN ghallda a leantuinn, gun gnàthaicheamaid an riaghailt agus an stuamachd, agus maraon an t-sàmhchair leis a’ bheil iad a’ dol mu thimchioll. PAR. Tuigidh mi sin. Gu dearbh bha chuid sin de’n ghnoth- [TD 231] ach mar bu chòir dha a bhith. Bha’ n uaigh ann an sud gu h-ullamh, réidh. Cha chluinneadh tu focal àrd aig fear seach fear, cha robh connsachadh m’an cheart leaba, mar is tric a thachras san dùthaich againne. Cha robh iad a’ seanachas thall ’sa bhos mu ghnothaichibh faoine, agus idir cha’n fhacas fiamh ghàir air gnùis. Agus cha do charaich duine o’n uaigh gus an robh gach ni seachad. FIONN. Nach robh eireachdas ’an sin, seach mar tha sinne air uairibh a’ faicinn. PAR. Gu deimhin thaitinn sin rium gu h-anabarrach, ged bu shuarach leam gabh spailpeanachd eile a bh’ann. B’fhearr leam bhi air mo ghiùlan do’n Chìll air a charbad bheithe, air guaillnibh mo luchd-dùthcha, na sa charbad is rìomhaich a dh’fhalbh riamh air cuibhlichibh: agus bu taitniche leam aon deur a shileadh mo choimhearsnaich air m’fhòid, na ged bhiodh na mìltean de’n chomunn chealgach ud air thuarasdal ga’m chaoidh. FIONN. Thachair e dhomh. Is don a fhreagras cealg agus mòr-chùis aig an uaigh. Ach innis so dhomh a Phàruig, Cionnas a chòrd an Eagluis mhòr riut? Co dhiubh is briagha i no càch? PAR. Chuir thu ceist air Pàruig. Bha e co furasda dhomhsa innse dhuit cò ’n reull is àillidh san iarmailt, is innse dhuit cò an Eagluis is rìomhaiche sa Bhaile so. Tha de dh’Eagluisean ann, na dheanadh baile mòr iad fein, agus tha gach aon diubh eireachdail ni’s leoir; ach air a shon sin uile, is ann a tha i sud, mar a ghealach am measg nan reull. Tha te’ bheag bhinneach eile làmh rithe nach deanadh tigh SEISEAN d’i. Tha mis ag ràdh riut gu bheil cneasdachd dìreach na gnùis. Tha na h-uiread eadar-dhealachaidh eadar i fein, agus na h-Eagluisean ùra gogaideach a tha iad a nis a’ togail, ’sa tha eadar seana Mhinisteir aosda dreachmhor, le shùilibh tlà, le chiabhaibh liath, agus sgaomaire de shearmonaiche òg, a tha fo bharrachd spéis da fein, na fo iomaguin mu dhaoin’ eile. Ach ’s i mo bharail fein gu bheil tuille ’s a choir de eagluisean ann. FIONN. Cha’n urrainn sin a bhith. PAR. Is urrainn. Cha tachair dithis ort a tha dol do’n aon Eagluis; agus nach cluinn thu’n t-aon chonnsuchadh truagh aca m’an aidmheil ud, agus m’an aidmheil ud eile, is na h-uile fear co fada na bheachd fein ris an fhear eile. FIONN. Tha leithid sin ann; ach tha dòchas agam gu bheil iad am bicheantas a’ togail air an aon stéigh ged tha eadar dhealachadh baralach eadar riu an cuid a nithe. Cha’n’eil connsachadh de’n t-seòrsa sin ’nar measgne, ach tha ni co mi-chiatach ann; daoine their riut gu bheil iad de chreidimh an aithrichean, de chreidimh a Mhinisteir, an t-Sagairt, no an Easpuig, nach urrainn innse cionnas, no c’arson. PAR. Tha an leithide sin ann; agus tha e na dhearbhadh nach ’eil creidimh ceart aca. Far nach ’eil meas air an fhearann, cha bhi fothrais mu na crìochan. Ach an creid thusa na chuala mis an diugh, gu bheil còrr is dà fhichead mìle ann so bhaile so nach ’eil a’ dol do Eagluis eadar dà cheann na bliadhna. FIONN. Tha mi creideinn gu bheil mòran ann gu dearbh a tha gle shuarach mu na gnothaichean sin; ach air a shon sin, is [TD 232] iomad fear, mo thruaigh! nach ’eil a’ dol do’n Eagluis, a chionn nach ’eil aige de’n t-saoghal na dhìolas arson àite-suidhe. Cha’n ionann agus sinne. Cha’n fhaigh daoine san àite so an t-uisge fein gun a cheannach. PAR. Mata, cha’n e sin duinne e. Nam biodh na h-uile goireas eile mar an t-uisge, bha sinn sonadh dheth. Ach mar urrainn doibh dioladh arson aite-suidhe ’san Eagluis san àite so, is urrainn doibh do reir coslais dioladh arson an òil. Chunnaic mi nochd fein, air sràidean Ghlaschu, barrachd gràinealachd agus mi-riaghailt na chunnaic mi riamh a’m’ dhùthaich. Ciod a their thu ris a so a nis? Ach gheibheadh tusa leithsgeul dhoibh ged a spadadh iad Mairi agad fa chomhair do shùl. FIONN. Marbhaisg air an olc! cha toilleadh bean mo ghràidh sin air neach sam bith. Ach a ghoistidh, ge nach gabh mis’ an leithsgeul, annsa chàs sin cuimhnich thusa an sluagh anabarrach a tha ann an Glaschu; an saoil thu nam biodh na h-uile Baile beag mosach a th’againne air feadh na Gaeltachd ’an ceann a chéile nach iomad mi-riaghailt a chitheadh tu? Cha’n e gu bheil iad glan fholamh dheth mar tha. Tha daoine gle shiobhalt fhad ’snach ’eil iad a’ tighinn trasd air a chéile, is cha d’thugainn buidheachas doibh. Nach sàmhach na caoirich fein ag ionaltradh am fad ’s a tha farsuingeachd an t-sléibh aca; ach dùmhlaich a stigh do’n fhàng iad, agus faic mar dh’ éireas iad air a chéile: is ceart mar sin na daoine. PAR. Sin thu rithist. Cha dean mise bealach nach dùin thusa. Ga olc sa Bhaile mhòr iad, a’bheil iad mòran ni’s fearr air an dùthaich? A’ bheil cuimhn’ agad co liughadh àit san do dhiult iad cuid na h-oidhche dhuinn? An cuimhne leat an trusdar Caile a dh’ iarr orm mo phathadh a thoirt do’n tobar, agus a chuinneag làn aice na laimh? Seall mar h-eap iad an cleoca sgàrlaid sin a th’ agad, mar gum biodh séun ann, fo d’ cheann na h-uile h-oidhche, a a ghoid uait. M’as iad riobainean do phìoba, nach do ghoid iad? An cuimhne leat idir mar bha iad a’ crannadh na dorsan, ’s nan uinneagan na h-uile h-oidhche mar gum biodh eagal orra gun d’thigeadh na Frangaich fo latha: Ged a bha mada mòr grannd ac’air slàbhruidh aig ceann an tighe, le craos air a bhéist a chuireadh eagal air Ailean nan con fein, ge gaolach mu na coin e. Bi thus a’ bruidhinn, ach m’ éadail an dùthaich far an coidheas an oidhche no an latha: agus ’an àm gabhail mu thàmh, suarach co dhiu a tha ’n crann air a chòmhlai bhreòite no nach ’eil. FIONN. Mata, ’s prìseil sin fein, tha mi ’g aideachadh. PAR. Dh’aidich thu mu dheireadh e, is cha b’ann le d’ dheoingu dearbhgu dearbh is tusa sheasas no Gaill. FIONN. Dh’aidich mi’n fhad ud, ach air a shon sin cha’n aidich mi ’m feasd, nach ’eil mòran, mòran de dhaoine fiachail cneasd agus ceanalt’ air a Ghalltachd. Nach b’ eireachdail an co’-thional a chunnaic thu air an t-sàbaid fa dheireadh, agus da rìreadh bu bhlasd an t-searmoin a fhuair sinn. PAR. Tha na daoine tlachdmhor gu leòir, ach arson na searmoin. FIONN. Nach do thaitinn i riut? Tuigidh na Gaidheil a nis o gach àite beagan de’n bheurla. Tuigidh tus’ i, dh’aon chuid. PAR. Cha tuig, Fhionnlaidh, [TD 233] agus is dithis duinn sin, thu fhein, agus mise; ged a bha sinn air a mhachair, cha ruig sinn a leas moit a chur as ar beurla, mar ni na h-uile peasan a chuir a chas air causair. An saoil thu ged a tha gabhail an rathaid mhòir againn, an tuig sinn searmoin, agus a dh’innse na firinn, cha do choinnich a bheurla sin riamh mi fathasd a dhrùigh air mo chridhe. Tha i maith gu leoir ann an gnothaichibh, ach tha’n tubaist oirre sa chrannaig. Ach ona thainig sinn air an t-seanachas, nach don’ an ceartas a tha sinn a’ faotainn a mach air a Ghalldachd, nach ’eil iad a toirt duinn teagasg sa chànmhuinn a thuigeas sinn. Is àrd-ladurna a’ labhras na Gaill mar faigh iad beurladh againn, ach feuch cò bheir Gaelic dhuinne, ’nuair theid sinne mach? FIONN. Cha’n ionann idir an dà ghnothach d’a chéile, ach gun an seanachas a leantuinn ni’s faide, A’ bheil iomradh idir agad air an tuath chneasd a chunnaic sinn, a h-uile fear dhiubh mar Mhinisteir na theaghlach; co ciallach, stòlda; nach ceadaicheadh focal àrd no olc sam bith m’an timchioll? An do leig thu air di-chuimhn an duine beannuichte sin Mr Ponton, a thug dhuit an leabhar maith sin a th’ agad air do shiubhal; agus co liugha earail agus comhairle mhaith a thug e ort am fad ’s a bha thu ’na theaghlach? C’àit’ am faigheadh tu a leithid a’ d’ dhùthaich? PAR. Tha iad ann, agus tha dòchas agam gur ann an lionmhoireachd a bhios iad a’ dol. Bha esan na dhuine cneasda, gu dearbh, b’fhearr leam mo shaothair a thoirt dha air a leth-luach, na do dhaoin’ eile air an làn-thuarasdal. Mo bheannachd ’na chuid, ’s na chuideachd. FIONN. Mar sin. ’S mi tha ’na chomain; ma chuireas mi duine-cloinne am feasd gu Galldachd, ’s ann ’na rathad a stiuras mi iad: na pàisdean bochda, ’s eiginn doibh a bhi as mo shealladh uair no uair-eiginn. Thainig sinn air a chéile a nis a ghoistidh. Tha uainn a bhi codal. Oidhche mhaith dhuit. PAR. Mar sin duitse, fhir mo chridhe. I. M‘L. SGEULA BEAG GAIDHLEACH, MU BHINNEAN GHORAIDH. Thainig an sgeul so a nuas oirnn le beul-aithris o linntibh a chaidh seachad. Tha e toirt soilleireachd dhuinn air aigne fhiadhaich luchd-aiteachadh na Gailteachd san àm a dh’ fhalbh. Bha Mac ’Illeathain Lochabuidh, Ceann-teaghlaich co measail ’s a tha sa Ghailteachd, a mach air latha àraid, air taobh na h-àirde deas de Mhuile, a’ sealg an fhéidh, agus mòran do dh’uaislean na dùthcha, agus d’a dhaoine maille ris. Thachair gun deach a Bhan-tighearn a mach air an là so, gu bearradh àrd, as am faiceadh i sealladh air an fhiadhach, agus bha a bhan-altrum leatha, a bha giulan leanabh òg, oighre ’n teaghlaich, agus an t-aon duine cloinne bha aig Mac-Illeathain Lochabuidh. Shuidhicheadh an fhaothaid, agus chuireadh duine foghainteach de luchd-leanmhuinn an teaghlaich air aisrigh chumhang, agus chuireadh mar chorachd air, fo bhinn bàis, gun na féidh a leigeadh seachad. Bha’n fhaothaid a tarraing dlù, agus a dh’aindeoin gach oidheirp a thug an duine so, d’am b’ainm Goraidh, [TD 234] chaidh na féidh seachad air, agus chailleadh an t-sealg air an là sin. Chruinnich Mac-’Illeathain a dhaoine, ach an àite Goraidh a chur gu bàs, mar mhaoitheadh air, ’s e bhinn a thug iad a mach gun rachadh a dheagh sgiùrsadh air a cheart aisrigh air an do leig e seachad na féidh. Cha robh ni air bith bu tàmailteach le Gaidheal na bhi air a sgiùrsadh; agus b’ fhearr le duine cluinntinn mu bhàs caraid, na gu’n cluinneadh e mi-chliu co mòr ri sgiùrsadh follaiseach a dheanamh air. Ràinig an tàmailte so cridhe Ghoraidh agus chuir e roimhe a shàth dioghaltais a bhi aige. Thug e ionnsuidh air an naoidhean òg, oighre Loch-a-buidh, spìon e leis e a uchd na ban-altrum, agus ghrad leum e sios leis gu sgòrr craige, a bha seasamh a mach mar bhinnein eagallach o’n bhearradh àrd air an robh iad ag imeachd. Sheas Goraidh gu neo-sgàthach a mach air a bhinnein sin, far nach robh e’n comas do dhuine a leantuinn, agus an leanabh na ghlacaibh. Cha ’n ’eil e comasach smuainteach air àit a b’ eagallaich na an sgorr uamhasach air an robh e na sheasamh; am fìr-eun agus eoin ghlas a chuain, ag itealaich na ceudan troidh gu h-iosal fodha, an fhairge throm a slachdraich le sìoban geal air stacan a gharbhlaich fhiadhaich, leis a’ bheil an cladach sin air a dhìon. Ghrad leum Mac ’Illeathain Lochabuidh agus a dhaoine gu bile na craige, agus faicear le tuaineulaich eagallach far an robh Goraidh na sheasamh. Thoir air ais dhomh, deir esan, mo leanabh, agus is leat do rogha duais. Fhreagair Goraidh e, ag ràdh, Sgiùrsadh do ghillean thusa, mur rinn iad ormsa, air bile na craige far am faic mi e, agus chi thu ’n sin ciod a thachras do d’ leanabh. Cho’-aontaich Lochabuidh. Thoir air ais domh a nis mo leanabh, ars’ esan. Dh’amhairc Goraidh suas ris le draoin mhalluichte, agus le colg buaireasach na shùil, A Lochabuidh, ars’ esan, Chuir thu tàmailt orm, agus cha tilgear mar athais air mo chloinn nach d’thug mi aicheamhuil a mach. Le so a ràdh, thog e’n leanabh os a cheann, agus le sgread oillteil thug e dùi-leum do bhuillsgein a chuain, o’n Sgorr àrd sin a tha gus an là ’n diugh air ainmeachadh, Binnean Ghoraidh. Bitheamaid taingeil gu bheil na làithean dorcha sin seachad, anns am feudadh a leithid so tachairt. Is beannuicht an t-atharrachadh a tha tighinn air ar dùthaich. Tha spiorad an dioghaltais a’ dol as agus Spiorad a ghraidh a’ craobh-sgaoileadh. T. O. MU DHUBHRADH NA GREINE, AGUS NA GEALAICH. Cha’n’eil e iomchuidh gum biodh ar luchd-dùthcha aineolach air an dùbhradh sin a chithear air uairibh air aghaidh na Gréine, no na Gealaiche, ris an abradh iad o shean tinneas na Gréine, is na Gealaiche, do bhrìgh nach robh fios aca ciod a b’aobhar dha; ach a nis tha fios cinnteach aig luchd-coimhead nan speur, air a cheart mhionaid a là no dh’oidhche, air an d’thig an dubhar so, na ficheada bliadhna ma’n d’thig e. Tha dùbhra na gréin’ ag éiridh o’n Ghealaich a’ teachd calg-dhìreach eadar an talamh so agus a ghrian. Cha’n urrainn so tachairt ach an [TD 235] uair a tha Ghrian agus a Ghealach san aon amharc uainne. Tha a Ghrian gu h-uile air a dùbhradh, no ann an cuid, a réir an tomhais anns a bheil a gathan air an cleth uainne leis a Ghealaich. Uaithe so tha e tachairt ’nuair a tha sinne ga faicinn gu h-iomlan fo dhubhar, nach ’eil muinntir rioghachdan eile ga faicinn ach mar gum b’ann ann an càil fo dhubhar, do bhrìgh nach ’eil a Ghealach anns an aon leagadh rls a Ghréin uatha; agus uime sin nach ’eil a gathan gu h-iomlan air an cleth uatha. Tha dùbhradh na Gealaich ag éiridh o’n Chruinne so air a’ bheil sinne, a thighinn eadar i agus a Ghrian. Cha’n urrainn so tachairt ach an uair a tha Ghealach air an dara taobh de’n t-saoghal, agus a Ghrian direach fa comhair air an taobh eile, agus so cha’n fheud a bhi ach an uair a tha Ghealach na h-àirde. ’S ann le faileas an t-saoghails’ a’ teachd air aogas na Gealaich a tha’n duibhre so a’ tachairt, agus chithear e anns an aon doigh leis gach neach air an taobh so de’n t-saoghal aig an aon àm. Cha’n fhaicear dubhar am bliadhna air a Ghealaich, no air a Ghréin, anns a chearna de ’n domhan air a bheil sinne chòmhnuidh. Dh’innis sinn cheana gu bheil fios aig daoine foghluimte a cheart àm air an d’thig an duibhre so air a Ghréin no air a Ghealaich. Rinn so mòran feum do dhuine fiosrach àraidh (COLUMBUS) am Maraich ainmeil sin a fhuair a mach America. Is fiach an sgeula so aithris. T. O. SGEULA MU CHOLUMBUS. Thachair do’n duine ainmeil so ann sa bhliadhna 1504 a bhi air a thilgeadh air falbh, e fein agus a shoithichean, air cladach JAMAICA, ionad a fhuair e fein a mach naoi bliadhna roimhe sin. Chaidh a luingis a bhrise gu tur, dh’éirich na Seoladairean ann an ceannairc na aghaidh, a’ bagradh a chur gu bàs; bha na h-Innsineich bhochda, a bha caoimhneil riu sa cheud dol a mach, a nis a’ fàs sgìth dhiubh; agus a’ diultadh tuille lòin a thoirt dhoibh. Thuig COLUMBUS n’an cailleadh na h-Innsineich am meas mòr a bh’ac’ air mar dhuin’ aig an robh eolas thar cuimse, gum fàgadh iad esan agus a dhaoine gu bàsachadh, oir bha e fein agus iadsan gu buileaeh an earbsa riu arson am beathachaidh. Leis an eolas a bh’aige air na speuraibh bha fios aige gum biodh dubhar air a Ghealaich ann an là no dhà. Chruinnich e muinntir an Ei!ean m’an cuairt da an là m’an robh an duibhre ri bhith, agus an déigh dha achmhasan a thoirt doibh, arson an giulain d’a thaobh, dh’ innis e dhoibh gun robh esan agus a chuid daoine fo chùram àraidh an Spioraid ghlormhor sin a tha chòmhnuidh air neamh, a chruthaich, agus a tha riaghladh, an t-saoghail. Gun robh esan ann an corruich riu arson mar dhiult iad fòr air-san agus air a dhaoine, d’an robh speis mhòr aig an àrd Spiorad sin. Diolaidh esan oirbhse ur mi-chneasdachd; agus mar dhearbhadh air a chorruich ’nar n-aghaidh, air an oidhche so fein diultaidh a Ghealach a solus, thig duibhre oirre air dhath na fola, agus cha ’n ’eil ’an sin ach toiseach air na breitheanais a bheir e oirbh. Chuala na h-Innsineich bhochda so le iongantas, gun fhios co dhiubh a chreideadh no nach creideadh iad e. ’Nuair a thòisich an [TD 236] dnibhre uidh air uidh ri tighinn air a Ghealaich, ’s a chunnaic iad dath na fola teachd oirre, mar thuirt Columbus, ghlac uamhas mòr iad. Ruith iad le anabharra eagail a dh’ ionnsuidh an tighean còmhnuidh, agus air grad philleadh dhoibh a dh’ ionnsuidh CHOLUMBUIS, luchdaich iad e le teachd-an-tir agus shleuchd iad sios da, ag asluchadh air gun deanadh e eadar-ghuidhe ris an Ard Spiorad as an leth. Ghabh COLUMBUS air a bhi air a bhualadh le’n dian earail, agus gheall e aontachadh le’n iartais. Dh’fhalbh an dubhar a bh’ air a Ghealaich, agus o’n àm sin cha robh cion lòin air na Spaindich, agus cha chuireadh na h-Innsineich air chor air bith miothlachd orra. T. O. Mu hisop nan Scriobtuir. Tha ’n hisop air a h-ainmeachadh san Scriobtuir, mar aon de na luidhibh is lugha. Tha a blas garg; agus tha i ’fàs air na sléibhtibh a tha dlù do Ierusalem. Tha e cosmhuil gun robh glacaid de’n luibh so, a chruinnicheadh fogus do’n Chrann-cheusaidh, air a bogadh ann am fion-geur, a chàireadh ri bilibh tart-mhor an t-Slanuighear, a bha ’n gleachd a bhàis. No dh’ fheudta gur i ’n hisop a dh’ ainmich Eoin, ris an dubhairt Mata agus Marcus cuilc, a bh’ ann. Ri àm an lagha, bha an hisop gu tric air a gnàthachadh chum glanaidh, mar inneal-crathaidh, no am meadhon glanaidh a bha iad a’ cleachdadh.—’Nuair a thainig sluagh Israeil a mach as an Eiphit, dh’ àithneadh dhoibh bad hisoip a ghabhail, agus a thumadh ann am fuil an uain-chàisg, agus a crathadh air an àrd-dorus, agus air an dà ursainn. Air uairibh chuir iad bad de chòimh sgàrlaid maille ris an hisop. Bha i mar an ceudna air a gnàthachadh ann an crath-ghlanadh nan lobhar. Tha ’n hisop fior fhreagarach do’n fheum sin. Tha i fàs na badaibh dùmhail air an aon chois. Tha i mu throidh gu leth air àirde; tha i ’giulan blàth air mullach na slaite, air dath liath-ghorm, cosmhuil na dreach ri dias arbhair. P. M‘F. M’ AN CHNUIMH SHIODA. Tha mheanbh-chreutair iongantach so, co luachmhor, ionnas gur ann uaipe a tha gach seòrsa sìod, air aghaidh an t-saoghail a’ teachd, gur iomchuidh gum bi ar luchd-duthcha eolach uimpe. Ann an cuid de rioghachdaibh an t-saoghail, tha na miltean theaghlaichean a deanamh beartais ann an àrach, agus ann am beathachadh nan durragan neònach so; ann an trusadh, ’an tachras, ann an toinneamh, agus ann am fidheadh an t-sìod a tha tighinn uatha. ’S ann an rioghachd China a thòisich iad an toiseach air àrach nan durraga sìoda. Tha ’n creutair so air lùs mar chnuimh chàil, no am burras a chìtear air preasaibh gàraidh. Am feadh ’s a tha iad fo ’n dealbh so, ithidh iad gu laidir de dhuilleach chraobh. Fasaidh i an déigh sin coltach ris an dearbadun-dè; agus an sin luidhidh i ann an cùil far an tòisich i air snìomh an t-sìoda, o sheorsa de ghlaodh tana tha’n taobh a stigh dh’i, sa chinneas gu teann, righinn ann an ùine ghoirid. Tha comas aice ceairsle dheanamh de’n t-snàth a tha i snìomh na dhuailabh m’an cuairt difein, far a bheil i faotainn fasgadh agus dion. Ma leigear leatha, thig i mach as a chuairt so ann an ceithir-là-deug, mar leòmann; eacoltach air gach dòigh o’n dealbh a bh’aice [TD 237] ’nuair a thòisich i air snìomh. Ann an tighinn a mach as a cheairsle so, a tha mu mheudachd uibhe-calumain, mhilleadh i an sìoda ann an cladhachadh a mach slighe dhi fein; chum so a bhacadh, tha’n luchd-àraich a’ cur na cuairteig shìoda fo theas laidir a chuireas as de’n chnuimh, agus nach mìll an snàth. Cumaidh iad modh-shìolaich dhiubh beo, o’m faigh iad àl ùr arson na h-ath-bhliadhna. Is gann gu bheil ni air bith is iongantaiche na gliocas nàdurra a mheanbh-chreutair so. Tha’n snàthain a thig o ’n chnuimh, co ro chaol, ’s mar b’fhiosrach sinn gur i ’n fhirinn a th’ againn, is gann a dhùraigeamaid innse: Ach dh’fheuchadh am fad snàth a tha anns na ceairslibh beaga so, agus fhuaras gu tric gun do thomhais iad eadar tri agus ceithir cheud slat air fad, ge nach robh ann ach dà ghrainne gu leth air cudthrom. Tha sgriobhair foghluimt’ ag ràdh, gun rachadh aon phùnd de’n t-snàth so, mar tha e air a shnìomh leis a chnuimh, cùig-ceud gu-leth mìl’ air fad; agus nach cudthromaiche na chuairticheadh an saoghal ach seachd agus dà fhichead pùnd. T―O. SALM XLV. AN II. EARRANN. Ach thus, O! Bhanrigh aom do chluas a’s éisd, Tigh t-athar dioch’naich ’s tìr do dhùchais tréig, ’S gach cusbair roimhe choisinneadh do luaith, S do mhiann gu léir biodh airsan, Treun nam buadh. Le d’ bhuaidhibh àraidh ’s ni e tàla’ ’d’ dhàimh ’S gu caidreach leis thu glaisear ’na dha làimh; Gun cuirear leis thu ’m mòrachd faisg dha fein; Ach thus’ do d’ Dhia thoir urram gloir a ’s géill. Thig Banrigh Thiruis fein o’ h’àite taimh Le millte tiodhlac ’steach do d’ theampull àigh; ’S na daoine saibhir anns gach àit’ fo ’n ghréin Gun iarr do ghràs ’s do dheagh-ghean àghmhor fein. Feuch! Nigh’n an Righ an éididh riomhach ghrinn Do chéile, Ard Righ, miann a ’s gràdh do chridh, ’S a falluinn òr-mhaisicht gu bòidheach dlùth, ’S a h-aodunn-dhreach ni ’s taitniche do ’n t-sùil; Am buaidhean aigh a cridh cia àrd gu leir, Far bheil a tamh gach beus a ’s gràs is fearr. O feuch! a Righ do chéile riomhach gràidh A teachd a’ d’ ionnsuidh ’n deise bhainns’ le h-àgh, An obair ghréis is fearr ’s is finealt fiamh Le leugaibh soillseach boisgeil mar a ghrian, ’Measg mhaighdean’ àillidh feuch! a Bhanrigh chiùin [TD 238] A falbh gu ciatach miaghar do gach sùil, ’S a buaidhean taitneach ’s fiamh ro thlachdmhor grinn A’s riomhadh àillidh ’g inns’ gur Banrigh i. Mar so ’s i cuartaichte le sluagh ro mhòr An staid ro ghreadhnach bheirear leo i d’ chòir, ’S i fein ’s a maighdeanna an aoibhneas gràidh Gun dòirt a steach do d’ theampull feart’ar àigh; Ach thus O Bhanrigh cuir air cùl gach bròn, A ’s t-aithrich aosda na bi caoidh ni’s mò; ’N an àite sin dhuit fein bidh sliochd nach gann, Mic ’s nigh’nean àghmhor bhios gu bràth neo-fhann; ’Sa bhios le ’m mòrachd ard ’an glòir ’s an cliù Ach bhios ni ’s àird’ a ’m maitheas gràsmhor ’s fiu; ’Sa riaghlas thairis air an talamh mhòr, ’S do ’m bith a chaoidh o linn gu linn mòr ghlòir. Ach ’s tus O Ardrigh! cùis mo dhàin ’s mo chiùil, ’S do dhùthchaibh céin gun cuir mi ’n céill do chliu. Am feadh a ghluaiseas neoil mu chuairt nam beann, ’S aig àm na h-oidhch’ bhios reullta soillseach ann; ’M feadh bhios a ghrian a fiamhachadh an lò, Do ghloir ’s do chliù cha searg ’s cha mhùth ni ’s mò. A. M‘I. Bha a cheud earrann don T-salm so ann san viii. àireamh de’n Teachdaire. ACHUINGE AN DEIRCEICH. Gabh truas do bhròn an t-sheann duin fhann ’Sa bhuill air chrìth ga iomchar chum do theach: Tha laith’ a nis ach beag air teachd gu ceann, Dean còmhnadh ris ’s bith àgh a’d mhaoin gu beachd. Na broineagan so innsidh mi bhi bochd, Mo chiabhan glasa dearbhaidh m’ aois bhi mòr, Gach preas a th’ann am ghruaidh luim chleachd A bhi na sruth-chlais dhiomhair aig mo dheoir. An tigh ùd thall a th’air an àrdan uainn Le aghaidh shleumhain se mheall mi bhar mo cheum; An sud fhuair saibhreas ionad taimh is suain, Is morchuis riomhach comhnuidh ghrinn di fein. [TD 239] ’S cruaidh cor an ti tha aimbeirteach is fann, An so ’nuair dhiarram orra sud greim bidh, Chuir òglach geòcach mi air falbh le greann, A dh’iarruigh fasgadh ann an sgail a b’ils’. O! gabh gun dail mi steach do ’d fhàrdaich fhial, Tha ghaoth ro chruaidh is mheith am fuachd mo chlith; Is gearr mo chuairt do’n uaigh da bheil mi triall, Oir tha mi uirbheasach is aosmhor sgìth. Na’n innsinn m’ aobhair bhròin gu h-iomlan duit Ma mhaothaich daonnachd riamh le tlàs do chri’, Do lamh cha diùltadh còmhnadh dhomh an diugh ’S bhiodh deur a mhulaid ruidh ’o’d ghruaidh gun di. An gearain sinn ’nuair thig misheilbh nar dail? Se ’m freasdal thug mi chum na staid so fein, Do chorsa feudaidh bhi mar so gun dàil, ’N ad leanabh bròin is truaigh fo ’n ghrein. ’Nuair fhuair mi baile beag o ’m athair caoin Mar uiseag shùndach dh’ fhailtich mi gach là; Ach dh’ fhògair foirneart mi o’m bhothan faoin Mo phòr chaidh aog is fhuair mo spréidh am bàs. Mo nighean ghràidh bu chofhurtachd do m’aois, Mheall daoighear as a tìr ’s o dachaidh fein, Is thilg air faontradh i gun suim no speis Gu triall an aimbeairt ann an dùthaich chéin. Is bean mo ghaoil a dh’ fhògradh cùram uam, Ghrad bhuail an t-òrdugh cruaidh so i le cràdh; ’S thuit i na h-iobairt do eadòchas buan, Is dh’fhàg an saoghal truagh so aig a gràdh. Gabh truas do bhròn an t-sheann duin’ fhann. ’S a bhuill air chrith ga iomchar chum do theach; Tha laith’ a nis ach beag air teachd gu ceann, Dean Còmhnadh ris ’s bith àgh a’d mhaoin gu beachd. Ead. le EARRAGHAELACH [TD 240] NAIGHEACHDAN. Tha Ard-Chomhairle na Rioghachd ri cruinneachadh ann an ùine ghearr; agus oidheirpichidh sinn fios a thoirt duibh mu na thig fa’n comhair. Do thaobh na Marguidhean, cha ’n ’eil atharrachadh sam bith o na chuala sibh roimhe uainn. FOCAL SAN DEALACHADH. Taing do’n Leth-Ghaidheal arson a chaoimhneis; ni sinn feum san ath-àireamh do chuid de na chuir e d’ar n-ionnsuidh. Tha sinn fo chomain A. F. S. agus bu ghean-maith leinn gu’n cuireadh e d’ar n-ionnsuidh an dàn a dh’ ainmich e. Mìle taing do A. B. R. Fhuair sinn litir a Ghleannaich, cha ’n ’eil feum aig an t-Seana-ghiullan air fear-còmhnaidh; ach taing do’n Ghleannach arson a dheagh dhùrachd. Ma thuiteas do Mharsaili òig so fhaicinn bu mhaith leinn i thuigsinn nach i idir a bha nar beachd, ach Marsaili Ladharnach, boirionnach crosda. Bheir sinn Oran an “Earraich,” agus tha’n “Geamhradh gruamach air falbh,” san ath theachdaire. Taing do A. L. arson a Laoidh. Taing do’n Mhuileach, agus do N. M. L. Fhuair sinn dàn na Smeòraich: gu dearbh cha ’n ’eil i fhathast ro cheòlmhor, ach theagamh mu dh’ fheuchas i rithist ris air feadh an Earraich gum fàs i ni ’s binne. Fhuair sinn na rannan a chuir an Dreathan donn d’ar n-ionnsuidh. “Is fàsa chùil as nach goirear,” agus tha sinn a’ faicinn gur fior an Sean-fhocal “Nach d’ thainig ubh mòr riamh a nead na Dreathain.” Fhuair sinn sanus o chuid d’ ar càirdibh gum bu mhaith leo fios fhaotainn mu thràthaibh na Gealaich o mhìos gu mìos. A Ghealach làn an 7bh la aig 7 uairean an déigh a mheadhon là, sa mhìos so. An ceithreamh fa dheire air an 16 la, 25 mionaid an déigh shè uairean sa mhaduinn. A Ghealach ùr air an 22 la, 33 mionaidean an déigh ceithir uairean sa mhaduinn. Maclure & Co. Printers, 43, Argyle Street, Glasgow. [TD 241] AN TEACHDAIRE GAELACH. AM MIOS MART. XI. AIREAMH. 1830. THAINIG AN T-EARRACH. “Feuch, tha’n geamhradh seachad, tha’n t-uisge thairis, dh’imich e roimhe. Chithear na blàithean air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd. Dàin Shol. ii. 11, 12. Is mòr maitheas agus caoimhneas gràidh an Ti naomha sin, a tha toirt air ràidhibh na bliadhna a chéile leantuinn ann an riaghailt co seasmhach. An talamh so, a bha mar gum b’ann, a leigeil a sgìos, agus a’ gabhail tàmh rè a gheamhraidh, tha e nis air a mhosgladh as a shuain; tha’n cruthachadh a’ teachd beo, agus tha aoibhneas agus sòlas air sgaoileadh m’an cuairt. Tha ghrian mar nuadh fhear-pòsda a’teachd a mach a sheòmar; ni e gairdeachas mar ghaisgeach a ruith na slighe. Tha togradh annainn a dhol a mach an tùs an earraich, a bheachd-smuainteach air na tha dol air adhart m’an cuairt duinn. Tha ’n t-sùil ag éiridh gu nàdurra d’a ionnsuidh-san a tha fosgladh a làimhe gu pailt, agus a sàsachadh miann gach dùil. Is mòr an t-atharrachadh a tha teachd air an t-saoghal ann an tùs an Earraich. Cia glòrmhor cumhachd an Ti sin, a tha o bhliadhna gu bliadhna, is o linn gu linn, a’ toirt an atharrachaidh so m’an cuairt? O chionn seachduin no dhà, bha’n talamh air fad mar dhìthreabh fàsail; bha samhluidhean a bhàis ri’m faicinn anns gach glac agus gleann, air gach doire agus crann. Bha na beanntaidh air an còmhdachadh le sneachda, an cinn àrd’ air am folach ann an dubh bhruaillean nan sion. Bha na glinn gun an trusgan, agus cha robh fuaim ri chluinntinn ach toraman na gaoithe. Bha gach abhainn agus caochan air an tachdadh suas le eigh, agus a strìgh le tailmrich reòta gus an tràigh a ruigheachd. Bha na h-eoin bhuchallach, a nis a gleusadh an ribheid, nan tosd gun bhogha gun teud; air am folach ann am frògaibh nan creag, no air teicheadh gu blàs ann an rioghachdaibh céin. Bha marbhantachd thosdach a mach air aghaidh an t-saoghail, agus mar thuirt am filidh binn, bha greann dubh air gach ni. Ach chaidh guth an Tighearn a mach, agus dhùisgeadh nàdur a suain a gheamhraidh. Tha’n saoghal, mar gum b’ann air ath-nuadhachadh, tha na machraichean a rìs a’teachd beo, tha’m feur a’ fàs, [TD 242] tha na blàithean ùr a’ togail an cinn: tha’n sneachd a’ leaghadh o bhearraibh nam beann; tha’n snodhach a’ direadh roimh chuislibh nan craobh, tha na sobhraichean cheana ri’m fàicinn ann am fasgadh nam bruach; agus ann an ùine ghearr thig na feada-coille, agus lionmhoireachd nam blàithean bòidheach a’ sgaoileadh àilleachd air an fhonn. Tha’n riabhag a’ dìreadh rì àirde nan speur, togaidh na h-eoin bheaga cheolmhor an ceileir le chéile, agus cluinnear ceol an earraich o thaobh gu taobh. Am feadh ’s a tha sinn air ar n-aomadh gu mothachadh do na nithibh so, an urrainn duinn a dhi-chuimneachadh gur e Dia a tha o bhliadhna gu bliadhna ’gan toirt m’an cuairt. Is iomadh mìle bliadhna chaidh seachad o chruthaicheadh an saoghal, agus dh’ath-phill an t-earrach, na àm fein. Chunnaic ar n-aithrichean, agus gach àl a chaidh rompa, na dearbhuidhean sin air maitheas an Uile-chumhachdaich, anns a’ bheil sinne air an àm a’ deanamh gairdeachais. Dh’fhalbh iadsan, agus na bha air thoiseach orra, phill iad do’n ùir as an do ghineadh iad, ach tha Athair mòr nan uile buan-mhaireannach. Air-san agus air a chumhachd cha tig atharrachadh no sgàile tionndaidh. Tha e nis a’ beothachadh na talmhuinn anns an aon doigh air an d’rinn se e ann an leanabas an t-saoghail: agus an uair a bhitheas sinne agus ar sliochd air ar gairm chum ar n-aithriche, agus a chaillear cuimhn air an linn a tha làthair,―eadhon an sin, pillidh an t-Earracha, agus cluinnear guth na taingealachd o ionadaibh còmhnuidh na talmhuinn. Cò nach éiginn éughach a mach, A Thighearna, tha thus’ a’ fiosrachadh na talmhuinn, agus a’ crùnadh na bliadhna le d’ mhaitheas! Tha laoidhean molaidh ag éiridh a’ d’ ionnsuidh o gach cearnadh. Thainig an t-Earrach, ’s e Dia thug m’an cuairt e. Anns an atharrachadh so a tha teachd ann an lorg an Earraich, is leur dhuinn samhladh air a chaochladh tharbhach spioradail a thainig air an anam sin a dh’ fhiosraicheadh le gràs Dhe. Roimhe so cha robh àilleachd air, bha ana-mianna do-cheannsaichte, aigneadh air a truailleadh, cha robh fàs, no cinneas, no toradh, ach o’n àm anns an d’ thainig an t-anam sin fo chumhachd gràis agus an do bhraon anuas air na frasan ciùin, o neamh, dh’ fhiosraich e atharrachadh mòr: mhothaich e feartan gréin na fireantachd; agus an lorg so, tha aineolas air fhògradh air falbh; tha amaideachd agus peacadh air an cur air cùl; tha tograidhean beo air an dùsgadh anns a chridhe; tha na blàithean taitneach a’ fosgladh a mach; agus iad ag abachadh gu toradh iomchuidh, nach faod gun sòlas a thoirt do gach neach a tha teachd ’nan caramh. Nach comharraicht an samhladh a th’ againn air aiseirigh na coluinn anns gach caochladh a tha teachd an lorg an earraich. Is beag àilleachd a bha ann am bun agus am freumhaichibh nam blàithean sin a tha nis a’togail an cinn, Fhad ’s a bha iad fo ’n talamh anns a Gheamhradh, bha iad gun chumadh, gun dealbh, gun bhòidhichead! ach air pilleadh an Earraich togaidh iad an cinn, sgaoilidh na blàithean ùr a mach, agus chithear deich mìle àilleachd air gach aon diubh. Am feadh ’s a tha ’n corp fo chumhachd na h-uaighe, cha ’n ’eil ri fhaicinn ach duslach agus duaichneachd; ach aig earrach na h-ais-éirigh thig caochladh glòirmhor orra. “An [TD 243] ni a chuireadh ann an truailleachd, dùisgear e ann an neo-thruailleachd.” Cha luaithe thilleas an t-Earrach le sile nan speur, agus le blàs na gréine, na dhi-chuimhnicheas daoine fuachd agus gaillionn a gheamhraidh; mar so air là na h-aiséirigh, di-chuimhnichidh sinn gach là fuar agus dorcha a chaidh seachad; tha gach neul doilleir air imeachd air falbh, cha bhi ann ach aoibhneas grianach, gun ghruaim gun airsneul a chaoidh. ’Se ’n t-earrach ath-nuadhachadh an t-saoghail so, ge b’e air bith co muladach ’sa bha an geamhradh, bheir an t-earrach sòlas na chois. Tha gach dùil gu mùirneach air an càramh, mar gum b’ann, ann an saoghal nuadh. Mar so air là na h-aiséiridh bithidh na naoimh air an càramh ann an tigh còmhnuidh ùr, far am bi iad saor o gach dosgaich bhochd d’an robh iad buailteach san t-saoghal so; agus anns an sealbhaich iad sìth, sonas agus fìreantachd a chaoidh. Anns an earrach, tha nàdur gu h-iomlan air a mhosgladh suas gu cliù a Chruith-fhear a sheinn. Cia àrd an laoidh bhuadhar a thogar air là na h-aiséirigh, le muinntir thaghta Dhe a dhùisgear gu beatha. Ma tha earrach an t-saoghail so co saibhir ann am buileachadh sòlais, cia mòr ni ’s mò a bhitheas an t-earrach nuadh a tha chum teachd? Deanadh an òigridh feum de earrach an làithean, oir is ann a réir mar chuireas iad an sin, a bhuaineas iad. Ni earrach tolgach fogharadh neo-tharbhach. Cuimhnicheadh iad an Cruith-fhear ann an làithibh an òige, mu ’n tig an t-àm anns an abair iad, Cha ’n ’eil tlachd agam annta. Deanadh a mhuinntir aosda gliocas a tharraing o na chaidh san àm a labhairt. Ged a dh ’fhalbh earrach an òige, agus nach pill e ni ’s mò, na biodh iad dearmadach no diomhanach ann am feasgar am beatha. Dlù leanadh iad ris-san a thug dhoibh dòchais ri beatha agus neo-bhàsmhoireachd; biodh an taic ris-san a bhàsaich, mar iobairt-réitich air an son, a chaidh sios do ’n uaigh, agus a dh’ éirich a rìs, a chaidh suas do neamh a dh’ uimeachadh àite-còmhnuidh d’a luchd-leanmhuinn, far a’ bheil là gun oidhche, òige gun sean aois, agus EARRACH siorruidh ait, air nach d’ thig geamhradh a chaoidh. T. M‘T. Campsie. CUAIRT A MHINISTEIR GHALLDA. “Ach cha b’àill leam, a bhràithre sibh a bhi aneolash thaobh na muinntir sin a tha ’nan codal, chum nach dean sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach ’eil dòchas.” 1 Tesal. iv. 13. Thachair dhomh o chionn latha no dhà a bhi coiseachd dhachaidh, o thuras air an robh mi, agus smuaintich mi ath-ghoirid a ghabhail thairis air guala beinne a thug gu gleann tìorail mi, anns an robh àireach bhò a chòmhnuidh; air an robh meas mòr agam, mar dhuine glan, ceanalta, diadhaidh. Is mi a phòs e, agus a bhaist an t-aon duine cloinne a bh’ aige, leanabh gille a bha nis mu bhliadhna gu leith a dh’ aois. Chuala mi, le mòr iomaguin, gun robh an leanaban òg so do reir coslais dlù do’n bhàs. Bha màthair an leinibh na h-òg-mhnaoi co tlachdmhor sa chìthte measg sluaigh; nighean na deadh chàraid, a chaochail o chionn ghoirid mar mhios d’a chéile. Bha so na dheuchainn a [TD 244] luidh gu trom oirre agus o’n robh i faotainn caileiginn de dh’fhaochadh, ’nuair a ghlac tinneas a pàistein lurach fein: Màgaran leinibh co àillidh ’sa chunnaic mi riamh. Mar a dhlùthaich mi air an dorus, thainig bana-choimhearsnach chòir, a bha cumail cuideachda ris a mhnaoi so, fhad ’sa bha còmpanach a muigh sa bheinn, a mach a’ m’ chòmhdhail. Bha na deoir a ruidh sios o gruaidhibh; dh’ fhàisg i mo làmh le mòr chaoimhneas. ’Se ’n Ti is àirde, deir ise, chuir san rathad sibh. Mo thruaighe, Seònaid bhochd, ’s ann aic a tha feum air ar faicinn. Thuig mi mar bha chuis, C’ uin, a’ deir mise, a chaochail an leanabh? Dh’ innseadh dhomh gun d’ fhàg an deo e o chionn leth uair a dh’ ùine. Chaidh mi stigh, agus fhuair mi màthair an leinibh na suidhe ri taobh na leapa, as an d’ éirich i, ’nuair a chual i gun robh mi gabhail a dh’ ionnsuidh an tighe. Bha ’n corp beag san leabaidh, rugha fhathast na ghruaidh mhaoth, fiamh a ghàir air aodan blàth, a shùilean dùinte, a làmh bheag fhathasd an uachdar, agus e uile gu léir mar gum bitheadh e ann an suain shàmhaich. Agus bha e mar sin; ach b’ e codal a bhàis a bh’ ann. Shuidh mi ri taobh na leapa, chunnaic mi gun robh an teud òir air a bristeadh, agus a chuach òir air tuiteam as a chéile. Bha sùil a mhàthar fhathast air an leanabh, agus i turamanaich ann an trom bhròn, a dà laimh paisgte air a h-uchd. Tha do spàirn-sa ghràidh seachad, deir ise, agus c’ arson a bhiodh do mhàthair a’ gearan! Tha thus’ a rùin aig fois, agus c’ arson a bhiodh mo chridhe truagh mar so an impis sgàineadh. Thuit a deòir gu frasach, agus cha b’e ’n t-àm am bacail. Is sochair so a bhuineas do nàdur, na deoir a shileadh fo bhròn, agus bu chruaidh-chridheach esan a dh’ fheuchadh ris an t-sruth so a chosgadh. Is furasda achmhasan, agus comhairle mhath a thoirt seachad do luchd a bhròin; ach ’se ’n càirdeas is àirde anns na h-amannaibh deuchainneach sin, ar deoir a shileadh leo ann an sàmhchair, agus ceadachadh do ’n chridhe làn faochadh fhaotainn na chainnt, agus na osnaichean fein; oir d’a rìreadh, Tha sòlas ann an tuireadh le sìth, ’Nuair a dh’aomas cliabh tuirse gu bròn. Thionndaidh an dùile bhrònach so rium, agus thuirt i, A’bheil ur teaghlach an diugh nan slainte. Cia mar tha ’n leanabh is òige? chualadh mi gun robh e a’ gearan. Cliu do Dhia, fhreagair mi, tha iad uile nan slainte; agus tha’n leanabh beag a’ dol am feothas. Is maith sin, a deir ise, cha robh ach seachduin aois eadar e fein, agus mo ghràdhs’ a tha ’n so na shìneadh. Thugaibh maitheanas domh, thig mi gu ciùineachd ann an ùine ghoirid. Cha ’n urradh dhomh fhathast a bhi sàmhach; agus gidheadh, taing do ’n Ti is àirde, tha mi strìochdta fo laimh. Ach a’ bheil mo leanabh d’a rìreadh marbh! Am fosgail na sùilean tlà sin ni ’s mò? Is minic, a rùin mo chridhe, a shuidh mi mar so taobh do leapa a’ deanamh faire ort is tu a’ d’ shuain; agus an gàire faoin ag iathadh air do ghnùis. Is minic a thuirt mi a’ m’ chridhe gòrach, bithidh mo leanabh-sa fhathast na dhuine; theid e mach agus thig e steach a’ m’ lathair, bithidh sinn a’ seanachas le chéile, théid thu leam do thigh an Tighearna, agus suidhidh tu ri m’ thaobh. O! ’s minic a thuirt mi, a chuilean ’s a ghaoil, bithidh tu fhathast a’ d’ chùl-taic [TD 245] dhomh-sa agus do d’ athair bochd, a tha nis a’ siubhal na beinne, a’ smuaineachadh gu bheil a phàistean beo, ’s gun togair e da ionnsuidh mar bu ghnà leis a dheanamh; ach mo chreach, is mo léire, cha togair. Is minic a thuirt mi, seasaidh tu t-athair agus do mhàthair ann an là na deuchainn; dùinidh tu ar sùilean, agus théid thu fo ar cinn do’n Chìll: ach cha bhi e mar sin. Tha mo bhlàth bòidheach air a ghearradh sios, agus thuit mo dhochais àrda maille ris. Gu dìlinn a rùin cha streap thusa tuille suas ri broilleach do mhàthar; cha dùisg do bhriagail bheag fonn an aoibhneis ni ’s mò ann am chridhe. B’ uallach mo cheum ged ghiùlan an coinneamh t-athar mu fheasgar, b’ eutrom mo chridhe ’nuair a chithinn e tighinn, agus do ghairdeana beaga sìnnte na chòmhdhail. Ach b’i sud an aisling ghearr. Am feadh ’s a bha ’n deo sa choluinn, bha m’ ùrnuigh suas air a shon, dh’ amhairc mi chum nam beanntaidh siorruidh, ach cobhair cha d’ thainig. Stad, a Sheònaid, deir mise, na labhair mar sin; a’ bheil thu smuaineach nach d’ràinig t-ùrnuigh cathair nan gràs? Gu deimhin ràinig; chuala Dia thu, agus ràinig t-ùrnuigh agus do ghearan, cha ’n e mhàin cathair, ach cridhe an Athair thròcairich. Agus, a Sheònaid, innseam dhuit, fhreagair Dia t-ùrnuigh. Ghuidh thu gu deimhin gum biodh do leanabh air a chaomhnadh; ach thuirt thu san àm cheudna, ni h-e mo thoilse, ach do thoilse Dhe gun robh deanta. Ghuidh thu gun deanadh e mar chitheadh e na ghliocas neo-mhearachdach fein iomchuidh, agus rinn e sin, anns an doigh bu fhreagaraiche, ’se sin na dhoigh agus na àm fein. Cha b’ ann idir an diomhain a dh’ amhairc thu chum nam beanntaidh siorruidh. Cha do thionndaidh creid’each riamh a shùil an rathad sin an diomhain. Cha do dhruid Dia riamh suas a thròcair chaomh an aghaidh na droing sin aig a’ bheil gràdh dha; agus a chaoidh cha druid: oir is fuaire na sneachda nan sion, gràdh màthar da leanabh fein, ann an coimeas ris a ghràdh a tha aig Dia dhoibhsan a tha nam mic agus nan nigheana dhà. O! a deir màthair an leinibh, nach robh cridheachan againn gu so a thuigsinn ann an là na deuchainn. Da rìreadh, deir ise, thuirt mi, A thoil-san gun robh deant a; ach, O cha ’n fheud mi àicheadh, nach b’ e dùrachd m’ anama, gum bitheadh mo leanabh àillidh air a chaomhnadh; b’e mo mhiann a bhi da altrum am uchd, da thàladh gu suain, agus a bhi da ghiùlan air mo ghuaillnibh; cha robh dùil agam gun robh am bàs co dlù, ach cha ’n fhac’ an t-Athair Naomh iomchuidh mo thoil a thoirt domh. Ciod an toil, a deir mise, bu chòir a bhi deanta? Do thoilse thainig a dh’ ionnsuidh an t-saoghail o chionn latha no dhà, agus ann an là no dhà a dh’ imreas fhàgail; thus’ a tha dall, aineolach, gun fhios ciod a tha maith dhuit, na Esan a tha o shiorruidheachd gu siorruidheachd, nach urrainn ni sam bith a dheanamh ach na tha maith agus a chum maith; agus d’ am buin caoimhneas agus gràdh, iochd agus gliocas, gun tomhas agus gun chrioch. Gu cinnteach, fhreagair ise, tha sin fior, ach b’ e mo mhiann gun robh mo leanabh air a chaomhnadh! Tha sin, a deir mise, ro-nàdurra, ach thoir so leat, gum b’e do mhianns a chumail anns an t-saoghal bhochd bhuaireasach so, far a’ bheil peacadh, mulad agus bàs. Math dh’ fhaoidte gum b’e [TD 246] so àirde t-iarratais, agus suim do ghràidh da thaobh: ghràdhaich Dia e ni’s mò; cha do chailleadh idir do leanabh; thug e fein leis e do thir an àigh. Fo iarmailt ni ’s àillidh na tha os cionn an t-saoghail thruaigh so, dh’ ath bheothaich e lochrann a bheatha, agus tha e nis a’ soillseachadh na reult àrd nach mùchar a chaoidh. A leinibh bhig, deir mise, thus’ a bha o chionn ghoirid a’plosgadh fo iarguin bàis, tha thu nis a’ d’ aingeal fa chomhair cathair na glòire! Phaisg màthair an leinibh a dà laimh; dh’amhairc i suas le aiteas ciùin strìochdta, ged a bha na deoir fathast a’ tuiteam gu frasach; O a deir ise, ma tha chùis mar sin.―Tha e mar sin, fhreagair mise; oir is e beul na firinn a thuirt, d’an leithidibh so tha rioghachd néimh air a deanamh suas. Esan a thog leanabain bheaga na ghlacaibh, agus a bheannaich iad, ’s e labhair na briathran sòlasach sin; agus ’s i a chainnt an diugh riutsa, an ni so a rinn mi cha tuig thu an trà so ach tuigidh tu e na dhéigh so. Bu mhiann leatsa do leanabh a ghleidheadh an so, ach thug esan d’ am b’ fhearr còir air, d’a ionnsuidh fein e, cha’n ann air sgàth a neo-chionta, oir is ni sin nach buin do’n òigridh ni ’s mò na do’n aosmhor. Bhàsaich do leanabh, oir pheacaich Adhamh o’n d’ thainig e, ach tha bheatha mhaireannach aige arson gun do bhàsaich Criosd air a chrann cheusaidh a ghlanadh air falbh a thruaill’eachd. Seadh, thug Dia a Mhac fein chum bàsachadh, ach an lorg so thug e do mhac-sa chum glòir. Nam biodh e air fhàgail agadsa, am b’urrainn duit a ràdh ris, cha ghuil thu a chaoidh; tha t-àmhghair gu bràth seachad; agus bròn no mi-ghean cha ’n fhiosraich thu gu dìlinn? Am b’urrainn duitse ni sam bith a leige ris da san t-saoghal so, cosmhuil ri glòir Dhe agus an Uain? Am b’ urrainn duitse àrdachadh chum onoir, a tha air a choimeas ri bhi air a dheanamh na righ agus na shagart do Dhia; So uile rinn Dia air a shon, agus am bi thus’, a shaoil mi bha a’d bhana-chreideach fhirinneach, a’ caoidh mar neach gun dòchas? Feuchaidh mi, deir ise, ri bhi striochdta, cuidichidh an Comhfhurtair mòr mi, is e a mhàin is urrainn a dheanamh. O! c’àit an deachaidh mo chreidimh? A cheud uair anns an do chàireadh an naoidhean ann am uchd, agus anns an do dhùisg mo thaingealachd dhasan a thug dhomh leanabh beo, b’e mo ghuidhe dùrachdach gum biodh e na leanabh do Dhia, agus is iomad ùrnuigh de’n t-seòrsa cheudna chuireadh suas o’n àm sin as a leth; agus am bi sinne a’ gearan gun do ghairmeadh air falbh e. Cha do gheall Dia dhomh àireamh bliadhnuichean dheth; ach an àite sin leugh mi gu tric na fhocal fein, gu bheil gach aon a bheirear le mnaoi gearr-shaoghalach, thig e mach mar bhlàth, agus gearrar sios e, teichidh e mar fhaileas, agus cha’n fhan e. Bha gràdh agam ort, mo leanabh; bha gràdh mòr agam ort; ach esan a bhuilich orm e, ghairm e uam e, Gu ma beannaichte gu’n robh ainm. Ghairm, arsa mise; agus tuigidh tu fathast gur ann an caoimhneas mòr a chaidh sin a dheanamh. Nam b’e thoil a làithean a shìneadh gu àird a neirt, agus ceadachadh dha bhi anns gach doigh mar bu mhiann le d’ chridhe, am b’usa leat an sin dealachadh ris; agus an dùineadh tu a shùilean le barrachd ùmhlachd do thoil Dhe na rinn tha ’n diugh? A [TD 247] Sheònaid, is dòcha gun do shocraich thu do chridhe gu ro mhòr air an leanabh so, agus bha fios aige-san a thug uait e, nach biodh tu mar bu chòir dhuit gus am biodh do chridhe gu h-iomlan aige fein. Agus bithidh mo chridhe aige, deir ise, ’s i ’g èiridh agus a sgaoileadh brat eatrom thairis air aogas an leinibh. Pill chum do shuaimhneis, O! m’anam, deir i, le ciùineachd iriosail, oir ’s e Dia a rinn so. Amhaircidh mi d’a ionnsuidhsan, an aiseirigh agus a bheatha; trid na rinn esan, tha m’earbsa a maitheanas peacaidh agus a bheatha shuthainn. Mar so a leinibh mo ghràidh, thig mise do d’ ionnsuidhse Is tric a smuainticheas mi ortsa agus air an dùthaich shonadh gus an deachaidh tu. Agus, O! an e nach feud mi an dòchas ait sin àrach, gu bheil thusa, àilleagain m’anama, math a dh’ fhaoidte, dlù dhomh air na h-àmaibh sin, ge nach leur dhomh thu le m’ shùil. Ma tha mo leanabh na aingeal, nach luchd-frithealaidh iad uile air oighreachaibh a gheallaidh. Anns a cheart àm so, thainig Ailean còir a stigh, chual e mar thachair, tha gach ni gu maith, a deir esan, ’s e Dia thug so m’an cuairt. Tha mi faicinn, a Sheònaid gu bheil Esan gràsmhor dhuit, agus gu bheil thu strìochdta mar an ceudna. Buidheachas da ainm a thug dhuinn, ainm-san gun robh air a ghlòrachadh a thug uainn. An déigh beagan seanachais a bhi agam ris a mhuinntir thuigsich so, agus ar n-ùrnuigh a chur suas le chéile, dhealaich mi riutha. Gun d’thugadh an Tighearna do gach neach a leughas an sgeuls’ an aigne cheudna bhi aca ann an là na deuchainn. AM MINISTEIR GALLDA. Campsie. LAOIDH ALTRUIM. Bà, mo leanabh, caidil sàmhach, Ainglean àghmhor’ bhi ort teann! Driùchdadh beannachdan gun àireamh As na h-àrdaibh air do cheann? Caidil, éudail!—cha’n eil éis ort; T’ fhàrdach, t’ éididh ’us do lòn Solairidh do chàirdean féin duit, ’S cha’n iarr éiric, uait no òr. ’S fearr do ghiullachd agus t’àilleas Na bha càramh caomh-mhic Dhe, ’Nuair a thùirling e o ’n Airde, Dh’fhàs ’na phàistein mar thu féin. Tha do chreathall socrach blàth fo’d, Bha do Shlanuighear gun ghléus; ’S ann a rugadh e an stàbull, ’S bi a leaba-stàta féur. Leanabh gràsmhor a chruth àluinn! Mac an Ard-righ! gnùis na sgèimh! Measg nam brùid a’ gabhail fàrdaich! Fàth ’chur cràidh air sluagh nan nèamh. Nach robh ionad, ach a phrasach, Aig na peacaich bhaoth, gu dìon A chur air an aoidhe fhlaith’seach?— Feuch mar mhaslaich iad an Triath! Cuist! a ghràidh,—cha d’thug mi gràchd ort, Ged bha fonn mo dhàin car searbh;— ’S i do mhàthair a ta làmh riut, ’S ni a gàirdeanan do thearm’. Ach, air cuimhneachadh an sgeòil domh, Mar bha Righ na glòire ’n teinn, [TD 248] Aig na h-Iùdhaich, mar fhear-dò-bheairt, ’S e chuir dorran orm ’s mi seinn. Faic ’na chadal e ’s a phrasaich, Fochair dhamh a’ cnàmh an cìr! Fois, a rùin! cha-n fhàth dhuit caisleach, Cha’n’eil daimh an còir do chìnns’. ’S ann los thusa, ’ghraidh, a dhìon O bhàs, o phian, o ghul, ’s o ghruaim; O lasair bhuan, so ghìosgan fhiacal. ’Thàinig Iosa caomh a nuas. Gu ma beò dhuit, ’dh’fhàs air eòlach, ’S a chur dòchais ann gach là! Gheill d’a òrdugh, ’us d’a fhoghlum, ’S a thoirt glòire dha ’us gràidh! ’N sin gu siorruidh ni thu còmhnuidh Far am faic thu ’n còmhnuidh ’ghnùis, Laimh ris féin an tìr an t-sòlais, Far an ceòl ’bhi seinn a chliù. Bheirinn mìle mìle pòg dhuit Leis an dòchas th’ air mo mhiann; Chaoidh cha-n iarradh màthair sòlas ’S mò na h-òigridh bhi aig Dia. Ead. le A. B. R. COMHRADH NAN CNOC. Fionnladh Pìobaire, agus a bhean, am Brocair agus am Maighstir-sgoile. FION. So! so! a Mhairi, las an crùisgein, agus cluinneamaid na th’ aig an teachdaire Ghaelach ri ràdh air a chuairt so. MAIRI. Air t-athais Fhionnlaidh, tha’n oidhche fada, agus an t-ùillidh gann; agus da rìreadh arson na tha r’a fhaotainn san taisgleach sin fein; cha ’n fhaic mi gun ruig thu leas an t-anabharradh othail a bhi ort mu dhéimhin. FIONN. Nach bochd an gnothach a Mhàiri, nach urrainn duit ni air bith a dheanamh gun chonnsachadh beag a bhi uime. BROC. Sin agads’, Fhionnlaidh, doigh nam ban do ghnàth. Car beag a thoirt an aghaidh an t-srutha, ach ma leigear an driamlach leo, thig iad, ann an tiota, gu réidh ciùin a dh’ ionnsuidh na bruaiche. MAIRI. Tha sin co maith dhoibh, mo thruaighe, ’s gur righinn an dubhan a tha ’nan sròin. Ach coma co dhiubh ’nuair a tha’n t-ùillidh air a chosg, tha fhios agam cò bhios a’ gearan nach d-thug sinn an ùin’ as a dh’fheudamaid; agus aig am bi mìle leithsgeul m’an tarruing e ’n sporan iallach a dh’fhaighinn tuille. C’ait’ an do chuir thu’n Teachdaire? an leòb bhuidhe, is eolach uime mi; agus d’a rìreadh dh’ fheudadh iad dealbh ùr a thoirt duinn a nis, tha mi seachd sgìth de bhodach nan glùine mòr, le chromaig fhada; a charaid brònach na shìne ri thaobh, le laimh fo leith-cheann, mar gum biodh e ’caoidh a leannain, agus am mada breac a’ donnalaich r’a aodann. C’ait’ an do chuir thu e? FIONN. Gheibh thu e sa bhòsdan ùr aig ceann adhart na leapa. MAIRI. Sin e agad; ach a dh’ innse na firinn cha’n’eil da làn slige dh’ùillidh a stigh. Nach b’ fhear dhuinn toimhseagain fhaotainn o’n Bhrocair, no sgeulachd, agus gur iomad té mhaith a th’ aige? Eirich a Lachlainn bhig, thoir a nuas croidhleag de na caorain is cruaidh a’ cùil na mòine, ni iad solus agus bheir am Brocair dhuinn sgeulachd. BROC. Tha na sgeulachdan a nis a’ dol a cleachduinn, tha cuid de dhaoine fada nan aghaidh; [TD 249] cha’n’eil mis ni ’s déigheile air cur as de na sionnaich, na tha Lachlann nan ceistean air cur as de na sgeulachdan. Ach cha b’iongantach leam Lachlann, an duine còir, ach am Foirfeach mòr, am burraidh, thu esan san t-suidheachadh cheudna. FIONN. Gun teagamh ’s ann de na Foirfich ùr esan; ach da rìreadh bha barrachd ’s a choir de ùin air a bhuileachadh san t-sean-aimsir an aithris sgeulachdan. MAIRI. Tog dheth, agus leig leis a Bhrocair tòiseachadh; cha’n’eil duine stigh is toighich umpa na thu fein, ged a tha thu labhairt mar sin. Tòisich thus’ a Dhonnachaidh agus leig leis a bhi bruidhinn; gheall thu dhuinn sgeulachd an Dòmhnuich. BROC. Rinn mi sin fein, agus bheir mi dhuibh i, ach feumaidh mi suidhe air m’ais, tha mo luirgnean air an losgadh leis a ghrìosaich so. Eisdibh mata sgeulachd an Dòmhnuich. Bha ann o shean Aireach bhò aig an robh triùir mhac agus aon nighean. Bha aig an duine so baidne ghabhar, agus bha’m buachailleachd an earbsa ri nighinn, àilleagan an fhuilt dhuinn. Là de na làithean ’nuair a bha i mach a’ buachailleachd mar bu ghnà leatha thainig badan de cheo drùigheachd, co geal ri sneachd aon oidhche, a nuas o mhullach na beinne, agus air iathadh mu thimchioll ainnir dhonn nan gabhar, ghiulaineadh air falbh i, is cha’n fhacas i ni’s mò. Latha agus bliadhn’ an deigh sin— FIONN. Dean stad a Bhrocair, tha mi cluinntinn tailmrich chos a’ dol seachad ceann an tighe, ruith a mach fhir bhig agus faic cò a th’ ann. MAIRI. Mata tubaist— FIONN. Uist, uist, a Mhàiri, na cluinneam a leithid sin de chainnt. MAIRI. Ciod a th’ air aire ’n duine? An dubhairt mi ach gun d’thainig tubaist air nighean donn nan gabhar; mar ’eil mi meallta ’se ’m Maighstir-sgoile tha bruidhinn a muigh, agus ge maith e, thainig e oirnn, mar rinn a ghaillionn sa gheamhradh, gun sireadh gun iarraidh. MAIGH. Fàilt is furan air a chuideachd tha m’an chagailte chridheil; is furast fhaicinn, Fhionnlaidh, gu bheil am blàr-mòine dlù dhuit. Thachair dhomh a bhi gabhail ceum leis na Gaidseiribh ùr a thainig do’n dùthaich chum an seoladh air an t-slighe, agus smuaintich mi taodhall a stigh d’ar faicinn. BROC. Mata, m’as e sin a thug a mach sibh, bha droch gnothach agaibh. MAIGH. Am bheil am Brocair an so? BROC. Tha e ’n so fhein, agus is maith do na Gàidseirean nach e is fear-iùil doibh an nochd troi ’n Ghleann-dubh; ach coma co dhiùbh, so dhuibhse àite suidhe. MAIGH. Na caraich; suidhidh mi ann an so làimh ri Fionnladh. FIONN. Mata, a dhuine ghaolaich, ’s e ur beatha, So dhuibh cathair na dà laimhe, agus thugaibh dhuinn a nis ur naigheachd. MAIGH. Ciod so am fuath a th’ agad do na Gàidseiribh, a Bhrocair? BROC. Cha’n’eil a bheag; ach gun leiginn leis a cheart seòrsa an rathad mòr fhaotainn mar a b’fhearr a dh’fheudadh iad. Cha ’n ’eil dì fraodhairc orra, neo’ar thaing mar ’eil sròn aca. Nam biodh boladh na bracha de na sionnaich, is iad a dheanadh na deagh bhrocairean. A h-uile fear dhiubh sa shron ri athar, a’ deoth- [TD 250] al fàile na bracha, mar tha na h-abhagan agamsa togail ri luirg an fhòcallain. MAIGH. Bheil na daoine còir’ ach a’ deanamh an dleasannais, a’ togail cìs na rioghachd, màl an righ. *BROC. Iadsan a’togail màl an Righ! B’e sin marag earbsa ris a chù dhubh, màl earbsa riu-san. Tha mi fhein gle thairiseach do’n Righ, ach tha e cur iongantas orm e bhi cumail suas gràisg de’n t-seòrsa sin. Nach ’eil iad ag innse dhomhsa gu bheil os cionn ceud punnd sasunnach aig gach fear dhiubh sa bhliadhna, agus gun fheum air bith annta ach mòran uilc. Leòmainn a tha milleadh na dùthcha; nach ’eil iad gràineil leis na h-uile duine? MAIGH. Cha’n’eil iad gràineil ach leosan a tha bristeadh reachd na rioghachd: na deagh reachdan sin fo ’bheil sinn a’ sealbhachadh dion agus seasgaireachd. o mhi-rùn gach nàmhuid. Tha chluipeireachd sin a tha iadsan a’ cumail fodha, na chosnadh mi-mheasail, cunnartach, agus peacach: na pheacadh dànadais an aghaidh lagha Dhe agus dhaoinibh. Cuiridh mi sios duit aon ni mar fhirinn, cha’n fhior chriosduidh neach sam bith a tha rithe. Ma tha na Gàidseirean nam mi-thlachd do neach sam bith, is e fein an coireach. Cha’n urrainn iad dragh air bith a chur air an duine onarach, agus esan a tha mi-onarach tha e tarruing dragh agus truaighe air fein, ge nach biodh Gàidseir an taobh so de rioghachd an Turcaich. Cuimhnicheamaid gu bheil peacadh agus truaighe co’-cheangailte, an dara cuid a leanmhuinn na cuid eile, mar tha d-fhaileas fein ged leantuinn tre’n mhonadh. BROC. A’ bheil sibh ag ràdh rium gu bheil duine bochd a’ cur call air Righ no air rioghachd le bolladh no dhà de dh’eòrna bhrachadh, agus a thogail ge nach ìocadh e cìs air a shon. Is duilich dhomhsa sin a thuigsinn, nach e chuid fein a th’ ann? nach feud e a chur gu buannachd mar is fearr is urrainn da? Nach bochd nach urrainn duinn tombaca no giubhas, no buideal beag de’n BHRANDI dhearg, a cheannach gu saor o na luinnis mhòr a tha tighinn mu thuath, gun bhi ga chleth mar gum bu mheirl’ a bhiodh ann. MAIRI. Cha’n fheud, a Dhonnchaidh, tha’n tea fein agus an sìod’ air an toirmeasg, agus is cruaidh an gnothach sin. MAIGH. Cruaidh, no gun a bhi, ’s e lagh na rioghachd, gun dìoladh na nithe sin cìs. Tha sibhse fo na reachdan sin, agus ma bhristeas sibh iad tha sibh buailteach do’n pheanas; agus le bhi reic no ceannach nithe air an do leagadh cìs, gun a chìs ìocadh, tha sibh ciontach de mheirle co cinnteach ’s ged a ghoideadh sibh molt a Eignaig, no craobh dharaich as an Aonaidh mhòr. BROCAIR. Fhalbh, togaibh dheth; is dàn a rachainn gu cùirt air beulaobh an t-Siorram arson an dara ni seach arson an ni eile. MAIGH. Feudaidh sin a bhith, ach tha’n fhìrinn anns na thuirt mi; tha fhios agam bu bheil cuid de dhaoin’ a’ tairgse am bochduinn mar leithsgeul, ach ’se sannt am * Tha sinn gu mòr fo chomain do ar caraid caoimhneil an t-Eileanach. ’S i a chainnt agus a smauintean tha againn ann an cuid mhòr de n chòmhradh so mu chìs-sheachnadh, agus mu fhiachan na rioghachd. Mòran taing dha. [TD 251] bitheantas is mathair-aobhair air, ni a tha malluichte leis an Tighearna; agus tha bhuil, is iomad bochduinn agus aimlisg a tha’n lorg na cis-sheachnaidh so. Cha robh buannachd an cois a ghnothaich so riamh. Tha tòir orrasan a tha ciontach dheth air muir agus air tìr. Tha e tarruing dosgainn mhòr air daoinibh, agus is ainneamh a chuala mi riamh duine a rinn beartas leis; agus ged a dheanadh, is firinneach an sean-fhocal, gur fearr an t-ubh beag le beannachd no an t-ubh mòr le malluchd. BROC. Cha’n’eil fhios agam fhein a’bheil sibh fad am mearachd; ach an urrainn duibh so innse dhomh ciod an t-suim a tha ’g éiridh aig ceann na bliadhna o gach cìs a tha iad a’ togail. MAIGH. Tha mu leth-cheud muillein, agus cuimhnich gu bheil deich ceud mìle anns gach muillein. FIONN. Obh! Obh! Obh! Fheudail a dh’ fhearaibh an domhain, c’àite bheil iad da chur; cha’n fheud e bhi nach ’eil làn tighe de dh’òr aig an righ. MAIGH. ’S ann aige nach ’eil, an àite sin is rud a tha fiachan trom air. BROC. Tha sibh a nis a’ deanamh amadan dhiom. MAIGH. Cha’n’eil idir, is fad a ghabh e uam; cha chuir mi’n céill duit anns a chùis so, ach smior na firinn. Tha fiachan air an Righ ni’s truime no th’ air aon duine air aghaidh an t-saoghail. Cha ghiulaineadh na tha de bhàtaichean eadar so agus Steòrnabhadh ann an Leobhas ann am buinn airgid na tha dh’ fhiachan air an Righ. BROC. Tha sibh a’ cur iongantas mòr orm, ach ciod an rosad a chuir fiachan air-san? MAIGH. Tha’n rosad ceudna a chuir fiachan air iomadh h-aon, nach urrainn da an dìoladh. BROC. Am bheil fearann saor aige? Nach b’ fhearr dha cuid deth reic, agus na fiachan a dhìoladh? MAIGH. Cha’n’eil ploc fearainn aige ni’s mò na th’ agadsa. Tha ’n Rioghachd a’suidheachadh suim mhòr airgid air an comhair gach bliadhna. BROC. Tha mi tuigsinn; tha e fo chilidearain, an duine còir, mar tha luchd nam fiach am bitheantas. C’arson nach ’eil an rioghachd a’ dìoladh a chuid fiachan? MAIGH. Cha’n’eil sin co soirbh r’a dheanamh; tha corr agus (800,000,000,) ochd ceud muillein de phuind Shasunnach a dh’ fhiachan air ann an ainm na rioghachd, agus is mòr air an rioghachd an uiread sin de dh’ airgiod a bhi innte uile. BROC. Bristidh e gun amharus, cha’n urrainn e seasamh. C’arson nach ’eil e deanamh Notaichean? Nan cuireadh e aodann còir fein orra, agus an leomhann mòr craosach air an dara taobh agus an t-aon-adharcach air an taobh eile, tha mi cinnteach gu’n gabhadh iad ruith; ’nuair a chi sinn luideagan suarach eile, a’falbh an àit’ airgid air feadh na dùthcha; air an cuir a mach le daoinibh nach fhiach an ainmeachadh an coimeas ris an dùine chòir; cuireadh esan a mach Notaichean, agus cha’n eagal da. MAIGH. ’S e barail cuid de dhaoine nach b’fheaird an rioghachd gun do chuireadh an leithid sin riamh a mach; ach cha d’rinn esan a h-aon diubh, agus cha b’fhiu leis. BROC. C’arson nach cùinneadh e gineachan, no na buinn ùr bhòidheach sin ris an can iad na Sòbhrains. MAIGH. Cuimhnich thusa nach [TD 252] ’eil an t-òr ri fhaotainn an Sasunn, mar gheibhear an gual no an luaidhe. Thuit dhomh gu bheil agam ann an so, seòrsa de chunntas air fiacha na rioghachd, a chuireas iongantas ort r’a chluinntinn, agus feudaidh tu làn earbsa chàramh gu bheil na tha mi ’g ràdh fior. Tha fiachan na rioghachd ann an òr seachd mìle tunn’ air cudthrom, air chor ’s gun gabhadh e mìle bàta, a ghiulaineadh seachd tunna gach aon diubh, chum a thoirt thairis air a chaol. BROC Fhir mò chridhe, Nach b’e ’n sealladh iad air aon charraig! plod an àigh! is cha b’e plod duth an sgadain; ach gabhaibh air ur n-adhart. MAIGH. Nam biodh na fiachan so nan sgillinnibh sasunnach, agus nan tòisicheadh duine air an cunntas, agus e shaoithreachadh sea làithe san t-seachduin, agus deich uairean gàch là, agus deich thar fhichead a chuir roi laimh dhiubh gach mionaid, ghabhadh e da mhìle agus cùig ceud bliadhna d’an cunntadh. Nam biodh an t-òr so air a thòrradh suas ruigeadh e seachd ceud mìl’ a dh’ asdar air àirde, agus nan leagadh tu iad taobh ri taobh ’an aon sreith, ruigeadh iad dlùth air naoi mìle de mhiltean air fad, agus chòmhdaicheadh iad tri cheud gu leth acair fhearainn. Ciod do bharail air so? BROC. Ud! Ud! Ud! Is rud a chuir thu mo cheann na bhreislich. Ach cia mar fhuair an Righ creideas anns na bheil an sin de ainfhiach? MAIGH. Cha’n e’n Righ a chaith e ach an rioghachd, a chaith a a chuìd is mò dheth ann an cogadh ri Bonaparte, a bha’g iarruidh làn-cheannas fhaotainn air an Roinn-eorpa. BROC. Gille nan car! B’e fein an curaidh. FIONN. Biodh iad da dhi-moladh mar thogras iad ach b’e caraid nan dròbhairean e. Si mo bharail fein gum b’fheaird a Ghaeltachd gun éireadh a leithid eile suas. Cha bu mhist’ an dùthaich RONGAN beag cogaidh a chumadh spreigeadh ann an daoine. MAIGH. Tha thu fad’ am mearachd. Cha ’n urrainn cogadh air dhoigh sam bith a bhi na bheannachd do dhùthaich. B’ fhearr do ’n Ghaeltachd nach d’ thainig cogadh riamh air an rioghachd, no luach co àrd air spréidh. Bha na tighearnan ni b’ fhearr dheth, agus an tuath mòran ni bu chothromaiche; chaidh na tighearnan an lorg a chogaidh gu ana-caitheamh nach urrainn doibh a sheasamh, agus an tuath gu màl a thairgse nach urrainn doibh a dhìoladh. BROC. ’Sann agaibh a tha ’n fhirinn; ach gu tilleadh a dh’ ionnsuidh an Righ a rithist, Nach iongantach leamsa, nach ’eil e a’ togail barrachd cìse, agus a’ fàsgadh dhaoine gu cùl an droma a los na fiachan so a chur dheth. truagh leam duine air am bi fiachan. Thachair dhomh fein gun robh geotan beag aig a mharsonta lùbach sa bhail ud thall am aghaidh, agus d’a rìreadh thigeadh fallas fuar orm ’nuair a chithinn an lùbairneach grannd a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an tighe. Is truagh leam an Righ, an duine còir, ach theagamh gu bheìl nàir orra dol a thagradh nam fiachan air. Bithidh sgàth orm fein dol a thogail càin a Bhrocair o na tighearnaibh mòra. Ach is cneasd esan, a dh’ aon chùis, nach ’eil a leagail barrachd cìse chum e fein a shaoradh o’n luchd. MAIGH. Cha ’n ann a gearan air a lughad a tha daoine. Cha ’n ann aige-san a tha sin r’a dheanamh, ach aig na daoine a tha ’n dùthaich a’ cur suas chum àrd-chomhairle na rioghachd. [TD 253] BROC. An i so a chomhairle ris an abair iad a Pharlamaid? Cò tha suidhe innte? MAIGH. Tha da chuideachd a’ cruinneachadh ann an dà thigh fa leth, ris an can iad Tigh nan àrd Mhorairean, agus Tigh nan Uaislean. Anns an dara aon, tha Maithean na rioghachd, agus Easpuigean na h-Eaglais Shasannaich a’suidhe agus a’ cur an comhairle ri chéile mu gach ni a bhuineas do’n rioghachd. Anns an tigh eile tha iadsan a’ suidhe ath’air an taghadh leis an dùthaich chum an còir a sheasamh. Siad so a tha leagadh na cìse, ach an uair a tha reachd ùr r’a shocrachadh, is eiginn gu ’n co’-aontaich an dà Thigh, agus an déigh sin a dheanamh, cha reachd e gus an cuir an Righ a làmh ris. ’Nuair a thachras so, tha e ’n sin na reachd Parlamaid, agus feumar géilleadh dha. BROC. Mo bheannachd oirbh; ach innsibh so dhomh, cia meud a tha suidhe sna h-àrd thighibh comhairle sin? MAIGH. Tha na h-uile Diùchd agus Iarla san rioghachd, a thogras dol ann, a suidhe san dara Tigh, maille ris na h-Easpuigibh; agus anns an Tigh eile, tha Sasunn a’ cur a stigh còrr agus cùig ceud; tha Eirinn a’ cur a stigh ceud, agus Albuinn cùig agus dà fhichead. BROC. Fhalbh, tha ni ’s leoir ann. Ach innisibh so dhomh, ciod an tuarasdal a th’ aca sin? Gun teagamh is posta maith e. MAIGH. Cha ’n ’eil aon sgillin, ach an onoir. BROC. Onoir na bochdainn; cha chreid mi nach ’eil ni-èiginn aca ri fhaotainn an Lunnainn am measg na tha de stòras a’ dol tre ’n lamhaibh. Chi mi ’nuair bhios daoin’ a’ measg na clòimhe gun lean còrr cheusan beag riutha; ach aon uair ’s gum faigh iad a stigh, am bi iad mar na ministeirean nach gabh cur a mach? MAIGH. Cha ’n ’eil idir. Cha ’n urrainn a Pharlamaid suidhe ach seachd bliadhna, agus feudaidh an Righ a sgaoileadh ’nuair is àill leis. BROC. Fàgaidh sin iadsan ùmhal dha-san, air eagal gun sgiùrs e dhachaidh iad. MAIGH. Air t-athais. Feudaidh an dùthaich na daoine ceudna a philleadh air an ais air a shròin, a rìs. Agus tha cuid de dh’ àiteachan ann, agus is iad na daoin’ is dàine agus is neo-eismeiliche is luaithe chuireas iad air an ais. BROC. An saoil thu fein a bheil an leithid sin nam measg? Shaoilinn fhein nach biodh fear ann a dhùraigeadh a bheul fhosgladh an làthair an Righ. Bha mi fhein là air beulaobh an t-seisean, mar tha fios agad, agus cha robh duin’ an sin a dh’ fhosgail a bheul ach am Ministeir. Thòisich e mu lagh na h-Eaglais, agus chuir e dheth; ma dheireadh thug e mach a bhinne. Nach e so, ars’ esan barail an t-Seisean? Gun teagamh ’se, arsa an dara fear, ’se gun amharus, a deir am fear eile. Is ceart a bhreith a thug sibh, a mach, ars’ am foirfeach mòr; a nis tha mi deanamh dheth gur ann mar sin a ni iad ann an Tigh na Parlamaid, ged a bhiodh an Righ sa mhearachd. MAIGH. Cha ’n ann, cha ’n ’eil an righ idir a làthair; agus cha ’n urrainn do’n Righ dol am mearachd. BROC. Shaoil leam gur duine bh’ ann, agus gum bu bhean bu màthair dha. MAIGH. Thu thu ceart; ach thoir so leat. Tha luchd-comhairlich fo ’n righ, agus tha iadsan freagarach arson gach ni a ni e [TD 254] mar righ. ’Se fein a tha taghadh nan daoine so, ach ma théid iad am mearachd, le droch comhairl a thoirt air, tha dòìgh aig tigh nan Uaislean air an toirt gu riaghailt. BROC. Cluinneam e; shaoilinn nach biodh Cileadairean an Righ furast a chumail fo smachd. MAIGH. Mar thuirt mi riut cheana ’sann air riaghladh tigh nan Uaislean a tha sporan na rioghachd. BROC. Far am bi riaghladh an sporain, gun teagamh ’s ann a bhios an uachdranachd. Tha mi deanamh dheth, gu bheil an t-òr, do ’n rioghachd, mar tha ’n teine do Bhàta na smùide; an uair a smàlar so, tha ’n ùpraid a stad; ach cò e àrd chomhairleach an Righ air an àm? MAIGH. An cual thu iomradh air Diùchd Wellington? BROC. An cuala mi riamh iomradh air a ghealaich? Nach ’eil mi air mo bhòdhradh a’ cluinntinn uime? Ach m’as e so a choimhearlach, bithidh sinn ann an iorghuill gu h-aith-ghearra. MAIGH. Cha ’n eagal duinn: cha b’ urrainn da le cogadh, urram a b’ àirde chosnadh, agus dh’ fheudadh e caileiginn de na bh’ aige chall; ach is mithich dhomhsa bhi triall. BROC. Mata, mo mhìle beannachd agaibh, is ann ’nar ceann a tha ’n t-eolas. T. O. BLIADHNA THEARLAICH. Mo chreach armaiit nam breacan, Air an sgaoileadh, ’s air an sgapadh ’s gach àit, Aig fior bhalgairean Shasunn, Nach do ghnàthaich bonn ceartais nan dàil: Ged a bhuannaich iad baiteal, Cha b’ ann d’an cruadal nan tapadh a bha, Ach gaoth an n-iar agus frasachd, Thigh’n a niar oirnn bharr machair nan Gall. I. S. Chuir Blàr Chuilfhodair as de gach dòchas àrd a bh’ aig Prionns’ Tearlach agus a dhaoine. Thuit air an latha mhi-shealbhar sin, os cionn mìle de na gaisgich a b’ fhoghaintich a dh’ éirich leis. Anns an àireamh sin bha mòran de Uaislean na Gaidhealtachd. De na cùig cath-bhuidhnean de na fineachan a chaidh sios anns an ionnsuidh chumhachdaich a thug iad air na Sasunnaich, bha chuid bu mhò de’n t-sreith thoisich air am fàgail nan sìneadh san àrfhaich. Thuit Mac Lachluinn an t-Sratha. Chuir Fear-nan-Druimnean, an Leathanach treun, e fein air ceann na buidhne sin; mar bha an sean laoch so teachd a mach as a chath, mhothaich e gun robh dithis da mhic a bha dlù dha air an leònadh gu trom; agus chual e gun do thuit an treas fear. Cha bhi so gun a dhìoladh, ars’ esan, agus e pilleadh air ais, gun bhoineid gun ghruag; thachair dà thrupair air, mharbh e’n dara fear agus leon e am fear eile: ach thainig triùir as ùr air a leag sios an duine foghainteach. Bu diomhain tòiseachadh ri ainmeachadh gach flath treun a thuit. Chaidh seachad fir [TD 255] dheug de uaislean na h-Apunn amhàin a mharbhadh, agus deichnear a leon. Air monadh Chùilfhodair chitear gus an là ’n diugh, iomad comharradh soilleir air a chasgradh mhuladaich so; am measg an fhraoich dhorcha, chithear iomad tolman uaine, nan sreathaibh taobh ri taobh, a nochdadh far ’n do thuit na laoich. Air gach taobh de’n t-slighe gu Inbhernis tha iomad tigh caol cumhann de ’n t-seorsa cheudna, mar chuimhneachan air an àr dhiubhalach a thachair an déigh a bhlàir. Air na h-uaighibh gòrma sin, tha ’n neonain geal agus an dìthein bòidheach ag aire le caoimhneas nan ionadan uaigneach sin, anns a bheil gaisgich thréin an dùthcha a’ gabhail an tàmha deireannach. Cha ’n ann da rìreadh gun sgreamh agus gun oillt, is urrainn duinn smuaineachadh air an sgrios gun iochd a thugadh air ar luchd-dùthcha an déigh Blàr Chuilfhodair. Feudar a ràdh le mòr fhirinn, nach cualas a shamhail ann an aon chogadh a thachair san Roinn-eorpa. Mar nach fòghnadh leis an arm-dhearg na chuir iad gu dìth anns a bhlàr; an dèigh dhoibh an ruaig a chur, tharruing iad an claidheannan, agus mar allamharaich fhiadhaich, chaidh iad air an ais agus air an adhart feadh na h-àrfhaich a’ cur as de gach aon anns an d’ fhuair iad an deo; agus le brùidealachd air nach d’thugadh riamh bàrr, a’ sàthadh an lann ann an cneas nan laoch tréin a bha cheana marbh. Cha ’n e mhàin gun do cheadaich DIUCHD CUMBERLAND so, ach ’s ann a ghabh e mòr thlachd anns a chùis. Tamull beag an déigh do’n bhlàr a bhi seachad, bha e fein agus an gaisgeach foghainteach sin WOLFE, a choisinn cliu co mòr an déigh sin ann an America, a’ marcachd far an do chuireadh am blàr, agus air dha Gaedhal bochd leòint fhaicinn air uilinn, thuirt an Diùchd ri WOLFE, “tilg an sloightire ud, aig a bheil de dhànadas amharc orm leis na h-uiread thàir,” “Tha mo chomision am buil do mhòrachd,” ars’ an duine fiachail, “ach cha bhi mi a’ m’ mhortair.” An là an déigh a bhlàir chual e gun robh cuid de na daoine buailte fathast beo, a dh’ aindeoin gach leon agus ana-cothrom a fhuair iad, nan sìneadh a muigh air an raon fo ’n uisge throm a thuit feadh na h-oidhche; Chuireadh cuid de ’n arm-dhearg a mach o Inbhernis chum cur as doibh so; agus ma bha ’n t-òrdugh sgreamhail, chaidh a chuir an gniomh air mhodh co gràineil. Air an là màireach chuireadh cuideachdan a mach air feadh na dùthcha a rannsachadh gach tigh anns an saoileadh iad an gabhadh na daoine leòinte fasgadh. Fhuaradh àireamh mhòr dhiubh; mhortadh iad uile ach fear no dha a fhuair as le bàighealachd aon de na h-oifigich. Bha duine measail, nach buineadh do thaobh seach taobh, a chunnaic a dhà dheug agus tri fichead air an cur gu bàs mar so air an treas là an déigh a bhlàir. Cha robh an so ach faoineachd ann an coimeas ri uamhais eile a chuireadh ann an gniomh. Dlù do ’n bhlàr-chath, bha bothan chaorach far an d’ iarr cuid de na daoine leòinte fasgadh; fhuair an t-arm-dearg a mach iad; dhùin iad an dorus, agus chuir iad r’a theine e; ionnas gun do loisgeadh cha n e a mhàin na bha dhaoine leoint ann, ach mar an ceudna cuid de mhuinntir iochdmhor a thainig a fhreasdal doibh. An déigh do na h-uilebheistean gràineil a rinn so an t-àit fhàgail, [TD 256] fhuaras le muinntir na dùthcha da fichead corp anns a bhothan thruagh so, ann an cor nach urrainn cainnt a chur an céill. Cha ’n ainmich sinn ach aon sgeul eile. Fhuaras naoi Oifigich dheug ann an coille a’ call fola, ghiulaineadh iad dlù do thig Chuilfhodair, ach cha robh chridhe fasgadh tighe thoirt doibh, no idir an creuchdan a cheangal suas. Bha aon fhear muinntir bochd san tigh mhòr so, a ghabh de mhisnich beagan bìdh a thoirt doibh, ged a bha e’n cunnart dioladh gu trom air a shon. Fhuaradh iad so a mach air an treas là leis an arm-dhearg, cheangladh iad gu cruaidh teann, thilgeadh iad air muin a chéile ann an cairt; chuireadh a mach iad ri aodann balladh àrd, is m’am b’ urrainn doibh aon ùrnuigh ghoirid a chuir suas, loisgeadh orra le sreath de shaighdeirean a sheas mar uidhe dheich troidhean doibh, agus an earalas gum biodh an deo ann an aon diubh dh’iarradh air na saighdeirean iad a chuir as doibh le earr an gunnachan, Ach cha’n urrainn duinn an casgradh oillteil so a leantuinn ni ’s faide. Bha iomad tein-éibhnis ann an Sasunn, agus ann an cuid de Albuinn ’nuair a chuala mar thachair air monadh Chuilfhodair. Cha robh urram a b’ urrainn uachdrain na rioghachd a chur air Diuchd Uilleam nach d’rinn iad. Shocraich iad da fhichead mìle air an comhair na bliadhna fhad ’s bu bheo e; agus do réir gach cunntais fhuair e na h-uiread mheas arson a chuid a b’fhearr fhaotainn do Thearlach Stiubhart, agus a fhuair WELLINGTON ainmeil arson buadhachadh an aghaidh an duine urramaich sin a thug oidheirp air an Roinn-eorp’ uile chuir fo dhaorsa. Tha so a’ leige ris an t-eagal a chuir cùig mìle Gaidheal air rioghachd mòr Bhreatuinn. Am feadh ’sa bha’n t-arm a bhuadhaich a’ sealbhachadh gach moladh, urram, agus duais a tha’n saoghal do ghnà ullamh air a bhuileachadh orrasan leis an soirbhich, b’eiginn do Thearlach bochd teicheadh, mar am fiadh a leonar, do uaigneas nam beann, agus do dhubhar na coille, da dhi-fholach fein ’s na bha làthair da dhaoinibh, o’n fhaothaid choimhich a bha nis air an tòir. Tha ar cinn fo’n choilli, ’Seiginn beanntan a’s gleanntan thoirt, oirnn; Sìnn gun sùgradh gun mhacnas, Gun éisdeachd ri binneas no ceòl; Air bheag bìdhe no teine, Air na stùcaibh air an luidheadh an ceò; Mar chomhachaig eile, Ag éisdeachd ri deireas gach lò. I. S. T. O. MU LAITHIBH FEILLE AN EARRAICH. Is ann air an dara là de’n mhios so, sa chunntas ùr, a tha Di-màirt inid. ’Se so an là m’an tòisich an Carbhas, no an trosg Earraich, a tha Eaglais Shasunn, agus na Ròimhe a’ coimhead. Air an la so, bha e ghàthaichte le daoinibh am peacaidh aideachadh, no faosaid a dheanamh ris an t-Sagart. ’Se ’n la so gu neo-chaochlaideach a cheud di-màirt de ’n t-solus earraich, ionnas gur ann le mùgha na gealaich a tha e air a riaghladh. Ge nach ’eil Eaglais na h-Alba a’ coimhead nan àmanna so, no làithe féille no troisg, air bith, a thaobh nach ’eil iad a’ mothachadh ùghdarras aca, o fhoc- [TD 257] cal Dhe, gu sin a dheanamh; ’s duilich leinn a ràdh gun robh di-màirt inid air a chur air leth arson àbhachd nàrach sgainneileach, a tha nis, ann an tomhas mòr, a’ dol a’ cleachdadh, ’se sin, Cath nan coileach. ’Se ’n là an déigh na h-inid a cheud la de’n Charbhas, ’se sin di-ciadain na luaithre. Fhuair an là so an t-ainm o chleachda bha coitchionn ann an linntibh dorcha na h-Eaglais, le daoinibh a bhi crathadh luaithre air an cinn, mar chomhar air an irioslachd. Bha so na ghnà cumannta aig cloinn Israeil o shean. ’Nuair a dh’irioslaich Iosua, agus seanairean Israeil iad fein fa chomhair an Tighearna, chuir iad duslach air an cinn; agus tha Iob ag ràdh, Ni mi aithreachas ann an duslach agus anns an luaithre. Tha’n Carbhas a’ seasamh rè shéa seachduinean, tha e criochnachadh le Di-dòmhnuich Càisg. Tha latha Càisg air a choimhead an cuid de Eaglaisibh mar là co’-ainm Ais-éirigh Chriosd. Bha cheud Chàisg air a cumail san Eiphid, air àm ainmeil air a’bheil gach aon eolach. Shonraich an Tighearna clann Israeil a chaomhnadh, agus chum na crìche so, dh’àithn e dhoibh fuil uain a chrathadh air dà ursainn agus air àrd-dorus an tighe, chum gun rachadh aingeal an sgriosaidh thairis air na tighibh aca-san. ’Se is ciall do ainm an uain so anns a chainnt Eabhruidheach, Dol thairis, agus is ann o’n fhocal a tha ciallachadh so, a tha’m focal Càisg a’ teachd. Bha e na chleachdadh ann an Eaglais na Gréige, cuirm a bhi ac’ air an là so; agus ’se bu bhiadh àraidh dhoibh air an latha sin breacagan tana, air an deanamh suas le min mhìn agus uibhean. Thainig an cleachda sin o chionn fhada chum ar dùthcha fein, agus tha e, gus an là an diugh, ann an càil, air a chumail suas. Tha na Cuileagain Chàisge cumannta ’nar linn fein; ach maille ri iarmadaibh eile de shaobh-chràbhadh faoin agus amaideach, tha e dol gu mòr a cleachdadh. Cha’n’eil teagamh nach ’eil e na mheadhon sonraicht air an t-sàbaid a mhi-naomhachadh, agus uime sin ’se dleasnas phàrandan, agus gach aon aig a bheil uachdranachd os ceann òigridh, oidheirp a thoirt gu stad a chuir air a ghnàthachadh so. MU CHATH NAN COILEACH. Feudaidh e ìoghnadh a chur oirnn cia mar chuireadh riamh air leth là àraidh arson àbhachdas co mi-chneasda ri cath nan Coileach. Cha ’n ann an rioghachd Bhreatuinn a thòisich an cleachdadh so an toiseach. Tha sinn a’ leughadh ann an Eachdraidh gur iad muinntir na h-Aithne, na Greugaich, a thòisich air an ealaidh so. An uair a bha TEMISTOCLES, ag imeachd le fheachd lionmhor, fada roimh linn Chriosd, an aghaidh nan Persiach, agus a chuid daoine san àm gu meith-chridheach, sgìth; chunnaic e dà choileach a’ cath ri chéile, ann am fradharc an airm, mar bha iad air an tarruing suas. Labhair e r’a dhaoinibh d’am brosnachadh chum cath, faicibh, a deir esan, an da eun ud, mar tha iad a’ cath co dian, cha ’n ann arson an dùthcha no ’n creidimh, ach o’n mhisnich nàdurr’ a th’ annta, agus nach géill an dara fear do’n fhear eile. Mar so bhrosnaich e a chuid daoine, chrom iad an cinn sa chath, agus thug iad buaidh. Air pilleadh dha do’n Aithne shocraicheadh latha cuirme, ris an abradh [TD 258] iad, Latha cath nan Coileach, mar chuimhneachan air a ghnothach sin. Lean na Ròimhich an cleachda ceudna, agus thug iad leo e do Shasunn, as an d’ thainig e do ’n dùthaich againne. ’S ann air di-màirt inid bu cleachda leis na sgoilearan cath nan coileach a chumail. Tha ’n gnàthachadh grannda so air a leigeil air chùl, mar is trice, anns gach àite; agus tha dòchas againn, far nach ’eil, nach fhada gus am bì. Is aithne dhuinn gu math cuid de àitean feadh na Gaidhealtachd far a’ bheil an cleachdadh so air bonn; agus fhuair sinn sanus no dhà chum ar guth a thogail na aghaidh; agus giùlan na muinntir a tha ceadachadh so fhathast nan sgoilibh a leigeil ris; ach cha ’n abair sinn a bheag tuille uime air an àm; ann an làn-esrbsa gum faic iad fein iomchuidh cosg a chur air; oir tha e an dà chuid gràineil agus peacach. T. O. MU PHILACTERIBH NAN IUDHACH. “Ni iad am philacteribh leathann.” Mat. xxv. 5. Smuainich sinn nach biodh e mi-iomchuidh brìgh an fhocail so a mhìneachadh; oir gun teagamh is iomad neach a tha ga leughadh nach ’eil ga thuigsinn. Bha philacteridh nan Iudhach a’ co’-sheasamh ann am meambrana, no ann an crioman de leathar, no de chraicionn-sgriobhaidh, air an robh earrann àraidh de ’n fhocal naomh air a chur sios; agus bha so air a cheangal suas gu cùramach ann am bréid de aodach dubh, agus air a chur m’an cheann no ma chaol dùirn na làimhe clì. Ged is ann, gun teagamh chum urram a chur air na Scriobtuire a rinneadh so sa cheud dol a mach, agus chum an earrann àraidh a bha sgriobhte umpa chumail air chuimhne, cha b’ fhada gus an d’ rinn iad mi-fheum dhiubh. Chronaich ar Slanuighear na Phairisich arson uaill a dheanamh asda, agus d’ an leig fhaicinn ’an làthair dhaoinibh. An déigh àm Chriosd chuireadh na barailean bu shaobh-chràbhaiche as leth a chriomain leathair so ann na mheud ’s gun robh iad d’ an caitheamh mar gum biodh buaidh annta an aghaidh gach mi-shealbh. Cha ’n ’eil teagamh againn nach ann uatha so a thainig an saobh-chràbhadh sin ris an abrar seun no soisgeul, is duilich leinn a ràdh, a tha gus an là ’n diugh ri fhaotainn air feadh na Gaidhealtachd. Is cùis iongantach gum biodh cuid de dhaoine, a tha ann an doighibh eile fiosrach, d’ an toirt seachad, agus is iongantaiche gu mòr gum biodh daoine co faoin ’s gu ’n creideadh iad gum biodh éifeachd air bith annta; oir cha ’n ’eil a bheag no mhòr annta ach focal no dha as na sgriobtuiribh air crioman paipeir, le daoinibh aig nach ’eil comas buaidh no éifeachd a bhuileachadh orra. T. O. [TD 259] ORAN. THA’N GEAMHRADH GRUAMACH UAINN AIR FALBH. AIR Eadar-theangachadh le Uilleam M‘Phearsoin. Tha’n geamhradh gruamach uainn air falbh, Gaoth an Iar gu ciatach blàth, A measg nam bruachan uaine tàmh, Tha’n smeorach seinn gu h-éibhinn àrd. ’S milis cùbhraidh leam gach flùr, Tha fàs san doire dhealtach dhlùth, Mar t-aogas fein a mhàighdeann chiùin, Gur tu mo rùn mo ghruagach òg. Gluais mo chailin, ’s biomaid triall, Do’n bhruthach dhuilleach ’s dealrach grian, Nar làithibh éibhinn anns na glinn, Caithidh sinn gun sgìos gu bràth. ’G éiridh suas ’s na neòil gu h-àrd, Tha’n riabhag mhaidne seinn do gnàth; Bla an t-seilich anns na blàir, Mar chanach bàn nam fuaranaibh. M’an cuairt do’n t-siain fàs gu dlùth, A’ còmhdach chreag tha’n raineach ùr: Tha’n t-alltan falbh fo’n bhruaich gu ciùin, ’S gach ni gu sunndach, uallach ann; Ach feudaidh coille, fàs do ghnà, ’S na h-eòin bhi seinn, ’s am feur a’ fàs; Ach aoibhneas cha’n fhaigh mi gu bràth, Mar bi thu fein do m’ réir a ghràidh. DAN AIR PILLEADH AN EARRAICH. Tha’n Geamhra fuar, le mhala ghruaim, Nis buileach uainn air gluasad; ’S tha ’n t-earrach ùr a faicinn gnùis An adhair ghuirm ’s na fuarain. Tha ’n sgitheach tràthail nis fo bhlàth, A sgaoileadh fàile cùbhraidh, ’S na h-eunlaith bheag a deanamh nead Am measg nam preas gu muirneach. [TD 260] Bu thiamhaidh dreach gach ni is neach Ri fuachd is sneachd an dùdlaich, Ach nis na h-eoin tha gabhail ceòil, ’S gach creutair beò tha sùnndach. ’N sin thig a ghràidh, ’s am baile fàg Theid sinn gu’r n-àros dùthcha. Tha coille chraobhach air gach taobh, Is blàithean aobhach ùrar Nis taoghlaidh sinn an raonan grinn ’S an d’thug mo chridh’ a rùn duit; Rìs taoghlaidh ’n t-àit de ’n choille àillt ’S an d’ fheuch thu gràdh an tùs domh— Bidh ’chlisg ’na ròsan n àilleackd mhòr, A strìgh co ’s bòidhch n’ar sùilibh, ’S do chomunn gaoil-sa, òg-bhean chaoin, Gu ’m fàg gach aon tlachd dùbailt. Sìtheain, 1830. Ead. le CUACHANACH. LITIR O DHOMHNULL FIDHLEAR ANN AN EILEAN THIRIDHE, A Dhuin’-Uasail Urramaich, Nuair thainig Teachdaire a Mhios mo dheireadh, sa dh’innseadh dhomh gun robh iomradh orm fhein ann. ’S ann gu cinnteach, arsa mise, gus mo chliu-se àrduchadh sa’ chraobh-sgaoileadh a rinneadh so; ciod eile an gnothach a bhiodh aig na daoine còire riumsa? Siubhlaidh mi nis air sgiathan an Teachdaire, s’ bidh m’ainm iomraiteach feadh gach cearna de’n Rioghachd: feudaidh Tearlach Mac ceòri, s’ a h-uile aon eile dhiu’ an Cragan a leigeadh sios agus dol a chodal. Nach ciatach an ni duine bhi cliuiteach ainmeil, agus Ealain mheasail a bhi air a làimh! Anns a bheachd se thog mi orm gun dàil, (cha mhòr gun sealluinn air an talamh le mòrchuis) agus ràinig mi caraid gus a chuid so de’n leabhar a leughadh dhomh, agus gairdeachas a dheanamh maille rium. Ach ma ranuig s’ mise bh’ air mo spuachd-mhealladh, nuair nach d’fhuaras an sin ach litir o’ Alastair Mor, a comhairleachadh dhuibh Bata daraich a ghabhail, agus a h-uile fidheall anns an Tir a ghrad phronnadh—Na fìdhlean a bhristeadh!—Nach b’e an t’amhlair truagh gu’n tuigse a thubhairt a leithid—’Ni m’fhidheall ghràdhach fein, a bha g’ éiridh sa’ luidhe leam, mar gum biodh mo-bhean phòsd ann o cheann corr is dà fhichead bliadhna. ’S iomadh droch la agus oidhche chuir sinn seachd cuid- [TD 261] eachd; s’ ioma pathadh agus acras, fuachd agus fliuchadh a dh’ fhuiling sinn; s’ ioma droch leagadh agus bruthadh a fhuair sinn mar ri chéile: ach tha sinn fhathasd, taing do Ni maith, slaoda’ ri cheile, s’ cha chuir dealachadh eadaruinn ach am Bàs. Ach s’ mise bha tòilichte leis an fhreagradh a fhuair e, Gur e cheann fein agus a leithid do bhalaoch gun mhodh bu chòir a bhristeadh, s’ cha’n e Cinn an luchd dannsa, no na fìdhlean gaolach. Tha sin aona bhuille aige, (gum bu slan do’n laimh a bhuail e) agus biodh e nis a siapadh dhachaidh, coltach ri madadh drandanach le earbal na ghobhal, man tachair nis measa dha. Areir coslais tha Alastair do’n dream sin a stadas a mheanbh-chuileag na’n scornan, ach a shluigeadh gu h’ullamh an càmhul; a bhios aig éigheach amach an aghaidh ciùil, agus dannsa, agus gach coinneamh chridheil, ach nach obadh nithean gu mòr is measa, mar tha cealgoireachd, mi-run, agus culchàineadh air daoine is fearr no iad fein. Gabhaibh mo leithsgeul, a Dhuin’-Uasail Shuairce agus fhòghluimte, gu bheil mi air mo lionadh le eud mòr arson mo dhreuchd. Chan’eil e feumail innse dhuibhse, gum faighear anns gach comunn cuid do dhaoine bhios ri mi-riaghailt; agus gum bi an cogul a ghnàth fàs suas maille ris a chruineachd, fhads’ a bhios’ an saoghal mar tha e. Cha’n’eil sochair sam bith cho maith ’s nach feudar a mi-bhuileachadh; agus ’s ann mar sin a tha tachairt air uairibh do’n dannsa; Ach an e mise no m’ fhidheall is coireach? Nan oileanaicheadh iadsan an clann (mar thug sibh fein gu ceart fainear) ann an eagal agus eolas De, ’s beag lochd a dheanadh mo cheòlsa dhoibh. Ma loisgeas burraidh a bheul le brochan teith, an còir a h’uile cuach bhrochain anns an dùthaich a spealgadh? Am biodh e riasanta an cinne daonna chumail o’ bhiadh, chionn gum faod corra gheòcaire mosach e fein a thachdadh leis? Ach Alastair Mhòir, bi thusa glic, agus gabh sanas, agus thoir an aire air do ghnothaichean fein. Tha geur bharail agam co thu, is na smuaintich gu’n ceil do chulaidh chaorach thu. Ma tha clann agad, teagaisg dhoibh a bhi ionraic, seirceil, agus stuama: Cuir fein eisimpleir bheusach ma’n coinneamh; agus gheibh thu cliù o gach duine maith arson sin a dheanamh. Ma thoilicheas tu, cuir teaghair orra oidhche a bhàil, ma tha eagal ort gu’n d’theid iad air seacharan. Ach leig leamsa agus le m’ inneal ciùil a bhi beo fhads’ a dh’fheudas sinn: na buin ris a ni nach buin duit, agus na dùisg mo chorruich nis faide, no tuigidh tu gu bheil teanga fhad’ ann an ceann Dhonuill fhidhlear. Och! ’S iomadh atharrachadh a tha teachd air an t’saoghal charach so. ’S ann leam is cuimhneach an aimsir o shean, nuair a chruinnicheadh Uaislean no Tir so, sa bhiodh iad gu fiughantach, flathail, aoidheil, mar bu chòir dhoibh, Comunn mo ghràidh, far am bu dana leatsa Alastair Mhòir do shròn a shéideadh; an sin bhiodh meas ormsa agus air na daoine o’n d’thàinig mi. Ach mo chreach! cha’n’eil carraig air nach caochail sruth: chaidh an t’àm sona sin seachad; tha linn ùr air cinntinn suas, ’s cha’n’eil urram no onoir ni’s faide air bhrath aig air seirbheiseach dìleas agus ùmhail DOMHNULL FIDHLEAR. Eilean Thiridhe, Ceud mhios an Earraich. [TD 262] A PHARLAMAID. Shuidh Ard-chomhairle na rioghachd o chionn mios. Cha d’ thainig an Righ a mach air an là sin, ach chuir e litir d’ an ionnsuidh, a’ cur an cèill na bh’ aige ri ràdh. An déigh do ’n PHARLAMAID bhi air a suidheachadh le h-ùrnuigh, leughadh litir an Righ. Chuir e’n céill doibh am mòr thoileachadh a bh’ aige anns an dlù-chàirdeas a bha eadar e fein agus righrean an domhain. Agus a nis o’n a bha sìth air a nasgadh eadar na Turcaich agus na Ruisianaich, gun robh an Roinn-eòrp air fad aig fois. Thuirt e riu gun robh duilichinn air a chluinntinn na bha de bhochduinn air an àm a’ buadhachadh san rioghachd; agus dh’ earalaich e orra iad a dheanamh na dh’ fheudadh iad chum so a leasachadh. Chomhairlich e dhoibh amharc thairis air laghanna na rioghachd, agus fhaicinn ciod an t-atharrachadh a bha feumail. Dh’ earalaich e air luchd-seasamh na dùthcha, (Tigh nan Uaislean), a bhi cùramach mu ionmhais na rioghachd, agus gun chìs air bith a leagadh a dh’ fheudta a sheachnadh. Cho’-dhùin e le ràdh gun robh gach earbs’ aige as an gliocas agus as an tairisneachd dhà. An déigh litir an Righ a bhi air a leughadh, dh’ fhàg na h-uaislean tigh nan àrd Mhorairean, agus thug iad orra an tigh fein. Bha connsachadh sgairteil anns an dà thigh mu litir an righ, agus m’ an fhios fhreagraidh bu chòir a chur d’a ionnsuidh. Cha d’thainig gnothach cudthromach sam bith fhathast fa ’n comhair ach staid na malairt eadar an rioghachd so agus Innsean na h-àird an Ear. Tha so na chuìs a tha dùsgadh iomaguin mhòr san dùthaich air an àm. Roghnaich a PHARLAMAID daoine àraidh dhiubh fein chum an gnothach so a rannsachadh. Leigidh sinn fios o àm gu h-àm ciod a bhios iad a’ deanamh m’an ghnothach so NAIGHEACHDAN. Is duilich leinn a ràdh nach iad na naigheachdan is fearr a th’ againn. Fhuaradh ciontach, am fear a rinn am mortadh gràineil sin aig Haddington, Emond, a mharbh an t-sean-bhean agus a h-inghean. Is minic a chuala sinn nach ’eil cleth air mortadh, agus tha dìteadh an duine so na dhearbhadh air sin. Cha ’n fhaca sùil e da dheanamh, agus ’s iad na dòighean a ghabh e chum a chleth a thug an uachdar bùird e. O thugadh a bhinn a mach dh’ aidich e fein an t-iomlan; agus tha e, mar is dùgh dha, ann an triobluid uamhasach inntinn. Tha dearbhadh laidir eile againn air an dòigh iongantaich air an las Dia coinneal air ceann a mhortair. O chionn chùig bliadhna fichead, cheannaich seisear dhaoine, shuas ann an Sasunn, a bha ann am meas san dùthaich, sloightire duine chum cur as de Mhinisteir na sgìreachd. Rinn e so, ach an àit an duais fhaotainn a ghealladh dha ’s ann a dh’ aontaich iad e fein mhort, m’ an innseadh e na thach- [TD 263] air. Mheall iad a stigh e, air oidhche àraid, do shabhal; agus an déigh cur as da, chladhaich iad uaigh ann an ùrlar an t-sabhail far an do chuir iad e, Ré chùig bliadhna fichead cha robh iomradh air a chùis. Bha na daoine mar nach biodh ni air bith air tachairt; chaochail dithis diubh: Chaidh an tuathanach leis am bu leis an sabhal san àm ud, air imirich, agus thainig fear eile na àite. Bha sabhal ùr r’a thogail, agus ann an cladhachadh na stéigh fhuair iad craidhneach an duine agus cearban d’a aodach. Chaidh iomradh a a ghnothaich feadh na dùthcha; thuit amharus air an duine bha anns a bhaile roimhe; ghlacadh e; bhuail uamhas air, agus dh’ aidich e gach ni. Tha mheud ’sa tha beo de na mortairean a nis ann am priosun, agus tha ’n deuchainn a’ dol air a h-aghaidh. Is deacair leinn r’a innseadh gun d’ rinneadh morta gràineil eile anns a Ghaeltachd ann an Siorramachd Rois; ach cha ’n eil mion chunntas againn fhathast air a chùis. Cha ’n ’eil mòr mhùthadh chum maith air ceaird no air cosnadh. TRIATH GHART. Is duilich leinn da rìreadh a ràdh, gu bheil againn sgeul a bhròin r’a innseadh air an àm, agus cha’n fhior Ghael e nach gabh leinn an caoidh arson an armuinn chliùitich, chian-iomaraitich, a chaochail o chionn ghoirid ann an Innsibh na h-aird-an-Iar, an t-Ard cheann-feachd, Daibhidh Stiubhart, Triath Ghart. Le bhàs-san chaill Gaidhealtachd na h-Alba Caraid co dìleas, agus Saighdear co curanta ’sa thog i riamh. Buidheann Ghaelach na h-Alba. Thairgeadh leis a Chomunn so, o chionn còrr is bliadhna duais do’n dithis a b’fhearr a dh’eadar-theangaicheadh dàn àraidh air an do shònraich iad o’n bheurla chum na Gaelic. Choisneadh an duais a b’àirde, (cùinne-cuimhneachain òir, d’an luach cùig gìnichean) le Seumas Mac-an-rothaich, Maighstir-sgoile ann an Gleann-Caradail, ann an Ceann-tìre, agus an dara duais le LACHLANN MAC’ILLEAIN ann an Eilean Chola. Agus ge nach do gheall iad ach da dhuais arson nan dàin so, bha a h-aon eile de’n fheoghainn a thugadh a stigh, co ro mhaith air a dheanamh, ’s gun do dheònaich an Comunn duais air a shon. Rinneadh an t-aon so le Ailean Mac Choinnich Ard mhaighstir sgoile ann an Steòrnabha ann an Leobhas. Thairg iad mar an ceudna duais dà-san a bheireadh dhoibh ann an sgriobhadh maraon ann an beurla agus ’an gaelic, an cunntas a b’fhearr air cor na Gaidhealtachd air a cheart àm so; agus an doigh is freagaraiche chum an leas a chur air aghaidh: Cho’-aontaich iad gu’n do chosnadh an duais so, (’se sin, an cùinne-cuimhneachain òir is àirde tha iad a’toirt seachad) leis an òganach cheudna a choisinn an dara duais arson an dàin, ’se sin, LACHLANN MAC’ILLEAIN o Eilean Chola. Tha mòr dhòchas gun lean an Comunn urramach so, air duaisean do’n t-seorsa so thoirt seachad o bhliadhna gu bliadhna. [TD 264] FOCAL SAN DEALACHADH. Cha d’fhàg sinn àite air son na bha ’n ar beachd a ràdh ri ar càirdean. Fàilte agus furan air an OIGFHEAR—Bha an àireamh so sa Chlò’ m’an d’ thainig a dhàin bhòidheach. Le deòthas mo chridhe tha mi fàilteachadh mo SHEAN-CHARAID o Innis nan Tonn—Mar thuirt e, ’Stric a bha sinn, Fhir mo chridhe Gun phìob gun fhidheall a’ dannsa. Na di-chuimhnicheadh e so, agus cuidicheadh e leinn o àm gu àm. Fhuair sinn an litir mhòr-mhòr a chuir MURCHADH DONN d’ar n-ionnsuidh. Cha ’n ’eil e ’n ar comas àit’ a thoirt dh’i.—Tha i coslach ri Casaig Iain-ruaidh-bhuidhe,—“Gun chumadh gun eireachdas.” MARGAIDHEAN. Tha mhin choirce, O 15 s. s. gu 17 s. s. am Bolla. An t-Eorna, O 22 s. s. gu 25 s. s. am Bolla. Càise, O 7 s. s. gu 10 s. s. a chlach. Im, O 14 s. gu 15 s. a chlach. Muic-fheoil, O 5 s. gu 6s. a chlach. Muilt-fheoil, O 04 gu 6sg. am punnd. Mairt-fheoil, O 0 3 gu 8sg. am punnd. Laoidh-fheoil, O 0 8 gu 14sg. ceud am punnd. Uibhean, O 0 8½ gu sgillinn shasg: an dusan. Cearcan, O 2 6 gu tri tastain a chàraid. Cearcan-fràngach O 8 0 gu 10 tastain a chàraid. Tunnagan, O 2 0 gu 2s. 6sg. a chàraid. TRAITHEAN NA GEALAICH SA MHIOS SO. Tha cheud cheithreamh air Di-luain, a cheud la de’n mhios air ochd uairean san fheasgar. Tha a Ghealach làn air Di-màirt an naothamh là, leth uair an déigh uair an déigh a mheadhon là. Tha Ghealach ùr air Di-ciadain an ceathramh là fichead de’n mhios, leth uair an déigh dà uair san fheasgar, Tha cheud cheithreamh air an là mu dheire de’n Mhìos—mu sheachd uairean sa mhaduinn. [TD 265] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH. XII. AIREAMH. 1830. Iadsan a chuireas sìol le deuraibh, buainidh iad le gairdeachas. Esan a theid a mach, agus a ghuileas, ag iomchar roghadh sìl, gu cinnteach thig e a rìs le gairdeachas, ag iomchar a sguab. Salm cxxvi. 5, 6. Is minic a tha dleasnais, deuchainnean, agus dòchais a Chriosduidh, air an soilleireachadh dhuinn ann am focal De, le samhluidhean air an tarruing o shaothair an tuathanaich. Mar bha mi a’ siubhal roimh an sgìreachd an diugh fein, là earraich co greannach fuar ’s air an robh mi riamh a mach, fhuair mi soilleireachadh air na briathra sin a chuir mi sios air thoiseach air so. Chunnaic mi tuathanach còir a’cur sìl, pòr co reachd’or ’s a laimhsich mi riamh. Bha frasan fuar sgaiteach sneachdaidh ann, cha robh an fonn san robh e cur an t-sìl ach tana, cruaidh. Thuirt mi ris gum b’ìoghnadh leam e bhi cur ri leithid de shìd. Fhreagair e mi nach robh comas aig air, gun robh àm a chuir dlù air bhi thairis, ’s mar glacadh e ’n cothrom, cia air bith mar bhiodh an t-sìd, gu’n cailleadh e’n t-àm ris. Cha’n fheudar obair an Earraich a dheanamh san t-Samhradh, deir esan. agus da rìreadh ’s beag misneach a th’ agam fhein an siol maith a chur san droch ìreadh so, a mheall mi co tric roimh so; ach feumaidh sinn, ars esan, ar dìchioll a dheanamh, a’ fàgail a chinneis na bhuil-san aig a bheil an drùchd agus blàths’ na gréine na làimh fein: ach nam biodh fios agaibhs’ air, a Mhinisteir, is iomad aobhar iomaguin agus fàth cùram a th’aig an tuathanach bhochd, ’Nuair dhealaich mi ris an duine so, smuainich mi gun d’ fhuair mi deagh stéidh chum càileiginn a chur an céill a bhiodh freagarach air an àm so de ’n bhliadhna chur an cuimhne mo luchd eisdeachd. Ciod, arsa mise rium fein ’s mi gabhail an rathaid, an cionfath a th’ aig an tuathanach an àm cur an t-sìl, a bhi fo iomaguin, nach ’eil aig a Chriosduidh a cho’-shamhladh? 1. ’Se ’n gearan bu truime bha aig an duine chòir so, olcas an fhuinn san robh e cur an t-sìl. ’Nuair a pheacaich an duine air tùs, bha’n talamh air a mhalluchadh air a sgàth-san, agus chaidh a ràdh ris an duine, gur ann le fallas a ghnùis a dh’ itheadh e ’aran. Nach d’ éirich an aon ni do chridhe an [TD 266] duine. Cha chinn gu nadurr’ as-san ach fòghnan agus droighinn. Tha’n cridhe cealgach thar gach ni, agus anabarrach aingidh, cò dh’ fheudas aithneachadh? Gràs cha chinn ann, leis gach saothair is urrainn an Criosduidh is saothaireachala a chleachdadh as eug’ais cumhachd drùighteach an Spioraid Naoimh. Seadh, esan is stéighichte ann an gràs, tha e air uairibh a’ cur le deuraibh. Air leam gu’n cluinn mi mar so a’ gearan. Ciod is ion domh fiughair a bhi agam o shamhuil de chridhe ’s a tha air mo ghiùlan? Cia mar is urrainn gràs cinneachadh am measg na h-uiread thruaill’eachd? Cionnas a dh’ fheudas dùil a bhi agam gràdh agus fad-fhulangas, creidimh, agus uile thoradh beannaicht’ an Spioraid fhaicinn ann an inntinn co feol-mhor? Agus O! nach mòr an t-saothair a bhuileachadh ormsa; bha mi air m’ àiteachadh agus air m’ uisgeachadh le sochairean saibhir an t-soisgeil? Cionnas mata a tha mo chridhe cho fuar, an-togarrach mu nithibh spioradail? Cionnas am marbhantachd so a tha bagradh mo mhilleadh? Ma tha mo chridhe cruaidh air àm sam bith air a thaisleachadh le àmhghar, ni aon bhaoisge soirbheachaidh ath-chruadhachadh mar bha e roimhe. O! gun deònaicheadh Dia dhomh, air sgàth Chriosd, an cridhe maoth; gun d’ thugadh e dhomh am barrachd mothachaidh air meud a ghràidh dhomh, chum gum bithinn air mo cho’-éigneachadh gu bhi beo dhà. An sin chinninn ann an gràs, agus bheirinn a mach toradh chum cliù agus moladh Dhe. 2. Is ni eile tha toirt air an tuathanach siol a chur le deuraibh, olcas na sìde. Tha’n aimsir dòibhidh, ach ’s eiginn cur; tha ’n t-àm a’ dol seachad; agus is éiginn obair an ràidhe a dheanamh ge b’e air bith deuchainn a thig san rathad. Agus mar so an Criosduidh; cha’n fheud aon deuchainn a chumail air ais. Nan deanadh deuchainean a chur na thàmh, chailleadh e ioma cothrom prìseil air leas anama chur air aghaidh. Tha fios aig an tuathanach gur tric a bha bàrr trom aige o phòr a chuireadh ann an Earrach fuar, agus tha mothachadh aig a Chriosduidh mar an ceudna, air a mhaith a tha sruthadh o dheuchainnibh goirte a naomhaich Dia dha. Ach ged tha smachdachadh an Tighearna chum maith cha ’n fheud iad gun bhi deuchainneach, air chor ’s nach ion ìoghnadh a bhi oirnn ged a tha ’n Criosduidh a’ cur le deuraibh. Feudaidh sinn éisdeachd ris, mar gum b’ ann a’ labhairt ris fein, Cionnas a sheasas mi an deuchainn throm so a tha tighinn orm? Millidh na siantan gailbheach so a tha séideadh a’ m’ aghaidh, na gràsan maoth a chuireadh ann am chridhe. Cha ’n ’eil agam ach beag misnich gu dol air m’ aghaidh, ach toil De gun robh deanta. Is esan a chuir na deuchainnean so ann am rathad, agus tha fios cinnteach aige-san co dhiubh is e turadh no uisge, saibhreas no bochduinn, slainte no tinneas, bròn no gairdeachas is mò tha chum mo bhuannachd. 3. Aobhar eile mu bheil an tuathanach a’cur le deuraibh, a choilion nàmhuid a tha aig a phòr, o àm a chuir, gus an cruinnichear a stigh do’n t-sabhal e. Tha eoin anns gach preas, ullamh gu [TD 267] cur as da; tha meanbh bhéistean fo ’n fhonn agus air uachdar, ’an tòir air a mhilleadh, agus cha’n ’eil gaoth laidir a shéideas nach ’eil an dara cuid a’ giùlan fras luibhean mìllteach a tha tuiteam air fheadh, agus ga thachdadh; no ga fhuasgladh as a bhun, no ga fhroiseadh ’nuair bhios e abuich. An ioghnadh ged a b’ ann le deuraibh a chuireadh an tuathanach a chuid sìl? Agus cia minic a tha aobhar aig a Chriosduidh iriosal air éigheach a a mach, A Thighearna nach lionmhor a dh’ fhàs mo naimhdean? is iomadh iad a tha ’g éiridh a’m’ aghaidh. Nach tric a tha e air a bhacadh o dhleasnas, no fo mhi-mhisnich ’an lorg lionmhoireachd nan doilghiodais a tha ga chuairteachadh, anns gach ceum d’a thuras. Agus cha luaithe a tha e ann an neart an Tighearn a’ faotainn buaidh air cuid dhiubh na tha triobluidean ùr a teachd na rathad. ’Nuair a theid e ga nochdadh fein, maille ri mic Dhe, am fianuis an Tighearna, gheibh e Sàtan sa chuideachd, agus an uair a thuiteas aon fhocal tarbhach uaithe-san tha labhairt, air ball thig an nàmhaid mhòr so agus bheir e air falbh cuimhne nam briathra sin a thug o cheann tamuill bhig mòr thoileachadh dha. Tha e cur doilghiodais air mothachadh do ghràsan an Spioraid a bhi cinneachadh na chridhe, agus gidheadh a’ faireachduinn cùram an t-saoghail, mealltoireachd saibhreis, agus iomaduidh de luidhibh agus de thruaill’eachd ag éiridh suas, a’ bagradh an sìol maith a chaidh a chur a thachdadh, agus fhàgail mi-tharbhlach. Is tric a ni gach Criosduidh aig a’ bheil cùram do leas anama gearan mar tha na drisean a’ fàs far a’ bheil an sìol maith air a chur. Tha mulad orra mar tha’n saoghal agus nithe an t-saoghail a’ dlu leantuinn riu. ’S e so, gu truagh, a cheud smuain a thig nan aire ’nuair a dhùisgeas iad; tha e air an cruaidh thòir rè an là, agus tha e, eadhon, gan leantuinn ann an aislingibh na h-oidhche. ’S e so a tha toirt air an tuathanach spioradail a bhi fo bhròn san earrach; ge b’e àit am bi e gu bheil deuchainnean o’n t-saoghal, o’n fheòil agus o’n droch-spiorad ga leantuinn: agus air an aobhar sin gheibhear e a’ gleachd gu dùrachdach aig cathair nan gràs, arson còmhnadh uaith-san a thuirt “Bithidh mo ghràsa foghainteach air do shon, bithidh mo neartsa air a dheanamh foirfe ann ad anmhuinneachd.” Uime sin, gabhaibh misneach, sibhse tha cur le deuraibh, buainidh sibh le gairdeachas, oir is neartmhoire esan a ta leibh na iadsan uile a ta ’nar n-aghaidh. 4. Aon aobhar eiie tha toirt air an tuathanach a shìol a chur le deuraibh, a thricead ’sa mhealladh e ’na dhòchais san àm a chaidh seachad. Tha e cur le deuraibh, a chionn gur tric a chuir e an ceart fhonn sin roimhe so gun aon bhàrr tarbhach fhaotainn. Agus an iongantach ged a bhiodh an Criosduidh saothaireachail fo bhron ann am mothachadh neo-thoraichead a chridhe fein, an déigh gach saothair a bhuilich e air. Tha e cur mi-ghean air, a bhi co fad ann am fion-lios an Tighearna, gun bhi fhathast, ach ro-bheagan ni ’s fearr, no na fhear-fàsachadh an fhuinn. E bhi na thàmh co fada fo fhuaim aoibhneach an t-soisgeil, agus gun fhathast aige ach co beag de Spiorad agus de aigne Chriosd Nan cluinneamaid-ne na tha dol air adhart ann an inntinn a Chriosd- [TD 268] uidh, chluinneamaid e gu tric a’ gearan ann an uaigneas, cia fad a tha e goirid an déigh gach cothrom maith riamh a mheal e. O! ars’ esan, cia liugha meadhon gràis eile a shealbhaich mi, agus na dheìgh so uile cia beag buannachd a tha ’nan lorg? Cha ’n urrainn domh, air a shon sin, gun na meadhonan a ghnàthachadh; ’se so mo dhleasnas: thèid mi do m’ sheòmar uaigneach fein, théid mi do thigh Dhe, théid mi air slighe mo dhleasnais ge b’e taobh a ghairmear mi; ach is ann le cridhe trom a théid mi ann: mhealladh mi co tric ’s gu bheil mo dhòchais ni ’s laige na bha iad riamh. Na b’ ann mar sin a bhitheas e, O! a Chriosduidh; guidh air Dia do chreidimh a neartachadh, agus cuimhnich co a thuirt, An tì a chuireas le deuraibh buainidh e le gairdeachas. Cha ’n ’eil fonn anns am fearr a dh’fhàsas gràs n’an cridhe tùrsach trom. Tha foghara pailt, trid beannachd an Tighearn, am bitheantas a’ leantuinn deagh àm cuir. Tha deòir a bhròin dhiadhaidh ag uisgeachadh an fhuinn sin a tha gu nàdurra cruaidh agus a’ toirt air adhart am pòr spioradail, agus gu tric cha ’n ’eil Criosduidhean ann is sòlasaiche na iadsan aig a bheil do réir coslais, an deòir mar bhiadh a là agus a dh’ oidhche. Feudaidh bròn mairsinn fad oidhche, ach thig gairdeachas anns a mhaduinn. “Is beannuicht’ iadsan a ta ri bròn, oir gheibh iad sòlas.” Pillidh muinntir shaorta an Tighearn, agus thig iad gu Sion, le òrain ghairdeachais, agus théid mulad agus caoidh gu bràth air cùl. Cha’n ann gu deàrbh san t-saoghals’ a bhuaineas an Criosduidh le gairdeachas, ach ann an saoghal is fearr, far nach faigh nàmhuid na mulad a chaoidh a steach. Far nach bi treabhadh no cur, no obair no saothair, peacadh no aithreachas gu bràth. Cha’n’eil aon ionracan brònach ’an sin, thig iad uile stigh do’n àite bheannaichte sin le gairdeachas ag iomchar an sguab. AM MINISTEIR GALLDA. AN T-EARRACH. Thainig a rìs an t-earrach àigh, Tha Choill ’sna lòin a fàs fo bhlàth, Cluinn! na h-eoin le ’n ceileir seimh Seinn cliù d’ an Cruitheir a th’air neamh! Tha ’n t àit bha ’n sneachd’ sa gheamhradh còmhdach Nis air fàs fo stràchd’ de neòinein; ’S am fochunn ùrar bileach uaine Gealltuinn gun d’ thig là na buanadh. Nach ’eil an caochladh’ th’ ann an tràs’ Na shamhladh, fior air earrach gràis? Mar ni ’n t-anam bròn na gheamhradh Gus am pìll Dia a ghrian ga ionnsuidh; Gus an dean dealta tlà na ’n gràs An cridh’ ath-bheothachadh gu fàs: ’N sin iompaichear gu feòil a chlach, ’Us brùchdaidh ùr gach gràs a mach. A Thighearna thoir m’ earrach dhomhsa, Mar a chi mi leig dhomh Mhò-’chainn; Ach! ’se mo gheamhradhsa bha buan, Chrion mo dhòchas, stad mo dhuan; Bhagair an geamhradh sgrios gun bhàigh Sòlas dòchas agus gràdh; Do bheathasa san fhreumh, ma bhà Cha tugainn toradh mach no blàth. Labhair a nis gu bàigheil rium Slànuigh m’ anam tursach trom; O Shlanuigh’ir ionmhuinn amhairc orm, Innis domh gun d’fhalbh gach stoirm; Air do lìos neo-thorach seall, Tog a bhlàthan, reamhraich fhonn; Bheir do ghnùis-sa chlisge fàs Do gach ni bha thun dol bàs. [TD 269] Tha fadal orm gu bhi san àit Air nach bi caochladh tigh’n gu bràth! Far nach cuir an geamhradh fiamh, Far an earrach fad na bliadhn; Fonn an aoibhnis tir an àigh Far nach crion ’s nach searg a bhlàth: Cha bhi cranntachd ann no fuachd Ach Sòlas gràdh ’us àilleachd nuadh. Ead. le S. C. LANACHD CHRIOSD. Fonn Laoidh Mhic Ceallair ’Anaim! thigsa mar is còir, Cnuasaich fòill air Iosa Dhe, Ciod a chainnt a gheibh mo ghlòir Chum a mhòrachd chur an céill? ’N abrar “aran” ris is “fion?” ’N abrar “iocshlaint” ris, is “léigh?” ’S ann le m’ anam bochd bu mhiann, Leithid sud de bhiadh ’s de léigh! ’N abrar “Cedar” ris? Mo luaidh! Teicheam ’s an droch uair gu ’sgàth; ’Se sin ùr-chrann nam mòr bhuadh, Bheir a dhuilleach uaine slàint’! ’N abrar “tobar” ris? O! ann Ionnlaideam gun taing mo phlàigh, Luibhre eagalach mo chrìdh’ ’Bagradh mo thoirt sios gu bàs! ’N abrar ris “Carraig nan linn?” Oirre leagam fhin mo stéidh; ’S ged thuirling a mharcachd-shìn ’Si mo bhunait mi nach tréig! ’N abrar ris “dorus a chrò?” Co le deòin nach teid a steach? Cha bhi gort na gainne lòin, An cluainibh na glòir air neach. ’N abrar “Reula” ris? Air chinnt Sud an reula rioghail iùil; Smi air uideil fad o thir, Oirre cumam sìor mo shùil. ’N abrar “Grian” ris? Grian an àigh! Eirich tràth air m’ anam bochd! Sgap an oidhch’ led’ ghaithibh gràis, ’S dealradh là gu’n ruig mi’m Port. AN GAEL ANNS A BHAILE. Glaschu, an ceud mhios, 1830. AN T-SLIGHE GU BEAIRTEAS. I Earrann. A Léughadair Shuairc, Chuala mi nach eil ni air bith ann’ a’s taitniche le ùghdair na e a bhi ’g cluinntinn a bhriathran fein aig muinntir eile ’gan aithris le meas. Smuainich thusa, ma ta agad fein, an toileachas mòr a fhuair mise o cheann ghoirid, o thuiteamas beag a thachair dhomh. ’S mi air thurus, o cheann beagan uine, thuit dhomh gun do stad mi le m’ each ann an aite ’s an robh còmhlan mòr sluaigh cruinn a’ freasdal air roup bathar marsantachd a bha ri ’reic. A thaobh ’s nach d’thàinig an uair air an robh an fhéill gu tòiseachadh, bha an sluagh a conaltradh ri ’chéile mu olcas nan amanan; agus mu dheireadh, ghairm fear de’n chuideacha, le guth àrd, air seann duine còir, ceanalta, ciabh-ghlas a bha ’n sin, ag radh ris, “’Seadh, fhir na Crionndaich, ciod è ’ur barailse air na h-amanan a th’ ann? Saoil sibh nach cuir na cìsean troma so a ta òirnn an tir a dholaidh! Ciamar as’ urrainn sinn a choidh am pàidheadh?” Dh’ éirich fear na Crionndaich ’na sheasamh, agus fhreagair e mar so: “Ma ta, a chuideachda chòir, ma’s math leibh mo bharail- [TD 270] se fhaotainn, gheibh sibh gu saor i, agus ann am beag bhriathran,—chionn, is leòr focal leis an dream a ta glic’, mar a thuirt Callum Seòlta.” Cho-aontaich an sluagh gu léir gun labhradh fear na Crionndaich na bha air inntinn, agus, air dhoibh cruinneachadh m’a thimchioll, ghabh e roimhe mar so:—“Mo chàirdean”, ars’ esan, “tha na cìsean trom, gun teagamh; agus, mur biodh againn ri ìocadh ach na cìsean a ta ’n uachdranachd a cur òirnn, cha bhiodh e ro dhuilich dhuinn an dìol; ach tha mòran de chisean eile òirnn, agus tha na h-urad dhiubh sin fiòr an-trom air cuid againn. Tha ar dìomhanas a’ dùbladh ar cìse:—ar n-uaill ’ga deanamh trìfillte,—agus ar n-amaideachd ceithir-fillte, agus cha’n urrainn an luchd-tionail faochadh no meachnus, no saorsa thoirt duinn uapa sin, no an ìsleachadh dhuinn. Coma co dhiùbh éisdeamaid ri deagh chomhairle, agus cha ’n fhios nach faodar ar cor a leasachadh. Mheasamaid gum bu chruaidh an uachdranachd sin a thagradh o’n t-sluagh an deicheamh cuid de ’n ùine mar chìs, air son a h-oibrean fein a chur air an adhart. Ach ’s mò gu mòr na sin a chìs a ta ’n diòmhanas a’ cur air mòran againn. Cha ’n ag sam bith nach eil an diomhanas a giorrachadh ar saoghail leis na h-eucailean a ta e ’gin annainn! agus, mar a thuirt Callum Seòlta, ’Tha’n dìomhanas, mar mheirg ’gar cur a dholaidh ’s ’gar milleadh na’s mo na deanadas ’us gniomh’; agus cha laidh smal air iuchair a bhithear a’ sìr-laimhseachadh;’—agus, mar a thuirt e ann an àit’ eile, ‘An gràdh leat do bheatha? Ma’s eadh, ars’ esan, na scaireap d’ùine, chionn ’s ann d’i a ta do bheatha air a deanamh suas, Nach mòr seach na ta féumail a ta sinn a caitheamh dh’i ’nar cadal? a leigeìl a cuimhne, ’Nach glac sionnach cadalach cobhartach—agus Gu’m faigh sinn ar sàth cadail ’san uaigh’, mar a thuirt Callum Seòlta. ‘Ma ’s i ar n-ùine an ni a ’s luachmhoire ta againn, ’se a bhi ’ga mi-bhuileachadh, an struidheireachd a ’s mò air bith’, mar a thuirt Callum Seòlta, do bhrìgh, (mar a labhair e’n àit’ eile,) Nach gleidhear gu bràch an ùine a chailleadh, gur beag na ’s leòr an ùine ris an abair sinn ùine na ’s leòr. Togamaid oirnn, uime sin, agus cuireamaid sùrd gniomha oirnn féin; chionn bheir dìchioll oirnn mòran gniomha a chur air aghaidh, air bheag caimdeil. ‘Ni ’n leisg gach nì deacair; ach ma bhios sinn deanadach theid gach ni leinn gu réidh. An neach a bhios fada gun éiridh, féumaidh e bhi ’na léum ré an latha, agus is gann gum beir e air a ghnothach fo oidhche;—’s co seotach siubhal na leisge ’s gu’m beir an ainnis oirre a chlisge: ùp thusa do ghnothach, ’s na h-ùpadh do ghnothach thù; agus, an neach a dh’éireas gu moch ’sa theid a chadal gu trà, bi’dh e saibhir ’us glic, agus fallain ’us slàn’, mar a thuirt Callum Seòlta. Ciod an fàth, uime sin, a bhi, dùrachdainn, agus a bhi guidhe gu’n tig àmanan na’s fearr? Is comas dhuinn feothas a chur air na h-amanan a th’ann, ma chuireas sinn sùrd oirnn féin. Cha ruig dìchioll a leas miann a bhi air, agus esan a thig beò air dòchas bàsaichidh e ’na thrasgaidh; cha deanar buannachd gun saothair, [TD 271] uime sin, le obair do làmh dean earras, do bhrigh ’s gu bheil thu gun fhearann, no, ma tha fearann agad, tha cìsean trom na ’s leòr air. An duin’ aig am beil cèird, tha oighreachd aige, agus, an duin’ aig am beil gnothach, tha innis-tairbhe agus culaidh-mheas aige, mar a thuirt Callum Seòlta; Coma, séudar a cheird a chur an cleachdadh, agus an gnothach a chur gu math air adhart, mu’n diol an oighreachd no ’n innis na cìsean. Ma bhios sinn deanadach, cha ’n fhaigh sinn gu bràch bàs leis an airc, chionn, ged dh’ fhaodas an t-acras amharc a stigh air dorus an duine ghniomhaich, cha’n’eil a chridh’ aige dol a steach. Ni ’m mò a theid am maor no’n t-searraid a steach, chionn, diolaidh deanadas fiachan, ach cuiridh éadòchas am meud iad, mar a thuirt Callum Seòlta. Ciod an umhail ged nach d’fhuair thu ulaidh, no ged nach d’fhàg cairid saibhir dìleab agad? ’Se ’n dìchioll athair a phisich; agus bheir Dia gach uile nì do’n duine dheanadach. Uime sin, Treabh thusa gu math am feadh a ta na lùnndairean ’nan cadal, agus coirce gu thasgaidh ’s gu reic bithidh agad. Oibrich am feadh a theirear an latha ’n diugh ris, chionn, cha’n fhios dhuit ciod an grabadh a thig ort am màireach. Is fhiach aon diugh dà mhàireach, mar a thuirt Callum Seòlta; agus, a bharrachd, Na leig seachad gus am màireach an gnothach a làmhas tu dheanamh an diugh, mar a labhair e ann an àit’ eile. Na’m bu sheirbhiseach thu, nach bu nàr leat deagh mhaighistir do ghlacadh dìomhain? Nach maighistir ort féin thu, ma ta? Biodh nàir’ ort breith diomhain ort féin, ’s na tha agad r’a dheanamh air do shon fein, air son do theaghlaich, do rìgh, agus do dhùcha. Glac do bhuill-acuinn gun làmhainean. Cuimhnich nach glac an cat làmhainneach luchan, mar a thuirt Callum Seòlta. Is fìor, ma dh’fhaoìte, gu bheil mòran agad r’a dheanamh, agus theagamh nach eil do lamhan ach lagchuiseach; ach cùm thusa gu bunailteach ri d’ghniomh agus ni thu mor-fhiach a bhuain as: chionn, Caithidh sìr-shileadh na clachan; agus, ghearr an luchag an càbull, le dìchioll agus faighidinn; agus, leagaidh buillean beaga craobhan mòra daraich; mar a thuirt Callum Seòlta. “Ach, (air leam gu bheil mi cluinntinn cuid agaibh ag ràdh) nach fhaod duine socair bheag a ghabhail dha féin idir?” Innsidh mi dhuit, a charaid, ciod a thuirt Callum Seolta, Dean féum math dhe d’ ùine, mas rùn leat socair a bhi agad, agus do bhrigh ’s nach eil thu cinnteach a mionaid, seall nach mi-bhuilich thu uair. Is e socair, ùine gu ni-egin feumail a dheanamh. Gheibh an duine deanadach an t-socair so, ach cha’n fhaigh an duine seotach gu bràch i; chionn, is dà ni beatha shocrach agus beatha sheòtach. Tha mòran ann leis am bu mhiann, gun saothair, teachd beò air an ciall, ’s air an crionndachd; ach theid as dhoibh sin le cion stuic, ach gheibh an duine deanadach socair, pailteas, agus urram, le a shaothair. Teich o thoileach-as-inntinn agus leanaidh e thu; bi’dh léine fharsuing air an deagh bhan-shnìomhaich, agus a nise, chionn gu bheil agam bò agus gamhainn, cuiridh gach neach thig am rathad orm fàilte. Ach a bhàrr air a bhi gnìomhach, feumaidh sinn a bhi bunailt- [TD 272] each, suidhichte, cùramach, agus sùil a bhi againn air ar gnothach, sinn fein, gun mòran de earbsadh ri muinntir eile, chionn, mar a thuirt Callum Seòlta. Cha’n fhaca mi piseach air craobh a shir ghluaiste, Na riamh air an teaghlach bhiodh tric air an luasgan, Mar bhiodh air a chraoibh ’s air an teaghlach bhiodh buannach. Tha tri imrichean cho dona ri teine. Cùm do bhù agus cumaidh e thù. Agus a rìs, nam bu mhath leat do ghnothach a bhi deante, rach fein air a cheann, ach mur bu mhath, cuir teachdaire ann, An neach a dheanadh rath le crann, Gu’m feum e féin ’bhi ’n glaic no ’n ceann. Is mò a ni sùil maighistir de ghniomh, na ni a dhà laimh; agus a ris, Ni dìth curam tuille cron na dith eòlais; agus, a ris, Is co math dhuit do sporan fhàgail fosgailt’ aig do luchd-oibre ’s gun sùil a bhi agad orr. Tha a bhi ’g earbsadh tuille ’sa chòir ri muinntir eile a deanamh millidh air mòran; chionn, ann an cùisean an t-saoghail so, tha daoine ’gan saoradh, cha ’n ann le creidimh, ach le dhìth. Ach tha cùram duine e fein tarbhach; chionn, na’m bu rùn leat seirbhiseach dileas a bhi agad, agus fear bu toil leat, dean fein do ghnothach. Faodaidh beagan dearmaid mòran cron a dheanamh; chailleadh an crutha a dhìth tàirnge; chailleadh an t-each a dhìth crutha; chailleadh am marcaich a dhìth ’n eich; chionn rug na naimhdean air, agus thachair so gu leir le cion beagan curam mu tharrung crutha. A. B. R. SGOILEARACHD NA POIT. Fonn—Copenhagen Waltz. Ma bhios duine fuireach fada mach ag òl, Oiche shleamhainn reòt’, Caillidh e a threòir, Agus bi’dh e bharrachd, ann an cunnart mòr Tuiteam air a o shròin air an làr: Géillidh a dha spòig, Sléuchdaidh e do’n Phòit, Caillidh e dha bhròig, Bi’dh e sin na spòrs Aig na giullain bheaga, mheara, bhinneach, òg, A bhios ri òb-òb, air an t-sràid: Ni iad cròithlein mu’n cuairt, Agus cuiridh iad gruaim Air a’ mhisgeir bhochd thruagh, A bhios gu buileach air neo-urrainn teachd ’nan dàil! [TD 273] Aig na gillean inich a bha anns an Ròimh ’S anns a Ghréig, bha nòs, Mar tha sgrìobhte fòs, Toirt air tràillean bochda boslaichean dibh’ òl; ’Nochdadh do’n chloinn òg an droch ghnàths. Gu’m bu ghasda ’n dòigh Bh’aig na daoine còir;— Ach ’s i beachd an t-slòigh Tha ’s an eilein mhòrs’ Nach robh annt’ ach amadain, gun fhios, gun eòl, ’Tabhairt sòlas pòit do’n cuid tràill: Chuir iad car anns an rian Rinn na gliocairean crion, Agus òlaidh iad fein anis am fion ’s an t-uisge- beatha ’n àite chàich! Gur a h-olc ’s gur bochd an cleachdadh a chi clann ’Nuair a tha iad fann, ’S gun an tuigs’ ach gann, Aithrichean air mhisg ’s air mhearaichinn fo ’n dràm, ’Siad a lùgh droch cainnt, ’s ri droch ghnàs! Cha ’n eil smid no drannt A thig as an ceann, No droch phratan cam, Nach grad-thog a chlann, ’S fàsaidh iad, gu deimhinn, duit, mu dheireadh thall, Anns na h-uile ball mar bha càch! So tha fàgail co truagh Air dùcha ’s air sluaigh, Tha Rati air buaidh a thoirt gu buileach, ’s rinn e dhe gach duine tràill. A. B. R. LITIR O’N AISLINGICHE. A Theachdaire rùnaich, Thus’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, m’ as e do thoil e, Ciod is ciall do bhruadair, no aislingean na h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantas mòr orm, agus cha ’n ’eil mi idir gan tuigsinn. Math a dh’ fheudta nach ’eil [TD 274] duine sam bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu’n d’ thainig codal riamh air mo spiorad. ’Nuair tha mo cholann a’ gabhail tàmh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte amach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anma, an déigh dhà uallach na colladh a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a cholann mar leanabh trom gun tùr, fo chùram agus aireadh an anama; agus an déigh do ’n leanabh so dol na chodal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail. Is duine aosmhor mise, a Theachdaire, a tha chòmhnuidh fada o thìr m’ eolais, ann am fròig bhochd dhorch’ ann an aon de chaol-shràidibh a bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agus tha iarguin na h-aois a’ luidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lichd mo shinnsir; ach ’se so dòchas nach feud mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheamnach, àrd-thogarrach mi latha gan robh mi. B’e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’sa bhi leantuinn na faoghaid, agus da rìreadh bu mhi nàmhuid a choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha’n iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi luinneireachd air a chaol. Ghabh ainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air céol, bheireadh an fhiughall orm dannsa, ge b’ann, casruisgte san dubh-chladach, agus cha b’fhearr mi na amadan fo nuallan na pìoba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh, a rugadh, agus a thogadh làmh rium; boinne fola co lurach ’sa chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnù, a’ buachailleachd nam meann, ’sa buain nan dearc air an tòm. O! bu bhòidheach i; bu mhilis leam briagail a beòil, bu taitniche leam fiamh a gàire, agus blàithead a sùl, na aon ni eile a chunnaic, no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam breug eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis a nis a’ m’ dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mar bhitheadh bruadair, agus aisling na h-oidhche cha ’n ’eil fhios ciod e a dheanainn. Is mòr am faochadh a ta iad so a’ toirt domh. Cha luaithe dhùineas mo shùil, na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thìr m’ òige. Ann an sin tha mi co òg, uallach, aighearach ’sa bha mi riamh; gun suim do’n aois mhosach, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhna de m’ làitheam mar gum biodh iad ar an dubhadh a mach. Tha mi a rìs ann an tigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràthairean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhuist doibh. Tha mi an dara cuid, a’ camanachd air a bhlàr, a’ sealgaireachd air a bheinn, no a’ luinneireachd air a chaol, a’ deanamh folach-cuain air gach bàt a thig a’ m’ charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig ghaolaich, a’ [TD 275] siubhal ri taobh nam fuaran, ise co àillidh òg ’sa bha i air an là air an dubhairt mi, Nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise co eutrom shunntach. Ann an aon fhocal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe is mi òg, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi a’ m’ chodal far nach robh mi riamh a’ m’ fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachdaibh ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh is mi m’ dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righribh agus flaithibh an domhain. Bheir mi sgrìob do ’n Fhraing, agus gu grad théid mi as sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus tearnaidh mi co grad do uamhaibh dorcha na talmhuinn. Marcaichidh mi an cearban air a chuan, no am fiadh air a bheinn. Bi mi ’n dara uair a’ gabhail dhuanag leis a mhaighdinn-mhara fo ’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chos a ghluasad, ach ag iathadh gu h-eatrom uallach gun fhios agam ciamar, mar éun beadarrach, o chnoc gu cnoc, no a’ snàmh gu h-aitheasach mar mhoch cheò an t-sàmhraidh. Mo bheannachd air bruadair na h-oidhche, is iomad eutromacha thug iad riamh dhomh; ach ’s éiginn domh aideachadh gu bheil, air uairibh, aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’sa bheinn, tha mo ghunn’ a’ diùltadh agus am fiadh ag amharc orm ’an clàr an aodainn. M’ as ann a’ luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhàgail, tha ’n crann-toisich a mach air a chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma théid mi do ’n choille chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh uam leis an eas’, agus chi mi a cuailean donn, ’sa làmh fhada gheal ’sa chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fotham. Ma thèid mi chreacha nead na h-iolaire, tha mi tuiteam o sgòrr na creige, ’s an crocha ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi m’ chodal, saoilidh mi gu bheil mo cholann air atht gu tomad anabarrach, a h-uile cos agam mar shac mine, ’sa h-uile meur co garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a’ bruadar gun do thuit mi bharr an eich, ’sgu bheil e an dara cuid na luidhe air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as a dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dhà crochte le fuiltein mo chinn ris a ghealaich, agus i falbh le luaths’ mòr san iarmailt. Bha’n cuan mòr gu h-iosal fotham, cha bu mhò Breatunn na eilean Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gun tuitinn san àibheis oillteil a bha fotham. Fa dheire mhothaich sgiobair na gealaiche de rionnaig-earballaich a’ dlùthachadh air, na caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach “Gearraibh an ròinnein, leigibh as e, tha e cur moille oirnn;” ’Nuair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam, a dhùisg as mo shuain mi. A nis a Theachdaire, nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. Is tric a chuala mi mo mhuime, Seònaid ni ’n Eoghainn ag innseadh mu Chladh na dùchadh anns an d’ rugadh mi, gum b’ àbhuist do spiorada nam marbh éirigh air mheadhon oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach, pilleadh a rìs a dh’ ionn- [TD 276] suidh an tighibh caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-se, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholann na suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus pilleadh e a rìs ’nuair a dhùisgeas i. Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a cho’-dhunadh so uaithe, gu bheil an inntinn a’eisimeil na colladh, gu bheil buaidhean aig an spiorad nach urrainn codal a mhilleadh: tha mi tuigsinn o so gu bheil a cholann na nasgadh no na h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gun éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Coidlidh a cholann san uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheo; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgìth, ach an uair a shaoras codal a bhàis e o’n uallaich so, éirigh e gu coi-liontachd neo-chriochnach. Is mise, A Theachdaire ghaolaich. AN T-AISLINGICHE, Tòm-na-Sìthe, 1830. BLIADHNA THEARLAICH. “Ach ’s fheudar dhomhs’ a nise falbh uaibh, A Gaelaibh calma mo ghràidh; Bu mhòr m’ earbs’ as ar fòghnadh, Ged a dh’ fhòghnRdh dhuinn san àr; ’S iomad ana-cothrom a choinnich Sinn, ’sa choinneamh bha gun àgh; Ach gabhaidh mis a nis mo chead dibh Uine bheag. Ach thig mi tràth.” An diaigh Blàr Chuilfhodair a chur, thug a mheud de na Gaedheil ’s a thainig beo as an àraich, orra do na monaidhean a b’ àirde agus bu chreagaiche bha ri fhaotainn san dùthaich; far an d’fhuair mòran diubh bàs le call fola agus ocras. Cha robh a h-aon nam measg a dh’fhuiling allaban bu truaighe na Tearlach fein. Rainig e tigh Ghoirtleig, man anamoch, maille ri beagan chairdean a lean ris. Ann an so, choinnich e Mac-Shimidh na h-Airde, a bha fo uamhas mòr ’nuair a chual e mar chaidh de’n latha. ’An deigh an comhairl’ a chur r’a cheile, cho’-aontaich iad nach robh so na àite tearuinte do’n Phrionnsa fuireach ann, agus gun tàmh ghàbhail, le cridhe goirt, thug e fein ’s a bhuidheann bheag a bha maille ris orra gu Inbher-gharadh, Caisteal Mhic’Ic Alastair. Cha robh san tigh so san àm, ach aon fhear-muinntir, agus bha an tigh gun bhiadh gun earnais. Luidh am Prionnsa air an oidhche sin na aodach fein air lòm an ùrlair. Fhuaradh air air là maireach bradan as a Gharaidh a dh’ith iad le mòr chìocras ge nach robh aca leis ach deoch as an tobar. Air an latha màireach dh’fhàg iad an t-àite so, agus thug iad Arasaig orra, dlù do’n àite san d’ thainig e an toiseach air tìr. Sgap a chuid eile de na Gàidheil, agus dh’iarr gach fear tearuinteachd dha fein, mar a b’ fhearr a dh’ fheud e. Dh’ fhan am Prionnsa ceithir làithean ann an Arasaig, a’ feitheamh gus an tigeadh Domhnull M‘Leoid as an Eilean Sgiathanach, air an do chuireadh fios gu bhi ’na fhear-iùil da. Mar bha ’m Prionnsa a mach sa mhonadh gun duine leis, chunnaic e sean Ghaedheal a’ dlù’chadh air; chaidh Tearlach na choinneamh agus dh’ fheòr- [TD 277] aich e dheth am b’esan Domhnull M‘Leoid? Is mi, ars’ an gaidheal. Is mise do Phrionnsa, arsa Tearlach, is mi chuir fios ort; tha mi ann an airc, agus tha mi ’g a m’ earbsa fein riut: dean rium mar is àill leat. Air an oidhche sin fein chuir iad fa sgaoil a Loch-na-h-uadha ann an ochd ràmhach fhosgailte; an seann Leodach air an stiùir, agus am Prionnsa na shuidhe eadar a dha ghlùn. Bha Domhnull eolach air coslas nan speur; dh’ fhosgail uinneagan an adhair gu gruamach dorcha, agus thuig e gun robh stoirm am fogus; ach chuir am Prionnsa roimhe dol air aghaidh. Bha aca feòrlan mine, agus poit sa bhàta, ach cha robh aca aon chuid teine no connadh. Ceart mar thuirt M‘Leoid, is gann a chuir iad a mach gu fairge ’nuair a dh’éirich an doinionn. Shéid a ghaoth gu h-uamhasach, agus dh’ éirich na tonnan gu ro-bhuaireasach; agus bha’n oidhche co stoirmeil ’s nach faca M‘Leoid riamh a leithid air a chòrsa sin. A mheudachadh am mi-shealbh, shil an t-uisge orra na thuiltibh anabarrach, agus bha iad gun phiob-thaosgaidh gun chairt-iùil. Bha’n oidhche co dorcha, ’s nach b’ fhios do aon neach a bh’ air bòrd c’àit an robh iad; agus bha iad fo eagal gu’n caillte am bàta, no gun rachadh iad gu tir air an Eilean-sgiathanach, far am biodh e ro chunnartach do’n Phrionnsa dol, a thaobh an airm a bh’ann san Eilean. Fadheoidh chaidh crioch air an eagal, shoillsich an latha, agus thuig iad gur ann air còrsa an Eilean-fhada bha iad. Chaidh iad air tìr air Rugha Roisinis, ceann na h-aird-an-Ear do dh’ Eilean Beinne-mhaoil; tharruing iad am bàta air tìr, agus rinn iad deas beagan bìdh leis a mhin a bh’aca, agus le feoil mairt a ghlac agus a mharbh iad. Chum a thuigsinn an cunnart san robh am Prionnsa, is còir innse gun robh deich-mìle-fichead punnd Sasunnach de airgiod cinn air a thairgse as, leis an rioghachd: agus bha saighdearan agus soithichean cogaidh air an càramh anns gach àite far an saoileadh iad am bitheadh e. B’ i àithne Dhiùchd Uilleam do na daoin’ a bh’ air a thòir, Gun aon phriosunach a ghlacadh—tha sibh ga m’ thuigsinn, deir esan. Cha’n’eil e nar comas, mion-chunntas a thoirt air gach losgadh agus creachadh a rinneadh air luchd-leanmhuinn Thearlaich, agus tha e ma dh’fhaoidte co iomchiudh gun rachadh an di-chuimhneachadh gu tur; cha mhò tha e nar comas gach caol-thearnadh a dh’ fhiosraich e fein a chur an céill. Tha e duilich a chreidsinn gach cunnart agus gàbhadh as an d’ thainig e, air ais agus air adhart, eadar Leòbhas agus an t-Eilean fada, ach cha do chaill e fein air àm sam bith a mhisneach; cha do dhìobair duine riamh e, ris an d’earb se e fein; agus ge b’àrd an t-airgiod-cinn a bh’ as, agus ge bu bhochd an sluagh a bha e nam measg, cha robh a h-aon diubh leis nach b’fhearr am bàs fhulang na a bhrăth. Is an ’nuair nach robh dol as aige is e air a chlaoidh gu goirt, dh’earb e e fein ri Ainnir uasail, nach feudar ainmeachadh ach leis a mheas is àirde. Bi sin Fionnaghal Nic’ Dhòmhnuill nighean do Fhear Bhaile-mhuilinn ann an Uist, a chinn-a-dheas; bean-uasal òg àillidh, a bha ainmeil r’a linn fein, arson gach beus bu chliùitiche. Bha oide na mnà uaisle so na cheannard air feachd an righ, a [TD 278] thachair a bhi’n Uist air an àm, agus fhuair ise cead-sgriobhta fo a laimh air a son fein, a gille, agus a searbhanta, chum an leigeadh thairis do’n Eilean-sgiathanach. B’e ’n gille thug i leatha Niall Mac Eachainn, neach a b’e sean-athair an duin’ ainmeil, an t-ard Cheann-feachd sin, DIUCHD THARENTUM a choisinn na h-uiread chliu ann an cogadh fo BHONAPARTE; agus bi an searbhant a thug i leatha, Prionns’ Tearlach, ann an éididh boirionnaich. Dh’fhàg iad Uist san anamoch ann an sgoth bhig; bha’n oidhche dorcha, dòbhaidh; mu ghlasadh an là, fhuair iad iad fein fa chomhair Rugha Bhatarnis san Eilean Sgiathanach, ach mar bha iad dlù do thìr chunnaic iad na saighdearan dearga a’feitheamh orra air an tràigh. Bha iad mar urchair gunna dhoibh man tug iad an aire; ach co luath ’sa mhothaich iad an cunnart, thill iad a mach gu fairge. Ghlaodh na saighdearan riu iad a thighinn gu tìr no gun loìsgeadh iad orra, ach cha do ghabh iad suim d’am bagradh; loisg an t-arm dearg orra, agus bha na peilearan a’ feadail m’an cuairt doibh; ach dh’iomair an sgioba gu tapaidh, agus chaidh iad as a chunnart. Thainig a bhean-uasal mhisneachail so, agus a luchd-muinntir air tìr aig Mugstat, ionad còmhnuidh Shir Alastoir Triath Shléibhte. Bha fhios aice gun robh Sir Alastoir o’n bhaile, agus fhuair i fios a dh’ionnsuidh na Ban-tighearna gun robh iad a’ tighinn. Dh’fhàg i ’m Prionnsa fo sgòr craige, aig a chladach, am feadh a ràinig i fein an tigh a dh’fhaotainn naigheachd nan crìoch. B’fhortanach gun robh i co faicilleach, oir fhuair i àireamh de dh’ Oifigich an Righ a stigh. Chaidh i ’nan làthair, agus labhair i mar nach biodh iomaguin na cùram oirre. O nach b’urrainn Ban-tighearna na Chloinn Dòmhnuill am Prionns’ a thoirt a dh’ ionnsuidh an tighe, chuir i duin’ uasal as an robh i làn earbsach, Fear Chingsburgh far an robh e, leis gach goireas a shaoil i a bha feumail; agus thug an duin’ uasal measail sin leis e chum a thighe fein. B’e latha na sàbaid a bh’ ann; agus bha ìoghnadh air muinntir na dùthcha, is iad a’ dol dachaidh o’n t-searmoin, ’nuair a chunnaic iad boirionnach co ro-àrd, agus co neo-sgiobalta na coslas, ag imeachd le Cingsburgh. Chuir e ’n aon oidhche so seachad gu cridheil leis an duin’ uasal shuairce so, a chaidh leis sa mhaduinn maille ri Flora do Phort-righ, far an do dhealaich am Prionnsa riu le chéile, a’ gabhail a chead diubh le caomhalachd mhòr, agus na deòir a ruith o shùilibh. O Phort-righ rinn e air son Eilean Raasaidh, far an do ghabh Mac’Ille-Chalum òg gach cùram dheth. An déigh dha là no dhà a chur seachad ann an sin, thug e air Srath-Mhic-Ionainn, gun duine leis ach Calum M‘Leoid; am Prionnsa na ghille-màileid aig Calum, chum nach cuirt’ umhail air. As an t-Srath thug e bàta nunn do Arasaig, agus chaidh e gu tìr aig Loch-Neibheis, an déigh caol-thearnadh o bhàtaichean a bha làn shaighdearan, ach nach d’thug sùil orra le gairbhead na sìde. Dhealaich Mac Ionuinn an t-Sratha ris aig tigh Fir Bhoradail, agus thill e dhachaidh. Cha luaidhe a chuir e chas air tìr, na chaidh breth air fein agus air a ghillean leis an arm-dhearg. Chaidh fear de na Gillean a sgiursadh gu goirt a dh’fheuch an aidicheadh e [TD 279] c’àit an d’ fhàg iad am Prionnsa; agus mhaoitheadh an ni ceudn’ a dheanamh air Mac Ionuinn agus air a chuid eile dhiubh; ach bu dìomhain gach bagradh- Chaidh Mac Ionuinn an t-sratha, agus Calum M‘Leoid a ghlacadh agus an cur air bòrd soitheach cogaidh do Lunnuinn: Ghlacadh mar an ceudna Flora Nic’ Dhòmhnuill, agus Fear Chingsburgh, agus chuireadb as an dùthaich nam prìosunaich iad. Cha b’ uilear dha leabhar air a shon fein, m’an cuirte an céill gach caol dhol as, a bh’aige feadh Arasaig agus Mhùideart, agus an t-ànnradh roi ’n d’ thainig e a’ cur seachad an là ann an uamhaibh fliucha àitidh, gun leaba, gun bhiadh gun chòmhdach. B’iad na companaich a bh’ aige air an allaban bhochd so, Fear-Ghlinnealadail, agus a bhràthair; mac Fir Bhoradail, agus Camshron Fear Ghlinne-peinni, ainmean nach di-chuimhnichear fhad ’s a bhios iomra air bliadhna Thearlaich sa Ghaeltachd. Thachair gnothach m’an àm so, a chuidich gu mòr chum an cunnart san robh am Prionns’ a lughdachadh. Bha òganach eireachdail de mhuinntir Dhun-eidin a bha ga fholach ann an Gleann-Moristain, a ruagadh leis na saighdearan dearga, agus an uair a thuig e nach robh dol as aige, sheas e gu duineil; thilg na saighdearan air agus thuit e, ag glaodhaich le àrd mhisnich, “mharbh sibh ar Prionnsa.” Ann an dùil gum faigheadh iad an t-airgiod-cinn a bha air a thairgse, bha na saighdearan a leag an t-òganach làn gairdeachais; bhuin iad an ceann deth, agus tha e air a ràdh gun do thàr Diùchd Chumberland as leis na charbad do Lunnuinn. Leis a so chaidh mòran de na Saighdearan a tharruing as an dùthaich, agus cha robh iad co tìtheach air tòir a Phrionnsa. Chaidh Tearlach do Dhùthaich Mhic Dhomhnuill-duibh far an do chuir e seachad an ùine air feadh bheanntai fiadhaich na dùthcha sin, le Mac Dhomhnuill duibh agus Tighearna Chluainidh, gus an treas-la-deug de mhios meadhonach an fhogharaidh, ’nuair a fhuair e fios o Fhear Ghlinn-ealadail gun d’ thainig na soithichean a bha ri e fein agus a chairdean a ghiulan do’n Fhraing. ’Nuair a fhuair e ’n sgeul aoibhneach so, thug e fein agus a chàirdean orra gu grad do Mhùideart. Is furast a smuaineachadh gum bu ghoirt a chridhe ’nuair a thainig e rìs an sealladh an àite sin far an do thog e ceithir mìosa-deug roimhe sin, a bhratach ri crann. Bha e san àm sin ann an àird a dhòchais, bha fiughair aige ri rioghachd a shinnsir; agus cha robh ri chluinntinn san àite sin ach iolach shòlais o mhoch-thra gu feasgar, mar bha na Fineachan treuna Gaedhealach a’ cruinneachadh le piob is bratach m’an cuairt da. A nis, tha e dlùthachadh air an àite cheudna na fhògarach bochd, a cholann air call a dreach, agus inntinn fo bhuaireas trom. Bha a luchd-comhaideachd air an claoidh le ànnradh, air call na bh’ aca de’n t-saoghal, agus an luchd-millidh anns gach àit air an tòir; na h-uile ni a’ cur na chuimhne gun robh gach dòchas agus dùil a dh’ àraich e riamh a nis air am mùchadh gu bràth. Ràinig e ’n tràigh, far an do labhair e riu-san a lean e le misnich agus le bàigh mhòr. O shùil gach treun-fhear dìleas a bha làthair, bha na deoir a tuiteam gu frasach agus cha robh r’a chluinntinn ach an osna throm. “Pillidh [TD 280] mi fhathast, mo chàirdean dìleas, deir Tearlach, biodh agaibhse deagh mhisneach, théid sinn fhathast do’n àr-fhaich le chéile; ithidh agus òlaidh sinn ann am pailliuinibh an Righ, agus an sin chithear an spéis a th’ agamsa do na Gaedheil.” Bha e ’n sin c’ar tamuill na thosd, agus tharruing e osna throm—cha b’urrainn e cumail ni b’ fhaide air fein; b’ éiginn da dheòir tuiteam. Chaidh e fein agus ceud da luchd-leanmhuinn air bord an luingeas agus chuir iad air ball fa sgaoil. Sheas iad a mach gu fairge, thainig an soirbheas nan diaigh; sgaoil iad gach seol ri crann; chunnacas iad mu thrà feasgair a mach eadar Eilean-nam-Muc is Cola; agus m’an deach a ghrian fodha, ghiulaineadh air falbh an t-aon ma dheireadh de na Stiubhartaich o dhùthaich a Shinnsir. A THEACHDAIRE URRAMAICH, Piseach air do cheann, is mi fein a tha fo chomain duit; is tu a chuidich an Geamhradh a chuir seachad gu sunndach. B’ fhearr leam cha mhòr a chruach-mhòine, no brat riabhach mo leapa bhi dhì orm na thu. An t-urram dhuit air son leabhar a chur ri chéile. Shaoil leinne gun tràigheadh do cheann o chionn fad, ’s nach biodh smid agad ri ràdh m’an tigeadh a bhealltuinn; ach ’s ann a tha thu co beothail ’sa bha thu riamh, a’ siubhal, mar an seillein, o bhlàth gu blàth, a’ deanamh suas do chìribh meala as gach ni thig a’ d’ chàramh. Buaidh leat, cha bu tu pìobair’ an aon phuirt. Bheir thu gliocas a h-amaideachd, agus culaidh-smaointean o ’n fhaoineis is mò. Leughaidh am Ministeir thu le dùrachd, agus fàgaidh na gillean beaga an culaidh-chleasachd air do shon. Tha na ban-tighearnan òga a’ fòghlum na Gaelic chum do leughadh, agus cha ’n iarradh cailleach nan cearc ach suidhe ged éisdeachd. An cuala, tusa riamh a Theachdaire, iomradh air marsanda Chliùdain? Duineachan beag iosal deireasach, a b’ àbhuist a bhi siubhal na dùthcha le màileid air a dhruim a reic bathair. B’i sin a mhàileid anns an robh an ùtarais. Is maith mo chuimhn’ oirre, laoiceann ruadh, le trusadh beul-màileid, as an robh iallan fada. Bha aig Cliùdan gach sèorsa bathair anns a mhàileid, bha guirmein, agus màdar, agus tombac’ innte; bha riobainean, snàthadan, agus sgeanan innte, bha aodaichean pheiteagan aige arson nam fleasgaichean, agus durant agus mancaidh arson nan caileagan. Bha corduroi aige arson brigisean goirid arson na Ministeirean, agus speuclairean arson nam Maighistirean-sgoile. Gheibheadh am balaoch beag siùcar dubh, an greusaiche minidh agus an t-iasgair dubhan. Ann an aon fhocal, ciod nach robh aig Cliùdan? agus ged a bha iad san aon mhàileid cha do mhìll an dara cuid a chuid eile. Cha robh dath a ghuirmein air an tombaca, no idir fàile an tombaca de ’n t-siùcar. Ceart mar sin dh’ éirich do ’n Teachdaire Ghaelach, tha beagan ann de gach ni, agus ’se so a tha cosnadh fàilte agus aoigheachd dha air feadh na Gaedhealtachd. Is math is cuimhne leam, nuair thigeadh Cliùdan san t-sealladh le mhàileid air a mhuin, agus slat thomhais na laimh, an othail a bhiodh oirnn; rachadh stad air an t-seisrich, air a chuibhle ’s air [TD 281] a chalanas: chruinnicheadh am beag agus am mòr ma thimchioll; gheibheadh a mhuc a mach do ’n bhuntàta, agus na laoigh do ’n arbhar. Is amhuil sin ’nuair thig an Teachdaire, agus cha ’n ìoghnadh. Tha leabhraichean eile cosmhuil ri bùthaibh Ghlaschu anns nach ’eil ach an aon seorsa bathair, ach anns an Teachdaire, mar thachair do mhàileid Chliùdain, gheibh gach duine an ni a fhreagras dha fein. Ach a Theachdaire, c’ arson a leig sibh leis a Mhaighstir sgoile stad a chur air a Bhrocair, ’n uair a bha e ’g innse sgeulachd an dòmhnuich ann an tigh Fhionnlaidh; mar thuirt Màiri, tubaist air fein, agus air Lachlann nan ceistean, is iomadh seanachas beag laoghach air an do chuir iad stad. Thugadh sibhse dhuinne an sgeulachd bhòidheach air an do thòisicheadh, agus cuiridh mi mo cheann ’an geall gur e a cheud chuid de ’n leabhar a leughas am Ministeir féin, gun tighinn air Lachlann nan ceistean, no am foirfeach mòr, am burraidh. Cha tug sibh riamh toimhseagain duinn; tha mòran diubh air feadh na Gaedhealtachd, agus tha mi cinnteach gur furasda dhuibh am faotainn, nam biodh iad a dhì oirbh. Chuir mi fein aon no dhà dhiubh an cois na litreach so, agus ma dh’ fhuasglas ar luchd-leughaidh iad sin, cuiridh mi tuille ann. An cuala sibh iomradh riamh air a ghiullan Ileach? Is iomad focal geur a labhair e, agus tha cuid diubh fhathast air chuimhne. Chuir mi leis a so na thuirt e ris a Ghreusaich a dh’ fheoraich dheth cionnas a dheanadh e brògan da. Gabhaibh mo leithsgeul arson ur n-ùine thogail leis an ràpaireachd so, agus is mì. ’Ur seirbhiseach fior ùmhal. MUILLEAR AN T-NODAIN Càrnan Philip, 1830. Mar a dh’iarr an Giullan Ileach a bhrògan a dheanamh. Brògan bileach, baileach, beul-dubh, o dhruim leathar nam bò, o thàrr leathar nan aighean, farra-bhuinn a steach, gearra-bhuinn a mach, buinn fhada dhìreach nan sìneadh eatorra sin; built chiar-dhubh dhonna o chìrein na droma, snàthain caol réidh, guin gheur, tarruing air éiginn, làmh deagh fhòghlum ga ’m fuaidheal; buanas bròig fir Eilean, eireachdas bròig mhic righ, ’s ged bhuaileadh i air a chraig gum bu mheasa do ’n chraig na dh’i. TOIMHSEAGAIN. I. Chaidh mi do ’n choille is bhuain mi e, Shir mi e ’s cha d’ fhuair mi e, Nam faighinn e thilginn uam e; ’S o nach d’fhuair mi e thug mi dhachaidh e. II. Chaidh mi ’mach eadar dà choille Is thainig mi stigh eadar da alltan. III. Craobh mhòr, agus ceithir meoir oirre, Tri-nid-dheug anns na h-uile meur, Seachd uibhean anns na h-uile nead, Agus ceithir-eoin-fhichead anns na h-uile ubh. [TD 282] Rann a fhuaradh air lichd air mullach Beinn-labhair ann an Siorramachd Pheairt. Caith mar gheibh, is gheibh mar chaitheas; Caomhainn, ’s cò dhà; cuimhnich am bàs. Sgeula beag arson na h-òigridh ann ’s an Earrach. Bha fionnan-feòir ann roimhe so, a bhuilich làithean an t-sàmhraidh ann am faoin shùgradh, leis nach d’ rinn e solar iomchuidh arson a lòn geamhraidh. Bha e ’an cunnart dol bàs le gorta, gun ni air bith aige a dh’ itheadh e. Anns an airc so rinn e ghearan ris an t-seangan, a chionn gum b’ fhiosrach e gun robh am pailteas lòin aige-san, agus dh’ asluich e caileiginn fhaotainn uaithe, a chumadh beò e, gus an d’thigeadh an t-Earrach; a’ gealltuinn gu fìrinneach gun ath-dhìoladh e a chomain. Cha bu deòin leis an t-seangan riamh a bheag a thoirt seachad an iasad. Tha ’n seangan do ghnà cruaidh neo-thabhartach. Thuirt e ris an aon eile, “Ciod a bha thu deanamh fad an t-samhraidh?” “Bha a’ mireag agus a’gabhail òrain”—ars an seangan—Ro mhaith—Tha uait a nis dol a dhannsa. Is ann mar so a bhios iadsan a mhi-bhuilicheas àm na h-òige, cha deanar ach tàir agus magadh orra ann an là na h-airc. P. M‘F. AN CREACHADAIR SUAIRCE. SGEULA GAELACH. Tha ’n sgeula beag so a leanas na naigheachd fior, agus tha e leige ris duinn nàdur nan Gàidheal anns na lìnntibh a dh’ fhalbh, agus cor na dùthcha. Bha na Gàidheil, mar rioghachdan eile bha san aon dòigh riu fein, comasach air fiughantachd mhòr a nochda, no air dioghaltas an-iochdmhor agus cealgach a ghnàthachadh. O chionn cheud bliadhna, bha Iain Gunn na chreachadair comharraichte ann an Siorramachd Inbhernis, agus bha e togail cìs-mheachainn,* ionnas gu ruig Baile Inbhernis. Bha san àm sin, feachd laidir anns an daighneach, ach cha robh luchd-malairt an airgid san àm sin anns gach baile mòr mar tha iad an trà so, agus ’s ann bu nòs leo airgiod a chuir a dhioladh an airm, o Cheanna-bhaile na rioghachd, le duine as an robh iad earbsach, agus beagan de luchd-comhaideachd maille ris. Thachair do ’n duine aig an robh an t-airgiod air an àm so, gum b’ èiginn da stad aig tigh suarach òsda, mar dheich mìle fichead do Inbhernis. Mu fheasgar thainig duin’ eireachdail san éididh Ghaidhealaich a stigh. Cha robh doigh air seòmar fa leith a thoirt do gach fear, agus b’ eiginn doibh cur suas leis an aon seòmar. Le mòr shuairceas thairg an Sasunnach roinn d’a shuipeir do ’n Ghaidheal, a ghabh i le càileiginn de mhoit. Le iad a bhi seanachas thuig an Sasunnach gun robh an Gaidheal eòlach air gach cearna de ’n dùthaich, ni a bhrosnuich e gu iarraidh air an fhear eile dol leis air an là am màireach. Cha do cheil e air a ghnothach, no na bha air a ghiùlan, no idir an t-eagal a bh’air as a chreachadair ainmeil sin Iain Gunn. * Black-mail. [TD 283] Smuaintich an Gàidheal c’ar tiota ris fein, ’s an sin dh’ aontaich e gu cridheil falbh leis mar fhear-iùil. Dh’ fhalbh iad sa mhaduinn; agus air dhoibh a bhi ’g imeachd ann an gleann fàsail uaigneach, theann iad ri labhairt mu Iain Gunn. “Am bu mhaith leat fhaicinn?” a deir am fear-iùil, agus gun fhuireach ri freagradh fhaotainn, rinn e fead, agus ann an tiota bha ’n Sasunnach agus a chuideachda bheag air an cuairteachadh le àireamh mhòr Ghaidheal, co lionmhor ’s nach robh feum dhoibh cuir nan aghaidh. “A choigrich,” thuirt am fear-iuil, “Is mise a cheart duine roimh bheil eagal ort, agus cha ’n ann gun chionfàth; oir is ann a dh’fhaighinn fios cinnteach m’ an rathad a bha thu ra ghabhail, a thainig mis an raoir chum an tigh-òsda, chum gun d’ thugainn féin agus mo cheatharna uait na tha air do chùram. Ach cha ’n urrainn domh làmh a chur ort an déigh na h-earbs’ a chuir thu annam, agus leigidh mi air falbh uam thu gun dochair air bith.” Thug e ’n sin seoladh do ’n t-Sasunnach mar dheanadh e a mach an rathad, agus thug e choill’ air le chuid daoine, co ullamh ’sa thainig iad roimhe ann am follais. P. M‘F. RIGH SEUMAS AGUS AN CIOPAIR. Bha righ Seumas V na h-Alba na dhuine ro ait, ’s bu taitneach leis gu minic greadhnachas a lùth-chairt fhàgail agus gu h-iorasal cuairt a thoirt, ann an riochd neach eile, air feadh na dùthcha, cumail cuideachd ris na h-iochdrain bhochd a bha’ na rioghachd, toirt aire d’an caithe-beatha, d’ an cleachda ’s d’an giùlan, ’s co-pairteachadh leo d’ an teachd-an-tir neo-riomhach, ’s do’n t-sùgradh chòir, thlachdmhor a bhiodh aca fein. Air uair de na h-uairean, dh’eirich dha tachairt air ciopair a bha ri taobh tuim am bùn a threud ’se cuir seachad na h-aimsireach a càramh a bhròg. Rinn an righ suidhe laimh ris is thòisich e ri conaltradh ris, ’s cha bu neo-thlachdmhor leis a chùideachd, ’s an deigh moran seanachais a dheanamh ris chuir e folach air a mhinidh bh’ aige ris na brògan ’s ’n uair dh’ ionndraicheadh leis a chiopair e dh’ amhairc e air a shon mu ’n cuairt da gu furachail cùramach, ’san uair dh’ fhartluich air fhaotuinn, dh’fheoruich e do’n a righ an robh fhios aig air dad mu dheibhinn. Air a shon so, leig an righ air fein gun do ghabh e fearg mhor, ’s thuirt e ris a chiopair, ’se bruidhean ann an dòigh ro àrdanach, a bhalaich, na biodh de dhànadas agad smuainteachadh na idir a ràdh gun d’thugainn-sa leam do mhinidh. Fhreagair an ciopair coir e gu calma, mar so, (gun fhios aige co bh’ aige) “Cha n’eil mis’ ag radh riut, as an aodunn gu ’n d’ thug thu leat e, ach tha mi fiosrach mu’r biodh a h-aon an so ach mi fhein ’s mo chu dubh nach biodh e air chall orm. Thoisich an righ an sin, air a smàdadh ann am briathraibh ro-thàireil a bha ciallachadh gun gabhadh e air, nam b’ fhiach dha teannadh ris. Sheall an ciopair còir air ’se tilgeadh dheth a bhreacain, ’sa toirt a mach sgine ’s peighinn no dhà de airgiod is faoineis eile bha na phòca, thuirt e ris, cuiridh mi na th’ agam an so ’an geall riut ma theid mi d’ dhàil, ann an gleachd, gu ’n cuir mi fodham ’s gun ciosnaich mi thu, is feuchaidh mi buille no dha [TD 284] leat, leis na duirn as a dhéigh sin ma ’se do thoilsa.” Ghabh na fir an caramh a cheile, ’s air a cheud char chuir Eoghan an righ fodha. Chaidh iad an sin ann a foirm bualaidh ’s thug iad buille no dha gu smiorail, ach, mu dheireadh b’fheudar do’n righ striochdadh d’a cho-sheise. Thug e ’n sin mathair-aobhair na h-aimhreid’, a minidh air lom, ’s dh’ iarr e maitheanas air Eoghan, ag innseadh dha gu ’m b’ ann le fealadhà a thoisich e, ’s gu ’n deanadh iad rèite, ’s an uair a bha iad a crathadh lamhan a cheile chàirich an righ mìr òir ann am bois Eoghain ’s thuirt e ris “a dhuine bhochd ’s aithrigh thu air dreuchd no ’s fearr na th’ agad, agus tha e ’m chomas-sa sin a thoirt duit, agus innis dhomh ciod an dreuchd as roghnaiche leat” “Mata le ’r cead,” ars an duine bochd (’s e toirt an aire gu ’m bu neach eigin measail a bh’aige, ge nach robh fios aige co e) cha ’n ’eil mise ro dheigheil air urram an t-saoghail so, ach ma tha eolas agaibh air mo mhaighstir, ’s toil agaibh feum a dheanamh dhòmhsa, feuchaibh an cuir sibh impidh air ciopaireachd an àit ud (.se ga ainmeachadh) a thoirt dhomh an fheadh is beo mi, o na bhithinn air mo shuidheachadh ann, ni bu shocraiche na tha mi ’n so, ’s o’n a gheibhinn min a’s bainne gu pailt, cha ’n’eil mi ’g iarruidh tuille de shòlas na beatha-sa, agus thig mi beo cho sonadh ris an righ fein.” Tha e air aithris gu ’n d’fhuaradh dha na bha e miannachadh agus gu ’n cualas righ Seumas fein, gu minic ag ràdh, nach robh farmad aige ri neach ’na rioghachd ach ris a chiopair a bh’ air Srath Chonain. Bha’n duine bochd so ro thoilichte le chrannchar, agus ’s math a dh’fhaodas a sheortsa bhith mar sin: Tha iad air falbh o othail ’s o ùbraid na beatha, ’s ge d’ tha iad ag eirigh moch ’s a luidhe anamoch, a cosnadh an arain le fallas an gruadhach, tha iad a mealtuinn slaint’ a’s fallaineachd, chorpora ’na lorg sin, agus ’nuair a gheibh iad an t-socair bi’dh i milis, taitneach leò; ’s cha’n ionann ’s mar dh’ eirich do dhreamaibh eile th’ann an staid ’s an t-saoghal a caitheamh am beatha ann an diomhanas, ’s ged tha’n t-socair aca nach urrainn toilinntinn fhaotuinn uaipe. Air fiamh na greine theachd do ’n speur o’n chuan A thilgeadh soillse thair gach coill a ’s cluan, ’Sa mhaduinn chiùin, ’s am feur fuidh dhriuchd ro throm, ’S na h-eoin ’nan còisridh ’m barr nan òg ’s nan tom, A seinn an ceoil gu fonnmhor boidheach binn, ’S mac-tall’-nan-creag co’ fhreagarradh d’an seinn. ’M fear-dùth’cha suairce dùisgidh ’suas a’ shuain; ’S ann leis bu taitneach claistinneachd na fuaim. Gu sunndach ait gu ’n d’ thig e mach do ’n raon, ’N deigh ’sgios, ’s an oidhche, chuir a’ chuimhn’ gu faoin, R’a obair chleachdta teannaidh e, gun dàil, A chuireas neart a’s fallaineachd ’na chàil. A ’s miann air maoin cha chràidh ’s cha chlaoidh a chri’, ’S e mealtuinn neart a’s fallaineachd mar ni. [TD 285] Tha fear-dùthch’ iriosal a’ mealtuinn slainte cuirp, agus tha sàr-chothrom aig air amharc air slaint’ anama neo bhàsmhoir; oir cha n’eil cho lion buaireadh fa chomhair, gu thoirt a thaoibh o’ shlighe cheartais ’s a tha aig iomadh neach eile tha caitheamh beatha ni ’s greadhnaich. Do ’n Teachdaire Ghaelach O’———ann an Sgoil T’——re IAIN AGUS SINE. Bha Iain sloighteil agus Sìne bhuaireasach a bhean, air là àraidh a’ siubhal ri taobh aibhne, agus thòisich iad ri trod mar a b’ àbhuist. ’An ceann gach tiota theireadh Sìne ri Iain, an Slaodaire leibideach. Bha Iain air a bhrosnachadh chum na h-uiread fheirg, leis na focail thàireil so air an labhairt co tric ’s gun do thilg e Sìne thar a bhruaich, ann am meadhon an t-srutha. Rinn Sìne bhochd a dìcheall gu tìr a thoirt a mach mar dheanadh gach neach eile ’na h-àite, Ach cha bu luaithe a ghreimicheadh i air slataig sheilich a bha fàs ri taobh na h-aibhne, na ghlaodhadh i mach le àirde claiginn “Feuch riut a Shlaodaire leibidich!” Mata ars Iain, is e ’gearradh na slataig le sgithinn, o leig mi gach ni eile leat, leigidh mi sin leat cuideachd. Leis na h-uile rud a bh’ann bhàthadh Sìne. Air an là a’ màireach thòisich a càirdean ri feuchainn arson a chuirp sios o’n àite anns an do thuit i; ach thòisich Iain ri feuchainn suas o’n àite sin. Is cinnteach gu bheil thu air boile, arsa neach éiginn ris, ma tha dùil agad gum faigh thu’n corp an rathad sin. Mata ars Iain, an uair a bha mo bhean beo bha i dol co fad an aghaidh tuigse nàduir, ’s nach biodh bonn iongantais orm air dhi a bhi marbh, ged a rachadh i co fada an aghaidh an t-srutha. D. F. ACHMHASAN AN AMADAIN. Bha duin-uasal mor araidh ann a bha ’gleidheadh amadain, d’an d’ thug e aon lath bata, le ordugh teann a ghleidheadh, gus an tachaireadh e ri amadan bu mho na e fein. Beagan bhliadhnachan an deigh sin, dh’fhàs an duin-uasal tinn, eadhon chum bàis. Thainig an t-amadan g’a amharc: thuirt a thighearna eu-slan ris, “’S eigin domhsa ’n ùine ghoirid d’fhàgail.” “’S c’ait tha thu dol,” arsa ’n t-amadan. “Do shaoghal eile” fhreagair a Mhorachd. “Agus c’uin a thig thu a rìs?” “Ann am mios thim?” “Cha tig.” “An taobh a stigh do bhliadhna?” “Cha tig.” “Cuin mata?” “Cha tig gu bràth.” “Gu bràth nach tig!” arsa ’n t-amadan; “agus ciod an t-ullachadh a rinn thu airson goireis dhuit fein ’s an àite sin d’am bheil thu dol?” “Cha d’rinn ullachadh idir.”—“Nach d’ rinn! arsa ’n t-amadan, “nach d’ rinn ullachadh idir!” “So, mata gabh mo bhata; oir, le m’uil’ amaideachd-sa cha’n’eil mi ciontach de amaideachd ’s am bith cosmhuil ri sin.” Ead. le CUACHANACH. Sithein, 1830. [TD 286] MU DHAOINE GHEIBH BOGADH BATHAIDH, ATH-BHEOTHACHADH. Leis a choilion sgiorradh a tha tachairt air feadh Gaidhealtachd agus Eileana na h-Alba, tha e ro iomchuidh gum biodh fios aca mu na meadhonan is còir a ghnàthachadh chum an aiseag, m’as comasach e, chum beatha. Air gach aon chor is iomchuidh feuchainn ris, ged a robh an duine uair an uaireadair fo’n uisge. ’Nuair a bheirear as an uisge e, cha’n’eil mionaid ri chall; agus cha’n’eil doigh is cunnartaiche na ni a tha ro chumannta, an ceann a chumail fodha, no a chur trast air baraille, no idir an corp a shuathadh le salann no le spiorad laidir. ’Se cheud ni bu chòir a dheanamh, an aire thoirt nach ’eil ni air bith sa bheul no anns an t-sròin a chumas bac air an anail. Tha’n t-aodach fliuch ri thoirt deth co luath ’sa dh’fheudar, agus a chur ann an leabaidh bhlàth co luath ’s is urrainnear, a shuathadh gu teann gus an tiormaich e. Ged is còir a thoirt leis gach cabhaig a dh’ionnsuidh an tighe is dlùithe do làimh, tha e anabarrach feumail gu’n giulainear e leis an fhaicill is mò, a’ cumail suas a chinn agus a ghuaillibh. Bu chòir grad fhios a chur air lithiche, ach gus an d’thig esan, is còir eutromain no searragan làn de uisge teith a chur ri bonnaibh a chos, ri iochdar a chuirp, agus fo a dhà achlais: nam bu chomasach e, ’s e’n doigh a b’fhearr a chuir ann an soitheach làn de uisge meadh-bhlà; ach mar ’eil so goireasach, gabhadh iad bréidean cùbhrainn air am fliuchadh leis an còir a shuathadh, ni a tha gu tric a’ freagairt co maith; ach is còir a bhi anabarrach faicilleach sa cheud dol a mach nach bi an t-uisge no am blàths’ a chuirear ris ro theith, ach feudar uidh air uidh am blàths’ a mheudachadh. Tha iad mar an ceudna comhairleachadh balg-séididh a chur ris an dara cuinnein, agus séideadh a stigh gu h-aitheasach, a cumail a chuinnein eile agus a bheòil dùinte, gus am faicear am broilleach ag éiridh, no ag at; thugar an sin air falbh am balg, agus leigear leis a bheul agus an cuinnein fosgladh, agus suathadh aon am broilleach, air ais agus air adhart, gu caomhail le laimh: rachadh leanailt air a so car ùine mhòr, a’ gnàthachadh a bhuilg agus an suathadh m’an seach, agus na d’thugadh iad dùil ge nach bi coslas beatha air fad ceithir no cùig de uairean. Co luath ’sa tha comas aige aon ni a shlugadh thugadh iad dà deoch de mheòg blàth, no beagan fìon agus uisge blàth, Mar ’eil sin ann thugar neo-ni de uisge-beatha dha air anmhannachadh le siùcar agus uìsge. Cleachdar gach doigh is urrainnear gu fallas a chuir dheth, le aodach blàth a chumail air; cumar an seomar sàmhach, agus na biodh e air chor air bith air fhàgail leis fein. AN LETH-GHAIDHEAL. Comhairlean feumail o Léigh ainmeil, a dh’ fheudas a bhi goireasach dhoibhsan a tha fad o lighichibh. ’Se’n t-aon leigheas air gach ana-shocair gabhail aige gu tràthail. ’Nuair a dh’ fhair’eas duine grìs-fhuachd air, agus laigsinn mu na h-uilt, le càil-eiginn de chrith, bu chòir na cosan a chuir ann an [TD 287] uisge blàth gu ruig na gliùnean, agus am fàgail ann car ùine bheag; na dhéigh sin grad dhol a luidhe, agus deoch bhrìoghor bhlàth òl, a chuireas fallas diubh; agus gu h-àraidh deagh phurgaid mhath, laidir a ghabhail, agus mar ’eil na cùngaidhnean sin aca r’am faotainn, cha bhi iad gu h-olc dheth fhad ’s a tha iad dlùth do ’n t-sàile. Rachadh so a ghnàthacha car latha no dhà, agus feudar iomad droch fhiabhras a chumail air falbh. ’Nuair a thig droch fhuachd agus cratan, le casadaich air duine, deanadh e mar thuirt sinn; ach ma mhothaicheas e greim na thaobh a’ cur stad air anail, tha e feumail beagan fol’ a tharruing, agus os ceann gach ni an air’ a thoirt nach bi e teann ’na chorp. ’Nuair a dh’ fhairgheas duine goirteas mu iochdar a chuirp, no m’an ghoile, ’s e’n aon ni purgaid a ghabhail gun dàil, cùrainn a thumadh ann an uisge teith, agus an déigh fhàsgadh gu teann, a chàramh ris an àite sa bheil an goirteas, agus ’nuair a dh’fhàsas e fiunnar a bhlàthteachadh a rìs, agus an t-àit earabhruicheadh air an dòigh cheudna. Ma tha e comasach se an doigh is fearr a cholain gu h-uile a thumadh an an uisge plodach. Is tric le muinntir dùchadh ’nuair thig tinneas ’na’n caramh làmh a thoirt air deochannaibh laidir de fhìon no dh’uisge-beatha; ach cha’n’eil ni is cunnartaiche dhoibh na so ann an toiseach tinneis, ’nuair tha gach cunnart fiabhruis thairis, cha dean beagan de sin coire dhoibh. P. M‘F. MU CHUR A BHUNTATA. Sgoiltear am Buntàta cnuachdach, Na sgràilleagaibh cluasach, bachlach; Théid an inneir phronn na lòdaibh, Socach, trom, air chòmhnard achaidh, Le tréun ghearrain chùbach, chàrnach, Chliabhach, spidreach, bhràideach, shrathrach: Sùrd air teachd-an-tìr nan Gaedheal, Dh’ fheuch an tàrar e fo’n talamh. Is ann m’an àm so bhliadhna a tha’n obair fheumail so a tòiseachadh, agus ga eolach na Gaedheil orra, cha’n e ’n dòigh is fearr a th’ ac’ ann an cuid de dh’àiteachan. Am bitheantas tha na sgoilteinean ro-mhòr: is fearr aon sùil ann an sgoiltein na am barrachd. Fhuair sinn litir uime so o ar Caraid Seana Cheann ann an Glaschu air son a’bheil sinn fo chomain dha. Tha esan ag innse dhuinn mu dheuchainn a rinneadh anns a chùis so le uaislibh mheasail ann an Sasunn, leis an do dhearbhadh gu soilleir am mòr bhuannachd a tha anns na sgoilteinibh bhi air aon sùil. Chithear gu bheil, anns a bhuntàt’ is tric a tha air a ghnàthachadh moran shùilean dlù ga chéile anns an darna ceann seach anns a cheann eile; agus mar is dlùithe iad so air fior cheann a bhuntàta is ann is luachmhoire iad arson pòr cuir. Thig iad fo bhachlaig cùig-la-deug ni’s tràithe na iadsan ge mòr iad, a thig as a cheann eile. Bithidh an cinneas ni ’s mò, agus am pòr ni’s gloine. Is eolach air a so iad ann an Ceann-tire far a bheil an cinneas is mò, agus am pòr is gloine ri fhaotainn, maith dh’ fhaoidte san rioghachd. ’Se ’m mearachd is trice ann an cur a bhuntàta an inneir a chur a mach ro-luath m’ an cuirear fodha i; tha mòr chall na lorg so a thaobh gu bheil i call mòran da brìgh leis an uisge no leis a ghréin. Cha bu chòir a chur a mach ann an aon là ach na rachadh [TD 288] a chur fodha air an fheasgar sin fein. Mu ghleidheadh a Bhuntàta. Tha e air fhaotainn a mach le daoinibh measail, gu0n gabh am Buntàta gleidheadh rè ùine mhòr. Rinn duine àraidh mar so aig toiseach a gheamhraidh. Chuir e cuid deth troidh fo’n talamh, cuid eile dà throidh, cuid tri troidhean, agus cuid cùig troidhean. Air a chuid a bha troidh air doimhneachd bha cailleag mu dheireadh an Earraich; air a chuid a bha dà thròidh fodha, bha cailleag mu dheireadh an t-Samhraidh; air a chuid a bha tri troidhean fodha, bha cailleag, ach cha d’thainig i an uachdar; agus air a chuid a bha cùig troidhean fodha cha do chinn cailleag idir. An déigh so chuir e ceithir troidhean fo thalamh e, agus cha do sheall e air gu ceann da bhliadhna. ’Nuair a thog se e bha e gu h-ùr fallain, gun chailleag gun ghaoid. LETH-GHAEL. FOCAL SAN DEALACHADH. Fhuair sinn mòran litrichean o’r càirdibh o chaidh an àireamh ma dheireadh a mach; ach cha ’n ’eil e ’nar comas fios-freagradh fa leth a thoirt doibh. Gabhadh gach aon ac’ r’ ar taing arson an caoimhneis. Is ro dhuilich leinn gu ’n d’ thainig an Dàn taitneach a chuir O. T. d’ ar n.ionnsuidh, tuille ’s anamoch air son a bhi san àireamh so, ach bithidh e san ath-aon. Cha deachaidh aon ni cudthromach a chriochnachadh ann an Ard-chomhairle na rioghachd o chuala sibh roimhe uainn. Tha ’n treabhadh ’s an cur fad air deireadh le fliuichead na sìde. Tha Ceaird agus cosnadh a’ dol ni ’s fearr, agus ’se barail dhaoine gu ’m buanaich iad mar sin. TRAITHEAN NA GEALAICH. Tha Ghealach làn air Dir-daoin an 8mh. là aig 7 uairean sa mhaduinn. An Solus ùr air dir-daoin an 22d. là aig aon-uair-deug san oidhche.