[C I] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. I. ÀIREAMH CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1835. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 48, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, HISLOP, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXV. [C II] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. II. ÀIREAMH DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1835. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 48, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXV. [C III] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. III. ÀIREAMH TREAS MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 48, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [C IV] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. IV. ÀIREAMH CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 48, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [C V] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. V. ÀIREAMH TREAS MIOS AN EARRAICH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 48, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [C VI] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. VI. ÀIREAMH MIOS A’ MHAIGH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 60, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [C VIII] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. VIII. ÀIREAMH MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 60, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [C IX] R’A REIC AIRSON SÈ SGILLEAN. AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. IX. ÀIREAMH CEUD MHIOS AN FHOGHARAIDH, 1836. “Lean gu dlùth ri cliù do shìnnsir, ’S na dibir a bhi mar iadsan.” PUBLISHED MONTHLY, BY D. MACFARLANE, 60, OXFORD STREET, GLASGOW; SOLD BY MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH; M. OGLE AND SON, D. M‘GREGOR, J. LAWSON, P. SINCLAIR, J. DUNCAN, GLASGOW; CUTHBERTSON, GARDINER, PAISLEY; JAMES KERR, THOMSON, JOHNSTON, M‘IVER, LAING, GREENOCK; GLASS, ROTHSAY; RALSTON, M‘KENZIE, CAMBELTOWN; K. DOUGLAS, INVERNESS; HEWITT, STIRLING; DEWAR, PERTH; CHALMERS, DUNDEE; MATHIESON, ABERDEEN; CLARK, DUNFERMLINE; AND ALL BOOKSELLERS. And generally by Merchants throughout the Highlands and Islands. MDCCCXXXVI. [TD 1] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. CEUD MHIOS A’GHEAMHRAIDH. I. AIREAMH. 1835. ROIMH-RADH. A mhuinntir ar dùthcha,—Fàilte ’s furan oirbh! THA nis dlùth air ceithir bliadhna o’n a sguir an “TEACHDAIRE GAELACH” o shiubhal na dùthcha, agus mar tha fios agaibh ’s iomad ionndrain a bha air. ’S ann le mór-dhubhachas da rìreadh a chuala na Gàidheil air an àm an t-aobhar a thug air an duin’-uasal shuairce ’chuir a mach an Teachdaire sgur car tamuill d’a shaothair, do bhrìgh bristeadh beag a thainig air a shlàinte; ach bha do ghnàth dùil aca o àm gu h-àm gu’m biodh e ’na chomas tòiseachadh as ùr air a’ mhìosachan thaitneach a thug uiread fhiosrachaidh agus shòlais do shìol nan Gàidheal. Mar thubhairt e féin san litir-dhealachaidh a chuir e ’mach air an àm, “Ged a b’éiginn a’ bhìrlinn a tharruing gu tìr cha b’ ann chum a toirt as a chéile, ach chum a calcadh ’s a cur fo uidheam ùr.” Smuaintich sinn gu’m biodh i o chionn fada air sàile a’ siubhal o eilean gu eilean, le ’croinn arda ’s a siùil bhòidheach gheala, a sgioba fhiùghanta chruadalach, gu buadhar, luachmhor, furbhailteach mar a b’ àbhaist. Bha sinn fo bharail gu’m biodh tonnag ùr a dhìth air bean a’ Phìobaire roimhe so—gu’m biodh ar caraid Fionnla agus a ghoistidh, Para Mór, a mach gu Galldachd, agus Marsaili Mhór gu fogharadh o chionn ioma seal. Cha’n e gu bheil sinn idir a’ faotainn coire do’n duin’ uasal cheanalta, oir ’s làn-chìnnteach sinn nach leisg no easbhuidh gaoil d’a dhùthaich thug air a pheann Gàidhealach a thasgaidh co fada.—Bha clàrsach naomha na h-EIRIONN fada gun ghleusadh agus bu mhiann leis òrain bhinne Shioin uidheamachadh air a son. ’S iomad coire fhuair cuid do Chléir na Gàidhealtachd do’n Teachdaire fhad ’s a bha e ’dol a mach; ach ’s fhada mun d’ fheuch a h-aon diubh fear a b’ fhearr a chur ’na àite ’nuair a sguir e. Tha ’mhiann oirnn deuchainn eile thabhairt, agus ceumannan an fhir nach mairionn, an seann Teachdaire, a leantuinn fhad ’s a bha e taitneach no tarbhach, co dlùth ’s a dh’ fheudas sinn. Cha tig e dhuinn geallaidhne móra dheanamh anns a’ cheud dol a mach, ach so their sinn, nach ’eil saothair no oidheirp ’nar comas nach cleachd sinn. Cosmhuil ris an t-seillein ghniomhach, a’ siubhal o bhlàth gu blàth a’ trusadh na cìr-mheala, bidh sinne a’ cruinneachadh o bheinn ’s o shrath—o mhuir’s o thìr—o eachdraidh gach dùthcha—o oibribh na cruitheachd—o leabhar mór Nàduir agus o Leabhar Freasdail an Tighearna, gach ni a smuainticheas sinn a [TD 2] bhìos taitneach no tarbhach d’ar luchd-dùthcha, agus ’se ar dòchas gu’n teid againn air so a thairgseadh ann an cainnt shnasmhoir ghrinn, agus gu’m bi an clòdh-bhualadh agus gach gnothach eile ’bhuineas do chur a mach a’ mhìosachain so do réir sin. Tàirngidh e beagan ùine mum bi ’bhirlinn tha sinn a nis a ’cur gu sàile fo làn-uidheam no gach aon do’n sgioba iasgaidh ealamh, eólach ’na àite féin:—fhuair sinn a’ mhàileid, ach cha ’n ’eil am bathar fhathasd air a thaghadh no air a chur an ordugh mar bu mhath leinn. ’S éiginn uime sin gu’n gabh ar luchd-dùthcha ar leisgeul, ma chi iad feum againn air, car ùine bhig. Geallaidh sinn nach faidh aona chuid sgainneal no tuaileas àite gu bràth ’nar duilleagaibh. Feuchaidh sinn naigheachd na rìoghachd a thoirt seachad ceart do réir na fìrinn, gun chlaonadh a nùnn no nall. Cha’n’eil ni ’nar beachd ach eòlas fallain—fiosrachadh feumail—eachdraidh thaitneach—uirsgeulan gun choire—dàna beaga laghach—fearas-chuideachd neò-chiontach, a thoirt d’ar luchd-dùthcha; agus uiread ’s a’s urrainn duinn do’n fhòghlum agus do’n fhiosrachadh tha mach air feadh na Galldachd a sgapadh gu farsuing fial, saor, air feadh na Gàidhealtachd, ann an cainnt bhlasda ar dùthcha féin. Tha dóchas againn gu’n seas ar luchd-dùthcha sinn. Tha nis anns a’ Ghàidhealtachd fichead a leughas agus a sgrìobhas a’ Ghàilig air son a h-aon a bh’ ann ’nuair thòisich an seann Teachdair’ air dol a mach. Ge nach biodh ann ach buill a’ “CHOMUINN OISEINICH” féin, ma sheasas iadsan sinn cha bhi dìth no deireas air an TEACHDAIR’ UR. Có air am biodh eagal ’s an leithidean r’a thaobh? Tha sinne agus iomadh caraid teas-chridheach, a’ cur romhainn nach sguir sinn d’ ar saothair gus am bi EOLAS SGRIOBHAIDH AGUS LEUGHAIDH NA GAILIG CHO CUMANT’ AIR GAIDHEALTACHD ’S A THA EOLAS NA BEURLA AIR GALLDACHD, no, gus an tog sinn i CO ARD RI AONA CHANAIN EILE SAN ROINN-EORPA. Cha ’n ’eil sinn a’ faicinn nì saoghalta ’s urrainn ar bacadh. ’S i ar n-ùrnuigh dhùrachdach gu’n soirbhicheadh Freasdal caomh an Ti a’s airde leinn, agus gu’n deanadh e sinn murrach air math ar dùthcha chur air aghaidh, agus nach ceadaichear dhuinn aon ni chur a mach a bhios ’na aobhar-aithreachais air leaba bàis. A luchd-dùthcha ionmhuinn, Is sinne ’ur cairdean dìleas. Luchd-uidheamachaidh an “TEACHDAIR’ UIR GHAIDHEALAICH.” C. C. Ceud mhìos a’ Gheamhraidh 1835. [TD 3] FAILTE DO’N TEACHDAIR’ UR. ’FHIR MO CHRIDHE, Tha sibh a nis air tòiseachadh air a’ mhìosachan lurach so chur d’ ar n-ionnsuidh a rithist, agus mìle misg air an fhear nach guidh soirbheachadh math leibh féin agus leis an Teachdaire! Gu ma maol-chluasach a bhios an Gàidheal a dhiùltas ard-chathair a thighe dha, agus gu ma toll-sporanach an sgrubaire sin leis am bu daor e air an t-sè-sgillinn chrotaich, leibideich, bhochd. Cha ’n fheud e bhith gu’n d’ rugadh e ’s an tìr anns na rìoghaich FIONN, agus anns na sheinn OISEIN, neach a ni di-meas air an Sgeulaiche òirdheirc. Ma rugadh, gu robh e féin crùbach agns na h-uile fear a ghabhadh a leisgeul crotach rè làithibh am beatha! Nam biodh fhios agaibhs’ an othail a tha’m measg nan Gàidheal o na chual’ iad gu’n robh sibh air tòiseachadh as-ùr. Is iomad là mall-triallach agus oidhche chianail a bha againn o na sguir sibh dheth; ach, buidheachas do ’n fhortan! mhosgail an Teachdair as a shuain, agus le binn-ghuth àidh ghairm e sinne o’r cianalas, agus dh’ fhògradh ar dubhachais mar neòil na maidne. Fosglaidh ar bilean le gàire, agus ni ar cridheachan gairdeachas ’san “Teachdaire Ghàidhealach.” Tha na buidsichean air chrith le h-eagal,—tha glùinean luchd-ghisreagan a’ bualadh ri chéile le h-ioghna,—agns tha an dream a tha toigheach air ti, deoch, agus rìomhadh, a’ fàs bàn le geilt-chrith thaobh an sgiùrsaidh sgailldidh a b’ àbhaist duibh a chumail ri earbuill nam biasdan. ’Se mo dhòchas nach do lagaich bhur làmh agus nach do mhaothaich bhur cridhe thaobh an dream so; oir is da rìreadh muladach, eadhon anns an linn sholusaich so, na beachdan faoine tha móran ag altrum mu’n timchioll.—Gabhadh sibhse’ air ur n-aghaidh ’nur n-obair ghràidh agus theid mise ’n urras nach fhada gus am feud iad luidhe far na luidh am mart cean-fhionn, àig cùl a’ ghàraidh. Cha ’n urrainn iad coire dheanamh oirbhse ge nach ’eil teagamh nach ’eil na h-it-cheannaich, na sgaomadairean agus na h-uile tha miannach air féin-ghlòir ealamh gu bhi ’spùtadh a mach puinnsean na cùl-chainnt ’nar n-aghaidh, ach na mò oirbh iad na ’s mò air craig tonn-fhras nan uisgeacha càr-gheal. Cha dean e coire air bith do ’n ghealaich na h-uile cù tha eadar tigh Iain Ghrot a’s lùchairt an righ bhi tathunnaich rithe.—Tha sibhse tuille ’s ard—tuille ’s daingnichte ann an gràdh gach fior Ghàidheil gu bhi air bhur dochann leò. ’Se comharradh a’s fearr air duine th’ ann an dreuchd follaiseach, na h-eucoraich agus luchd-dubhailc a’s mi-bheus a bhi ’na aghaidh. Ach ged a tha na connspeachan air bàinidh gu bhi ’n sàs annaibh, is lionmhor agus is treun bhur càirdean—’s ioma broilleach tha bualadh le mór-aoibhneas, agus làmh chairdeil a tha sinte ’mach gus an Teachdaire fhàilteachadh gu furanach. Eiridh frog air an t-sean-aois ’nuair a ni sinn ’ainmeachadh;—Suidhidh na baintighearnan òga leis sa’ choille-chnò—’an lagan doilleir,—no ’am bun tuim far nach cluinn iad ni ach beul milis an Teachdaire, no binn-cheileir na cuaiche, no fann-thorman nan sruthana meara; tha gach fleasgach a’ mionnachadh gu bheil fiosachd agaibh do bhrìgh cho mion-eòlach ’sa tha sibh air gach lide thig amach air am beul an àm seasamh dhoibh [TD 4] le’n leannanan aig cùl gàraidh no ’n sgàile craige;—agus tha iad gu lionmhor a’ fàidheadaireachd gu’n sruth mór-bhuannachd o’n t-saothair tha sibh a’ deanamh gu bhi ’soilleireachadh bhur luchd-dùthcha. Is ann de ’n àireamh so am BARD BREAC, a sheinn an dàn a leanas:— ’Fàilt’ ort féin, a Theachdair’ Ghàidh’laich! Sgeul a’s fearr leinn thu bhi fallain; Do bheatha choidhch do thìr nan ard-bheann, Far an d’fhàg thu sinn fo smalan; Gleus gu réidh do theudan clàrsaich, ’S tog gun dàil do dhànaibh ealamh, ’S tuitidh Sprochd mar bhochdan cràiteach, No mar chorp gun chàil gu talamh. Fosgail-sa do bheul gu tùrail, ’S seinn mar smùdan ùr-laoidh theud-bhinn, Freagraidh MACTALLA an tùs thu, ’S freagraidh do luchd-dùch’ gu léir thu, Freagraidh maighdeannan nam beann thu, Mar organ milis srann-bhig éibhinn; Togaidh gach cruitear sgiathach ceòl duit, Fhir bu bhòidhch’ ’s bu sheòlta sgeula. O! tog-sa ort, a thosgair àluinn, Le do Ghàilig ’s fearr gu còmhradh, Innis mu gach comh-stri ghàbhaidh Bh’anns gach āit’ mu ’n d’ fhàs thu eòlach, Stiùr sinn gu dearg-fhaich’ an lasgair’, Far na thuit na gaisgich chròdha, ’S gus gach uaigh ’s na shìneadh cŭraidh, ’Smath a’s urrainn thu g’ar seòladh. Brosnuich sinn le eachdraidh Albainn. (Far ’m bu chalma dalm’ na treun-laoich) Gu bhi deothal og-mhil thairbheach As gach sgrìobhadh dearbhta feumail; Seirm dhuinn farum sin gach borb-bhuill, ’S fuaim bh’aig arm-chleas garbh na Féinne, ’S ged nach fhearr sinn féin na cearbaich, Cha bhi do sheanachas searbh r’a leughadh. Feumaidh tu air uairibh éiridh Do na speur’ ri reub-ghaoith ’s gaillinn; Bi’dh mìle Gàidheal ri do shàiltean O, cia gàbhaidh ni thu ’n tarruing! ’Nuair gheibh thu iad gu suidhe ’n òrdugh, ’Nan còmhlain fòil fa chòmh ’r na gealaich, Mu’n ghorm-bhrat àluinn, pàirt-dhait ìnns dhoibh ’S mu gach rionnaig dhrìlsich ’s planat. Bheir thu ’n sin cruinn-leum do ’n fhairg’ leo, ’Measg nan iasga garbh a’s òga, Ach feuch, a theachdair’, nach teid cuid dhiu, ’Shlugadh leis a’ mhuic mar Iònah! [TD 5] Treòraich iad a ris gu sābhailt, As na h-uisgibh càr-gheal leòmach; Gu ’m fàg thu iad a’ call an lūis le Gàiricich ’an dù’ich nam mòr-bheann. Teagaisg iad le reachdan cràbhach, Brigh’or, sàr-mhath, àghmhor, tùrail; ’S buail le cuaille cnuachd gach fàl-bheirt, Gus am bàsaich iad ’s na cùiltibh; Biodh gach duilleag ghrìnn an Teachdair’, ’Na gàradh-altruim do gach sùbhailc, ’S innis dhòmhsa ’n ceann na bliadhna, Ma nochdar fiatachd dhuit ’san dù’ich-sa. Tha e doirbh r’a thuigsinn ciod th ’air aire ’Bhaird-Bhric a dheanamh air an dream a ni di-meas air an Teachdaire; ach nam faiceadh sibhs a’ ghreann oillteil a chuir e air ’aodann aos-phreasach féin air dhà bhi crìochnachadh an òrain so, cha bhiodh teagamh agaibh nach robh peanas uamhasach éigin ’na bheachd. Cia air bith mar bhios sin, tha mise ’cur romham, o àm gu h-àm, a bhi cur cuid do dh’ òrain a’ Bhaird-Bhric d’ ar n-ionnsuidh maille ri eachdraidh fhiachail air bith a dh’ fheudas bhi air a cnuasachadh le ’r seirbhiseach fìor-dhìleas, TUATHACH CUAILEANACH. Bun Lochabar, Ceud Mhios a’ Gheamhraidh, 1835. GUTH O MHACTALLA. A THEACHDAIRE RUIN, Fhir spreigeadh na Gàilig, fhir sgapadh nan sgleò—mìn-fhras a’ chéitein air an fhearann thartmhor—ceòlraidh bhinn nam preas anns an fheasgar shamhraidh—sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh—caraid nan Gàidheal! Chuir e aiteas air mo chridhe ’nuair chuala mi gu’n do dhùisg sibh as ’ur suain. Tha dòchas agam gu’n éirich gach Gàidheal a’s airidh air an ainm mhór sin leibh, mar aon duine—mar thonnan atmhor a’ chuain, ’nuair sheallas an aird -an -iar le gruaim, a’ sìor-ruith a dh’aon taobh; agus gu’n dean iad airson an àil ri teachd, mar rinn ar n’ athraiche air ar son-ne, ’se sin cliù nam fineachan a chumail suas. Air mo shon féin deth fhad’sa theid mo neart seasaidh mi ’h-aon; agus ma thuiteas mi ’n aobhar mo dhùthcha, tha fhios a’m gur h-e sin an latha’s àirde ’dh’éireas mi! Nuair chunnaic Cesar coigrich air sràidean àrd-bhaile na Ròimhe, a’ cnìodachadh, agus a’ pògadh chon agus apachan dh’ fharraid e, an robh clann idir aig mnathan na dùthcha as an d’ thàinig iad? Thuirt e so mar achmhasan do dhaoine bha ’caitheamh air brùidibh, a’ ghràidh agus a’ chaomhalachd a bhuineas do’n chinne-daonna amhàin. Air an dòigh cheudna thig do’n Teachdaire achmhasan a thoirt dhoibhsan a tha ’leagail an aigni’ean air cuspairibh faoine, agus a’ caitheamh buaidhean glòrmhor an anama ag iarraidh eòlais a b’fhearr dhoibh uapa. Tha mi féin a’ cur romham gu’n toir mi dhuibh, o àm gu h-àm, ma [TD 6] ghabhas sibh e, cùnntas air briathraibh, gniomharran, agus gliocas nam feallsairean bu mhò agus a b’-ainmeala bh’air an t-saoghal riamh! ’Sann le ’leithid so a chum seanachaidhean agus bardan ar dùthcha suas mòrachd nan Gàidheal o linn gu linn. ’Nuair chì sinn gniomharra dhaoine ’bha ainmeil ’an gliocas fa’r comhair, mar gu’m b’eadh, ann an sgàthan, ’sdù’ dhuinn an leantainn chofhad ’sa tha e’nar comas; dìreach mar leanas an leanabh eìsimpleir a phàranta; agus ’nuair chluinneas sinn an comhairlean subhailceach agus àrd-inntinneach d’an coimhearsnaich ’s dù’ dhuinn gu’n gabh sinn chugainn féin iad, mar bheir an sruthan leis blas an fhuinn troimh ’m bheil e’ruith co ac’ is mealmhach no mòinteach e. Air an dòigh so feudaidh an Gàidheal is leth-oiriche ann an tir nam beann an oidhche gheamhraidh a chaitheamh maille ri Cicero, ri Solon, ri Demosthenes, ri Socrates, agus a nis agus a rithist le diadhairean aimneil a dh’fhuiling bàs airson an aidmheil,—“Stad, stad!” arsa sibhse “Cò thusa? c’àit ’an d’fhuair thusa ’n t-eòlas so?” A Theachdair’ ùiseil, cha’n fheud e bith gur coigreach sibh do Mhactalla! B’ eòlach mise’ n Dunbheagain. Bha mi ’san Stalla-bhàin os ceann na h-aibhne móire ’nuair a ghlaodh Adhamh ri Eubh, “Thig an so, ’s cnàimh de m’ chnàimh thu!” Bha mi sa’ Chraig-dhuibh là blar-a’-chasgraidh ’nuair a ghlaodh Iosua “A ghrian air Gibeon stad, agus thusa’ ghealach!” Bha mi’m chluais-fhianuis air éubh dhubhach na h-Eiphit an oidhchc a sgriosadh na ceud-ghin; agus air a’ chuis-ghàire sin, a chuir na cànain troimh a cheile aig togail Tùr Bhàbeil,—cha robh clachair mu thogail turraidean mòra Mhemf, agus Bheulusc,—ionghnadh an t-saoghail, nach b’aithne dhomh air ’ainm, agus cha robh cànain air an t-saoghgal riamh nach do labhair mi!—’S iomadh òran binn a dh’ionnsuich mi o bhuachaillean Thyre agus Charthage, na Gréige agus na Ròimhe. ’Nuair a bha ’n freiceadan-dubh a’ dol sìos do’n bhlàr, là Fontenoi, chluinnte mo ribheid ’s mo dhos, agus mo “hussa,” ’gam brosnachadh gu mire-chatha, a chuir fuar-chrith agus gairisinn a’ bhàis air an nàmhaid! Tuigidh sibh a nis, tha mi’n dùil, a Theachddaire, có mì, agus cia as m’ fhiosrachadh. Ma ghabhas so deanamh, cluinnidh sibh uam air an ath mhìos. A’ guidhe gu’m faigheadh ’ur claidheamh truaill ann an druim ’ur naimhde—gu’n ceannsaicheadh srìan ur n’ eòlais borb-each an aineolais,—gu’n sgathadh deàlradh ’ur lainne dùibhre na cealgaireachd—agus gu’n sniomhadh sibh a’ Bhìrlinn dhealbhach gu h-uallach, air bharra-thonna glasa bàiteach na tiolpadaireachd; soraidh leibh. MACTALLA. GLASCHO, An deicheamh mios 1835. SEARRAGAN UISGE, NO, BUIDEIL UISGE RIOGHACHDAN NA H-AIRD-AN-EAR. Ann an leabhar Iosua (ix, Caib.) tha cùnntas againn air an dòigh chealgaich chuilbheartaich a ghabh na Gibeonaich chum lāmh-an-uachdar fhaotainn air Iosua agus a thoirt air cùmhnant a dheanamh riutha, nuair bha esan ’s am feachd buadhmhor bha maille ris a’ tarruing dlùth air an dùthaich. Chuireadh buidheann àraid do na Gibeonaich a mach an coinneamh Iosua: rinn iad so gu seòlta, oir leig iad orra gu’m bu teachdairean iad a thainig á dùthaich fad’ as, [TD 7] agus mar dhearbhadh air so, ghabh iad seann saic air an asalaibh, agus fìon-shearragan, air neo fìon-bhuideil a bha sean agus reubta, agus ceangailte suas, “Agus brògan a bha sean agus càirichte air an cosaibh, agus sean eudach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath. Agus chaidh iad a dh’ionnsuidh Iosua do’n champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thainig sinne o dhùthaich fad’ as; a nis uime sin deanaibh coimhcheangal ruinn. An t-aran so againn ghabh sinn teth air son ar lòin a mach as ar tighibh, san là anns an d’thàinig sinn a mach gu dol d’ur n-ionnsuidh-sa; ach a nis, feuch, tha e tioram, agus liath. Agus na searragan fìona so a lìon sinn, bha iad ruadh, agus, feuch, tha iad reubta: agus tha ar n-eudach so agus ar brògan air fás sean, le ro-fhad na slighe.” Cha robh na searragan no na botuil sin cosmhuil riutha-san a ta air an cleachdadh san linn so. ’S ann do ghloine tha botuil agus searragan a nis air an deanamh, ach an sud bha na searragan air an deanamh do chraicnibh ghabhar agus laogh, agus do chraicnibh chreutairean eile air an d’rinneadh feannadh-builg mar chìtear air feadh na Gàidhealtachd air son bhollachan do lìn an sgadain. Tha iomradh againn gu tric air na searragan so sa’ Bhìobull. Ann an leabhar na Gin. 21. Caib. 14. rann, thug Abraham searrag uisge do Hagar ’nuair chuir e air falbh i. Ann am Breitheamhna iv. caib. tha sinn a’ leughadh ’nuair chaidh Sisera stigh do bhùth Iaeil gu’n d’ fhosgail i searrag bhainne agus gu’n d’ thug i deoch dha; agus ann an iomad earrann eile do dh’ fhocal Dé. Ann an rìoghachdan na h-aird-an-Ear ’s ann’ am buideil chraicinn do’n t-seòrsa so tha uisg’ agus fìon air an gleidheadh chum an latha diugh. Tha cuid do na searragan so co beag ris na botuil tha sinn féin a’ cleachdadh, agus cuid diubh a chumas lan baraille. Ni iad feannadh-builg air daimh mhóra agus air gach seòrsa cruidh; agus is ann o so thainig am focal so, buideal no botul, a nuas d’ar n-ionnsuidh-ne air a dheanamh suas do dhà fhocal bó agus iall, bo-iall; agus is airidh air beachd gur e so an dóigh-labhairt tha ac’ ann an Eirinn; an aite buideal no botul, ’se deir iadsan bo-iall; air alt agus nach focal Beurla botul ach fìor fhocal Gàilig, oir ’s e’n aona chiall tha aig botul agus buideal, soitheach chum spiorad no fíon a ghleidheadh. Bha na builg so air an cleachdadh anns an Spàind chum am fíon a ghiùlan o àite gu àite, agus tha móran do’n fhìon a ta teachd as an Spàind do’m bheil boladh no fàileadh nam bolg sin. Is furasda thuigsinn gu bheil na builg so na’s làidire ’nuair tha iad nuadh, na bhios iad an déigh feum a dheanamh dhiubh car ùine. Tha so a’ soilleireachadh briathran Chriosd r’a dheisciobluibh ’nuair tha e ag ràdh’ “Cha mhò a chuireas daoine fíon nuadh ann an seann searragaibh: no brisear na searragan agus dóirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragaibh nuadha, agus bithidh iad araon slàn.” ’S iad na searragan leathraich, no botuil chraicinn tha ’na bheachd. Tha iomradh againn air searraig ann an leabhar nan Salm, cix. v. 83. agus mur toir sin oirnn a thuigsinn ciod an seòrsa searraig a bh’ann, gur searrag leathraich a bh’ann, tha e duilich a dheanamh mach ciod eile ’s ciall da. “Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhì-chuimhnich mi do reachdan.” Bha e air [TD 8] seargadh agus air a thiormachadh suas le bròn agus trioblaid. Tha e ’ga choimeas féin ri searraig chraicinn tha air a crochadh suas san t-slabhraidh no dlùth do’n teine agus a tha ’cinntinn dubh leis an deataich. Tha na nithe so a’ leigeil ris duinn co feumail a tha e eòlas a bhi againn air cleachdainnibh nan dùthchannan sin anns an do sgrìobhadh na leabhraichean naomha. C. C. TOIMHSEACHAIN, AIR NEO DUBH-FHOCAIL, NAN INNSEANACH. THA na h-Innseanaich anabharrach déigheil air toimhseachain, dubh-fhocail chiogailteach dhorcha tha duilich fhuasgladh. Tha móran d’an aimsir air a caitheamh ann am fearas-chuideachd do’n t-seòrsa so. Tha feadhain ann a tha ’falbh na dùthcha, a’ dol gu bainnsibh ’s do gach seòrsa cuideachd agus còmhdhail, chum toimhseachain agus dubh-cheistean dorcha chur ris a’ chuideachd, agus mar so feala-dhà agus sùgradh a chur air aghaidh. Tha cùnntas againn gu’n robh ’leithid so do chleasachd agus do shùgradh air banais Shamsoin ann an leabhar nam Breitheamhna xiv. 12, 13. “Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi nis toimhseachan a mach dhuibh; ma chuireas sibh gu cinnteach an céill domh e an taobh a stigh do sheachd làithibh na cuirme, agus gu’n faigh sibh a mach e, an sin bheir mise dhuibh deich thar fhichead brat-lìn, agus deich thar fhichead culaidh eudaich. Ach mur urrainn sibh a chur an céill domh, an sin bheir sibhse dhomhsa deich thar fhichead brat-lìn, agus deich thar fhichead culaidh eudaich. Agus thubhairt iad ris, Cuir a mach do thoimhseachan, agus gu’n cluinn sinn e.” Tha sinn mar an ceudna a’ leughadh mu thoimhseachain a chuireadh a mach le Eseciel trid àithne fhuair e o Dhia, agus tha e air a chur sìos anns an xvii. caib. o ’thoiseach. Tha righ Daibhidh a’ deanamh móran labhairt anns an t-Salm xlix. 4, agus Salm lxxviii. 2, mu chosamhlachd agus mu shean-fhocail dhorcha; agus tha e air aithris mar dhearbhadh air gliocas righ Sholaimh gu’n d’ fhosgail e suas uile dhubh-cheisdean ban-righinn Sheba. Tha sinn a’ leughadh 1 Righ x. 1. “Agus an uair a chuala ban-righinn Sheba cliú Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i g’a dhearbhadh le ceisdibh cruaidhe” agus tha sinn a’ leughadh anns an treas rainn, “Agus mhìnich Solamh dhi a briathran uile: cha robh ni air bith am folach air an righ nach do mhìnich e dhi.” Tha ’n sgeul beag Innseanach a leanas a’ toirt soilleireachadh dhuinn air a’ chleachdadh so. Bha ann roimhe so righ mór cumhachdach ann an rìoghachdaibh tìorail Innsean na h-aird-an-Ear, d’ am b’ ainm Rionnag-Lasrach. agus ghairm e air uaislibh, air maithibh agus air flaithibh àrd na cùirte, le’n eachaibh, an carbadaibh, marcshluagh agus feachd na tìre gu léir a dhol a shealgaireachd fhiadh-bhéistean na dìthreibh. Bha tart air an righ, agus dh’ iarr e uisge. Thug esan a b’ àrd-chomhairliche dha e gu tobar domhain, agus ’nuair a bha ’n righ ag amharc sios do’n tobar, ghrad thilg an slaoightire gun iochd a bha air a chùl sìos e do’n t-slochd. Phill e gu luath air ais do cheanna-bhaile na dùthcha, chuir e’ mach gu’n d’fhuair an righ bàs air dhòigh eile, agus ghairm se e féin ’na righ ’na àite. Theich a’ bhàn-righinn ’nuair chual’ i mu bhàs an righ, agus [TD 9] thug i oirre dùthchanna fad’ as. Cheil i gu cùramach a h-ainm ’s a h-inbhe, agus bheathaich si i féin le bhi ’creic connaidh. Cha robh i fada san dùthaich sin aig am faca uaislean móra na tìr’ i air dhoibh a bhi mach a’ sealgaireachd, agus dh’ innis iad do’n righ mu’n àilleagan eireachdail a chunnaic iad sa’ choille a’ trusadh connaidh. Chuir an rìgh fios oirre, ghràdhaich e i air a’ cheud sealladh, agus chuir e roimhe gu’m pòsadh e i. Leig is’ oirre gu’n robh gnothuch aice do dhùthaich eile, agus theich i fada uaithe. Shiubhail i o àite gu àite, agus latha do na làithibh thainig i gu dorus bothain bhig a bha ’n iomall coille, anns an robh aonaran cràbhach aosda, no maol-ciaran liath, a chòmhnuidh. ’Nuair chunnaic e i lùb se e féin le urram agus chuir e fàilt’ oirre anns an dòigh bu mhodhala. “Cha’n ’eil annam-sa,” ars’ ise, “ach coigreach bochd a tha ’creic connaidh, leig dhomh tàmh a ghabhail fagus duit.” Fhreagair an t-aonaran aosmhor. “Cha b’ ann sa’ choille-chonnaidh fhuair thusa do thogail agus t’ àrach, ’s cosmhuile gu mór thu ri ban-righinn; togaidh mise” ars’ esan “tigh dhuit freagarrach do t’ inbhe àrd agus do dh’ àilleachd do phearsa; agus tha mi murrach air gach ni fhaotainn duit freagarrach do bhan-righinn. Cha robh i fada san dùthaich sin ’nuair rug i mac d’ am b’athair an rìgh mór ris an robh i pòsda agus a thilg an cùirtear cealgach sìos do’n tobar. Thug i mar ainm air a mac Para-maran, ’se sin r’a ràdh, àilleachd an t-saoghail mhóir. Bha’n naoidhean air ’ungadh le ola, agus air a shuathadh le luaithre naomha. Chaidh am maol-ciaran a mach air feadh na dùthcha, shéid e ’n tròmpaid, sgaoil e ’bhratach choisrigte, agus cheannaich e rìomhadh a b’ àillidh ’s bu daoire do’n leanabh. Bha uiread shòlais air a’ mhaol-chiaran ’s gu’n do sgap e òr agus airgiod am measg nan daoinibh. Thug e crodh a’s caoirich a’s gobhair a’s minn, eudach agus earradh do na bochdaibh; agus thaisbean e a ghàirdeachas anns gach dòigh bha ’na chomas. An ceann beagan bhliadhnaichibh chinn an leanabh so àrd, dreachmhor. Có b’urrainnear a choimeas ris? Cha robh san dùthaich gu léir laoch eile cosmhuil ri Para-maran. Bha iomradh san àm sin air ban-righinn àillidh bha ’chomhnuidh ’an dùthaich chéin, an t-aona bhoinne-fala b’àille, do réir sgeul gach aon a chunnaic i, air uachdar an domhain mhóir. ’Se b’ ainm dhi so Sinalada, ’se sin r’a ràdh, Réul-na-maise. Chuala Para-maran mu àilleachd Shinalada, agus chuir e roimhe a faotainn air neo bàsachadh san oidheirp. Dh’ ìnnseadh dha nach pòsadh i gu bràth a h-aon air bith nach fhuasgladh a dubh-cheisdean, agus nach mìnicheadh gach toimhseachan a chuireadh i riutha; agus iadsan nach b’ urrainn so a dheanamh gu’m bàsaicheadh iad air son an dalmachd. Dh’ ìnnseadh dha gu’n d’ fheuch na ceudan ris na toimhseachain fhuasgladh ach gu’n d’ fhairtlich iad orra, agus chuireadh gach aon diubh gu bàs; ach a dh’ aindeoin so uile chuir e roimhe an deuchainn a thabhairt. Bha ’anam laiste le dòchas; dh’ fhairtlich air a chairdean a chomhairleachadh an aghaidh na h-oidheirp chunnartaich so, agus a dheòin no ’dh’ aindeoin dh’ fheuchadh e ’chùis. Thog e air chum pàilliuin Shinalada. ’Nuair thainig e ’n sealladh a’ bhaile-mhóir bha ionghnadh air mu ghlòir agus rìomhadh agus beairteas a’ bhaile sin. Chunnaic e naoi ceud, ceithir fichead agus naoi geatacha-deug—mìle tobar—pàilliuna àrda dreachmhor—sràidean [TD 10] nach fac’ e riamh an coimeas. Chunnaic e Sinalada i féin—reul na maise, le ’maighdeannaibh—a fleasgaich àrda—a luchd-comhairle aosmhor—maithibh a cùirte—uaislibh na rìoghachd. Chunnaic e a bratach shìoda—a cathair òir le clachaibh luachmhor—a leaba àrd air a dealtradh le òr agus airgiod agus rìomhadh nan Innsean, anns an robh naoi usgraichean boillsgeanta luachmhor. Nuair chunnaic e na nithe so uile, chuir e roimhe, beatha no bàs da gu’n coisneadh e i. Mharcaich e stigh do’n bhaile-mhór air a steud-each meanmnach sùrdagach, àrd-uaislean a dhùthcha fèin maille ris agus maithean a chùirte. “Có è,” arsa muinntir a’ bhaile mhóir “am flath àrd so?” “So” deir a h-aon d’a luchd-leanmhuinn “prionns’ òg o thìr nan craobh àrda, air teachd a dh’iarraidh na ban-righinn r’a pòsadh, agus beatha no bàs da mur buadhaich e ’na rùn.” “Fear-cuthaich eile” ars’ iadsan, “thar a chéill gun fhios aige ciod tha e ’deanamh, a thainig a dh’ fhuasgladh toimhseachain na ban-righinn agus a dubh-cheisdean dorcha, agus mar thachair do cheudaibh roimhe, bàsaichidh e san oidheirp. Chuir Para-maran, ’se sin, àilleachd an t-saoghail mhóir, litir a dh’ ionnsuidh na ban-righinn ag ìnnseadh dhi na bha ’na bheachd, agus a’ guidhe cead fhaotainn teachd ’na làthair. Air an là màireach sheas Para-maran, ’se sin àilleachd an t-saoghail mhóir, an làthair na ban-righinn, Reul na maise. Bha i ’na suidhe air cathair òir, a’ boillsgeadh le clacha luachmhor agus seudan prìseil. Bha gaisgich agus curaidhnean tréuna, le’n targaidibh do’n òr bu deirge air gach làimh dhi. Bha aois-dana agus bàird na rìoghachd san làthair; luchd-ciùil le’n clàrsaichibh agus gach seòrs’ eile do dh’ inneal-ciùil; bha a maighdeannan gu léir sa’ chuideachd, a’ sgapadh na h-ola phrìseil agus gach nì a b’ àille ’s bu chùbhraidh fàileadh air feadh na lùchairt àillidh. Dh’ amhairc a’ bhan-righinn mu’n cuairt di agus bheachdaich i air coigreach àrd. “Suidh,” deir i “ri m’ thaobh air a’ chathair rìoghail.” Thòisich i an sin air na toimhseachain agus na dubh-cheisdean a chur ris. Chuir i aona mhìle toimhseachan ris, ach mar a chuir is’ iad dh’ fhuasgail esan. Thuig a’ bhan-righinn gu’n do choisinn e a làmh. Chriothnaich i air a cathair òir; thainig laigsinn oirre agus dhlùthaich a maighdeannan oirre, a’ crathadh uisge cùbhraidh air a h-aodann. Cha robh a nis ach aon ni r’ a dheanamh. Bha e mar fhiachaibh air a’ phrionns’ òg aon toimhseachan a chur ris a’ bhan-righinn, agus mur b’urradh dhise ’n toimhseachan so fhuasgladh, bu leis féin i; ach nam fuasgladh is’ e, bha esan ri bàs fhaotainn airson a dhalmachd. Thug am prionnsa toimhseachan di agus dh’ fhàg e i ré na h-oidhche, agus bha e ri teachd air ais sa’ mhaduinn a dh’ fhiosrachadh am b’ urradh dhi an dubh-cheisd a thug e dhi fhuasgladh. Mu dhubhar an anmoich thainig òigh àillidh dhreach-mhor air a h-éideadh le uile rìomhadh na dùthcha do sheòmar a’ phrionnsa, agus labhair i ris. “O thusa” deir i “a’s àille ’m measg dhaoinibh—a choigrich àird ata gu ceart air t’ ainmeachadh Ailleachd an t-saoghail mhóir, thainig mi a ghuidhe gean-math agus càirdeis.” “Có thusa?” arsa ’m prionnsa—“Mise,” deir i, “nighean ard-fhir comhairle na ban-righinn; chuala mi gù’n d’thug thu toimhseachan di nach b’ urradh dhi fhuasgladh; innis dòmhsa suim agus brìgh an toimhseachain sin chum gu’n ìnnsinn e sa’ mhaduinn.” “Thoir dhomh” [TD 11] ars’ esan “na slabhruidhean òir a tha mu d’ mhuineal geal, na fàinneachan boillsgeach tha air do làimh; thoir dhomh so mar urras agus fuasglaidh mi dhuit an toimhseachan.” Fhuair e na seudan—dhfhuasgail e’n toimhseachan—dh’ fhalbh, ’s cha do phill i. Thàinig a’ mhaduinn, agus mar gheall e, thug am prionns’ air g’a h-ionnsuidh. Bha i ’na suidhe air a cathair rìoghail, claidheamh mór ’na làimh, agus crochadair na dùthcha air cùl a cathrach a’ feitheamh a h-òrdugh. Sheas i suas agus le guth buadhmhor dh’ fhuasgail i an toimhseachan; agus bha i air ball a’ tionndadh ris a’ chrochadair chum iarraidh air am prionnsa chur gu bàs, ’nuair labhair am prionnsa, “O bhan-righinn na dùthcha, àilleachd mhnathan an domhain! leig dhomh aisling a chunnaic mi’n raoir ìnnseadh dhuit.” “Bha mi” ars’ esan “a’m shuain ann am leabaidh, agus ar leam gu’n d’ thainig òigh chiatach gu taobh mo leapach ’an riochd columain agus gu’n d’ thug i dhomh slabhraidh òir agus fàinneachan prìseil mar urras, nan ìnnsinn di suim an toimhseachain a a thug mi do’n bhan-righinn. Taisbeanaidh mi iad ars’ esan an làthair na cùirte.” Thòisich e’n sin air an toirt a mach as a bhroilleach—Smèid a’ bhan-righinn air le gàire ciùin air gnùis na h-àilleachd. “Stad,” ars’ ise, “’s mise ’ghoid uait suim agus seadh an toimhseachain—’s mise bha aig taobh do leapa—choisinn thu’n latha—thig, suidh air mo chathair rìoghail ri m’ thaobh.”—Chuir i fàilt’ air—lùb na cùirtearan an glùinean ’na làthair—agus bha Para-maran, àilleachd an t-saoghail mhóir air a phòsadh ri ban-righinn nan ioma buaidh. CROTACHAN NA BEINNE. I. EARRANN Air bruaich aibhne tha siubhal o bheanntaibh àrda nan Chebhiots taobh mu thuath Shasunn agus gu h-ard ann an gleann tìorail uaigneach, bha tigh mór ’na sheasamh, air a chleith o shealladh an t-saoghail leis na beanntabh àrda bha ’ga chuairteachadh. Seachad air dorus an tighe so tha ’n abhuinn a’ ruith gu borbhanach, bras, cobharach, troimh gharbhlaich do chlacha móra agus bhloighdean do chreagabh briste thug na tuiltean a nuas ’nan cois o àirde nam beann. Cùl an tighe so bha beinn mhór na Chebhiot ag éiridh chum nan speur ann an àirde a mòralachd. Air uchd na beinne so bha craobhan aosmhor daraich agus seana ghiùsaich a’ fàs. Bha réilean bòidheach feurach eadar an tigh agus an abhuinn; agus aig ceann an tighe bha gàradh-càil anns an robh craobhan abhull agus pheuran agus preasan ghròiseidean agus dhearca-dubha agus dearga, agus cuid do lusan ìocshlainteach a’ fàs; agus mu thimchioll a’ ghàraidh bha doire tiugh do’n drumanach no do’n fhearna, mar fhasgadh o’n doininn dhéin a bha air uairibh a’ taosgadh a nìos o àirde na beinne. Tha nis iomad bliadhna o’n thainig bean-uasal àraid a chòmhnuidh do’n tigh so, banoglach agus leanabh gille maille rithe, agus cha robh fios aig muinntir a’ ghlinne có i, no cia as a thàinig i. Bha i, do réir coltais, ann an deagh chothrom saoghalta; mu thimchioll leth-cheud bliadhna dh’ aois; a cumadh ’s a neart ’s a h-àirde os ceann aona bhoirionnaich a chunnacas riamh ’s na cèarnaibh sin. Bha i uaibhreach, àrdanach agus stràiceil, agus b’ fhurasda thuig- [TD 12] sinn nach robh uaisle no maitheas no seirc air a siubhal. Bha ’n leanabh gille bha an earbsa rithe co grànda ri aona phàisde b’ urrainnear fhaicinn; bha e crotach agus crùbach, ’na chulaidh-thruais do na h-uile aon a dh’ amhairceadh air, ach a’ bhean mhór chruaidh-chridheach àilgheasach ris an robh e ’n earbsa: cha robh iochd no tlus no blàs ’na cridhe d’ a thaobh-san. O mhaduinn gu h-anmoch rinn i geur-leanmhuinn thruagh air a’ phàisde bhochd. Cha bu chaoimhneala na sin a’ bhanoglach a bha maille rithe. ’Se ’n t-ainm a thug iad air an leanabh thruagh, Eachann crotach a’ ghlinne. Mar a chìnn e ann an aois, dh’ fhàs e gach latha na bu ghràinde agus na bu mhi-dhealbhaiche. ’Nuair bha e deich bliadhna dh’ aois, chuireadh air falbh e gu sgoil. Gus an deachaidh e d’on sgoil sin cha b’ aithne dha an aibidil—aon litir o litir eile. Ged a bha e crotach, bacach, cha robh balachan san sgoil bu ghleusda streapadh na e ri gach craoibh agus craig agus stùc ard a bha san dùthaich. Bha tlachd mór aige do na h-eòin aig an robh nid ’sna craobhan agus air bilibh nan creag. Bha e ’na aonaran truagh, fuathach le gach aon—air a sheachnadh le gach aon—a réir coltais gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair, gun chòmpanach, gun charaid gun bhana-charaid, air aghaidh an t-saoghail, aig an robh suim no spéis de. Bha cìocras ann an cridhe a’ bhalachain thruaigh so gu nì no neach a choinneachadh d’an tugadh e spéis. Focal caoimhneil no caomhail cha do labhradh ris riamh. Nan iarradh e cead dol do’n bheinn no ’measg nan creag ’si freagairt a b’ fhèarr a gheibheadh e, Falbh gun tighinn duit, a chreutair ghràinde. Theicheadh clann a’ ghlinne uaithe, agus nan labhradh iad focal ’s ann le sgeig agus dìmeas;—ainm a b’ fhèarr na Crotachan a’ ghlinne, cha d’ fhuair e o h-aon aca. Chaidh e do’n sgoil, chuireadh leabhar ’na làimh, chunnaic e ’n t-slat-sgiùrsaidh ’an làimh a’ mhaighstir-sgoile agus b’ eòlach a dhruim thruagh air a leithid; chual’ e a’ chlann eile a’ leughadh, chunnaic e cuid diubh a’ sgrìobhadh, chriothnaich e le h-eagal, oir shaoil e gu ’m b’ éiginn dàsan a dheanamh agus a ràdh mar a rinn iadsan, agus labhairt mar a labhair iad. agus bha làn fhios aige nach robh so ’na chomas. Ghairmeadh air Eachann éiridh—ghrad chlisg e le h-eagal, ach ’nuair a nochd am maighstir-sgoile caoimhneas da—a chnìodaich e a cheann—a labhair e gu truacanta ris agus a dh’ iarr e air labhairt mar a rinn esan, ghabh an t-aonaran bochd misneach. So a’ cheud uair a labhradh gu caoimhneil ris riamh, agus b’ àill leis tuiteam aig casaibh a’ mhaighstir le taingealachd. Chaidh am maighstir uair a’s uair thairis air an aibidil leis a’ bhalachan bhochd. So agad, ars’ esan, A mór, agus so a beag; ’nuair a chì thu C, cuimhnich air a’ ghealaich ùir, no air cùl càise. Chaidh e mar so air aghaidh o litir gu litir. ’Nuair chì thu i agus an dùrdau beag os a ceann, cuimhnich thusa air eilean I agus Sgeir-nan-Ròn a mach air a’ chuan. So agad O, coslach ris a’ ghealaich ’nuair tha i làn, no ri mulchaig chàise air nach do bhristeadh. Tha litir lùbach eil’ ann ris an abair iad S. Mar so chaidh e air aghaidh o litir gu litir agus mar sin o leabhar gu leabhar beag gu leabhar na bu mhugha, aig an robh Eachann bochd a’ leughadh a’ Bhìobuill. Cha robh balachan san sgoil uile co dìchiollach thap- [TD 13] aidh ris. Bha spéis anabarrach aig a’ mhaighstir-sgoile dha, ach dh’ fhuathaich a’ chlann gu léir e. Bha nàire agus mì-thlachd agus càmpar orra gu’n d’ fhàg e iad, agus gu’n do chuir e gach aon diubh air deireadh. Rinn iad gach gnè gheur-leanmhuinn air a bha ’nan comas, agus dh’ fhuathaich iad e co mór ris na mnathan cruaidh-chridheach a bha san aon tigh ris. Mu dheireadh thòisich Eachann bochd air fuath a ghabhail air an t-saoghal gu léir, oir air uachdar an t-saoghail cha do choinnich e ’h-aon a thug gaol da. B’e ’m maighstir-sgoile amhàin an t-aon a thaisbean an caoimhneas bu lugha dha. Mun robh e ochd bliadhna-deug a dh’ aois, dh’ fhoghluim e na bha aig a’ mhaighstir-sgoile r’a thoirt dà, agus phill e do’n tigh-mhór bràigh a’ ghlinne. Ann an sin rinneadh na h-uile seòrsa do gheur-leanmhuinn air a b’ urradh gamhlas agus ìnnleachd nam baobh mhnathan a bha san tigh a nochdadh dha. Cha robh e os ccann cóig troidhean air àirde agus bha ’cholunn lag agus anfhann d’a réir; bha e frionasach cas ’na nàdur trid an droch ghiullachd a nochdadh dha. Bha e cóig bliadhna-fichead a dh’ aois ’nuair e ghlac spàirn a’ bhàis a’ bhean mhór ris an robh e ’n earbsa, agus a shaoil e gus a so bu mhàthair dha. Bhàsaich i mar bhàsaicheas peacach, gun dòchas gun sòlas, fo oillt agus uamhas nach urrainnear a chnr ’am briathraibh, an saoghal a’ sleamhnachadh foidhpe agus dubh dhorchadas eagalach a’ tarruing dlùth. Tamull beag mun do thilg i an deò ghairm i air Eachann tighinn dlùth do thaobh a leapa. Dhearc i air le fuath mar a b’ àbhaist di, agus dh’ innis i dha le spàirn bàis nach bì a mhàthair, agus nach robh i ann an cairdeas air bith dha. “Innis domh” ars’ Eachann le iomaguin mhór, “innis có dha a bhuineas mi; có iad mo phàrantan? labhair! O labhair gu luath,” deir e, “na leig dhomh bhi ann an imcheist na’s faide!” “Do phàrantan” deir ise, “do phàrantan,—na feòraich—cha chluinn thu uams’ e—cha chridheach leam—bhóidich mi—bhóidich mi air leabhar—cha bhrist mi mo bhóid—tha mi air leabaidh mo bhàis—cha ’n àm so mo bhóid agus mo ghealladh a bhristeadh—na feòraich!” Thuit Eachann truagh air a ghlùinibh agus dh’ asluich e as uchd nèimh i dh’ ínnseadh. “O na ceil orm có mì—có iad mo chuideachd?—Cia mar thainig mi ’n so? agus co dhà ’bhuineas mi?—nach leòir leat na rinn thu orm cheana do gheur-leanmhuinn, gun m’ fhàgail gu siorruidh ann an amharus agus ann an iomachomhairle?” “As mo shealladh!” ars’ ise, fàg mi—fàg mi air ball! na buair mi—cha ’n innis mi dhuit gu dìlinn—cha chluinn thu gu dìlinn e—ann an iomachomhairle—ann an teagamh—ann an aineolas bithidh tu gu bràth. As mo ’shealladh a chreutair oillteil,” ars’ ise le sgread oillteil agus uspag bhàsmhor a’ teachd oirre—“ach stad tiota beag—amhairc air a’ chiste bhig no air a’ chobhan bheag ud thall—fosgail i—fosgail a’ chist’ ud thall tha mi ’g ràdh—’s leat na bheil ìnnte—air falbh—fàg mi—so—so—so dhuit iad,” ars’ ise, le sgriach eagalach, ’s i tilgeadh iuchraichean a bh’ aice ’na l imh ’na uchd. Le aon ospaig oillteil—aon osunn ard—aon spàirn eagalach, thilg i an deò agus dh’ fhàg an t-anam truagh a colunn. Dh’ fhosgail Eachann a’ chiste. agus fhuair e innte pàipeirean agus bannan sgrìobhta leis na thuig e [TD 14] gu’n robh ceud míle punnd Sasunnach socraicht’ air mar oighreachd a bhuineadh dha fein o sin a mach; ach có è, no co dhà ’bhuineadh e, cha robh fiosrachadh na soilleireachadh r’a fhaotainn na’s mò na bh’ aige riamh roimhe sin. Dh’ adhlaiceadh corp na mnatha truaighe, agus a nis bha Eachann air a shaoradh o’n daorsa anns an robh e ré ioma latha; agus theich a’ bhanoglach a bha maille rithe an oidhche ’chaochail a bana-mhaighstir—dh’ fhàg i ’n gleann agus cha ’n fhacas ’na dhéigh sin tuille san tìr i. Bha Eachann a nis da rìreadh ’na aonaran bochd. Shaoil e gu’n robh fuath aig an t-saoghal air—rinn a’ chlann gàire fanaid air, agus sheachain daoin’ e aig am bu chòir barrachd tùir a bhi—chuir e seachad earrann mhór d’a aimsir ann an garbhlach nam beann agus ann an sàmhchair nan coillte fàs—bha e’n toir air nì-eiginn a b’urradh dha a ghràdhachadh, ach an nì-eiginn sin cha d’thainig ’na rathad. Shuidheadh e leis féin taobh an uillt aig éisdeachd ri ceileiribh nan eun, ag amharc air na blàithibh àillidh bha ’fàs mu na bruachaibh—na sòbhraichean—na feada-coille agus na neòineinean bòidheach—Cha do theich iadsan air falbh uaithe—leig iad dà amharc orra—bha ’m fàile thainig uapa cùbhraidh leis—luidheadh e air a thaobh làimh riu agus phògadh e iad—ma ’s e na siantan féin, an stoirm ’s an doinionn, cha b’ fhuathach leis iad, ’s ann a ghràdhaich e iad, oir cha do sheachain iad e, chìnn na blàithean m’ a thimchioll; ach ’s e ’n t-aona bheò-chreutair nach do theich uaithe, mada mór, còir, glic, a lean e o àite, gu àite, a dh’ imlich a làmh agus a ghabh a bhiadh uaithe, agus a chaidil san oidhche taobh a leapach. Air a’ mhada so bha uile ghràdh a chridhe socraichte—ghràdhaich se e mar chòmpanach agus mar charaid, mar fhear-tèarmuinn, agus bha làn ghràdh aig a’ mhada chòir airsan. Mar so chaith Eachann bochd a làithean—daoine an t-saoghail ’ga sheachnadh—gach aon a’ deanamh dimeas air—a mhuinntir féin ’ga àicheadh, agus gun fhios aige có iad—b’ fhuathach leo a chumadh agus a dhealbh, agus thug so air fuath a ghabhail mar an ceudna air a dhreach agus a dhealbh féin. Bha fuath aige air a’ ghréin oir dh’ fhoillsich i a chuma dha leis an fhaileas a thilg i, ach thug e spéis mhór do na reultaibh. Dh’ fhanadh e ’mach ré na h-oidhche a’ beachdachadh orra—’gan gairm air ainm am feadh ’s a bha ’anam air a thogail suas le glòir agus a smuaintean air dùsgadh d’a ionnsuidh-san a rinn agus a chruthaich iad gu léir. B’ionmhuinn leis blàithean nam bruach, òran nan eun, àirde nam beann, monmhur nan eas, ach gu h-áraidh àilleachd na h-iarmailt; san oidhche na rionnagan deàlrach a bha mar chlachan boillsgeanta prìseil ann an àrd-chathair ghlòrmhoir an Tì a rinn iad gu léir. Nuair bha càch ’nan suain, bha aonaran na beinne a mach air an raon a’ cumail conaltraidh ri lòchrain nan speur. Ead. le C. C. r’a leanailt san ath àireamh. [TD 15] DAN SPIORADAIL. Chaidh an dán beag so a sgrìobhadh anns a’ Bheurla leis a’ mhòr-uasal Morair Ghlinneilg; agus tha sinn móran ’an comain an duin’-uasail a dh’ eadar-theangaich agus a chuir d’ ar n-ionnsuidh e. ’Nuair chì mi neulan dorch’ mu ’n cuairt, An latha gruamach, ’s càirdean gann; Mo thaice leagam air an Tì Bha anns an t-saoghal-s’ dìbli fann; Tha ’faicinn m’ eagail a’s mo bhròin, A’ casg ’s a’ tasgaidh suas mo dheòir. ’Nuair dh’ aomadh buaireadh mi gu taobh O’n t slighe dhìreach, chumhang, cheart; Tràth leanam math gu’n rachainn clì, ’S nach cinneadh nì leam ach droch-bheirt; Esan ’dh’ fhairich cumhachd buairidh Gléidhidh anns an uáir-s’ mo cheum. ’Nuair bheirear fuath dhomh airson gràidh, ’S mo chridhe cràiteach làn do bhròn; Gheibh mi truas ’s an uchd a ghiùlain Anna an t-saoghal-s’ caochladh leòn. ’Chaidh ’àicheadh, ’bhrath, agus a thréigsinn Le droing d’ an d’ thug E féin an lòn. ’Nuair tha smuaintean teann no geur A’ reubadh m’ fheòla chum a’ bhàis, Dearcam Air-san ’dh’ iomchair àmhghar Ri spàirn ’anma tròm an sàs. Caisgidh Esan fàth mo bhròin, Gu caoimhneil siabaidh e mo dheòir. ’Nuair dheanainn caoidh os-ceann na h-uaigh’ Tha cuairteachadh mo charaid gaoil, ’S ’gam sgaradh bhuaithe-sa car seal, O ’ghuth, o ’làimh, agus o ’thaobh; Is leur do ’n t-Slànuighear mo bhròn, Os-ceann Làs’ruis a shil deòir. ’Us O, ’nuair racham sàbhailt saor Seach gach gàbhadh ach a h-aon, Coimhid ’an àm mo chruaidh fheum Mo leaba bhàis—oir dh’eug thu féin; Nochd dhomh rìoghachd buan na glòir Tha dh’easbhuidh bàis, ’us caoi, ’us deòir. BAS A’ CHRIOSDUIDH. Thriall thu do’n ùir—Ach cha chùis dhuinn do chaoineadh, Ged tha bròn agus dorchadas ’g aomadh mu t ’uaigh, Chaidh do Shlánuighear romhad tre ’n chaol-dorus fhuar sin, ’S bidh lòchran a ghaoil-sa ’na sholus mu’n cuairt duit. [TD 16] Thriall thu do’n ùir—Cha’n ’eil dùil againn t’ fhaicinn, Ag acain tre fhàsach an t-saoghail-s’ r’ar guaillibh; Nis fillte mu’n cuairt duit tha gairdeanan tròcair, O’n bhàsaich am Fìrean bidh peacaich ’an dòchas. Thriall thu do’n ùir—Ged b’e dùrachd do spioraid Fantuinn car ùine bhig, air an taobh so do dh’ Iordan; Ach las gathan nèimhe ’nan glòir air do shùilibh; ’S b’e caithream nan aingeal a ’chéud srann a dhùisg thu. Thriall thu do’n ùir—Cha chùis tùrsa no caoinidh, B’e Dia féin do sgiath—’se t ’éiric ’s ceann-iùil duit; ’Se thug agus ghabh, agus ’rithist bheir beò thu; Cha ’n ’eil gath anns a’ bhás o chaidh Criosd féin a leòn leis. BLAR HOHENLINDEN. Thugadh am blar so air an treas latha do mhìos meadhonach a’ gheamhraidh, sa’ bhliadhna 1800, eadar na Francaich, agus Impire na Gearmailt. Buinidh rìoghachd Hungari do’n Impire, agus deirear mar aithghearr, Hunich ri luchd-àiteachaidh na dùthcha so. Thachair iad aig Hohenlinden, fagus do Bhaile-mór Mhúnich, anns a’ Ghearmailt. Tha abhuinn Iser a’ ruith seachad air a’ bhaile so. An oidhche roi’n bhlàr, thuit móran sneachda, agus chum so bacadh air cuid de mhuinntir an Impire, air chor agus nach d’ thainig iad air an aghaidh co tràth ’sa b’àill leis. Thug an dàil so cothrom do na Francaich, agus chaidh an latha leo. Chaill an t-Impire deich mìle fear. Chuir am blàr so crìoch air a’ chogadh. Thug e fàth do’n bhard ainmeil, Tòmas Caimbeul, dàn a dheanamh, a tha iomad aon a’ cur ’am meas os ceann uile oibribh an duine chliùiteich sin. Anns an ranndachd a leanas, thugadh oidheirp air a thionndadh gu Gàilig. Air Linden ’nuair bha ’ghrian a’ tàmh, Gun smal, gun lorg, luidh sneachd air làr, ’S le duibhre geamhraidh bha a’ snàmh Uisg’ Iser bu bhras car-shiubhal. Ach sealladh eil’ air Linden bhoillsg, ’Nuair bhuail a’chaismeachd feadh ua h-oidhch’ Gu lasadh theinntean bàis, chur soills’ M’a dreach fo sgàile dorchadais. Le trompaid ’s leus an òrdugh cath, Gach marcaich’ tharruing lann gu sgath; ’S a’ sitrich bha gach srann-each math Gu’n iomairt-oillt a dhlùthachadh. ’N sin chrith na cnuic le sgoltadh bheum, Gu blàr ’gan greasad, eich rinn leum, ’S le srann mar thàirneanach nan speur, Srad dhearg nan gunna-móra bha. Ach seal na’s deirg’ ni ’n lasair càir Air sliabh, ’s bidh leadairt sneachd air làr, ’S na ’s ruaidhe fathast bidh a’snamh, Tuil Iser is bras car-shiubhal. [TD 17] Si ’mhaduinn—’s gann chuir grian air learg, Troimh chiar-neoil chogaidh a gath dearg, Air Francaich bhorb a’s Hunich gharg Ri gàir ’nan ceanna-bhrat smùdanach. Tha ’n cath na’s dòmhla! ’Laochraidh gluais, Gu cliù tha greasad, no gu h-uaigh! A Mhunich, t’uile bhrataich luaisg, ’S le t’ uile uaill thoir ionnsuidh orr’! ’S tearc theid as do’n thachair ann, ’Se ’s éideadh-bàis dhoibh sneachd nam beann; ’S a h-uile fòid a tha fo’m bonn Bidh saighdfhear ann an tìodhlacadh. Ead. le MUILEACH. NA PEATHRAICHEAN. Air maduinn shamhraidh co grianach àillidh ’s a dh ’éirich riamh air beinn no baile, chunnacas buidheann do fhleasgaich agus mhaighdeannan sùnntach aighearach a’ siubhal gu h-eutrom uallach a dh ’ionnsuidh tigh banntraich ann an Gleann-nam-Bò. Chaohcail a còmpanach cóig bliadhna ’n déigh dhoibh pòsadh, ach dh’ fhàg e aice gabhail mhath fhearainn fo làn stoc do ni-dubh agus do mheanbh-chrodh, agus suim mhath airgid cùl a làimhe; air alt agus gu’n robh i féin agus a dithis nighean ann an cothrom math agus fo mhór-mheas san dùthaich. Cha robh dà chaileig san sgìreachd uile bu mhodhala, bu bhòidhche ’s a b’ fhèarr a fhuair an togail ’s am fòghlum do réir an inbhe féin, na Seònaid agus Màiri nigheanan na banntraich’ an Gleann-nam-Bò. Cha robh r’a fhaicinn air féill no aig clachan dà chaileig bu luraiche na iad. Bha iad le chéile maiseach bòidheach mar lilidhean àillidh a’ ghlinn anns an robh iad a chòmhnuidh, agus bha iad màlda, stuama, banail, nàrach, mar na sòbhraichean buidhe bòidheach a bha ’cìnntinn air bruaich an uillt bha siubhal troimh Ghleann-nam-Bò. B’i so maduinn latha am bainnse. Bha iad ri bhi air am pòsadh air an latha so, le làn chead am màthar ri oganaich do’n d’thug iad gaol. Leth-bhliadhna’n déigh latha na bainnse chaochail am màthair—ghairmeadh ise gu saoghal a b’ fhearr. Bha aonta a’ Bhaile air ruith a mach—reiceadh an stoc air fad, agus roinneadh eadar na peathraichibh na bha ann. Chaidh làithean a’ bhròin airson bàs am màthar seachad, agus fad ìomad bliadhna bha na peathraichean co sona ’s a b’ urrainn an cridheachan iarraidh. Bha iad a chòmhnuidh ann an Glascho, bha na fir ri marsantachd, agus bha ’n saoghal a’ cinneachadh leò mar bu mhiann leò. Bha na peathraichean, mar thuirt sinn cheana, le chéile àillidh, ach thug a h-aon bàrr air an aon eile. ’S i Seònaid bu mhaisiche agus bu mhàlda; ach, mo thruaighe! bha latha a’ bhròin a’ tarruing dlùth—’S gann a dh’ fhosgail am blàth nuair thàinig an duibh-reodhadh agus shearg e—’s gann a bha ’n crann fo dhuilleach nuair shéid an doinionn agus thuit e gu làr—’s gann a bha ’n luibh-sgàilidh air fosgladh a mach os a ceann nuair a a dh’ iadh an nathair lùbach i féin mu’n bhun, agus shearg i an sgàil [TD 18] taitneach. Chaill a sùilean gorma an lannair àillidh bha aon uair r’a fhaicinn annta—bha na deòir ghoirt a’ sruthadh sìos gu frasach air na gruaidhibh sin o’n do theich an deirge gu bràth. Labhair i, ach cha robh a h-aon ann chum a freagairt—bha’n osunn gu tric agus gu domhain ’na h-uchd, ach comhfhurtair saoghalta cha robh dlùth. Bha a còmpanach truagh san tigh-òsd ag òl ’s a’ ruidhtearachd le amadain struidheil mar e féin. San tigh-òil cha robh smuain air mnaoi no air cloinn, air dachaidh no air gràdh—ach òl a’s paipeirean-naigheachd, ’s paipeirean-naigheachd a’s òl o latha gu latha ’s o oidhche gu oidhche—Seònaid bhochd ’s a pàisdean a’ seargadh as fo easbhuidh gach ni, a cridhe ’n impis sgàineadh ’s a clann ag iarraidh ’s a’ glaodhaich airson nan nithibh nach robh ise ’na h-urrainn a thoirt doibh. Cha b’ ann mar so d’a piuthair. Bha aig Màiri na bu mhiann le ’cridhe do shonas an t-saoghail-sa—a còmpanach gu stòlda, stuama an ceann a ghnothuich féin. Bha ise mar an saoghal gu léir dhàsan, agus esan mar an saoghal gu léir dhise. Shuidheadh iad taobh ri taobh ag amharc an aodann a chéile, mar nach biodh aon ni eil’ air uachdar an domhain a b’ fhiach amharc air. Chaidh bliadhna agus bliadhna thairis, ach dòchas cha d’thàinig chum an t-seòmair dhorcha dhoilleir anns an robh Seònaid thruagh. Chinn an duine aice ’na mhisgeir gu tur—dhearmadaich e a chuid ghnothuichean uile gu léir, agus thàinig latha na bochduinn. Seònaid a bha aon uair mar am blàth a b’ aillidh, bha nis gu bàn, droch-neulach, seargta—a cridhe briste—a clann gun aodach gun bhiadh—gorta ’s ganntar agus tinneas air teachd orra—i féin a chòmhnuidh ann an cùil dhorcha, airsneulaich, àitidh, gun aice cathair air an suidheadh i, agus gun ach boitean bochd cònlaich foidhpe agus lùireach bhochd aodaich thairis oirre—a’ ghaoth ’s an sneachda ’s an t-uisge ’teachd a stigh air an uinneig bhriste. Mo thruaighe bhochd! chaill i gach misneachd—shuidh i air cloich gun teine gun lòn, a clann a’ glaodhaich mu’n cuairt di, a fear a’ mionnachadh ’s a’ mallachadh ’s a’ dìobhuirt air an ùrlar. Mar thionndadh e a shùilean dearga lasarra air na pàisdean truagha theicheadh iad cùl am màthar.—’Nuair nach robh aice deoch r’a thoirt dà no lón r’a itheadh, ’nuair a chreic i na bha aice air aghaidh an t-saoghail ach na luideagan bochda bha ’ga còmhdachadh, dh’ éireadh e air a bualadh agus air laimhseachadh co oillteil a dheanamh oirre ’s gu’n tugadh e deòir o na clachaibh a bhi cluinntinn glaodhaich na mnatha truaighe, sgriachail nam pàisdean bochda ’s iad a’ teicheadh a mach, agus mallachadh an duine bhrùideil a gheall a dìon agus a freasdal mar ’fheòil féin—dh’ éirich e ann an ard-fheirg oillteil, agus mar bha Seònaid chaomh a’ guidhe air gun a murt gu tur air sgàth nam pàisdean truagha, bhuail a’ bhrùid i le ’uile neart, agus dh’ fhàg e àilleagan Ghlinn-nam-Bò ’na sìneadh air an ùrlar! Thàr e as, agus cha ’n fhac iad tuillidh e. O sibhse, luchd an òil! ’s beag tha fios agaibh c’àite ’n stad sibh—’s beag tha fios agaibh cia uamhasach, cia cealgach, mealltach, sleamhain a’ bhruach oillteil air a’ bheil sibh a’ seasamh! Thug an duine cuthaichte so an t-Arm air—sgiùrsadh uair agus uair e, agus bhàsaich e fa dheòidh fo ghalar a thog a ghòraiche agus ’ana-meinneachd féin air. Thainig tinneas air Seònaid nach do chuir i dhith. ’Nuair a theich [TD 19] a droch còmpanach thàinig a piuthar air a tòir. Thug i dhachaidh g’a tigh féin i. Fhuair caraid Gàidhealach a pàisdean a chur gu sgoil—thugadh cèaird doibh—ach Seònaid bhochd chruaidh-fhortanach, chaochail ise—sgàin a cridhe caomh, shearg i mar an neònain a ghearrar gu moch leis an speal; gaol na dibhe—gaol naigheachdan—droch cuideachd agus ruidhtearachd an tigh-òsda—mhìll so esan agus ise san t saoghal-sa, agus dh’ fhàg esan e gun ullachadh air bith airson saoghail a’s fèarr. Cha b’ ionann agus Màiri ’s a còmpanach cneadsa; bha eagal an Tighearna ’nan cridheachaibh—bha aoradh Dhé ’nan teaghlach—bha iad sona, toilichte agus taingeil—an saoghal a’ cinneachadh leò—an clann a’ fàs suas mar chrannaibh seilich ri taobh nan uisgeachan—cha robh cànran no comhstri, conas no eud ’nam fardaich—cha robh r’a éisdeachd ach seanachas taitneach—guth nan Salm agus na h-urnuigh moch agus anmoch—esan ’s am Bìobull ’na làimh—a chlanna-bheag air an glùinibh r’a thaobh—ise ’s màgaran beag àillidh air a glùn; agus mar thàinig am focal deireannach o bheul an athar, Amen a’ teachd o na bilibh beaga m’a thimchioll. So sealladh taitneach ’am beachd ainglibh! So sealladh taitneach le Dia. NA COIG SPILGEINEAN GRAIN. Dh-fheumadh iadsan a dh-àiticheadh dùthchannan fàs agus a dh’ oidheirpicheadh dòigh-riaghlaidh a shuidheachadh far nach robh riamh roimhe a leithid, móran foighidinn, móran cruadail, agus móran gliocais agus misnich, chum buadhachadh thar iomad cruaidh-chas a thachras riu. Bu daor an dearbhadh a fhuair ceud luchd-àiteachaidh na mòr-roinn ris an abrar Sasunn-ùr, ann an America, air an fhìrinn so. Bha an turus-mara fada agus gaillionnach, agus ràinig iad an dùthaich sin ’am meadhon a’ gheamhraidh 1620. Air an ceud dhol air tìr air a’ chraig aig Plymouth, bha coltas na dùthcha anabarrach fàs, doichiollach agns neo-thaitneach. Bha na coilltean dorcha, doilleir, gruamach; agus a thaobh tighead na frith-choille agus nan drisean nach deachaidh riamh a chur fodha, bha e ro dhuilich dhoibh coiseachd annta. Cha robh fasgadh aca o’n ghaoith fhuair, no o’n t-sneachda; bha cuid diubh ’nam boirionnaich mheachair, mheuranda, le’n cloinn mhaoth, a chleachd giullachd a b’ fhèarr ann an seòmraichibh blàtha taitneach, agus leapannan tlusail socrach; ach san àite so cha robh tigh r’a fhaicinn, no uiread aon déile leis an togt’ e. Cha robh ac’ air ach tòiseachadh agus craobhan a leagail sìos, agus leò sin agus leis a’ bhàrlach seorsa bhothan a thogail mar a b’ fhèarr a dh’ fhaodadh iad. Bha na h-Innseanaich lìonmhor mu’n cuairt doibh, ann am bothana faoine ris an abrar wigwams, agus ghlachd ioghnadh anabarrach iad ’nuair chunnaic iad na coigrich gheala. An toiseach theich iad air falbh agus an sin sheas iad air fàire fad’ as, a dh’ amharc air na daoine geala; ach cha b’ fhada gus na chaill iad móran d’ an eagal agus a lìon cuid a’s cuid dh’ fhàs iad eòlach orra, agus air uairibh bha iad a’ nochdadh càirdeis agus a’ tairgseadh sìl doibh. Cha b’ fhada mhair an caoimhneas so, oir dh’ fhàs iad amharusach, iargalta, farmadach, agus bha e furasd’ fhaicinn gu’n robh iad a’ meas nan daoine geala ’nan luchd-fòirnidh agus mar nàimhdibh; air chor agus gu’n robh [TD 20] frith-chath eadar iad fein agus na h-Innseanaich, no na daoine-dearga, ’am measg nan trioblaidibh a bha ’gan sàrachadh. Ach bha iad deanadach agus cràbhach, cruadalach agus foighidneach; agus déigheil air an cuid cloinne theagasg air dhòigh cheart. ’Am measg an uireasaibh cha b’e ’n t-aon bu lugha nach do chuireadh crodh g’an ionnsuidh fad cheithir bliadhna ’n deaghaidh dhoibh ruigheachd. Chluinnte na pàisdean òga a’ caoineadh ’s ag iarraidh an lòin bu fhreagraiche d’ an inbhe mhaoth, am bainne nach robh ann r’ a thoirt doibh; agus cha bu lugha na sin an ionndrain a bh’ air aig na boirionnaich a bha euslainteach, agus a’ fannachadh ’s a’ crìonadh as le dìth nan goireasan bcaga bha feumail ’nan staid bhreòite; ach san àite so cha robh aona chuid bainne, no siùcar, no cearcan, no uibhean. ’S ann air aran garbh, neo-ghrinn, air a dheasachadh le gràn pronnta no brùite a’s mò bha iad a’ teachd beò. ’An deigh sin uile bha iad foighidneach agus taingeil. Ach tha cruaidh-chàs ann a’s miosa na biadh neo-ghrìnn, agus ’se sin ’nuair nach urrainnear uiread dhe fhaotainn ’s a tha feumail chum beatha. ’Se so ris an abrar Gorta, agus thainig an t-àmhghar so air an luchd-àiteachaidh sa’ bhliadhna 1621, a’ bhliadhna, n déigh dhoibh ruigheachd, agus bha iad ann an staid ro thruagh le cion bìdh. Fad dhà no trì mhìosan bha iad gu tur a dhìth arain. Bha ’n cairdeau taobh thall a’ chuain còrr agus trì mile de mhìltibh air astar, agus gun fhios aca mu’n staid san robh iad. Bha móran do’n fheadhain bu laige na cheile nach do sheas fada ris; chaith an fheòil bhàrr an cnàmh agus bhàsaich iad. Chìte clann bheag le ’m bilibh tiormaichte seargte ag iarraidh beagan arain air am pàrantaibh—ach an t-aran, mo chreach! cha robh ann. Anns an staid mhuladaich so bha iad tric ag ùrnuigh ri Dia, a’ guidhe gu ’m biodh e tròcaireach r’a phobull anns an fhàsach; agus cha bu diomhain doibh; thainig soithichean á Breatunn a rinn cobhair orra; agus air do’n bhàrr a chuir iad abuchadh, bha pailteas aca. Dà bhliadhna ’n deaghaidh so thainig gorta anabharrach eil’ orra. Dh’ fhàs fa dheireadh an téinn co cruaidh ’s nach robh iad a’ riarachadh ach cóig spilgeinean gràin san latha do gach pearsa—cóig spilgeinean gràin! ’S furasda dhuinn a chreidsinn gu’n deach an luathsachadh brònach so a ghrad itheadh. Tha sinn gun chùnntas ciamar a chrìochnaich a’ ghorta so; ach tha fios againn gu bheil co’-ainm an latha air an d’ ràinig iad Plymouth air a chur air leth chum aoradh folluiseach agus chum cuirme. Anns a’ bhliadhna 1820 thainig an dà cheudamh co’-ainm mu ’n cuairt. Ghabh daoine fòghluimte agus cràbhach móran saothair chum gliocas a theagasg do’n phobull so, a bha nis air fas anabarrach saoibhir, leis an airc a dh’ fhuiling au sìnnsir a chur fa chomhair na staid shona san robh iad fèin; agus ’nuair bha bòrd na cuirme air a luchdachadh leis gach nì bu shòghmhoire ’s bu chostala na chéile, chuireadh CÓIG SPILGEINEAN GRAIN aig taobh gach trìnnseir, mar chuimhneachan air cruadal agus foighidinn an athraichean. A mhuinntir òg mo ghràidh, ma bhios sibhse air àm sam bith ’an cunnart a bhi moiteil mu’r biadh, cuimhnichibh air na CÓIG SPILGEINEAN, agus bithibh taingeil. [TD 21] MELCHISEDEC. Cùm cleachdadh na h-Oir a ’d shùil, Mar stiùramaiche mion nan tonn; Air neo cha tuig thu ’dh’ aindeoin smaoin, An leabhar naomha ’s nèamhaidh fonn. MACTALLA. A Theachdair’ ùiseil Anns an 22d. àireamh de’n t-seann Teachdaire chuir fear d’ur luchd-leughaidh a’ cheist. “An urrainn sibhse a mhìneachadh dhuinn mu thimchioll Mhelchisedec?” Nis cha mhinisteir agus cha’n fhoirfeach mise, ach ’s toigh leam am beagan eòlais a th’agam a phàirteachadh ri m’ luchd-dùthcha ionmhuinn; cha bu mhath leam gn’n rachadh ceist a chur leo nach fuasgladh an Teachdaire; uime sin, ge ladarna an oidheirp, bheir mi dhoibh, le’r cead-sa, mo bharail mu’n duine so, Melchisedec; ma tha mi’m mearachd, cuiribh ceart mi. Is culaidh-smuain da rìreadh a bhi ’lenghadh ann an eachdraidh na fìrinn mu dhuine* a bha gun athair gun mhàthair, gun sìnnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha”† ach ma chumas sinn cleachdadh na dùthcha agus an àma ’nar beachd, chì sinn gu bheil a’ chuis so-thuigsinn; cha ’n e sin amhàin ach nach ’eil earrann anns an leabhar naomha, o thoiseach gu deireadh anns am bheil barrachd comh-fhurtachaidh agus eòlais do’n chridhe bhriste bhrùite. Anns a’ cheud àite, matà. Bha Melchisedec ’na shagart agus bha Aaron ’na shagart, agus is e tha ’n t-abstol a’ dearbhadh gur h-i sagartachd ordugh Mhelchisedeic a b’ fhearr agus a b’ fhaide leanadh na sagartachd Aaroin. Bha aig na h-Iudhaich dà phrìomh-athair dhéug, b’ iad sin dà mhac dhéug Iacoib, dìreach mar tha cinn-fhine againn féin anns a’ Ghàidhealtachd. Cha robh mac màthar de’n t-sluagh roimhe so ré mhìltibh bliadhna nach robh ’ainm sgrìobhta, a’ nochdadh có ’n teaghlach d’am buineadh e; b’ e ’n ceann-teaghlaich so ’athair, agus an Eaglais Iudhach a mhàthair, dìreach mar gu’ n abrainn-se gu bheil mi ’mach á teaghlach Dhuaird agus gur h-i Eaglais na h-Alba mo mhàthair. Mar dhearbhadh air so thugamaid gu’r cuimhne gu’n do chonnsaich na h-Iudhaich ann au làithibh Chriosd, ag ràdh “Is e Abraham ar n-athair-ne”‡ agus a rithist, far am bheil an Spiorad le beul an fhàidhe a’ labhairt mu’n eaglais, ars’ esan, “Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir cha ’n i mo bhean-sa i.|| A rithist. Mu thuaiream cóig-ceud-déug bliadhna roimh theachd Chriosd, thug Dia ’mach mar òrdugh no mar lagh àraidh, nach faigheadh neach dreuchd sagairt ach iarmad Aaroin de theaghlach Lebhi. Bha ’n lagh so co teann agus an déigh dhoibh tilleadh á braighdeannas Bhabiloin gu bheil sinn a’ leughadh mu fhear Telharsa agus iomada eile a bha “gun athair ann an Israel” a chionn nach b’ urrainn iad an teaghlach a dheanamh a mach; cha’n e sin amhàin ach clann nan sagart féin, ’nuair dh’iarr iad an ginealach agus nach d’ * Eabh vii 4. † Eabh vii. 3. ‡ Eoin viii. 39. || Hos. ii. 2. [TD 22] fhuair iad e chaidh “an gearradh as o’n t-sagartachd.” Nis cumamaid so ’nar beachd, agus cuimhnicheamaid san àm cheudna gu’n robh Melchisedec ann ceudan bliadhna mun deachaidh an lagh so ’chur air chois, agus tuigidh sinn gur e so an seadh anns an robh e “gun athair gun mhàthair,” ’s e sin gun cheann-teaghlaich gun cheann-eaglais. ’San dara h-aite—Tha’n fhìrinn ag ìnnseadh dhuinn gu’n robh Melchisedec “gun toiseach làithean gun chrìoch beatha.” Tha so gu dearbh iongantach, ’nuair tha’n fhìrinn cheudna ag ìnnseadh dhuinn gu’m bu duine e.† Ciod an creutair cruthaichte aig nach robh toiseach? Theagamh gu’m freagair cuid do na daoine glice ’dh’ ìnnseas air clàr aodainn neach co ac’ a bhios e caillte no sàbhailte, a’ cheist so. Cumamaid fathast ’nar beachd gur h-ann tha’n t-abstol a’ labhairt mu dhreuchd an t-sagairt agus cha ’n ann m’a bheatha aimsireil, agus a rithist rannsaicheamaid agus faigheamaid a mach tùs agus crìoch làithean dreuchd an t-sagairt fo òrdugh no fo riaghailt Aaroin. Tionndaidh gu leabhar nan Aireamh, 8. 24, 25. agus chì thu nach feudadh neach dreuchd na sagartachd a ghabhail air roimh aois chùig bliadhna fichead, agus gu’n feumadh e ’toirt suas aig aois leth-cheud. B’e tùs a bheatha, anns an t-seadh so, nuair ràinig e aois chóig bliadhna fichead, agus deireadh a làithean nuair a ràinig e aois leth-cheud. So a nis a chriosduidh, far am bheil an comh-chur; so far am bheil a’ chomhfhurtachd; so far am bheil an sòlas; gabh chugad e. Tha’n t-abstol a’ dearbhadh agus mar gu’m b’ eadh a’ dinneadh anns na h-Iudhaich gu’m bu shagart no fear-tagraidh Criosd, cha’n ann de dh’òrdugh Aaroin, a chionn aig a shagartachd-san gu’n robh crìoch, ach “is sagart thu gu siorruidh” ars’esan, do réir òrdugh Mhelchisedeic.” Cha robh crìoch air sagartachd òrdugh Mhelchisedeic ach am bàs. ’S ann mar sin a ta ar sagart-ne, Criosd, agus, c’uine thig am bàs sin? Na gabh giorag a Chriosduidh—cha tig gu bràth, oir tha e beò gu siorruidh, a’ deanamh, mar a ni gach sagart, eadar-ghuidhe air ar son. Is mise le mór-irioslachd. AN GAIDHEAL ANNS A’ BHAILE. Glascho 1835. A’ MHUILEID* AGUS AN ASAL. “Na biodh cabhag ort gach eisimpleir a chì thu a leantuinn.” Bha Muileid agus Asal ag imeachd le chéile air turus àraid, sac do Shalunn air a ’mhuileid ach sac ollainn no clòimhe air an asail. Bha iad a’ dol thairis air abhuinn, ’s do bhrìgh gu ’n robh a’ mhuileid ìosal s an àth domhain, fhliuchadh an sac anns an robh an Salunn. Leagh mòran de. “Fhalbh,” ars’ a’ “mhuileid ’s feàirrde mi sud, tha m’ uallach ni’s eutruime; piseach air an abhuinn a fhliuch an salunn!” Ràinig iad allt eile, ’s leig an asal i féin air a glùinibh agus tumar na saic chlòimhe san uisge; ach mo thruaighe an t-ùmpaidh truagh! An àite ’n eallach a bhi na b’ eutruime, ’s ann bu truime chìnn i leis a’ bhogadh a fhuair i; agus chuir i roimhpe nach biodh cabhag oirre o sin a mach eisimpleir a leantuinn gun fhios c’arson. * Esra 2. 62. Eabh. 7. 4. † Ainmhidh eadar capull agus asal. [TD 23] SGEUL MU BHOLTAIRE AN T-ANA-CREIDEACH. Chualas mu Voltaire, an t-Ana-creideach ainmeil sin, gu’n do chuir e roimhe an Creidimh-Criosduidh ’thilgeadh bun-os-ceann, agus sin le a làimh féin! “Tha mi sgìth,” ars’ esan, “ag éisdeachd ris air aithris gu’m bu leòir dà-fhear-dheug a stéigheachadh Criosduidheachd; agus tha ’mhiann orm fheuchainn nach feumar ach aon g’a chur mu làr.” Ach O cia diomhain bha beachd an duine so! oir, a réir cùnntais, bha ’cheart chrann-teannta leis an do chlòdh-bhuaileadh a shaothair chum Criosduidheachd chur sìos, air a ghnàthachadh sa’ bhliadhna 1822. (mur ’eil gus an la an diugh,) a chlòdh-bhualadh mòran Bhìobull agus leabhraichean diadhaidh eile.—Salm lxxvi. 10. “Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhuit: fuigheall na feirge coisgidh tu.” D. C. Tobarmhoire. AN DUINE SONA. Rugadh an Duine Sona ann am baile na h-Ath-ghineamhuinn, ann an Sgireachd Aithreachais-chum-beatha; dh’ fhòghlumadh e ann an sgoil na h-Umhlachd, agus a nis tha e ’chòmhnuidh air còmhnard Buan-mhaireachduinn. Tha e ’g obair air cèaird na Dìchill, gidheadh tha oighreachd mhór aige ann am Siorramachd Toileachais—Chriosduidh, agus iomadh uair tha e deanamh mìrean do dh’ obair an Fhéin-Aicheaidh. Tha e a’ caitheamh trusgan simplidh na h-Irioslachd, agus tha Culaidh na’s fearr aige gu chur uime ’nuair theid e chum na cùirte, d’an goirear Deise do dh’ Ionracas Chriosd. Mar is trice tha e ’siubhal ann an gleann an Fhein-Irioslachaidh, agus air uairibh tha e’ streapadh Beinn na h-Inntinn-Spioradail. Tha e ’beathachadh gach maidne air Urnuigh-Spioradail, agus gach feasgair air au nì cheudna. EAD. LE J. R. MATH AIR A THOIRT A H-OLC. Tha cùnntas againn gu’m b’ fhiach an t-Eachdraiche iomraiteach, Gibbon, aig uair a bhàis mòran airgid a chuireadh r’a chéile, ach beag, o bhuidhinn reic na h-Eachdraidh aige mu Aomadh agus Thuiteam na h-Iompaireachd Ròimheich: obair tha làn de bharailibh Ana-creideach. Le cainnt mhiodalach ghabhdach, maille ri fanaid mhi-chiatach, agus beumaibh an-diadhaidh, tha i fior ullamh a ghintinn dìmeas air a’ Bhìobull. Ach thugar fainear! dh’ fhàgadh an t-airgiod a chuireadh mu’n seach o bhuidhinn na h-oibre so, do neach a bha o sin ’ga ghnàthachadh a chuideachadh mór-sgaoileadh nan Sgriobtuire Naomha. Tobarmhoire. D. C. MION-CHUNNTAS MU’N BHIOBULL. Tha anns an t-Seann Tiomnadh 39 Leabhraichean. 929 Caibideil. 23,214 Rannan-deug. 592,439 Focail-deug. 2,728,100 Litir. Tha anns an Tiomnadh Nuadh. 27 Leabhraichean. 260 Caibideal. 7,959 Rannan-deug. 181,258 Focail-deug. 838,380 Litir. Tha am focal AGUS r’a fhaicinn ann, 35,543 uairean. Tha am focal IEHOBHAH ann 6,855 uairean. ’S ionann an 19mh caib. do dhara leabhar nan Righrean agus an 37 caib. do Isaia. Tha anns an 21 rann do’n 7mh caib. do Esra, anns a’ Bheurla, na h-uile litir a tha san aibideil Shasunnaich. [TD 24] SGIORRADH MULADACH. Le truimead an uisge air an t-seachduin so chaidh, ghéill tuil-dhorsan linne-mhuilinn air a’ bhruthach os-ceann Ghrianaig, anns an robh meall anabharrach uisge, agus leis a’ bhruthaeh a bhi fìor chas, thainig an tuil le leathad le luathas agus le neart ana-cuibheasach mu aon-uair-deug air oidhche di-sathuirne so chaidh, a’ sguabadh air falbh thighean agus gach nì bha annta, daoine ’s mnathan a’s clann, agus eich. ’Nuair fhuair sinne ’n cùnntas, annoch di’-dòmhnuich, chaidh aona-corp-deug-thar-fhichead fhaotainn; ach bha ionndrain air móran nach d’ fhuaradh gu ruig an t-àm sin. Gu cìnnteach ’s muladach an gnothueh so, agus tha iad ag innseadh dhuinne gu’n do bhrist a’ cheart linne so fichead bliadhna roimhe so aìr an dòigh cheudna, ged nach deach na h-uiread dholaidh a dheanamh ’s a rinneadh air an àm so. FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDIBH. Fhuair sinn litir o’n “Ghàidheal Bhòdach” a’ gearan air an uisinneachadh a fhuair Gàidheil Bhaile-Bhóid mu ghnothuichean na h-Eaglais, agus gu fìrinneach cha’n iongantach leinn iad a dheanamh gearain. ’S duilich leinn a ràdh “nach ann am Bód uile tha’n t-olc,” oir tha iad a’ gearan ann an Grianaig air an dòigh cheudna. Cumaidh sinne sùil orra. Tha “Dònull Sgoileir” ceart. ’Si Gàidhealtachd Alba an t-aon dùthaich air am fiosrach sinne nach deach riamh a chìosnachadh. ’S duilich leinn gu bheil a litir tuille ’s fada airson an Teachdaire. Cha ’n ’eil nì air thalamh a’s lugha oirnn na litir fhada ’nuair a dh’ fheudadh i bhi mòran na bu ghiorra. Deanadh “Seanachaidh” foighidinn, agus theagamh gu’m faigh e ’mhiann, Eachdraidh nam fineacha Gàidhealach, o àm gu h-àm. Gheall “Mac-talla” so san t-seann Teachdaire, agus chì ar luchd-leughaidh gu bheil e fhathast beò. ’S duilich leinn a radh nach ’eil ach beag meas againn air bàrdachd “Chalum Chìobair” ’S bitheanta le daoine bhios ’an gaol tòiseachadh ri bàrdachd, ach tha eagal oirnne mur ’eil dòigh air bith eil’ aige air “Seonaid òg” a thàladh, nach toir e dhachaidh i air a’ gheamhradh so. Móran taing do dh’ “Alastair Dròbhair,” airson a chomhdairle chàirdeil. Chì e gu’n toir sinn seachad o àm gu àm, cha’n e ’mhàin naigheachdan agus staid mhargaidhnean na dùthcha so, ach gu’n toir sinn cleachdadh dhùthchannan eile agus an eachdraidh, chum dorsa nan Gàidheal; ach an dràsd cha’n eil e ’nar comas, oir bu chòir do’n àireamh so bhi air feadh na Gàidhealtachd roimhe so. Tha Gàidheil Ghlascho ann an àrd-mhisnich air an àm so. Tha ’n t-Olla Leòdach a’ fàgail sgìreachd Champsie agus a’ tighin do dh’ Eaglais Ghàidhhealaich “Chalum Chille” ann an Glascho. ’Se so a nis ainm na h-eaglais anns na shearmonaich fad ioma bliadhna, Mr. Iain MacLabhruinn nach mairionn. Ged tha sinn fad’ air deireadh leis an àireamh so, tha dòchas againn gu’n teid againn air ar n-ùine shuidhichte ’ghleidheadh an déigh so; agus gu ’m bi àireamh do ’n Teachdaire ’mach aig toiseach gach mìos. Faodaidh e bith gu ’m bi ’n ath àireamh beagan làithean an déigh toiseach an ath mhìos, air neo bhiodh àireamh a ’mhìos so agus àireamh an ath mhìos tuillidh a’s teann air a chéile; ach an deaghaidh sin, bheir sinn sàr-oidheirp air a bhi riaghailteach. Cha’n ’eil e ’nar comas freagaìrt a chur a dh’ ionnsuidh tuille d’ ar càirdibh air a ’mhìos so, ach cluinnidh iad uainn air an ath mhìos. [TD 25] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. DARA MÌOS A’ GHEAMHRAIDH. II. AIREAMH. CROTACHAN NA BEINNE. (Air a leanailt o’n cheud àireamh.) Mu ’n àm so thainig cuideachd do dh’ uaislibh air chéilidh do thigh-mór a bha mar thrì mìle do’n bhothan anns an rohh an crotachan bochd a chòmhnuidh. B’ àbhaist do na h-uaislean so dol a mach a mharcachd, agus gu tric choinnich iad Crotachan-na-Beinne, agus bu chleachdadh dhoibh amharc air le mór iongantas, agus le cuid diubh fochaid a dheanamh air le tàir agus magadh a bha nàr agus peacach. Lasadh an t-òganach bochd le feirg ach cha robh comas aig’ air. Bha e ’mach latha do na làithean ann an coille challduinn a bha sa’ ghleann os ceann a thighe, a’ gabhail beachd air na blàithean àillidh bha ’cinntinn mu bhruachabh an uillt. Bha sòlas air ’gam faicinn a’ fàs gu h-ùrar bòidheach—ghabh e tlachd dhiubh mar gu’m bu leanaban da féin gach aon diubh. Mar bha e a’ siubhal o bhlàth gu bláth a’ beachdachadh mar bha iad a’ fosgladh le blàs na gréine, agus a’ sgaoileadh a mach an àilleachd, chual’ e sgriach oillteil air a’ bhruaich os a cheann! Bha ’mhada dìleas maille ris—an t-aona chompanach a bh’ aige air uachdar an t-saoghail uile—dhìrich e ’m bruthach co dian ’s a b’ urrainn da, an cù còir r’ a thaobh, dian gu bhi shuas ged nach tréigeadh e a mhaighstir—bha ’n sgriachail eagalach a’ fàs na b’ àirde mar bha iad a’ dìreadh, agus air dha mullach na bruaiche ’ruigheachd chunnaic e bean-uasal òg àillidh a’ ruith gu dian a’ dh ionnsuidh an àite san robh e ’na sheasamh, agus dlùth air a déigh, tarbh fiadhaich air bhreathas, a’ bùirich gu h-eagalach agus ’ga teann-ruagadh. Ann am priobadh na sùl bhiodh i ’n glaic adhaircean na béiste agus air a milleadh, ach thàr am mada gu foghainteach ’an coinneamh an tairbh agus chaidh e eadar e ’s a mhaighdeann. Dhì-chuimhnich Crotachan-na-Beinne a chrùbaiche agus a laigse agus thug e as a theasraiginn na baintighearna; agus mun gann a ràinig e far an robh i thuit i air an làr le h-oillt agus le sgìos. Chaisg am madadh boile an tairbh, agus thog an crotachan bochd, le neart nach creideadh neach a bhi aige, a’ mhaighdeann air a ghuaillibh agus ghiùlain e air falbh i do’n choille. Chàirich e ’na suidhe i ri taic craoibhe—bha i ann am paiseanadh, agus chrath e uisge air a basaibh agus a bathais ard, àillidh os ceann na chunnaic e riamh, agus geal mar shneachd na h-aon oidhche. Bha a mala mar ite ’n fhìrein—a dà shùil dùinte mar gn’m biodh i ’na suain shàmhach—a falt òr-bhuidh [TD 26] sgaoilte ’na chuachagan dualach m’a guaillibh, agus i uile gu lèir anabharrach eireachdail. “Tha i àillidh da rìreadh” ars’ esan—“tha i àillidh, àillidh; ach dùisgidh i as a’ phaiseanadh so, agus fosglaidh i a sùilean—tionndaidh i air falbh le h-oillt uam, mar a ni gach aon a chì mi, bidh mi fuathach leatha mar bha a’ bhrùid a theab a milleadh—ach O! tha i bòidheach, bòidheach” ars’ esan mar chrath e tuillidh uisge air a h-aodann ciùin. Tharruing i osna thróm—bha ’n deur a’ téarnadh air a leth-cheann—dhùisg an ainnir òg—dh’ fhosgail i a sùil ghorm—bheachdaich i air a’ chrotachan thruagh a bha ’na shuidhe dlùth dhi air an fhòid—Cha do chlisg i—cha do ghabh i eagal roimhe—’an àite sin ’s ann a bheachdaich i air le bàigh agus càirdeas—thug i taing dha ann an cainnt chaoimhneil agus le deòir a’ sruthadh o ’sùilibh tlàth. Chlisg an crotachan—las a chridhe le togradh ùr. So a’ cheud sùil chaoimhneil a bheachdaich riamh air—agus O! àilleachd na sùl sin.—Chaill e ann an tiota am fuath a dh’ fhairich e co fada ’n aghaidh a’ chinne-dhaonna, a’ ghruaim agus an smalan a bha co fada, eadhon o ’òige air ’aodann, dh’ imich iad air ball roimh ’n t-sealladh chaomh chairdeil leis an d’ amhairc an ainnir àluinn so air. Thuit a fiamh-ghàire mar ghath soluis air anam a bha gus an t-àm sin gu dubhach dorcha—bha fonn milis a briathran mar cheòl a thaisg e suas ’na chuimhne agus nach b’urrainn da a chaoidh a leigeil air dìchuimhn. Thachair e mu dheireadh air aon do’n chinne-dhaonna d’an d’thug e gràdh—cha b’e a h-àilleachd, cha b’e a h-eireachdas, cha b’i a bathais ard no a mala chaol, cha b’ iad a cuaileanan òir le’n duala bachlach fàinneach, cha b’ iad na nithe so uile thug buaidh air cridhe Chrotachain-na-Beinne, ach deur na taingealachd a bha ’na sùil, fonn a cainnt a’ tairgseadh buidheachais, an gàire neo-chiontach, a’ chiùineachd a bha sa’ cheud shùil a dh’ amhairc air riamh gun fhuath agus gun dì-meas. Dh’ innis i dha mar thachair dhi bhi’ mach air an raon, gu’n robh i air chéilidh maille ri cairdean eile ann an tigh mór a bha sa’ choimhearsnachd, agus gu’m b’e Màiri a b’ainm dhi. Thairg e dol dachaidh leatha, agus b’éiginn doibh gabhail seachad air an àite far na theasraig e i o’n tarbh. Mhothaich iad gu’n d’ fhalbh a’ bhéisd, ach bha ’m mada còir marbh air an fhraoch. Sheas Crotachan le mór-mhulad—dh’fhàisg e a dhà làimh le duilichinn—“Mo charaid, mo charaid,” ars’ esan, oir b’e Caraid an t-ainm a thug e air a’ chù, “mo charaid, mo charaid truagh an ann mar so a thà—an d’ fhàg thusa mi? Do gach beò-chreutair air uachdar an t-saoghail bu tu ’n t-aon amhàin a ghràdhaich mi. Gabh mo leisgeul, ’se ’n diugh a’ cheud uair a dhearc sùil orm le blàs, ’s e ’n diugh a’ cheud uair a labhradh focal rium gun mhì-thlachd; cha d’ fhiosraich mi cairdeas riamh o dhuine no o mhnaoi o’n thainig mi ’dh’ ionnsuidh an t-saoghail gus an la-diugh. Rinn an cinne-daoine tàir orm—magadh orm; agus dh’ fhuathaich mise iadsan. Na clisg idir” ars’ esan, “cha’n e sin idir mo nàdur—fuath cha’n ’eil ann am chridhe—cha’n ’eil fuarth agam ortsa—cha’n ’eil, cha’n ’eil—labhair thu gu caomh rium—gu caoimhneil—gu bàigheil—rinn thu gâire caoimhneis rium—ràinig so mo chridhe, agus gu latha-bhrâth cha dìchuimhnich mi thu. Faic am mada [TD 27] bochd sin, bha gràdh agus bàigh aige-san rium—ach cha bhi mi ’ga ghearan—thuit e ’gad theasraiginn, agus cha bhi mi ’ga chaoidh; ach c’ àit a nis air uachdar an t-saoghail mhóir am faigh mi caraid eile ’na àite?” Thuit na deòir gu frasach air a ghruaidhibh. Ghuil Màiri maraon—bha truas aice do’n aonaran bhochd,—do’n chrotachan thruagh aig nach robh caraid no bana-charaid air uachdar an domhain. “’Bheil thu ’gul?” ars’ esan “a’ gul air mo shonsa?—mo bheannachd, mo mhìle mìle beannachd!—so a’ cheud deur a shileadh riamh air mo shonsa—Shaoil mi nach robh deur san t-saoghal so air mo shonsa.” Ràinig iad dorus an tighe far an robh i air chéilidh, agus an sin dhealaich e rithe, oir cha rachadh e ’steach ged dh’ asluich i air. Dh’ innis i do’n chuideachd agus d’a cairdean mar thachair. Chuir an eachdraidh thug i dhachaidh iongantas orra; chuir iad romhpa air an la-màireach gu’n rachadh iad uile ’choimhead a’ chrotachain a thoirt taing dha airson a ghiùlain. Mar phill an t-òganach bochd so dhachaidh las ’anam le dòchais ùra. Air leis gu’n robh ’n saoghal na b’ àille na bha e riamh roimhe—a’ ghrian na bu shoilleire—na blàithean na bu bhòidhche—ceileirean nan eun na bu cheòlmhoire—toirm nan eas féin na bu taitniche. Labhair Màiri gu tric agus b’e a sòlas a bhi ’labhairt mu mhisnich an òganaich bhochd a theasraig i. Bha aona bhaintighearna mhór uaibhreach san tigh a thainig a nuas á Sasunn, agus cha robh uair a labhradh Màiri mu’n chrotachan nach lasadh i le feirg. “Na cluinneam” ars’ ise “tuille mu’n chreutair ghrannda sin; na tugadh a h-aon agaibh a’m shealladh e, na faiceam e gu bràth; o m’ òige cha b’ urrainn domh amharc air creutair cearbach uireasach, truagh mar tha esan,” Bha mac aice so sa’ chuideachd, òganach ard-inntinneach, uaibhreach stràiceil, àilgheasach mar bha a mhàthair. “Theid mise leat” ars’ esan ri Màiri “a dh’ amharc an duine thruaigh sin a theasraig thu, crùbach, grannda, crotach mar thà e. Ràinig iad tigh a’ chrotachain. Dh’ amhairc e orra le fuairead agus suarachas, oir b’ àbhaist leò magadh agus tàir a dheanamh air, agus shaoil e gu’n d’ thainig esan air an àm a dheanamh dìmeas air mar bu chleachdadh dhoibh; ach ’nuair chunnaic e fiamh-ghàire air aodann àillidh Màiri, a làmh sìnte dha gu fàilte ’ chur air, dh’ fhalbh ’fhuairead agus a mhì-thlachd, agus bhoillsg sòlas agus gairdeachas air ’anam. Ach mhothuich e gu làn mhath am mi-thlachd a bha ’lasadh air gruaidh an t-Sasunnaich uaibhrich ’nuair chunnaic e Màiri a’ labhairt le caoimhneas ris a’ chrotachan; an tàir agus an dìmeas leis an robh e ’g amharc sìos air féin. Air ball las anam a’ chrotachain le h-eud, agus cha bu lugha na sin a las cridhe an t-Sasunnaich—Crotach, deireasach bochd mar bha e, thuig am fear eile gu’n robh spiorad ard anns a’ choluinn bhreòite—gu’n robh inntinn gaisgich aige, ged bha ’n truaill anns an robh an deagh chlaidheamh co suarach agus co faoin. Bha’ n t-aona ghuth aig a’ chrotachan a b’ fhonnmhoire agus a b’ fhèarr a chualas riamh; agus bha móran fiosrachaidh aige.—Le briathraibh taghta ann an cainnt nam bard labhradh e mu bheannta, mu choilltean agus chreagan—bha fios aige air ainm gach eòin agus gach blàth ’s gach luis—thuig e có a rinn iad uile—bha cràbhachd mhór ’na [TD 28] anam. Ged nach robh a spiorad air a ceannsachadh mar bu mhiannach leis féin, ghabh a’ chuideachd iongantas ’nuair chual’ iad e. Thòisich an Sasunnach uaibhreach agus a chridhe laiste le h-eud, ri connsuchadh ris, ach phronn e a’m priobadh na sùl e. Choinnich e féin agus Màiri tric ’na dhéigh sin mu na bruachan. Bha ise toigheach, mar bha e féin air uaigneas nan coilltean—airde nam beann agus garbhlach a’ chreachainn. Chinn iad eòlach air a chéile agus o àm gu àm na bu deònaiche air a chéile ’ chòmhlachadh. ’Na chuideachd agus ’na sheanchas fhuair i eòlas agus fiosrachadh mór—dhì-chuimhnich i a ghràindead—chinn e na bu tlachdmhoire ’na beachd—bha gliocas ’na bhriathraibh agus dh’ éisd i ris mar fhear-teagaisg a chuir am Freasdal ’na rathad. Dhùisg a dhòchais agus bha sonas agus sòlas ag éiridh ’na shealladh. Ghabh e misneach. Latha do na laithean mar bha iad ag imeachd mu na bruachan, esan ag innseadh dhi ainm nam blàithean agus nan lus, sheas e agus sheall e ’na h-aodann. “A Mhàiri,” ars’ esan, “ghràdhaich mi na blàithean sin—dh’ fhair mi thairis orra—tha spéis mhór agam dhiubh; agus c’ arson?—a chionn nach do ghabh iad oillt romham, nach do theich iad uam—cha do sheachain iad mi—cha d’ rinn iad tàir orm—sgaoil iad an àilleachd ’am shealladh. ’Stusa ’Mhàiri do’n uile chinne-daonna gu léir an t-aon nach d’ rinn geur-leanmhuinn orm agus nach d’ fhuathaich mi. Có mì cha’n ’eil fios agam, no cia as a thàinig mi—no có mo chairdean no mo dhàimh air uachdar an t-saoghail. Ciamar thainig mi do’n àite so, no ’dh’ fhàgadh mi ’am measg nan gleann so cha’n ’eil fios agam. ’S creutair mi air an d’rinn an saoghal tàir—dh’ fhuathaich m’ athair agus mo mhàthair mi—thilg iad uapa mi, ach cha’n ’eil mi ann an uireassaibh—tha do dh’ òr agam na cheannchadh sodal agus cairdean, agus ged tha mo cholunn lag, breòite, bochd, tha m’ anam làidir, beothail, àrd—tha spiorad agam anns a’ bheil gràdh nam faighte gràdh a choinnicheadh e—a Mhàiri ’n do choinnich e e an spiorad ceudna annadsa?” Chlisg Màiri!—thug i oidheirp air labhairt ach dh’ fhairtlich e oirre—bhrùchd na deòir a mach o ’sùilean—bha i làn truais, làn ionganntais— (R’a chrìochnachadh san ath Theachdaire.) LAOIDH. O! ’Thriath nam buadh tha ’n cruinne ’luaidh do ghlòir, Do mhaitheas pailt, do ghliocas ceart ’s do threòir; Ta iolach grâidh o’ bheanntabh ard ’s o’n chuan, ’S o aird nan speur le caithream éibhinn buan. ’Stù chroch gu h-ard na speuran ’s àillidh sgiamh, ’Nan guirme bhòidh’ch le ’n reultaibh ’s òrail fiamh. Ta fiamh an lò o ’n ghréin a’s òirdheirc soills’; Ta ’ghealach shèimh ’cur sgàil air neul na h-oidhch’; Bi ’n saoghal ait le fiamh na maidne ciùin, ’S le h-aoibhneas ait bheir teachd an fheasgair cliù, Do d’ àithn’ tha géill nan gaoth gu séideadh dian, A’s ceannsachd thonn ’am boile thróm nan sian. [TD 29] Ta iomlain nàduir ’ deàlradh àigh do ghlòir, ’S do mhaitheas gràidh cha traoigh gu bràth d’ ar còir. Thig uisge pailt le ’bhraonabh feartar tlàth, ’Ni ’m fàsach ait fo luisreadh reachdmhor blàth, Thig arbhar tróm air slios nam fonn; ’s a’ ghrian Gu’m faic an dìthreabh ’fàs le mìle miagh; Fo bhraonabh tlàth ni ’n fhaiche ’s fàsmhoir’ sìol ’An cuairt gach bliadhna pailteas fial a dhìol, Cnuic ’s cluainte fàs, tha drcachte ’n àilleachd nuadh, Fo chòmhdach feòir a’s ùrail éibhinn snuadh; Na treudan tric le gean air slios nan cluan, ’S gach fàs-àit’ ùr tha ’labhairt cliù gu buan. O ’Thriath nam buadh! tha ’n cruinne ’luaidh do ghlòir, Do mhaitheas pailt, do ghliocas ceart ’s do threòir; ’S gach cearn ge cian mu’n deàlraich grian le h-iùl, Le ioghnadh ait mu d’ ghlòir gu’n dearc gach sùil, Air oibribh nàduir shoillsich fiamh le bàigh, Ach àird a mais’ tha ’d theampull feartar àigh, O mhaitheas gràis ’bheil glòir a’s àirde buaidh, ’S àrd chliù gun chrìoch ’an aoibhneas sìor ’ga luaidh. A. M‘I. TRASG. An e Trasgadh a bhi ’cumail Do thigh-tasgaidh glan a’s lóm O fheòil chaorach a’s laoigh bhiadhta, Saill nan còm? An e trasgadh tàir a dheanamh Air an fheòil mhaith air do bheul’, ’S do mhias a lìonadh ard le iasg A’ chuain, a’s shruth nan gleanntan céin? An e trasg math trasgadh aon uair O gach biadh le aghaidh chróm, ’S a bhi ’falbh le trusgan reubta, Gnùis fo sprochd a’s cnead ’nad chòm? Cha ’n è! ’S e trasg do choirce thabhairt Do ’n anam acrach, sguab a’s biadh; ’Bhi trasg o chonnsach’, fuath a’s gamhlas, Do chridhe nàimhdeil ’cheusadh giar; Sa’ Charghus ìnntinn ghointe ’nochdadh,— Do pheacadh ’chlaoidheadh le cion bîdh; ’Se so, ’s cha ’n e do bhord a lomadh, Trasg a’ chreidich ùmhail fhìor. [TD 30] RANNAN. Air bàs Banacharaid a bha anabarrach gaolach ’s a chaochail ’na leanabachd; le Eóghan MacShola sa’ Cheannamhor, taobh Lochfìne; agus a tha air an àm so ag uidheamachadh leabhair bardachd G ilig agus Beurla, ’chuireas e ’mach ’an ùine ghoirid. I. Chaochail i mar neulta ruiteach ’Bhios ’san Ear mu bhriste’ fàire;— B’ fharmad leis a ’ghréin am bòidhchead Dh’ éirich i ’na glòir ’chur sgàil orr’. II. Chaochail i mar phlatha gréine, ’S am faileas ’na reis ’an tòir air; Chaochail i mar bhogh’ nan speura;— Shil an fhras a’s thréig a ghlòir e. III. Chaochail i mar shneachd a luidheas Anns an trâigh ri cois na fairge;— Dh’aom an lān gun iochd air aghaidh— ’Ghile O! cha b’fhada ’shealbhaich. IV. Chaochail i mar ghuth na Clàrsaich’ ’Nuair a’s druidhtiche ’s a’s mìls’ e; Chaochail i mar sgeulachd àluinn, Mun gann ’thòisichear r’a h-ìnnseadh. V. Chaochail i mar bhoillsge’ gealaich’ ’S am maraich’ fo eagal san dorcha; Chaochail i mar bhruadar milis, ’S an cad’laiche duilich gu’n d’ fhalbh e. VI. Chaochail i ’an tùs a h-àille, Cha seachnadh Pàrras as féin i; Chaochail i, O! chaochail Màiri Mar gu’m bàite ’ghrian aig éiridh! CLACHAIREACHD. Do thròmpaid fhonnmhor, ’Iomraidh, séid, Saor-Chlachaireachd ard-chuir an céill Do thìribh céin a’s dlù; Thoir sgeul mu mhac treun Dhaibhidh seach, Solamh, ro ghlic, neo-choimeasach, ’N ard-mheas os-ceann a ’chrùin. [TD 31] Teampuill shòleimt; tùir chorra àrd, Aitreabh chuach-mhullach, tighean àillt, Ar làmh-ne thog gu beachd: Dean àithn do dhaoin’ maraon bhi ’luaidh’ ’S biodh astar adh’rail cian ’g ath-fhuaim Mór-luach na Clachaireachd. Am bochd ’na éigin còmhnar leinn, An nochd ’s an t-ocrach cóbhraidh sinn, Sud stéigh ar comuinn chaoin: Tha ’r comunn tàht’ le roghadh stuth; Oir sparraidh Cairdeas duin’ ri duin’; Sinn uile bidh mar aon. Do thrómp ard-fhuaimneach, ’Iomraidh, séid, Cluinneadh an Cruinne-cé gu léir, Mór-fheum Saor-Chlachaireachd: Chuir Iùl Neo-chrìochnach i air chois, A’s shocraich i air thalamh bhos, Samhladh air àgh ri teachd. Ead. le DONNSHUIL. LAITHEAN NA SEACHDUIN. Is muladach da rìreadh r’a thoirt fa’near an dorchadas anns an robh ar n-aithrichean o shean mu dhéibhinn nan nithibh a’s cudthromaiche—an t-aineolas truagh anns an robh iad a thaobh nithe spioradail, agus an saobh-chràbhadh grànda tàmailteach fo’n robh iad ’an tràilleachd bhochd. Shaoileamaid nach robh e comasach do dhuine aig an robh spiorad, a’ mothachadh do’n ghréin, do’n ghealaich agus do na mìlte reull àillidh maiseach tha ’soilleireachadh na h-iarmailt ghuirm os ar ceann, gun a thuigsinn gu’n robh iad uile air an cruthachadh air tùs le làimh an Uile-chumhachdaich, oir tha iad gu léir a’ togail dearbhadh làidir air cumhachd agus air gliocas neo-chrìochnach, neo-mhearachdach an Ti àrd a rinn agus a dhealbh iad gu léir, agus a ta, a latha agus a dh’ oidhche a’ faire thairis orra agus a’ freasdal doibh gu léir. Ge sàmhach, ciùin tha iad a’ triall; ged nach ’eil guth no comas cainnt aca, “Gidheadh le cluasaibh tuigse ghlic Cluinnear am fonn ’s an ceòl gu tric, A’ seinn gun tàmh air feadh gach linn, ‘Is tusa, ’Dhia, a chruthaich sinn!’” Mar so tha na nèamha a’ foillseachadh glòir Dhé, agus na speuran a’ nochdadh gnìomhara a làmh; ach ’s duilich a smaointeachadh ciamar thainig Iodhol-Aoradh a stigh, agus a chinn e co chumanta, choitchionn air feadh an t-saoghail—gidheadh cha ’n ’eil eachdraidh againn air aon rìoghachd air uachdar an t-saoghail nach do thuit anns a’ pheacadh nàr so. B’ iad na ceud diathan-briége lòchrain àrd nan speur; ’na dhéigh sin rinn amaideachd dhaoine diathan-bréige do spioradaibh ghaisgeach agus dhaoine cumhachdach a [TD 32] dh’ fhàg an saoghal so, agus mu dheireadh, o cheum gu ceum, rinn iad diathan-bréige do dh’ iomadh seórsa bheo-chreutairean anns a’ mhuir agus air tìr—iasgan, beathaichean, eunlaith, agus creutairean snàigeach agus puinnseanta. Tha soabh-chràbhadh luchd-àiteachaidh Shasunn, na h-Eirionn agus na Gàidhealtachd soilleir o ioma ni tha sinn o latha gu latha a’ cluinntinn gun bhi ’smuainteachadh no ’tuigsinn gu ro shoilleir ciod a’s ciall doibh. ’Sann diubh so LAITHEAN NA SEACHDUIN, no na-h-ainmeannan a th’ againn anns a’ Bheurla agus anns a ’Ghàilig air na làithibh sin. Smuaintich sinn gu’n robh cuid d’ar luchd-dùthcha, math dh’ fhaoidte aineolach air seadh nan ainmeannan sin, agus leis nach bu mhisde fiosrachadh aithghearr fhaotainn mu’n déibhinn. Air tùs, DI-DOMHNUICH an t-aimm cumanta air latha na sàbaid. Feòraicheamaid ciod is ciall do’n fhocal Di tha ’dol roimh ainm àraid gach latha. ’S airidh air ar mothuchadh gu’n robh solus an latha anns gach rìoghachd o shean, ’na shamhladh air an Ti ghlòr-mhoir a chruthaich gach nì. Anns an Laidinn o ’bheil co iomad cainnt eile iar teachd, ’se Dies a th’ aca air son latha; ’se Deus a th’ aca air son Dia. ’S ann á so tha ’m focal Beurla, Day, iar tighin—o’n Laidinn Deus, no Dia sa’ Ghàilig. Tha ’n latha ’na shamhladh ro fhreagarach air an Tì sin anns nach ’eil dorchadas sam bith, tha ’soilleireachadh agus a’ blàiteachadh an t-saoghail; a’ sgapadh shochairean agus sòlais air feadh gach cearna dhe. Anns a’ Ghàilig Albannaich, agus Eírionnaich, tha ’m focal so Dia no De, no mar deir sinn air Gàidhealtachd Alba Di air a chur roimh ainm gach latha—Dia no Di-dòmhnuich—Di-luain—Di-màirt, &c. Gun teagamh ’sann o na Rómanaich a fhuair sinn am focal so Di,—a tha ’dol roimh ainm làithean na seachduin—claonadh aithghearr air an fhocal Laidinn, Dies, a’ ciallachadh latha.—Di-dòmhnuich, ’se sin latha-dòmhnuich. Tha am focal so, Dòmhnach, a’ teachd o fhocal Laidinn, agus ’s iad na Criosduidhnean a thug an t-ainm so air ceud latha na seachduin, oir cha b’e so a b’ainm dha o thùs ann an Eirinn, ni mó ann an Albainn, ach Di-sùl no Dia-sùl—sùl, o’n fhocal Laidinn, Sol, a’ ghrian,—latha na gréine, no, mar their iad ’san Laidinn, Dies-Solis, no, sa’ Bheurla, Sunday. ’S ann o’n fhocal so, Sol, no, Sul, ainm na gréine, thainig am focal, sùil, oir ’s i ’n t-sùil grian na colunn. B’e so matà, ceud ainm Eirionnach agus Gàidhealach an latha so, Dia-Sùl, ceart mar Dies-Solis an Laidinn, agus Sunday na Beurla; ach dh’ atharraich na Criosduidhnean an t-ainm Paganach so agus thug iad ainm ùr air an latha, ’se sin Di-Dòmhnuich. A nis, ciod is ciall do’n fhocal so, Dòmhnach? Cha’n fhaod e bith nach focal Paganach, ana-creideach, ana-criosdail a th’ ann, oir ’s aithne dhuinn cuid do dhaoine aineolach sa’ Ghàidhealtachd agus cuid do mhinisteirean, a chuireas sgraing orra ’nuair chluinneas iad Di-dòmhnuich a’ tigh’n á beul duine, mar gu’n cluinneadh iad droch fhocal; agus tha cuid de Mhaighstirean-sgoile Gàidhealach feadh ar dùthcha ’thigeadh thairis air ainm an fhir nach abair mi co luath ’s a theireadh iad Di-dòmhnuich—“Latha na Sàbaid,” ars’ iadsan. Mo thruaighe’ [TD 33] na h-ùmpaidhnean bochda! ’Se ’n dara h-ainm gu mór a’s freagaraiche na ’n t-ainm eile. Se Latha-na-Sàbaid an t-ainm Iudhach, ainm latha deireannach na seachduin, ’s ni h-e ceud latha na seachduin—latha naomha nan Iudhach, agus ni h-è latha naomh nan Criosduidhnean. Ciod ls ciall do Dhi-dòmhnuich? Bheir mi dhuit e san Laidinn, Dies-Domini, Di-dòmhnaigh, ’se sin Di—no latha, an Tighearna, no sa’ Bheurla, The Lord’s Day, a’ cheart ainm a thug deisciobuil Chriosd air an latha—ainm an t-soisgeil—oir cha ’n ’eil san fhocal so Dòmhnuich ach am focal Laidinn, Domini, a thug na ceud Chriosduidhnean a stigh, air ruith gu Gàilig, ceart dìreach mar ni cuid do dhaoine seòrsa Gàilig do gach focal Beurla thig ’nan rathad. Di-Dòmhnuich, ’am briathrabh eile Latha ’n Tighearna,—’s ionann sin agus Dies-Domini san Laidinn, no, the Lord’s Day sa’ Bheurla. Tha dòchas againn ’na dhéigh so nach bi uiread oillt air cuid a dhaoine roimh ’n ainm so, oir cha’n ionann idir e agus Sunday anns a’ Bheurla. DI-LUAIN—Cha ’n fheum an t-ainm so móran mìneachaidh, Dh’ innis mi dhuibh gu’m b’e a’ cheud ainm a bh ’aig muinntir Bhreatunn air ceud latha na seachduin, Di-Sùl, ’se sin latha na gréine, oir bi ’ghrian cuspair aoraidh a b’ àirde bha aca, agus ’na h-easbhuidh sin, a’ ghealach. Tha fios aig cuid agaibh gur h-e ainm an latha so Di-luain, san Laidinn Dies-Lunæ—latha na gealaiche, oir ’s focal Laidinn, Luna, a’ ciallachadh na gealaiche, air chor ’s gur h-e ’s ciall do Dhi-luain anns a’ Bheurla, Moon-day, (Monday) latha na gealaiche. Rinn ceud luchd-àiteachaidh na rìoghachd so aoradh do’n ghréin agus do’n ghealaich fo shamhlaidhnibh air am bheil dealbh againn fhathast ann an cuid do sheann leabhraichibh. DI-MAIRT. ’Se’n t-ainm Paganach a th’ againn fhathast air an latha so. Thainig e ’nuas d’ar n-ionnsuidh o na Ròmanaich, oir ’s ainm Laidinn a th’ann, DIES-MARTIS; an neach sin ris an abair na Rómanaich agus na Paganaich, Mars, b’e dia a’ chogaidh e—ìodhol bréige bha aig na Cinnich bhorba sin. Tha fios agaibh gur h’e ’n t-ainm tha aca sa’ Bheurla air an latha so, Tuesday. Chum so a thuigsinn thugaibh fainear gur h-iad na Saxons, no mar their sinne, na Sasunnaich, a thainig thairis oirnn as a’ Ghearmailt, a thug am focal so nall leò. ’Se Tued, no Teud, an t-ainm a th’ aca air iodhol a’ chogaidh no air Mars air tir-mór na h-Eòrpa, agus gu h-àraid sa’ Ghearmailt. ’S ann o so a bha ’n t-ainm TEUTONES orra, agus an cainnt TEUTONIC; oir b’e TEUD dia mór na rìoghachd sin, agus thug iad mar ainm do threas latha na seachduin Teud’sday no mar their sinn le atharrachadh beag sa’ Bheurla, Tuesday: ach sheas luchd-àiteachaidh na h-Eironn agus Gàidhealtachd Alba ris an t-sean ainm Ròmanach Di-màirt “Dies-Martis.” Lean luchd-àiteachaidh na h-Olainde na b’ fhaide na rìoghachd sam bith eile air aoradh a dheanamh do’n iodhol Teud agus is ann o so tha iad air an ainmeachadh Tuidsich no Dùidsich, an luchd-aoraidh aig Teud. DI-CIADAIN, no mar their sinn sa’ Bheurla, Wednesday. Tha fios cinnteach againn ciod is ciall do’n fhocal so. ’Sann o na Saxons agus ni h-ann o na Rómanaich a [TD 34] fhuair sinn am focal so. An déigh do na Rómanaich pilltinn dachaidh d’an dùthaich féin, thainig na Saxons (na Sasunnaich) a nall o thir-mór na h-Eòrpa, gu h-àraidh o’n Ghearmailt agus chuir iad cuid mhór do’n rìoghachd fòdhpa. Thug iad an cleachdainnean féin a stigh, agus an t-iodhol-aoradh a chleachd iad ’s na cearnaibh as an d’ thàinig iad. B’e WODEN an t-iodhol urramaichte aig na Gearmailtich gu léir agus na Sasunnaich a thainig thairis as na dùthchanna sin. ’S e sin an t-ainm a ta gu tric air ’aithris ann an dána Oisein, (Odin) far a’ bheil sinn gu tric a’ leughadh mu thalla Odin, agus sgiath Odin. Ann an riòghachdan na h-airde-tuath, anns an t-Suain agus ’am measg nan Lochlannach ’se Odin no Iadon an t-iodhol a b’ àirde; agus tha dàna nan dùthchanna sin a’ deanamh iomad iomradh air. ’S ann o so a thuigeas sinn ciall an fhocail so Di-Ciadain. Tha fios agaibh nach ’eil an litir W, r’a faotainn sa’ Ghàilig, agus b’ éiginn doibh uime sin, C, a chur ’na h-àite—Di-Ciadain, no mar their iad sa’ Bheurla, Woden’s day no, Wednesday. Tha iomad àite feadh na Gàidhealtachd air an ainmeachadh as déis Odain. Ann an Lagan Locha-buidhe ann am Muile, tha Uamh-Odain agus tha iomad iomradh air ann an sean eachdraidh na h-Eirionn agus Gàidhealtachd na h-Alba. DI-ARDAOIN no Di-thordain’ agus mar their iad sa’ Bheurla Thursday, san t-seana Bheurla Thor’sday—latha THOIR. ’S ann a nall o’n Ghearmailt, mar an ceudna, fhuair sinn an t-ainm so. Do réir eachdraidh na Gearmailt agus nan rìoghachdan tuathach, b’e TOR mac ODAIN, agus b’e so an t-iodhol a b’ airde bha aca air fad. Ann an dealbh a th’ againn de ann an seann leabhraichibh, tha e air a nochdadh dhuinn ’na shuidhe air cathair-rìoghail àrd agus coron òir air a cheann; agus cha ’n ’eil teagamh air bith nach do chuir na Suainich na Lochlannaich, &c. gu bàs cuid d’an leanaban féin mar ìobairtean do’n iodhol eagalach so. Bha ’n cóigeamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh dhàsan agus air ’ainmeachadh ’na dhéigh Di-Thorn—san t-seana Bheurla, Thor’sday. ’S ann o’n iodhol mhór so thainig cuid do na h-ainmeannan tha cumanta sa’ Ghàidhealtachd ’am measg nam fineacha thainig do na h-eileana tuathach o Lochlann, mar tha Clann-Leòid. Tha gu h-àraid dà ainm aig a’ chinneadh so a fhuair iad o Thor, ’s iad sin TORCULL no Tor-ghille, se sin gille Thoir; agus maraon TORMOID, no mar bu chòir a sgriobhadh, Tormond. ’Se ’s ciall do’n fhocal so Mond, sa’ chainnt Lochlannaich, maol, no bhi as eugmhais fuilt air a’ cheann. O shean, ’nuair a b’ àbhaist doibh òganach air bith a chur air leth no ’choisrigeadh seachad do mhaighstir, b’ àbhaist doibh am fait a lomadh bhàrr a chinn—mar so Maol-Moire, ’se sin gille-Mhoire—Maol-Chalum, ’sesin gille-Chalum—Maol-Phàdruig, ’se sin gille-Phàdruig—Maol-Chiarain, gille-Chiarain: ach ’an àite maol, focal Gàidhealach, tha aca ’m measg nan Lochlannach, Mond, a’ ciallachadh an ni cheudna. Tor-mond ’se sin maol no gille Thoir, agus iomadh ainm eile do’n t-seòrsa cheudna. O so tuigidh sibh gur h’e ’s ciall do Dhi-ardaoin, latha Thoir, no Di-Thorna, an cóigeamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh do’n iodhol eagalach, TOR. Air tir- [TD 35] mór na h-Eòrpa tha ’m focal so air a sgrìobhadh, Thordan, air alt ’s gu bheil so a’ mìneachadh dhuinn cionnas a tha ’n cóigeamh latha air ’ainmeachadh Di-Thordain. ’S ann o’n fhocal so, TOR, tha torrunn agus tàirneanach a’ teachd; oir, a réir eachdraidh nan rìoghachdan sin, b’e TOR dia an dealanaich agus an tàirneanaich agus ’s ann uaithe thainig ainm an Tàirneanaich ’nar n-ionnsuidh—Tor-neanach, ’se sin fuaim no obair Thoir: ceart mar b’e Jupiter dia an Tàirneanaich aig na Ròmanaich; agus thug iad Jupiter Tonans air, no Jupiter an tàirneanaich, mar ainm, agus is airidh air ar beachd, ann an seann leabhraichean Beurla tha fhathast maireann gur h-e ’s ainm do’n latha so, Thunder’s day, latha ’n Tàirneanaich, an latha th’ air a choisrigeadh do THOR, righ an Tairneanaich. DI-H-AOINE, an sèathamh latha, ris an can iad sa’ Bheurla Friday. Ciod is ciall do’n fhocal so? Air tùs mothuicheamaid gu’m b’e ’n t-ainm a bh’ aig na Rómanaich air an latha so Dies-Veneris, the day of Venus no mar a sgrìobhar e sa’ Ghàilig, latha Bhénuis, oir cha’n ’eil an litir V, againn sa’ Ghàilig, agus tha Bh a’ seasamh ’na h-àite. B’i Bhénus bain-dia a’ Ghaoil agus gach suirdhe agus neo-gheanmnuidheachd, agus bha ’n sèathamh latha do’n t-seachduin air a choisrigeadh dhise. Tha ’m focal so Bhenus a’ teachd o fhocal Gàidhealach, Bean, air chor agus gur fior Ghàilig an t-ainm Laidinn Dies-Veneris, latha na mnatha—Di-bheana; agus tha sinn a’ leughadh gu’m b’e sin gun teagamh ceud ainm an latha so ’am measg nan Eirionnach agus seann luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachd. Ach ciod an cairdeas tha eadar so ’s an t-ainm tha aca sa’ Bheurla, Friday? Innsidh mi sin. B’e ’n t-ainm a bh’ aig na Saxons a thainig a nall o thir-mór na h-Eòrpa air Venus, b’e sin Freia, no a’ Bhean; air alt agus gur h-e seadh an fhocail so Friday, latha Freia no Feria,—latha na mnatha; air neo a réir an t-sean ainm Eirionnaich agus Ghàidhealaich Di-Bheana. Tha cuid a’ smaointeachadh nach ’eil san fhocal Di-h-aoine ach a’ cheart ainm a bh’ aig ar sinnsir air, mar thuirt mi cheana, Di-Bheana, (Dies-Veneris nan Romanach) ach tha mi a’ smaointeachadh o nithibh a leugh mi ann an seann leabhraichibh Eirionnach, gu bheil seadh eile aig an fhocal so, di-h-aoine; agus gur h-iad na ceud Chriosd’nean a thug an t-ainm so dha, direach mar a dh’ atharraich iad Di-sùl gu Di-dòmhnuich, latha na gréine gu latha an Tighearna. Anns gach Foclair Gàilig chì sinn gur e ’s ciall do’n fhocal aoine, trasg—an latha air na ghléidh na Criosd’nean trasg—an latha air am bheil na Pàpanaich ’ga chumail fhathast: air chor’s gur h-e ’s ciall do dhi-h-aoine, latha an traisg. ’S e Aoine na Ceusda, ainm an latha ris an abair iad sa’ Bheurla Good-friday. Tha dòchas agam gu’n d’ rinn sinn ainm an latha so soilleir dhuibh—’Am measg nan Romanach Dies-Vèneris, latha Bhénuis—’am measg nan Saxons, Dies-Freia, ’se sin Friday nan Sasunnach, agus gus an latha diugh ’se ’n t-ainm a th’ aig na Dùidsich air mnaoi mhóir Frau no Frow. ’Se ainm an Di-h-aoine acasan, DIES-FRAU:—latha na MNATHA MÓIRE, latha an traisg; agus tha an trasg mar chuimhneachan air an latha air na cheusadh ar Slànuighear. DI-SATHUIRNE. ’S ann o na Rómanaich a fhuair sinn an t-ainm so. B’e SATURN a h-aon do na h- [TD 36] iodhoil mhóra acasan; agus ’se ainm an latha so aca sin, DIES-SATURNI—DI-SATHUIRNE, an latha bha air a choisrigeadh thairis do’n iodhol thruagh so. Mar so tha sibh a’ faicinn gu’n robh aig na daoine aineolach o’n d’ thàinig sinn, seachd diathannan-bréige urramaichte os ceann chàich, agus thug iad an ainm do sheachd làithibh na seachduin mar onair dhoibh; agus tha am focal sin Di no Dia a’ dol romhpa, a leigeil ris duinn gu’n robh na h-iodholan sin ’nan diathan aca. Mar so bha iomadh dia-bréige aca, ach bha seachd gu h-àraid ann d’ an d’ thug iad urram sònruichte; agus thug iad an ainmeannan air seachd làithibh na seachduin. 1. A’ ghrian—Sa’ Bheurla Sunday 2. A’ ghealach Do. Monday 3. Mars, no, Teud, do. Tuesday 4. Woden, do. Wednesday 5. Thor, do. Thursday 6. Freia no Bhénus, do. Friday 7. Saturn, do. Saturday MU’N DRUCHD. Is taitneach an nì ’an àm dol a mach sa’ mhaduinn, mu éirigh na gréine, beachdachadh air cùirneinean bòidheach an drùchd, aìr gach duìlleach agus bileag fheòir a’ deàlradh ann an gathaibh na gréine mar dhaoimeanan boillsgeil. ‘Nuair a dh’ éireas a’ ghrian tha gach cùirnein diubh sin a’ dol as an t-sealladh, agus tha ’n duilleach agus gach bileag fheòir a’ tiormachadh suas; agus ma tha ’n latha tartmhor teth, fàsaidh an talamh a bha gu fiunnar tais sa’ mhaduinn, gu tioram crainntidh. Ach a rithist ’nuair a théid a’ ghrian fodha tuigear gu’m bheil am feur agus an duilleach a’ fàs tlàth, agus am fonn fiunnar. Cha’n ann o’n fheur no o’n duilleach a tha ’n àitidheachd no an t-uisge tha deanamh suas an drùchd, a’ teachd; cha ’n ann, mar shaoilear, a tha e ’g éiridh o’n talamh; is ann o tha e ’teachd a nuas o’n àile. ’Nuair a chuirear coire làn uisge air an teine, fàsaidh an t-uisge uidh air ’n uidh, teth, agus tha toit a’ teachd a mach as an fheadan. Tha’n toit so, a tha ’na h-uisge ann an dreach eile, a’ coimeasgadh leis an àile agus air a call. Ma dh’ fhàgas tu’n coire air an teine, fàsaidh an t-uisge gu h-iomlan ’na thoit, caillear an toit air fad anns an àile, agus cha bhi a làthair ach an coire falamh. Nan cuireadh tu càileiginn de’n toit ann an gloine, agus an sin taobh muigh na gloine fhuarachadh le bréid fliuch a chur m’a timchioll, chitheadh tu gu’m fàsadh an toit a tha sa’ ghloine’ na h-uisge, a shruthadh sìos taobh a stigh na gloine. ’Nuair a dheàlras a’ ghrian, tha a teas do ghnà a’ sùghadh suas an uisge o’n fhairge, o lochain, o aibhnichibh, agus o fheur; ach ’s ann a tha e ’ga dheothal suas ann an dreach ceò tana, no smùid. Ma sheasas tu ri taobh aibhne no lochain ri latha ro theth, agus beachd a ghabhail air cuspair dorcha sam bith, feudaidh tu ’fhaicinn mar mhaoth-chrith san àile. ’Sann a tha ’n coslas so ag éiridh o’n toit a bhi’ direadh, agus cha’n ann o’n chrith a tha san àile. Cha ’n ’eil a’ mhaoth-chrith san àile, mar o shéide na gaoithe, ag oibreachadh atharrachaidh ann an coslas na chì thu troimhe. Cha ’n urrainnear am fìor aobhar a shoilleireachadh, ach tha e fìor choslach ris an nì sin a bheir air maide dìreach amharc cam le ’chur fodha san uisge. Ma chuireas tu beagan uisge ann an soitheach, agus ’fhàgail [TD 37] sgaoilte ris a’ ghrein ri latha teth, bithidh e air a shùghadh suas, no air a thiormachadh air an dòigh so, agus cha bhi e r’a fhaicinn. Tha, uime sin, an t-àile a tha os ar ceann agus gach ni mu’n cuairt duinn, a’ giùlan air gach àm mòran uisge; ach tha’n t-uisge mar cheò no mar smùid thana. Fàsaidh an ceòthran so mar bha an smùid air a chur anns a’ ghloine fhiunnair, ’na uisge ’nuair a chinneas e fuar. Tha iomad ni a’ deanamh an àile ni’s teotha no ni’s fiunnaire air aon àm na air àm eile; ’sann a’s mò an teas ’nuair a tha ’ghrian a’ deàlradh gu boillsgeil, agus a’s fiunnair’ e san fheasgar; tha e mar an ceudna air ’fhuarachadh leis an t-soirbheas. Mar is fuaire an t-àile, is ann a’s mò a chithear an àitidheachd. Mur ’eil e ach fiunnar, chì thu ’n t-uisge anns an àile ann an dreach ceò; ma bhitheas e ro fhuar, ’nuair bhitheas àiteachd san àile, cruinnichidh neòil dhorcha, no uisge; agus feudaidh so tionndadh gu reothadh no clacha-meallain, ni a dh’ fheudas a rithist leaghadh le teas chum uisge, agus an sin a bhi air a thionndadh gu smùid, gu ceò, agus a rithist air a chall anns an àile. ’Nuair a bhios drùchd tróm ann, their daoine gu’m bi latha teth ann am màireach. Mar a’s soilleire an t-àile san oidhche, no mar is ainmige na neòil, is ann a’s pailte ’n drùchd. Air oidhche sam bi móran neul cha bhi ach beag drùchd ann, oir tha na neòil ’nan iompaidh air an talamh a ghleidheadh blàth, agus a chionn nach biodh an talamh co mór air ’fhiunnarachadh, cha bhiodh na h-uiread uisg’ air socrachadh air o’n cheò a tha air an àile. ’An lorg so tha aon ni feumail san aimsir is teotha agus is tirme, mar a’s mò a thuiteas de dhrùchd no’dhealt san oidhche, ’s ann a’s fearr a gleidheas e gach pòr agus luibh o bhi air an tiormachadh suas. ’Nuair a tha neòil agus uisg’ ann, cha bhi feum air an dealt, agus air oidhche ghruamaich, theirear nach bi drùchd ann. Le imeachd a mach’ an âm reothaidh ’s minic a chì sinn gach preas agus meanglan còmhdaichte le liath-reothadh. Cha ’n ’eil san liath-reothadh ach drùchd air reothadh. Tha na craobhan, am feur, agus gach nì air a’ bhlàr-a-muigh anabarrach fuar, agus cha’n e amhàin gu’n toir e air uisge luidhe orra o’n àile mar dhrùchd, ach reothaidh se e ’nuair a shocraicheas e orra. P. M. RABHADH CUDTHROMACH! Tha ann am monaidhnean na Gaidhealtachd an ceart-uair, seorsa de nathair mhilltich, is bàsmhoire gu mór, agus is puinnseanta na aona chuid, an nathair nimhe, no an ’nathair bhreac shligneach. A chum gu’m biodh mo luchd-dùthcha ionmhuinn air am faicill roimhpe ìnnsidh mi dhoibh a coltas, agus ma thachras gu’n lot i neach ciod an leigheas a’s fearr. Tha i’m bitheantas de mheudachd mhóir, ach tha ’n t-àlach, cia air bith cho òg agus cho beag, a cheart co nimheil ri’m pàranta. Tha dath ruadh oirre, agus tha i’m bitheantas r’a faicinn ’na cuaich eagalaich dlù do shruthana agus do lochana, a’ faire, feitheamh am faic i neach a’ dol a dh-òl dibhe! Chunnaic mise, Mactalla, i ’leum air iomadh neach, agus chuir e gairisinn air m’ fheòil. Cha luaithe lotas i aon na ’chailleas e ’chiall! chithear a shùilean dearg a’ seasamh ’na [TD 38] cheann—ataidh a theanga—’s cha mhór gu’n tuig neach ciod a their e! chunnaic mi iad ’am bitheantas anns an staid so a’ leum air an càirdean bu dìlse,—a’ bualadh am mnathan airson an cumail o na naoidheinean neo-chiontach a mhort—a’ toirt toibheum do Dhia agus do’n Bhìobull—agus a’ gabhail orain di-dòmhnuich! Ach ’s e cuid a’s uamhasaiche de’n chùis nach luaithe thòisicheas an neach a theid a lot leis an t-seorsa nathrach so ri fàs ni’s fearr, na theid e dìreach g’a h-iarraidh chum gu’n lotadh i a rithist e! Ged rachadh a bhean, ’sa chlann, ’sa chairdeann ’an sàs ann cha b’ urrainn iad a chumail air ais; ge b’ann air mheadhon-oidhche, éiridh e agus theid e air a tòir! Chunnaic mi seann duine còir, a chiabhan air liathadh, ’s na deòir le ’shùilibh a’ feuchainn r’a mhac, gille-òg tlachdmhor a chaidh a lot le aon diu, a chumail gun dol do’n àite cheudna ’rithist; rug a mhac air—thilg e air a dhruim air an talamh e, agus mun d’ thàinig cóig uairean, thainig e dhachaidh air a lot as ùr! ’S gann gu’n ruig mi ’leas ìnnseadh gur h-i ’n nathair so cliath na poit-thàirne. AN GAEL ANNS A’ BHAILE. ORAN. A rinneadh le duin’ āraid d’a chéile ar dha dealachadh rithe car ùine beagan ’an déigh dhoibh pòsadh. Ma bheir mi sgeula Dhuibh mu m’ chéile, Gur e ’h-eugasg Maduinn chéitein Mu ghrian-éirigh, Maiseach, ceutach, Flathail, éibhinn, Milis, sèimheil, àgh-chruthach. Milis, &c. ’M bi na speuran Glan o neulabh; ’S gach beò-chreutair ’Dh-easbhuidh éislein, S am bi éideadh Nuadh air sléibhtibh, srath a’s réidhlein; ’S air gach géig binn-chlàrsairean. ’S air, &c. Mar am faillein ’Am measg chrannabh ’Dh’ fhàs gu fallain, Dìleas, daingeann, Nach crìon gaillionn, Ach sìor earrach a’ cur barraich Uaine ’s gean gun fhàillinn air Uaine, &c. Mar a’ ghealag ’S fìor-ghlan lainnir, A’ toirt barrachd Air iasg mara, Tha mo M hali ’S uaisle ceanal, suairce geanail, ’Am measg bhan ion-ghràdhaichte ’Am measg, &c. Mar shoillse gealaich’ Do ’n a mharaich’ A bha tamull Fad’ o fhearann, Tha mo M hali- Sa d’ a leannan, ’fògradh smal uaith’ ’Tigh’n ’na char ’s fiamh-ghàir’ oirre. ’Tigh’n, &c. Mar dhrùchd meala Anns an earrach, Cùbhraidh, fallain, Do’n ùr fhaillein, Mar chiùin dhealta Do’n mhìn ghlas-fheur, tha deagh-chleachdadh ’Cur gu pailt gach àilleachd oirr’, ’Cur, &c. [TD 39] Measg nam maighdeann Bu tù ’n doimean S gile soillse ’S gloine foinneal, Deàlrach, boillsgeil, Bainndidh caoimhneil, greannar, sgoinnmhor, ’S i gu loinnmhor stàdhantach. ’S i gu, &c. ’Measg nan òg-bhan Gur ì ’s bòidhche Theid ’an còmhdach, Ceutach òrdail, Té gun mhòr-chuis, Gleusta stòlda, ’s beusach nòsan, Spéiseil, còir, neo-àrdanach. Spéiseil, &c. A’s meallaich’ sùil Fo mhala chiùin, ’S a’s maisich ’gnùis; A’s dualaich’ cùl, Le geal-dheud dlùth ’M beul meachair cùbhr’; a’s grinne ’n gùn; ’S o ’sàil gu ’crùn gun fhàillinn oirr’. ’S o sàil, &c. ’S iomadh òigfhear A bha deònach A bhi pòsda Ris an òg-mhnaoi; Ach ’s ann dòmhsa ’Thugadh còir oirr’ leam cha bhròn e, S cha’n aindeòin leam gràdh thoirt di. ’S cha’n, &c. Tha mo smaointean A’ ruith daonnan Chum an taobh A ’bheil an fhaoileag, Thar na gaothan San la fhaoiltich, ’s tha mi ’saoilsinn Nach dean aon ni fàireadh oirr’. Nach dean, &c. Mo chion ’s mo rùn A’ chruinneag chùl-donn, ’S bean gun smùr i, Beathail sùnndach Dreachmhor, cliùìteach, Gu neo-dhùbailt’; té gun chùl-chainnt, Fialaidh, fiùghail, pàirteachail. Fialaidh, &c. Mo ghaol a’ chuachag Smiorail uasal, Cheanalt’, stuama, Bhanail, bhuadhach, Gheanail, shuairce, Té gun ghruaman, té gun uabhar Té gun fhuachd gun ghàbhalachd. Té gun, &c. ’S cian s is fada Mi o d’ chaidreamh! ’S beag mo chadal, ’S luaineach m’ aigne, ’S luaith’ air astar Air chuan farsuing i na sneachda ’Siubhal seach air àrd-bheannaibh. ’Siubhal seach, &c. ’Fhir a shiùbhlas Air chuan dù-ghorm Nan tonn siùbhlach ’S nan long stiùrach, Thoir mo dhùrachdsa, Gun chùnadh, leat g’a h-ionnsuidh, ’S na bi diùid no sgàthachail. ’S na bi, &c. [TD 40] AM MADADH-ALLUIDH MU DHEIREADH. Tha e air ’ìnnseadh dhuinn gur e MacAoi, tighearna Phollachaig, oighreachd bheag ’an taobh tuath na h-Alba, an duine a mharbh am madadh-alluidh mu dheireadh a chunnacas san rìoghachd-sa. Cha ’n ’eil os ceann leth-cheud bliadhna o’n a chaochail an duine so. Bha e dlùth air seachd troidhean air àirde, agus anabarrach foghainteach, dreachmhor agus eireachdail ’na phearsa. Bha boirionnach bochd san dùthaich sin a’ sìubhal troimh mhonadh farsuing agus dithis phàisdean beaga leatha ’gan giùlan a h-aon ma seach. Choinnich am madadh-alluidh no mac-tìre i. ’Am priobadh na sùl sgrios e an dà phàisde lurach, agus b’ ann air éiginn a fhuair i féin as, an déigh a lamhan agus a casan a bhi air an reubadh gu truagh leis an uile-bhéist chìocraich oillteil. ’Nuair chuala Mac-an-Tòisich, ceann-feadhna Chlainn-Chatain so, chuir e ’mach a thogail na dùthcha gu h-uile, agus dh’ àithn e do na h-uile mac màthar san tìr os ceann chóig bliadhna deug a dh’ aois a bhi cruinn aig a’ chaisteal an la màireach air a’ mheadhon latha. Thàinig an t-àm agus bha daoine na tìre gu léir san làthair ach tighearna Phollachaig, an duine bu mhisneachala agus bu tréine ’nam measg gu léir. Cha robh toil aig Mac-an-Tòisich falbh as ’eugmhais, bha e fo chorruiche mhòr nach do sheas MacAoi a’ choinneamh mar a dh’ iarradh air. Mu dhà uair an déigh a’ mheadhon latha thàinig e ’na làn éideadh ghàidhealaich, a bhreacan m’a ghuaillibh, agus cuaille do bhata math daraich ’na làimh. “Cha ’n àbhaist leamsa,” arsa Mac-an-Tòisich “a bhi mar so a’ feitheamh ri daoine air na chuir mi fios, agus idir cha do shaoil mi gu’m biodh tusa air deireadh ’nuair tha cuis-eagail san dùthaich agus na daoine air éiridh gu dol air a thòir.” “Ciod so a’ chuis-eagail” arsa tighearna Phollachaig “a tha ’nur beachd? ciod an t-sealg air am bheil na daoine ’triall?” “Nach cual’ thu” arsa Mac-an-Tòisich “gu’n robh madadh-alluidh san dùthaich, agus nach d’ innis mo theachdairean mar a mhilleadh na leanaban?” “Seadh, seadh,” arsa ’m fear eile, “chuala mi sin, ach chaidh e as mo chuimhne. Ma ’se e sin a’ chùis-eagail a thog an dùthaich, cha ’n ’eil fàth-cabhaig’ ann. So agaibh,” ars’ esan ’s e ’fuasgladh sgioball a bhreacain, “so agaibh ceann na béisde. Mar bha mi tighinn thairis air guala na Beinne-Móire, thachair a’ bhéist orm agus thug e ionnsuidh orm. Thug mi aona ghleadhar dha ’am mullach a’ chinn leis an sgealb mhaide so ’m làimh agus thuit an trusdar mar gu’m b’ uan a bhiodh ann, agus mun d’fhuair e as a’ phaiseanadh tharruing mi ’bhiodag agus sgud mi ’n ceann de ’an eagal gu’n éireadh e a rithist, oir their iad gur creutairean ciogailteach iad.” “’Fhir mo chridhe” arsa Mac-an-Tòisich, “’s tù fear mo làimhe deise mar bha thu riamh, agus mar chuimhneachan beag air na thachair, bheir mi Seunachan, am baile beag ud thall mar oighreachd dhuitse agus do d’ theaghlach o so a mach gu bràth, a bheathachadh do mhiol-chon thug pilleadh air mac-tìre agus a chuir a ’d rathad e. C. C. NITHE A’S FIACH AN CUMAIL AIR CHUIMHNE. Tha e air a mheas gu bheil ann am farsuingeachd an t-saoghail gu [TD 41] leir, mu thuaiream dà cheud muillein mìle ceithir-chearnach; agus cha ’n’eil ach mu’n cheathramh cuid de gun bhi air a chòmhdachadh le h-uisge. Tha an talamh air a roinn ’na cheithir ceàrnan farsuing ris an abrar an Roinn-Eòrpa, Asia, Africa, agus America: ’S iad so ceithir chèarnan an t-saoghail. Tha mu thimchioll tri muilleine deug mìle de’n t-saoghal comasach a bhi air ’àiteachadh; agus diu so tha anns an Roinn-Eòrpa cóig; ann an Asia a h-aon deug; ann an Africa naoi; agus ann an America ceithir deug muillein. ’S i an Roinn-Eòrpa a’ chèarn a’s lugha de’n t-saoghal, agus America a’s mò. ’S i an Roinn-Eòrpa a’ chèarn a’s cumhachdaiche de’n t-saoghal, agus America a’s anfhainne. ’S i Russia an dùthaich a’s farsuinge de’n t-saoghal, agus a’s ro thaine tha air a h-àiteachadh. Cha ’n’eil China ach mu’n cheathramh cuid cho farsuing ri Russia, gidheadh tha ’dheich uiread àireamh shluaigh innte. Ged ’s i America a’ chèarn a’s farsuinge de’n t-saoghal, ’sann innte ’s lugha tha ’lnchd-àiteachaidh. ’S i Russia an dùthaich a’s fuaire de’n t-saoghal, agus Birman ann an Innsibh na h-aird-an-ear, a’s teotha. ’Siad Peru agus Chili, ann an taobh deas America, agus Tibet ann an Asia, agus Switzerland anns an Roinn-Eòrpa, na dùthchannnan a’s ro lìonmhoire monaidhnean a tha air an t-saoghal. ’S iad Persia agus Arabia ann an Asia; agus a’ Ghearmailt agus Russia, na dùthchannan a’s còmhnairde th’ air an t-saoghal. ’S e Chimborazo ann an taobh deas America, monadh a’s àirde tha air an t-saoghal; oir tha e fichead mìle sè ceud agus ochd troidhean air àirde os ceann còmhnard na mara, no teann air ceithir mìle. ’S i Amazon, mar an céudna ann an taobh deas America, an abhuinn a’s mò th’ air uachdar an domhain. Tha an abhuinn so a’ ruith mu chóig mìle mìle mu ’bheil i a’ ruigheachd a’ chuain. SEANA-CHEANN. AM FIOR DHUIN’-UASAL. ’Se ’m fior dhuin’-uasal Oglach Dhé, Maighstir an t-Saoghail, agus a Sheirbhiseach Fēin. ’Se Deadh-bheus a Chèaird, Meòrachadh a shùgradh, so-thoileachas ’fhois, agus Sonas a Dhuais, ’Se Dia ’athair, an Eaglais a mhàthair, na Naoimh a bhràithrean, na h-uìle aig am bheil feum air, a chairdean; Crábhadh a mhinisteir, Geinmneachd a sheòmradair, Stuamachd a bhuidealair, measarrachd a chòcaire; Aoidheachd a bhain-stiubhart, Freasdal a stiùbhart, Carthannachd fear-coimhid ’ionmhais, Diadhachd bana-mhaighstir a thighe, agus a Dhorsair chum leigeadh a mach agus a steach, mar is ro iomchuidh. Mar so tha ’theaghlach uile air a dheanamh suas do Dheagh-bheus, agus is e féin fior Mhaighstir an tighe. Feumaidh e dol troimh ’n t-Saoghal so air a thurus do Nèamh; ach tha e ’g imeachd troimhe co luath ’s a’s urrainn e; agus ’se ’s gnothach dha air an t-slighe e féin agus muinntir eile ’dheanamh sona; Gabh e ann an dà fhocal, is DUINE agus is CRIOSDUIDH e. [TD 42] Bun Loch Aluinn Mios-meadhoin a’ Gheamhraidh. 1835. A Theachdair ùir, Có sìbh no ciod is ainm dhuibh cha ’n ’eil fios agam, ach bha mi ro thoilichte ’nuair chuala mi “a’ bhirlinn ùr” a bhi fo uidheam agus air sàile. Chuireadh cuid mar fhiachaibh orm gu’m bi ’n t-seana bhirlinn a bh’ ann, air a calcadh ’s air a tearradh as ùr agus le acfhuinn ùir ach ’s mór m’ amharus gur bìrlinn ùr nodha ta ann—ach ab-air-bhith có i, soirbheachadh leatha! buaidh a’s piseach dhi, agus sonas dàsan aig am bheil am falmadair fo ’achlais agus leis an sgioba chridheil, iasgaidh, thapaidh tha maille ris—Socrach, ciallach gu robh esan aig am bheil sgód an t-siúil-mhóir, agus furachail faireachail gu robh fear-ìnnsidh nan uisgeachan! Cha luaithe fhuair mi a’ cheud àireamh de’n Teachdaire ùr ’am làimh na bha mi ’na bhad. Cha d’fhuirich mi ri sgithin no ri siosar a ghearradh nan duilleag, ach a stigh chaidh mo chorag agus fosglar suas e. Leugh mi an Roimh-radh—Cha’n’eil so gu h-olc, arsa mise, ach saoileam co è C.C. a sgrìobh so? Cha robh a h-aon do’n ainm so san t-seann sgioba. Chaidh mi air m’-aghart—leugh mi “Fàilte do’n Teachdair’ ùr.” Ubh ùbh! arsa mise, co è fear nan guidheachan móra? ’Fhir mo chridhe a theachdair ùir bi air t’ earalas ’an aghaidh a leithid so do chainnt. Tha mi’n dòchas nach ’eil a mhiann oirbh misneach a thoirt d’a leithid so do chonaltradh—tha tuille ’s a’ chòir dhe so sa’ Ghàidhealtachd cheana gun bhi ’ga chur d’ar n-ionnsuidh á Glascho. ’An àite misneach a thoirt d’a leithid a sheanchas, ’s ann bu chòir ’am bharail-sa, éiridh orra ’n clàr an aodainn agus an-uaisle agus peacaichead na cainnt so a leigeil ris doibh. “Mìle misg” ars’ esan “airsan nach guidh soirbheachadh leibh”—“Maol-chluasach” ars’ esan a rithist “gu’n robh e.” Chuala mi gu robh so ’na chleachdadh cumanta ann an Lochabar o shean, na cluasan a sgudadh air falbh le cuirc do dh’aon a ghoideadh mult no uan—mar thuirt an t-òran: “A mhic a’ bhodachain lachduinn Thain’ á Lochabar nan craobh, Cleas a’ chait a dh’ òl an t-uachdar, Theid a’ chluas thoirt dìot o’n mhaoil.” “Toll-sporanach” ars’ esan a rithist, “gu robh an sgrubaire,” ach cha’n’ eil an guidhe so ro thróm—bn mhiosa gu mór e nan guidheadh e Toll-bhrioguiseach no lom-mhàsach gu robh e. “Crùbach” ars’ esan, “gu robh e”—“Crotach gu robh e!” an cualas riamh a leithid? ’Fhir mo chridhe, a Theachdaire, na ceadaich so. Mo nàire! ma chluinneas na tiolpadairean Galld’ e, gun teagamh feannaidh iad sinn agus nàraichidh iad sinn ’an làthair an t-saoghail. ’Na dhéigh sin uile tha mi glé chinnteach nach robh droch-rùn air bith ’an cridhe a’ Bhaird-Bhric, agus tha mi ’g aideachadh gur ra-mhath a sgrìobhas e a ’Ghàilig; ach tha mi air m’ uamhasachadh romh na Goill—ge neònach an gnothach iadsan a chur eagail air duine Gàidhealach sam bith. Fàilt’ air Mactalla! So a h-aon do’n t-seann sgioba—Mo bheannachd ort a Mhic-talla agus tog do ghuth—a mhic chridhe ’s ann agad féin tha ’chainnt—air leam gur leur leam thu a’d sheasamh air [TD 43] mullach Caisteal Chola a’ togail do ghuth gu h-àrd, a’ glaodhaich air Gàidheil an t-saoghail uile éiridh mar aon duine agus seasamh guala ri guala as leth an Teachdair ùir, ’s na h-uile creag a’s garbhlach a’s caisteal a’ freagairt do’n ghuth! Ach có iad Cicero agus Solon agus Demosthenes agus Socrates? Chuala mi iomradh air fear Chìnsero agus fear Sholais ach ge h-eòlach mi air Gàidhealtachd cha d’ thàinig mi riamh an carabh Dhemostenes no’n fhir shocraich eile c’ ainm so th’air—Socrates. Ubh-Ubh! a Mhic-talla ’s ann a’d cheann féin tha ’m fiosrachadh! Dh’ fheuch mi do leantuinn gus an d’ràinig thu Mhemf, ach so focal a dh’ fhairtlich orm. Dh’ fheuch mi ’rithist agus a rithist fonn a ehur air, ach cha deach agam air—’s ann thainig e ’mach as mo bheul mar gu’n cluinneadh tu tathunn cuilein aig a’ Mhemf! Marbh-phaisg air an fhocal ghrànda—e féin agus Beulusc—’s beul-uisge gun teagamh tha ’nar beachd a Mhic-Talla, agus ’s iomad beul-uisge ’s beul-àtha tha sa’ Ghàidhealtachd. Tha Mactalla ’g ìnnseadh gu’n d’ ionnsuich e iomad òran o bhuachaillean Thyre. Tha mi ’deanamh dhe gur e so cuid de’n speileadh ùr tha muinntir shiorramachd Rois a’ feuchainn a chur oirnn, oir ’s ann a b’ àbhaist duinne a sgrìobhadh, Tirie, eilean tha dlùth do Chola, agus cha’n ’eil teagamh agam nach d’ ionnsuich Mactalla iomad duanag laghach o bhuachaillean agus o ghruagaichean Thirie—ach có chuala riamh daoine bhi ’g ionnsuchadh òrain air a’ Charthage no mar their sinne, Carage? leabhar nan Ceistean gun teagamh—’s iomadh latha thug mi ’ga fhòghlum, ach ’s beag a bha dh’ fhonn òrain orm. Soirbheachadh leat a Mhic-talla! Tha ’n eachdraidh mu na searragan uisge math, ach rud-eiginn tróm r’a leughadh; ach nach innis sibh co è C. C.? Leugh mi Crotachan-na-Beinne, ach cha ’n abair mi ’bheàg gus an cluinn mi ’n deireadh, ach so deir mi gur h-olc an cleachdadh a bhi ’toirt frith-ainm no leth-ainm air duine air bith—tha ’m fasan so ro chumanta sa’ Ghàidhealtachd, ach ’s fasan olc, nàr e. Sheall mi air a’ Bhardachd. Cha bhard mise, ach cha robh riamh anabharra spéis agam do dhàna bh’ air an eadar-theangachadh o’n Bheurla do’n Ghàilig. Tha blas na Beurla air a’ chuid a’s fearr dhiubh. Cha tugainn aon luinneag a dheanadh fìor Ghàidheal aig nach robh focal Beurla ’na cheann no peann riamh ’na phluic airson làn-peice do na dàna sin tha air an eadar-theangachadh—bha e co math dhuit feile-beag a’s breacan a’s osain a’s boineid a chur air Dùidseach. Tha ’chuid eile do’n cheud àireamh math. Gabh air t’aghaidh a Theachdaire, buaidh leat! Is mise do charaid dìleas. EOGHAN A’ CHAOLAIS. D.S.—Tha Iseabal mo bhean a’ cur mìle beannachd a’d ionnsuidh agus ag iarraidh fios uait a’ bheil iomradh air bith air an Tì no air an t-siùcar a dhol ni’s saoire. FARFONADH. A Theachdair Uiseil. Tha mi ’cur romham—ma chaomhnas Dia mo bheatha, agus ma [TD 44] bhitheas gach cùis mar is miann—a dhearbhadh gur h-i ’Ghâilig a’ chiad chànain a bh’ air an t-saoghal; gur h-i ’labhair an ceud duine—gur h-i ’labhradh le sliochd Noah ré chóig ceud bliadhna ’n déigh na dìle, ’se sin gus an deach a cur troimh chéile aig togail Bhabeil, agus gur h-i ’n iuchair òir i a dh’ fhosglas brìgh bhriathran agus ainmeannan a bha cruaidh-ghlaiste fad mhìlte bliadhna! Gabhaidh mi os-làimh so uile dheanamh ann an leabhran Gàilig ris an abrar ADHAMH AGUS EUBHA, no CRAOBH-SHEANACHAIS NAN GAEL, nach cosg ach aon tasdan—’se sin luach leth-bhodaich de mhac-na-bracha, cho luath ’s a gheibh mi mìle ainm; Agus ma’s urrainn do neach anns na trì rìoghachdan a dhearbhadh a’ m’ aghaidh nach b’i Ghàilig a’ chiad chànain, fuilingidh mi mo chluasan a tholladh le teth-theallaich, agus mo bhàthadh ann am ballan-buaice! Theagamh gu’n abair cuid, “’s ann tha’n t-òlach air bhreathas!—am bheil e coltach nam b’i ’Ghàilig a’ chiad chànain nach faigheadh sgoilearan móra a mach roimhe so e?” stad, ’fhir dhù’cha, stad: theirinn fhìn an ni ceudna eadhon an uraidh, ach cha bhiodh ann ach argumaid duine aineolaich.—Na sgoilearan a’s airde ’sgrìobh riamh mu thùs chinneach agus chànainean cha robh eòlas còir ac’ air a’ Ghàilig, agus iadsan diubh aig an robh, sann sa’ Bheurla ach beag a sgrìobh iad, agus uime sin, cha d’ ràinig am fiosrachadh na Gàeil, ’s am beagan Gàilig cha do do thuig na Goill, agus a’ Bheurla cha do chreid iad. ’S ioma ni cudthromach a bha fada ’n diomhaireachd a fhuaradh a mach mar gu’m b’eadh le tuiteamas, agus sann le tuiteamas agus cha ’n ann le barrachd sgoile ’fhuair mise mach so: dìreach coltach ris an fhear roimhe so ri linn a bhi ’sireadh asail a fhuair rìoghachd—bha mi, mar bhall de’n CHOMUNN OISEINEACH a’ sgrìobhadh Deuchainn air “craobh sheanachais nan Gàel” ’nuair fhuair mi gu’m feudta an leantainn air an luirg gu Adhamh—gur h-ann ann an litir nam fineacha, ’s nach h-ann san litir Eabhraich eadhon a sgrìobh Maois—agus gu’n robh na Gàeil ’nan àirde còrr agus dà mhìle bliadhna mun d’rugadh e! Neach air bith mata leis am bu mhiann “ADHAMH AGUS EUBH” fhaicinn thugadh e ’ainm do’n fhear is faigse dha de luchd-reic an Teachdaire Ghàelaich, no dhomh féin aig àireamh 23, Sràid Earra-ghàèl, fa chomhair Tigh-òsd’ an tairbh-dhuibh. L. MACILLEAIN. Glascho dara mìos a’ Gheamhraidh 1835. FEAR AIG AN ROBH MOR-SPEIS DO’N BHIOBULL. Bhàsaich Job Potter, fear de mhuinntir America, air dhà bhi sè-bliadhna-deug agus trì fichead a dh’ aois. Rè aona-bliadhna-deug roimhe sin leugh an duin’ urramach so mòran de leabhraichean air diadhachd, agus mar an ceudna bha e o aois ’òige ro thoigheach air a’ Bhìobull a leughadh. Is ni a tha cinnteach, d’an gann a gheibhear coimeas, gu’n do leugh e ann an sè bliadhna gu-leth mun do chao- [TD 45] chail e, am Bìobull gu h-iomlan, abhàrr air a’chuid eile d’a leughadh, seachd uairean agus dà fhichead! Bha e gu math air aghaidh leis an ochd agus an dà fhichead uair, gu ruig deireadh na litreach chum nan Ròimheach, agus an t-àite sin ann an Iob far a’ bheil e ag ràdh “Is aithne dhomh gu bheil m’Fhear-saoraidh beò.” Thug e fainear gu’n do thachair ni ùr éiginn air gach uair a leugh se e, agus gu’n d’fhuair e ann stéigh air mòr shòlas. Cha robh earbs’ air bith aige á ’fhìreantachd no á ’oibribh féin. ’S ann a bha a làn mhuinghinn air saoradh agus toillteannas ’Fhir-shaoraidh ghràdhaich, agus bu shìth bu chrìoch dha. P. M. BRISTEADH NA SABAID. Iadsan tha gach latha ’an tigh Dhé ag éisdeachd ’fhocail, cha ’n urrainn féin fhiosrachadh a bhi aca air lìonmhorachd an t-sluaigh nach ’eil a’ dol do dh’ eaglais air bith, ach a tha ’siubhal nan sràidean agus nan rathaidean móra, no a’ suidhe ann an tighean òsda ’nuair tha ministeirean agus pobull Dé cruinn ’na thigh-aoraidh. ’S ann do’n cheud seorsa bhuineas mise, ach bha e feumail domh air an t-sàbaid so ’chaidh fuireach aig an tigh, agus ’nuair a bhuail an t-uaireadair da uair-dheug, àm anns am bheil eaglaisean a’ bhaile ’stigh, thog mi ’n uinneag agus chunnaic mi air na drochaidean agus air da thaobh Chluaidh, sealladh eagalach muladach, mòran dhaoine agus mhnathan, ghillean agus nigheanan, beag agus mór, sean agus òg a’ mì-naomhachadh an latha naomh agus an Dia sin a thubhairt, Cùm do chas air ais o bhi ’gabhail t’ aigheir agus do thoil-inntinn féin air mo latha naomh-sa. Isa. 58. 13. Cha ’n ann air sràidean agus air rathaidean móra amhàin, ach ann an ionadaibh còmhnuidh, tha ’n t-sàbaid ri bhi air a naomhachadh. Lebh. 23-3. O lìonmhorachd an t-sluaigh a chunnaic mi o’n uinneig, bheireadh e orm a smuainteachadh, mur biodh fios agam air atharrachadh, nach b’e ’n t-sàbaid a bh’ ann idir, agus nach robh searmon sa’ bhaile. Tha fios agam gu bheil Glascho ainmeil air son aidmheil, seirc agus creidimh; agus gu cinnteach tha ministeirean agus luchd-riaghlaidh a’ bhaile ’deanamh móran math, ach ’na dhéigh sin uile tha mòran uilc aca fhathast r’a chasg agus r’a sgrios. Na caidleadh, matà, ach co-oibricheadh iad gu stad a chur air Bristeadh na Sàbaid. ’Se so am buinne-shruth tha ’slugadh agus a’ bàthadh mòran.—Leanadh iad air an obair mhath—togadh iad tuillidh eaglaisean—cuireadh iad a mach seirbhisich chum nan rathaidibh-móra agus nan gàrachaibh, agus co-éignicheadh iad iad chum gu’m bi tighean Dhé air an lìonadh; agus stadadh, éisdeadh, agus géilleadh an sluagh, air eagal gu’n abair an Righ nach blais aon do na daoinibh ud a fhuair cuireadh, a shuipeir-san. ’Se duine tha ’sgrìobhadh so, ach ’se Dia le ’mheur féin a sgrìobh, CUIMHNICH LATHA NA SABAID A CHOIMHEAD NAOMHA. G. B. Taobh Chluaidh 1835. SGEUL BEAG AIR EIRIONNACH. CHA ’n ’eil daoine air thalamh a’s deas-chainntiche na na h-Eir- [TD 46] ionnaich—tha’n fhreagairt aca deas réidh air gach àm. ’S cianail ri smuainteachadh co bochd ’s a tha iad. Mur bhi, mar their iad féin, a’ Chràin ’s na biridhean beaga, ’s iad sin a’mhuc ’s na h-uirceinean, cha ’n ’eil fhios cia mar a b’ urrainn doibh tighinn beò. Tha iad co cùramach mu na mucan ’s gu bheil iad a’ leigeil leo luidhe aig taobh an aon teinntein riutha féin, agus anns an oidhche, cadal fo na leapannaibh. Chitear na h-uirceanan agus na pàisdean a’ comhstri r’a chéile mu’n amar anns am bi fuighleach a’ bhuntàta. Chaidh duin’-uasal àraidh a stigh do bhothan bochd Eirionnach far an rohh an teaghlach cruinn mu’n ghealbhan, agus muc mhòr reamhar ’na suain ’nan teis-meadhon. “Nach nàr so r’a fhaicinn,” deir an duin’-uasal “a’ bhéisd mhuice sin mar so a chòmhnuidh san aon àite ri d’ mhnaoi ’s ri d’ phàisdean: Mo nàire! nach sgiùrs thu mach a’ bhrùid ghrànda; ciod a’ chòir a th’ aice bhi mar so an oir an teallaich?” “Ma ta” arsa ’n t-Eirionnach, ’s ann aice fein a thà ’chòir, có aig am bheil còir coltach rithe? Nach i bean an-tighe i? Nach i féin ’s cha mhise no fear eile, ’phaigheas am màl?” EIRIONNACH EILE. Thaining Eirionnach a bh’ air ùr phòsadh dhachaidh thun a bhìdh agus faighear a bhean ’na luidhe san leabaidh. “’Dé dh’ fhairich thu ’ghaoil?” ars’ esan. “Cha d’ fhairich dad” ars’ ise, “ach o’n tha mi nise ’m mhnaoi phòsda tha ’shannt orm beagan socair a thoirt do m’ chnaimhean”. “’S math leam a ghràidh thu ’bhi ’gabhail cùram dhiot féin” ars’ an t-Eirionnach “ach ma ’s ann mar so a bhitheas tha eagal ormsa gur h-iad cnaimhean do pheircill a gheibh a’ chuid a’s pailte do’n t-socair”. CIOD A NI MI AM MAIREACH? A Leughadair, is smuain bhitheanta so air oidhche shathuirne; an d’ thainig i riamh a’ d’ bheachd-sa? ’S e am breithneachadh cumanta-c’aite ’n téid mi ’m màireach? Ciod a’ chuideachd aigheir maille ris an téid mi? Cia mar a’s fhèarr a thoilicheas mi mi fhéin air an latha sin? Ceadaich dhomh ceisd a chur riut—Cia cho tric ’s a fhuair thu a rìreamh toil-inntinn anns na nithibh sin? Nach tric a thachair thu ri dragh, ri mì-thlachd éiginn, a thug air falbh an t-iomlan de’n toileachas ris an robh dùil agad, air achd ’s gu’n do phill thu dhachaidh le inntinn bhuairte agus mhi-shuaimhneach? Cuiream ceisd eile riut—Ciod an sòlas a bheir na dòigheannan sin air an t-Sàbaid a chaitheamh dhuit air leabaidh do bhàis? Freagair na ceisdean sin duit féin—ach freagair iad air mhodh dìleas agus fìrinneach—agus mur do mhothuich thu gu’n robh do dhòigh ghnàthaichte air an t-Sàbaid a bhuileachadh gu léir taitneach, dean feuchainn ri seòl eadar-dhealaichte; fritheil air aoradh follaiseach Dhé, leugh do Bhìobull, guidh air Dia do stiùradh chum na tuigse sin d’an “slighean subhachais a slighean, agus sith a ceummanna.” “Is e tuarasdal a’ pheaccaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhé a’ bheatha mhaireannach tre Iosa Criosd ar Tighearna.” CUACHANACH. [TD 47] MARGAIDHNEAN Ma tha crodh a’s caoirich air bheag prìs air Gàidhealtachd, cha chreid sinn gu bheil muinntir nam bailte-móra ’mealtuinn môran sochair uaithe. Cha ’n fhiosrach sinn gu bheil an Fheòil a bheag ni’s saoire na bha i o chionn bliadhna. Tha Mairtfheoil 4. 5 agus 6 sgillean a réir an t-seòrsa Tha Muiltfheoil 4. 5 agus 6 sgillean mar an ceudna Tha Laoighfheoil 7. 8 agus 9 sgillean mar an ceudna Tha Muicfheoil 4 agus 4’s bonn a sìa am punnd beag nan sè-ùnsa-deug Sasunnach. Tha ’MHIN a’s fèarr dà sgillinn ’ar fhichead, agus an seòrsa ’s faigse dhi sin, ochd-sgillean-deug a’ chlach, nan ceithir-puinnd-deug de’n tomhas Shasunnach, a réir na riaghailt tha nis air feadh na dùthcha gu léir. AIREAMHADH NAN GAIDHDEAL ANN AN GLASCHO. Chuir na ministeirean ùra Gàidhealach air chois an obair so a los fios fhaotainn cia meud pearsa a bhuineas do’n Ghàidhealtachd agus a’s urrainn Gàilig a bhruidhinn a tha ’n dràsd anns a’ bhaile so agus anns an fhìor choimhearsnachd. Chuir iad a mach deich Cléirich air feadh gach cearn do’n bhaile, d’ am b’ obair dol do na h-uile tigh agus ainmeannan na muinntir Ghàidhealaich a sgrìobhadh, an sgìreachd d’ am buineadh iad, an aois, na h-eaglaisean d’ an robh iad a’ dol, &c. &c. Tha ’n obair so nis crìochnaichte, agus tha 22, 334 do shluagh Gàidhealach ann, a bharrachd air móran a dhiùlt an ainmeannan thoirt seachad. Bheir sinn mion-chunntas orra nuair theid a dheanamh suas. NAIGHEACHDAN. ’Se thachair nach ’eil naigheachd idir ann; ach ma ’s fìor an sean-fhocal gur “math an naigheachd a bhi gun naigheachd” cha ’n ion duinn so a ghearan. Cha ’n ’eil aig muinntir nam paipeir-naigheachd ach na h-oidhirpean a’s truaighe chunnacas, gu rud-eiginn is fiach a chur annta. Shaoil iad gu’m biodh cogadh eadar America ’s an Fhraing, ni gun teagamh a b’ fhèairde ’n dùthaich so; ach ’si barail a’s bitheanta tha sinn a’ cluinntinn a nis nach bi e idir ann. Tha Parlamaid na rìoghachd ri coinneachadh air a’ cheathramh la de cheud mhìos an Earraich. A réir gach cùnntais tha sinn a’ faotainn tha ’n Cosnadh math sa’ bhaile so air an àm. Cha ’n abair sinn gu bheil e air chor air bith anabharrach; bidh daonnan fear no fear-eiginn a’ gearan; ach ’se ar làn-bharail gur h-ainmic a bha’m baile so ann an staid a b’ fhearr. [TD 48] FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDEAN. Fhuair sinn litir chaomh Thorcuill Udlaidh, agus bheir sinn oidheirp air leas nam balachan a chur air aghart mar tha e ’g iarraidh; ach mun teann e féin r’a chuid-san d’on obair, chomhairlicheamaid da dol fad ràithe do Chàradal, a stuidearra fo iùl a’ mhaighstir-sgoile sa’ ghleann; agus bheireamaid a’ chomhairle cheudna air iomadh fear a thuillidh air, nam biodh a chridh’ againn an ainmeachadh. Chuir am maighstir-sgoile so a mach Dònad, no Gràmar no Leabhar-taibse Gàilig, o chionn ghoirid, agus mholamaid do Thorcull agus do gach neach leis an àill briathrachas no snasdachd cainnte bhi aca, fear de leabhraichean ar caraid a cheannach, agus a bhi ’g obair air, a dh’ oidhche ’s a latha gus an dean iad iad féin coimhlionta chum a’ Ghàilig a thuigsinn agus a sgrìobhadh mar bu chòir dhi. Ach ged tha ’n leabhar so math a’s ra-mhath ’na àite féin, tha coltach gur fagharsach esan agus gach leabhar eile air an cuala’ sinne riamh iomradh ’an coimeas ris an leabhar ùr a ta Mr Lachann Mac’Illeathain ag uidheamachadh mu chumhachd agus aois na Gàilig. ’Se ainm an leabhair so, mar chì sibh o’n litir aige san Teachdaire so, Adhamh & Eubha, agus cha’ ’n ’eil teagamh sam bith nach tig e ’mach ma gheibh e mìle ceannaiche. Mur ’eil Lachann còir air deargan a’ chuthaich, rud nach b’ àbhaist da idir a bhith, air chìnnte fhuair e sealladh air chor-eiginn air a’ Ghàilig nach d’ fhuair daoin’ eile; agus nan deanadh rannsachadh agus rùrach, ùprait agus for-fhaiseachadh air feadh mhìltean de leabhraichean anns gach cànain, an sealladh so thoirt dà, cha b’ iongantach leinn e bhi aige. Tha cuid a dhaoine ’smuainteachadh gu’n teid aig’ air; cuid eile a chrathas an cinn agus a chuireas an corag air clàr an aodainn dìreach aig ìochdar na h-aide, ach ’s iad Goill tha ’deanamh so. Air ar son-ne ni sinn mar a tha “Eoghann a’ chaolais” los a dheanamh mu “Chrotachan na Beinne,” cha dean sinn móran fàidheadaireachd m’a dhéibhinn gus an cluinn sinn deireadh a’ ghnothuich. Ach faodaidh sinn so a ràdhainn, gur cinnteach gur h-i ’Ghàilig a’s tinne air an Eabhra ann an aos-mhorachd, oir tha i anabharra na’s sine na aona chuid a ’Ghréigis no’n Laidiunn; agus ma theid aige-san air a dhearbhadh gur sine i na’n Eabhra, toillidh e taing a luchd-dùthcha ré linntibh fhathasd ri teachd. Tha ar cairdean air Gaidhealtachd agus Galldachd a nis a’ fàs lìonmhor agus o nach urrainn duinn an litrichean a fhreagairt uile, tha sinn a’ meas gur fearra dhuinn leigeil leò ga àm eile. Tha na gruagaichean féin air tòiseachadh ri litrichean a chur chugainn; agus cha do chuir ni riamh tuillidh iongantais oirnn na litir fhaotainn o “Sheònaid òig” leannan “Chalum Chìobair” air an robh iomradh san Teachdaire mu dheireadh. Bi’ so a’ cheud té fhuair sinn uapasan, agus tha sinn a’ tuigsinn gu math nach do thaitinn e rithe bhi diomoladh bardachd Chalum. Cha ’n olc an comharradh so—theagamh nach bi i co duilich a thàladh ’s a shaoil sinn. [TD 49] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. CEUD MHÌOS AN EARRAICH. III. AIREAMH. CROTACHAN NA BEINNE. (Air a chrìochnachadh.) “Amadan truagh! ’s mise sin,” arsa ’n crotachan bochd—“tha truas aice rium ach cha’n ’eil a bheag ach truas. O ’Mhàiri!” ars’ esan “fuathaich mi mar a ni ’n saoghal—seasaidh mi fuath, tha mi eòlach air fuath, ach truas cha’n urradh mi fhulang; b’amaideach dhòmhsa smuainteachadh gu’n gràdhaicheadh i mi. Slàn leat! a Mhàiri, Slàn leat gu siorruidh;—cuimhnich mi ach na gabh truas diom—’s urradh dhomh gach ni fhulang ach sin.” Air dha so a labhairt, dh’ fhalbh e agus dh’ fhàg e i. Dh’ fheuch i a ghairm air ais, ach ann an tiota bha e as an t-sealladh. Shil Màiri gu frasach deòir. Bha meas aic’ air—meas mór—bhà e measail leatha, ach le gràdh cha do smuaintich i riamh air. Phill an crotachan bochd dhachaidh, ach an dòchas a dh’ àraich e agus an aisling mhilis a bh’ aige, sgapadh iad mar sgapas an stoirm an ceò. Dhùisg a chridhe ’na aghaidh, bha e diombach dhe féin, feargach ris féin, tàmh no socair cha d’ fhuair e—chaidh e’n bheinn ’s do’n ghleann, ach cha do choinnich e Màiri. Mu dheireadh chuir e roimhe a dh’ aindeoin magaidh agus sgeig an t-saoghail gu’n rachadh e g’a h-amharc; agus anns an inntinn so theiring e air an tigh mhór far an robh i féin agus a’ chuideachd eile air chéilidh. Bha iad uile cruinn ann an seòmar rìomhach ’nuair chaidh an crotachan a steach, agus an dìnneir air a’ bhord, agus shuidh iad uile mu thimchioll a’ bhuird mun d’ thainig a’ bhaintighearna mhór air na labhair sinn cheana, a steach. ’Se b’ ainm dhi so Baintighearn Helen. ’Nuair thainig ise stigh dh’ éirich cuid diubh, agus am measg chàich an crotachan. “So agaibh” arsa Màiri ’s i labhairt ri Baintighearn Helen “an gaisgeach misneachail a theasraig mise o’n tarbh.” Dh’ amhairc a’ bhaintighearn Helen air agus thug i aon sgriach àrd aisde. “A mach, a mach e,” ars’ ise, “as me shealladh an creutair oillteil—a mach as mo shealladh e!” ars’ ise, agus thuit i, air a tachdadh le boile ’s le uabhar, ann am paiseanadh no ann an neul-ospagach air an ùrlar. “Cuiribh a mach an uile-bhéist!” ars’ a mac, an Sasunnach òg, air na labhair sinn cheana, ’s e toirt aon leum a nùnn far an robh an crotachan truagh ’na sheasamh, “cha ’n urrainn mo mhàthair amharc air uile-bheist ghrannda cosmhuil ris gun dol ’na paiseanadh le oillt.” “Co ris,” arsa ’n crotachan, “tha thusa ’fhleasgaich a’ cantuinn uile-bheist? seas air t’ ais, agus na [TD 50] biodh a chridh’ agad do làmh a chur ormsa.” “A thruaghain oillteil mhi-nàdurra” ars’ an Sasunnach, agus le sin bhuail e dòrn air le ’uile neart, agus fàgar ’na shìneadh air an ùrlar e. “Mo nàire! mu naire” arsa h-uile aon san t-seòmar, “O mo nàire! an truaghan bochd neo-chiontach breòite a bhualadh mar rinn thu.” “A ghealtaire gun iochd gun chridhe!” arsa Màiri “a bhuail am breòiteachan bochd a chuir a bheatha féin ’an cunnart air mo shonsa, a ghealtaire gun iochd gun chridhe a bhuail e!” Ach ged a thuit an crotachan cha robh e fada ’g éiridh—bha e air a chois ann am prioba na sùl—tharruing e ospag fhada—bha e air chrith le feirg, air boile ’s air bàinidh, as a bheachd le corruich. Thug e aon sùil air an fhear a bhuail e, “Dìoghaltas!” ars’ esan le sgal eagalach ’se e ’togail sgine bhàrr a’ bhuird ’s ’ga sàthadh mum b’ urrainnear a bhacadh ann an coluinn an òganaich uaibhrich a bhuail e. Thug a’ chuideachd uile aona ghlaodh oillteil asda. Sheas an crotachan far an robh e, an sgian fhuileach ’na làimh, gun oidheirp sam bith a thoirt air teicheadh. Cha d’ thug e ath-ionnsuidh, ach sheas e gu sàmhach suidhichte gun fhocal as a cheann. Thainig a’ bhaintighearn Helen as a’ phaiseanadh, chunnaic i a mac air an ùrlar, au fhuil a’ taosgadh a mach á ’bhroilleach, agus neul a’ bhàis ’na aodann; mhothuich i Crotachan ’na sheasamh dlùth dha agus sgian fhuileach ’na làimh. Thug i sgriach eagalach le bas-bhualadh àrd. “A bhéist, a bhéist, a chreutair oillteil,” ars’ ise, “a mhortair, a mhortair, mharbh—mhort thu do bhràthair!” “Mo bhràthair!” arsa ’n crotachan ’s an sgian fhathast ’na làimh, “mo bhràthair an d’ thubhairt thu? Och, a bhean, a bhean, ’s an tusa mo mhàthair? labhair, innis domh có mì, có thusa? có esan a mharbh mi?”—Thilg e’n sgian uaithe agus ghlac e gairdean na baintighearna—“Nach labhair thu” ars’ esan, “an tù mu mhàthair? a’ bheil màthair agam? nach d’ thuirt thu gu’m b’e mo bhràthair a mharbh mi? Labhair” ars’ esan ’s e ’togail a ghuth le boile chuir eagal oirre. “Is mì do mhàthair” ars’ ise’ “ach fàg mi; agus ’se do bhràthair tha’n sin ’na fhuil air an ùrlar—dh’ fhuathaich mi thu o t’òige—sheachain mi thu—thug mi air t’athair nach mairionn a chreidsinn gu’n d’ eug thu—chuir mi fad o m’ shealladh thu agus ghuidh mi gu tric ’s gu dian nach faicinn thu fhad ’s bu bheò mi—’s tù bu shine na do bhràthair—’s leat an oighreachd agus cha bheag i—’s leat uil’ i—cha’n fheudar a chleth na’s faide—thug mo ghiùlan breitheanas nèimh agus corruich an Tighearna nuas air mo cheann—fàg mi—na feòraich na’s faide.” Tharruing si i féin uaithe, agus thilg si i féin air colunn a mic a bha fathast a’ call fola, ach a bha fhathast beò agus ag éisdeachd na labhair a mhàthair. Bha ’chuideachd uile ’nan tosd le oillt. Thug Crotachan aon sgriach as—stròic e ’aodach o ’uchd mar gu’m biodh e’n impis sgàineadh, agus mar neach as a bheachd; leum e ’mach air an dorus agus cha’n fhacas anns an iorghuill a bh’ ann ’dé ’n rathad a ghabh e. Cha deachaidh neach air a dheaghaidh ’s ni mò dh’ fheuch iad a ghlacadh. Thug e ’choille air, agus cha deach duine air a thòir. Cha robh an leòn a fhuair an [TD 51] Sasunnach òg, bàsmhor, ged chaill e móran fola—’an ceann latha no dhà bha e air a chois, agus a nis bha a’ chuideachd uile fo iomaguin mu’n chrotachan bhochd. Seachduin ’na dhéigh sin thachair buachaille chaorach air sa’ mhonadh, a cheann rùisgte, ’aodach air a stròiceadh, a cholunn uile air a reubadh le drisean agus droighionn, gun chaisbheart, a shùilean lasarra, agus e gu tur as a bheachd. Labhair am buachaille ris, ach ’si ’n fhreagairt a fhuair e “Seachain mi ’s mise Cain—’s mise Cain—mharbh mi mo bhràthair—na buin rium—tha comharradh a’ mhurtair air clàr m’ aodainn.” Fhuaradh greim air agus chuireadh e do thigh far an robh daoin’ as am beachd air an gleidheadh. Cha chuala Màiri iomradh air, ’s ni mò bha fios aice c’ àite ’n robh e, ach cha do dhi-chuimnich i riamh e. Sèa no seachd bliadhna ’na dhéigh sin, thachair dhi dol do’n cheart àite anns an robh ’n crotachan bochd, a dh’ fhaicinn bana-charaid dhi bha san àite cheudna agus as a beachd. Bha Màiri a’ siubhal o sheòmar gu seòmar ag amharc air na truaghain a bh’ air an gleidheadh san àite sin le mór chùram agus le mór chaoimhneas, cuid diubh sona agus cuid diubh dubhach, cuid diubh ciùin sàmhach, agus cuid diubh borb agus eagalach ri amhare orra. Mu dheireadh chaidh i le ard-lighiche an tighe do’n ghàradh, Ann an so bha móran do dhaoine air an ais agus air an aghart, cuid diubh a’ ruamhar, cuid a’ gartlan, cuid a’ leughadh, cuid a’ feadaireachd agus cuid ris an fhaoineachd a b’ fhagharsaiche. Mhothaich i aon duine breòite, lag, ag amharc air blàithean ùrar bòidheach a bha e’ ceartachadh agus a’ cur gloine os an ceann ’g an dìon o fhuachd agus o ghaoith. Sheas i làmh ris. “S bòidheach na blàithean sin,” ar’ ise. “Thà iad bòidheach” arsa ’n duine truagh, “agus tha iad neo-chiontach mar an ceudna—tha ’m blàth so” ars’ esan “dearg, ach cha ’n ann le fuil a bhràthar mar tha mo làmh-sa.” Chriothnaich Màiri; bha i uile air chrith agus shuidh i air suidheagan a bha dlùth dhi—tharruing i osna fhada agus thuit na deòir gu frasach air a gruaidhibh. “Na biodh eagal ort” arsa ’n lighiche, “cha dean an duine truagh ud lochd air bith—an t-aona chreutair a’s neo-chiontaiche chunnacas riamh. Tha e ’na thùr féin co math ri duine th’ air aghaidh an t-saoghail, ach nì àraid tha ’na cheann mu bhàs bràthar. Air leis gu’n do mharbh e a bhràthair; tha so a latha ’s a dh’ oidhche ’na cheann, ach seachain sin agus cha’n ’eil duine air thalamh a’s tùraile ’s a ’s cneasda na e.” “Tha fios agam” arsa Màiri “gu math có è; fàg thusa mi agus theid mi ’chainnt ris. Dhlùthaich i air—thog e ’cheann—bheachdaich e oirre. “A Mhàiri!” ars’ esan, “a Mhàiri!”—thainig reachd ’na mhuineal—“chunnaic thu mi ’marbhadh mo bhràthar—chunnaic thu ’n sgian a’m làimh, agus an làmh dheas so dearg le fuil.” “Stad,” ars’ ise, “éisd rium, cha ’n ’eil do bhràthair marbh—cha’n ’eil thu a’d mhurtair,” “Nach ’eil?” ars’ esan, “taing do Dhia!” Shuidh e air an làr, thog e ’shùilean ri nèamh—“O! taing, taing mar tha ’chùis.” Dh’ innis i dha mar thachair—gu’n d’ eug a mhathair—gu’n robh a bhràthair beò—an oighreachd fo chileadairean agus anabharra beartais a nis aige. Dh’ fhàg e ’n tigh-cuthaich—cha d’ iarr e gràdh Màiri, ach choisinn agus fhuair e a cairdeas. Chuir e fios air a bhràthair—rinn iad réite, agus ’an ùine ghoirid cha robh dà bhràthair ann an Sasunn bu ghaolaiche m’ a chéile. Thug e’ n oigh- [TD 52] reachd d’ a bhràthair, ach ghléidh e dha féin na chuir ’na chomas caoimhneas agus seirc a nochdadh do mhìltean. Chinn e ’na bheannachadh do’n chearna san robh e. Bha Màiri dha mar phiuthar gu latha a bhàis. Chaochail e ’nuair bha e dà fhichead bliadhna ’s a seachd, agus dh’ fhàg e na bha aige do dh’ òr agus do dh’ airgiod mar dhìlib aig Mhàiri—a’ cheud neach do’n chinne-daoine uile a dh’ amhaic air gun tàir—a dhearc air le caoimhneas. AN TAGHAIRM. B’e so an seòrsa Druidheachd no Buidseachais bu ghràineala ’s a b’ eagallaiche bh’ air a chleachdadh sa’ Ghàidhealtachd anns na lìnntibh dorcha chaidh seachad. ’Sann ’an eilean Mhuile bha ’n Taghairm mu dheireadh air am bheil cùnntas againn, o chionn sheachd fichead bliadhna. B’iad Ailean Mac Eachainn agus Lachunn Odhar an dithis dhaoine a chleachd an gnè bhuidseachais so mu dheireadh. B’ ann a chlann-Leathain iad le chéile—dithis dhaoine co danarra dhàna, cholgarra ’s a bha air Gàidhealtachd Alba. B’ann do chleachdainnean nan Pàganach an Taghairm—ìobairt oillteil air a tairgseadh suas do’n droch-spiorad, tre ’n d’fhuair iadsan a thairg i cead dà nì iarraidh air. ’S minic a chuala mi seann daoine ’an làithibh mo leanabachd ag aithris mu’n Taghairm agus chuir e oillt orm nach di-dhuimhnich mi ri m’ bheò. B’i ’n ìobairt so Cat air a ròsdadh ris an teine fhad ’s bu bheò e, agus an sin fear eile chur ’na àite. Bha so r’a chumail suas fad cheithir làithean agus cheithir oidhchean, gun ghreim bìdh itheadh ré na h-ùine. Thòisich an Taghairm air a’ mheadhon-oidhche eadar dì-h-Aoine agus di-Sathuirne, agus, a réir eachdraidh nan linnte dorcha sin, cha deachaidh iad air an aghaidh fada ’nuair a ghrad lìonadh an tigh le droch spioradabh fo riochd chat mhòra dhubha. A’ chiad chat a thainig a stigh, an déigh sùil eagalach fhiadhaich a thionndadh air an fhear a bha ’cur a’ bhior-ròslaidh air an robh ’n cat mu’n cuairt, “A Lachuinn Odhair ’ic-Nèill” ars’ esan “s dona ’n laimhseachadh so air cat,” ach bha mar fhiachabh airson a bha ’tionndadh a’ bhior-ròslaidh air an robh ’n cat mu choinneamh an teine gun diog a labhairt no aon fhreagairt a thoirt ciod air bith a chluinneadh e. Thainig cat agus cat a stigh gus an robh ’n tigh no’n sabhal san robh iad ris an obair oillteil so làn chat, agus mar a b’ airde ’sgreadadh an cat a bha ’ga ròsladh ’s ann a b’ àirde sgriachail agus sgreadail gach cait eile, gus fa dheireadh an robh ’n sgriachail eagalach so os ceann ni air bith a b’ urrainn duine sam bith a smuainteachadh. Mu dheireadh thainig cat anabarrach mòr a stigh, agus dh’ innis e do Lachunn Odhar mur stadadh e air ball mun tigeadh Ceann-feadhna nan cat a stigh mach faiceadh e flaitheas gu siorruidh. Fhreagair Lachunn, Ged thigeadh gach cat air thalamh agus gach spiorad as an droch-àite ’stigh nach stadadh e gus am biodh an obair réidh; gu’m fuirgheadh e air a’ chuid bu lugha gus am faiceadh e [TD 53] barraibh a chluas, agus dh’ iarr e air an fhear a bh’aig a’ bhior e ’chumail mu’n cuairt a’ chait. Air feasgar a’ cheathramh latha bha cat dubh aig bun gach cabair ’am mullach an tighe, ’s a h-uile h-aon diubh a’ sgriachail co àrd ’s gu’n cualas gu poncail iad taobh thall a’ chaoil s’a Mhorbhairne. Bha ’n Taghairm crìochnaichte air a’ cheathramh latha, agus an sin bha e air a cheadachadh dhoibhsan a thairg an ìobairt ghrànnda so an iarrtus a chur an céill. Bha Ailean air a chur fo eagal co uamhasach ’s nach b’ urrainn da labhairt. Mu dheireadh thuirt e, Beairteas;—ach bha Lachunn na bu danarra agus na bu dàine agus dh’ iarr e Beairteas agus Clann,—agus fhuair iad le chéile na dh’ iarr iad—’se sin a dh’ aona chuid sgeul na dùthcha—bha iad le chéile ’nan daoine tapaidh a thaobh nòs an t-saoghail so agus chinnich e leò mar is tric a ni e leis na daoine ’s miosa. Bha Ailean ’na dhuine colgarra aindiadhaidh. ’Nuair bha e air leabaidh a’ bhàis, agus a chomhairlich a chàirdean da e bhi na earalas an aghaidh chleachdainnean Shàtain “Fhalbh!” ars’ esan “ma tha Lachunn Odhar a chaidh romham san aon àite, ’s ma tha claidheamh a’s biodag ann, air m’ fhocal cumaidh sinn ar cuid féin a dh’ aindeoin Shàtain ’s a chuid feachd.” ’S iomadh sgeul eagalach tha air aithris gu ruig an latha-diugh mu Ailean agus Lachunn Odhar ann an eilean Mhuile. Cha b’ fhiach iad tighin thairis orra, ach gu bheil iad a’ toirt sealladh dhuinn air staid na dùthcha anns na lìnntibh dorcha sin, nuair bha saobh-chràbhadh, aineolas agus dorchadas a’ cuairteachadh na tìre. Tha a’ chlach air na shuidh Cluasmhór, (’se sin ceann-feadhna nan cat) air a comharrachadh a mach chum an la-diugh, agus athailt a h-ìnean fhathast anns a’ chloich, agus nì ’s iongantaiche gu mór na sin, tha iomad aon san dùthaich a tha ’ga làn-chreidsinn. Bha Ailean Mac Eachainn air a thìodhlacadh ann an eilean I, agus tha a leac r’a faicinn fhathast, agus a chruth air a shnaigheadh air a’ chloich ’na làn éididh. Tha sean eachdraidh na Gàidhealtachd ag ìnnseadh dhuinn gu’n d’ rinneadh an Taghairm tamull roimh ’n àm air na labhair sinn, le Mac-Dhómhnuill-Duibh, ceann-feadhna nan Camronach. ’Se ’n nì a fhuair esan bròg òir, a bha e ri chur air cois chlì gach aon d’a chuid mac, air an oidhche anns an rachadh a bhreith. Bha ’n seana chleachdadh so air a chumail suas o lìnn gu lìnn, ’an tigh Mhic-Dhomhnuill-Duibh gus na chailleadh a’ bhròg òir bliadhna Thearlaich ’nuair a loisgeadh a thigh. Fhreagair a’ bhròg òir do chois chlì gach mic a rugadh dha ach an t-aon, fear dhiubh aig an robh dà chois mhòra reamhar a thainig a thaobh a mhàthar, agus b’e so an t-aon fhear do’n teaghlach ard so a theich riamh roimh nàmhuid. C. C. MAC IAIN GHÌORR. Bha iad ni b’ eòlaiche air Gilleaspuig Dòmhmullach leis an ainm so na le aon ainm eile, agus bha e ni bu teóma thapaidh air cùl na [TD 54] cèird chunnartaich a ghabh e os làimh, na bha aon neach eile san àite. Bha e a thaobh breith ’na dhuin’-uasal agus bha oighreachd bheag aige ann an Earraghaidheal, ach chaill e i ’an aois ’òige. Dh’ fhàs e ra chomharaichte air son a theómachd ’an togail chreach, agus ge nach robh an lagh ro-theann san àm sin rinn a thapachd feumail da dol ni b’ fhaide o chumhachd an lagha, agus dh’ fhàg e a dhùthaich, an Apuinn, gu ionad a b’ uaigniche ann an Ardnamurchann, a bha fior fhreagarrach do na bha ’na bheachd. Fhuair e gabhail air baile fearainn san tìr sin, agus chuir e suas bà-thigh mòr, ge nach robh ri fhaicinn aige de spréidh ach aon loth. Bha a choimhearsnaich a’ deanamh àbhachd agus spòrs m’an chùis so, ach thuirt e riutha iad a dheanamh air an socair, gu’m faiceadh iad gu’m biodh a bhà-thigh làn mun tigeadh an Nollaig; agus choimhlion e ’fhocal. Dh’iunnsaich e’n loth gu dheanamh a réir a mhiann, agus bu ghnà leis eich eile a cheangal r’a h-earball; rachadh ise ’n sin, dachaidh air bealaichibh uaigneach gun sgiorradh gun tubaist. Sann air muir bu trice leis ionnsuidh a thabhairt, agus chuir e mór dhragh air eileanaibh Innse-Gall an deas agus mu thuath. Is tric a mhùth e dath a bhàta agus a siùil, agus ghrad dheanadh e an ni a b’ fheumala dha. Do thaobh nan ìnnleachd so, ’s minic a chuireadh a dhroch-bheirt-san as leth dhaoin’ eile, agus air uairibh as lath dhaoine bha measail, agus cliùiteach, s co teann a lean e dath am Birlinnean agus am brataichean. Is ann o thighearna Loch-nan-Eala bha ’ghabhail aige, air an d’ fhuair e eòlas le ’chuilbheartachd agus le’ sheòltachd. ’Nuair bha Loch nan Eala a thàmh ann an Caisteal Mhiongairidh, bha òrdugh aig Gilleaspuig luidhe air seid ’na sheòmar-leapach, chum cuideachd a chumail ris, le bhi ’g aithris eachdraidh nam Fiann, agus ur-sgeulan eile, ris an oidhche fhada gheamhraidh. Ghabh Gilleaspuig an cothrom air so a thionndadh chum a bhuannachd féin. Dh’ àithn e d’a chuid daoine iad a bhi deas, agus thagh e air an oidhche sin aon de na sgeulachdan a b’ fhaide. Mar bha fiughair aige chaidil Loch-nan-Eala mun robh an treas cuid di air a h-aithris; chaidh an creachadair gu sàmhach a mach as an t-seòmar, agus ràinig e a chuid ghillean. Thug iad Muile orra, far an robh cuid d’a luchd-muinntir a’ deanamh deas f’an comhair; thug e leis buaile iomlan chruidh, a chuir e gu sàbhailt air tìr, agus phìll e gu luidhe air a’ sheid mun do dhùisg Loch-nan-Eala. ’Nuair a luidh Gilleaspuig sìos tharruing e srann co làidir ’s gu’n do mhosguil an tighearna, agus ghearain e gu’n do chuir a shrannraich o chodal e, agus ge bu toigheach e mu eachdraidh na Féinne, nach éisdeadh e rithe tuillidh air a’ chumha cheudna. Cha bu duilich le Gilleaspuig so, ach fhuair e na bha ’na bheachd a thoirt gu crìch; agus a’ tòiseachadh far an do sguir e, ’nuair a thuit fear a’ bhaile ’na chadal, chuir e crìoch, agus chaidil e gu tróm ré ùine mhòr. Chaidh am buar a ghrad iùnndrain, agus thuit an amharas air Gilleaspuig; ach leig e gu neo-sgàthach gu ràidhe Loch-nan-Eala a’ chùis. Thuirt an t-uasal sin riutha air ’onoir, nach robh an creachadair a mach as a sheòmar-san fad na h-oidhche sin, agus cha do chuireadh tuillidh a’ chreach as leth Ghilleaspuig. [TD 55] Bha duine saoibhir a thàmh sa’ choimhearsnachd a bha comharaicht’ air son a spìocaireachd, agus fhuair e mì-chliu sònraichte airson beagan mine ’dhiùltadh do bhantraich bhochd fheumaich. Chuir an duine so dorlach mòr sìl do’n mhuilionn, leis an deachaidh e féin mar bu nòs leis, agus bha e ’tighinn dachaidh ’an cois na mine air feadh na h-oidhche. Bha na h-eich ceangailte ri iorbuill a chéile, agus bha taod fada aige ’n ceann an fhir a bh’ air thoiseach. Bha’n taod so aige ’na làimh, ’se ’g imeachd troimh choillidh agus dùrdan òrain aige; thainig Gilleaspuig air a chùlaobh, bha’n rathad bog, ’sna h-eich gun chrùidhean, ionnas nach d’ rinn iad farum. Dh’ òrduich Gilleaspuig do dh’ fhear d’a dhaoine e dh’ fhuasgladh an taoid o cheann an eich a bh’ air thoiseach, agus e féin g’a chumail suas mar bha’n t-each a’ deanamh, agus e dhol air aghaidh leis an aona cheum. Fhuair a mar so greim air an iomlan. Ràinig an spìocaire bochd ’an ùine ghearr an dorus, agus dh’ iarr e còmhnadh a thoirt a nuas na mine, ach air tionndadh dha mhothuich e le oillt nach robh aige ach an taod gun an t-each! Chum giorag a chur air a luchd-dùthcha, bha e gabhail os làimh gu’n robh co’ chomunn tric aige ri Glaistig a bha fo ainm a bhi san tìr, m’an robh a luchd-leanmhainn-san ag aithris a choimhlion seanchas m’an cheannas a bh’ aige oirre, ’s gu’n robh iad fo na h-uiread eagail roimhe, ’s nach robh chridh’ aca faire ’chumail air an cuid spréidhe, leis an d’ fhuair an cealgair carach so gu furasda greim orra. Dh’ éug athair Ghilleaspuig am feadh a bha esan ’na leanabh, agus phòs a mhàthair fear a bha chòmhnuidh a’ choimhearsnachd. ’Nuair a dh’ éug ise, cha robh Gilleaspuig ’na réite r’a oide, air chor ’s nach fhaigheadh a mhàthair adhlac mar bu mhiann leis, cha mhò bha e tèaruinte dha ’fhaicinn follaiseach aig an tòrradh. Fhuair e fios cinnteach mar bha na gnothaichean, agus far an robh an corp ’na luidhe; agus ri oidhche dhorcha rùisg e tubhadh an tighe, agus air do mhuinntir na faire bhi r’an cleasachd fhaoin féin, ’san corp a bhi as an sealladh le sgàil a bhi eatorra, thug Gilleaspuig leis e gu ’bhàta. Fhuair e mar an ceudna greim air an uisge-bheatha, agus thug e leis an dà chuid; mar so a’ cur an gniomh dleasdanas deagh mhic air bheag costais dha féin. Dh’ éirich gnothach diùbhalach a mach a thug air a shean ghnàthachadh a leigeadh dheth. Thug e ionnsuidh air aon de na h-eileana beaga bha air a’ chòrsa sin,—chruinnich e’n spréidh, ach thug am fear leis am bu leis iad an aire dhoibh, agus thainig e’m follais chum an cumail aige. B’ éiginn do Ghilleaspuig géilleadh, ach chum fear de na slaoightirean a bha leis a ghunna ris an duin’-uasal, agus ghlan mharbh se e. Bha làn fhios aig a’ chreachadair air a chunnart, agus le soirbheas fàbharrach thug e tìr-mór air. Ràinig e Ionbharaora mu éirigh na gréine an t-ath-latha. Fhuair e fios gu’n robh Mac-Iain-Stiùbhart na h-Apunn san am sa’ bhaile, agus moch sa’ mhaduinn chunnaic e air an t-sràid leis an t-Siorram e; air do Ghilleaspuig a bhi ’na shean fhear-eòlais, chuir e fàilt’ air, agus fhreagair Mac-Iain-Stiùbhart e. ’Nuair a dhealaich Mac-Iain-Stiùbhart ris an t-Siorram, rinn Gilleaspuig gearan nach do fhreagair e ’fhàilte ’n dé ged a labhair e ris san àite cheudna. Thuirt am fear [TD 56] eile gu’m b’ fhiosrach e ’fhaicinn, ach gu’n robh cabhag air san àm, ’s nach robh ùin’ aige air, ach gu’n robh fiughair aige gu’n tugadh e maitheanas da. Fhuair Gilleaspuig na bh’ air ’aire. Cha robh teagamh aig Tighearna na h-Apunn anns na thubhairt e, agus an àm na deuchainn airson a’ mhortaidh, fhuair e dheth airson na carachd anabarraich so. Chaidh cuid d’a luchd-leanmhuinn, an déigh so, a ghlacadh an Siorrachd Rois, agus an crochadh ’an sin le òrdugh Mhic-Coinnich, ged a chaidh am prìomh mhortair as o pheanas. Leig Gilleaspuig, an déigh so, dheth a bhi ri mór-shlad, ach ri beagan mu na h-ioma-dhorsan. Dh’ eug e mu mheadhon na seachdamh linn deug; agus cha ’n fhacas o’n àm sin suas aon fhear bu choimeas da ann an seòltachd, agus cuireidean na h-ealdhain mhi-onoraich a ghnâthaich e. AM MINISTEIR AGUS FEAR NAN CAONNAG. Bha aig an duine chneasda so mac bràthar, a bha anabarrach stròghail; bha e san arm, agus chuireadh as e, airson a dhroch giùlain. Bha e ann an iomad còmhrag-deise, agus struigh e a mhaoin ann an dubhailc agus ’an gniomh-nàire. Chaidh an t-òig-fhear neo-chùramach so aon là a dh’ fhaicinn bhrathar-’athar, a bha ’na Cheannard san arm, agus chum e dag r’a bhrollach, a’ bagradh a thilgeadh mur tugadh e dhà cóig ceud bonn crùin. Bha deagh fhios aig a’ Cheannard, a bha ’na dhuine foghainteach, ciod an duine gun chiall a bha ann am mac a bhràthar, agus thug e dhà òrdugh a dh’ fhaighinn an airgid; ach san àm cheudna a’ toirt ioma comhairle dhleasnach air. Mharcaich an t-amadan ceann-laidir gu h-uaibhreach air falbh le ’chobhartach; agus mu fheasgar bha e dol seachad uir tigh bhràthar ’athar a b’òige, am ministeir, air an d’ rinn e guth, ag innseadh dha na thug am bràthair athar bu shine dha, agus mar dhearbhadh air nochd e an t-òrdugh dha fo làimh an t-Seanalair. Rug am ministeir air an sgrìobhadh á làimh mhic a bhràthar, agus dh’ amhairc e air le càileiginn do dh’ iongantas—agus an déigh dha bhi ’co’-riasonachadh ris chuir e seachad e, ag ràdh;—gu’m b’i a bharail nach b’ann air dòigh cheart a fhuair se e; agus ann an ceartas nach fhaodadh e a thoirt dà gun fhios d’a bhràthair, agus gun a chead fhaotainn. Bha dag an òganaich gu grad r’a uchd. “Tha mo bheatha,” deir am ministeir, “fo dhìon an Uile-chumhachdaich; agus cha cheadaich e dhomh a call a thoradh m’ ionracais agus do mhi-bheus-sa.” Thug an cruadal so air mac a bhràthar a ràdh, gu’n robh tuillidh sgàth air an t-Seanailear ged bu sheann saighdear e, roi ’n bhàs, na bha air a’ mhinisteir. “Eagal ormsa roi’n bhàs,” arsa ’m fear eile, “an saoil thu gu’n robh mise cóig bliadhna-fichead ’am mhinisteir aig Triath na beatha, gu eagal a bhi a nis orm roi’n bhàs? Cha ’n ’eil; ’sann duitse ’bhuineas fiamh a bhi ort roi’n bhàs; tha thu gu carach, cealgach, agus a’ gabhail ort a bhi a’d dhuin’-uasal! Tha thu a’ d’ dhuine tagluinneach, tuasaideach, as a’ bheil thu deanamh uaill! Tha thu ’mealladh òighean socharach, airson a bheil thu a’ maoidheadh do [TD 57] thapadh! Seall mu d’ thimchioll, agus tuig gu bheil sùil uile-léirsinneach an Dé shiorruidh a’ dearcadh oirnn; criothnaich ’an làthair do Chruith’ir, a dh’ fheudas ann am priobadh na sùl cur as do d’ chorp, agus peanas siorruidh a dheanamh air t’ anam ann an ionad na dóruinn. Mhùgh an duine truagh a neul, agus bha e air bhall-chrith le eagal agus buaireas, ach a ghnàth a’ bagradh grad bhàs air bràthair-’athar. Ged a bhagair e mar so air a’ mhinisteir, cha do nochd e giorag sam bith; cha d’ thug e làmh air băta, no ball armachd, cha mhò a dh’ oidheirpich e teicheadh; bhuanaich e gu ciùin a’ cainnt r’a charaid truagh; agus fa dheireadh mhothaich e gu’n do dhrùigh a chainnt air; labhair e ris mar chaomh athair, gus an d’ thug e làn bhuaidh air. Cha tugadh e air ais da sgrìobhadh a bhràthar, ach ghabh e os làimh fuasgladh a fhrithealadh dha a chóbhradh air ’fheum; rinn e’n sin ùrnuigh dhùrachdach maille ris; agus an déigh dha na gheall e a thoirt dà, ghabh e’ chead de, le ioma comhairle mhaith air an dara làimh, agus ioma gealladh bòidheach air an taobh eile. Cha robh cumhachd a’ chruadail air a shocrachadh air diadhachd, agus a’ bhuaidh a tha ’na lorg chum an strògh agus an amaideachd a’s mò a cheannsachadh, riamh air an soilleireachadh na b’ fhèarr na leis a’ ghnothach so. B’ iomchuidh an sgeul a chur ann an làimh gach fir a tha mór as a dhroch-dheanadas féin, chum a nochdadh dha an-airde na misnich sin aig a’ bheil a’ bhathais dol gu bàs, ge nach ’eil gu peacachadh, os ceann glòir-dhiomhain an ana-creidmhich. Nach faoin a sheallas bàinidh fir na tuasaid agus na còmhstri, ’nuair a choimeasar i ri cruadal duineil an fhìor Chriosduidh? P. M. MELCHISEDEC. A theachdaire ainmeil, O nach toil leam móran ainmeachadh mar roi-ràdh thaobh na ’s àill leam a chur a’d ionnsuidh air puinc eile, bithidh mi anns an àm so amhàin a’ guidhe deagh shoirbheachadh dhuit féin agus do d’ chairdibh lìonmhor. Chunnaic mi mìneachadh air a dheanamh leis a’ “Ghàìdheal anns a’ bhaile” air Melchisdec, ann an ceud Theachdaire na bliadhna so nach do mhì-thaitinn idir rium, agus a tha mi ’tuigsinn a ta ’co-fhreagradh do bharail na cuid a’s mò do dhiadhairibh; air a shon so uile cha ’n’eil mi làn-riaraichte leis. Tha mi ’g aideachadh mur biodh againn mu thimchioil Mhelchisedeic ach an cùnntas aithghearr tha Maois a’ toirt air, nach biodhmaid ’an teagamh có è. Ach tha ’n t-abstol (Eabh. caib. VII) a’ toirt cùnntas farsuing agus iongantach mu ’n neach so.—Nise le bhi ’cumail as an t-sealladh beachd air ’fhoghlum o neach air bith eile, thugamaid fainear na nithe a leanas. An toiseach, Ged tha na sgriobtuire ag ràdh duine ris cha dearbhadh neo-theagmhach sin air; oir tha ’n tighearna Dia agus aingeil air an ainmeachadh mar sin, mar chithear ann an cùis an triùir dhaoine a thainig gu dorus bùth Abrahaim ann an còmhnard Mhamre, (Gin. xviii.) an aobhar Lot, &c.—A rithist, Ciod a’ chrìoch a bh’ aig [TD 58] Pòl le bhi mineachadh ainm agus ionad comh-shuidhe an t-sagairt rìoghail air leth air muinntir eile, mur ann gu bhi ’teagasg do na h-Eabhruich gun d’thug Maois Melchisedec air a nochdadh ’ùghdarais mar righ fireantachd. Oir is dà fhocal an t’ainm a ta ’ciallachach Righ agus fìreantachd, agus theagamh nach b’eòl do Mhaois ciod tuilleadh a theireadh e ris. Thugadh Salem air a rìgheachd a chionn gur e sìth a thoirt mu’n cuairt bu chrìoch d’a fhoillseachadh anns an t-saoghal agus a chur eadar-dhealachadh eadar i agus rìoghachdan nan Canaanach a bha daonnan ri cogadh. Agus mar sin mar an ceudna tha Pòl ag eadar-mhìneachadh nam focal—cha n’eil teagamh sam bith agam nach ann o’n dearbh ionad anns na choinnich e Abraham a thòisich an t-ainm Salem a lean ris gus an do ghabh Daibhidh seilbh air agus a thugadh Ierusalem mar ainm air, ’se sin focail tha ’ciallachadh chi thu sìth—A rithist, ged their thu gu bheil Pòl a’ nochdadh do na h-Iudhaich nach b’aithne do dhuin’ air bith a shìnnsireachd leis na briathraibh ‘gun athair gun mhàthair’, &c. cionnas, tha mì ’feòraich dhìot, a dh’fhaodar a ràdh ‘ach air a dheanamh cos’uil ri ’mac Dhé, tha e ’fantuinn ’na shagart, gu siorruidh’. Có ’n aon eile ris am bheil an sgriobtuir ag ràdh gu’m bheil e cosmhuil ri mac Dhé? Their thu gur ann gu samhlachail a bha e mar sin—Bha Maois, Abraham, Daibhidh &c. ’nan roimh’-shamhladh air, cuideachd, ach cha chanar ri h-aon diubh gu’n robh iad cosmhuil ri mac Dhé. Ach theirear gu tric an duine ri Crìosd agus mar an ceudna gu bheil e cosmhuil ri Dia aig an dearbh àm is è am fìor Dhia—Their thu gur ann ann an rathad sagartachd nan Lebhitheach, a ta Pòl a’ labhairt ris na h-Eabhru’ich, a bha mach as an dreuchd aig leth cheud bliadhn’ a dh’aois. Cha’n’eil sin làn shoilleir, oir bha Ihoiadah ’na shagart gu latha a bhàis (130 bliadhna). Cha mhò tha e ’dearbhadh gur duin’ e gu’n d’ thug Abraham deachamh dha, oir, air an dòigh cheudna bha na tìodhlacan a thug clann Israeil do na sagairt air an ainmeachadh suas do’n Tighearna—Cha mho is dearbhadh air gu’n d’ thug Melchisedec aran agus fìon do Abraham, oir ma’s e Criosd a bh’ ann, b’e féin Tighearna na talmhainn uile a bheathaich clann Israeil anns an fhàsach 40 bliadhna le aran o nèamh. A rithist, tha e soilleir gur e Abraham aon a b’ ainmeile bh’ air thalamh r’a linn féin, gidheadh ’se Melchisedec bu mhò, ‘oir gun agadh air bith beannaichear an tì a’s lugha leis an tì a’s fearr;’ agus anns an Eaglais Iudhaich tha daoine gheibh bàs a’ faotainn deachamh, ach an sin, (an cùis Mhelchisedeic,) ‘an ti aig am bheil fianuis gu bheil e beò.’ Fhuair Abraham agus na fàidhean bàs, ach Melchisedec tha fianuis aige gu bheil e beò, do bhrìgh nach do bhàsaich e idir anns an t-suidheachadh ’s na choinnich e’ m prìomh athair, no san d’ thug e ’n t-òrdugh gu’m biodh Criosd ’na ard shagart gu siorruidh—Tha e a rithist soilleir gu’n robh foirfeachd shònruichte le sagartachd Mhelchisedeic os ceann sagartachd Aaroin, a thaobh gu’n ’d’ rinneadh e, cha’n ann a réir lagh àithn’ fheòlmhor, ach a réir cumhachd beatha gun chrìoch ’na shagart an Dé a’s ro airde’ Ach their thu riùm gur e Criosd tha ’n t-abstol a’ ciallachadh an sin; ro-mhath, tha mise ’faicinn reusonachadh an Abstoil mar gu’m biodh e ’deanamh aon diubh araon—Tha e soilleir [TD 59] gu’n do mhionnaich Dia do Mhelchisedec gu ’m biodh am Messiah ’na Shagart a réir ’ordugh, agus tha e so-thuigsinn gur ann eadar an t-athair agus am Mac o bha ’n cùmhnant no na mionnaibh so. Rinneadh coimhcheangal rì Abraham, Daibhidh, &c. cuideachd, gidheadh eadar-dhealaichte thaobh foillseachaidh. Tha tosdachd Mhaois mu’n neach urramach so na mhór-iongantas’ ma bha ’leithid do dhuin’ ann cho faisg air làimh ri làithibh Abrahaim, oir cha b’ ann de theaghlach Israeil Iob ged tha na h-urrad chùnntais air a thoirt air ’nuair tha eachdraidh an aoin eile air a cleith—Tha e ’na iongantas cuideachd c’arson a bha Pòl cho dian a’ dearbhadh do na h-Eabhruich nach robh aithne air sloinnteireachd Mhelchisedeic, ’nuair a dh’fhaodadh sàr fhios a bhi aca féin nach b’ann de ordugh Aaroin e, thaobh ’s gu’m bu chomh-aois do Abraham e—Is e’n t-aon nì bh’an aire ’n abstoil a sparradh air na h-Eabhruich gu’n robh sagartachd Chriosd móran na b’ fhearr agus na b’iomlaine na sagartachd nan Lebhitheach a bha air a toirt seachad fo’ n lagh agus le daoinibh a bha feòlmhor, ’se sin peacach, agus bàsmhor, an uair a bha orduchadh Chriosd le aon aig an robh a shagartachd tre chumhachd beatha gun chrìoch, ’se sin Melchisedec, ri ’n canar Rìgh na fìreantachd agus na sìth, do bhrìgh gur ann a thoirt mu’n cuairt sìth agus fìreantachd a dh’ fhoillsicheadh e.—Agus ann an co’-dhunadh ciod nan abrainn gu’n robh sùil aig Criosd ri Melchisedec ’nuair thuirt e ris na h-Iudhaich, Chunnaic Abraham mo lathasa agus rinn e mór-ghairdeachas.—Tha e soilleir gu’n robh cùnntais air an neach so nach d’fhuair sinne, o na tha Daibhidh agus Pòl ag ràdh mu ’thimchioll, Cha ’n aithne dhomh ciod a dh’fhaodas eachdraidh choitchionn* a ràdh mu ’thimchioll. Tha mi duilìch airson fad mo litreach ach ma’s iomchuidh e, ged a b’ann ’na h-earrannan, bhithinn ’nur comain airson àite thoirt dith a dh’ fheuch an toir neach-eiginn eile barail mu thimchioll na puinc so—Is mì ’an cabhaig le mór-ùmhlachd ’ur Seirbhiseach dìleas. CALUM CILLE. NA PRISEAN AGUS GAINNE AIRGID. A Theachdaire, Tha fios air an cosg aig móran de dhaoine gu bheil prìsean a’ chruidh, gu h-àraid, ni ’s ìsle air a’ bhliadhna so na bha iad o chionn deich-bliadhna-fichead. Tha gainne airgid ’na ghearan cho coitchionn, cha’n ann amhàin am bliadhna ach daonnan, s gu’n canar mar fhocal cumanta nach robh e riamh cho gann.—’Se nì th’ air m’ aire ’nochdadh leis an Teachdaire anns gach àite ’n téid e, gu’n robh airgiod roimhe so móran ni bu ghainne na tha e a nis. Anns a’ bhliadhna 1310 bha Alastair mór MacDhùghaill Morair Lathurna agus Iain Bacach agus Donnchadh, a dhithis mac ’nan ard chinn-fheadhna air arm agus cabhlach Shasunn a bha san àm sin a’ cogadh an aghaidh Albainn; gu * Profane. [TD 60] sònruichte, b’e Iain Bacach a b’ard phriomh cheann-feadhna air na Soithiche-cogaidh agus bha ’bhràthair ann an inbhe fodha, ach bha ’n athair air tìr;—agus b’e an t-airgiod a fhuair iad féin, an luchd-leanmhuinn agus an seirbhisich, airson tuarasdail agus cosgais fad dà bhliadhna, ceud punnd Sasunnach! Anns a’ bhliadha 1461, chaidh Iain Mac-Dhònuill, Iarla Rois agus Morair Innse-Gall ann an co’-bhoinn ri Iomhar III rìgh Shasunn chum Albainn a cheannsachadh agus a toirt fo chìs Shasunn. B’e ’n cumha bha eatorra gu’m biodh leth na rìoghachd aig Mac-Dhònuill nan cinneadh leis agus 100 marg airgid sa’ bhliadhna an àm sìth agus 200 pùnnd-Sasunnach an àm cogaidh; gu’m biodh 20 pùnnd aig Domhnull Ballach Mac-Dhònuill Chintìre ’s Ile, dlù-charaid Mhic-Dhònuill nan Eilean, agus aig Iain mac Dhònuill Bhallaich 10 puinnd ach an àm cogaidh gu’m biodh e air a dhùblachadh dhoibh; b’iad an dithis so a b’ard chinn-fheadhna aig Mac Dhònuill san àm sin. B’ ann an Daighneach Ardthòranis a chaidh a’ cho’-bhann so a sheulachadh sa’ bhliadhna dh’ ainmicheadh. A rithist’ anns a’ bhliadhna 1490, thog Uisdein Ros Triath Chillràbhoig agus Uisdein a mhac-oighre, creach mhór O Alastair Urchadainn Siorram Urchadainn agus o ’chuid tuatha. Anns an spùill so bha 600 mart 100 each 1000 caora, 400 gabhar, 400 bolla arbhair a thuilleadh air 200 pùnnd airgid. Dh’iomairt an Siorram an lagh orra agus dh’orduich, Morairean na Comhairle (ard chùirt bhreitheanais na h-Alba) dhoibh dìoladh a dheanamh san iomlan ann an 1492 agus chaidh am fearann a ghlacadh an geall gus a sin.—Ach feuch ciod a’ phrìs a rinneadh do gach beathach, agus bolla gràin. Rinneadh do gach mart ochd sgillean deug is plang, do gach each 26 sgillinnean agus bonn-a-h-ochd; na caoraich 2 sgillinn an ceann; agus na gabhair a trì—agus, do gach bolla bìdh sèa sgillean as ochd peighinnean. Bha ceud pùnnd Albannach, se sin 8 puinnd shasunnach agus 6 tastain is 8 sgillean air a mheas airson màil dà bhliàdha airson an fhearainn air an robh an spréidh agus an t-arbhar ud a’ fàs maille ris gach teachd a steach agus cosdas dhaoine agus ainmhidh gu ’shaoithreachadh san ùine sin. Sa’ bhliadhna 1494 thug Anna Fhriseal tagradh a mach an aghaidh Dhaibhidh Rois Bhaile-nan-gobhann airson creach a thug e uaipe á Cinnlinn, Bi Anna Fhriseal sin baintreach Choinnich-Mhic-Coinnich Chinn-tàile agus b’e’n spùill 140 mart, 30 eich, 200 caora agus gabhar air am meas aig 24 sgilleanan am mart, 2 mharg an t-each agus 2 sgillinn a’ chaora.—Anns a’ bhliadhna cheudna bha Uisdein Chillrabhaig a’ tagradh Shir Alastair Mhic Dhònuill Lachaillse agus Ailein mhic Ruairi Mhùideart a chionn nach robh iad ’ga shaoradh á lamhaibh Siorram Chromba airson nan 600 mart. Tha e soilleir gu’n robh iad so ’nan Urras airson dìolaidh, ach ’se Iain Ros a’ cheud urras a b’hair.—Anns a’ bhliadhna 1507, bha Eòghann Mac Ailein agus Iain a bhràthair (Lochiall) Alastair Mac Shomhairle Eoghann Mac Dhònuill-Mhic-Coinneich agus Eoghann Mac-Shomhairle, air an tagradh aig lagh airson creach a thug iad O Iarla Huntlie’ giullaspuig Mac-Uilleam, agus tuath eile á Bàideineach, Garbha-mór agus Glaistein. O Ghiullaspuig ’na aonar thog iad 40 mart agus b’e am meas 18 sgillean an té [TD 61] na h-eich 24 sgillinne ’na caoraich agus na gabhair 8 peighinnean, am bolla coirce 2 sgillinn agus an t-eòrna 4. Sa’ bhliadhna 1513 bha tagradh aig Iain Grannt Friuchaidh airson creiche an aghaidh Shir Dònuill Mhic Dhònuill Lochaillse, ridire Uilleam Shiosal Comermōir, Dhònuill mhic Alastair mhòir, Eoghain mhic Eóghain am Pontoit, Alastair Mac-Iain mhic Alastair Ghlinne-gara, Dònull Mac Aonghais mhóir an Achadroma, Donull M‘Gilleaspuig agus tuilleadh. A thuilleadh air na h-uile ni do earnais no airgiod a bha ’n tigh a’ Ghranntaich thug iad leò 880 bolla coirce, air a mheas le ’fhodar aig 4 sgillean am bolla,—640 bolla eòrna aig 8 sgillean. Thog iad leo 300 mart 26 sgillinnean is bonn-a-h-ochd, 1000 caora agus mult aig 4 sgillean an ceann. ’S ann sa’ bhliadhna 1717 a thugadh an tagradh a mach ’nan aghaidh agus airson nan trì bliadhna bha fearann a’ Ghranntaich fàs (oir chreach iad air fad e) thainig an tiomlan gu 2000 pùnnd do airgiod.—Fadheòidh anns a’ bhliadhna 1528 thug Alastair M‘Leòid Dhunbheagain, Alastair M‘Leòid Mhuiginis, Donull ruadh, Fearchar Liath, Iain Mac-Aonghais agus Donull Glas M‘Leòid, cùis-lagha ’n aghaidh Iain Mhic Thorcuill Mhic Leòid, Leóghais, agus Dhònuill Ghruamaich Mhic-Dhònuill, Dhunsgàthaich (Sléite) airson Siol Leòid iomain a mach à Tnòtarnis, agus na h-uile nì bh’ aca thoirt uatha.—Bha ’chreach mòr gun teagamh 820 mart air am meas aig leth-chrun an té—220 each aig sèa marg an t-aon—2900 caora 4 sgillean an ceann—2780 gabhar aig 4 an té. Bha ’bharrachd air dìoladh a dheanamh airson an iomlain de so, 400 marg aca r’a phàidheadh airson an fhearainn a bhi fàs fad bliadhna. B’e b’ aobhar air a’ chreich so, an déigh do Mhac-Dhònuill nan Eilean a stoidhleadh agus ’fhearann a chall, gun d’ fhuair M‘Leòid Dhunbheagain ann an 1498 còir agus ’na dhéigh sin aonta 11 bhliadhna air Tnòtarnis agus MacLeòid Leóghas ùine ghearr ’na dhéigh sin. Ghléidh Dunbheagain a chòir; agus Oighre Leóghais agus Mhic-Dhònuill a chaìll an còraichean thòisich iad air an toirt a mach le laimh-làidir.—Gabh leisgeul mo chabhaig air an àm so. Is mi do sheirbhiseach ùmhal. DOMHNULL GORM. Duntuilm 11 Mios sa’ bhliadhna, 1835. DOCHAS. Ciod a b’ fhiach beatha an duine as eug’ais dòchais? Thoir air falbh e, agus tha thu dh’ aona bheum a’ toirt air falbh toilinntinn soirbheachaidh, agus an cul-taic a tha ’cumail suas dhaoine ann an àm mi-sheilbh.—Air a’ mheud ’s gu’m fàs soirbheachadh, agus ged a mhair e gun lughdachadh car ùine mhòr, ma chuirear as do dhòchas r’a mhairsinn, bheirear a’ chumhachd gu sàsuchadh gu grad air falbh. Faigheadh duine ann an àrd-shoirbheachadh dearbh chìnnte nach ’eil a shòlas ri mairsinn ach aon latha eile,—gu ’bheil gach tobar o’n robh a thoil-inntinn ri sruthadh air an tiormachadh, ’s gu bheil e ri bhi air fhàgail ’na dhìobarrach brònach,—an saoil thu gu’m biodh an là sin [TD 62] sòlasach leis? Gu dearbh cha bhitheadh. B’e cur as d’a dhòchais cur as d’a aoibhneas.—Agus och! cia do-ghiùlan a bhiodh ’àmhghar a chion dòchais! Se so am fann-sholus fa dheireadh a tha’n uchd an duine, a ta ’fuireach beò ’nuair tha gach ni eile air fàillneadh. Cuir as da,—agus fàsaidh gruaim na h-airce ’na thiugh-dhorchadas neo-shuilbh earra nach gabh soillseachadh. ’Se cuspair dòchais an ionracain ’an àm a bhàis, an fhiuthair a bhios aige ri sonas iomlan bith-bhuan nam flaitheas. Tha dòchas aige gu’m fàg e ’na dhéigh a pheacannan uile, agus gach olc a ta ’nan co’-chuideachd; agus gu’m bi e gu h-iomlan naomh, agus sona gu siorruidh. Tha dùil aige gu’m faic e a Dhia agus a shlànuighear, agus gu’n caith e siorruidheachd shona ’na cho’-chuideachda, agus ’na sheirbhis. Tha fiuthair aige ri cuideachd nan aingeal agus r’a cho’-naoimh de’n chinne-dhaonna. Tha dòchas aige gu’m fàs e ann an eòlas, ann an naomhachd, agus ann an comas deanamh agus sealbhachaidh. Tha dòchas aige gu’m faic e gnùis a Dhē ann am fircantachd, agus gu’m bi e toilichte le ’choslas ’nuair a mhosglas e. A dh’ aon fhocal, tha fiuthair aige gu’m bi e co sona fad siorruidheachd ’s a bhios a nàdur murrach air a shealbhachadh. Nach àghmhor an dòchas so! Thug so air ioma neach am bàs a mhiannachadh. Thug so orra bhi deònach a bhi maille ri Criosd, ni is ro fhèarr. Agus shluig so gu buileach suas cràdh an cuirp. Mur b’e so, ’s ann a bhiodh neo-bhàsmhorachd ’na chulaidh-eagail, ’s cha b’ ann ’na h-aobhar dòchais: bhiodh an sealladh do-ghiùlain. Oir cò a b’ urrainn an smuain a bhi gu siorruidh air fhògradh o Dhia, agus gach sonas ann an cràdh anabarrach fhulang. Ach ciod a dh’ fhaodus am barrachd sòlais a thoirt duinn na fiuthair ri neo-bhàsmhorachd shona? Ead. P. M. DAN. Gur a h-éibhinn au sealladh Anns a’ chamhanaich shamhraidh, Grian aig eirigh sa’ mhaduinn, ’S a faileas air bheanntaibh; Cha’n eil creutair air thalamh ’Fhuair anail no seanachas, Nach dean sòlas r’a gluasad, Dol mu’n cuairt air an fhairge. Cha’n eil luibh anns a’ mhachair, Nach do neartaich i ’chinntinn; ’S cha’n eil craobh anns a’ choille, Nach do sgeadaich i rìomhach; Ma ’s e ’m fraoch tha sa’ mhonadh, Tha gu dosrach a’ cinntinn, Le ’ghucagan dearga, Deanamh seirbhis ’na rìoghachd. Bheir i fàs as an fheur, Tha ri beathachadh threudan; Agus càileachd do’n eunlaith Tha air sgiathaibh feadh gheugaibh Iad le’n ceileire sùnndach A’ seinn ciùil anns a’ chéitein; ’S ’nuair thig aimsir na dùdlachd, Gur a tùrsach an éisdeachd. Cha’n eil pòr a ni fàs ’Chuir an gràinsear san talamh, Le ’buadhanna blàthais, Nach dean a ghràinne tróm, torach; ’Nuair thig fogh’radh na buana, Nithear sguaban deth ’s adag, Gus an cruinnchear ’na chruaich e, Dhol g’a bhualadh do’n t-sabhal. ’S ged a dhubh iad sa’ gheamhradh, ’S ged a shlampair am fuachd iad, Ni iad fàs anns an t-samhradh, Feadh nan gleanntaibh ’s na luachrach: Ach an duine ’nuair dh’ eug e, Theid e’n éideadh na h-uaighe, Gus an tig an Aiséirigh— Là an éibhneis, no truaighe. [TD 63] Theid a’ chruitheachd ath-nuadh’chadh, Le buadhannan Chriosd, ’Nuair a shaoras e ’n sluagh ’Bheir e suas leis chum sìorr’achd; Bho’n ’s ann aige tha ’n gealladh, A’ bheatha, ’s an fhìrinn, A’ bheir sòlas do’n anam, Agus carthannachd ìnntinn. ’S ann an sin ’bhios an sòlas, Na lòchrain a’ lasadh, Agus ainglean is òighean, A’ toirt glòir aig a’ chathair, Do’n Tì rinn an t-soillse, ’S nach cuir oidhch’ oirre deathach; ’S nach cuir sneachd oirre mùchadh, No tuil dhrùiteach le frasachd. ’S ann tha ’Ghrian ’bheil an t-éibhneas, Ag éiridh ’sna flaitheas, ’S a gathanna treuna ’Deanamh dèarsadh air thalamh; ’Cur gach anam gu gleusadh Mar a dh’ fheudas i tabhairt, Dh’ fhaotainn ciùil anns na nèamhaibh Ann an éisdeachd nan aingeal. Fhad’s tha ’n duine ’n staid nàduir, Cha’n eil aire aig’ air Criosd; Ach ma’s beatha no bàs da, Theid e ’n làthair na Trìonaid— ’S cruaidhe ’chridhe na stàilinn ’Nuair a tha e fo dhìteadh, ’Faicinn ’anma neo-bhàsmhoir, A’ call na slàinte tha sìorruidh. Ach a Thì rinn am fuasgladh Air do shluagh anns an Eiphit, ’S a shaor iad o’n uallach, Bh’ air an guaillean ’gam feuchainn; Thug thu thar a’ mhuir-ruaidh iad, ’S rinn thu ’n cuan ’na chlàr réidh dhoibh; Thoir sinne dhachaidh gu d’ shuaimhneas, Tha gun fhuachd, gun teas gréine. ’Nuair bha Maois air an ceann-san, Gu’m bu shamhladh ort féin e; Is nuair thug thu e’n fhàsach Si do làmh a rinn feum dha; Dhealbh thu nathair de phràis da, ’S rinn thu ’ghàirdein d’a réir dha, Chum a togail an àirde, Fo sgàil a’ chroinn-cheusaidh. O Iehóbhah! tha deònach Dheanamh tròcair air peacaich, A thoirt maitheanais dòmhsa, Ann am chòmhradh mur ceart e; Fhad ’s a bhios mi san fheòil so, Dean mo sheòladh le d’ mhaitheas, Thar uisgeachabh Iordain, ’Ionnsuidh eòlais na beatha. LE DONULL BAN NA LIB SAN EILEAN MHUILEACH. CAIRDEAS. Bithidh Cairdeas dhuinn ’na shonas, Bithidh Cairdeas dhuinn ’na àgh; Cha dean Cairdeas ’chaoidh ar dochunn, Cha dean Cairdeas ’chaoidh ar cràdh. Tharruing Cairdeas sinne cuideachd, Eadhon Cairdeas ’dh’aon a chéil’, Sgaoilidh Cairdeas iomradh umainn, Còbhraidh Cairdeas oirnn ri feum. Bhrosnuich Cairdeas mi gu m’ dhuanaig, Thionnsgain Cairdeas dhomh mo rann, Dùisgidh Cairdeas crìdh’ gu truaghas, Fàgaidh Cairdeas làidir gràdh. ’S annsa Cairdeas leis gach Clachair, Dhuinne Cairdeas ’s ordugh rùin, ’S dìleas Cairdeas do gach Bràthair, Sgaoilidh Cairdeas fad’ ar cliù. Fàgaidh Cairdeas ’ghnàth sinn subhach, ’Nuair bhios Cairdeas blàth ’s gach crìdh’, Aonaidh Cairdeas-àigh sinn uile, Leanaidh Cairdeas sinn gu’r crìch. Sìthein. EAD. LE CUACHANACH [TD 64] ORAN. Air a thionndadh o’n Bheurla. AIR FONN—“An’ sae will we yet.” A luchd-comuinn mo rùin suidhibh sùnndach mu’n bhord, ’S na biodh cùram an t-saoghail ach faoin a’ cur òirnn, Biodh ar cridheachan gun ghruaim, sinn gun smuairean gun smal, Bho na fhuair sinn riabh ar fóghnachduinn mar dh’ fhòghnas gu’m faigh. Mar a dh’ fhóghnas gu ’m faigh, mar a dh’ fhóghnas gu ’m faigh, Bho na fhuair sinn riabh ar fóghnachduinn’ mar dh’ fhóghnas gu’m faigh. Cuir an còrn suas fo stràchd do’n liùnn làidir nach fann, Chuireas slàint’ anns na pòraibh ’us sòlas ’nar cainnt, Bu ghnà leinn bhi ri cridhealas ’nuairshuidheamaid mu n drm, ’S com nach òl sinn cuach mar b’ àbhaist duinn o’n thàrladh dhuinn ann; Bho na thàrladh dhuinn ann, bho na thàrladh dhuinn ann, Com nach òl sinn cuach mar b’àbhaist duinn o’n tharladh dhuinn ann. Olam slàint’ air an tuathanach a’s buaidh air a’ chrann, Agus duais da ’na ghniomh o thùs bliadhna gu ’ceann; Mar thig àm cuir ’us buana mu’n cuairt oirnn gun fheall, Gheibh gach neach mar tha san dàn da ’s cha bhi fàillinn duinn ann; Cha bhi fàillinn duinn ann, cha bhi faillinn duinn ann, Gheibh gach neach mar tha san dàn da ’s cha bhi fàillinn duinn ann. Le deadh rùn agus càil òlam slàint’ air an Righ, Agus buannachd air ’arm-fheachd air fairge ’s air tìr; Aig lìonmhorachd nan nàimhdean ri h-àm dol san strìgh, Bhiodh aig Breatunnaich buaidh-lârach ’s mar a b’ àbhaist gu’m bì. Mar a b’ àbhaist gu’m bi, mar a b’ àbhaist gu ’m bì, Bhiodh aig Breatunnaich buaidh-làrach ’s mar a b’àbhaist gu’m bì’. Airdghobhar, 1836. E. M. MU AINMEANNAN MHIOSAN NA BLIADHNA. Tha sinn a’ tairgseadh móran buidheachais do Mhr. P. Friosal ann an Inbhirnis airson ioma fiosrachadh a thug e dhuinn mu’n chúis so, agus a ta sinn a nis a’ foillseachadh. Thug sinn oidheirp a chionn ghoirid air mìneachadh a thoirt air ainmeannan làithean na seachduin, agus tha sinn a nis ri oidheirp a thoirt air ainmeannan nam mìosan a mhìneachadh. Cha robh sinn riamh toilichte leis an dòigh air am bheil mìosan na bliadhna air an sgrìobhadh sa’ Ghàilig—mìos deirannach a’ Gheamhraidh—ceud mhìos an t-samhraidh &c. Cha ’n eil teagamh air bith nach robh ainm Gàidhealach aig gach mìos sa’ bhliadhna ged a chaidh iad ’an càileiginn air dì-chuimhn. Tha cuid diubh againn fhathasd, cuid eile r’am faotainn ann an seann leabhraichean, agus tha cuid air chleachdadh fhathasd ann an Eirinn. I. JANUARY, ceud mhìos na bliadhna sa’ Bheurla, mìos deireannach a’ Gheamhraidh. Tha ainm ro fhreagarach againn airson a’ mhìos so, àm gairdeachais anns [TD 65] an àbhaist do dhaoine chéile choinneachadh le faoilte agus caoimhneas. ’Se sean ainm ceud mhìos na bliadhna An Fhaoilteach, àm faoilidheachd agus subhachais ’nuair nach ’eil a bheag aig na Gàidheil r’a dheanamh ach dol air chéilidh o thigh gu tigh a’ fàilteachadh a chéile ’s a’ cur seachad na h-aimsir leis gach gné shubhachais agus chridhealais a’s urrainn doibh. II. FEBRUARY, an dara mìos, ceud mhìos an Earraich agus mìos a’s giorra sa’ bhliadhna. ’Se sean ainm a’ mhìos so AN GEARRAN, gèarr ùine, am mìos a’s giorra. III. MARCH, an treas mìos, dara mìos an Earraich, Am Màrt, mios a’ Mhàirt. So an t-àm de’n bhliadhna anns am bheil cùram, faicill agus faire feumail a thaobh gach beò-chreutair a ta ’n earbsa ri mac an duine—an t-àm a’s laige tha iad, tròm le àl—tha na lusan maoth a’ brùchdadh a mach—tha crodh a’s caoirich agus capuill ’am feum cùram agus aire àraid, agus mur faigheadh iad an cùram faicilleach so cha’n eil teagamh nach bàsaicheadh móran diubh anns na cearnan fuara d’ am buin sinn. Uime sin ’s ro fhreagarach an t-ainm a th’ againn air a’ mhìos so, Mìos a’ Mhaith-Fheairt, ’se sin mìos an deagh chùram, mìos an deagh aire, air a ghiorrachadh gu mìos a’ Mhàirt IV. APRIL, an ceathramh mìos, mìos deireannach an Earraich. Tha sean ainm againn fhathast air mhairionn airson a’ mhìos so, An Giblinn, ’s e sin r’a ràdh, An gioball ùine Tha ’n t-ainm so air a thoirt o na focail Gioball—Inneil no Buill acfhuinn, agus beartan a dh’ oibreachadh an fhuinn, caibeachan, croinn arain &c. &c. agus an ùine anns a’ bheil iad sin feumail—mìos anns a’ bheil daoine ’tòiseachadh ri ruamhar agus treabhadh, &c. ’Se ’n t-ainm a th’ aca sa’ Ghàilig Eirionnaich air a’ mhìos so an ceud-ùine, no mar their sinne, an céitein, ’nuair tha na craobhan agus na lusan a’ brùchdadh a mach agus a’ tòiseachadh ri fàs. V. MAY, an cóigeamh mìos, ceud mhìos an t-samhraidh, AM MIOS Màigh, no Bealltainn. Tha ’m focal so Màigh a’ teachd o dhà fhocal tha air ruith ’na chéile, Math aoidh, mìos a’ mhaith-aoidh, se sin mìos an deagh choltais, an deagh aoidh, air a ghiorrachadh gu Mìos Màigh. Cha ruigear a leas seadh an fhocail eile, Bealltainn a mhìneachadh, ’se sin ùine no àm Bhéil. B’é Bel dia mór nan cinneach, ìodhol-bréige na dùthcha mun d’ thainig solus an t-soisgeil ’nam measg; agus fo ainm an dé-bhréige so bha aoradh air a dheanamh do’n ghréin. Air latha Bealltainn bha teintean air an lasadh air mullach gach beinne agus air ionadan nochd eile mar urram do’n dia so, agus is ann o’n t-seana chleachdadh so tha’n t-ainm Bel-teine no Bealltainn air a thoirt air a’ mhìos so. VI. JUNE, an sèathamh mìos, mìos-meadhoin an t-samhraidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so A’CHIUINE ainm fìor fhreagarach, mìos na sàmhchair agus na sìth. VII. JULY, an seachdamh mìos, mìos deireannach an t-samhraidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so an T-IUCHAR; ann an cuid a dh’ àiteachan their iad am Futhar. VIII. AUGUST, an t-ochdamh mìos, ceud mhìos an fhogharaidh. Tha ainm Gàidhealach againn air a’ mhìos so, AN LIUNASDUINN no an Lùnasdal, ’se sin an ùine a lìonas, an t-àm am bhéil an t-arbhar a’ lìonadh agus ag abuchadh. [TD 66] IX. SEPTEMBER, an naothamh mìos, mìos-meadhoin an Fhogharaidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so SULT UINE, ’se sin an t-àm anns am bheil gach beò-chreutair sultmhor, anns an staid a’s airde thaobh reamhad agus meudachd; agus an t-àm anns am bheil gach seòrsa barra abuich agus làn, deas chum a ghearradh a sìos. X. OCTOBER, an deicheamh mìos, mìos deireannach an fhogharaidh. Tha ainm Gàilig againn air a’ mhìos so a ta ro fhreagarrach, AN DAMHAIR, air a tharruing o dha fhocal Damh agus Dàir, àm na Dàmhair no na Dàra aig a’ chuid a’s lìonmhoire de bheathaichean, agus àm a’ chladh aig a’ bhradan, aig na samhnachain, agus ioma seors’ éisg eile. XI. NOVEMBER, An t-aona mìos deug, ceud mhìos a’ Gheamhraidh. ’Se ’n t-ainm Gàilig air an àm so’n bhliadhna AN T-SAMHUIN, ’se sin an tàmh-ùine no an t-sàimh-ùine, anns am bheil daoine ’leigeil an sgìos an déigh obair an t-samhraidh agus an fhogharaidh. XII. DECEMBER, An dara mìos deug, mìos-meadhoin a’ Gheamhraidh. ’Se ’n t-ainm Gàilig air an àm so, AN DUMHLACHD no an DUDLACHD, air a tharruing o dhùmhlachd an t-sneachda agus dùdlachd na h-aimsir mu’n àm so. Anns a’ chùnntas so cha ’n ion duinn a smaointeachadh gu bheil na h-earrannan air am bheil ainmeannan Gàilig, a’ tòiseachadh air a’ cheud latha agus a’ crìochnachadh air an latha mu dheireadh do na mìosan a réir nan ainmeannan Beurla—Tha na h-ainmeannan Gàilig anabharrach sean, agus rinn na Goill ioma mùthadh o àm gu h-àm anns na riaghailtean so. ’Sann sa’ mhìos-mhàirt a bha ’bhliadhna ’tòiseachadh o shean. C. C. SOCHAIR A’ CHREID’ICH. Thuirt Dia mu na Sidonianaich, “Bidh fios aca gur mise ’n Tighearna;” ach thuirt e mu ’shluagh féin Israel, Bidh fios aca gur mise ’n Tighearn an Dia; thuirt Pòl ris a’ mhuinntir a chreid ann an Ephesus, mu thimchioll Chriosd, neach as an d’ earb sibh, an déigh dhuibh focal na fìrinn a chluinntinn, eadhon Soisgeul ’ur slàinte.—Faodaidh e bith gu’m meas muinntir eile an Soisgeu mar fhocal na fìrinn, agus mar theagasg a tha ’tairgseadh slàinte; ach tha mheud ’sa tha gu slàinteil air an soillseachadh agus air an naomhachadh leis an Spiorad, a’ gabhail beachd air an t-saorsa tha e ’tairgseadh mar gu’m biodh còir aca-san oirre, agus tha iad ullamh gu ràdh mu gach fìrinn a th’ ann, Tha so math, agus math dhòmhsa. Is sona an duin’ sin, co air bith e, a dh’ fhaodas amharc air an t-soisgeul tre shùil a’ chreidimh, mar chòir a shaoraidh, agus air an lagh a tha ’ga dhìteadh mar air a dhubhadh a mach leis an Urras, air an talamh mar stòl-coise rìgh-chathair ’Athar, air nèamh mar dhorus tighe ’Athar, air gach creutair air nèamh agus talamh mar is gnà le oighre amharc air seirbhisich ’Athar, a ta ann an seadh ’nan seirbhisich dha féin, co fada ’sa bhios feum aige orra, a réir na th’ air a ràdh, Is leibhse na h-uile nithe, agus is le Criosd sibhse, agus is le Dia Criosd. [TD 67] AN CRIOSDUIDH AIG AM A BHAIS. Thigibh, mo chàirdean, a steach do sheòmar an duine mhath ’an àm dha bhi faghail a’ bhàis, le beò ghnàthachadh a chreidimh diadhaidh, agus neo-bhàsmhorachd gu làn shoilleir ’na bheachd: faicibh an fhè-ghàire tha air a ghnùis; gabhaibh beachd air ’fhoighidinn, air a strìochdadh, agus air a chiùineachd shìochail; éisdibh rìs a’ chainnt naoimh, nèamhuidh, a tha e ’labhairt: “Tha mise a’ dol air slighe na talmhuinn uile, agus tha fadal orm gu bhi triall, chum bhi far a’ bheil mo Shlànuighear. Dh’ earb mi mo shaoradh shiorruidh ris; agus is aithne dhomh co ann a chreid mi. O an t-sìth agus an t-aoibhneas nèamhuidh a tha mi nis a’ mothuchadh ann an co’-cheangal siorruidh, cinnteach, agus deagh-riaghlaichte Dhé! B’e mo chas-sheasamh e fad mo chuairt sa’ bheatha, fo ioma deuchainn chruaidh, agus dhoilgheis chràiteach. Agus a nis, ’nuair tha mi ’dlùthachadh ris an t-saoghal bhith-bhuan, ’s gu m’ chead deireannach a ghabhail de gach ni agus neach air thalamh, ’se tobar mo ghàirdeachais e a tha do-labhairt agus làn de ghlòir. Le lorg agus bata m’ Aodhaire gu m’ chumail suas, imichidh mi gu neo-sgàthach gun eagal trid ghlinn sgàil-a’-bhàis. Oir ‘’se an Dia so mo Dhia-sa gu suthainn agus gu siorruidh; bithidh e ’na fhear-iùil domh gu ruig am bàs;’ seadh, ‘s’ esan neart mo chridhe agus mo chuibhrionn am feasd.’ Cha’n’eil aon fhìreantachd leam féin agam airson an tagair mi aig cathair-bhreitheanais Dé; cha’n’eil no aona chòmhdach gu sgàil a chur air m’ anam ciontach rùisgte o bhinn a’ bhreitheaimh dhiadhaidh. Ach tha mi ’toirt buidheachais do Dhia a bhuilich creidimh orm gu m làn-’earbsa ri éifeachd réiteachaidh fuil m’ Fhir-shaoraidh bheannaichte, agus ri toillteannas neo-chrìochnach ’fhíreantachd iomlain; ionnas gu’m faod mi nis, tre chreidimh ’na ainm, leis an abstol gàirdeachas a dheanamh, agus a ràdh, O bhàis! c’àit a’ bheil do ghath? O uaigh, c’àit am bheil do bhuaidh? Is e’m peacadh gath a’ bhàis, agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: ach buidheachas do Dhia, a ta ’toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Criosd. ’S e do bheatha, matà, a theachdaire shìochail a dh’iomchaireas mo spiorad deònach do ghlacaibh mo Shànuighir agus mo Dhé. Tha mi ’toirt thairis a’ chuirp laig thruaillidh so do’n uaigh le mór thoileachadh, air dhomh dearbh-fhios a bhi agam, an àm iomchuidh, gu’n cluinn mo dhuslach a bhios ’na shuain guth Mhic Dhé, agus gu’m mosgail e le gàirdeachas gu neo-bhàsmhorachd bheannaichte agus ghlòrmhoir.” Ead. P. M. MU EOLAS. Ged tha inntinn an duine ag aomadh chum uilc, tha cumhachdan air am buileachadh oirnn, tre ’m feud sinn, le altrum cùramach, a bhi air ar dcanamh deas airson nèamh, agus cosmhuil ri Dia. Tha inntinn gun eólas cosmhuil ri fearann gun àiteachadh. Tha iùnnsachadh tràthail agus dùrachdach a’ glanadh air falbh ioma mearachd a ta fuaighte rinn, agus an inntinn sin, anns am bheil sìol a’ ghliocais air a chur, bheir i mach toradh sòlais agus sith. Síol-chuir gliocas ann an earrach t’òige, agus taisgidh ta suas sonas fa chomhair geamhraidh na h-aoise. F. M. R. [TD 68] EILEAN IRT. A Theachdaire, Cha sgrìobhadair ach leughadair mise mar a’s trice. Gu dearbh ’s math, a bhaist sibh e an “Teachdaire” oir tha e’ toirt eòlais agus fiosrachaidh do gach seòrsa dhaoine, gidheadh tha dream beag ann nach ’eil a’ toirt spéis da—ach nam biodh sibhse air cuireadh thoirt doibh a dh’ ionnsuidh a bhaistidh ’s ann a mholadh iad e. ’Nuair a dh’ iarr duine àraidh air an ollamh urramach, Thomson, sgrìobhadh an aghaidh an Teachdaire, thuirt e, Cha dean mi sin gus am faic mi ni’s fearr ann an lamhan eile, rud nach fhacas fhathast. Bu duine ainmeil so aig an robh ceann mór glic tuigseach fòghlumte; mhol e an Teachdaire, agus o’n tha esan a’ siubhal a latha ’s a dh’ oidhche, thugadh luchd mì-ruin an aire nach beir e orra ann an dorchadas an inntinne féin. ’Si an àithne fhuair ar ceud sìnnsir, “Sìolaichibh agus fàsaibh lìonmhor”, agus ged a bhrist iad gach àithne eile, ghléidh iad an té so, oir tha an sliochd co lìonmhor ri gaineamh na tràgha. Ach ’na déigh sin uile tha eilean beag dlù d’ ar tir far nach ’eil so a’ tachairt mar ann an àiteachan eile, agus tha sin ro iongantach oir tha ’n t-eilean fallain—tha buntàta—coirce—feòil—bainne—eunlaith—iasg agus aodach aca, agus Gàilig ’ga labhairt, ach gidheadh ’an àite bhi dol an lìonmhoiread, ’s ann tha iad gu truagh a’ lughdachadh. Anns a’ bhliadhna so chaidh cha robh anns an eilein so ach ceithir fichead agus sèa-deug, eadar dhaoine, mhnathan agus chlann, àireamh móran ni ’s lugha na bh’ ann roimhe. Tha ’n t-eilean so fada mach air a’ chuan ceithir agus da fhichead mile ni ’s faide ’n iar na Uist. Cha ’n eil comunn no dàimh aig luchd-àiteachaidh an eilein so ri dùthaich sam bith. Tha aon uachdaran os an ceann a tha ’na rìgh, ’na bhreitheamh agus ’na mhinisteir. Cha ’n eil lighiche, bean-ghlùine no maighstir-sgoil’ aca. ’Nuair a bhios cùirt, pòsadh, no tòrradh aca, bidh an Rìgh agus gach duine agus bean air an eilein cruinn còmhladh, agus tha na dleasnais sin air an coimhlionadh gu riaghailteach. ’S còir dhomh a nis ìnnseadh an dòigh air am bheil am pobull a’ lughdachadh no a’ crìonadh as; direach trid an aineolais féin agus a bhi as eugmhais nam meadhonan a tha aig daoin’ eile. Tha ’chlann a’ siubhal no a’ bàsachadh aig àm am breith no latha no dha ’n a dhéigh;—cha ’n eil ach a h-aon ann an deichnear a’ fuireach beò dhiubh no a’ ruigheachd a’ chóigeamh latha, Cho luath ’s a theid an leanabh a bhreith tha clùd cùrainn air a chur timchioll air anns am bheil e a’ bàsachadh gun chomas solus an t-saoghail fhaicinn. Tha ministeir dìchiollach ann an Irt, ach cha’n eil e ’na chomas àite bean-ghlùine agus lighiche dheanamh. Nach ’eil e ro iongantach ’nuair tha luchd-riaghlaidh agus ministeirean a’ cuimhneachadh agus a’ cuideachadh uireasan agus aineolais dhaoine ann an rìoghachdabh eile, gu’n dì-chuimhnicheadh iad cor bochd am bràithrean anns an eilein bheag so. [TD 69] Eilean Bhóid, Mios deireannach a’ Gheamhraidh, 1836. Buaidh-làrach do’n Teachdair ùr airson mar mhìnich e dhuinn an Dòmhnach agus iomad ni eile, gu h-àraidh mu àireamh ar luchd-dùthcha ann an Glascho a fhuair na cléirich onorach a mach, fo ordugh nam ministeirean urramach Gàidhealach. Cha b’ ionann ’s na cléirich dhubha bha againne ’n uraidh ann am Baile-Bhóid, a thill ’san anail san uchd ma b’ fhìor, agus ’se 150 na fhuair iad uile—fear 40—fear 20—fear 10, agus bha aon fhear ann a bha ’ga mheas féin anabarrach forghuiseach tapaidh, nach d’ amais ach air a h-aon! Ach ’nuair a thill a’ mhuinntir a dh’ innis an fhìrinn ’se fhuair iad còrr agus 1300 osceann cheithir-bliadhn’-deug a dh’ aois. Tha dòchas againn nach fhada gus am faic sinn a’ bhirlinn ùr a’ dol tròimh na Caoil Bhódach agus bratach “Craobh-Sheanachais nan Gàidheal” ’na croinn arda. ’S ann an sin a theid i air thoiseach air na h-uile bàta-toite san tìr—’s co ionann muir no monadh, rathad mór no creachann—cha bhi bàta mór no beag nach strìochd dhi ’nuair a chi iad a’ bhratach; ach tha fiuthair againn gu’n tadhail i san dol seachad agus gu’n faic sinn, mar thuirt “Eoghan a’ chaolais” an Teachdaire le sgòd an t-siuil mhóir ’na làimh. Cha bhi mise toileach no leth-thoileach mur toir e leis air bord an sgiùrsadair mór an Fhìrinn agus stràchd no dha thoirt mu na casan do na spùinneadairean a dh’ fheuch r’ ar fàgail gun eaglais gun mhinisteir mur rachamaid a suas do chnoc-an-Ra, nì nach dean sinn, no do dh’ eaglais ùr nan Neo-eisimealach; b’e ’n earb a chur ’an loch ar cur ann, ach tha eagal oirnn nach buail e glé ghoirt D. D. cha ’n eil fios aig “Eoghan” có ris an abair iad “C. C.” ach ’s ro-mhath ’s aithne dhuinne D. D. agus cha ’n ann air ’fheobhas. Tha ’n dubh-ghall a thainig as an airde-deas ciad uair na’s caoimhneala d’ ar luchd-dùthcha na esan. Nam bu Ghall no Dùidseach a bhiodh ann cha bu nàr e, ach fear a rugadh ’s a thogadh ann an tìr nam beann a dheanamh a leithid, ’s gnothuch nàr agus mi-nàdurra e; agus ’s ann duinne ’s ion a bhi taingeil nach ’eil tuilleadh ’na chomas; Thugadh sibhse ’n aire nach feuch e ri stad a chur air an Teachdaire o’n ’sann sa’ Ghàilig tha sibh ’ga chur a mach. ’S iad na balachain nach biodh toilichte nan tachradh sin. ’S mór a’ chùis-ghàire bhi ’gam faicinn mu ’n ghealbhan a’ leughadh mu Eóghan agus fear nan guidheacha móra, crotachan na Beinne ’s an tarbh, an t-Eirionnach ’s a’ mhuc, agus môran eile. Tha ’n dràsd fear an déigh ’n fhir a’ cur sìos ’ainm airson na craoibhe-móire aig Mactalla, ann am bùth Mhr. Glas, deagh charaid nan Gàidheal; agus o’n ’sann san fhìor Ghàilig a bhitheas i tha dòchas againn nach e eilean Bhóid a bhios air deireadh a cheannach bratach àluinn Mhic Illeathain do’n bhirlinn. Ma ’s fiach a’ bheag no mhór dha so àite san Teachdaire ’s ro-mhath; agus mur a fiach cuiribh lasair dhearg ris. Is mi ur dearbh charaid. An Gael Bódach. ORAN CHLANN DONUILL NAN EILEAN. AIR FONN—The Rose Tree. Beir soraidh uam gu m’ eòlas, Gu Tnòtarnais, ’s e b’aite leam, An talamh maiseach bòidheach, An tìr ro òrdail mhearcaiteach; [TD 70] Far ’bheil na daoine còire, Dh’ fhàs fialaidh mòr neo-acaineach Mnai-uaisle ’s suairce còmhradh Gun ghruaim, gun phròis ’an taice dhoibh. An tìr ro fharmail, chliùiteach ainmeil, Mhùirneach, mheanmnach, mhacanta; Bu lìonmhor sealbhach iasg na fairge Tric ’g ä mharbhadh taice ri: Thig bradan tarra-gheal, inneach, mealgach, Iteach, earra-ghlan, breac-lannach:— Am fonn ’an dearbhte ’n cinn an t-arbhar Diasach, ceanna-mhor, pailt-ghrainneach. B’i sid an dùthaich fhialaidh Air an éireadh grian gu moch-thrathach; Tìr lùbach, shrathach, ìosal, Gu monach, miannach, gucagach, Tìr chruachach, sguabach, lìontach, Tìr mheasail, mhiaghail, thrusganach, Tìr mhòr tha còrr gu biatachd, Tìr bhòidheach, lianach, lusanach. Tîr bhuadhach bhlàth, gun chruas gun chàs, A’ tighin fo bhlàth gu ruiteagach: An grùnnd a b’fhearr o shliabh gu tràidh, Gu fàsach, lànach, sultmhorra. Crodh-laoigh ’s gach àit a’ sìòr bhreth àil, Gu bliochdach, dàrach, sruth-bhainneach; Is grinn a’ ghàir aig fuaim nam bà ’Dol suas ri àir nan uchdanan. Bidh mnathan donna dualach ’Nan dàil gu cuachach, cuinneagach, ’S iad modhail, banail, stuama, Neo-ghruamach, uasal, iriosal: Le ’n àlach glan mu’n cuairt doibh ’G an togail suas gu h-innealta, ’S iad féin gu ladhach, suairce, Gu caoimhneil, cuanda, cinneadail. Bidh òighean mìne bòidheach finealt’ Stòilte. rìoghail ionghradhach— Gun fhuachd, gun ghrìs, gun ghruaim, gun sgìos, Ro shnuaghor fineant binneagach,— Is pàirt diubh sìor-chur àird air nìth, Gun chàs gun strì gun iomadan; Is pàirt, mar chì, le lànachd nì, ’Cur fài’m air sìod ’s air ghrinneasan. Bidh daoine tlachdmhor còir ann Ag òl mu bhòrd gu h-oileineach, Nach mall ’s nach gann mu’m pòcaid, ’S nach di d’an stòras teireachdainn: B’i sid an fhine mhórail Clann-Dònuill mhòr nan eileanan, Nach ìnndrig ann an dò-bheairt, Nach tòisich air ni ’cheileadh iad. Na laoich ’bha treun ri àm an fheuma, Cròdha, gleusta, fearachail; Bha ullamh, réidh, ga siubhal sléibh, Gu ruitheach, leumach, deannalach; Gur math an t-éididh-crios am féil’, Am breacan éutrom ainneamh orr’ ’An uair a dh’ éighte ’cheud ratreut Gu dol ’san streup gu ceannasach. Nuair thogte sibh ga còmhstri Bu chonnspaideach am pannal sibh, Theid eòlach ann an còmhraig Gu fòghluimte neo-mhearachdach, Cha ’n fhacas riabh sibh ’g iompach’ ’S a dh’ aindeoin puing cha ’n fhanadh sibh: Cia bith a bheir oirbh ionnsuidh, B’e sid an tionndadh ath-ghoirid! ’Nuair thogteadh ’bhratach-bhalla-bhreac Gu meanmnach os ceann churaidhean, Ur laochraidh thlachdmhor dhealbhach Gur garg, an taobh a chuirear iad; Nan éireadh fraoch no fearg orr’, Gu’m b’ anamanta garbh guineach iad; Cha phillear sibh le armailt Ged dheanadh Alba cruinneachadh. Bidh loingeas bhréid-gheal, cuan ’g a reubadh, Seòlach, reultach, iullagach, Lamh-dhearg ’ga h-éigheach, cinn ’gam beum Aig seòid nach géill do chunnartan! An taobh a dh’ éight’ iad, b’ ullamh réidh iad, ’S mairg d’am b’éiginn fuireach riu; Bidh feòil gu féist aig eòin an t-sléibh ’S gach seòrsa béist a chruinnicheas! O. [TD 71] SGEUL BEAG FIRINNEACH MU THAIBHSE NO MU THANNASG A CHUNNACAS LE DUINE URRAMAICHTE AN T-ARD BHREITHEAMH SASUNNACH POWEL, ANNS AM FEUDAR LAN EARBSA CHUR. Bha Easpuig Sasunnach ann, an t-olla fòghluimte Fowler o chionn leth-cheud bliadhna bha anabharrach gealtach san oidhche. Bha e do ghnàth fo eagal roimh thaibhsean agus spioradan agus toileach air gach eachdraidh mu’n déibhinn éisdeachd agus aithris. Bha iomad connsuchadh eadar e féin agus am Breitheamh Powel mu na nithibh so, Powel a’ sparradh air nach robh ach faoineis agus amaideachd ’na leithid sin de sheanchas, nach faca neach riamh tannasg no spiorad, agus an t-easpuig a’ dearbhadh gu’m faca. Thachair dhoibh coinneachadh r’a chéile aon oidhche ann an cuideachd âraidh agus thóisich an t-easpuig mar bu ghnàth leis, ri labhairt mu bhòcain, mu’n bhod ach-ghlas, agus mu thannasgan. “An saoil thu” arsa Powel, “nach faca mise tannasg mu dheireadh ged is iomad uair a chuir mi na nithe sin ’an suarachas agus a rinn mi fochaid air a leithid? ach an déigh na chunna’ mi o chionn ùine ghoirid le m’ shùilean féin, cha dean mi fochaid orra tuillidh; chunnaic mi bòcan le ’m dha shùil fèin.” “Am faca?” arsa ’n t-easpuig “cluinneam ciamar, an e gu’m fac’ thu féin’ e? innis domh, tha fadal orm éisdeachd” “Ma tà” arsa ’m fear eile, “nì mi sin. Bha mi a sheachduin gus an diugh mu mheadhon oidhche no eadar sin agus uair sa’ mhaduinn, cha ’n eil mi ro bheachdail co aca, a’m luidhe ann am leabaidh an déigh an dorus a dhùnadh; cha do chuir mi an crann air, ach tha mi cinnteach gu’n do dhùin mi e. Dhùisgeadh as mo chadal mi le fuaim iongantach agus chuala mi air leam ceum tróm a teachd a’ nuas an staidhir agus a’ gabhail a dh’ ionnsuidh dorus mo sheòmair—dh’ fhosgail e’n dorus—tharruing mi gu taobh cùirtein mo leapach agus faicear solus fann a’ tighin air aghaidh agus air chrith mar gu’m b’ ann, agus a’ dol mu’n cuairt agus a’ gabhail gu socrach sàmhach gu taobh mu leapach!” “An robh ’n solus gorm?” arsa ’n t-easpuig. “Matà bha e fann ghorm, eadar sin agus uaine, agus cùl an t-soluis chunnaic mi samhladh duine—ard—caol—glas-neulach—’aodann air preasadh le aois agus feusag fhada gheal air, seòrsa de chleòca farsuing uime air a chrioslachadh m’a thimchioll le crios leathair—currachd molach de bhian gaibhre no bruic air a cheann, agus cuaille fada de bhata làidir ’na làimh. Sheas e calg-dhìreach mu choinneamh mo leapach—bha iongantas agus uamhunn orm agus cha do labhair mi diog—tharruing e na bu dlùithe—dhearc e orm gu colgarra ’n clàr an aodainn! Mu dheireadh thuirt mi ris, Có thusa? cia as a thàinig thu agus ciod tha ’dhìth ort? labhair air ball! arsa mise.” “Seadh” arsa ’n t-easpuig “ciod a thubhairt e? innis domh ciod a thubhairt e, an do labhair e?” “Air do shocair” arsa ’m fear eile “’s ìnnsidh mi dhuit.” “’S mise” ars’ esan “fear-faire na sràide, no mar theirear, am Policeman. Mar bha mi ’gabhail mo chuairt seach dorus do thighe mhothuich mi gu robh e fosgailte, agus thainig mi stigh g’a ìnnseadh do na seirbhisich, ach do bhrìgh nach d’fhuair mi h-aon diubh gu h-ìosal ghabh mi ’n aird an staidhir agus dh’fhosgail mi ’n dorus agaibhse. Gabhaibh mo leisgeul, tha bhuaibh éiridh agus an dorus a dhùnadh agus an crann a chur air mun tig na gaduichean a stigh.” Ghabh an t-easpuig nàire, agus cha do labhair e riamh tuille ri Powel mu thannasg no bhòcan. C. C. MARGAIDHNEAN. Cha ’n eil móran mùthaidh annta so air a’ mhìos so, ach gu bheil an t-ìm Eirionnach ’s a’ mhuicfheoil shaillte ni’s daoire na tha iad am bitheantas. Tha Mairtfheoil 4, 5, agus 6 sgillean a réir an t-seòrsa Muiltfheoil 5, agus 6 sgillean a réir an t-seòrsa. Laoighfheoil 7, 8, 9 sgillean a réir an t-seòrsa. Muicfheoil 4, 5, am sgillean a réir an t-seòrsa. am pùnnd beag nan sè-ùnsa-deug Sasunnach. [TD 72] Tha na h-uighean ochd sgillean an dusan. Tha ’Mhin a’s fear 2 sgillinn Shasunnaich agus an seòrsa ’s faigse dhi sin fichead sgillinn a’ chlach nan ceithir-pùinnd-deug de’n tomhas Shasunnach. Tha prîs na h-uile seorsa bathair anns am bheil iarunn no seòrsa sam bith de mhiotailt ag ardachadh; agus ’se ’s aobhar air so na rathaidean iaruinn a tha iad a’ deanamh anns an h-uile cearn do Shasunn agus iomadh àite air Galldachd. Tha iad so a’ fàs anabarrach lìonmhor; agus ma rinn na bàtaichean-toite móran mùthaidh air gnothaichean na Gàidhealtachd, ni na rathaidean iaruinn, a rêir gach coltais móran tuillidh na sin air gnothaichean na Galldachd. Cha dean iad feum ach air àite còmhnard, ach có ’s urrainn a ràdhainn nach bi iad fhathast a’ cuairteachadh còrsa na Gàidhealtachd agus na Galldachd? Bheir sinn oidheirp air cùnntas thoirt mu’n déibhinn san ath Theachdaire. NAIGHEACHDAN. Cha chuimhne leinn riamh cho beag naigheachdan a bhi air feadh gach dùthcha. Cha’n fhiosrach sinn gur fiach ni sam bith aithris ach an losgadh eagallach a bh’ ann an NEW-YORK, prìomh-bhaile America mu thuath. Bha ’n losgadb so anabharrach millteach; chaidh cóig ceud agus seachd ’ar fhichead de thighean a losgadh, a thuillidh air an ionad-mhalairt Dhùidseach agus té do na h-eaglaisean Dùidseach. Tha ’n calldach air a mheas mu thuaiream ceithlr muillein pùnnd Sasunnach. Gu fortanach cha deach móran dolaidh a dheanamh air sluagh. Cha ruig sinn a leas înnseadh nach buin am baile so do Bhreatunn, ged tha mòran malairt eadar an da àite, agus cha’n eil teagamh nach dean e pàirt dholaidh do mharsantan na dùthcha so. Bha coinneamh agus cuirm anabharrach aig a’ Chomunn Oiseineach air an 9mh la deug; shuidh cóig fichead ’s a h-ochd deug aig bord na dìnnearach; ’s duilich leinn nach tiochd cùnntas orra san àireamh so ach chithear e san ath Theachdaire. FREAGRAIDHEAN D’ AR CAIRDEAN Fhuair sinn litir ar caraid á Ceann Loch Làthaich, agus tha’n a “Gael anns a’ Bhaile” a’ gealltainn gu’n dean e suas cungaidh a leigheiseas teum na nathrach ruaidhe co luath ’s a gheibh e ùine. Is duilich leinn gu bheil an uile-bheist a’ deanamh na h-uiread dholaidh anns na cearnaibh sin. Tha cínnte gu’n rachadh i air bàinidh uile gu lèir mu âm na bliadhn’ ùire. Cluinnidh an Tuathach Cuaileanach uainn san ath Theachdaire. ’S duilich leinn gu’n robh litir Aristides tuille ’s anmoch airson na h-àireamh so; ach chuir sinn a bheannachd a dh’ ionnsuidh Eóghain a’ chaolais mar a dh’ iarr e oirnn. Fhuair sinn litir a’ “Ghaeil Oig” agus is math a thaitinn i ruinn ged bha ise cuideachd tulle’s anmoch airson a’ mhìos so. Ma leughas an “Osag” an ath àireamh de’n Teachdaire tuigidh i gu’n d’ fhuair sinn a litir agus ar barail m’a déibhinn. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn uaipe o àm gu h-àm. Fhuair sinn mòran litirichean mu Mhelchisedec. Tha cuid diubh anns nach eil feum air bith, ach bheir sinn oidheirp air cuid de ’n fheadhain a’s fearr fhoillseachadh. Chì ar cairdean ann am Baile-Bhóid nach ’eil sinn ’gan dì-chuimhneachadh. Tha sinn an dràsd a’ gabhail gach dòigh a’s urrainn sinn a rannsuchadh mu ghnothaichean na h-eaglais, ’se sin chum mion-chùnntas fhaighinn air a’ chùis o thoiseach gu deireadh, agus ths sinn a’ cur romhainn gu’m faigh gach cearn de’n dùthaich air an ruig an Teachdaire fios air. Tha Mactalla ’gealltainn eachdraidh nam fineachan gun tulle dàlach; agus tha sinn fad’ air ar mealladh mur bi “Còmhradh ’ san ath âireamh. Tha cuid diubh as am mugha ar n-earbsadh a nis air faotainn beagan lasachaidh o mhóran saoithreach a bha iad a’ gabhail os lâimh o âm gu h-âm. [TD 73] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. CEUD MHÌOS AN EARRAICH. IV. AIREAMH. MELCHISEDEC. A Theachdaire chòir, CHAIDH ceist a chur riut aon uair, Am b’ urrainn thu fiosrachadh sam bith a thoirt seachad mu Mhelchisedec, ach gus an do thaisbean thu do ghnùis as ùr cha chuimhne leam gu’n d’thug thu riamh freagairt sam bith air a’ cheist. A thaobh ’s gur beachd leamsa nach do mhìnicheadh fhathast gu ceart a’ cheist air a’ bheil mi ’tighin, agus a bhrìgh ’s gu’n do thachair dhomh beagan rannsachaidh a dheanamh mu thimchioll Mhelchisedeic, thainig fodham na leanas a chur h-ugad mu’n chùis, chum’s gu’n coimeas thu r’a chéile am beachd a thùr mise agus am beachd a chinn aig an neach a thug oidhirp air a’ cheist fhoillseachadh sa’ cheud àireamh. Air sgàth do luchd-leughaidh tha e ceart gu’m faigheadh tuille na aon neach cothrom air a bharail féin a thaisbeanadh mu cheist no mu chùis sam bith air a’ bheil côir aig a’ mhóran soilleireachadh no fiosrachadh fhaotainn. So agad toradh mo shaoithreach-sa mu ’n cheist. ’S e an ceud âite ’s am bheil iomradh air Melchisedec sa’ Bhìobull an XIV. caib de Ghin. aig an 8mh. rann. Tha e iar a ràdh an sin “gu’m b’e righ Shàlem e, agus sagart an Dé a’s ro airde, gu’n d’thug e mach aran agus fìon gu h-Abraham; gu’n do bheannaich se e, agus gu’n do ghabh e deachamh uaithe de gach ni a ghlac Abram o na rìghrean co-bhoinnte.” ’S e ’n t-ath àite ’s a’ bheil Melchisedec iar ’ainmeachadh an Xmh Salm thar a’ C. an 4mh rann. “Mhionnaich an Tighearna agus cha’n aithreach leis Gur sagart thu gu siorruidh do réir cineal Mhelchisedeic.” Cha’n eil focal tuille sa’ Bhìobull mu ’n ainm Melchisedec gus an ruig thu an Vmh. caib. de’n litir chum nan Eabhrach. Ann an sin aig an 6mh. rann tha briathran an t-Salmaidh iar an aithris, agus mar an ceudna aig an 10mh rann. Aig a’ 1d. rann deug tha’n sgrìobhaiche ’g ràdh gu bheil aige r’a ràdh mu Mhelchisedec móran de nithe deacair r’an cur an céill, a thaobh maille agus aineolais nan Iùdhach; no, mar deir e féin, a thaobh an stalcaiche no am buidhre. A mise tha a’ chuid a’s mò de luchd-mìneachaidh a’ deanamh dheth gu’m bu duine Melchisedec, a bha ’na righ air baile do’m b’ ainm Sàlem; agus mar-ri bhi ’na rìgh gu’n robh e ’na shagart ann mar an ceudna. Tha iad fòs am barail gu’m b’e ’n Sàlem so am baile ris an abairteadh an déigh sin Ierusalem. A rithist tha cuid eile ’m beachd gur h-ann air Sàlem bu rìgh Melchisedec, baile bha fada mu [TD 74] thuath air Ierusalem (Eoin III. 23.) Ach ged is i so barail dhaoine fòghlumte, cha’n eil coltas sam bith gu’n robh Pòl am barail aona chuid gu’m bu duine Melchisedec, no idir gu’m bu rìgh talmhaidh e; chionn tha e ’g ràdh gu’m bu neach e gun athair gun mhàthair; gun chinneadh, gun tùs làithean, gun chrìoch beatha; agus gu bheil e a’ marsainn ’na shagart neo-bhàsmhor.” Tha so gu soilleir a’ taisbeanadh nach bu duine Melchisedec; chionn cha ghabh a leithid de chainnt càradh ri duine sam bith. Cha mhò is urrainn do’n inntinn tùr a thoirt as na briathran ma’s ann air duine bha iad a’ tighin. Nise, mur bu duine bh’ ann am Melchisedec cha b’ urrainn e bhi ’na rìgh talmhaidh air baile sam bith. Cha mhò tha’n t-abstol ag ràdh gu’n robh. Ann a bhi a’ mìneachadh an ainme Melchisedec, tha e ’g ràdh gur h-e ’s brìgh dha Rìgh a’ cheartais—agus gur h-e ’s brìgh do Shàlem, sìth neo sìochaint. Tha sinn a’ faicinn, matà, nach eil luaidh no smuain sam bith air baile anns a’ mhìneachadh so, ach air dà bhuaidh chomharraichte air an robh Melchisedec ’na rìgh, agus gur h-iad an dà bhuaidh so o bheil e iar a shloinneadh.—B’e rìgh nam buadhan so mar an ceudna sagart an Dia a’s ro airde. B’e an sagart a b’ àirde bh’ ann riabh. B’ àird’ e na Abram féin, chionn bheannaich e e “agus gun teagamh air bith beannaichear an tì ’s lugha leis an tì ’s mò.” B’ àird’ e na Aaron, chionn thog e’n deachamh o Lebhi agus o ’shliochd (oir bha iad ’an leasraidh Abrahaim) aig an àm ’s an do dhìol Abram dha càin de spùilleadh nan rìghrean. Có, ma ta, an sagart ard urramach a bha ’n so? “Có a chuireas an céill a ghinealach?” Isa. liii. 6. An e aingeal a’ choimhcheangail a bh’ ann? ard-shagart ar n-aidmheil? prionnsa na sìth? grian na fìreantachd? seirbhiseach Dhia? an t-iongantach? Ma ’s e Criosd a bh’ ann, ciod is brìgh do na briathran, “Is sagart siorruidh thu do réir cineal rian, ordugh, riaghailt, réim Mhelchisedeic? Nach ionann sin agus a ràdh, Is sagart siorruidh thu do d’ réir féin? Is ionann gun teagamh. Ach air a shon sin cha ’n eil na briathran gun seadh. Tha fios againn nach robh anns an lagh ach sgàil air na nithe matha bha gu tighin (ri linn an t-soisgeil). Cha robh ann an Aaron agus anns na Lebhithich eile ach luchd-samhlaidh air Criosd, agus anns na h-iòbairtean agus na deas-ghnathan a bha iad a’ frithealadh ach sgàilean air fulangas agus ìobairt iomlan an ard-shagairt shiorruidh. Ach bha na sgàilean so uile neo-iomlan. (Eabh. 7. 19.) Bha sagairt an lagha caochlaideach, bàsmhor; agus, uime sin, ’nan samhladh neo-iomlan air Criosd a ta ’na shagart neo-chaochlaideach, buan-mhairsinneach. Bha iad peacach, anfhann, agus uime sin ’nan samhladh neo-iomlan airsan a tha naomh, ionraic, fìorghlan, sgaraichte o pheacaich, agus iar ardachadh os-ceann nan nèamhan, neach nach feumadh, mar iadsan, ìobairtean a thairgseadh gach latha, air tùs airson am peacannan féin, agus an déigh sin airson peacannan an t-sluaigh; chionn dh’ fhoghain aon ìobairt uaithe-san an uair a thairg e suas e féin. Cha robh sagart sam bith cosail ri Melchisedec, matà, ach e féin, agus is ann uime sin a ta Criosd ’na shagart a réir cineal Mhelchisedeic. Esan a bha ’na shagart siorruidh cha b’ urrainn caochladh teachd air a shagartachd. Ach cha [TD 75] robh dà shagart shiorruidh riabh ann. Uime sin is aon Melchisedec agus Criosd. ’Nuair a ghabh Criosd an t-sagartachd ’na làimh féin cha robh tuille feum air samhladh neo-iomlan na sagartach Lebhithich; air an aobhar sin chaidh sagartachd an lagha agus an cineal a bha ’ga frithealadh a chaochladh; agus ghabhadh an dreuchd le fear frithealaidh a bha iar a dheanamh a réir samhlaidh iomlain. A nise, ged is ann aig “lànachd na h-aimsir” a thachair an caochladh so do’n t-sagartachd, bha e deanta o shiorruidheachd a réir riaghailt Iehòbhah a tha ’meas mìle bliadhna mar latha, agus nan nithean nach ’eil, mar gu’m bitheadh iad ann.” O so tha e soilleir gu’n robh Criosd ’na shagart riabh, agus nach b’ urrainn sagart eile a bhi roimhe mar shamhladh air. ’S e Melchisedec a’ cheud sagart le Dia air a’ bheil iomradh againn anns a’ Bhìobull, agus a bha ’na shamhladh air Criosd, ’na shamhladh cho iomlan ’s nach comas da bhith nach b’e Melchisedec Criosd; chionn nam bu duin’ e cha bhiodh e ach ’na shamhladh neo-iomlan air, mar bha na Lebhithich; agus a bharrachd cha’n ann a réir cineal duine a rinneadh Criosd ’na shagart, ach a réir samhuil Mhelchisedeic a ta marsainn ’na shagart gu siorruidh. Uime sin cha bu duine Melchisedec. Ach ciamar ma ta a rinneadh Criosd ’na shagart a réir a shamhuil féin? Ann an lànachd na h-aimsir rinneadh ’na shagart e a réir an riochd anns an do thaisbein e e féin mar Mhelchisedec do Abram ’an àm pilltinn o chasgairt nan rìghrean. Tha Criosd e féin ag ìnnse dhuinn “gu’m faca Abraham a latha-san ’an cian, agus gu’n d’rinn e aoibhneas:” ’se sin gu’n d’ fhuair e fiosrachadh air slighe na saorsa trid ìobairt agus sagartachd Chriosd. An uair a ghairm Iehóbhah Abram á Padan-arum, gheall e dha a bheannachadh. Ghabh Iehóbhah a sheòl agus ’àm féin air so a dheanamh. Ri linn tilleadh o Hàba gu Hébron an déigh buaidh a tholrt air na righrean a thug air fuadach Lot, iar do Abram gleann Shabheh a ruigsinn, choinnich sagart au Dia ro Mhóir an sin e agus BHEANNAICH SE E. Ach chuir e ’na chuimhne, aig an àm cheudna gur e ’n Dia ro Mhòr so a thug a mach a’ bhuaidh dha air na righrean cinneach. Ged nach eil ach beagaa iar ìnnse sa’ Bhìobull mu’n choinneamh so eadar Melchisedec agus Abram, feumaidh gu’n do thachair nithe òirdheirc r’a linn. An tùs chaidh gealladh Iehóbhah a choimhlionadh, chaidh a bheannachd a thoirt air Abram. Ach b’e Criosd ard-shagart an Dia Mhòir, a choisinn gach beannachd air a bheil còir aig na creidich. Agus có bu deònaiche thigeadh g’am buileachadh na esan leis an tlachd a bhi deanamh toil ’Athar? teachdair a’ chùmhnant’ a tha luchd-mìnich a’ smuaineachadh a nochd e féin iomad uair an déigh sin do athair* so nan creideach, agus do ioma creideach dìleas eile? Agus nach bu chuid so de’n urram a chuir an t-Athair air, agus de’n toileachas a thug e dha, airson saothair anma? Nach ion, cuideachd, a smuaineachadh gu’n nochdadh Iehóbhah do’n phrìomh chreideach a shlànuighear anns a’ cheart chruth ’san robh e ri bhi iar fhoillseachadh ann an làithean ’fheòla? agus gu’n leigeadh e ris da a shloinn- * Gin. xviii. 1, 2, 3, 13, 22, 25; Iosua v. 13, 15; Gin.i ii. 8. [TD 76] eadh “Righ na Fìreantachd agus Prionnsa na sìth?” a nochdadh an t-soisgeil do Abram, Gur ann trid fìreantachd Chriosd agus trid na réite ’bha e le ’bhàs ri chosnadh ’s na làithean deireannach a thoill ’s a fhuair Abram féin a bheannachd agus a’ bhuaidh air na nàimhdean ? Theagamh, cuideachd, gu’m biodh Abram ullamh air cuid de’n nì mhallaichte a ghabhail da féin, mur tigcadh sagart an Dia Mhòir g’ a bhacadh, agus a thaisbeanadh gu’m bu pheacach dha sin a dheanamh, Mar a rinn Criosd an déigh na suipeire deireannaich, mar sin thaisbean Righ na Sìth ’an so aran agus fìon do’n deisciobul chomharraichte, Abram, agus is ion a smuaineachadh gu’n do bhóidich am prìomh-athair urramach a bhi tairis dìleas do ard easbuig ’anma, agus ’àintean a ghleidheadh: chionn an uair a thairg righ Shodom dha an spùilleadh, thuirt Abram, “Thog mi suas mo làmh ris an Tighearna, an Dia a’s àirde, sealbhadair nèimh agus an talmhainn, nach gabh mi uat an ni a’s suarraiche, air eagal thu ràdh gu’n d’rinn thu Abram beairteach.” Ach ’s eudar dhomh sgur an so an tràsa. Cuiridh mi crìoch air a’ chùis an ceud chothrom a gheibh mi. O. PÀDRUIG O’ ROURC. (Có nach cual’ iomradh air Pàdruig O Rourc? ’S iomad sgeul neònach tha air aithris ann an Eirinn mu ’thimchioll a’ ghaisgich iomraitich so. Ged nach ’eil annta air fad ach spleaghraich bhòsdail, ni bheil e comasach an éisdeachd gun seòrsa de thaitneachas. ’S ann ’an ainm Phàdruig féin tha na sgeulachdan spleaghrach sin air an ìnnseadh.) Thachair dhomh, arsa Pàdruig O’ Rourc, a bhi aig Caisteal-nan-Leus ’n nair thainig Morair òg O’Nèill dachaidh o thir-mór na h-Eòrpa an déigh dha an saoghal gu léir a shiubhal; agus chuala mi le m’ chluais féin an triath òirdheirc, ’s b’e sin esan, ag ràdh, Ni faca mi dùthaich co àillidh ri Eirinn, no loch-uisge a’s urrainnear a choimeas ri Loch-Neagh nan iomadh buaidh. Bha Cloinn O’ Nèill ’s Cloinn O’ Rourc ’s Cloinn O’ Dònuill uile cruinn taobh Loch-Neagh aig caisteal-nan-Leus, aitreabh fhaoilidh na biatachd agus na h-aoidheachd mhòir. ’S ioma mult a’s damh a’s fiadh a’s bradan bha air an latha sin air an deasachadh do thuath agus chàirdean Nèill-òig-O’Nèill, triath Ulstair. Cha b’iad na buideil bheaga leibideach a bha mach, ach na togsaidean mòra—Beòir agus fìon, agus am pailteas do Phoitein na dùthcha.—Bha clàrsairean agus pìobairean na tìre cruinn—agus air m’ fhocal ni robh bard no filidh no aosdana eadar dà cheann na h-Eirionn nach robh ann. Dh’ith agus dh’òl sinn uile gu neo-ghann—Thòisich an dannsadh air a’ bhlàr—agus air m’ fhocal neo-chealgach ’s ann an sin a bha ’bhreabail chòrr ’s am bas-bhualadh cridheil. Buaidh leat a Phìobaire Ruaidh! arsa mise, ’s tu féin a bheireadh cainnt as a’ mhàl. ’S e Niall òg mac O’Nèill e féin a thòisich an dannsa le Iudy O’ Rourc. òigh an fhuilt òir. M’aighear air a’ [TD 77] chàraid òig—’S ann ’nur cosa féin e bha ’n lùgh—ni faca no ni faic mi ri m’ bheò an coimeas. Ach gu pilleadh ri m’ sgeula—Thachair e dhòmhsa mar rinn e do dh-iomad aon eile bha ’làthair, gu’n do ghabh mi uiread do ’n fhìon ’s do’n bheòir ’s do’n bhranndaidh dhearg ’s bu mhath dhomh, gun tighin air an fhàilte chuir mi an dràsd ’s a rithist air poitein mo dhùthcha féin. Dh’ fhàg mi ’n t-àite, tha sin cinnteach, ach c’uin no ciamar ni bheil cuimhn’ agam—ach cinnteach gu leòir dh-fhàg mi e, agus smuaintich mi gu’n gabhainn ceum a nùnn gu tigh Mholi Chronochain, a labhairt rithe mu’n bho-mhaoil chaisinn a chaill a bainne o chionn beagan ùine le buidseachas a thaobh-eiginn—oir bha geasan agus gisreagan aig Moli a leighiseadh gach eucail; ach ceart mar bha mi a’ gabhail thairis air a’ chlacharan aig a’ bheul-àth dlùth dom bhaile ’s ag amharc air na rionnagan ’s ’gam bheannachadh féin mar bu cheart domh a dheanamh, oir b’e Latha Muire Naoimh a bh’ ann—mar bha tubaist ’an dàn domh, shleamhnaich mò chas agus ’am prioba na sùl maol mo chinn fodham ghrad thuit mi ’n linne-nan-lach. Chailleadh mi! arsa mise, bàthar mi a thiota! ach coma shìn mi air an t-snàmh aig an deachaidh mu gu tìr air eilean fàs, ni bheil fios agam ciamar—ni mò bheil fios agam ciod a chuir an t-eilean san àite, oir cha b’ àbhaist da bhi ann. An déigh faotainn gu tìr, choisich mi agus choisich mi air m’ ais agus air m’ aghart gun fhios c’àite ’n robh mi ’dol, aig an d’ fhuair mi mi féin a’ dol fodha ann am boglach de mhòintich! Bha ’ghealach a’ boillsgeadh co soilleir àillidh ri sùilean Baintighearna O’Nèill—dh-amhairc mi an ear ’s an iar—deas agus tuath, agus ni faca mi nì seach nì ach boglach mhòintich—aona bhoglach mhór gun cheann gun chrìoch. Ni robh fios agam ciamar fhuair mi ’stigh sa’ mhòintich neo-chrìochnaich so. Chinn mo chridhe fuar, fuar le oillt. So, arsa mise, àite mo bhàis—so leaba mo bhàis agus m’ uaigh maraon. Mo chreach! mo chreach! arsa mise, cuirm na tubaist dhòmhsa cuirm Nèill-òig-O’Nèill. Mu dheireadh choinnich clach mi air na shuidh mi, agus chuir mi ’n sin suas a’ chorranach thruagh. Ann an tiota beag chaill mi a’ ghealach, thainig dorchadas eadar mi agus a gnùis fhlathail. Dh’ amhairc mi os mo cheann, agus faicear meall mòr dubh a’ gluasad a nìos do m’ ionnsuidh, agus gun fhios air aghaidh an t-saoghail mhóir ciod a bh’ ann. Theirinn e agus theirinn, gus mu dheireadh na sheas e calg-dhìreach mu m’ choinneamh agus amhaircear gu geur dlùth ann am aodann, agus an saoil thu ciod a bh’ ann ach iolaire mhòr ghlas, fìrean co eireachdail ’s a sgaoil sgiath riabh san iarmailt. A Phàdruig O’Rourc, ars’ esan, ciamar tà thu? Matà gu deimhinn, arsa mise, tha mi dìreach an eatorras an nochd féin; ’s math leam sibhse fhaicinn ’nur slàinte, ’s mi ré na h-ùine fo iongantas mór ciamar bha comas labhairt aig an eun so, ’s nach do thachair eun riabh rium gu sin a b’urradh conaltradh a dheanamh. Ciod, a Phàdruig O’Rourc, arsa ’m fîrcan a thug an so thu? Air m’ fhocal fìrinn, arsa mise, cha b’ ann ’am dheòin—ach ’si ’cheist a nis, ciamar a gheibh mi as? Dh’ innis mi dha mar bha mi aig cuirm Nèill-òig-O’nèill, mar dh’ òl mi am fìon ’s am branndaidh ’s gach deoch mhath eile bha ann—mar thuit mi [TD 78] san abhuinn—mar a shnàmh mi gu tìr—mar chaidh mi fodha sa’ bhoglach—mar thachair a’ chlach orm air an robh mi ’suidhe ’s na h-uile nî eile gu glan fìrinneach, ceart mar thachair—agus a nis ’eòin mhóir, fhiosraich, eòlaich, innis domh, guidheam ort mar gheibh mi as an eilean ghrànnda so. A Phàdruig, ars’ esan, ni robh e ceadaichte dhuitse deoch òl air latha Muire naoimh—ach coma cò dhiù ’s duine còir thu—cha ’n fhaca mi gunna a’d làimh riamh, ’s ni mò is àbhaist leat a bhi tilgeadh chlach orm no air m’ àl. A mach as an eilean so ’s éiginn duit dol. So, thig air mo mhuin, cum do chas thairis air mo dhruim agus gabh greim daingionn—na biodh eagal ort ’s bheir mise á so thu ’an tiota. Thà eagal orm, arsa mise, tha ’ur n-onair a’ deanamh fochaid orm; có ’chuala riamh duine ’marcachd air druim iolaire? Air m’ fhocal onorach, arsa ’m fìrean, cha’n ann ri feala-dhà idir tha mi ach ag ìnnse brod na fìrinn. Le so chuir e a spòg mhòr ri m’ uchd—thig air mo dhruim no fàsaich sa’ bhoglach, nach mothuich thu mar tha ’chlach a’ dol fodha le d’ chudthrom. Bha so fìor, bhà a’ chlach a’ dol fodha ’s fodha—cha robh dòigh eile ann. Sheas e ri m’ thaobh—deich mìle taing d’ ur n-onair uasal! arsa mise—gabhaidh mi ur tairgse—suas gabhar air a dhruim—ghlac mi greim daingeann mu ’mhuineal, agus as ghabh e—suas ’s a nìos ’s a suas mar an uiseag gu àirde nan speur—’s beag a bha fios agam ciod a bha ’na bheachd—a suas an àird ghabh e, aig an fhortan tha fios cia ard. Bha eagal agus oillt orm, agus mu dheireadh labhair mi gu réidh ciallach a’ toirt gach gnè urraim dha, oir bha mi ’na eisimeil. Le’r cead, arsa mise, ’eòin nan iomad buaidh, uasail urramaichte, ceann feadhna na h-ealtainn uile, ’fhìrean nan speur—air leam gu bheil ’ur n-onair a’ dol ro àrd—nan gabhadh sibh itealaich bheag a sìos a dh’ ionnsuidh an t-saoghail a dh’ fhàg sinn bhithinn ’nur comain—’si mo bharail, ach ’s ann agaibh féin a’s fearr tha brath gu bheil sinn ceart os ceann mo bhothain, agus nan gabhadh sibh a sìos agus mo leigeil air an talamh bhithinn gu siorruidh ’nur comain—tha mi cìnnteach gu bheil sibh sgìth, sgìth—’s nàr leam a bhi co fada air ’ur druim. Uist! a Phàdruig, ars’ esan, tha mi ’faicinn dithis ’nan seasamh shìos fodhainn le gunnachan fada, agus ag amharc a’m dhéigh:—an àill leat peileir a dhol tromhad—tha dùil aca gur mult reamhar tha agam ’ga ghiùlan do ’n Chraig mhóir. Cha duirt mi focal, oir ciod am feum a bhi ’labhairt—dh-itealaich e air aghart na b’ àirde ’s na b’ àirde, a’ sìor dhol suas, a ghob ris na speuran, ’s mo dha chois féin a’ slaodadh ’na dhéigh agus greim daingeann agam air a mhuineal. C’àite bheil sibh a’ dol? arsa mise—nach innis sibh? Bi ’d thosd! ars’ esan, ’dé sin duitse a thrusdair mhisgich c’ àite bheil mi ’dol—cuisd, cuisd, a Phàdruig! na cluinneam focal a’ d’ bheul. Cha robh math a bhi ’labhairt. Mu dheireadh ruigear a’ Ghealach! meall mòr geal co cruinn ri ugh geóidh agus iarunn lūbach a mach as an dara taobh dhi, mar gu’m biodh corran air a shàthadh innte no pinne air an crochadh tu t’ ad. A Phàdruig, arsa ’n iolaire, tha mi sgìth—cha ’n ioghnadh leam, arsa mise, ’s dithis duinn sin, ach có ’s coireach? arsa mise, nach fhada o’n a dh’ iarr mi ort stad. Bi ’d thosd a Phàdruig arsa ’m fìrean, ni bheil feum dhuit a bhi ’labhairt—tha mi seachd sgìth dhìot, agus imridh tu teachd dhìom agus suidhe air a’ ghealaich! aig an leig mi mo sgìos [TD 79] agus an tarruiug mi m’ anail. ’N e gu’n dubhairt thu gur h-éiginn domh suidhe air a’ ghealaich?—’n ann air an rud bheag chruinn shleamhain ud? gu deimhinn thuitinn dith ’am prioba na sùl agus reachadh mo spadadh air ball. ’S cealgair meallta breugach thu, ’se sin thu! Cha mhì gu deimhinn arsa ’m fìrean—faodaidh tu greim daingeann a ghabhail do’n chorran chrom sin tha sàthte sa’ ghealaich—cum greim daingeann de’n phinne chrom sin agus ni h-eagal duit a Phàdruig. Ma tà a bhobaig gun iochd, ni ’n dean mi sin féin. Nach dean? arsa ’m fìrean; matà air m’ fhocal nach dean, arsa mise. Theagamh nach dean, ars’ esan gu socrach sàmhach, ach mur dean ni bheil agam ach aona chrathadh beag a thoirt le m’ sgéith ’s tilgidh mi dhìom ’an tiot’ thu ’s air falbh gabhaidh tu ’s maol do chinn fodhad sìos—sìos a dh ionnsuidh an talaimh far am bi gach cnaimh a ’d choluinn air a bhristeadh co mion ri braon dealt air duilleig chàil ann am maduinn shamhraidh. ’N ann mar so a tà? arsa mise, ’eòin mhosaich fhiadhaich neo-iochdmhoir! bu mhise ’n t-amadan bochd a chuir mo cholunn riamh air do dhronnaig ghràinde—mo sheachd mìle mallachd ort! arsa mise ’s mi’ leum dheth ’s a’ glacadh greim de ’n chorran chrom bha ’n sàs an taobh na gealaiche. Shuidh mi air taobh na gealaiche, agus is ann agam tha fios gu’m bu shleamhain fuar an t-àite-suidhe e. Cha robh comas air. Cha luaithe shuidh mi’n sin na thionndaidh an trusdar eòin rium agus thubhairt e, Seachd mìle fàilte dhuibh a Phàdruig O’ Rourc!—gabh sin—chreach thu mo nead air an fhoghara’ chaidh seachad—mhìll thu mo chuid eun, (agus cha ’n fhaod mi àicheadh nach robh an fhìrinn aige) agus a nis suidh thusa ’n sin agus crath do shàiltean san t-soirbheas crochte ris a’ ghealaich—’s mise nach gabh truas diot. ’Ne so è, arsa mise-’n ann mar so tha thu ’gam fhàgail? ’eòin ghràinde, a chreutair mhi-nàdurra le d’ ghob crom, le d’ shùil riabhaich fhiadhaich eagallaich, ’eòin gun bhuaidh gun iochd, an ann mar so tha thu ’gam fhàgail? tubaist ort a thrusdair agus air teaghlach nan fìrein gach aon diubh! Ach coma có dhiù—sgaoil e mach a sgiathan mòra—rinn a’ bhéist glag gàire ’s thùirling e as le srann uamhasach, agus le luas an dealain troi ’n spear! Do ghlaodh mi gu sgairteil ’na dhéigh, ach dh’ éigh mi gun stà—ni ’n tug e feairt orm—Dh’ itealaich e as mo shealladh, ’s ni faca mi e o’n àm sin. Breamas a’d chuideachd! deir mise—tubaist ort féin, ’eòin gun iochd! ’S furasda ’thuigsinn gu’n robh mi ’an droch cor, crochte mar so ris a’ ghealaich ’s a’ glaodhaich le m’ uile lùs. Fa dheireadh dh’ fhosgail dorus sa’ ghealaich, an lùdalan a’ dìosgail mar nach deach fhosgladh o chionn chiad bliadhna, agus có ’shaoileadh tu ’sheas san dorus ach Bodach-na-gealaich’ e féin. Dh’ aithnich mi e air a dhronnaig—’s iomad oidhche chunnaic mi e ’na shuidhe mar gu’m bu ghreusaich’ e a’ deanamh bhròg. Fàilt’ ort a Phàdruig O’ Rourc! ars’ esan, ciamar tà thu? Matà, seachd mìle fàìlt’ air ur n-onair, deir mise, tha mi dìreach ’an eatorras air an àm so féin. Ciod, ars’ esan, a Phàdruig O’ Rourc, a thug an so thu? Matà air mo bhoisteadh a’ cheart ni ’chuir an earbag air a’ mhuir, an éiginn. Leis a so dh’ innis mi dha na h-uile ni mar thachair, agus an cleas cealgach a [TD 80] rinn an trusdar eòin orm, ’s mar a dh’ fhàg e mi crochte ann an so ri pinne as a’ ghealaich. A Phàdruig, arsa Bodach-na-gealaiche ’s e ’gabhail snaoisein á adhairc mhóir a bha ’na làimh, A Phàdruig ni faod thu fantuinn an so. ’N ann mar sin a tà, arsa mise—thainig mi ’nuas an so, ’s cha b’ ann le m’ dheòin idir idir, ach ciamar le’r cead a gheibh mi a sìos? Faigh thusa sin a mach, a Phàdruig, ars’ esan, ni bheil gnothach agamsa ris—ach imich, bi air falbh a thiota—so so! leig as do ghreim, deir e.—Foighidinn, le’r cead, arsa mise, gu h-athaiseach màsanach, ni bheil fàth deifir ann, a’ bheil mi ach crochte ris a’ phinne lùbach so agus nam biodh fhios agaibh air, ni bheil mi ’ga mheas ’na fhàbhar ro mhór. Leig as do ghreim, a Phàdruig, ars’ esan—leig as a bhobaig air ball! ’Bheil bean-an-tighe ’s a’ chlann gu math? arsa mise, ’s gach ni a bhuineas duibh? ni ’n creid mi nach toir sibh cuid na h-oidhche do fhear-turuis bochd a ta ’n téinn co mór—’s i mo bharail nach minic a ta coigrich a’ cur dragh oirbh san àite so, oir cha’n e sin an t-astar beag a dh’ ionnsuidh ur doruis. Ni bheil bean no clann agam, a Phàdruig, no duine no creutair beò ach mi féin taobh stigh de’n ghealaich—leig as, bi ’g imeachd! Matà, a charaid, arsa mise ’s mi ’g amharc gu colgarra ’na aghaidh, ni ’n leig mi as mo ghreim, agus gabh m’ fhocal air gu bi sinn ni’s eòlaiche air a chéile na tha sinn mun leig mi as mo ghreim—as a so cha téid mi le m’ thoil—a dh’ aindeoin do shròine, arsa mise, cha leig mi as mo ghreim. Tha bhuait, ars’ esan—cha dean, arsa mise—ni bheil cordadh gun dà fhocal, arsa mise; agus as a so cha téid mi gus am bi fios c’arson. Leis a so phill e ’s tigh air, a’ breabadh an doruis as a dhéigh le farum co mór ’s gu’n do shaoil mi gu’n rachadh a’ ghealach ’na spealgan—Bha mi ’deanamh mo chas mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh air taobh na gealaiche agus greim daingeann agam air a’ phinne ’nuair a phill am bodach doichiollach agus rong mór iaruinn ’na làimh ’s gun fhocal as a cheann thug e aona bhuille sgairteil tarsuinn a’ phinne ’s bristear ’na dhà leth e! Soirbheachadh leat a Phàdruig! ars’ esan, agus mór-bhuidheachas airson teachd ’am amharc—turus math dhuit do’n t-saoghal ìosal. Ni robh ùine no comas agam focal a fhreagairt—bha mi ’cur nan car—a sìos, a sìos—mo cheann an dara uair agus mo chosan an uair eile fodham ’s an ath mhionaid os mo cheann—a’ cur nan car—a’ fàgail na gealaich a’m dhéigh a’m dhearg dheannaibh. Am Freasdal a dh’ amharc orm! arsa mise, nach truagh an cor so do dhuine còir sam bith a bhi ann mu’n àm so de’n oidhche—dh’fhalbh mi gu glan réidh a nis! Is gann a bha ’m focal as mo bheul gus an cuala mi fuaim, agus ciod a bhiodh ann ach sgaoth gheudh a h-uile ceum o mhòintich Bhaile-Nà againn fhéin—’Se so thug orra m’ aithneachdainn—An seann sgeigire bàn a bh’ air an ceann, thionndaidh e rium féin agus ghlaodh e ’mach, An tù tha ’n sin a Phàdruig O’Rourc? A’ cheart duine, arsa mise, oir bha mi ro eòlach air an sgeigire bhàn. Fàilt’ ort! a Phàdruig, ars’ esan, am bheil thu a’ d shlàinte an diugh. Matà, a sgeigire bhàin, arsa mise, ta mi mar a tà mi, ’s mi ’tarruing m’ analach, oir bha ’n anail ach beag á m’ chòm ’s cha b’ iongantach è. Cha chreid mi a Phàdruig nach [TD 81] ann a’ dol le leathad a ta thu, arsa ’n sgeigire bàn, agus ceana b’ àill leat dol leis an deifir dhéin a th’ ort? Leis a so dh’ innis mi dha na h-uile ceum mar thachair o’n àm an deach mi air druim na h-iolaire. A Phàdruig, ars’ esan, gabh misneach, sìn a mach do làmh agus glac lurg mo choise ’s treòraichidh mi dhachaidh thu. Mo bheannachd ort! seachd mìle soirbheachadh leat a sgeigire ghasda! arsa mise, air m’ fhocal gu’m faigh thusa làn do bhroilein de’n eòrna ’s fearr a th’ ann am shabhal air a shon so. ’Na dhéigh so uile cha robh m’ earbsa ro làidir an déigh a’ chleas a rinn am fìreun orm; ach coma co dhiù, cha robh stà diùltadh—ghlac mi an sgeigire air spòig, agus air falbh dh’ itealaich esan agus mise agus an sgaoth air fad co luath ri gaoth nan speur. Dh’ itealaich agus dh’ itealaich sinn air ar n-aghaidh gun tàmh gun fhois gus an d’ thàinig sinn calg-dhìreach os ceann a’ chuain mhóir. ’Eoin uasail thuigsich, arsa mise ris an sgeigire, (oir smuaintich mi gu’m b’e mo ghliocas teanga mhath shìobhalta ’chumail a’m cheann) ’eòin nan iomad buaidh; arsa mise, nach ’eil bhuaibh gabhail gu tir? Uist! ’amadain, ars’ esan, bi ’d thosd, bheir mi thar iomad cuan thu mun dealaich sinn. Sa’ cheart àm sin thainig long mhòr san t-sealladh a’ seòladh gu h-àillidh roi ’n t-soirbheas. A mhic chridhe, arsa mise, tha sinn calg-dhìreach os ceann na luinge,—nach teirinn thu ’s nach cuir thu mi ’s tigh san luing.—Uist! a bhurraidh, ars’ esan, cùm do theanga—nan leiginn as thu thuiteadh tu sa’ chuan. Cha tuiteadh, arsa mise; Thuiteadh, ars’ esan—gabhaidh mi cuid mo chunnairt, arsa mise—leig as mi.—Tubaist ort! ars’ esan ’s bi ’falbh. Leis a so dh’ fhosgail e a spòg, agus air m’ fhocal ’sann mar thubhairt e gu cinnteach a thachair.—thuit mi’s mullach mo chinn fodham a sìos do dh-aigeal na fairge! Tha mi caillte mu dheireadh, arsa mise—mo chreach! mo chreach! ni bheil dol as a nis! Cha luaithe chaidh am focal a mach na thainig muc-mhara mhòr far an robh mi a’ tachas a cinn ’an déigh cadal nah-oidhche agus ag amharc orm féin ’an clàr an aodainn. Ni do labhair i aon diog, ach thog i a h-earball mòr agus tilgear aon dìle de’n fhairge thairis orm gus nach robh greim de m’ aodach o mhullach mo chinn gu bonn mo choise nach robh co fhliuch ’s a b’urradh dha bhith. An sin chuala mi guth, guth air an robh mi fìor eòlach ag ràdh, Eirich a bhrùid mhisgich, éirich air ball! Leis a so dhùisg mi agus có bha dìreach mu m’ choinneamh ach Judy mo bhean agus tuba mhór uisge ’na làimh leis an robh i ’g am thumadh thairis gun truas gun iochd! oir tròcair d’ a h-anam, ged robh i ’na mnaoi mhath cha dùraigeadh i riabh deoch no daorach fhaicinn orm. Eirich! ars’ ise, mo nàire! mo nàire! an daorach ’s an dallanach a bhi ort air cuirm Nèill òig O’ Nèill.—Bha leaba neo-shocrach agad a Phàdruig, ars’ ise, aig bun na craige so—ni bheil dùil agam gu’n robh cadal sàmhach agad an so. Matà a Iudy a ghràidh, arsa mise ’s ann agam tha fios, is mì chuir seachad an oidhche bhruaidleanach a’ bruadar air lòin, agus mòintich agus iolaire, air a’ ghealaich, air geòidh agus muca-mara—tha mi nis a’ tuigsinn gu’n robh deoch [TD 82] orm aig a’ chuirm, gu’n do thuit ’mi ’m chadal ’s gur bruadar bha anns gach ni a chunnaic mi. Air m’ fhocal fìrinneach, arsa mise, ni ’m bi ’n daorach air Pàdruig O’ Rourc an dà latha so. CUMHACHD NA GAILIG. Fhir-dheasachaidh, THA mi ’nis os ceann còrr a’s sèa bliadhna deug ag éisdeachd searmoin Bheurla.—Bha mo riasan féin agam air so agus cha’n eil gnothuch aig an t-saoghal ris—co dhiù, o chionn ghoirid ghabh mi aite-suidhe ann an eaglais Ghaelaich—bha mo riasan féin agam air so cuideachd agus cha’n eil gnothuch aig an t-saoghal ris—ach feumaidh mi nis aideachadh gu bheil cumhachd anns a’ Ghàilig thar gach cànain! Thig i air a’ chridhe mar sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh—no mar uisge ’mhuilinn a chuireas gu gleus an roth-mór ’s an roth-beag—’s gach roth a’s clach a t’ann gus mu dheireadh an labhair an clabar. ’S ann mar so da rìreadh a thachair dhòmh-sa—’nuair thogar a’ chomhla-uisge ’s a thig an soisgeul fallain a nuas ’na mhaoma troma tre thorraig na Gàilig, theid m’ aigne, mar gu’m b’eadh, air bhoile—buailidh cuisle mo chléibh cho làidir ’s cho cas agus gu’m feud thu ’cluinntinn, agus nuair theid mi dhachaidh cha tàmh ’s cha’n fhois domh gus an tòisich an clabar, an teanga, ri dàn! Tha agam mòran diubh so nach faca sùil. Cuiridh mi aon fhear thugaibhse leis a so, agus ma bheir sibh misneach dhomh bheir mi dhuibh aon airson gach mìos sa’ bhliadhna. Theagamh gur h-ann a gheibh mi trod mòr air a shon so, ach ciod a th’ ann ach cealgaireachd a chleith air duine ni nach urrainn sinn a chleith air Dia? Tha E féin a’ moladh an fhir a labhras an fhìrinn sin a mach, mar tha ’na chridhe a steach.” So an laoidh— A Dhia mo chridhe gleus gu ceòl Do d’ mhòrachd féin amhàin is fiù, Tha aingil naomh a’s airde ’n glòir Gun sgìos an còmhnuidh ’seinn do chliù! ’S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’ Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin? Tha ’ghrian ’s a’ ghealach anns an spéur Do ghnà ag éigheach “’S Tusa Dia;” ’S tha ’choillteach mhòr le h-iomadh craobh A’ seirm ’s a’ saobhadh do’n ard-Thriath. S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’ Ag iarraidh toirt a ’m plaosgaibh faoin? Tha boladh cùbhraidh nan ùr ròs, Gach blàth a’s bòidhche agus lus, A’ tairgseadh ìobairt agus tùis Do’n Tì a dhùisg iad suas o’n dus. ’S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’ Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin? Tha eòin na h-ealtainn air gach tom— Tha torman tróm leum-uisg’ nam beann, Tha magh is frìth—tha samh nan tonn A’ seinn le fonn “S Tu’s Tighearn ann;” S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’ Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin? Ach cha’n ’eil dadum cosmhuil riut A’ measg na chruthaich Thu gu léir, Is cha’n ’eil nì no neach no cainnt, A labhras t’ainm ach t’ fhocal féin: So far am faigh thu moladh saor, Ged bhiodh ’nan tosd an cinne-daonn’! An Dara Mìos, 1836 AN GAEL ANNS A’ BHAILE. [TD 83] A Theachdair ùir, Chaidh na rannan a leanas a chur r’a chèile le caraid dìleas ann an Siorrachd Pheairt, ’nuair a chual’ e gu’n do sguir an seann Teachdaire. Chaidh beagan a chur riutha o’n àm sin; agus ma chì sibh iomchuidh am foillseachadh cuiridh sibh comain air ’ur seirbhiseach ùmhal, DUNOLLA. CUMHADH AN T-SEANN TEACHDAIRE. ’S mi ’m shìneadh air m’ uilinn, ’S mi sgìth ’cur ri tuireadh, ’S e aobhar mo mhulaid Thu dh’ fhuireach le màirneal. O nach tigeadh tu ’Theachdaire Ghà’laich! Gu’m b’ fhearr leam gu’n tigeadh tu ’Theachdaire Ghà’laich. ’N deach ort a’ ghlas-charbaid? No’n d’ fhàs thu a’d bhalbhan? Có ’chreideas gu’n d’ fhalbh thu Le earchall san t-sàmh-thra. O nach tigeadh tu, &c. Cha ’n e ’n dù-ghalar earraich Chuir as duit co ealamh, ’S tu air seasamh na gaillinn ’S air aiseag a’ Mhàigh oirnn. O nach tigeadh, &c. ’Niad luchd an ath-leasachaidh ’Theann ris a’ chleasachd, Thug stràchd dhuit a leth-taobh Chuir as duit co tràthail. O nach tigeadh, &c. O Cheann-loch Chille-Ciarain Gu Irt nan eun fiadhaich, Tha ionndrain gun chiall ort Am bliadhn’ aig na Gàidheil. O nach tigeadh, &c. Tha ’Mhorbhairn’ ’ga d’ thuireadh, Tha Cola ro dhuilich, Tirie fo mhulad, A’s Muile dhe cràiteach. O nach tigeadh, &c. Tha Lochabar nan gaisgeach ’Ga d’ ionndrain làn airsneil, Liosmór a’s an Apuinn, Sìos Lathurn’ ’s Mucàrna. O nach tigeadh, &c. Tha Raineach a’s Athull ’S dà thaobh Locha-Tatha A’s sinn’ air na sraithibh Air iomall nan ard-bheann A’ caoidh nach tigeadh, &c. Ged tha ’n saoghal le iomairt A’ teannadh mo mhinid, B’ fhearr leam na ’n t-sèa-sgillinn Thu ’thighinn do m’ fhàrdoich. O nach tigeadh, &c. Ach fhuair mi sgeul fìrinn O mhinisteir sgìreachd, Thug aiteas do m’ inntinn ’S chuir cîocras air fàrsan; A’ cluinntinn gu’n tig thu, &c. Gu’n robh Fionnladh da rìreadh A’ gleusadh na pîoba ’S gu’m faic sinn gu cìnnteach San tìr e le Pàdruig. O nuair thig thu oirnn ’Theachdaire Ghà’laich, Gur ait leinn ’nuair thig thu oirnn ’Theachdaire Ghà’laich! DO M’ LEANNAN. Air fonn—“Ochòin mar thà mi”, &c. Gur truagh nach bard mi le ’n cleachdadh dânachd, ’S gu’n dcanainn mànran a chur fo luaidh Air ainnir àluinn nan gorm-shul nàrach, A rinn mo thàladh le gràdh gach uair Gu’n leòn thu ceudan le bòidhchead t’eudainn; S gu bheil mi féin ann ad dhéigh gu truagh; Air feadh Chintìre air h-uile nìonaig ’An uaisle ìnntinn, gur ì bheir buaidh. [TD 84] A rùin nan gruagach gur h-iomad uaisle Tha ’snàmh gun bhruaillean a’ d’èudann sàimh; Tha tuigse ’s eòlas tha gliocas fòghluim A’ gabhail còmhnuidh a’d chòir do ghnà; Gur seirce caoimhneil thu beusach maighdeannail, Sùil mar dhaoiman a’ soillseadh gràidh; Beul binn nan òran o ’n grinn thig còmhradh; Gun spìd gun spòrs gun mhiadmhòr gun tàir. Mi ’m shuidhe ’m ònar gu tùrsach brònach. Mo chridhe leòinte gun seòl air léigh, Gach neach a chì mi gun tuigs’ air m’inntinn; A’deanamh dìmeas air strìgh mo chléibh; Gun dean mi gàire le cridhe cràiteach, Mar dhuilleig bhàite air fàs-loch céin; ’S cha chluinnear ceòl uam a Luan no Dhòmhnach, Ach osna bhrònach ’s na deòir ’na déigh. Mar chraobh ’an gàradh gun mheas gun bhlàth mi, Mar long air sàile gun ràmh gun seòl; Mar neach air fhàgail a’m meadhon fàsaich, Gun tigh gun làrach gun àird gun dòigh; Mar bhothan-àiridh gun neach ’ga àiteach’ Mar reull gun deàrsadh ’s i bàite ’n neòil. Mar ghrian gun bhlàs mi, mar sgor gun sgà mi; Mar uan gun mhàthair ’s gun chàch ’na chòir. Cha ’n e do stòras a rinn mo leònadh Cha ’n e do bhòidhchead a rinn mo chlaoidh, Ach ’se do nàdur ’s do bheusan blàth-chridheach, Dh’fhàg fo phràmh mi a là ’s a dh’oidhch’; Gur h-ioma gruagach co àrd ’an uaisle Co deas co snuadh’or mu’n cuairt an fhuinn, Nach cuireadh suarach an tairgse fhuair thu, Mo làmh gun smuairean ’s mo luaidh a chaoidh. OSAG. CÒMHRADH NA H-ÀTHA. Air dara h-earrann. [Tha ’n Còmhradh a leanas a’ toirt eachdraidh air nithe fìrinneach a chunnacas ann an rìoghachdan reòta an taobh-tuath. Tha cuimhn’ aig cuid de’n luchd-leughaidh gu’n robh turus-cuain Chaiptein Parry agus maraichean ainmeil eile air am fosgladh suas anns an t-seann Teachdaire Ghaelach ann an Còmhradh-na-h-àtha, anns an àireamh mu dheireadh ach a h-aon de’n leabhar sin. Gheall Seòrus-nan-Long cùnntas a thoirt air cuid de na nithe chunnaic e ’nuair bha e le Caiptein Ross, agus tha e nis r’a ghealladh a choimhlionadh. Tha sinn a rithist ag ràdh gu’m faodar làn earbsa chur anns gach ni a labhras Seòrus, oir ged tha beagan do fhearas-chuideachd san t-seanachas, cha leig sinn focal á beul Sheòruis ach smior na fìrinn, chum eòlas taitneach agus feumail a thoirt d’ar luchd-dùthcha.] Lachunn Bàn a’ tìreadh san àth—an sgalag agus na Buachaillean agus Seonaid Bhanarach—Seòrus-nan-Long air pilleadh dhachaidh o’n turus-chuain air an robh e le Caiptein Ross. Lach. Fàilte ’s furan air Seòrus-nan-Long!—’fhir mo chridhe ’s fada o’n dà latha sin—m’aighear air do sheot le d’ pheiteig mhuinchillich ’s le d’ bhriogais chainbe ged tha boladh na tearra dhi— [TD 85] gu’m bu h-olc dhomh mur taitniche leam t’fhaicinn a’d sheasamh an sin le d’ churrachd molach ’s do dheise-cuain na an spailpein a’s sparasaiche a’s dùthaich co dhiù ’s Buirdeiseach bàn an Obain e, no Gaidsear-mór nan spuirean airgid. Teann a nall a sheòruis—dhomh aona chrathadh de d’ chròig chòir—cha b’i sin an làmh shìoda—ciamar thà thu? Seòr. Tha co slàn fhallain ri ròn, gun dìth gun deireas, ged is cinnteach mi nach ’eil mi cho breac-luirgneach riutsa ’d shuidhe an so o chionn trì bliadhna a’ garadh do chas an oir an teallaich. Lach. Cha ’n eil fhios ’am ciamar tha do luirgnean, ach tha thu dh’ aona chuid co breac-lethcheannach rium. Seòr. Cha ’n iongantach sin—’s ioma clach-mheallain fhuar reòta rinn lag ann o’n a choinnich sinn. Nam biodh do phluicean-sa reòta fad thrì bliadhna gun aiteamh gun leaghadh, cha ’n eil fhios ’am ciod an dath a bhiodh an diugh air do pheirceall. Am bheil thu leat féin? Lach. Ma thà cha’n fhada bhitheas—cha’n eil sgalag no buachaille mór no beag, no banarach nach bi ’n so a thiota ’nuair chluinneas iad gu’n d’ thàinig Seòrus. Nach fìor mar thubhairt?—seall so iad ’nan deann-ruith—Seonaid mhór bhanarach ’am broilleach na cuideachd ge reamhar tróm i. Seòr. Fàilte! Fàilte! Fàilte! a’ chondrachd oirbh, na tachdaibh mi—ùbh ùbh a Sheònaid ’s ann ort féin tha’n fheòil—’s ann agad féin tha ’n tulchann chòir—cha’n ionann saill a th’ air t’aisne ’s na truaghain bhochda dh’ fhàg mi ’m dhéigh san taobh-tuath—air m’ fhocal a Sheònaid cha robh caomhnadh air bainne-blàth no air uachdar mun do chuireadh sa’ chulaidh so thu. Seòn. Tog do d’ ghlagaireachd a Sheòruis—nach bochd nach d’thainig reothadh air do sgeig san taobh-tuath. Seòr. Thainig sin air, a Sheònaid—ach cha b’e ’n reothadh faoin air nach tugadh blàs do shaille-sa aiteamh. Lach. So so! suidhibh, suidhibh, a h-uile mac màthar agaibh faighibh àiteacha-suidhe—a nall am furm-smiùraidh—so dhuitse ’Sheòruis an suidheagan cònlaich air an d’ innis thu dhuinn iomad eachdraidh thaitneach roimhe so—mo ghille beag, cuir fóid mhòine fodhad ’s na cluinneam aon diog as do bheul air neo tilgidh mi mach air an dorus-chùil thu—dean suidhe a gharraich! So a nis a Sheruis a mhic chridhe, tòisich—ciamar chaidh an turus-cuain mu dheireadh leat? Seòn. An toir sibh aite-suidhe idir dhòmhsa ’Lachuinn? Lach. ’S tù nach ruig a leas—’s ann fodhad a Sheònaid tha ’m pillean bog,—ach so dhuit boitein cònlaich air am faod thu suidhe mar gu’m biodh geudh air ghur. So so a Sheòruis, tòisich—tha ’n crann air an dorus—cluinneam ’ur sgeula. Seòr. Dh’ fhàg sinn Sasunn toiseach an t-samhraidh 1829. agus an déigh ioma duilgheadas a’s cathachadh cruaidh an aghaidh sneachd agus gaillinn, ràinig sinn an cuan mór ris an abair iad muir Ghreenland far an àbhaist leo bhi ’g iasgach nam muca-mara. Lach. ’S i sin a’ mhuir fhuar fhàsail. Seòr. Cha ’n eil i fasail idir—fuar mar a tà i tha i loma-làn de bheò-chreutairean—cha’n aithne dhomh gu bheil fairge san t-saogh- [TD 86] al anns an lìonmhoire éisg agus eòin, cha’n e amhàin muca-mara, no mar theirear riutha miala-móra na fairge, ach iomad agus iomad seòrsa do mheanbh-iasg tha ’s na cearnan sin ann an lìonmhorachd is gann is urrainnear a thuigsinn. ’S ann as a’ chuan fhuar sin tha’n sgadan a’ tighin ’na mheall sgaothach, sreith an déigh sreith agus na ceudan de mhìltibh sreith os ceann a chéile, agus a’ lìonadh gach loch-iasgaich air feadh an t-saoghail anns am faighear iad. Tha’n t-adhar làn maraon do dh-eòin—’s ann a chuireadh e iongantas ort ciamar a b’ urrainn long seòladh tromh chuan ’s tromh adhar tha co làn de bheò-chreutairibh. Sgalag. Ach a sheòruis, innis so dhomh, ciamar tha iad a’ teachd beò ’s na cearna fuara sin? ciod a th’ ann r’a ithe? Cha do thuig mi riamh ciod air am bheil lìonmhorachd éisg a’ chuain a’ teachd beò. Seòr. Matà cha do thuig mise riamh e gus an deachaidh mi mu thuath—ach an Gliocas ard ’s an tròcair neo-chrìochnach tha ’faire thairis air gach nì, chuimsich e ’mach lòn airson gach creutair d’ an d’ thug e bith air tùs—tha na beò-chreutairean sin a’ tighin beo air a chéile, mar is tric a chuala tu, a bhéist a’s mugha ag ithe na béist a’s lugha ’s a’ bhéist a’s lugha a’ deanamh mar a dh’ fhaodas e. Sgalag. Is fad’ o’n chuala mi, Seachd sgadain sàth bradain, Seachd bradain sàth ròin, Seachd ròin sàth muice-mara, Seachd muca-mara sàth— Lach. Sàth do sheanmhar a bhurraidh, bi sàmhach ’s na cuir grabadh air Seòrus; ach ’na dhéigh so uile ’dé shaoileas tu tha iad aig ithe? Seòr. Innsidh mi sin duit. Tha’n fhairge san taobh-tuath loma-làn de ’n nì ris an can iad sgeith-ròin* no deanntag-mhara—tha’n fhairge làn de so, agus tha gach seòrsa éisg aig ithe so. Tha ’n nì so ris an abair iad sgeith-ròin o féin beò, cuid de mór ’s cuid de meanbh, cuid co ro mheanbh ’s nach urrainnear fhaicinn leis an t-sùil luim gun chuideachadh o ghloineachan meudachaidh. Ma thogas tu làn cuinneige no làn taomain de’n fhairge san àite so ’s ma dh’ amhairceas tu air tromh ghloine-mheudachaidh, chì thu na h-uile braon de’n uisge beò—mìltean de chreutairean ann an aon sile dhe. Tha de mheanbh-chreuttairean sa’ chuan Ghreenlandach, do réir barail Chaiptein Scoresby na ghabhadh ceithir fichead mìle duine chum an cùnntas ged thòisicheadh iad ’nuair chruthaicheadh an saoghal agus a leanadh iad air chum an latha diugh, ’g an àireamh a latha ’s a dh’ oidhche gun stad gun tàmh o’n àm sin! Lach. ’Fheara ’s a ghaoil! an cuala duine riamh a leithid.—Ni math a dh’ amharc oirnn, ’s beag ar n-eòlas air an t-saoghal mhór—a h-uile beò-chreutair dhiubh sin fo shùil-choimhead agus stiùradh an Tì a chruthaich iad! air fhiosrachadh co math lesan ’s a tha grian nan speur—ach gabh air t’ aghart. Seòr. Chuala sibh gu’n do chailleadh o chionn trì bliadhna roimhe so, long, anns na cearna sin’ ris an abradh iad am Fury—bha cuid diùbhsan a bha innte ’nuair a chaidh i air tìr, againne air an àm ’nar sgioba, agus bha sinn uile anabarach déigheil air an àite fhaotainn far na thilgeadh air tìr an luchd a bha innte, agus gach * Medusa, commonly called Sea-blubber. [TD 87] acfhuinn agus trealaich agus teachd-an-tìr a bh’ innte. Fìor thoiseach an fhogharaidh ràinig sinn an t-àite—agus fhuair sinn na h-uile nì mar a dh’ fhàgadh iad—bha na h-uile nì cho tèarainte air a’ chladach ’s ’nuair dhealaicheadh ris an luing; agus bu neònach r’a fhaicinn gach seòrsa de lòn ’s de dheoch r’a fhaotainn air a’ chladach fhuar fhàsail sin. Luchdaich sinn an soitheach leis gach seòrsa bithidh a b’ fhearr na ’chéile, co ùr, fhallain, bhlasda ’s an latha dh’ fhàg e Sasunn, ged bha e os-ceann trì bliadhna air cladach na tìre tuathaich sin. Sgalag. Cha robh caomhnadh saluinn air. Seòr. Salunn air do theangaidh ’amadain; an cuala tu feòil shaillte riamh a sheasadh ceithir bliadhna? ’S e ’m fuachd, an reothadh a rinn e—cha robh feum air salunn san àit’ ud: mum b’ urrainn duit feanna’-builg a dheanamh air ròn bha ’n fheoil co cruaidh rì cloich! Bha na muca-mara san àite so co soirbh ri crodh bainne, a’ snàmh timchioll na luinge gun sgàth, a’ séidirich mu’n cuairt duinn mar gu’m faiceadh tu searraich agus àig-eich a’ mireag air réilean; bha na h-uirceanan no na muca-mara òga a’ snàmh leo. Tha na muca-mara co bàigheil chaomh mu thimchioll nan uirceanan beaga ’s a bha aona mhàthair a chunnaic thu riamh mu naoidhean cìche. Seòn. Ciod is meudachd do na h-uirceanan beaga cìche sin? Seòr. Air m’ fhocal a Sheònaid ge mór thu cha deanadh tu ach droch bhanaltrum dhoibh—Tha na daltachain laghach so ’nuair thig iad a dh’ ionnsuidh an t-saoghail mu cheithir troidhe deug air fad agus mu thimchioll tunna air chudthrom. Sgalag. Be ’n t-altruman-cìche theireadh tu ris. Seòr. Theagamh nach creid thusa gu bheil iad a’ gabhail na cìche idir, ach tha mise ’g ìnnseadh dhuit gu bheil, cho riochdail ’s a dheóghlas laogh sine mairt. Lach. Am bheil eisg-mhara eil’ ann a bharrachd air na muca-mara? Seòr. Tha ioma seòrsa de mhuca-mara ann, agus tha mòran de bheathaichean eil’ ann, eadar éisg na fairge agus creutairean tìre, mar tha an t-each-uisge, agus air uairibh canar an tarbh-uisge riutha.* Lach. Am fac’ thu iad sin a nis a Sheòruis le d’ shùilean féin, Seòr. Có na sùilean eile leis am faicinn iad? no an saoil thu ’nann le m’ chasan a chunnaic mi iad. ’S mì ’chunnaic—creutairean mòra spàgach pliutach reamhar, gun chumadh gun mhóran eireachdais, mu thimchioll cóig troidhe deug air fad agus a dha-dheug air chuairt, mar gu faiceadh tu tarbh maol Gallda gun iorball, co reamhar ri muic agus pliutan ròin air, Tha ’n craicionn oirleach air tiuighead agus fionnadh tiugh dòmhail orra. Air an taobh a stigh de’n t-seiche tha saill tri no ceithir a dh’ òirlich air tiuighead. Air an còmhdachadh mar so cha’n eil suim aca do’n fhuachd, agus luidhidh iad ’g an aonagail féin air an eigh mar gu’m faiceadh tu crodh buaile san eadradh. Buachaille. ’Bheil na béistean soirbh? * The Morse or Walrus. [TD 88] Seòr. Ma tà tha iad co leisg lùnndach chadalach ri aona chreutairean air an t-saoghal, dà star-fhiacaill fhada chróm ag éiridh suas mar dhà adhairc daimh o’n pheirceall ìosal a’ lùbadh suas mu’n sùilean. Chunnaic mi na ceudan diubh so air an réilein reòta a’ luidhe am measg a chéile mar threud de mhuca-mara ’s cha charaicheadh iad gus an sàthadh tu lann annta—ach ma dhùisgear iad aon uair gu cath air m’ fhocal cha ’n fhearas-chuideachd fhaoin a bhi ’nam measg. Ach de na h-uile seòrsa chreutairean tha anns na cearnaibh fuara sin, ’s iad na ròin na beathaichean a’s feumala—tha iad so ’nam biadh ’s ’nan solus agus ’nan aodach do luchd-àiteachaidh na tìre sin. Tha mòran de bheathaichean tìre san dùthaich sin, mar a ta am mathghamhain an sionnach bàn agus an sionnach ruadh, ach mu’n déibhinn sin ìnnsidh sinn uair-eiginn eile. Lach. Ciod an t-àm anns an d’ thainig sibh gu acair ’s na chuir sibh an long ’am port? Seòr. Bha sinn a’ gabhail air ur n-aghaidh gu deireadh an fhogharaidh gus na reòth an cuan uile agus b’ éiginn stad: Fhuair sinn seorsa fasgaidh aig cùl rutha—tharruing sinn an long gu taobh an rutha, agus ann an aon oidhche gheur bha i ann an sin gu teann reòta, san eigh sèa troidhean air tiuighard air gach taobh dhi. Leag sinn na croinn arda—phaisg sinn gach seòl agus rinn sinn na h-uile uidheamachadh a bha ’nar comas airson dùdlachd eagalach a’ gheamhraidh bha romhainn. Thog sinn tigh air clar-uachdrach na luinge agus dhùin sinn na h-uile toll air am faodadh fuachd no cathadh sneachda teachd a stigh. Bha ’n sneachda na b’ àirde na cliathach na luinge. Sgalag. An robh e nis anabharrach fuar? saoileam féin an robh an sgeul a thug Calum-Seòladair dhuinn mu’n fhuachd fìor? Seòr. Am bumaileir truagh, ciod a thubhairt e? Sgalag. Ma tà cha chreid mi nach spleadhraich a bha e ’g ìnnseadh. Bha sibh féin, a Lachuinn sa’ chuideachd—thuirt e ruinne ’nuair a sheasadh dithis a sheanachas r’a chéile gu’n robh am fuachd co ro ghailbheach ’s gu robh na focail bha ’teachd a mach á beul an aon a’ reothadh mun ruigeadh iad cluas an fhir eile, air chor ’s nach cluinnteadh smid de na bha e ’labhairt; ach ’se b’ iongantaiche gu léir nuair thigeadh an aiteamh agus seòrsa de theas an t-samhraidh gu’n tòisicheadh a’ chainnt reòta ri teachd beò agus gu’n cluinnteadh na focail anns an ordugh anns na labhradh iad, a’ brogadaich mar gu’n cluinneadh tu àth-cheilp air a’ chladach. Seòr. Am bòsdair breugach! cha ’n eil focal fìrinn ’na chainnt—’s anns na cearna fuara sin a chluinnear an guth gu fonnmhor deich uairean na’s faide air astar na ’n so. Lach. Có sud a mach? ciod tha ’dhìth ort? nach bochd so—tha ’n t-suipeir réidh, ciod so nì sinn a Sheòruis? Seòr. Tha oidhch’ eile co math ’s òg an nollaig a’ cheud oidhche—cha d’ fhuair mise fhathast fo sgaoil—tha agam r’a ìnnseadh dhuibh mu na h-Escimòthaich ’nan tighean sneachda—na sionnaich bhàna agus ruadha—mu chridhe na gaoth tuaithe, agus iomad ni eile chunnaic sinn ’s na cearna fuara sin. Sgalag. Na cearnan mallaichte! Seòr. Na h-abair gu bheil an dùthaich sin mallaichte—tha i fuar [TD 89] fàsail, ach faodar fhaicinn innte na dearbhaidhnean a’s làidire air maitheas agus caoimhneas Dé, agus air a chùram athaireil thairis air gach ni a chruthaich e. Ma chaomhnar sinn gu tachairt air a chéile ’rithist, bheir mi dhuibh eachdraidh air luchd-àiteachaidh na tìre sin agus air an dòigh anns am bheil Freasdal an Uile-chumhachdaich a’ deasachadh lòin agus aodaich dhoibh, a dhearbhas duibh nach ’eil i idir air a mallachadh, ach ann an inbhe mhòr air a beannachadh, leis an Ti a chruthaich i agus a tha ’freasdal di le bàigh co blàth agus cùram cho caomhail ’s a tha e do dh aona chearn de’n chruitheachd mhóir. (r’a leanailt san athàireamh.) CLIÙ AGUS URRAM A’ BHAIRD-BHRIC. ’Fhir mo Chridhe, Mur ’eil naigheachd agaibhse tha naigheachd agam féin, agus gheibh sibhs’ e;—oir is fîor an gnàth-fhocal tha ’g ràdh, “An làmh a bheir ’s ì ’gheibh.”—THA’M BARD BREAC ’AN TROM GHAOL! Theagamh nach meas sibhse ’n naigheachd so airidh air a chur am beul an Teachdaire, ach ’nuair a ghabhas sibh beagan eòlais air cliù a’ Bhaird-Bhric agus air an dòigh chaithe-beatha bha aige gus a nis, is dòcha gu’m mùth sibh beachd—Bha ’m Bard Breac, ma tà, leth-cheud bliadhna ’na mhaol-ciaran aonarach a chòmhnuidh ann am bothan beag duaichni anns nach earbadh Donnachadh Bán-nan-òran gadhar car oidhche shamhraidh—Anns an ionad-tuinidh ùdlaidh tholldaich so ghleus e a chlàrsach ioma-theudach ach cha d’ fhàilticheadh ’fhardach riamh le bilibh mnatha.—Dh’ fhàs a ghruag liath—’aodann preasach—a ghlùinean gliogaideach—a shròn biorach,—’s a shùilean prabach; agus, mo thruaighe! dh’ fhàs ’inntinn baoth agus ro-ghòrach—Roimhe so dh’ fheudadh sibh fhaicinu ’na lùbairneach dubh fad-chasach a’ bleothan a mhairt,—a’ glanadh a’ bhuntàta,—no sguabadh an tighe; agus ’si bu chruit-chiùil da bhi ’sior-chàineadh nam ban.—Nan deanamaid ach té dhiu ainmeachadh theicheadh e amhuil a theicheas an t-each roi’ n chlach-bholg; nan cluinneadh e dithis a bhi dol a phòsadh, thionndadh e a shùilean ris na speuran, agus le tróm-osna theireadh e, “na truaghain gun tùr!” Dh’ oilltich a chridhe roi’ ghuth caileige, agus chuireadh sealladh do chir-chruim a’ bhuidheach air.—Chaidh e turus do Dhun-éideann, agus dh’iarr té do ghuanagan nu sràide dram air, agus theab e a pronnadh le cuilbhear do bhata daraich a bha ’na làimh;—air achd ’s gu’n chuireadh e do’n tigh sin ris an canar am Police Office; ach an sin bha e làn-thoilichte do bhrìgh nach fhac’ e gnùis boirionnaich ann.—Thug mise céilidh dha oidhche, a réir gnàthachadh cairdeil luchd-àiteachaidh nan garbh-chrioch, ach ma thug deanam a rithist e! Mar thòisich sinn air naigheachdan a ghabhail agus a labhairt dh’ fharraid e dhiom ciod e’n sealladh bu bhriagha chunnaic mi riamh?—Mar bha ’n tubaist an dàn dòmhsa, fhreagair mi gu’r i ’Bhan-Iarla-Chatach sgeadaichte ann an earradh [TD 90] ghearr Ghàidhealach sealladh bu taitniche chunnaic mi riamh.—“A’ bhan-Iarla-Chatach!” ars’ am Bard ’s e cur a mheòir ’na chluasan chum nach cluinneadh e tuille,—“Seadh,” arsa mise, “chunnaic mi i ’am breacan-an-fhéile aig caisteal Dhunrobain.” “chunnaic,” ars’ am bard ’s e ’cur aodann a’ choilich-’Fhrangaich air—“chunnaic ’s nan robh mise cho teann oirre leis a’ chlobha so ’s a bha aingeal a’ chlaidheimh lasaraich air Eubha bhiodh cuimhn ’aic ’air fhad’s bu bheò i.” Bhuail e ’n sin an clobha ’san teine le neart co uamhasach ’s gu’n do chuir e ’ghriosach ’na caoiribh ruadha mach air an fhàirleus! Thòisich e’n sin air ar seanmhair, Eubha; lean e mach as a’ ghàradh i gu tìr Nod; agus smàd agus chàin e gach bean agus nighean bha riamh air an t-saoghal gu ruig Marsaili ghòrach.—Chual’ e seachduin an déigh sin gu’n do dhanns mise rìleadh-thulachain air oidhche-shamhna ann an Tigh-an-rugha—ach ma chuala, ’fhir mo ghràidh, bha e ’n ath-la aig taobh mo leapach agus throd a rium co sgaiteach ’s gu’n shaoil leam gu’n dùisgeadh anail a bheòil tonnan air loch-lìbhunn! Ach “cha’n eil carraig air nach caochail sruth.” Tha e nis ann am fiabhrus a’ ghaoil.—Shocraich am fleasgach so air ’n do dhóirt leth-cheud bliadhna nuas an siantan, ’aigne air maoth-chaileig nach do dhìrich uchdaich na fichead! Leadh gathan blàth a sùl na turraidean reothaidh a bha ’cruinneachadh mu ’chridhe rè làithean a bheatha—Chì sibh e nis e a’ taomadh a mach a dhosguinn ris a’ ghealaich san oidhche;—anns an latha feudar fhaicinn a sràidimeachd gu spealparra le ’ad air dara taobh a chinn, agus a léine leth-oirleach os-ceann a chluas.—Ghabh Donull a’ phùnndair e ’n riochd maighiche ’n dé, air dha bhi ’na shìneadh aig cùl tuim a’ beachdachadh air còmhnuidh a leannain.—Ach innsidh a dhàn féin an gaol a thug e do’n rìbhinn d’an ainm MORAG A’ MHAOIR. A mhórag a’ mhaoir ’stù gaol mo chridhe, S mo chiall thar nighin ’s an tìr, Cha’n iarrainn domh féin mar chéile idir, Ach maighdeann sgiobalt’ nan cìr; Cha taobhainn ri guanaig uallaich bhioraich, Gun snuadh, gun ghliocas gun bhrìgh, ’S cha tugainn mo làmh do spágaig bhriogant’ Gun àilt, gun phiseach, gun lì. ’S tù ainnir dheas ùr nan dlù-chiabh clannach, ’S nan sùilean meallach a’s bòidhch’, Mar sholus na gréin’ air sléibhte tairis, Nuair dh’éireadh maduinn ghlan, òg; Tha t’ amlagan réidh mar theudan tana, An glainead bheir barrachd air òr, ’Sgach buaidh riut fuaight’ mu’n cualas aithris Mo luaidh ’s neo-ainnisich’ glòir. Ged shileas an drùchd air ūr-ros milis Gur deirge do bhile na ’n ròs; Ged sheinneas a’ chuach gu cuand’ le ribheid, Gur binne leam brîodal do bheòil; Tha ’n canach, ’s a’ chailc, ’s an sneachd a’s gile Thu ’mhil—tha ’n lilidh—tha ’bheòir, Gun snuadh, gun dreach, gun bhlas, gun sonas, ’An coimeas ri comunn na h-òigh. Nam faighinn mo mhiann cha’n iarrainn tuillidh Ach triall a’s fuireach leat féin, ’An doire nan eun ’san gleusadh an uiseag Gach teud gu cruit-bhinneach réidh, Gu’m b’ aidhearach gàireach mànran m’ulaidh, Fo sgàil ’s fo dhubhar nan geug, [TD 91] Mun cromadh a’ ghrian gu ciaradh turuis ’S i ’g òradh mullach an t-sléibh. Tha caomh-chruth gràidh ’na blàth-ghnuis mhilis Gu tàladh ghillean le buaidh, Thug Nàdur fial di briaghas thar ioma, Neo-fhanta, mìleanta, suairc’. Tha anail a beòil ’s a pòg mar chaineal, Is fallain’ thig dhachaidh thar chuan, ’S a cliù gu réidh ’am beul gach filidh Bheir spéis do ghrinneas gun chluain. O thuiteam na h-oidhch’ gu soills’ na maidne, Cha ’n fhoighnich cadal mo shùil, A’ gearan ’s a’ caoidh na rìbhinn mhaisich, Bu mhiann leam agam ri m’ thaobh, Cha bheagaich mo chluasag luasgan m’aigne, ’S mi buailt’ le teasaich gun dùil Ri fuasgladh luath’ thaobh cruas na cailin Nach gluais a’m charamh le rùn. Ach caidil, mo chlàrsach, ’s bàs duinn uile, Se fàth mo mhulaid gur fior,— Gur cupan an gaol, ni maol an cŭraidh, ’S ni baoth gach burraidh thu liath: Ach dh’òl mi an deoch ’s gur goirt ’s gur duilich Mo dhosguinn fhulang le ’miad; A’s soraidh gu bràth do ghàir’ ’s do chuideachd Mur tàlaidh m’ ulaidh ri m’ chliabh! Nach ciatach so, a theachdaire.—’S iomad gàire fanaideach a rinn e féin air eàch; agus ’s e an t-aobhar air son na sgrìobh mise mu ’thimchioll do ’r n-ionnsuidh, gu’n gabhadh sibh ur galltromp féin a’s gu’n leigeadh sibh a chluinntinn do ’n t-saoghal an staid ’sam bheil e—chum gum biodh e pàighte. Tha ’m maor, a’s bean a’ mhaoir, a’s Mórag an dòchas gu’n innis sibh dha nach mò oirre-se e féin ’s a chuid duanagan maid-chasach na ’s mò oirre sgriachail a’ chait-fhiadhaich; agus deanaibh cinnteach e uam-sa mur tog e d’a chuid baoth-shùgraidh, ’s mur gleus e a chlàrsach chum òrain mhilis Shioin a sheinn nach ’teid diog a thig a mach air a bheul ’san teachdaire tuille.—’S mise bhur fior-charaid. TUATHACH CUAILEANACH. BUN LOCHABAR, ceud mhìos an Earraich, 1836. MO CHÓT’ UR. CHA robh mi riamh co iomagumeach ’s a bha mi air an latha chuir mi orm mo chót’ ùr. Bha a’ mhi-fhoisneachd so air a meudachadh leis an fhiuthair a bh’ agam gu’m bithinn anabharrach aighearach. Chuir mi orm mo chót’ ùr an déigh àm-braiceis; fhreagair e gu ciatach agus cha b’ iongantach sin oir tha’n tàilleir ag ìnnseadh dhomh gu bheil mo phearsa fìor eireachdail. Bha mi a’ leughadh leabhair anns an robh eachdraidh air baintighearn òig eireachdail a thainig tre ioma cruaidh-chas, agus bha mo chridhe ag at agus air a lìonadh le truacantas ’na h-aobhar, ach co luath ’s a chuir mi orm mo chót’ ùr cha b’ urrainn mi m’ inntinn a shocrachadh oirre-se no ni air bith eile ach sràidimachd ann an sràid-a’ Phrionnsa. Phutanaich mi mo mo chòt’ ùr, oir tha feallsairean a’ comhairleachadh dhuinn aodach ùr a ghnàthachadh mar so car treis, chum gun faigheadh e suidheachadh teann dluigheil ris a’ chorp—air an aobhar sin phutanaich mi e, agus [TD 92] thàr mi as. Chroisg mi Sràid-Sheòruis, agus air leam gu’n robh mòran tuille bhaintighearnan aig na h-uinneagan na b’ àbhaist a bhi ann. Bha mi coma, bha fhios ’am gu’n robh mo chòta air a dheanamh ann an àirde ’n fhasain, agus le sin thuirt mi rium féin “sealladh iadsan ma shanntaicheas iad!” Ach chuir mi romham nach faingheadh duine sam bith air mo choiseachd no air mo ghiùlan gu robh mi mór as a’ chòta. Uime sin choisich mi gu saor fuasgailte agus cha’n eagal nach faiceadh duine tuigseach sam bith gu robh mi caoimhneil ann am nàdur agus iriosal ann am ghiùlan air fad. Cha do chuir mi mo nèapaiginn shìoda ìnnseanach ann am bhroilleach, oir mhoththuich mi gu’m b’ iad aona chuid peasain no feaghain air an robh cótaichean a bha air caitheamh mu’n bhroilleach a chleachd sin a dheanamh; chuir mise mo nèapaiginn ann am pòca mo chóta agus leig mi le cirb bhig dhi crochadh a mach—gun fhios domh. Bha mi ’ga toirt a mach an dràsd ’s a rithist, ach ’nuair a chuir mi air a h-ais i bha daonnan cearb bheag a’ fuireach a mach. Aig oisionn sràid-a’-chaisteil chuir na carbadairean agus na fir-eallacha an làmhan r’an adaichean, agus sheall da shearbhanta eireachdail a bha ’nan seasamh aig dorus tigh-mhóir ’am dhéigh gus an robh mi as an t-sealladh. Air dhomh dol beagan na b’fhaide air m’ aghaidh dh’ fharraid triùir no cheathrar dhiom an robh carbad a dhìth orm? ach ged nach do mhì-thaitinn so rium fhreagair mi, nach robh—air dhòigh co uasal agus co modhail agus nach b’ urrainn iad gun a smuainteachadh gu’m bu mhath an airidh mi air a’ chóta eireachdail a bha mi ’caitheamh. ’Nuair bha mi goirid o bhùth Mhr. ’Ic Dhiarmaid thainig fear crìon leibideach, agus dh’ fharraid e dhiom, ann an cagar, an robh sean aodach agam r’a reic. Fhreagair mi gu frionasach nach robh, oir shaoil mi gur ann a bha e ’fochaid air mo chóta; ach chuimhnich mi ’rithist gur ann ri daoin’-uaisle agus feaghain air am bi aodach ùr a’s trice leò so bruidhinn, agus bha duilichinn orm gu’n do labhair mi cho garg ris. Gu ruig a so cha do thachair móran a chur frionais orm, ach direach ’nuair thionndaidh mi oisionn sràid-Hanóbhar shuath fear-eiginn air an robh coltas geal e féin ri muinchille deis mo chóta agus dh’ fhàg e làn min’ e. ’S fuineadair a bha san t-sloightire ann-dàna so, agus ghluais e air aghaidh mar nach biodh cron sam bith iar tachairt. Mar bha ’m fortan fàbharach dhòmh-sa bha gille duin’-uasail goirid uam agus air faicinn mo thrioblaid, bhuail e gu ro fhaicilleach agus rub e’n cóta gus na chuir e ceart e, agus fhuair mise faochadh o’n bhriste-cridhe thug an tubaist so orm; ach chuir mi romhan nan tachradh am uile-bheist fhuineadair am feasda tuillidh orm gu’m fàgainn a chorp brùideil cho bog ris an taois a bha ’n trusdar a’ cleachdadh a bhi ’g oibreachadh! Mu dheireadh ràinig mi Sràid-a’ Phrionnsa. Bha ’ghrian a’ boillsgeadh gu h-àillidh—bha sluagh an t-saoghail uile ’muigh, ach cha ’n fhaca mi aon air an robh cóta co ùr ri m’ fhear-sa—agus mhothuich mi le mór-thaitneachd an ceannas a bh’ agam thar chàch. Cha b’ urrainn domh gun fhaicinn gu’n robh na h-uile aon a’ gabhail beachd orm, agus O! a liughad sùil dhubh agus ghorm a thilg an gathan soillse ormsa leis an tlachd bu chomharraichte agus a bha ’goid [TD 93] mo chridhe air gach ceum mar chaidh mi air m’ aghaidh. Mu choinneamh bùth Bhlackwood chuir duin’-uasal air an robh cóta gorm agus speuclairean uaine, stad orm agus dh’ innis e dhomh anns a’ chànain Fhrangaich gur fògarrach Spàindeach a bh’ ann—ro bhochd agus ri mhi-shona, agus do bhrìgh gu’n deach ìnnseadh dha gu’n robh mise comharraichte thaobh caoimhneis agus tabhartachd, cha robh teagamh aige nach deanainn beagan cuideachaidh ris. Bha so a leth-char taitneach leam; ach cha b’ urrainn mi ’thuigsinn gu ro shoilleir ciamar a fhuair e’ mach gu’n robh mi sònruichte airson dhéircean, oir seachain aon sgillinn a thilg mi thar an uinneig do ghiullan a bha ’sgròbail gu sgreataidh air fidhill oillteil, dìreach ’nuair bha mi ’brath tuiteam a’m chodal an déigh àm-dinnearach, tha mi cho cinnteach ’s a tha mi beò nach d’thug mi peighinn seachad air an dòigh sin o chionn naoi mìosan. Ach chuir fògarrach Spàindeach nan speuclairean uaine mòran urraim orm leis mar shònruich e ’mach mi a roghainn air na bh’ air an t-sràid, agus cha b’ urrainn mi air sgàth nàire nì bu lugha na leth-chrun a thoirt dà. Thug e mòran buidheachais domh, agus dh’ fhalbh mi dh’ ionnsuidh monadh a’ Chalton. Goirid o thigh-òsd Waterloo shéid a’ ghaoth mòran duis orm’ ach bha do ghliocas agam na chum orm gun ghearan; ach thuig mi ’n ùine ghoirid gu’n robh tubaistean bu mhiosa na so ’an dàn domh. ’An déigh dhomh mullach a’ bhruthaich a ruigheachd dh’ fhàs an iarmailt gruamach dorcha, agus mhothuich mi boinnealaich uisge ge nach robh e ach ainneamh—bha e ’fàs a chuid, a chuid na bu truime, agus mum b’ urrainn mi smuainteachadh ’dé dheanainn no cean a reachainn, thainig an t-aon fhras uisge bu gbailbhiche chunnaic duine riabh agus tairneanach ’s tein’-adhair ’na cois. Sheall mi air mo chót’ ùr, agus thainig seorsa breislich orm—mu dheireadh thàr mi as a’ ruith le m’ uile luas a sìos am bruthach agus cinnteach gu leòir bu shuarach an coimeas ri so aon oidhirp a thug mise riamh roimhe sin air ruith. ’S ann a bha mi coltach ri duin’ air a’ chuthach, agus tha mi glé chinnteach gu’n do chaill mi mo riasan car tamuill. Bha ’m bruthach cas, agus sleamhain leis an uisge, agus ged fhuair mi droch leagadh ’s gann a chuir e grabadh air bith orm; ach a dh’ aindeoin na b’urrainn m’ uile oidhirpean a dheanamh bha mi fliuch gu ruig an craicioun!—mo chót’ ùr cho fliuch ’s a b’urrainn uisge ’dheanamh a’ cheud latha bha e orm! Theab mi teannadh ri caoineadh, ach bha m’ iarguin-sa tuille’s cudthromach gu faothachadh fhaotainn air dhòigh co faoin. Nuair a ràinig mi Sràid-a’-Phrionnsa cha robh carbad r’a fhaicinn. Dh’ fhaodainn dol a stigh do thigh-òsd, ach ’dé b’fheairde mi sin, bha mi cho fliuch ’s a b’urrainn domh bhi—thug mi dhachaidh orm cho luath ’s a b’urradh mi, ach tha mi fiosrach gu’n robh miann an inbhe mhór as mo bheachd—air an latha so féin bha mi ri dol a mach thun mo dhinnearach le m’ chòt’ ùr, ach a nis, mo chreach! cha b’urrainn mi gun fhaicinn nach biodh am feasda tuille coltas ùr air! Chuir mi mo làmh ann am phòca, gun suim ciod a bha mi 'deanamh, a thoirt a mach mo nèapaiginn shìoda—cha robh i ann! Ghrad smaointich mi gu’m b’e ’m fògarach Spàindeach air an robh na speuclairean uaine agus d’an d’thug mi ’n leth-chrun, a ghoid [TD 94] i. Thilg mi dhiom mo chóta mi-fhortanach agus chuir mi do’n chidsin e g’a thiormachadh—tha mo bhana-chòcaire ’na boirionnach math, ach tha i tuille’s reamhar. Shuidh mi a’m aonar a’ meòraich air faoineachd uile-dhòchais shaoghalta mhic an duine, agus bha mi air leantuinn air an t-slighe-inntinn so greis mhór, agus an impis tuiteam a’m chodal, nuair a dh’ fhairich mi boladh mar gu’m biodh ceann caorach ’ga dhathadh. Air a’ mhionaid dh’ aithnich mi mar bhà—leum mi do’n chidsin—bha ’bhana-chòcaire ’na suain chadail, agus mo chòta air cùl cathrach ris an teine, smùid de a thacadh ceard agus seòrsa lasrach as a’chuid a b’ airde, agus dusan toll ann—thug mi leum a nùnn a bhualadh na bana-chòcaire ach gu fortanach thuit mi thar tuba-nigheadaireachd a bha san rathad, agus theich am boirionnach bochd as a’ chidsin. Air an ath mhionaid bhuail aon-eiginn aig an dorus, agus b’e so an tàilleir, a thainig a dh’ fharraid ciamar bha mo chóta ’freagairt!! Nam biodh agam dag air an àm so cha’n eil teagamh nach cuirinn crìoch an dara cuid orm féin no air an tàilleir—mar a bhà thilg mi’n dorus ’na aodann agus—thuit mi ann am phaiseanadh. Dun-éideann, an dara mìos, 1836. ISEABAL. AIR FONN—“A nighean bhuidh-bhàn nam falbhadh tu leam, &c.” A leannain bhig a’ bheòilein bhinn, A leannain bhig a’ bheòilein bhinn, O! Iseabal an òr-fhuilt ghrinn, Gur h-iomadh loinn a chi mi ort. Chi mi gruaidhean mar ròs fàsaich Lagain bheag ’nuair ni thu gàir’ annt’ Chi mi plath air leam de Phàrras Ann ad bhlàth-shuil mhìogaich ghuirm. A leannain, &c. Chi mi muineal mar an grian-ghath Luidheas air an t-sneachd sa’ chriaraich; Mar shreath neòinean do dheud ciatach Dlùth, geal, rianail dìonach cruinn. A leannain, &c. Chi mi mìn-bhas nam meur slatach, Chi mi cùl nan camag daite, ’S iad mar shruthain de ’n òr leaghte ’Sios gu d’ chrios ’nam mìlte cuairt. A leannain, &c. Chi mi—ged is ann air éiginn, Dà chiùin-mhal’ air sneachd-chlar t’eudainn, ’S dreach an ròis fo dhriùchd a’ chéitein Air do bheulan mìn-bhriathrach. A leannain, &c. Chi mi thu mar chraoibh ’s a’ gharadh Gach aona mheanglan di fo bhlàth tiugh, Driùchd nan speur a’ téarnadh tlàth oirr’ ’S eòin ’na bàrr gu siorruidh ’seinn. A leannain, &c. Taobh Lochfìne an dara mìos, 1836. BUACHAILLEAN NAN ALPS: THA aig Buachaillean nan Alps (beanntan arda air tìr-mór na h-Eòrpa) adhaircean no dùdaichean mòra fada leis an àbhaist leo an spréidh a ghairm dhachaidh mu fheasgar. ’Nuair tha ’ghrian a’ dol fodha ’s a gathan deireannach ag òradh airde nam beann, na stùc- [TD 95] an eagalach sin a tha o thoiseach gu deireadh na bliadhna air an còmhdachadh le sneachda, gabhaidh am buachaille tha air a’ chnoc a’s airde ’n adharc’ mar gu’m bu trompaid-bhruidhne bhiodh innte, agus a’ togail a ghuth co ard ’s a tha ’na chomas glaodhaidh e troi ’n adhairc “MOLAIBHSE AN TIGHEARNA DIA.” Cha luaithe chluinneas na buachaillean eile sa’ choimhearsnachd an glaodh so o bhuachaille na beinne na theid iad a mach gach aon á ’bhothan féin agus freagraidh iad’ MOLAIBHSE DIA. Tha iad ’ga aithris so gun tàmh mu thuaiream ceithreamh na h-uaire o chnoc gu cnoc, o stùc gu stùc, garbhlach nam beann agus binnean gach craige ’s creachainn a’ freagairt do’n fhuaim, agus Mactalla gu stòlda ard ag éigheach ’nan déigh, MOLAIBHSE DIA. Tha sàmhchair an sin air feadh nan gleann—tha gach glùn a’ lùbadh agus gach làmh air a togail ann an urnuigh—tha neòil dhubha dhorcha na h-oidhche a’ tuiteam—cluinnear an sin buachaille na beinne a’ glaodhaich gu h-ard troi’n adhairc, “Oidhche mhath do gach aon” agus air ball freagraidh gach cnoc ’s gach stùc “Oidhche mhath.” Tha nis sàmhchair mhòr air feadh nan garbhlach àrda so, oir ghabh na buachaillean uile mu thàmh. Gu cinnteach ’s ciatach an cleachdadh so, ged nach ’eil sinn eòlach air a leithid san dùthaich so: agus O! bu taitneach r’a smuainteachadh gu’n cuimhnicheadh buachaillean gach tìre Dia a mholadh gu moch, agus a chliù a ghairm air pilleadh an anmoich. T. nan T. T. T. CRAOBH SHEANACHAIS NAN GAEL. A luchd-dùthcha mo rùin! Mìle, mìle taing airson an deòthais leis an d’ thainig sibh air ’ur n-aghaidh a chur sìos ’ur n-ainmean airson “Adhamh agus Eubh, no, craobh-sheanachais nan Gäel.” Cum suas t’ inntinn a Thìr nam Beann! cha’n’eil thu fathast gun mhic is airidh air màthair cho uasal agus cho mòralach! cha dean gainntir uan de’n leòmhann; agus, cha’n atharraich bochduinn nàdur a Ghaeil! ’Si mo bharail gu’n d’ fhuair mi cheana mìle ainm—chuir cuid sìos an ainm, cha’n ann airson aon leabhair, ach airson dusain—da dhusan—tri dusain—leth cheud! Ach, mo luchd-dùthcha àrd-inntinneach! deanaibh foighidinn rium;—tha bun na craoibhe cho fada fo thalamh agus a friamhan cho fada ’s mar tha mi ’cladhach gu bheil friamhan chraobhan eile a’ tighin a’m rathad—ged nach eil iad ach leibideach tha iad a’ cur maille mhòr orm. Nuair bhios an ceò dòmhail, ’s an tearlaid salach, ’s fearr rif a chur ’s an t-seol-mhór, agus snàgan gu h-athaiseach, na ruith an aghaidh nan creag. Cuireadh sibhse ainm ri ainm—“clach os ceann clach Mhic Leòid:” mar is lionmhoire na ceannaichean ’sann is fearr an luacha peighinn. Cha ’n ann da rìreadh a chum buannachd dhomh féin a smuainich mi air an obair, agus mar dhearbhadh air so ma gheibh mi dà mhìle ainm bheir mi fiach dà thastain air a h-aon—ma gheibh mi trì mile, bheir mi fiach thrì tastain air a h-aon; agus mar sin suas. Tha mi cheana aig Baile-nan-sithuan far na shuidhich Noah am fion-lios, mu thuaiream dà-fhichead mile sear air Tùr Bhàbeil. ’Smi le môr urram, ’Ur seirbhiseach dìleas, L. MACILLEAIN. GLASCHO, An dara mìos 1836 [TD 96] MARGAIDHNEAN. Mairtfheoil, 4, 5, 6 & 7 Sgillean a réir an t-seòrsa. Muiltfheoil, 5 & 6 Sgillean a réir an t-seòrsa. Laoighfheoil, 7, 8 & 9 Sgillean a réir an t-seòrsa. Muicfheoil, 4 & 5 Sgillean a réir an t-seòrsa. Am pùnnd, sè-ùnsa deug Sasunnach, agus ’si barail a’s bitheanta gu’n téid gach seorsa feòla ’n daoiread ’an ùine ghoirid. Tha ’mhin-choirce ’s fearr 2 sgillinn Shasunnaich a’ chlach, ach tha deagh mhin ann air dha-sgillinn ’ar fhichead a’ chlach nan ceithir puinnd deug. Tha m Buntàta 7 sgillean a’chlach nan ceithir puinnd deug. Tha ’n t-ìm ùr ceithir sgillean-deug am pùnnd; agus na h-uighean 8 sgillean an dusan. NAIGHEACHDAN. Tha e nis air a shocrachadh eadar an FHRAING agus AMERICA gu’n strìochd iad do bhreith rìgh BHREATUNN mu dhéibhinn a’ chonnsuchaidh a bh’ eatorra; air chor agus nach ’eil a nis coltas air bith cogaidh eadar an dá dhûthaich chumhachdach sin. Cha d’ fhuair a’ Pharlamaid móran ghnothaichean a chur seachad o’n a choinnich iad. Tha O’ Connell, “gille na h-aimhreit” a’ cur mòran dragh orra; agus cha lugha na sin an iomaguin a tha na rathaidean-iaruinn a’ cur orra. Cha ’n urrainnear a ràdh ciod iad na riaghailtcan a shocraicheas iad mu na rathaidean; ach cha ’n eil teagamh aìr bith nach i so cùis a’s cudthromaiche, co dhiù ’s math no cron do’n dùthaich a bhios ’nan lorg, a thàinig fa chomhair na Parlamaid o chionn ioma bliadhna. ’S gann gu bheil cearn air feadh Shasunn no na Galldachd anns nach ’eil iad a’ cur aird air rathad-iaruinn. Cha ’n eil teagamh nach bi aon diubh eadar Dun-éideann agus Glascho; agus ge beag feum a shaoileamaid a th’ air a leithid eadar Glascho agus Grianaig, tha iomradh làidir aca air tòiseachadh air aon gun dàil, a theid mu’n cuairt rathad Phaisleig. Cha ’n eil dòigh eile astrachaidh ann coimeas doibh a thaobh luathais—tha daoine fòghlumte anns na gnothaichean sin ag ràdh, gu’n deantar da-fhichead mìle san uair orra gu socrach, agus tha cuid a’ dol mòran os-ceann so. Tairngidh each fichead tunna air fear dhiubh. O’n bheagan a thubhairt sinn tha e furasd’ fhaicinn a réir ’s mar theid na rathaidean so an lionmhoiread gu’n teid na h-eich a chur air chùl, agus gu’n ìslich so luach gach seòrsa gràin agus gach seòrsa bìdh a tha feumail do bheathach no dhuine san rìoghachd so. ’S e so tha ’cur iomaguin air luchd an fhearuinn, agus a’ toirt misnich do luchd-nan-ìnnleachd. Nan tachradh so bhiodh a dh’ aona mhaitheas air gu’n cuireadh e á h-eisimeil dhùthchannan céin sinn airson gràin, nî nach ’eil sinn idir air an àm so; agus bheireadh e mòran cosnaidh do dhaoine sa’ cheud dol a mach:—ach leigidh sinn seachad iad gus an cluinn sinn ’dé ni gliocas Parlamaid na rìoghachd mu’n déibhinn. FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDEAN. ’S éiginn duinn le cion ruim móran a chumail fodha bha ’shannt oirnn a ràdh air an àm-sa, agus tha dòchas againn gu’n gabh ar cairdean ar leisgeul gar am faigh gach aon diubh freagradh air leth. Tha sinn a’ tairgseadh móran buidheachais do “Shaighdear na h-iteige deirge” airson a’ chùnntais mu bhlàr Choruna. Cha d’ fhuair sinn fhathast cothrom air an iomlan de a leughadh, ach cha ’n eil eagal oirnn romh dhroch ni sam bith o’n iteig dheirg. ’S math tha fios againn air a h-urram, agus gheibh ar luchd-dùthcha fiosrachadh air cuideachd—bu dìleas duinn cuid de na sheas foidhpe; agus cha ’n ’eil suaicheantas a bhuineas do’n arm Bhreatunnach as an ion doibh a bhi ni’s uallaiche na iteag-dhearg an Fhreiceadain-Duibh! Bheir sinn oidhirp air a’ mhìneachadh tha “A.B.C.” ag iarraidh mu’n riaghailt-sgrìobhaidh Ghàidhealaich “Leathan ri leathan a’s caol ri caol” a thoirt seachad san ath àireamh. Ge màlda ’n t-ainm a thug e air féin, ’s i ar barail gu bheil treis mhath ùine o’n a dh’ fhàg e’n A.B.C. Colville, Printer, Glasgow. [TD 97] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. TREAS MÌOS AN EARRAICH. V. AIREAMH. ISMAEL ANN AM FÀSACH BHEER-SEBA. Gin. xxi. ’S MOCH a thòisich deuchainn agus àmhghar Ismaeil. Chuireadh air falbh e o thigh ’athar le beagan arain agus searrag uisge Dh’ imich e féin agus a mhàthair, Hagar, agus chaidh iad air seacharan ann am fàsach Bheer-séba—chaith an t-uisge o’n t-searraig, agus thilg i an leanabh fo phreas—dh’ fhalbh i féin agus shuidh e f’a chomhair astar beag uaithe mu thuaiream urchuir saighde, oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Shuidh i mar so f’a chomhair agus thog i suas a guth agus ghuil i. Có ’s urrainn an eachdraidh so a leughadh gun mhothachadh do chaomhalachd Hagair, a gràdh d’a mac, agus uamhas oillteil nan dùthchannan fàsail sin far am bheil uisge cho gann, agus an coisiche ’n cunnart bàsachadh le tart air a thurus. Tha sinne cho cleachdte ri taisealachd agus aimsir fhliuch, tha uisge co soirbh fhaotainn anns na cearna sona so ’s nach ’eil beachd againn air tiormachd nan dùthchannan seargte loisgeach sin. Tha na beanntan againne air an sgeadachach co àillidh le feur gorm, no leis an fhraoch bhadanach dhearg, an tìr uile co ùrar uaine lusrach fheurach ’s gu bheil e duilich a thoirt oirnn a thuigsinn an cor eagalach oillteil anns am bheil daoine air uairibh ’s na cearna sin air an càramh. ’S iomchuidh dhuinn fios a bhi againn air so, air neo cha tuig sinn seadh agus cha’n fhaic sinn maise na cainnt sin a tha air a cleachdadh ’s na Scriobtuire naomha mu ghoinne uisge, agus mu na samhluidhean tha air an tarruing o thobraichibh uisge tha Dia a’ gealltainn fhosgladh san fhàsach d’a phobull féin. Tha fàsach Bheer-seba air taobh na h-airde tuath do’n Mhuir-Ruaidh—aona mhachair ghainmhich nach urrainnear a choiseachd o thaobh gu taobh ann an ùine ’s giorra na dà fhichead latha, agus tha a’ mhachair fharsuing so co fàsail, ànrach, chianail ’s gu’n saoileadh neach gu’n robh e air a dhìteadh le Dia fo mhallachd sònruichte. Troimh fhad agus troimh leud na machrach so cha ’n eil uiread aona bhileag fheòir—aona phreas no lus, ach theagamh corra phreas beag leth sheargte de’n Tamarind agus seorsa de shuth-craoibh àraidh ris an abair iad Acacia a chithear ann an còsan nan creag a’ tarruing a bheatha o dhrùchd na h-oidhche; agus guth aona chreutair beò cha’n [TD 98] eil r’a éisdeachd air feadh na tìre so uile—tha Nādur mar gu’m b’ ann marbh—tha ’m fear-turuis a’ gabhail air aghaidh o latha gu latha ’an dòchas gu’n coinnich aon tòm no tulach uain’ air, gu’n ruig e fasgadh no tobar, no baile-còmhnuidh, far an éisd e a rithist ri guth dhaoine—ach tha a dhòchas faoin—tha e ’siubhal ’s a’ siubhal, ach sealladh cha’n eil e a’ faicinn ach creagan fiadhaich agus gainmheach fhàsail gun deireadh gun chrìoch—a’ ghrian ’ga losgadh os a cheann agus a’ ghainmheach mar éibhle beò f’a chasan—gun taisealachd air a dheas laimh no air a laimh chlì, fodha no os a cheann, ach am boinne falluis tha ’sruthadh o mhalaibh. Cha’n eil na tobair uisge ach ainneamh anns an fhàsach so; ’am bitheantas tha iad mu thimchioll astar ochd làithean o chéile, agus a bharrachd air so tha e cho doirbh amas orra san dìthreabh oillteil so; agus gu tric ’nuair a ruigear iad gheibhear iad air an tacadh suas le gainmhich, agus air uairibh eile co lān de phronnusg ’s de shalunn ’s nach urrainnear an t-uisge òl. ’Nuair thachras so cha’n eil e comasach cor eagalach an luchd-turuis thruaigh a chur an céill—tha ’n tart do-fhulang—an craicionn a’ fàs tioram seargte—na sùilean mar mhìll theine sa’ cheann—an teanga air at—an duine ’fàs bodhar agus dall—comas labhairt ’ga fhàgail—a sgornan uile air iongrachadh ’s air at—gun chomas smugaid a shlugadh ged robh smugaid ann, gus mu dheireadh am bheil an duine truagh a’ tuiteam air an làr no a’ càradh a chinn mar rinn Ismael, fo fhasgadh pris gus an tilg e an deò. ’S minic a thug luchd-turuis cóig ceud dolar airgid do dh-Arab airson aon deoch uisge ’s iad mar so air an claoidh—ach am bitheantas cha’n eil deur r’a fhaotainn, agus uile òr nan Innsean cha cheannchadh aona bhoinne. ’S beag fios tha againne ’liughad beannachadh a tha sinn a’ sealbhachadh o Dhia anns na cearna sona so! Is suarach leinn uisge ’n fhuarain, nì co prìseil ’s a tha air aghaidh an t-saoghail. ’S ioma sgeul tùrsach cianail a dh’ fhaodamaid ìnnseadh mu luchd-turuis a bhàsaich san tìr thruagh so—fòghnaidh an t-aon a leanas—tha sinn ’ga thabhairt focal air an fhocal mar tha e air a chur a mach le fear-turuis ainmeil, anns am faodar làn chreideas a chàradh. Bha marsanta mór Turcach a bha ri malairt ann an tràillean, ’s e sin a’ ceannach agus a’ creic a cho-chreutairean féin, agus leis a’ mhalairt mhì-nàdurra pheacaich so a’ càrnadh a suas stòrais d’ a féin. Cha ’n ioghnadh ge nach robh beannachd ’na chois. Dh’ fhàg e a dhùthaich féin le dà cheud òigh, caileagan àillidh mu thuaiream chóig-bliadhn deug a dh-aois, leis an robh e air a thurus do Bhagdad chum an reic. Cheannaich e iad so ’nuair bha iad òg, ’nam pàisdean, agus bheathaich agus thog e iad gus an robh iad deas airson a’ mhargaidh, ceart mar a nitear san dùthaich so air crodh a’s caoirich. Bha e nis air a thurus leotha tre ’n fhàsach, ceud càmhal aige ’g an giùlan agus dusan caillteanach aige mar òglaich a’ feitheamh orra. Thug e leis ni’s leòir uisge mar a shaoil e, do bhrìgh gu’n robh fiughair aige tuillidh fhaotainn aig tobar a bha roimhe, ach ’nuair a ràinig iad an tobar sin bha e tràighte tioram, gun aona bhoinne ann. ’Nuair a choinnich am fear-turuis tha ag ìnnseadh an sgeòil so iad, tha e ’g ràdh gu’m b’ e an t-aon sealladh a b’ eagalaiche chunnaie no chual’ e riamh. Bha ’m mar- [TD 99] santa Turcach a’ ruith air ais ’s air aghart mar neach as a bheachd a’ gul ’s a’ glaodhaich; bha dà cheud òigh cho àillidh ’s a chunnaic e riamh ’nan sîneadh air an làr air an claoidh, gun chomas éiridh, agus a’ bàsachadh le tart. Chaochail cuid diubh, ach mhothuich e le plosgadh na h-analach agus le guidhe cianail na sùl ged nach robh comas labhairt aca, gu ’n robh cuid diubh fhathasd beò, ach bha iad co claoidhte, fhann, agus ged a bhiodh cuinneag uisge mar throidh dhoibh nach b’ urrainn doibh éiridh g’a ionnsuidh. Bha ’n t-aona ghearan bu tiamhaidh ’s bu mhuladaiche, an aona ghaoir a b’ eagalaiche chual ’e riamh ag éiridh o’n bhuidhinn thruaigh. Chunnaic e aona chreutair air a glùinibh—a sùilean ris an speur—a dà làimh paisgte air a h-uchd—a falt fada buidhe ’na chuaileanan dreachmhor m ’a muineal, agus i uile gu léir co àillidh, neo-chiontach ’na coltas ri aona chaileig a chunnaic e riamh. Ghuidh i aona bhoinne uisge—ghlac am fear-turuis an t-searrag uisge bha crochte r’a ghuaillibh agus bha e ’dol a dhórtadh aona bhraon beag air a teangaidh, ach an t-Arab a bha mar fhear-iùil aca, ruith e ’stigh gu dian eadar e ’s a’ chaileag thruagh agus spìon e ’n t-searrag á ’laimh! “Amadain gun tùr!” ars’ esan, “am b’ àill leat sinne bhi mar tha ise? ’s bàs ann am prioba na sùl dhuitse no do dh-aon eile ’dhealaicheas ri aona bhoinne de’n uisge th’ againn!” Cha robh comas air—b’ èiginn an òigh àillidh fhàgail—thug i aon sgriach fhann thùrsach agus thuit i air a h-aghaidh sa’ ghainmhich loisgich. Phill an t-Arab ’na dhéigh sin agus togar leis air a chàmhal a h-aon de na h-òighean truagha sin—thug e deoch dhi agus ghiùlain e dhachaidh i, agus thug e d’a mhnaoi i mar bhanòglaich. Nach prìseil gealladh Dhé d’a phobull féin an àm teinn agus tart? O! ’s mòr a ta fillte steach ann. “Seadh ni mi anns an fhàsach slighe, agus aimhnichean anns an dìthreabh.” Isa. 43. 19, 20. CÒMHRADH NA H-ÀTHA. (Air a leanailt o’n 4mh. àireamh.) Lachunn-Bàn a’ tireadh—an sgalag a’ deanamh croidhleag mhòine—am buachaille beag a’ deanamh murlag iasgaich—Seorus-nan-Long a’ cur na smùid á pìb thombaca—Seonaid-mhór-bhanarach a’ tighin a stigh air an dorus a’ togail òrain. Seòn. “Gur e mo ghaolsa Seòrus, A dh-ìnnseadh dhuinn an spleaghraich Mu thir nan Eiscimòthach, ’S nam muca-mara mòra. Hi rithill éile hóro, Horó hi rithill óro Hi rithill eile hóro Gu’n togainn fonn air Seòrus. Seòr. Gur i mo ghaol a’ bhanarach, Ged tha i nis gu h-amaideach A’ togail òran fanaideach A sgeigireachd ri Seòrus. Hi rithill éile hóro &c. Gun togainn fonn air Seònaid. Lach. Togaibh fòs d’ar n-òrain, A’s suidheamide còmhla A dh-éisdeachd ris a’ chòmhradh A ghealladh dhuinn le Seòrus. Hi rithill éile hóro, &c. [TD 100] Seòr. Thùg so a sheònaid mhór—so dhuit’ eudail leth na suidh eige cònlaich—suidh an so làmh rium, air m’ fhocal gu’n roinninn an saoghal leat—’s ann a’d thaic féin tha ’m fasgadh. Seòn. Mór no beag—tha mi mar thà mi ’s cha ’n eil an rìgh mar bu mhiann leis—cha b’ ioghnadh leam ach thusa bhi ri sgeig le d’ bhriogais chainbe, air do smiùradh mar othaisg bhragsaidh, a’ cur na smùid á pìob ronnach an tombaca—Fuidh fuidh! chuireadh tu teicheadh air muic-mhara féin le d’ bholadh grànnda—marbh-phaisg air a’ chleachdadh mhosach! Seòr. An t-urram do’n mhodh féin!—ìnnsidh an uaisle far am bheil i—tha sìbhse a Sheònaid, a mhiss Jessie le’r cead ’s e b’ àill leam a ràdhainn, co eòlach air fàile cùbhraidh a’ bhàthaiche agus geumraich bhinn nan laogh ’s nach e h-uile boladh no ceòl a chòrdas ribh—ach ’eudail ’s a ghràidh a Sheònaid—gabhaibh mo leisgeul, a Mhiss Jessie le’r cead, suidhibh far an togair sibh, agus cuimhnichibh an té nach gabh ’nuair a gheibh nach fhaigh ’nuair is àill. Seòn. Tha dod ort a nis a Sheòruis—frionas beag—so so, suidh a nùnn—ged tha boladh na tearra ’s an tombaca dhiot cha mhiann leam dorran a chur ort. Seòr. Shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh e, ’s mairg a bheireadh breith air cridhe na caileige o bhriathrabh a beòil; bha mi làn-chinnteach gu’n tairngeadh a’ bhanarach rium— “A bhanarach mhìogach ’S e do ghaol rinn mo lìonadh, ’S math thig lâmhainnean sìoda Air do mhìn-bhasa bàna.” Seòn. Cha b’ iad sin do bhasan-sa—cha ’n eil iad mìn no bàn, ach buidhe odhar, lachdunn cruaidh, adhairceach—bha e cho math do dhuine a mheur a sparradh ann an turcais Eoghain ghreusaiche ’s ann ad spòig ghràinde. Seòr. An saoil thu ’Sheònaid nach ì ’bheireadh an sgailleag dhaingeann air do— Lach. So so! na cluinneam tuille do’n chire-chiut ghogaidich so—togaibh d’ ar beadradh faoin—cuir mu sgaoil a Sheòruis agus thoir a’ mhuir-reòta ort.—C’uin a thachair na h-Eiscimòthaich oirbh? Seòr. Air tùs, matà, ìnnsidh mi dhuibh mu thimchioll a’ mhathghamhuin, no mar their iad sa’ Bheurla am Bear, culaidh-eagail uile bheò-chreutairean na h-airde tuath. Tha e co làidir ris an leòmhann mur h-eil ni’s làidire, agus tha e co drochmhuinneach gharg ri aona cheithir-chasach air aghaidh an t-saoghail. Tha a chòmhnuidh aige ann an uamhan nan creag agus ann an slocan domhain tha e ’faotainn san eigh—cha’n eil suim aige do dh-fhuachd no ghaillinn—tha fionnadh fada ròinneach peallagach air agus saill thiugh fo’n chraicionn leis am bheil e a’ cur an fhuachd gu dùlan. Cha tig no beathaichean colgarra so suas ach ann an dùthchannan reòta—’s e fuachd, reothadh agus gaillionn an sòlas. Buach. B’ iad féin na gamhna còir a b’ fhurasda ’gheamhrachadh gun fhodar gun sguab—a rìgh nach robh mo ghamhna prabach-sa cosmhuil riutha—Ciod tha iad ag ithe? Seòr. Tha iad a ghnàth air an ais ’s air an aghart mu na cladaichean air tòir mhuca-mara òg agus ròin agus tairbh uisge ’gheibh iad air an eigh. Gu tric tha cairbh no closaichean nam muca-mara air na cladaichibh, ’se sin na cnaimhean [TD 101] agus an fheòil an déigh do’n reamhad a bhi air a ghearradh dhi, agus tha so ’na dheagh bhiadh do dhuine sam bith, gun ghuth air mangan, air am biodh a’ bheag no mhór a dh-acras. ’S minig a chunnaic mi làn aghainn de air a ròstadh no air a sgreigeadh, agus cha mhór nach robh e co math ri staoig mhairt-eolach. Cumaidh aona chlosach ri mòran de na béistean so fad ùine mhòr, gionach, craosach, cìocrach mar thà iad. Mothuichidh iad fàile muice-mara no closach air bith eile air astar mòr; ach gu tric tha iad seachduinean gun lòn, agus an sin mo thruaighe am beò-chreutair air an tachair iad!—cha’n eil dol as aig duine thig ’nan carabh nuair tha iad mar so air a’ chuthach leis an acras. ’S iomad eachdraidh eagalach a dh-fhaodainn ìnnse dhuibh do’n t-seòrsa sin. Thainig soitheach gu acair ’s na cearna sin agus chaidh dithis de na seòladairean air tìr. Dh’ fhairich fear dhiubh e féin air a theannachadh gu teann mu’n mheadhon o’n taobh-cùil—shaoil e gu’m b’e ’chómpanach a bh’ ann ri fala-dhà—ghlaodh e “Leig as mi! na fàisg co teann mi.” Dh’ amhairc a chompanach agus faicear am mathghamhuin—ghlaodh e gu h-ard “Am mangan, am mangan!” theich e dh-ionnsuidh na luinge agus ghlaodh e le h-oillt air an sgioba tighin g’a chuideachadh. Ghrad ghreas na h-uile mac màthar dhiubh thun an àite ’n robh a’ bhéist agus an seòladair bochd aige air a reubadh as a chéile ’na bhloighdibh. Cho luath ’s a chunnaic am mangan iad a’ teachd dh’ fhàg e colunn an fhir a mharbh e agus thainig e gu h-athaiseach ’nan coinneamh—thugar aon leum an uchd an t-seòladair a bha ’m broilleach na cuideachd agus tilgear thar a ghualainn e co soirbh ’s a dheanadh e uan, agus air falbh ghabh e leis, ag òl’ fhola mar bha e ’g imeachd leis! Ghabh an sgioba oillt co mór ’s gu’n do theich na h-uile aon diubh dh’ ionnsuidh na luinge; ach an déigh an long a ruigheachd ghabh iad nàire á ’n gealtachd, agus ghabh triùir laoch dhiubh os-làimh an creutair uamhasach so a mharbhadh. Ghabh iad ’na chòmhdhail le trì gunnaichean agus trì peileirean anns gach gunna. Chaidh aona pheileir troimh a cheann mu bhun na cluaise, ach ged a chaidh cha d’rinn e ach a cheann a thogail—ghluais e ’nan coimeamh agus colunn an t-seòladair a mharbh e tarsuing ’na bheul—ach ’an tiota beag thòisich e ri tuisleachadh, bhreathalaich e ’na cheumannan, ghrad ruith iad g’ a ionnsuidh le lannan agus claidhean agus mharbh iad an uile-bheist oillteil. Bha ’chraicionn an déigh fheannadh trì troidhe-deug air fad. Sgalag. Ciamar a chòrdadh na gamhna sin riut a bhuachaille ruaidh? Buach. A’ chondrachd air na béistean! ach cha ’n amhairceadh iad ormsa le m’ luirgnean caola fhad ’s a bhiodh Seonaid-bhanarach san t-sealladh—’s ann oirre féin a gheibheadh iad an toitean a chordadh riutha. Lach. Uist, a gharraich! ciamar is cridheach leatsa labhairt mar sin? Sgal. Air m’ fhocal ’ille ruaidh cha teid a’ chuach-bhleoghain ri d’ shròin-sa fad aon seachduin co dhiù airson do pheasanachd—tha ’n gille ruadh leamh ’s bheir e ’bhlàth bhuil—cha bhi cobhar a’ bhainne-bhlàth air bàrr a shròine ’n dà latha-sa. Seòr. Anns a’ bhliadhna 1788 bha Caiptein Cook ’s na cearna sin, agus gu grad bha e ann an glaic mangain agus a dhà spòig oillteil m’ a mheadhon ’s e ’ga fhàsgadh [TD 102] gus an robh ’aisnean an impis bristeadh. Bha oifigeach eile maille ris aig an robh gunna. “Loisg air!” arsa ’n caiptein ’s e ’tuiteam ’s a’ bhèist os a cheann. Loisg an t-oifigeach agus cuirear am peileir troimh eanchainn na brùide, agus mar so theasraig e an caiptein. Sgalag. ’Bheil cuileanan beaga aig na béistean? Seòr. Thà, agus fiadhaich mar a tà iad, cha ’n eil creutairean ann a’s bàigheala na iad mu’n àl og. Bha Sinn latha air an eigh agus chunnaic sinn mangan boirionn romhainn agus dà chuilean òg ’na cois. Matà dhìon i iad co dàna chùramach ’s gu’n do thàr i as leotha a dh’ aindeoin na h-uile oidhirp a thug sinn. Lach. Ciod na creutairean ceithir-chasach eile tha ’s na cearna sin? Seòr. Tha féidh ann ’nan treudan mòra. Ré an t-samhraidh tha iad anns na cearnaibh a’s tuathaile, ach mar tha ’n geamhradh a’ tighin tha iad ag imeachd mu dheas air tòir na cóinnich’ agus an fheòir-mhòintich eile air am bheil iad a’ teachd beò. ’S ann le boghachan-saighid a bhios luchd-àiteachaidh na tìre sin ’gam marbhadh; agus tha iad air uairibh co soirbh, shoitheamh chàlda ’s gu’m faodadh pàisde am marbhadh. Buach. Ubh uthubh! ’s i ’n dùthaich mhi-nàdurra ì; na gamhna co fiadhaich ri leómhainn agus na féidh co soirbh ri cailleachan! Cha ’n eil teagamh agam nach ’eil brigsean air na mnathan agus cléibh-bheaga ’s cotaiche-bàn air na fir. Seòr. Air t’ athais ’ille ruaidh ’s cluinnidh tu umpa sin ’an ùine ghoirid—leig dhomh ìnnseadh gu bheil anns na cearnabh sin ceithir-chasach eile, Damh-mór-na-beinne, do’m bheil am boltrach làidir agus air am bheil an t-ainm Beurla Musk Ox. Cha ’n eil iad so ro lìonmhor, ach cha ’n eil cearn san dùthaich anns nach faicear cuid diu. Buach. Cha ’n iongantach leam ged nach ’eil iad ro lìonmhor ma ’s a daimh a th’ annta gu léir; am bheil aighean no tairbh idir ’nam measg? Seòr. Cuisd! a shìochaire—’s oil leam nach robh thu ’gam buachailleachd fad aon ràidhe ’s air m’ fhocal cha bhiodh tu cho sgeigeil. Tha madaidh-alluidh, no mac-tìre, anabharrach lìonmhor san dùthaich sin. Bha sgaoth dhiu so ’gar leantuinn a h-uile ceum d’ ar siubhal air tìr. Tha fuath coimheach aig na h-Escimòthaich air na beathaichean so leis cho sgriosail ’s a tha iad air an cuid chon. Tha ribe no ceap-tuislidh aca mu’n cuairt do na tighean a h-uile oidhche chum an glacadh. Tha sionnaich bhòidheach gheala ann maraon anabarrach lìonmhor. Tha feòil nan sionnach so ro bhlasda r’a h-ithe; cha ’n fhaingheadh tu nach feòil mheann a bhiodh ann. Sgalag. Ud ud! air m’ fhocal ’s mì dh’ fhaingheadh, cha b’ ionann idir an dà chuid—feòil nan trusdar ’ga choimeas rì meann! ach ciod an seorsa chon a th’ aca? Seòr. ’S iad na coin creutairean a’s feumala tha aca. Tha iad mòr làidir, agus anabharrach tuigseach—rud-eiginn coltach ri cu-chaorach no eadar sin agus cu-uisge—cluasan biorach, ard orra, agus earball mòr dosach. Cha ’n ’eil iad ao-coltach ri madadh-alluidh. Tha na h-Escimòthaich ro phrìseil mu na coin so agus cha ’n iongantach è—cha ’n eil fhios ciod a dheanadh iad as an eugmhais—Chì thu na cuileanan san leabaidh leotha féin, agus na mnathan ’gam beathachadh cho cùramach ris na pàisdean féin. [TD 103] Cho luath ’s is urrainn doibh coiseachd tha iad ’gan ionnsuchadh gu slaod no carn eutrom a tharruing as an déigh. Tha iad air am fòghlum cho cùramach ri eich san dùthaich sin, agus falbhaidh iad leis an t-slaod so cho réidh, shunndach, aotrom, thogarrach ri aon eich a chunnaic sibh riamh. Suidhidh an t-Escimòthach san t-slaod agus cuip fichead troidh air fad aige ’na làimh leis an smachdaich e na coin ged robh dusan diu aige sa’ charbad shneachda. Tairngidh trì coin ceud pùnnd chudthrom air slaod, agus ruithidh iad mìle astair ann an sè mionaidean. Bha deich coin ann an aon slaod againne anns an robh naoi fichead punnd chudthrom, agus choisich iad gu soirbh mìle ann an ochd mionaidean a dh-ùine; agus ni iad so ann an cur ’s ann an cathadh ’nuair nach faiceadh tu fad do shròine romhad gun dol ceum am mearachd. Tha na coin so mar an ceudna anabharrach luachmhor airson sealgaireachd. ’S ann aca féin tha ’n t-sròn—lorgaichidh iad féidh agus ròin air astar a chuireadh iongantas ort, agus tha iad co dàna mhisneachail ’s gu’n cuairtich iad am mathghamhuin e féin, agus cumaidh iad e gun dol as gus an toir an tathunnaich na h-Escimòthaich le ’n lannan gu cur as da. Sgalag. A nis a Sheòruis a’ bheil móran eun san dùthaich sin—tunnagan a’s cearcan a’s coilich-Fhrangach a’s geóidh? Seòr. Bu tu féin an geudh—Coileach-Frangach san tìr ud! Cha ’n eil an creutair sin a rugadh riamh san Fhraing a sheasadh fuachd na cearn ud; ach tha ealachan agus geóidh-fhiadhaich, a’s lachaidh, a’s faoileannan gu leòir ann. Sgalag. ’S fad’ o’n a chuala mi “faoileann an droch cladaich” ’s bi sin ise. Seór. Tha an lachaidh a’s àille chunnaic thu riamh anns na dùthchanna sin; ’se sin r’a ràdh gus an téid thu co fada mu thuath ’s nach bi aona chreutair de sheòrsa air bith ann. Tha ’n seòrsa thunnaga-fiadhaich ann ris an abair iad sa’ Bheurla Eider-duck, lìonmhor, agus tha a’ chlòimh orra a’s mine ’s a’s prìseala tha air an t-saoghal air fad. ’S fiach gach pùnnd de’n clòimh-iteach so gini òir; agus ’s ann dith tha leapannan rìghrean agus dhaoine saoibhir eile air an deanamh. Tha cearca-fraoich agus seòrsa de chearca-tomain ann an cuid a dh-àiteachan san dùthaich-sin. Sgalag. So a Sheòruis, ìnnsibh dhuinn mu na h-Escimòthaich, daoine agus mnathan an àite sin. Seòr. Foighidinn a fhleasgaich, gus an innis mi do Lachunn-bàn rud a chuir mór-iongantas orm, agus b’e sin sneachda dearg. Lach. Sneachda dearg!! Am bheil thu da rìreadh? Seòr. Gun teagamh thà; cha tig focal as mo bheul ach smior na fìrinn—chunnaic mi sneachda dearg. Buach. Bi ’n dùthaich thuaitheal ì—gamhna fiadhaich bhorba—féidh shoirbh chàlda—coin ’an àite nan each a’ tarruing charn—buailtean do dhaimh mhòra gun tarbh gun mhart—sionnaich gheala agus sneachda dearg!—c’ àite ’n stad thu a Sheòruis? ’n iad na mnathan a bhios a’ sealgaireachd ’s na fir a’ toirt cìche? Seòr. Cum do theanga ’s leig leam labhairt. Buach. Leigidh, leigidh—ach ’s tusa dh’ fhaodadh an t-òran a ghabhail is tric a chuala mi. Chitear fèidh air sgiath ’s na speurabh, Chitear iasg air bhàrr nan slèibhtean, [TD 104] Chìtear sneachda dearg air gheugabh, Mum faicear.— Seòr. Mum faicear tuigse ’n ceann a’ bhuachaille ruaidh—ach coma co dhiù, bha ’n sneachda dearg, agus tha ’n dath so air trì no ceithir a throidhean air doimhneachd. Chunnacas an ni ceudna air tìr-mór na h-Eòrpa air na beanntabh Alpach, agus maraon ann an America a’ chinne-deas. Thug Caiptein Ross cuid de ’n t-sneachda dhearg so do Lunnuinn agus do Dhun-éideann. Sgalag. Tha mi suarach mu’n t-sneachda ruadh, b’ fhearr leam thu dh-ìnnse mu na daoine, c’ ainm so thuirt thu riutha?—na craicinn mholach—nach e sud a thubhairt thu? air neo na h-éisg-mholach. Seòr. Craicinn mholach! a ghleòsgaire thruaigh, cha duirt mise riamh gu’n robh craicionn nan creutairean bochda ni bu mholaiche na craicinn dhaoin’ eile—’se Escimòthaich a theirear riutha. ’S ann matà mu thoiseach na bliadhn’-ùir 1830 a fhuair sinn a’ cheud sealladh dhiu so. Thainig mu thimchioll ceithir-fir-fhichead diu san t-sealladh. Chaidh Caiptein Ross ’nan còmhdhail. Bha lann fhada agus sgian aig gach fear dhiu. Bha fios aig a’ chaiptein gu’m b’e fàìlte na dùthcha Timà Timà ’s e sin ciamar tà—ciamar tà? Sgalag. An e gur Gàilig a labhair iad? Seòr. Cha’n ì—ach aidichidh mi gu’n robh cuid a dh-fhocail anabharrach coltach rithe. Co luath ’s a chual’ iad so Tima Tima no Cima Cima thog iad iolach ghairdeachais. Thilg iad an airm air làr—agus ghlaodh iad Aida Aida.—Chaidh an Caiptein air aghaidh agus greim aige air a shròin féin ’na làimh dheis—le so fhaicinn ghlac iad uile greim gach fear air a shròin féin agus leum agus dhanns iad le anabharra gairdeachais, a’ tilgeadh air falbh an cuid arm uile gu léir. Ghrad rinneadh cairdeas agus thòisich an t-eòlas. Dh’ innis iad gu’m b’e an t-ainm a bh’ orra-san na daoine Innuid agus gu’m b’e Gilletà ainm seann duine bha air slaod maille riutha. Sgalag. Air m’ fhocal fìrinneach ’s Gàilig a bh’ ann—na daoine inich, nach meataicheadh, agus an seann duine Gilletà ’se ’se sin fear-an-tighe o nach b’urrainn da an tigh fhàgail gun chuideachadh—’n e ’n t-Eile-beag a bh’ orra? Seòr. Cha b’i dùthaich an éile-bhig i—bha deis’ orra bu fhreagaraiche—casag air chumadh casaig Thirisnich, teann dùinte o’n smig sios gu ruig na glùinean de bhian féidh agus taobh an fhionnaidh ris a’ chraicionn, agus air uachdar so casag eile ’s am fionnadh, air an taobh muigh, currachd de’n t-seòrsa cheudna mu’n cheann, gu dlùth teann, agus air a cheangal fo’n smig mar a chì thu currachd-oidhche cailliche, muinchillean na casaige a’ téarnadh ni’s faide na bàrr nam meur, bòtainnean dùbailte de bhian féidh orra agus brigsean de’n t-seòrsa cheudna a’ ruigheachd beagan fo’n ghlùn—ach— Lach. Có sin a mach? Searbhanta. A mach, a mach! tha ’chàbhruich fuar, togaibh d’ar seanchas—tha Seonaid-ni’n-Eòghain air bàinidh sibh a bhi ’ga cumail as a leabaidh cho fada—greasaibh a nall—suipeir! suipeir! Lach. Cha ’n eil comas air—’s fearr a ghabhas an còmhradh ath-ùrachadh na a’ chàbhruich—tha oidhch’ eile ’tighin—So a sheònaid, tog t’òran a nis aig am bi thu sgìth. (r’a leanailt san ath àireamh.) [TD 105] ’Fhir mo chridhe, ’S fad’ o’n a chuala mi “bidh an luaireagan luatha ’na uallachan gille.”—Ann am fhiosrachadh féin thachair so, agus chomhairlichinn nach tugadh duine air bith barail bhras air loth pheallagaich no air balach luideagach. Tha mise nis a’m dhuine cothromach ann am baile-mór Ghlascho; tha ’n saoghal a’ cinneachadh leam mar bu mhiann, agus ma tha duine ann aig am bheil barrachd aobhair na fear eile air bhi taingeil do chaoimhneas freasdail an Tighearna airson soirbheachaidh os-ceann nì sam bith a dh’ fhaodadh e ’smuainteachadh gun a rìoghachd no a dhùthaich fhàgail, ’s mise ’n duine sin. Is mac mi do sheòladair bochd a mharbhadh a’ cogadh airson a rìgh agus a dhùthcha. Dh’ fhàgadh mo mhàthair ’na banntraich agus mise ’m dhìlleachdan ’nuair bha mi air a’ chìch. Le oidhirpean dìchiollach agus cùram nach d’ fhuaraich a latha no dh-oidhche as mo leth, dh’ àraich agus thog mo mhàthair bhochd mi. Bha ’m bothnn beag anns an robh i a chòmhnuidh dlùth do sgoil na sgìreachd, agus b’e miann a cridhe sgoil agus fòghlum a thoirt domh—ach ciamar a bha so r’a dheanamh? Bha ’m maighstir-sgoile ’na dhuine cruaidh neo-iochdmhor, ’na dhuine sanntach gun tlus no caoimhneas. Chaidh i d’a ionnsuidh—thairg i sniomhadh airson a mhnatha—buain da féin san fhogharadh—oir bha croit mhór aige—thairg i bhi sa’ bhlar-mhòine dha san t-samhradh agus na h-uile dìchioll a bha ’na comas a chleachdadh chum mo thuarasdal-sgoil a dhìol—ach cha deanadh so uile a mhaothachadh. “Tha gu leòir de d’ sheôrsa agam cheana” ars’ esan—“tog de t’ amaideachd, ni e buachaille ladhach ann an ùine bheag—bu mhath an sgoilear” ars’ esan “’athair agus ciod a b’ fheaird’ e e?” Chaidh so mar shaighead gu ’cridhe—ràinig i am ministeir, agus thug esan, an duine beannaichte, litir dhi chum a’ mhaighstir-sgoile. Chaidh mise air an la-màireach leis an litir so do’n sgoil, fóid mhòine fo m’ achlais agus leabhar beag a’m làimh a thug am ministeir dhomh. Bha ’n sgoil cruinn ’nuair chaidh mi ’stigh—leugh e’n litir—“Co leis thu mo ghille carrach?” ars’ esan, ged is math a bha fios aige. “’S mise” fhreagair mi “mac na banntraich.” “Faighibh aite-suidhe” ars’ esan an sin “do’n ghille charrach mac na banntraich.” O’n àm sin fhuair mise m’ ainm san sgoil—cha ’n abradh an giullan a b’ ìsle ’nam measg ach an gille carrach mac na banntraich. Cha robh comas air; chuir mo mhàthair mar fhiachaibh orm gun fheirt a thoirt air nì a chanadh iad. Chuireadh a shuidhe mi ann am fròig cùl an doruis air cloich ’s gun nì eadar mi ’s i ach luideag thana chùrainn. ’An ceann latha no dhà fhuair mi leasan o fhear de na sgoilearan agus leis an dòigh a shaoithrich mi aig an tigh le m’ mhàthair, thainig mi air m’ aghaidh gu gleusda. Bha ioma nì ’an earbsa ris a’ mhaighstir-sgoile-sa a bharrachd air an sgoil. Bha croit aige air an robh dà mhart agus each—bha leabhraichean na sgìreachd aige—b’e cléireach an t-seisein e—bha e na fhoirfeach eaglaise—bha ’m Post Office aige mar their iad sa’ Bheurla, far an robh gach litir a bha ’tighin do’n dùthaich agus a’ dol aisde air an càradh—cha robh uair de’n [TD 106] latha nach robh fear-eiginn air ghnothach leis—duine air an robh teisteannas a dhì—fleasgach a bha r’a ghairm di-dòmhnaich, agus b’ éiginn dol leis do’n tigh-òsd a dh’òl soirbheachaidh do’n chàraid òig. Bhiodh uaislean ag iarraidh an litrichean agus a’ feitheamh gus an tigeadh am fear a bha ’gan giùlan; ach ’si so cùis bu truaighe leamsa,—a h-uile aon a thigeadh air each cha chluinnteadh ach “a mach an gille carrach ’s cum each an duin’-uasail.” Ma bha litir r’a cur air falbh—ma bha fios searmonachaidh no brath sam bith r’a chur a mach air feadh na sgìreachd ’se ’n gille carrach mac na banntraich a b’ éiginn a chur a mach—ma bha mart a’ mhaighstir-sgoile san fhochunn no a mhuc sa’ bhuntàta “a mach mo ghille carrach” ars’ esan “agus pìll iad”—bha ’n t-ùrlar agam r’a sguabadh, bha fuighleach na mòine r’a ghiùlan gach latha chum a thighe—ma bha cuach chàbhruich r’a cur do’n bhlar-mhòine—ma bha gad éisg r’a ghiùlan o’n tràigh ’s e ’n gille carrach mac na banntraich a b’ éiginn a dheanamh. Be ’m maighstir-sgoile mar an ceudna fear-lagha na dùthcha; cha robh pàipeir r’a tharruing a mach airson cùirte—cha robh gearan a’ dol a stigh no casaid a dh’ ionnsuidh an uachdarain—cha robh tairgse airson baile—cha robh litir mu bhàs saighdeir no seòladair, nach b’ e ’m maighstir-sgoile bha air ceann a’ ghnothuich. Bha e anabharrach tapaidh—duineachan beag crosda ìosal—briogais ghoirid chorduròi air, stocainnean glasa—peiteag dhubh—casag dhonn le putain mhòra bhuidhe—gruag dhonn, agus sùilean dubha geur, cho bioraeh ri sùil seobhaige. Bha slatag bheag bhuidhe ’na làimh, agus bu lùbach righin i mar is tric a dh’ fhairich mi; agus crochte ri putan ard na casaige bha leób fhada de leathrach dubh agus cóig meòir oirre a dh’ fhàg comharadh air ioma cluais agus màs. B’i sin an leób righin!—ach ged a bha co liugha ni eile ’n earbsa ris an duine so thainig cuid de na sgoilearan air an aghaidh a dheòin no ’dh-aindeoin, agus b’ ann diu sin mise. Cheannaich mo mhàthair pàipeir dhomh—sgliat-chùnntais agus leabhraichean, agus bha mise co freasdalach do’n mhaighstir-sgoile ’s gu’m fac’ e iomchuidh caoimhneas a nochdadh dhomh—ach O! bu nàr r’a fhaicinn an t-eadar-dhealachadh a bha e’ deanamh eadar na pàisdean—iadsan a’s mugha thairgeadh dha air latha ’Illbreunainn—clann nan uaislean agus na tuath bu chothromaiche, shaoithricheadh e air an son-san—b’ éiginn urram a thoirt doibh, a bhi modhail riutha, ach clann nan daoine bochda, mur togadh iad féin an sgoil bha e tur-shuarach mu’n déibhinn. Cha chluinnteadh ach burraidh, bumalair, amadan, ùmpaidh, agus a leithid sin. Mu’n àm so thainig beagan airgid dhachaidh a dh’ ionnsuidh mo mhàthar, as na h-Innsean, agus ged nach robh an t-suim mór, dhiol i gu h-onorach dha gach sgillinn bu chòir dha bhi aige o’n latha chaidh mise do’n sgoil. A mach o sin fhuair mise aite-suidhe a’m measg clann nan uaislean—cha robh chridh’ an gille carrach a ràdhainn rium na b’ fhaidhe—thuit buachailleachd nam mart agus na muice air dìlleachdan eile air an d’ thug iad am frith-ainm boineid ard—agus bha mise ann am cheann-stuic anns gach cleasachd agus camanachd. Thug mi ’m fogharadh orm—fhuair mi ’stigh do bhùth ann an Glascho, agus o bhùth gu bùth gus an d’ fhuair mi bùth dhomh féin. Phòs mi caileag nach bu nàr le uasal sa’ [TD 107] bhaile fhaicinn r’a thaic latha féill no dòmhnach. Tha ’n saoghal a’ cinneachadh leam; ach nach neònach leibh so;—’s gann gu bheil oidhche tha mi ’luidhe nach ’eil mi bruadar mu’n mhaighstir-sgoile le ’bhriogais ghoirid chorduròi—casag dhonn nam putan móra, agus a’ ghruag—gruag na dunach dhòmhsa—’s mi dh’ fhuathaich i. Nis a Theachdaire-ùir, nach labhair sibh ris na ministeirean Gàidhealach? air m’ fhocal mur dean sibh e, mur leig mise dairireach ribh ’sna pàipeirean-naigheachd, ugus bheir mi air Para Rìoghail a’ bhaile mhóir so am feannadh mur a h-amhairc iad mu dhéibhinn nan sgoilean Gàidhealach. Is mise, ach coma có mì a nis, ach bu mhì aon uair AN GILLE CARRACH MAC NA BANNTRAICH.* SGEUL BEAG FIRINNEACH MU THIMCHIOLL BEARRADAIR FEUSAIG, NO BARBAIR TEISTEIL. Bha Bearradair feusaig ann am baile Bhath ann am Sasunn agus thachdair dha là àraid a bhi ’siubhal mar bu ghnàth leis air na sràidean, agus air dha teachd gu dorus eaglais àraid agus a’ faicinn an doruis fosgailte chaidh e ’stigh ceart mar bha am ministeir a’ toirt a mach a chum teagaisg, Exod. 28. 8. “Cuimhnich latha an Tighearna chumnail naomha.” Chual’ e an t-searmoin agus thuig e gu robh e féin anabarrach ciontach ann am bristeadh latha na Sàbaid le bhi ’g obair air a cheaird na h-uile dòmhnach. Bha a choguis air a dùsgadh agus chaidh e dhachaidh le cridhe tróm—chuir e a chomhairle ri ministeir dìleas air an cual’ e iomradh mór, agus ’si ’chomhairle fhuair e sgur de bhristeadh na sàbaid le bhi ’bearradaireachd fuilt no feusaig air di-dòmhnaich. Fhreagair e “Ma ni mi sin thig mi gu bochduinn;” ach coma có dhiù an déigh iomad oidhche chur seachad gun lochd le iomaguin agus cùram le gul agus urnuigh, thuig e gu’m b’e a dhleasdanas àithne Dhé a choimhead cia air bith mar dh-éireadh dha; chuir e roimhe ’earbsa ’s a dhòchas a chur ann an Dia agus a dhleasdanas a dheanamh. Sguir e o’n am sin suas o bhi ’bearradh dhaoine air latha an Tighearna, agus chaidh e do thigh Dhé na h-uile sàbaid. Thainig sonas agus sìth-inntinn, ged a chaill e móran d’a bhuannachd shaoghalta. Shealbhaich e móran de’n t-sìth sin nach h-urrainn an saoghal a’ thoirt seachad no ’thoirt air falbh—ach mar shaoil e, thàinig a’ bhochduinn—dh’ fhàg luchd-tathaich a’ bhùth e, agus b’ éiginn da ’thoirt thairis, agus ’an ceann dà no trì bhliadhnaichean chinn e co bochd ’s nach robh àite b’ fhearr aige na cùil thruagh de sheileir ìosal far am b’ àbhaist leis daoine bochda a bhearradh air làithean eile na seachduin, oir thug Dia comas da seasamh ris an rùn a rinn e, nach * Cha’n fhiosrach sinn cia dhiù dh’ innis fear-sgrìobhaidh na litreach so a dhiùras mun do sgriobh e i, no a fhuaradh a mach e gun fhios da, ach fhuair sinn litir o chionn ghoirid a chuireas sinn anns an ath àireamh, agus a bheir air a “Ghille Charrach” a cheann a thachas. [TD 108] bristeadh e latha na sàbaid thigeadh a’ chùis mar thogradh i. Air feasgar sathuirne, eadar solus an latha ’s an fheasgair, thainig duin’-nasal coigreach le a h-aon de na coidseachan agus dh’ fheòraich e san tigh-òsda far na stad an carbad an robh Bearradair feusaig dlùth do’n tigh? Cha ’n eil a h-aon san t-sraid so, ars’ iadsan ach duine bochd a tha san t-seileir ud thall. Ghrad ruith e ’nùnn. “Gabh t’ ealtainn-bhearraidh gu luath” ars’ esan “agus thoir an fheusag dhìom agus cabhag orm agus gun agam ach ceithreamh na h-uaire gu fuireach san àite so—tha ’mhiann orm a bhi air mo bhearradh a nochd, oir cha ’n àbhaist domh so a dheanamh air latha na sàbaid. Chuir so iongantas air a’ bhearradair bhochd—ghrad ghuil e—“An toir sibh dhomh” arsa ’m bearradair, “bonn-a-sia leis an toir mi ’stigh coinneal” oir bha e air fàs dorcha. Thug an duin’-uasal so dhà a’ smuainteachadh ’na ìnntinn féin co uireasbhach ’s a bha ’n duine truagh a dh’ iarr am bonn-a-sia air. ’Nuair a bha ’chùis seachad agus an fheusag air a toirt deth, “Cha ’n fhaod e bhith” arsa ’n duin’-uasal, nach ’eil nì-eiginn a’d eachdraidh “nach ’eil cumanda ’nuair tha thu co bochd; cha ’n eil ùine agam air an àm feitheamh r’a h-éisdeachd, ach so dhuit bonn leth-chruin—’nuair a philleas mi do’n bhaile so cluinnidh mi t’eachdraidh. C’ ainm a th’ ort?” “Uilleam Reid” arsa ’m fear eile. “Uilleam Reid!” arsa ’n duin’-uasal le iongantas “Uilleam Reid! c’ àite ’n d’ rugadh tu?” “Ann an Kingston, dlùth do Thaunton.” “C’ ainm a bh’ air t’ athair?” “Tómas” ars’ esan. “An robh bràthair aige?” arsa ’n duin’-uasal “Bhà” arsa’ esan, “a h-aon air an d’ ainmicheadh mise, a chaidh do dh-Innsean na h-aird-an-ear o chionn fhada, agus do bhrìgh nach cuala sinn riamh mu ’dhéibhinn tha sinn a’ baralachadh gu’n d’ eug e.” “Thig maille riumsa” arsa ’n duin’-uasal, “tha mi air mo shiubhal a dh’ amharc duine tha ag ràdh gur h-è Uilleam Reid as an àite so, agus tha e ’cur a stigh airson oighreachd bhràthar-’athar, a réir a’ chùnntais tha esan a’ toirt mu’n chùis. Ma tha thusa ’g înnseadh na fîrinn tha naigheachd math agam dhuit—faodaidh tu an seileir so fhàgail agus togail de d’ chèaird fhad ’s is beò thu. Chaochail brathair-t’-athar agus dh’ fhàg e anabharra beairteis.” Dh’ fhalbh an Bearradair bochd leis. Cha robh san fhear eile bha ’cur a stigh airson na h-oighreachd ach cealgair breugach. Fhuair Uilleam Reid an oighreachd, deich mìle punnd Sasunnach an déigh gach costas a dhìol. “Thig Dia ri h-airc s cha ’n airc nuair thig.” Is fìor an sean-fhocal a thubhairt so. ’S iongantach an eachdraidh tha againn ann an so air dòigheannan freasdaîl Dhé. Nam biodh aona bhonn-a-sia aig a’ Bhearradair a chuireadh e mach a cheannach coinnle, ’s dòcha nach gabhadh an duin’-uasal beachd sònruichte sam bith air agus nach cluinneadh e riamh iomradh air an oighreachd: ach dh’ earb am Bearradair ann an Dia, anns an Dia sin nach dubhairt riamh gu diomhain ri sliochd Iacoib “Iarraibh mi”—naomhaich e a shàbaid agus fhuair e a dhuais uaithe-San a thubhairt, Cuimhnich latha na sàbaid a chumail naomha. [TD 109] EACHANN BÀN AGUS AM MINISTEIR. CHAIDH Eachann Bàn gu ministeir àraidh a dh’iarraidh teisteannais. Thuirt am ministeir ris nach buineadh e d’a sgìreachd-san,—nach robh eòlas aig’ air, agus uime sin nach b’ urrainn e. Ach, ars’ esan tha mi ’faicinn gu bheil thu aosmhor, anfhann, agus, do réir coltais, bochd. Suidh beagan agus bheir mi dhuit teisteannas cho mhath ’s is urrainn domh le coinnseas glan. Ann an tiota thug e dha an teisteannas a leanas, agus is léur a bhlàth air Eachann o’n latha fhuair se e. TEISTEANNAS EACHAINN BHAIN A MUILE. FONN—Tharruing grian, Righ nam Planad ’s nan reull, &c. Tha Fear-iomchair a’ phaipeir so fann, Mar is dù’ dha ’san am ’s e cho sean, Thrumaich aois air le ’h-iomadai’ bròn Tha rithe fuaighte ’s gun dòìgh air a chleith; Tha na neòil ’an déigh iadhadh mu’n cuairt, Chìnn an iarmailt ro ghruamach air fad, Agus dhorchaicheadh lòchrain nam buadh Gun leus soluis ach tuaileus fuidh smal. Chaidh luchd-gleidhidh an tighe bho fheum A chion spioraid a’s speuraid a’s lùth, Dh’ fhàs na daoine bha spionntach gun chlì, ’S iad a’ cromadh a sìos chum na h-ùir; Chaidh iad uile gu buileach bho stàth, Seach mar chleachd a’s mar bhà iad o thùs, Tha ’n luchd-bleith an déigh sgur o’n a dh’fhàs, Iad cho tearc a ’s a chnàmh iad gu’n cùl. Tha na h-uinneagan cruinne b’ fhearr dealbh, Air fàs reódanach seana-bhileach, tuar, ’S an luchd-seallaidh bu smearaile colg, Air an iadhadh le dorchadas buan. Tha na dorsan teann druidt’ anns gach sràid, Agus fuaim na bleith ’ghnà dol ni ’s ìsl’, Ni e clisgeadh a suas aig guth eòin, ’S tha gach binneas a’s ceòl air bheag prìs. Dhruid an t-àm ’s am bi geilt roi ’nî àrd, Thréig a chàileachd a’s dh’ fhàilnich an gniomh; Tha gach uamhas ’s an t-sligh’ ’na cheannfàth, Aig an duine gu chàradh fuidh fhiamh, Tha chraobh-àlmoin a nise fuidh bhlàth, Anns a’ Gheamhradh—tim ânrach nan sion, ’S an leumnach-uaine ’na eallaich air fàs, ’Nuair a chaochail ’s a bhàsaich am miann. A chionn g’ eil an t-oilthireach truagh, A’ triall d’ a dhachaidh ro bhuan air bheag dàil; ’S an luchd-cumhaidh ’n àm sgaoileadh o’n uaigh, Dol ’nam buidhnibh mu’n cuairt anns gach sràid; [TD 110] ’Nuair a dh’ fhuasglar gu buileach an cord, Luachmhor airgid—gun seòl air a thà ’dh, ’S nach bi feum ann an soire ni ’s mò, Chum an dreuchd gus ’n do shònruicheadh è. ’S e so staid a ’s cor muladach truagh, An fhir-thuruis—nach cruaidh leibh mar thà? Dhruid na bliadhna ’s an aidich e ’chùis— “Cha ’n ’eil tlachd agam annta gu bràth,” Ach ’s e mheudaich a thruaighe gu léir, A bhean mar uallach ’na dhéigh ’s i ’n droch shàlìnt’ ’S ged is duilich gur h-éiginn da falbh, ’S iad’ am freasdal ri oirchiosaibh chàich. Cha b’ an-struidheas, cion teómachd, no leisg, Fhad ’s a shealbhaich e neart agus càìl, ’Dh’ fhàg cho aimbeirteach bhochd e gun treòir, Ach toil an Fhreasdail ’s mar dhòrduicheadh dhà. Bha e uair ’s cha robh ’m Muile gu feum, Aon duine bu ghéire ’s a b’ fhearr; Ged is duilich a chòmhdach ’s an uairs’— Teann air deireadh a chuairt a’s a làith ’n. Fhir a leughas no ’chluinneas mo dhàn, Bha Eachann mar thà thu ’san àm, Thoir fa ’near gu faod thus’ air bheag dàil, Mar tha esan an dràsd bhi—bochd fann. Air an aobhar sin maoth’cheadh do chrìdh’ ’S ma tha maoin agad—sìn da do làmh; Cha dean beagan ’thoirt uait de bonn beud, ’Nuair thig aois ort a’s eucailean bàis. T. GUTH O MHACTALLA. A Theachdaire Ghaolaich. Cha’n ’eil ag air bith nach ’eil “Eoghan-a’-chaolaìs” am barail gu’n do mharbh e Mactalla: Nan deanadh aon duine e, cha’n ’eil teagamh air bith agam nach b’-e ’n duìne sin Eóghan; oir, co ac’ is maìghstir-ceisteir, no fear-aisig e. “’S gruamach a shealladh, Fuidh shuaicheantas ballach” Ach feudaidh gu’n cuir “thugaibh thugaibh, ob, òb!” clos air a’ Bhard-bhreac; ’s e slachdraìch nam buillean glòir Mhîctalla—Cosmhuil ri eilid Dhonnacha-Bhàin. “’Nuaìr a shaoilear e ’bhi buailte Sin an uaìr a’s airde leumas.” ’S e’s coìreach gu’n robh mì cho fada’m thosd gu’n robh mi sgrìob air m’ eòlas—chaidh mi stigh do’n chraig-mhóir ann an eilean Chola air feasgar ciùin ceud lá an earraich, agus a thiota cluinnear seann duine a’ gabhail an òrain a’ leanas domh. O! ’ghuth nan guth a chòmhnuidh tà Sa’ charraig fhàsail ûdlaidh fhuair! An robh thu riamh de shliochd na mnà, No có ’ni air do nâdur luaìdh? San fheasgar cluinnear thu a’ seinn, Le flath ’s le loinn, mar ghruagaich òig; Phaisg eòin na doire ’n ribheid féin, A’s dh’ aom a dh’ éìsdeachd guth do bheòil; [TD 111] S a’ mhaduinn ’s tric a chluinnear thu Mar tharbh a’ bùirich ’s stùic gu cath, Am buachaill’ faic a mach le ’chù, A’ gearradh shùrdag seach an srath. A’ thiota’ cluìnnear thu mar mheann ’An ciabh nam beann ri miogad maoth, ’S a nìs mar bhó, ri langan teann, Aig eadradh-anmoich, ’gairm a laoigh! An dràst tha thu an impis sgàin’ A’ gàireachdaich le lachan garbh, ’S a nis a’ bas-bhualadh ’s a’ cràdh, Mar mhàthair thlà ’s a ceud-ghin marbh. Is minic feasgar bha mi sgìth, ’G ad ruagadh dian o chnoc gu cnoc; ’S co minic thug mi suas an strìgh, Le dorran inntinn agus sprochd! Thug mi uair leam ord nan clach A chum do thalla ’bhristeadh suas, Air a’ cheud ghleadhar, sud thu ’mach, Is thugar tartar mìle uam! Am maighdeann thu ’bha uair an gaol, Air balach baoth, ’s a chuir riut cùl? No’n d’ thug an stuadh an t-òigfhear caoin, Mach thar an taobh, fa chòmh’r do shùl? An spiorad math thu ’chaidh a mhort, Mar Abel còir le cloich o thùs, Tha ’g éigheach dìoghltais o na cnoic, A theagamh air na mhortadh thu? No’n deach’ do chur an sin le Dia, A thogail fianuis latha-bhràth, Air aintighearnas nam mìle Triath A mharbh le fiar-bhreith, s le ard-mhàl? O! ’ghuth nan guth a chòmhnuidh tà, S a’ charraig fhàsail, ùdlaidh fhuair, An robh thu riamh de shliochd na mnà? No có ni air do nàdur luaidh? MACTALLA. Glascho, 1836. SEAN EACHDRAIDH NA GAIDHEALTACHD. CHA robh ’na linn féin (1390) duine ann an Gàidhealtachd na h-Alba co ainmeil ri Cailein-Mac-’Illeaspa-Mhóir, ridire Loch-Odha agus ceann-feadhna gaisgeil nan Caimbeulach. Thugadh Cailein Iongantach mar fhrith-ainm air airson iomadh euchd iongantach a rinn e. Fhuair e fios aon uair gu’n robh a chairdean Clann O’Nèill na h-Eirionn a’ teachd a nall le mòran uaislean agus fhlaithean Eirionnach g’a amharc ’na chaisteal ann an Ionaraora. Cha robh an caisteal a bha san àm sin ann co stàtail eireachdail ’s bu mhath leis, agus chunnaic e gu’n cuireadh na flaithean Eirionnach costas mòr air. Chum so a sheachnadh chuir e teine ris a’ chaisteal agus loisg e gu làr e! Thâinig na cùirteirean Eirionnach ’nam birlinnean rìomhach, agus le anabharra de ghillean agus luchd-leanmhuinn—clàrsairean agus filidhean. Bha’n caisteal ’na làraich luim, ach bha bùithean móra air an uidheamachadh airson nan coigreach far an robh cuirm air a càramh mu’n coinneamh a chuir iongantas orra. Air dhoibh fuireach latha no dhà thog iad an siùil agus sheòl iad air an ais do dh-Eirinn. “Turus math leo,” arsa Cailein—“’s saoire dhòmhsa caisteal ùr a thogail na aoidheachd a thoirt doibh sud fad ràidhe.” ’S ann san linn so bha Domhnull-Mór nan Eileanan—aon duine a b’ uaibhriche bha riamh air Gàidhealtachd Alba. Bha Dòmhnull nan Eileanan mar rìgh. Rinn e cùmhnant ri rìgh Shasunn agus thilg e dheth ùghdaras rìgh na h-Alba. Bha déigh mhór aig Cailein iongantach fios cinnteach fhaottainn mu thimchioll lìonmhorachd [TD 112] agus cumhachd an airm a bha aig Donull-Mór nan Eileanan. Chuir e air dreach agus deise diol-déirce, agus le clàrsaich air a dhruim, oir bha e ’na chlàrsair innealta, agus le lùirich bleidire thairis air, thug e ’n airde-tuath air. Bha e mìos ann an dùthaich Dhonuill-Mhóir agus le móran seòltachd thilg se e féin ’na rathad agus fhuair e cead a bhi ’clàrsaireachd dha, agus ghabh e beachd air gach nì bha r’a fhaicinn. Chual’ e ’n seanchas o àm gu h-àm, agus thuig e na bha ’m beachd Dhonuill-Mhóir. Phill e dhachaidh, agus leis an eòlas a fhuair e bha e ’na chomas fiosrachadh a thoirt do rìgh na h-Alba, leis na smachdaicheadh ceannard cumhachdach nan Eileanan anns a’ bhliadhna 1411. Thog Domhnull Mór so 10,000 saighdear air ’fhearann féin leis na chuir e am blàr ainmeil sin, blàr Harlaw, far na chomharraicheadh a mach Clann ’Illeathain co mór airson an treuntais agus an tapachd. ’S e ’m blàr sin a thug a’ cheud chasgadh do Dhonull-Mór. Bha Cailein Iongantach pòsda ri piuthair do Bhàn-righinn an III. Raibart, rìgh na h-Alba. B’e a mhacsan a rithist Donnchadh-an-Aidh, tighearna agus triath co tlachdmhor, eireachdail, fhlathail ’s a bha riamh ’an Albainn. B’ ann do Chloinn-a’-Bhiocair a bhuineadh Ionaraora mun d’ fhuair na Caimbeulaich e. Cheannaich na Caimbeulaich o Chloinn-a’-Bhiocair uiread ’s a chuairticheadh iad le seiche leathraich. Ghèarr iad sìos an t-seiche ’na h-éill chaoil agus ghlac iad dhoibh féin uiread do’n fhearann ’s a b’ urradh dhoibh a chuairteachadh leis an éill so. ’S ann o so a dh’ éirich an fhàidheadaireachd mu oighreachd nan Cambeulach “Thàinig i ’na seiche, ach falbhaidh i ’na h-iallabh.” NAIGHEACHD MU BHLIADHNA THEARLAICH. ’NUAIR a thug na Gàidheil an ionnsuidh fhoghainteach air maduinn latha Sliabh-Chlamhain, bha uchd-dhaighneach làidir air a ghlacadh leis na Camshronaich agus le Stiùbhartaich na h-Apunn. Bha Alastair Stiùbhart, tighearn Ion’arnahoighle san Apuinn, air thoiseach na cuideachd, agus thug e fa’near do dh-oifigeach de’n arm-dhearg ’na sheasamh le ’chlaidheamh rùisgte ’na làimh a’ dìon na chaidh earbsadh ris ged a theich a chompanaich, agus do réir coltais a’ cur roimhe a dhìon fhad’s a b’urrainn e. Dh’ iarr Ion’arnahoighl’ air strìochdadh, ach ’se freagradh a fhuair e, sàthadh d’a chlaidheamh, nì a chum e dheth le ’thargaid. Bha ’n Stiùbhartach ’na dhuine fìor fhoghainteach—’na fhear-claidheimh anabharrach, agus air an ath bhuille bha claidheamh an oifiigich-dheirg a’ dannsadh san adhar fichead troidh os an ceann! Bha ’n t-oifigeach a nis a dh-easbhuidh airm-chatha agus bha muilleir Ion’arpholla, fear de luchd-leanmhuinn Ion’arnahoighle, a’ cur thairis na tuaidhe-catha chum a ghrad ghearradh a sìos, ’nuair a chuir e an ath impidh air an oifigeach strìochdadh, nì a b’ éiginn da a dheanamh, ged a bha esan cuideachd ’na dhuine calma foghainteach. Ghabh Ion’arnahoighle cùram d’a phearsa agus [TD 113] do gach nì a bhuineadh dha; agus ’an ùine ghearr fhuair e a shaorsainn da air ’onair féin. Be’n t-oifigeach a bh’ ann Coirneal Ailean Whiteford, tighearna Bhallochmyle ann an siorrachd Ionar-Air. An déigh na thachair cha b’urrainn e le h-onair cogadh an aghaidh a’ Phrionnsa, agus thug e dhachaidh air; bha e ’na dhuin’-uasal air an robh mór mheas, agus a bha fìor dhìleas do thigh Hanover; ach bha na h-uiread earbs’ aig na daoine foghainteach so as a chéile, ged nach b’ ionann aigne dhoibh a thaobh rìoghalachd, ’s am feadh a bha ’n rìoghachd gu truagh air a roinn ’an aghaidh a chéile, gu’n deach fear Ionarnahoighle a dh’ fhaicinn a phrìosanaich, air a rathad do’n Ghàeltachd a thogail tuille dhaoine; agus chaith e beagan làithean le Coirneal Whiteford agus a chàirdean cho cridheil, shùnndach ’s ged a bhiodh sìth-réite mu’n cuairt doibh. An déigh cath Chuilfhodair, b’e dlighe Whiteford e féin a chur g’a dhùlan chum maitheanas fhaotainn do dh-fhear Ionarnahoighle. Ràinig e gach cumhachd a b’ àirde na cheile san rìoghachd, ach fhuair e do ghnà an éuradh, ag ràdh gu’n robh Ionarnahoighle air a shònruchadh a mach ro-chiontach. Mu dheireadh ràinig e Diùc Chumberland. Fhuair e an diùltadh uaithe-san mar an ceudna. Cha d’ iarr e an sin ach tèaruinteachd do thigh, do mhnaoi, do chloinn, agus do dh-oighreachd Ionarnahoighle. Dhiùlt an Diùc so mar an ceudna; agus air do’n Chòirneal a Chomision a tharruing as a bhroilleach, thilg e air a’ bhòrd e, ag radh, nach biodh e ni b’ fhaide ann an seirbhis rìgh do nach b’ aithne nàmhuid a strìochd a chaomhnadh. Dhrùigh a’ chainnt so co mór air an Diùc ’s gu’n do shil a dheòir. Dh’ àithn e do’n Chòirneal a chomision a thogail, agus dheònaich e dha an tèaruinteachd a dh’ asluich e co dùrachdach. ’S anns an àm a fhuaradh e; oir ’s gann a ràinig e’n dùthaich mun robh feum air, a chaomhnadh an tighe, a’ bharra, agus na spréidhe, a bh’ air gabhail umpa leis an arm dhearg. Bha àireamh dhiu air an socrachadh air fearann Ionarnahoighle, ni a chaomhain iad, am feadh a tharruing iad lom-sgrios air a’ choimhearsnachd; ’s bha iad ri sireachas teann orra-san a dh’ éirich san iomairt, agus gu sònruichte airson fir Ionarnahoighle. Bha e gu mòr ni bu dlùithe dhoibh na bha fiuthair aca; oir bha e ’m folach ann an uaimh, far an cluinneadh e na saighdearan a’ toirt seachad focal an airm d’an co’-luchd faire. Bha a bhiadh air a thoirt g’a ionnsuidh le nighin da nach robh ach mu ochd bliadhn’ a dh-aois; oir bha gluasad bean-a’-bhaile, agus a cuid seirbhiseach air am faire co mion, ’s nach feudadh i earbsadh ri aon neach eile. Le seòltachd fada thairis air a h-aois, bu gnà leis a’ chaileig cleasachd mu thimchioll nan saighdeirean, a bha ro chaoimhneil rithe, agus ghabhadh i a h-àm féin air dol gun fhios do dhoire dlù, far am bu gnà leatha an lòn fhàgail, chum gu’m faigheadh a h-athair e. Chaith Fear Ionarnahoighle mòran aimsir san ionad sin, ged bha e air a leònadh gu tróm ann am blàr Chuilfhodair. Bha e ’an ceann ùin’ àraidh a’ dol còrr uair a chodal ’na thigh féin, a chionn gun d’ fhàg an t-arm am baile; ach air pilleadh dhoibh ro mhoch aon [TD 114] là, bha e ann an cunnart mòr le iad ’ga fhaicinn a’ fàgail an tighe. Loisg am freiceadan air, agus thainig iad chum an tighe a dh-fheòraich có a bh’ ann: oir thuirt iad gu’n robh iad a’ toirt caidreamh do na daoine bh’ air fògradh. Fhreagair seana bhean iad, gur e bh’ ann am buachaille. “C’ arson nach do stad e ’nuair a ghlaodh sinne ris?” deir na saighdeirean dearga. “Tha e,” deir ise, “co bodhar ri cruaich mhòine.” “Cuirear grad fhios air,” deir iadsan, “’s gum faic sinn e.”—Chaidh fios cabhaig air an fhìor bhuachaille, agus bha sàr chothrom air a theagasg gu bhi bodhar gu leòir mun d’ thainig e dhachaidh Fhuair Fear Ionarnahoighle ’an déigh sin maitheanas, agus ghabh e gu follaiseach mu thàmh aig an tigh, gun neach gu carraid no campar a chur air. Ead. P. M. ANDREAS HOFER’ AGUS LUCHD-AITEACHAIDH NA TYROL. Is an de na rìoghachdan a’s cumhachdaiche ’san Roinn-Eòrpa Austria, agus ’si ’n dùthaich ris an abrar an Tyrol Gàidhealtachd na rìoghachd so. Cha ’n eil na beanntan a’s airde tha againne ach còrr agus ceithir mìle troidh air airde, ach tha beanntan an Tyrol a thrì airde so, agus iad air an còmhdachadh le sneachda o thoiseach gu deireadh na bliadhna, agus cha do choisich air fraoch ceatharnaich is curanta na an luchd-áiteachaidh. Tha an gràdh d’ an dùthaich làidir, agus sheas iad riamh gu duineil as a leth an aghaidh ionnsuidh gach nàmhaid. ’An àm a’ chogaidh mu dheireadh a bha air a dhùsgadh le cìocras neo-shàsaichte nam Frangach gu lamh-an-uachdar fhaotainn thar rìoghachdan eile agus an cur fo chìs, agus gu sònruichte le naimhdeachd an impire Bonaparte, sheas Austria gu calma ’na aghaidh, agus an uair a bha sinne a’ gleachd gu buadhar ri cumhachd aintighearna na Frainge, san Eiphit agus anns an Spàind, chaill agus bhuidhinn Austria iomadh blàr fuilteach san aobhar cheudna. Bha an roinn féin aig muinntir an Tyrol sa’ chaonnaig, gu minig a’ téarnadh mar still nam beanntan air naimhdibh an dùthcha; ach anns a’ chomhstri a bh’ ann chaidh a’ chùis cho fada ’n aghaidh Austria ’s gu’m b’ éiginn di mu dheireadh an Tyrol a liubhairt thairis do na Frangaich sa’ bhliadhna 1806. Bha san àm so ann an aon de ghleanntaibh na Tyrol fear tigh-òsda d’ am b’ ainm Andreas Hofer, duine foghainteach treun—feusag fhada dhubh air a’ ruigheachd a chrios—iomraiteach airson a ghràidh d’a dhùthaich, agus le bhi anabharrach déigheil air sealg nam fiadh-ghabhar, cha robh gleann no coire san Tyrol anns nach robh e eòlach agus anns nach robh luaidh air ’ainm mar air caraid dìleas, agus gu cinnteach bu charaid dìleas a bh’ ann. Thug e Vienna air, (ceanna-bhaile Austria) gu labhairt ris an impire thaobh éiridh air gach làimh an aghaidh nam Frangach. Thill e le ard-mhisnich ag ràdh r’a chairdean a choinnich e. “Misneach mhath! gheibh sinn còmhnadh.” Chruinnich sè ceud gaisgeach mu’n cuairt da, a bhóidich d’ a chéile bhi [TD 115] dìleas, agus mar an ceudna gu’n ceileadh iad an rùn gu àm na h-ionnsuidh a bha iad ’an ùine aithghearr ri thabhairt. Car beagan mhìos bha gnothuichean air a’ chor so, ach focal cha do bhrist a mach o aon seach aon diu. Air an naothamh latha de mhìos deireannach an Earraich sa’ bhliadhna 1809 chunnacas teintean a’ deàrsadh air binnein mullaich gach beinne, sheinn na cluig a’ chaismeachd, agus le làmhach ghunnaichean, dh’ fhàilticheadh a’ mhaduinn sin air an robh luchd-aiteachaidh na Tyrol agus Andreas Hofer air an ceann, ri saorsa thoirt do thìr an athraichean. Chunnacas a’ snàmh a sìos leis an abhuinn Inn (abhuinn mhór tha ’ruith troi ’n ghleann a’s mugha san dùthaich) meanan sàibh, agus brataichean beaga dearga air an ceangal ri biorain air an sàthadh ann an spealtagan fiodha mar chomharradh do’n fheadhain a bha gu h-ìosal air an t-srath gu’n d’ thàinig an t-àm dhoibh éiridh. Dh’ eubh mnathan agus clann ’nuair chunnaic iad an sanus so “thàinig an t-àm!” agus fhreagair mactalla do’n chaithream “thàinig an t-àm!” B’e Andreas Hofer ccannard na buidhne agus romh bhristeadh faire bhadaich iad air gach taobh anns na nàimhdibh a chaidh ’nam breislich leis an fhàilte ghuineideich a fhuair iad, oir bha iad gun deasachadh sam bith a dheanamh air chionn na còmhdhail. Tàmh no fois cha do leig Hofer dhoibh riamh gus na sgiùrs e gach mac màthar dhiu as an dùthaich, a bha nise aon uair eile saor! Ach cas ’na dhéigh so chaill Austria blàr millteach Wagram, far an d’ fhàg i móran d’a laoich threuna ’nan luidhe san àrfhaich, agus thuit an ceanna-bhaile féin ann an lamhan nam Frangach. Thainig fios gu Hofer nach b’ urrainn e còmhnadh sam bith fhaotainn, agus nach deanadh e ach lom sgrios a tharruing air féin ’s air a chuid daoine le seasamh a mach ni b’ fhaide ’nan aonar ’an aghaidh na Frainge. Bha Hofer cho iomaguineach agus ’eagal co mór a thaobh cor na Tyrol, a bha nise a réir coltais gu bhi ’n cumhachd na Frainge ’s gu’n d’ thug e uaigneas nan gleann air fad thri làithean, a ghuidhe air an Ti a’s àirde e bhi ’na dhìdein ’s ’na chul-taice d’a dhùthaich. Chruinnich e a chuid daòine mu’n cuairt da agus chuir e féin ’s a bhuidheann bheag ghaisgeach romhpa seasamh as leth an dùthchà gu hàs! Chuireadh gun dàil ochd mìle Frangach ’nan aghaidh g’an cur fo smachd ’s a ghabhail seilbh san Tyrol. Bha fios aig Hofer mum b’ urrainn na Frangaich Inspruck (ceanna-bhaile na Tyrol) a ruigheachd, gu’m feumadh iad tighinn troimh aisridh chumhaing ann an slugan glinne ùdlaidh air an robh esan ’s a chuid daoine mion-eòlach. Thug iad orra dh’ ionnsuidh a’ bhealaich sgàirnich so, agus charn iad suas clachan agus craobhan air dhòigh agus ’nuair a ghluaisteadh an taic a bha fódhpa gu’n rachadh iad ’nan deann car air char leis a’ bhruthach le neart cho mór ’s gu’m bruanadh iad gach ní thigeadh san rathad. Air maduinn bhòidheich deireadh an Earraich ghluais feachd na Frainge ’stigh do’n ghleann agus mar ghabh iad air an aghart cha robh coltas nàmhaid r’a fhaicinn—cha robh uibhir an duillich a’ gluasad air craoibh, an ceò ag ialadh mu aodann nan stallachan arda—cha robh fuaim no monmhur r’ a chluinntinn a bheireadh fairbheanadh seachad gu’n robh na laoich sin goirid o làimh aig an robh an cuil- [TD 116] bhear nach d’ fhàilnich riamh air am feum, agus aig an robh an cridhe gaisgeil nach d’ fhiosraich geilt roimh ghnùis nàmhaid! Ach mu dheireadh chualas glaodh air dara taobh a’ bhealaich “Am bheil sibh deas?” Fhreagradh o’n taobh eile “Thà,” “Thugaibh dhoibh sin mata.” Cha luaithe bha ’m focal as a bheul na nuas bhrùchd le fuaim tairneanaich, creagan, clachan agus craobhan, a’smàladh ri talamh na ceudan de na Frangaich. Cha do chaomhnadh a’ mhusg orra mar an ceudna, cha chluinnte ach làmhach an déigh làmhaich o’n bhearradh ’s am feachd sa’ ghleann a’ tuiteam air gach taobh. Fad thrì làithean dhùlanaich Hofer agus a shèa ceud laoch ochd-mile-deug Frangach! a’ leum o chraig gu craig agus o sgor gu sgor; ach ’nuair a mharbhadh a chairdean dìleas gus ach beag an t-aon mu dheireadh, b’ eudar do Hofer teicheadh airson dìdein gu aonarachd nam beann a bh’ air an còmhdachadh le sneachda nam mìltean geamhradh. Air aon de na h-oidhcheannan choinnich Hofer a bhean ’s a chlann air allaban ’s ’nam fògaraich feadh nam beann mar bha e féin. Cha robh fios aige ’dé bu chor dhoibh gus an d’ amais e orra air an dòigh so. Na h-aignidhean a ghluais ann an inntinn Hofer aig a’ chòmhdhail so, feudaidh sinn ann an tomhas a smuainteachadh, ach cha’n fhurasda ’chur an céill. Fhuair na Frangaich a nis lamh-an-uachdar, agus chleachd iad a’ bhuirbeachd a b’ oillteala do luchd-àiteachaidh nam beann. Loisg iad dà fhichead baile beag, agus a h-aon anns an robh mu thimchioll seachd ceud tigh. Anns a’ bhlàr mu dheireadh a chaidh a chur aig àite ris an abrar Brixen far an do sheas ann am buillsgein a’ chatha a bhean ri taobh a céile—a’ mhaighdeann ri taobh a h-athar no an fhleasgaich ris an robh i air réiteach. Chaidh trì cheud gu leth bean a sgathadh sìos agus a shaltairt gu hàs leis a’ mharc-shluagh! agus gach duine air am faighteadh greim rachadh fheuchainn ’s am peileir a chur troimhe gun dàil. Fhuair an curaidh Hofer as, an uair so fhathasd, agus le cridhe tùrsach bha e nis a’ caoidh cor tìr a ghràidh ann am bothan beag fada gu h-ard anns na beanntaibh agus ochd no naoi mhìltean o ionad còmhnuidh. Cha robh fios aig neach air ’aite-falaich ach aig a mhnaoi ’s a h-aon no dha d’a chàirdean bu dìlse. Thainig iadsan o àm gu àm g’a fhaicinn agus a’ toirt teachd-an-tìr leò g’a ionnsuidh. Cha do smuaintich a bhean gu’n robh e san Tyrol idir, gus am fac’ i e. Bha ’chuid bu mhò a’m barail gu’n d’ thug e Vienna air; agus chuir an t-impire iomadh teachdaireachd dhìomhair g’a ionnsuidh ag asluchadh air teicheadh, ach fhreagair esan a ghnàth, Cha’ n eil e san Tyrol na ni foill orm. Ach bhà san Tyrol na rinn foill air. Air do na Frangaich a mhaoidheadh air duine d’ am b’ ainm Staffel gu’n rachadh am peileir a chur troimhe san aite-sheasaimh san robh e mur brathadh e dhoibh an t-ionad san robh Hofer am falach, dh’ fhalbh e ’na fhear-iùil le buidhhinn shaighdearan a dh-ionnsuidh an àite. Air an fhicheadamh latha de mhìos mu dheireadh a’ gheamhraidh sa’ bhliadhna 1810 mu ghlasadh an latha, chuairtich na saighdearan am bothan. Nuair chuala Hofer an tartraich leum e dh-ionnsuidh an doruis ’s an cuilbhear ’na làimh nach do mhearachdaich ach ainmic a cuspair. Thog e dà uair r’a ghualainn i ach ’nuair a chunnaic e gu’m bu diomhain da oidhirp a thoirt air dol as dh’ fhosgail e ’n dorus gu neo-sgàthach, agus air do dh-aon de’n [TD 117] bhuidhinn fheòraich có è, fhreagair e gun fhiamh, “Is mise Andreas Hofer, tha mo bheatha ann ad làimh, caomhain mo bhean agus mo leanaban.” Chaidh a ghlacadh agus glas-làmh a chur air féin ’s air a mhac, giullan mu dhà bhliadhn-deug a dh-aois, agus thugadh air falbh iad cas-ruisgte air feadh an t-sneachda gu baile san Eadailt d’ am b’ ainm Mantua, a bha san àm sin ’an lamhan nam Frangach. Chaidh fheuchainn sa’ bhaile so, agus bha ’chuid bu mhò toileach a bheatha a chaomhnadh, ach sa’ mhionaid sin thainig teann ordugh á Paris (ceanna-bhaile na Frainge) a thilgeadh, an taobh a stigh de cheithir-uaire-fichead. Air an fhicheadadamh latha de cheud mhìos an earraich mu aon-uair-deug thainig freiceadan shaighdearan a thoirt air falbh Hofer gu bhi air a thilgeadh. Bha mòran d’ a luchd-dùthcha air an cuibhreachadh sa’ phrìosan cheudna, ’s an uair a bha esan aig imeachd seachad orra air a shlighe ’dh-ionnsuidh an ionaid sin far an robh e r’a chead siorruidh a ghabhail de’n t-saoghal-sa, lùb iadsan an glùn ann an ùrnuigh a’ gul ’s a’ caoidh, agus chruinnich cuid eile dhiu a fhuair cead dol ma sgaoil mu’n cuairt da, ag iarraidh a bheannnachd dheireannaich; agus chualas iomadh aon ag ràdh “Ciod is ciall da so? am bheil an duine sin a chuir an cath an aobhar a dhùthcha ’s nach do thog a làmh riamh ann am blàr gus na thog e urnuigh r’a Chruithfhear, am bheil e air an dòigh so ri bhi air a thilgeadh mar fhear drochbheirt?” Bha Hofer ’na aonar ciùin, sìochail, gun ghruaim. ’Nuair a ràinig e’n t-àite san robh e ri fulang shìn e mach a lamhan gu beanntabh a ghaoil a bha ’g éiridh san t-sealladh gu gorm ris an speur. Sheas dà-shaighdear-dheug a mach—chuireadh Hofer mu’n coinneamh beagan cheumannan uapa—thairgeadh nèapaiginn da g’a ceangal m’a shùilean ach dhiùlt e a gabhail, ag ràdh “Tha mi ’m sheasamh ann am fianuis an Ti a chruthaich mi, agus mar so tiomnaidh mi m’ anam ’na làimh.” Labhair e’n sin focal no dhà ti ceannard nan saighdearan, d’ an d’ thug e mar an ceudna beagan bhonn airgid, agus a rithist a’ togail a làmh ris na beanntabh, thuirt e le guth daingeann réidh “Gabh cuimse—Loisg!” Cha d’rinn na ceud sèa urchraichean ach a leònadh gu tróm—thuit e air a ghlùn—chaidh sèa eile ’losgadh agus fhathasd ghleachd e ris a’ bhàs, gus na chuir an t-oifigeach beul-dois a ghunna r’a cheann, agus thuit Andreas Hofer an gaisgeach flathail ard-inntinneach, gun deò air an raon. Chaith esan a tha ’ga sgrìobhadh so beagan uine le mór thoil-inntinn san Tyrol a’ beachdachadh le deòthas air a beanntabh arda-a glinn fharsuing agus a h-aibhnichean mòra, agus cha robh ach caoimhneas agus fiùghantachd ag amas air air gach laimh o na laoich chruadalach threun a tha ’g àiteachadh nam beann sin. Nuair a bha e ’n sin chunnaic e litir a sgrìobh Hofer a dh’ ionnsuidh a mhnatha beagan uairean roimh a bhàs air a sgrìobhadh ann an làimh shocraich réidh a bha a’ dearbhadh gu’n robh an inntinn misneachail ciùin, agus ann an spiorad caomh truacanta thaobh a naimhdean a bha ’leigeil ris gràdh inntinn a Chreidmhich. Feudaidh sinn mar an ceudna a ’ràdh nach eil bothan san tìr àluinn sin anns nach faicear an crochadh ris a’ bhalla dealbh duine chalma fhoghaintich—’fheusag a’ ruigheachd a chrios agus cuilbhear fada ’n a làimh—agus is e sin Andreas Hofer—Wallace an Tyrol. T. nan T. T. T. [TD 118] “LEATHAN RI LEATHAN A’S CAOL RI CAOL.” GHEALL sinn anns an Teachdaire mu dheireadh gu’n tugamaid oidhirp air an riaghailt-sgrìobhaidh Ghàidhealaich so a mhìneachadh. Cha’n fhiosrach sinn gu’n do sgrìobh duine sam bith leabhar-taibse Gàilig gun iomradh thoirt air an riaghailt-sgrìobhaidh so; ach tha na h-iomraidhean sin co aithghearr agus a’ toirt cho beag toileachaidh do dh-aon leis am bu mhiann fios fhaotainn mu chion-fàth na riaghailt so o thoiseach, no c’ arson a chuireadh air chois i, agus gu bheil e a’ dùsgadh amharuis nach d’amais iad idir air fìor sheadh na riaghailt. Fòghlumte, eòlach, glic mar is cinnteach a tha iad, cha ’n urrainn mi gun a smuainteachadh gur h-iongantach iad a ràdhainn cho beag uime so, agus gur h-ann a tha iad a’ diomoladh agus, a leth-char a’ fochaid air an riaghailt so, a ta, a réir mo bheachd-sa, ni’s luachmhoire na aon riaghailt eile a bhuineas do sgrìobhadh na Gàilig; ged tha sinn ’ga faicinn air a gnàthachadh ann an iomadh àite far nach ’eil math air bith innte. Do réir mo bheachd-sa matà ’s e ’s feum do’n riaghailt so gu bheil i a’ comharrachadh a mach agus a’ cur os-ceann teagaimh doigh-labhairt nan litrichean comh-fhoghair (consonants) C. D. G. L. N. R. S. T. agus CH agus GH, nuair a chithear aon diu ann am meadhon focail. Tha fios againn uile gu bheil dà dhòigh air an labhrar na litrichean so: a h-aon diu leathan no garbh, agus an dòigh eile caol no mìn, agus gur iad na litrichean foghair no gutha (vowels) a, e, i, o, u, a ta a’ riaghladh na labhairt so, a réir ’s mar a thachras litir ghutha chaol no gharbh, a bhi an taice ris a’ chomh-fhoghar—oir ged tha ainmeannan againn air na litrichean comh-fhoghair cha ’n urrainnear an labhairt le seadh sam bith gun chòmhnadh nan litrichean gutha. De na litrichean gutha so tha e agus i air an meas caol agus a, o, u, garbh no leathan. Nuair a chithear aon de na litrichean comh-fhoghair (consonants) roi’-ainmichte air a càramh eadar dà litir fhoghair gharbha, tha so a’ comharachadh a mach gur còir an dòigh-labhairt a bhi leathan no garbh. Air an dòigh cheudna nam faicteadh a’ cheart litir sin eadar dà litir fhoghair chaola bhiodhmaid air ar stiùradh chum labhairt chaol no mhìn; ach nam biodh foghar caol air an dara taobh dhi agus foghar leathan air an taobh eile, dh’ fhaodadh an leughadair a bhi fo imcheist cia dhiù ’s ann caol no garbh bu chòir do’n labhairt a bhi. Mar so: mar tha briseas, briseadh, brisear, an dràst air an sgrìobhadh chì sinn gu bheil an comh-fhoghar, s, air a suidheachadh eadar dà fhoghar chaola, i agus e, agus tha so a’ seôladh dhuinn, s, a labhairt caol no mìn; ach nan sgrìobhteadh iad gun suim do’n riaghailt, brisas, brisadh, brisar cha b’urrainn a’ chuid bu lìonmhoire de leughadairean, aig am bheil tuille r’a dheanamh na ’bhi daonnan a’ rùrach leabhraichean, a thuigsinn cia dhiù ’s ann caol no leathan a labhradh iad s. Nan sgrìobhteadh bioran gun suim do’n riaghailt, biran, cha b’ urrainnear a thuigsinn cia dhiù ’s ann mìn no garbh bu chòir r a labhairt—agus mar so sìos ann an iomad mìle focal eile. Cha’n eil teagamh nach gabhadh an dòigh-labhairt riaghladh air ioma seòl eile, gu h-àraidh am measg [TD 119] sgoilearan, ach dheanadh sin mòran atharachaidh air an dòigh sgrìobhaidh, ni is còir a sheachnadh gu cùram ach, oir is cronail an gnothach a bhi tric ag atharrachadh a leithid so, agus cha’n fhiosrach sinn air dòigh sam bith eile a shocruicheadh a’ chùis ni b’ fhearr na’n riaghailt so, ris am bheil am pobull o chionn fhada cleachdte. Ach tha ceithir litrichean eile ann a tha tur os ceann cumhachd na riaghailt so, ’s iad so B, F, M, P, agus bh, fh, mh, ph. Cha ruig sinn a leas mìneacheadh a thairgseadh umpa so, oir tha e soilleir nach ’eil e’ n comas nan litrichean foghair an dòigh-labhairt acasan atharrachadh ciod sam bith dòigh air an teid an suidheachadh no an càramh riutha. Gidheadh ged a bhà agus a thà a’ chùis mar so, bha luchd-sgrìobhaidh na Gàilig a’ càramh na riaghailt riutha so cho cùramach ’s a bha iad ris an t-seòrs’ eile; agus tha mi a’ meas so ’na dhearbhadh làidir nach deachaidh a’ chùis so riamh a mhìneachadh no a thuigsinn mar bu dligheach dhi air feadh na Gàidhealtachd. ’An àite, matà, a bhi ri sgeig no dimeas air an riaghailt luachmhoir so, ’s ann bu chòir, nam biodh a comasach fhaotainn a mach có ’chuir air chois i, carragh a thogail mar chuimhneachan air, ged a b’ ann air mullach Beinn-Nibheis. M. SEAN EACHDRAIDH NA GAIDHEALTACHD. ’S ann sa’ bhliadhna 1727 a chaidh a’ cheud mhinisteir a dh-eaglais na h-Alba a shuidheachadh ann an sgìreachd a’ Mhagha agus Dhalrossie ann an siorramachd Inbhirnis. ’S e b’ ainm dha Mr. Leslie, duine mór colgarra, làidir, ro fhreagarach do ’n staid bhorbarra anns an robh an dùthaich san àm sin. A’ cheud latha sàbaid a chaidh e a shearmonachadh do Dhalrossie fhuair e mòran sluaigh air an fhaiche dlùth do’n eaglais, a’ caitheamh na cloich-neart agus a’ camanachd ’s a’ cleasachd mar air latha féille. Cha tugadh iad sùil air a’ mhinisteir, cha tugadh iad feairt air, gus an d’ fheuch e a neart leotha ann an caitheamh na cloiche! “Ma chuireas tu a’ chlach thar a h-aon againne” ars’ iadsan “theid sinn a dh-éisdeachd do shearmoin” “Bitheadh e mar sin féin” ars’ esan. Thilg e dheth a chasag-dhubh agus air a’ cheud urchair bha e dlùth air dà cheum thar gach aon diu! Bha anabharra meas aig na Gàidbeil san àm sin air spionnadh agus misnich. Choisinn am ministeir ùr an latha, agus am meas a fhuair e air an latha sin anns an dòigh iongantaich so cha do chaill e r’a bheò. Bha e ’na dhuine math, mar bha e ’na dhuine foghainteach; agus ’na linn agus ’na latha féin thainig atharrachadh mór air an sgrìeachd. [TD 120] MARGAIDHNEAN. Mairtfheoil 4, 5, 6, and 7 sgillean am pùnnd beag nan 16 nsas asunnach a réir an t-seorsa. Muiltfheoil 5 and 6 sgillean am pùnnd beag nan 16 nsas asunnach a réir an t-seorsa. Laoighfheoil 7, 8, and 9 sgillean am pùnnd beag nan 16 nsas asunnach a réir an t-seorsa. Muicfheoil 4, 5, and 6 sgillean am pùnnd beag nan 16 nsas asunnach a réir an t-seorsa. Tha’ mhin choirce ’s fearr dà sgillinn shasunnaich a’ chlach nan ceithir puinnd deug—an seorsa ’s faigse dhi sin 22 sgillinn agus o sin sìos gu 20 sgillinn, Le anmoichead an Earraich tha eagal air daoine gu’n éirich prĭs gach seorsa barra. Tha ’m Buntàta 4 sgillean a’ chlach nam 14 pùinnd. Tha ’n t-ìm ùr sgillinn shasunnach am pùnnd, agus na h-uighean sè sgillean an dusan. Tha Builionn nan 4 puinnd 6½ sgillean an seòrsa ’s fearr, agus an seòrsa ’s faigse dha 6 sgillean. NAIGHEACHDAN. ’S e naigheachd a’s mo air am bheil a dh-iomradh san m so, luchd na Pàrlamaid a bhi ’g atharrachadh agus a riaghailteachadh nan cìsean, gu h-àraid mar a bhuineas iad do Phaipeirean-naigheachd, do bhannan sgrìobhte agus do dheanamh thairis fearainn agus thighean do ’n luchd ceannaich. Bha san àm a chaidh seachad an dà sheòrsa mu dheireadh anabharrach tróm air gnothuichean cuimseach no beaga, agus anns a’ cheart àm sin bha na gnothaichean móra a’ faotainn as gun phàigheadh idir a réir an luach. Chum so a dheanamh soilleir faodaidh sinn ainmeachadh gu’m b’ ionann cìs a chuirteadh air reic mìr fearainn a b’fhiach 4 mîle punnd Sasunnach agus a chuirteadh air luach da fhichead mìle! Tha iad a nis a’ cur romhpa gu’m pàigh gach bargan de’n t-seòrsa so a réir a luach, c’iù bhios e beag no mór, agus tha so air a shocrachadh air dhòigh ’s nach dean e mùthadh sam bith do sporan mór na rìoghachd. Mu dhéibhinn nam Paipeirean-naigheachd, ’se cìs a th’ orra air an àm so ceithir sgillean an t-aon, ach ’an àm paigheidh tha ’n cóigeamh cuid de so ’ga thoirt diu; ach tha iad a nis a los a’ chìs ìsleachadh gu aon sgillinn air gach paipeir; air a’ chuid a’s lugha ’se so iomradh a th’ ann air an àm so, ged nach ’eil e air a làn-shocrachadh fhathasd. Tha fios aig ar luchd-dùthcha gu bheil comunn fo ùghdaras na Parlamaid, an dràst a’ mion-rannsachadh gach cùis a bhuineas do na h-Eaglaisean. Tha iad air àm so ann an Glascho, ach o nach d’ fhuair iad fhathast an gnothuichean a thoirt gu crìch cha ’n eil e’ nar comas ni sam bith cinnteach, a ràdh mu’n déibhinn anns an àireamh so. A réir gach coltais cha mhisde Gàidheil a’ bhaile so iad. FREAGRAIDHEAN D’ AR CAIRDEAN. Tha sinn iar fàgail co beag ruim ’s nach ’eil cothrom againn air freagraidhean mar bu mhath leinn a thoirt d’ar cairdean, ged tha sinn cinnteach gu’m bi fadal air cuid diu. Ma leanas sinn san t-suidheachadh-inntinn sa’ bheil sinn air an àm so, BIDH AN ATH THEACHDAIRE NI’S MÒ NA’M FEAR SO, agus bheir so dhuinn cothrom air tuillidh a radhainn riutha, oir ’s taitneach leinn gu bheil iad a nis a’ fàs móran ni’s lìonmhoire. Fhuair sinn iomad litir bu mhiann leinn a fhreagairt, agus ioma nì r’a ràdhainn ged nach ’eil so ’nar comas air an àm so. Fhuair sinn cùnntas mu Eaglaisean Bhóid agus ni sinn feum dhe’n ùine ghoirid. Colville, Printer, Glasgow. [TD 121] AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH. MIOS A’ MHÀIGH. VI. AIREAMH. SUIPEIR AN TIGHEARNA. ’Fhir-ullachaidh an Teachdaire, BHITHINN fada ’nur comain nan tugadh sibh cearb de’n Teachdaire do dhà na trì dh-fhocail; agus, o’n tha iad mu ghnothach anabarrach cudthromach, mar is tràithe ’s ann a’s fèarr. Tha fios agaibhse cho math ’s a th’ agamsa, gu bheil móran a’ suidhe aig bòrd an Tighearna do nach buin suidhe aige,—a’ mi-bhuileachadh an òrduigh naoimh, agus mar so ag an-tromachadh an cionta féin. ’S aithne dhomh féin iomadh aon,—daoine pòncail tuigseach cuideachd,—ach a dh’easbhuidh eòlais spioradail, a ghabh an comanachadh a chionn gu’n cual’ iad an clann a’ leughadh anns an t-sèathamh caibdeil do shoisgeul Eòin, far am bheil Iosa ag ràdh, “Gu deimhin deimhin a deiream ribh, mur ith sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl sibh ’fhuil, cha ’n ’eil beatha agaibh annaibh. Esan a dh’itheas m’ fheòil se, agus a dh’ òlas m’ fhuilse a ta a’ bheatha shiorruidh aige,” agus mar sin sìos. Dh’ fheòraich mi dhiu ciod a bha iad a’ tuigsinn leis an “aran” agus an “fhìon” anns an àìte so? “Thà” ars’ iadsan “aran agus fion a’ chomanachaidh, a ta ’nan samhladh air corp agus fuil Chriosd.” Nis cha’n eil an teagamh a’s lugha nach ’eil ceudan, nan labhradh iad an inntinn, anns a’ bheachd cheudna! ach cha ruig mi leas ìnnseadh dhuibhse gur beachd meallta e. Tha e fìor, da rìreadh, gu bheil an t-aran agus am fìon, ann an suipeir an Tighearna, ’nan samhladh air corp agus fuil Chriosd, ach cha’n urrainn gur h-e so is ciall doibh anns an earrainn so: nam b’è cha rachadh a h-aon a thèarnadh nach do ghabh comanachadh, agus có their nach ’eil an “gaduiche” a cheusadh maille ri Criosd sàbhailte? ’s cha do ghabh e riamh e, agus, feudaidh dòchas a bhi againn, iomadh aon a bhàrr air; cha mhò bhiodh a h-aon caillte a ghabhadh e, ach tha e soilleir o’n aona-caibdeil deug do’n litir a chum nan Corintianach, gu’m feud daoine ’n comanachadh a ghabhail, agus a bhi, fad na h-ùine, “aig ithe agus ag òl breitheanais dhoibh féin,” agus is cùis mhulaid gur lìonmhor iad a thà! Tha seadh no dhà aig an fhocal feòil anns a’ Bhìobull. Tha e ann an aon àit’ a’ ciallachadh an nàduir choirbte, thruaillidh, a ta air a bhreth leinn (Rom. vii. 5.)—ann an àit’ eile nàdur daonna Chriosd, a bha buailteach do anfhuinneachd, agus mar sgàile d’a nàdur diadhaidh, mar a bha’n roinn-bhrat do dh-àirc a’ choimhcheangail, agus do [TD 122] chathair na tròcair: (Eabh. x. 20.)—agus anns an àite so, ’se tha sinn r’a thuigsinn leis, cha’n e aran agus fion a’ chomanachaidh ach an t-iomlan do Chriosd, ’fheòil agus ’fhuil, ’se sin mar dhia agus mar dhuine, air a chur ruinn le creidimh. Tha e soilleir o’n deicheamh rann thar an dà fhichead do’n chaibdeil so féin gur h-e so am beachd ceart. “Is e so an t-aran a tha teachd a nuas o nèamh, chum as gu’n ith neach dheth, agus nach faigh e bàs.” Dìreach mar gu’n abradh Iosa, “Gu deimhin deimhin a deiream ribh gur mise dorus nan caorach;” se sin, an aon t-slighe trid an urrainn peacaich chaillte teachd gu Dia,—an t-aon dorus a chum na fìor eaglais, co ac’ air thalamh no ann an glòir: oir cha’n urrainn gu’m buin iad do’n aon no’n aon eile mur deach creideamh slàinteil oibreachadh ’nan anam le m’ spiorad-sa. Is cunnartach an ni a Theachdaire na sgriobtuirean a ghabhail ann an seadh mearachdach! Ach, le’r cead-sa, ’s gann gu’n dùraichd mi sgur, gus an nochd mi do’n chuid a’s aineolaiche do m’ luchd-dùthcha ionmhuinn có d’an còir dol gu bòrd an Tighearna. Cha’n ann dàsan a bhios ri mionnachadh, ri mallachadh, ’s ri briseadh na sàbaid;—cha ’n ann dàsan a bhios ri braid, ’s ri strìopachas, agus a’ deanamh fearas-chuideachd do pheacadh: cha’n ann, ach ’s ann dàsan a ta ’na fhìor Chrìosduidh,—dhàsan a chaidh ath-ghineamhuinn agus a bhreth a rithist, dhàsan a ta ’anam a’ teachd beò air creidimh. ’Nuair a chuir ar Slànuighear an t-òrdugh so air chois, cha robh a làthair ach càirdean dìleas; oir ged bha’n traoightear an comaidh ris mu’n t-suipeir choitchionn, tha Eoin aig innseadh, “an uair a bha’n t-suipeir thairis, air do’n diabhul a nis a chur an cridhe Iudais Iscarioit Mhic Shimoin esan a bhrath, (Eoin xiii. 2) gur h-ann a fhuair iad an comanachadh. Tha so soilleir cuideachd o rann 26 do’n cheart chaibdeil; far am bheil e air a ràdh, “Agus an uair a thum e’n greim thug se e do Iudas Iscariot;” agus a rìs “an sin an déigh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e mach air ball.” Dh’ fhàg Iudas, uime sin, an comunn mum buileach a bha ’m t-suipeir choitchionn thairis. Air a’ mhodh cheudna, tha e air ìnnseadh dhuinn ann an Gniomh II. gur creidmhich amhàin a bha ’gabhail comanaich, agus than t-Abstol Pòl aig iarraidh air daoine “iad féin a cheasnachadh, no ’dhearbhadh, mun ith iad de’n aran, agus mun ol iad de’n chupan so.” Nis, a Theachdaire, ’si mo bharail féin, nach ’eil neach a leughas a Bhìobull, ma leigeas e le’ choinnseas an fhìrinn a labhairt, nach feud a dheanamh a mach co ac’ is Criosduidh e no nach h-eadh; mur feud, c’arson a bhiodh an spiorad a’ sparradh oirnn sinn féin a “dhearbhadh?” Theagamh gur h-e ùrnuigh a’ cheud obair ris am faighear an t-anam ’nuair a bheanas an Spiorad ris. Nuair a chì e ’amaideachd féin le bhi cluiche cho fada mar gu’m b’eadh, air bruaich ifrinn, cha’n urrainn e gun ghlaodhach, “A Thighearna ciod is àill leat mise ’dheanamh?” Ma tha tlachd aig m’ anam ma tà anns an dleasdanas so is comharradh math e; ach mur ’eil, cha ruig mi leas dol ni’s faide—cha Chriosduidh mi! Theagamh gur h-e ’n ath ni air an toir an t-anam gràsmhor làmh, teannadh ri comhairle thoirt [TD 123] air muinntir eile,—r’an cuireadh “a dh’ fhaicinn ciod a rinn an Tighearna airson ’anama;” ach mun gabh duine de dhànadas air féin a bhi ’tairgseadh daoin’ eile a stiùradh anns a’ ghnothuch chudthromach so a bhuineas d’ an slàinte shìorruidh, is còir dha bhi anabharrach cinnteach gu bheil e féin air an t-slighe cheart, agus gu’n d’rinn e gach rannsachadh agus dearbhadh air féin a bha ’na chomas; oir gu cinnteach ’s mi-chiatach a thig e do dhuine bhi meachranachd mu ghnothuichean a choimhearsnaich, ’nuair tha e ma-dhaoite a’ deanamh dearmad air na nithibh ceudna a bhuineas ni’s ro-shònruichte dha féin. Ann an gnothuichean spioradail is an-danachd eagallach so; ged tha sinn ’an amharus gur nì e tha air uairibh a’ tachairt a thaobh aineolais, agus cion mothuchaidh air cudthrom na cùise. An déigh sin uile cha ’n eil teagamh nach ’eil e iomchuidh dhoibhsan a tha da rìreadh murrach a thaobh eòlais agus cràbhaidh, gach cuideachadh a tha ’nan comas a dheanamh ri gach aon a thuigeas iad a bhi ’na fheum; agus ’nuair chì iad anama prìseil a’ dol a dhì air gach taobh dhiu, coltach ri iasg na h-aibhne Iordain, a bhios ri cluiche ’s ri cleasachd, gun omhail gu’m bheil an sruth ’gan tarruing do’n Mhuir-mhairbh;—agus ’nuair a chì iad cho sona ’s a dh’fhaodadh iad a bhi nan gabhadh iad ri tairgse na slàinte, leaghaidh an anam le truas. ’S e so a “chràidh anam fìreanta Lot o là gu là,”—Ruith sruth dheur sìos o ’shùilibh an t-Salmadair a chionn nach do choimhead iad lagh Dhé (Salm 119. 137.)—Bha doilgheas air Pòl, agus cràdh-cridhe an còmhnuidh; nih-eadh, cha mhór nach dùraiceadh se e féin a bhi air a sgaradh o Chriosd airson a chàirdean—a luchd-dàimh a réir na feòla. (Rom. ix. 2. 3.) An d’ fhairich mise matà riamh an iomaguin so mu m’anam féin no mu anama dhaoine eile? Ma dh’ fhairich, agus ma tha’n obair a’ dol air a h-aghaidh ’s math an comharradh e: ach mur d’fhairich, a réir coltais nach Criosduidh fathast mi. Mar so, ma theid sinn gu sgàthan an fhocail chì sinn ar fior choltas; cha’n eil ’an cainnt dhaoine ach sgàthan bréige. Dh’ fhaodainn an ceasnachadh a leantuinn ni b’ fhaide, ach o’n a leig mi fhaicinn an dòigh, tha dòchas agam gu’n dean gach leughadair e féin e, mun teid e tuilleadh gu bòrd an Tighearna. Mur dean, cuimhnicheadh e gur “ni eagallach tuiteam ’an làmhan an Dé bheò!” Agus gu’n teid a chur ’na chuimhne air latha mór a’ Bhreitheanais gu’n d’fhuair e’n rabhadh-sa. Glascho, 1836. MU AINMEANNAN NAN AIRDEAN. EAR—IAR—DEAS—TUATH. AN AIRD’ AN EAR. THA mi a’ làn-chreidsinn gu bheil móran d’ ar luchd-dùthcha nach do smuaintich riamh ciod is ciall do na focail sin, no ciamar fhuair iad na h-ainmeannan sin. [TD 124] Tha comh-aontachadh mór r’a fhaotainn eadar a’ chànain Eabhraich agus a’ Ghàilig anns a’ chùis so, mar anns gach cùis eile, a’ leigeil ris duinn an dlùth-chairdeis a bha eadar riutha. ’Nuair a rinn na h-Iùdhaich an urnuigh ri Dia, b’ ann le’n aghaidh a ghnàth ris an aird-an-Ear. Cha ’n eil Iudhach air thalamh nach ann ris an aird-an-Ear, ris an aird anns an éirich a’ ghrian a tha ’aodann ’an àm urnuigh. ’S ionann am focal a th’ aig na h-Iudhaich sa’ chainnt Eabhraich airson an aghaidh, mu chomhair, fa chomhair, agus am focal a th’ aca airson na h-aird’-an-Ear. Mar so sa’ 55 salm aig an 20mh rann—“Shìn e mach a làmh ’nan aghaidh-san a bha an sìth ris:” ’se an ceart fhocal tha air ’eadar-theangachadh an so ’nan aghaidh-san, ’se so am focal a tha air a chleachdadh ann an leabhar nan Aireamh 23 chap. 7. “o bheanntaibh na h-aird’ an ear.” Tha am focal ceudna air a chleachdadh ann an iomad àite eile airson na h-aird’ an-Ear. Tha am fear-aoraidh a’ seasamh no air a ghlùinean a’ deanamh urnuigh ri Dia—tha ’aghaidh ris an aird’-an-Ear. Ged is e an aird’-an-Ear is àbhaist leinn an is a ràdh’ se ’n aird’-an-oir am focal ceart—’s e so am focal tha aca ann an Eirinn—’s e so am focal tha aca san Laidinn airson éirigh na gréine—oriens. Amhairceadh duine sam bith a stigh do dh-fhoclair Eirionnach agus chì e gur h-e oir a tha aca airson na h-aird’ an Ear, agus na dùthchannan oirthear airson rìoghachdan na h-aird’-an-Ear, ceart mar anns an Laidinn orientalis. Cha ’n eil teagamh nach ann o so a thugadh òr mar ainm air a’ mhiotailt phrìseil sin. Tha ’m focal Eabhrach airson òir a’ ciallachadh deàlradh boillsgeil àillidh: mar so tha e air a ràdh mu éirigh na gréine ’nar seann dàna féin, gu bheil i ag òradh mullach nam beann. ’S e is ciall do’n aird’-an-Ear, no an aird’ an oir, an airde bhoillsgeanta, ghlòrmhor, dheàlrach, as am bheil a’ ghrian ag éiridh, agus le a gathan àillidh ag òradh nan sléibhtean, an t-saoghail, agus airde nan speur. AN AIRDE DEAS. Smuaintich leat féin matà, am fear-aoraidh air a ghlùinean agus ’aghaidh ri aird’-an-òir, ’si ’n airde deas an aird’ air a dheas-làimh. ’S e an t-aon fhocal tha san t-seann Tiomnadh sa’ chainnt Eabhraich airson na làimhe-deise agus na h-àirde-deise: mar so Ier. 22. 24mh agus Salm 89.13. ’S e am focal tha ann an so air ’eadar-theangachadh deas làmh agus làimh dheis an ceart fhocal tha air ’eadar-theangachadh an àirde-deas ann an Iosua 15. 1. agus Ecsod. 26. 18. agus ann an iomadh àit eile. Anns a’ chainnt Eabhraich mar anns a’ chainnt Ghàidhealaich ’s e an t-aon fhocal tha aca airson na làimhe deise agus airson na h-àirde deise; ’s i an airde-Deas mata an airde tha air deas-laimh an fhir-aoraidh ’nuair a tha ’aghaidh ris an aird’-an-ear. AN AIRD’ AN IAR. An déigh na thubhairt sinn cheana tha so ni’s soirbhe r’a thuigsinn. Iar, ’s e sin cùl no cùlaobh, no tàrr nî air bith. O so tha am focal Iar-bhuille, ’s e sin buille o’n taobh-cùil, agus Iarball. “Thainig e siar orm” ’s e sin thainig e air mo thaobh-cùil, Leis a so tha e soilleir gu bheil am focal so aird’-an-Iar a’ ciallachadh airde-cùil an fhir-aoraidh a ta ag amharc [TD 125] ris an aird’-an-ear; agus air feadh an t-seann Tiomnaidh ’se an t-aon fhocal tha air a chleachdadh airson taobh-cùil duine, agus airson an aird’-an-Iar, mar ann an dara leabhar Sham. 10. 9. ’Se am focal tha anns an rainn sin air ’eadar-theangachadh “air a chùlaobh” ’se am focal ceudna tha air a chleachdadh airson na h-aird’-an-Iar anns gach earrann de’n Bhiobull mar ann an Gin. 28. 14. Anns an rainn sin tha e air a ràdh. “sgaoilidh tu mach a dh’ ionnsuidh na h-aird’-an-iar agus na h-aird’-an-ear.” Dh’ fhaodadh e bhi air a sgrìobhadh, sgaoilidh tu mach romhad agus air do chùl. AN AIRDE TUATH. Is airidh air ar smuainteachadh gur e an t-aon fhocal a ta a’ ciallachadh na laimhe-clì sa’ chainnt Eabhraich agus a’ ciallachadh an taobh-Tuath. An airde-Tuath, ’se sin àirde tuath no tuaidheal an fhir-aoraidh tha ’g amharc ris an aird’-an-ear. Gin. 24 .48 agus 48 .18. ’Se am focal tha an sin air ’eadar-theangachadh an làmh-chlì an ceart fhocal a ta ann an àiteachan eile air ’eadar-theangachadh an taobh-tuath no an àirde-tuath. ’Se am focal tha aca ann an Eirinn airson na làimhe-clìthe an tuath lamh. Duine tuaithealach, ’se sin duine ciotach no duine cearr-lamhach—nì tuaitheal, ’se sin nì tha dol cearr an aghaidh cuairt na gréine, rathad clì ’s ni h-ann deiseal. Mar so mhìnich sinn ainmeannan airdean nan speur, agus is soirbh r’a fhaicinn an tuigse agus an seadh a ta annta seach na h-ainmeannan Beurla; agus is airidh air ar smuaintean an comh-chordadh tha eadar an t-seana chànain Eabhraich agus an t-seana chànain againn féin. C. C. MEUDACHD AGUS CUDTHROM LONG-CHOGAIDH CHEUD GUNNACHA-MORA. BIDH clar-uachdrach na luinge so mu 160 troidh air fad, 50 air leud; gabhaidh i mu 60,000 troidh no 1500 tunna fiodha g’a togail 84 Tunna cainb airson siùil agus buill di; bidh aice 4 acraichean agus 4½ Tunna anns gach aon diu, agus chosdadh a’ cheithir 1660 Punnd Sasnnnach, a thuilleadh air feadhain is eutruime. Bidh 1000 fear air bord, a dh-fheumas 8800 pùnnd san latha eadar bhiadh agus dheoch, agus do réìr so gabhaidh iad còrr agus 320 Tunna airson turus-cuain 3 mìosan. Bidh 30 de ghunnacha-móra a ghabhas peileir 42 pùnnd air a clar-uachdrach; cothromaichidh gach gunna dhiu 6100 punnd no an t-iomlan diu 183,000 punnd. Air an dara clàr bidh 30 a ghabhas peileir 24 Punnd, cothromaichidh gach aon diu 5.100 punnd no an t-iomlan diu 153,000 pùnnd. Air a’ chlàr ìochdrach bidh 26. a ghabhas peileir 12 pùnnd agus cothromaichidh iad so 76,000 punnd. A thuilleadh orra so bidh 14 air a’ chlar uachdrach airson peileir 6 pùinnd agus cudthrom- [TD 126] aichidh iadsan 28,600 pùnnd; bidh mar an ceudna feadhain airson peileir 3 puinnd anns na crannagan—tha sin goirid o 200 Tunna de ghunnacha-móra air aon luing! Gabhaidh gunna a’ pheileir 42 punnd 22 pùnnd fhùdair airson gach urchuir, agus càch do réir sin; cha bu mhór ged a bhiodh 100 lòd aice airson gach gunna—bidh an so mata goirid o 200 Tunna eadar fhùdar agus pheileirean. Cha ’n eil dairireach a loisgeas i nach ’eil i a’ frasadh mu thimchioll còrr agus Tunna pheileirean, cia uamhasach r’a smuainteachadh e; cha b’ ioghnadh ged nach biodh e so-fhaotainn na sheasadh rithe. Tha sinn a nis r’a chuimhneachadh a bhàrr air na dh’ ainmich sinn cheana, gu’m bi aig gach luing dùblachadh de shiùil, de bhuill agus acfhuinn de gach seòrsa, a ghabhadh mòran ùine g’an ainmeachadh air leth; (agus nach biodh soirbh r’a dheanamh ’nuair bhios aig luing 74 gunna, 1400 ulag ’na h-acfhuinn) bidh mar an ceudna fiodh agus tèarr agus calcadh nî-nach suarach; agus bidh ann na h-airm eutrom mar tha claidhean, biodagan agus dagaichean, agus cudthrom na sgioba gu h-iomlan, ni nach beag; air chor agus nach lugha na 2, 160 Tunna a bhios aice air bord a bhàrr air a slige ’s a h-acfhuinn a tha ’n greim; agus ’na dhéigh so uile tha am meall uamhasach so air a chur taobh sam bith is miann leis an stiùradair mar nach biodh innte ach birlinn! INNLEACHDAIR. Caolas Eisdeil, 1836 BÀN-RIGHINN SEMIRAMIS. “DE na tha ’mhnathan agam uile,” arsa Righ Ninus* ri Semiramis, “is tusa ’s docha leam. Cha’n ’eil a h-aon diubh a thàla’s mo chridhe le gaol coltach riutsa—cha’n ’eil a h-aon diubh cho sgiamhach no cho màlda, agus air do shon-sa dhealaichinn riutha uile.” “Thugadh an Rìgh an aire ciod a tha e ’g ràdh,” arsa Semiramis, “ciod a theireadh e nan gabhainn-aig ’fhocal e?” “S e do bheatha” arsa Ninus; “oir fhad’s a mhealas mi fiamh do ghàire-sa tha mi caoin-shuarach mu’n t-saoghal.” “A réir a’ choltais mata,” arsa Semiramis, “nan iarrainn ort e gu’n cuireadh tu air falbh a h-uile bean a th’ agad, ’s gu’n deanadh tu mise ’nam Bhàn-righinn air Asiria.” “’Nad Bhàn-rìghinn air Asiria!” arsa Ninus, “nach ’eil thu ’d Bhàn-righinn air Asiria mar thà, am feadh is tu annsachd agus deò-ghréine an rìgh?” “Cha’n ’eil idir,” arsa Semiramis, “cha’n ’eil annam’ ach tràill air am bheil an rìgh an gaol; cha mhi idir a tha rìoghachadh, oir ma bheir mi òrdugh cha teid a chur an gniomh gus am faicear thusa.” “Tha thu ’smuainteachadh, a réir a’ choltais, gu bheil sòlas mòr fuaighte ri bhi ’rìoghachadh.” “Thà, do neach aig nach robh fios riabh ciod è.” * B’e Ninus mac Nimroid a thog Tùr Bhabeil. [TD 127] “Am bu mhath leatsa deuchainn a thoirt dà? An gabh thu m’ àite-sa car beagan làithean?” “Thoir an aire, O’ Righ! nach tairg thu tuille ’s a’ chòir,—thoir an aire nach dean thu nì d’ an gabh thu aithreachas.” “Aithreachas!” ars’ an Righ ’s e ’ga pògadh; “Tha mi rithist ag ràdh, am bu mhiann leat a bhi car aon latha a’d bhàn-righinn air Siria? Ma ’s miann tha mo làn cheadsa agad.” “Am feud mi gach ni’s àill leam a dheanamh, gun ghrabadh?” “Gach ni is àill leat, bheir mise suas dhuit, ré aon latha iomlan, m’ uile chumhachd, agus an t-slat-rìoghail òir so.” “C’uin mata?” “Am màireach, ma thoilicheas tu.” “Am màireach bitheadh e,” arsa Semiramis, ’s i leigeil a’ cinn air gualainn an Rìgh, mar gu’m b’eadh a’ toirt taing dha, agus ’s an àm cheudna ag iarraidh maitheanais airson a leanailt cho fada. Cha luaithe thainig an ath mhaduinn na ghairm Semiramis a mnathan-comhaideachd. Dh’ àithn i dhoibh a h-éideadh cho rìomhach ’s a bha ’nan comas; cha luaithe ’thubhairt na bha e deanta; thainig i gu Nìnus le crùn air a ceann, a’ deàlradh le òr, le daoimanan, ’s leis gach seòrsa de chlacha luachmhor, air a sgeudachadh mar bhain-dia! Ma bha i àillidh roimhe bu cheud àille ’nis i ann an sùilibh Nìnuis. Dh’ orduich e a thiota gach mac màthar d’a luchd-frithealaidh do’n lùchairt, agus an t-slat rìoghail a thoirt chuige. Cha luaithe thubhairt na bha e deanta. Thainig e fein an sin a steach agus Semiramis air làimh aige g’a càradh air an righ-chathair. Cho luath ’s a chunnaic na h-ofigich an rìgh thuit ìad air an aghaidh gu làr a’ deanamh aoraidh. Dh’ iarr an righ orra éiridh, agus thubhairt e riutha gu’n robh iad ri ùmhlachd agus géill a thoirt do Shemiramis, re aon latha iomlan, mar do’n righ féin; ghabh e’n sin an t-slat-rìoghail oir, agus thug e i do Shemiramis. “A Bhan-rìghinn” ars’ esan, “gabh so, is comharradh air cumhachd rìoghail e, cuir do chumhachd a nis an céill—dean na’s âill leat, cha’n eil neach an so nach ’eil ’nad chomas—is tràillean dhuit gu léir iad; air son an righ dhe cha’n ’eil ann, fad aon latha, ach do ghille-coise.” Ma tha mac màthar ann an rìoghachd Asiria a bheir eas-umhlachd do d’ òrdugh, buin ris mar ’thoilicheas tu—dìreach mar gu’n tugteadh eas-umhlachd do’n righ”! Air dha so a ràdh thuit e sìos air a ghlùinibh, a’ deanamh ùmhlachd do Shemiramis. Shìn ise, le fiamh-ghàire a’ làmh dha agus phòg e i. Thainig an sin na cùirtearan, ’s na buirdeisich, a lìon fear a’s fear, gach aon a’ toirt a mhionn gu’m biodh e dìleas do’n Bhàn-righinn fad aon latha. Nuair a bha’n ùpraid thairis mhol Ninus a Bhàn-righinn agus dh’ fharraid e dhi cia mar thachair e gu’n do ghiùlain sî i féin cho stòlda, ’s nach d’ rinn i uiread a’s fiamh-ghàire fad na h-ùine? Am feadh a bha iadsan a’ toirt am mionn làn-ùmhlachd a thoirt di bha inntinn Semiramis a’ ruith air cìod an ni ’chuireadh i m’ an coinneamh a dheanamh. “Cha’n ’eil àrd-chumhachd agam” ars’ ise “ach car aon latha agus tha mì ’cur romham buil mhath a dheanamh dhe.” Rinn an rìgh gàire, cha robh Semiramis riamh cho sgiamhach ’na shùilibh. “Faiceamaid,” ars’ esan, ciamar a sheasas tu àite an [TD 128] righ. Ciod ’an ceud òrdugh a bheir thu seachad?” “Thigeadh àrd-chomhairliche an righ an so!” arsa Semiramis le guth oscarra. A thiota bhan’ t-àrd-chomhairliche san làthair, le dithis fhear-comhaideachd. “Sgrìobh!” arsa Semiramis, “Thugadh uachdaran caisteal-dìdein Bhabiloin suas a chomannda do’n neach a liùbhras so dha, ar neo ’s bàs da a thiota. Fill suas an t-òrdugh so; seulaich e le seula an rìgh agus cuìr a’m làimh-s’ e. “Sgrìobh a rithist! Thugadh fear riaghlaidh nan seirbhiseach suas a chommanda do’n neach a liùbhras so, ar neo ’s bàs da a thiota—Fill suas e, seulaich e le seula an rìgh, agus thoir a’m làimh-s’ e. Sgrìobh a rithist! Thugadh seanalair an airm a tha sa’ chàmpa fuidh bhallacha Bhabiloin suas a chomannda do’n neach a liùbhras so, ar neo ’s bàs a thiota dha e.”—Fill suas, seulaich agus cuir a’m làimh-sa ’n t’ òrdugh sin.” ’Nuair a bha so seachad, chuir i na trì litrichean ’na broilleach. Ghlac uamhunn gach neach a bha san lùchairt, agus cha robh an rìgh féin gun ioghnadh air. “Cluinnibh!” arsa Semiramis. “An ceann dà uair an uaireadair thigeadh a h-uile neach, agus stàta a bhuineas do’n lùchairt le tiodhlac do m’ ionnsuidh mar is cubhaidh ’nuair theid rìgh ùr a chrùnadh, agus rachadh fleagh mhòr ullachadh airson an fheasgair.—A nis, gach neach mu chùl a ghnothaich! Na fuirgheadh neach ach mo sheirbhiseach dìleas Nìnus. Tha agam ri mo chomhairle ’chur ris-san mu ghnothaichean na rìoghachd.” ’Nuair chaidh iad uile mach. “Tha thu ’faicinn a nis,” arsa Semiramis “cho math ’s a dhiongas mi m’ âite.” Rinn Nìnus gàire. “Mo bhàn-rìghinn àluinn,” ars’ esan, “tha thu ’diongadh t’ àite cho math, ’s gu bheil thu ’cur iongantais orm. Ach, mur mì-mhodhail do d’sheirbhiseach fharraid, ciod tha thu ’dol a dheanamh ris na h-òrduighean a dh’ àithn thu ’sgrìobhadh agus a sheulachadh?” “Cha bu bhàn-rìghinn mi nam biodh mar fhiachabh orm freagairt airson ma ghnìomharra. Ach o’n a dh’ fharraid thu e, tha ’mhiann orm mi féin a dhìoladh air na trì oifigich.” “A dhìoladh! c’arson ag dioghaltas?” “Innsidh mi sin. Cha’n ’eil aig ceannard a’ chaisteil ach aon sùil, ’s cha’n eil uair a thachras e orm nach cuir a eagal orm. Tha gràin mo chridhe agam air ceannard nan seirbhiseach, a chionn gu’m bi e ’maoigheadh maighdeannan is maisiche na mise ’chur chugadsa; agus seanalair an airm, tha esan a’ faotainn tuille ’s a’ choir de d’ chomunn-sa. Cha’n fhaighear a latha no ’dh-oidhche thu ach anns a’ chàmp.” “Ro-mhath, ro-mhath,” arsa Nìnus, agus e gàireachdaich. “’s gasd’ an riasan sin.” Thainig a nis na stàtacha ’s na h-urracha a steach, ’s gach fear agus tiodhlac aige ’chum na bàn-righinn. Thug cuid dhi clacha luachmhor, cuid eile blàithean agus measan, ach na tràillean aig nach robh dad r’a thabhairt cha d’ thug ìad seachad ach ùmhlachd. B’ ann diu so triùir bhràithrean a thainig le Semiramis o Chaucasus, agus a shàbhail a mnathan-comhaideachd o thigeir. ’Nuair thainig iadsan dlù do’n rìgh-chathair, ars’ ise, “Am bheil tiodhlac idir agaibhse d’ ur bàn-rìghinn?” “Cha’n eil agamsa,” ars’ an ceud fhear, O bhàn-righinn! ach mo bheatha ’chum do dhìon.” [TD 129] “Cha’n eil agamsa,” ars’ an dara fear “ach mo chlaidheamh, a mharbhadh do naimhdean.” “Cha ’n eil agamsa,” ars’ an treas fear, “ach an ùmhlachd agus an t-urram air an airidh do làthaireachd.” “A thràillean” arsa Semiramis, “Is sibhse ’thug chugam na tiodhlacan a’s luachmhoire na càch uile, agus cha di-chuimhnich mise e. Thusa ’thairg do chlaidheamh gu m’ dhìon, thoir an litir so gu seanalair an airm, feuch ciod a ni e air do shon. Thusa ’thairg do bheatha leagadh sios ’n am aobhar, thoir an litir so gu ceannard a’ chaisteil, feuch ciod a ni e air do shon. Thusa ’thairg dhomh an ùmhlachd agus an t-urram a bhuineas do m’ làthaireachd, thoir an litir so gu ceannard nan seirbhiseach no luchd-frithealaidh na lùchairt, feuch ciod a ni e air do shon.” Cha robh Semiramis riabh cho àluinn agus cho rùnach a’m beachd Ninuis ’s a bha i ’nis. Thainig fear d’a luchd-comhaideachd a steach agus o nach d’rinn e’n graide rud faoin air chor eigin a dh’ àithn i dha, dh’ orduich i’n ceann a sguidseadh dheth; cha luaithe ’thubhairt na bha e deanta! Cha do chuir so smuairein air Ninus, lean e féin ’s i féin air seanachas gus an robh a’ chuirm deas. B’ i sin a’ chuirm a bha sòghail, ròiceil, cosgail! Nuair thainig Semiramis do’n t-seòmar mhór, thug fear de na seirbhisich dhi air trìnseir ceann a’ chullaich, no a’ chaillteanaich eas-umhail. “Ro mhath” ars’ ise, “cuir air ruinn bior iaruinn e ann an cùirt na lùchaìrt, far am faicear e, agus seas làmh ris ag éigheach ris gach neach a theid seachad, ‘Bha’n duine leis am bu leis an ceann so beò trì uairean roimhe so, ach a chionn nach-d’thug e làn-ùmhlachd do dh-àithne na Bàn-righinn chaidh a cheann a sgaradh o’ choluinn.’” Bha ’nis am bòrd air a chuibhrinneachadh, ’s gach nì deas, shuidhich Semiramis na maithean an aghaidh gach riaghailt a chunnacas riamh roimhe; chuir i Ninus aig casaibh a bhùird, cha d’ rinn Ninus ach gàire ris a so, ni, ’nuair chunnaic càch shuidh iad sìos gach aon far an d’ iarr i air. Chuir i ’nan suidhe làmh rithe féin an triùir bhràithrean bochd á Caucasus. “An d’ rinn na ceannardan” ars’ ise “mar dh’orduich mi dhoibh?” “Rinn, O Bhànrìghinn!” ars’ an triùir bhràithrean. Thug an t-ard ghille-buird a’ cheud mhias do’n Righ mar bha ’chleachdadh aige, ach nuair chunnaic Semiramis so dh’orduich i a thiota a sgiùrsadh! ’Nuair bha ’chuìrm mhór a nis dlù air bhi thairis, dh’eirich Semiramis, agus ars’ ìse, le guth oscara,—“A mhaithibh, agus ’uaislibh! Tha aon stàta s a’ chomunn nach d’thug tiodhlac a chum na Bàn-righinn an diugh.” “Có esan?” arsa Ninus, ’s e fàs gruamach, “’s éigin peanas a thoirt as.” “S tusa féin, a Ninuis, an ceart duine, ciod an tìodhlac a thug thusa do’n Bhànrighinn an diugh?” Dh’éirich Ninus o’n bhòrd, ’s chaidh e chum na Bànrighinn, a chur cagar ’na cluais. “Faicibh” ars’ ise “aon d’a h-ìochdarain a’ cur tàmailt air a’ Bhànrighinn!” “Tha mi air mo ghlùinibh ag iarraidh maitheanais ort a Bhànrighinn àluinn,” ars’ an rìgh, “thoir maitheanas domh; agus” ars’ esan ann an guth ìosal, “b’ fhèarr leam gu’n robh crìoch air a’ ghnothach so.” [TD 130] “Ciod?” ars’ ise, “am b’ àill leat gu’m biodh crìoch cheana air mo rìoghachd? Ach cha’n eil, tha dà uair an uaireadair gun ruith do m’ ùine fathast, agus tha mi ’cur romham buil mhath a dheanamh dhiu. Eirich” ars’ ise ri Ninus, “cha’n eil maitheanas air do shon; dean deas airson bàis!” “A bhean aimlisgeach,” arsa Ninus, ’s e fathast air a ghlùinibh—“ach cha’n fhada ’mhaireas so, tha do thoil féin agadsa ’n diugh ’s bidh i agamsa ’màireach.” “Cha bhi corruich ort, tha dòchas agam,” ars’ ise, ann an leth-chagar, “ged bheir mi aon ordugh eile seachad.” “Cha bhì” ars’ esan. “A chaillteanaich,” ars’ ise le àrd-ghuth,” deanaibh greim air an duine so, eadhon air Ninus!” Rinn Ninus fiamh ghàire ’s leig e leò greim a dheanamh air. “Thugaibh a mach do’n chùirt e” ars’ ise, “biodh gach nì deas, agus fanaibh gus an toir mise ordugh dhuibh.” Thuirt i’n sin ris an triùir bhràithrean bochda ann an cagar, “gach fear g’a phost.” “A Bhànrighinn àluinn,” arsa Ninus le fiamh-ghàire, tha’n latha tighin gu crìch, ’s tha earbs’ agam gu’n cuir thu crìoch mhath air,” agus esan ’an dùil fad na h-ùine nach robh i ach ri fala-dhà. “Tha ’mhiann orm sin a dheanamh,” arsa Semiramis; “’Illean, ’sguidsibh an ceann deth,” Mum buileach a bha’m focal as a beul thug ceann an rìgh glag air an t-sràid! bha ’m buille cho grad ’s gu’m faicte fiamh a’ ghàire fathast air a ghnùis! “A nis,” arsa Semiramis, “is mise bànrighinn Asiria; agus firionn no bainionn nach dean mar dh’iarras mise, theid a cheann a’ cheart rathad a chaidh ceann a chailteanaich eas-umhail, agus ceann an rìgh!” ’Sin agaibh, a Theachdaire, sgeul a thachair o chionn mu thuaiream trì mìle bliadhna! Theagamh gu’n abair cuid de mhnathan na Gaeltachd nach ’eil ann ach spleódhraich. Cha’n ’eil a fhreagairt agam ach “ma’s a breug uam e ’s breug chugam e.” Tha fios aig an t-saoghal gu’m b’i Semiramis a a rinn Babilon ’na bhaile cho barraichte mhòr ged rinn Nebuchadnesar a dhà uiread ’s a rinn ise. Air mo shon féin deth tha mi ’n amharus gu’m bu Bhana-Ghael Semiramis; bhuineadh i do na beannta móra ris an abrar Caucasus. Tha Herodotus, neach a sgrìobh 400 bliadhna roimh theachd Chrìosd, ag ìnnseadh mu bhlàr fuileachdach a thugadh air na sléibhtibh sin, agus is ann uaithe so a theirear Caucasus no cath-uca riutha. Tha mnathan ’san dùthaich sin a dheanadh an ni ceudna an diugh, agus mur biodh an soisgeul, againne theagamh nach b’ fhèarr sinn na iadsan. MACTALLA. Ceud mhìos an t-Samhraidh, 1836. [Chaidh no leanas air an ath dhuilleig a thoirt o Eadar-theangachadh (nach ’eil fathast crìoch- naichte) air leabhar àraidh sam bheil Gràs agus Fìrinn no Glòir agus Lànachd an Fhir-shaoraidh air am foillseachadh o Shamhlaidhibh an t-Seann-Tiomnaidh, agus gheibhear bladh gach Caibdeil de ann am briathraibh aithghearr o mhìos gu mìos anns an Teachdaire.] [TD 131] I. AN CEUD ’S AN DARA ADHAMH. ’NUAIR dhearc an Cruithear air tùs air na nèamhan a’ deàlradh ’nan uile ghlòir, agus air an talamh, ait ’na àilleachh féin, bha iasg san fhairge, eunlaith san athar, agus ainmhidhean sa’ mhachair; ach cha robh bith aig creutair reusonda, is iomchuidh araon chum riaghladh thairis air oibribh eile a’ chruthachaidh, agus conaltradh a chumail r’a Chruithear. “Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn agus shéid e ann an cuinneinibh a shròine anail na beatha; agus dh’ fhàs an duine ’na anam beò.” Gin. ii. 7. ’S iad so briathran Mhaois, agus tha sinn a rithist a’ fiosrachadh o Phòl gu’n robh an ceud duine d’am b’ainm Adhamh, “’na shamhladh air an Ti ud a bha ri teachd.” Rom. v. 14. A nis gabhamaid beachd air na cùisibh sin sam bheil samhladh aig a’ cheud ris an dara Adhamh, agus cha deacair an toirt fa’near, co dhiù a bheachdaichear air Adhamh mar an ceud duine, an ceud athair, no’n ceud cheann-cùmhnanta; agus mosgladh ar smaointean mu’n Tì ghlòrmhor ud a sgaoileadh amach cho trà—agus ar n-ioghnadh mu dhoimhneachd roimh-eòlais Dhé a dh’ orduich cùisean air sheòl ’s gu’m biodh eachdraidh a’ cheud duine a bha o’n talamh, mar fhàisneachd air an dara duine an Tighearna o nèamh. An toiseach, a thaobh cruthachaidh ar ceud sinnsir; b’e Adhamh an ceud duine ann an saoghal nàduir, ’s air dha bhi air a dhealbh o’n duslach le làimh a’ Chruitheir féin, bha e gun athair ’s gun mhàthair, a gus ann an seadh sònruichte goirear dhe Mac Dhé. Luc. iii. 38. Bu chreutair nuadh e, aig nach robh coimeas no ionann’ an oibribh faicsinneach Dhé, oir bha ’phearsa, a tha co-sheasamh do chorp faicsinneach ’s do dh-anam neo-fhaicsinneach, air a dealbh a réir ìomhaigh Dhé, a tha gu h-àraidh a’ co-sheasamh ann an eòlas, ann am fireantachd agus ann an naomhachd. Anis nach soilleir gur h-e Criosd, an dara Adhamh, an ceud-ghin am measg móran bhràithrean ann an saoghal nan gràs, air dhà bhi gun athair mar dhuine—gun mhàthair mar Dhia. Dhealbhadh a chorp (cha b’ann o’n duslach ach ann an dòigh cho mhìorbhuileach) agus cho luath ’s a dh’ aonadh anam reusonda ris am broinn na h-Oighe, ghabhadh le chéil’ iad o’n cheart àm sin an aonachd ri pearsa dhiadhaidh a’ Mhic; agus gu h-iomchuidh ghoireadh do’n nì naomh sin a rugadh leatha, Mac Dhé. Luc. i. 35, an “nì nuadh a chruthaicheadh air an talamh.” Ier. xxxi. 22. Cha’n fhaod naoimh no aingil coslas ris an Diadhachd agairt mar dh’fhaodas an duine Iosa Criosd, oir có de na h-ainglibh do’n do ghoireadh deàlradh glòir an Athar agus fìor-ìomhaigh a phearsa? no ris an d’thubhairt an t-Athair uair air bith, “Is tù mo Mhac-sa, an diugh ghin mi thu?” Eabh. i. 3. 5. Dh’ fhaodadh samhladh a bhi aig Adhamh ris a’ Chruithear mar th’ aig an ìomhaigh air a’ chùinne ris an rìgh air a’ chathair, ach tha coslas Iosa ri Dia mar an samhladh a th’ aig oighre ’chruin r’a athair rìoghail air dhà bhi araon cosmhuil ris agus de’n aon nàdur agus de’n aona ghnè, agus ged thig gach samhladh ro ghèarr air pearsa Im- [TD 132] manueil a làn-sgaoileadh a mach, theagamh gur h-e dlù-cheangal anama ’s cuirp Adhaimh an samhladh a ’s soilleire air cùis cho dìomhair, agus tha ’n Spiorad Naomh féin ’g a thoirt so fa’near san Tiomnadh Nuadh ’nuair ghoirear leis an fheòil d’a dhaonnachd agus an spiorad d’a dhiadhachd. San fheòil dh’ fhoillsicheadh e—san spiorad dh’ fhìrinnicheadh e. 1 Tim. iii. 16. San fheóil bha e air a chur gu bàs; agus tre ’n spiorad bha e air a bheothachadh. 1 Pead. iii. 18. O’n a b’e Adhamh a’ cheud duine chruthaich Dia, mar sin b’e ceud-athair nan uile dhaoin’ e, a tha air am breth ’na ìomhaigh mar tha iad a’ teachd do’n t-saoghal nàdurra ’s a’ tarruing anail na beatha, agus is amhuil sin a tha gach aon a tha ’teachd do shaoghal nan gràs a’ tarruing am beatha spioradail o Iosa Criosd an t-Athair sìorruidh; tha iad a’ giùlan ’ìomhaigh agus is ann air a dh’ainmichear an teaghlach uile air nèamh agus air talamh. 1 Cor. xv. 48.; Eph. iii. 15. Ach ged is e Adhamh ceud-athair a’ chinne dhaonna, cha’n è athair gach linn; ach is e Criosd fìor-athair a naomh gu léir, a tha ’s gach linn a’ faotainn uaithe solus na beatha, mar tha ’ghealach ’s na reultan o’n ghréin. Rinneadh an ceud Adhamh ’na anam beò chum beatha nàdurra thoirt dhoibhsan nach d’ fhuair i; ach rinneadh an dara Adhamh ’na spiorad a bheothaicheas, chum ’s gu’n tugadh e beatha dhoibhsan a chaill i, agus a chum an cuirp bhàsmhor a bheothachadh aig ais-eirigh nam fìrean. Oir mar ann an Adhamh a ta na h-uile a’ faghail a’ bhais is amhuil sin a nithear na h-uile beò ann an Criosd. A rithist b’e Adhamh ceud righ an t-saoghail, oir rinn Dia e beagan ni b’ ìsle na na h-aingil, agus chrùn se e le glòir agus le h-urram, chuir e gach nì fo ’chosaibh, caoraich agus buar agus ainmhidhean na machrach; eunlaith nan speur agus iasg na mara a shiùbhlas air slighibh nan cuan, Salm viii. 5–8. Ach bu diombuan an uachdaranachd so a bh’ aig rìgh na talmhainn, oir “air dha bhi ’an urram cha do mhair e.” Ach ann am pearsa Chriosd, a tha ’na Dhia agus ’na dhuine, tha ’n ceud thighearnas a bhuineadh do’n duine air a làn aiseag, oir rinneadh c ’na cheann thar nan uile nithe do’n eaglais anns na h-ardaibh agus anns na doimhneachdaibh.” Ged a b’ fharsuing uachdaranachd Adhaimh cha robh i uile-choitcheann, ach tha rìoghachd Chriosd a’ riaghladh thar nan uile nithe agus “air fàs ’uachdaranachd agus air a shìth cha tig crìoch.” Is. ix. 7. Bheir sinn a nis fa’near pòsadh ar ceud athar. Chunnaic Dia nach robh e math gu’m biodh an duine ’na aonar; agus thilg se ’n tróm-chadal e, dh’ fhosgail e ’thaobh, thug e aisinn as; agus dhealbh e bean uaithe—dhùin e ’n lot; agus air do ’n duine dùsgadh, dh’ aidich e ’n tiodhlac ro phrìseil so a bhi ’na cnàimh d’ a chnàmhaibh agus ’na feòil d’a fheòil. Air an aobhar sin, arsa Maois, fàgaidh fear ’athair agus a mhàthair agus dlù-leanaidh se r’a mhnaoi. A nis is eachdraidh fhìor so; ach tha’n t-Abstol ag ràdh gu ’m bheil na briathran air an labhairt mu Chriosd agus m’an eaglais, Eph. v. 32. agus thugamaid so fa’near. Dheònaich an dara Adhamh dol gu cadal a’ bhàis chum bith agus beatha thoirt d’a chéile ghràdhaich an eaglais a’s màthair dhoibhsan a ta da rìreadh beò. Cha b’ ann le h-aois no le h-euslaint a thilgeadh ’an cadal a’ [TD 133] bhàis e, ach le ’dheòin féin, agus a réir roimh-eòlais agus rùin shuidhichte Dhé. Dh’ fhosgladh a thaobh le sleagh agus o’n lot ruidh uisg’ agus fuil, “chum ’s gu’n cuireadh e ’na làthair féin eaglais ghlòrmhor, gun smal gun phreasadh, gun nì air bith d’an leithidibh sin.” Eph. v. 29. ’Nuair dhùisg e o phràmh na h-uaighe leighiseadh a lotan agus nochd se e féin mar ghaisgeach buadhar, chunnaic e do shaothair ’anama agus bha e toilichte. Dh’ aidich e ’n dàimh a bh’ eadar e féin ’s an eaglais, agus ghabh se i ’an ceangal-pòsaidh siorruidh, ach b’ fhuileachdach ’s bu daor i do’n Fhear-shaoraidh ghràsmhor, ach bha ’ghradh dhi gun choimeas ’nuair dh’ fhàg e ’Athair air nèamh agus a mhàthair air thalamh agus dhlù-lean e r’a chéile neo-airidh. Dh’ fhàg e’n eaglais Iudhach san do thogadh e chum ’s gu’n dlù-leanadh e ris an eaglais Chinnich a bha ri bhi air a tional o mheasg gach sluaigh. San aite mu dheireadh, b’e Adhamh an ceud cheann-cùmhnanta sheas ’an ionad a’ chinne-dhaonna, agus tha chuis so comharraichte ann an iomadh earrann do’n sgriobtur; agus mun do liùbhradh an lagh do Mhaois is cinnteach gu’n d’thugadh lagh do dh-Adhamh, do bhrìgh gu’n do rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, agus dh’ fheumadh gu’m biodh lagh ann tre ’n d’ rinn am bàs so rìoghachadh, oir cha chuirear peacadh á leth duine far nach ’eil lagh, Rom. v. 13. Bha’n lagh ann mata mun d’ fhuaimeadh e o Shinai, eadhon lagh nan oibre anns an robh Adhamh ri seasamh air a shon féin agus airson a shliochd, ach tha fios againn air an ni mhuladach sin a thachair. “Ach mar tre easumhlachd aon duine a rinneadh móran ’nam peacaich, is amhuil sin tre ùmhlachd aon duine, a nithear móran ’nam fireanaibh.” Rom. v. 19. Thug an ceud Adhamh eas-umhlachd do’n reachd a b’ eutruime, ach thug an dara Adhamh ùmhlachd do’n àithne bu chruaidhe. Air do’n cheud Adhamh a bhi ’na dhuine, mhiannaich e bhi mar Dhia; air do’n dara Adhamh a bhi ’na Dhia fhuaradh e an cruth mar dhuine. Thug an diabhul ionnsuidh air a’ cheud Adhamh sa’ ghàradh agus thug e buaidh air; thug e ionnsuidh air an dara Adhamh san fhàsach ach cha d’ thug e buaidh, ’Nuair bhris Adhamh aon àithne bha e ciontach do’n iomlan; ach air do’n dara Adhamh an lagh a choimhead uile dh’ardaich se e agus chuir e urram air. Cho luath ’s a tha sinne teachd do’n t-saoghal mar chloinn do Adhamh, tre ghineamhuinn nàdurra, tha sinn a’ bàsachadh airson peacaidh nach b’urrainn sinn a chur an gniomh; ach cho luath ’s a tha sinn a’ teachd gu bhi nar cloinn do Chriosd tre ath-ghineamhuinn tha sinn beò tre fhìreantachd nach bu chomasach sinn féin oibreachadh amach. Ann an Adhamh tha sinn air ar dìteadh airson aona pheacaidh, ach ann an Criosd tha sinn air ar fireanachadh o lochdaibh gun àireamh. Sa’ cheud leabhar do’n Bhìobull chì sinn cho neo-chomasach ’s a bha’n ceud Adhamh air beatha ’s air sonas aiseag d’a shliochd, agus mar a dh’ fhògradh e féin o chraoibh na beatha; ach, san earrainn mu dheireadh do’n leabhar naomh, tha sealladh againn air an dara Adhamh ’an ionad ni’s glòrmhoire na ’n gàradh sona, agus e’ cur an céill, “Do’n ti a bhuadhaicheas bheir mise r’a itheadh do chraoibh na beatha a tha ann am meadhon phàrrais Dé.” Taisb. ii. 7. [TD 134] Gu ma beannaichte gu’n robh ainm ar Dé, a chionn gu’n deachaidh an ni sin a chaill an ceud Adhamh a làn-aiseag dhuinn leis an dara Adhamh; oir mar ann an Adhamh a rìoghaich am peacadh chum bàis, mar sin rìoghaich gràs tre fhìreantachd chum na beatha maireannaich, tre Iosa Criosd ar Tighearna. Rom. v. 21, a thainig cha’n e ’mhàin chum ’s gu’m biodh beatha againn ach “a chum ’s gu’m biodh i againn ni bu phailte.” Eoin x. 10. A. M. An Calbh Muileach. Gheibhear eachdraidh Noaih a réir ’s mar a bha e ’na Shamhladh air an t-Slànuighear, air an ath mhìos. NAIMHDEAN NA H-EAGLAIS. A Theachdaire Ghaolaich. Tha e a’ fadadh tomhas nach gann de shòlas ann am chridhe bhi cluinntinn gu bheil an Teachdair a’ soirbheachadh, agus gu bheil a chairdean dìleas a’ sìor dhol ’an lìonmhorachd. Tha làn chinnt agaibhse nach ’eil sinne ’faicinn phaipeirean-naidheachd anns na cearnaibh iomallach so, agus ge do bhiodh iad air an leughadh dhuinn is ro ainneamh iad ’nar measg a thuigeadh lide dhiubh. Air an aobhar sin bhiodh e anabarrach sòlasach leinne gu’n tugadh sibhse dhuinn o àm gu àm cùnntas soilleir aithghearr mu na gnothaichean cudthromach tha dol air an aghart anns an rìoghachd—air mhodh sònruichte san Eaglais. Ma chreideas sibh mise, cha ’n eil e chum buannachd sam bith do luchd-àiteachaidh nam beann a bhi lionadh duilleagan an Teachdaire le duanagan air an eadar-theangachadh o ’n Bheurla. Tha gu leòir againn do dh-òrain is blasda agus is mìne na duanag eadar-theangaichte a nochd a gnùis reasgach Shasunnach riamh air taobh duilleige. Thugaibh dhuinne nithe a sgapas air falbh an tiugh-dhorchadas tha ag iadhadh mu’r tuigse agus cha ’n iad nithe dh’ fheudas diogailte dhùsgadh agus an càirein a rùsgadh, ach nach toir lòn do’n inntinn air am feud beò chìocras a bhi an geall air eòlas tarbhach. Chuala sinne le mór chràdh-cridhe agus le h-ioghnadh, gu bheil buidheann lìonmhor, gharg, ghuineideach do mhinisteirean anns an taobh deas, air dol ann an co-bhoinn, gu’n do chuir iad iad fèin fo mhionnachadh agus fo mhallachadh, nach toir iad cadal d’ an sùilibh no clò-chadal d’ an rosgaibh, gus an tilg iad bun os-ceann gach clach agus maide ann an eaglais na h-Alba—gus an saltair iad le’n casaibh air a turaidean arda, air a ballachan naomha, agus air a lùchairtean uasal—gus an glan-spùinn iad i dhe ’n oighreachd bhig a dh’ fhàgadh aice leis na daoine naomha, urramach, a dhóirt gach braon do fhuil an cridheachan caomha chum a togail, o chionn dà cheud bliadhna. A réir an sgeòil a chuala sinne, tha na daoine so a’ bruadar gu bheil e peacach mi-reusonta, agus calg-dhìreach an aghaidh a’ Bhìobuill gu’m biodh eaglais sam bith air a cumail suas le uachdarain na rìoghachd—gur i eaglais na [TD 135] h-Alba a’ bhan-strìopach mhór tha air a h-ainmachadh ann an leabhar an Taisbeanaidh, a rinn strìopachas ri rìghrean na talmhainn, agus tha air mhisg le fuil nan naomh. O! na h-innsibh e ann an Gat, na deanaibh luaidh air ann an sràidibh Asceloin, &c.—Am bheil fios ciod a’ chearna do’n speur as ’n do bhoillsg an t-sradag choimheach so air claon shùilibh prabach nan creachadairean an-iochdar so? O! a Wichliff fhirinnich, a Hamilton naoimh, a Chramer dhìlis, a Luther thréin, a Chalbhin gheur-sheallaich, a Mhelbhil fhoghluimte, agus thusa, Iain Knox, a leómhainn ghaisgeil, nach d’ thug aoidheachd riamh ann ad chridhe mór do cheilg no do gheilt! Ciod an druidheachd a luidh oirbhse, a chòmhlain euchdaich—ciod an ceò doilleir a chòmhdaich bhur sùilean, an uair, an déigh dhuibh am Bìobull a rannsachadh, le urnuigh dhùrachdaich le dealas naomha, agus le ard fhoghlum, nach fhaca, nach do thuig, agus nach do mhothaich sibh riamh, gu bheil e ciontach, eucorach, mireusanta, do’n rìgh a ghnùis a thoirt do dh-eaglais Chriosd air thalamh—a chumhachd a chleachdadh a chum an soisgeul bhi air a shearmonachadh, gun airgiod agus gun òr, do na bochdan, do da doill, do na crioplaich, agus do na truaghain, a chum gu’m biodh an dall air a shoillseachadh, an t-anfhann air a neartachadh, an tràill air a shaoradh, agus na caoraich tha air seacharan air beanntaibh doilleir an diomhanais, agus tha ’n cunnart bhi air an reubadh as a chéile le sionnaich fhuilteach na h-ifrinn, a philleadh a dh’ ionnsuidh a’ chrò aig am faigh iad ionaltradh sultmhor? Ma cheadaicheas an t Ard-riaghlair do ’na spùinneadairean cruaidh-chridheach so an rùintean puinnseanta ’chur an gniomh, agus Sion a ghràidh a shaltairt fo’n casaibh neo-ionnlaidte, O! ciod a dh’éireas dhuitse a dhùthaich bhochd nam beann?—a dhùthaich mo dhùchais—a dhùthaich mo leanabais—a dhùthaich mo ghaoil, mo shinnsearachd, agus m’ aoibhneis—anns an d’ fhosgail mi an tùs Litir-dhìlib mo Shlànuigheir—anns an cuala mi an toiseach an fhuaim tha aoibhneach ait, agus air am bheil grian an àidh a’ deàrsadh an diugh le neart agus le soillse nach ’eil coitchionn ann an Eilean Bhreatunn? O! ciod an sgal goirt—a’ ghaoir mhuladach—am fàsgadh-dhòrn, agus an cràdh-cridhe, bhitheas r’a fhaicinn agus r’a chluinntinn ann ad ghleanntaibh uaigneach, agus air do shraithibh uaine, an uair anns an dean na creachadairean farmadach so buaidh chaithream os do cheann, agus an abair iad mar thubhairt muinntir o shean, Aha, Aha, thug sinn buaidh! O! is e sin an latha tha duibh-nialach, an latha tha sgalach, an là anns am faicear na deòir ’nan tuiltean a’ ruith le gruaidhean do mhac aosmhor, an latha anns an taisbean gnùis t’òigridh chalma shubhailcich tomhas do dhubhachas nach do luidh riamh roimhe orra; an latha bhitheas dhuitse mìle uair nas cianaile, agus nas sgriosaile, na ged shéideadh anail chruaidh reòta Greenland, fad na h-oidhche, ann am mìos meadhonach an fhogharaidh, air t’ achaibh bhòidheach fo’n làn déis! Ach cha do chaill sinn idir ar misneach, cha do mheataich ar cridheachan fhathast. Tha Ceannard mór ar Sioin làn chomasach air comhairlean Ahitopheil a thiunndadh gu amaideachd, agus air an dòchas baoth a thur-mhealladh. Tha ar cairdean mu dheas lìonmhor, fòghluimte agus gaisgeil, agus tha mo chridhe a’ dannsadh le aoibhneas [TD 136] do bhrìgh gu’n do chuir iad umpa an armachd—gu bheil iad fo shàr cheannardan—gu bheil am freiceadain dìleas ri faire, agus gu bheil iad a’ togail suas ballachan an teampuill leis an dara làimh, agus a’ cumail air falbh an naimhdean leis an làimh eile. Is duilich leam nach eil e comasach dhuinne cómhnadh a dheanamh leò anns an t-seadh so. Ach feudaidh sibhse innseadh do ’r cairdean gràdhach ann an Glascho, air mhodh sònruichte do Thormaid Og, do Sheumas Gibson, do Raibart Buchannan, ma thig an là sin mu’n cuairt a chaoidh anns an éigin duinn uile éiridh a dhìon ar sochairean, gu bheil dà cheud mìle gaisgeach treun ann an tìr Oisein, tha air an cospagan gu dol san strìgh, le ’n cridheachan calma, le ’n claidhean móra lìomhte, le ’m biodagan beura, le ’m boineidean gorma, le’n éile cuaicheanach, agus le’n osain bhalla-bhreac, a théid cho deòthasach ri uchd an nàimdean ’s a chruinnich ar seanairean aig ceann Loch Seile, mu’n cuairt air brataichean sìoda Thearlaich a’ srannraich mu’n cluasan! Air leam gu bheil mi a’ dearcadh air na gaisgich lùth-chleasach so air an cruinneachadh air aon dail, fo’n airm agus fo’n éideadh dhùchasach, cliath-luth nam bas chrann spòrsail a’ stròiceadh fàilte ’Phrionnsa ’nan éisdeachd—an sùilean a’ fàs colgach, an gairdeanan neartmhor an rithe, claidheamh lannrach a’ chinn-Ilich ’nan glacaibh turcaiseach, agus ìota falanach air gach cridhe ’nam measg. Air leam gu bheil mi ’gam faicinn a sgioblachadh an éilidh, agus ’gan cluinntinn a’ togail ard-iolach, agus a’ maomadh air an nàimhdean mar mhaoim-sléibhe aig am bheil fuaim tairneinich, a tha ’g iomain roimhe gach clach is maide ’thàrlas a bhi san t-slighe! A nis a Theachdaire, tha mi a’ rùnachadh an trómpaid a shéideadh gu h-ard, agus caismachd shoilleir a thoirt do m’ luchd-dùthcha mu’n chùis so, a chum nach bi iad nas fhaide air am mealladh leis an dream a dh’ éirich an aghaidh eaglais na h-Alba. Tha cuid dhiubh so a’ dol mu’n cuairt ’nar measg-ne ’nan ruagalaichean miodalach, a’ gabhail orra gur e ar math tha aca san amharc, a’ faotainn aoidheachd uainn gu cridheil, agus air a’ cheart àm a’ sealgaireachd oirnn, agus ag iarraidh ar tarruing air falbh o’n eaglais sin tha ni’s gràdhaiche leinn na fuil ar cridheachan. Biodh e aithnichte dhuibhse air fad, a luchd-àiteachaidh nam beann, an uair a chì sibh fear ’an t-seòrsa so ’dol mu’n cuairt gu bheil e air a chur a mach le buidhinn tha ri spàirn gach latha chum bhur n-eaglais a sgrios. Cha’n eil teagamh nach bi e sìbhalta car tamuill ’nur measg, ach thugaibh an aire, leigibh leis searmonachadh do na cnuic, na tugaibh bhur gnùis dha. Ach s’ éiginn domh ìnnseadh dhuibh nach ’eil na Baistich do’n t-seòrsa so, ni mò tha na Methodists dhiubh—cha do thog iad so an guth an aghaidh eaglais na h-Alba. A nis, a Theachdaire, ma tha mise ’mearachd anns na nithibh a’ labhair mi, cuiribh ceart mi, oir cha’n eil mi ach aineolach. Ma bheir sibh àite do’n litir so anns an ath Theachdaire, bidh mi fada ’nur comaine, agus feudaidh e bhi gu’n cluinn sibh uam an ùine ghearr—Slàn leibh! Is mise bhur seirbhiseach dileas AILEIN NA BEINNE. AIRD-AN-TIOBAIRT, Mios deireannach an earraich, 1836. [TD 137] CUMHADH DHAIBHIDH OS CEANN SHAUIL AGUS IONATAIN. 2 Sam. 1. 19—27. O! tionnsgain m’ fhonn le tùrsa tróm gu luaidh, Oir thuit an Rìgh, ’s cha phill o mhìle buaidh; A’s Israel siar, a mhais’, a mhiagh ’s a threòir Luidh air an t-sliabh; ach dheàrs a ghrian ’s a ghlòir, ’S a shléibhtean uain’ m’ an tric rinn suaimhneas tàmh, Cha chluinn ach fuaim a’s caithream buadh’ nan nàmh, Biodh tosd san t-saogh ’l—oir thuit na laoich le ’m beum, ’S air slios nam beann tha ’n sgiath ’s an lann gun fheum, ’S their Gat nan dé Mo ghaisgich fein thug buaidh, A’s Iudah ghéill biodh ainm a dhé gun luaidh, O shléibhtean àigh an dealta thlà cha bhraon Mu’r slios gu bràth, ’s a mhaise dh’ fhàg an raon, Oir thuit na slòigh—bha ’n sgiath gu ’m fòir gun stà, A’s shearg fo leòn am mais’, am beò ’s am blàth; Thuit Righ nan euchd—thuit òg nam beus, gun bhuaidh, ’S an tosd a’ bhais a measg an àir tha ’n uaigh, Ach ’s tric a sheinn an saighde srann sa’ bhlàr, ’S a bhoillsg an lann, le sgrios do nàimh san àr. Bu ghràdhach caoin, ’nam beò, na laoich, a’s thréig, A’s thuit iad còmhla ’s luidh fo leòn an éig. Mar fhìreun speur bha ’n lùgh an reidh nam blàr, ’S mar phrionns’ na frìthe treun gu strìgh nan àr. A nìgh ’nan Iudaih togaibh tùrs’ le deòir ’S ur caoidh m’ an Righ a dhìol dhuibh rîomhadh òir, A dhreach ur n-àille ’n éideadh b’ àraidh sgiamh ’S a shoillsich sròl nan leug bu bhòidhche fiamh. C’uim thuit no slòigh bu bhoillsgeil glòir fo ’n cruaidh, ’S am bratach ghéill be Treòir an treun gu buaidh? ’S an gairdean treun bu reachdmhor beum gun chlì, ’S an fhior-shuil fann a bhoillsg mar lann san strìgh; ’S O òig nam beus! a thuit fo bheum nan daoi; Bu chaomh rium féin, ’s tu fàth mo dheur ’s mo chaoidh, An òg-bhean chiùin cha taisbein tùs a gràidh, D’a céile òg mar nochd thu dhòmhsa bàigh. Tha cràdh ’ga m chlaoidh ’s O ’s tric le d’ chuimhn mo dheòir; Mo chreach! mo chràdh! tha ’m fiùran àigh gun treòir! C’uim thuit na slòigh? bha ’n sgiath gu’m fòir gun stà, A’s shearg fo leòn am maise, ’m beò ’s am blàth. Their Gat nan dé Mo ghaisgich fein thug buaidh; A’s Israel ghèill—biodh ainm a dhé gun luaidh, Ach Iudah ait gu’n seinn ’nuair ’s frasaich’ deòir ’S e Triath nan speur mo Thaice Threun ’s mo Threòir. A. M. An Calbh Muileach. [TD 138] DAN SPIORADAIL O’n 8mh Salm Deug. A’m éiginn ghairm mi air mo Thriath, Ghlaodh mi gu h-ard le m’ ghuth ri Dia, Gu ’chluais chaidh m ’urnuigh suas Dh’ éisd Dia gu caomh, A ’theampull naomh A’s ghabh ri m’ àmhghar truas. An talamh ’sin do chrathadh leis, Na beannta ghluais o’n stéigh le ’threis’, Do bhrìgh gu robh air fearg; An cruinne-cé Chriothnaich gu léir A’s chrathadh e gu garg. A ’bheul ’s á ’shròin do chaidh a mach Mór-lasair agus ceò fa seach, A’s rinneadh milleadh leò; Chaidh tein’ á ’bheul A shearg am feur, A’s éibhle las gu leòir. O ’chathair thainig Dia a nuas, Eadhon o ’chathair rìoghail bhuan, Na nèamha fodha lùb; Air dorchadas Shocruich e ’chos A’s sheas e air gun diù. Air cherub mharcaich e gun chaird Le sgiathaibh sgoilt’ na nèamhan ard, ’S air iteig fòs do chaidh, Mar iolair luath, Aig éiridh suas, Gu h-ard air bhàrr na gaoith’. Mar ionad dîomhair uime féin Dubh-dhorchadas do chruinnich e, ’S leis chòmhdaich se e féin; Bu phàilliun dò Uisge na sgò A’s neulta tiugh nan speur. Gu h-obann theich na neulta as O’n lasadh dheàlrach bha ’na ghnùis, ’S air thoiseach air do chrath E meas, a’s fhras Clach-shneachd gu bras, A’s éibhle dearga teth. Seadh thilg e ’nuas le ’ghairdean treun, Gu bras a shaighde guineach geur, ’S mo nâimhde sgap air fad, Tein’-adhair mòr Do thilg e orr’ A’s thug e buaidh gu grad. OIGFHEAR. DÙIL RI EARRACH. Ged bhios gruaim neòil a’s fuar-ghaoth tuath, ’Cur bacadh air an Earrach chaomh, Bidh’ghrian a’s Nàdur ’faotuinn buaidh, S thig fiamh-ghàir’ Earraich air gach taobh. ’S ni’n gealladh tha o linn gu linn, A’ tabhairt caochladh aìmsir leis, An geamhradh sgiùrsadh as na glinn, ’S thig iochd a’s ceòl, a’s blàths a’s teas. Tha fireantachd a’ chùmhnaint bhuain, R’a choîmhlionadh a chum gu seas, Oir fhad ’s a mhaireas tìr a’s cuan, Bheir Earrach agus Samhradh meas. Oir thig gach caochladh chum ar feum, ’S bidh geamhradh air na creidmhich ’teachd, Ach thig an t-Earrach ceum air cheum, A bheir dhoibh beatha, blàths, a’s iochd. Tha geamhradh, ’s Earrach iomchuidh dhuinn, Is leur do’n phobull iad ’s gach càs Bidh ’n geamhradh ’sgrios gach salchar fuinn, A’s anns an Earrach fàsaidh grâs. Ged bhios gach craobh sa’ gheamhradh lóm, ’Nuair dhìreas snodhach as gach friamh, [TD 139] ’S a thig an t-Earrach torach tróm Cha dìbîr duilleach, bladh no biadh. Ach ma bhios craobh gu deimhinn marbh, Cha chaochail céitein chaoidh a snuadh: Neo-thoirbheartach, ge aosmhor garbh, ’Se ’cuibhrionn, teine millteach ’s tuadh. ’Dhia! aom an t-Earrach le do thruas, O n bha ar geamhradh tróm fo neòil; Is taom do dheàlradh blàth a nuas A ni do ghràsa dhuinn mar cheòl. DAN DO LOCH-DUBHAICH. Fâilt’ ort, a Loch-dubhaich bhòidheich! Nam b’ fhear-dàin a réir mo dhùrachd Mise ’n diugh, gu toileach, sàr-ghrinn, Fhìor Loch-âluinn bheirinn cliù ort. Amhuil a’s naoidhean ’na chadal Gu ciùin’an uchd dubhach a mhàthar, ’S tric d’ athair, an Cuan, fo bhruaillean A’s tusa ’nad shuain ceart làmh ris. A bheanntan a phògas na reultan, Cha ’n eil sibh gun aobhar bhi pròiseil, ’S gu’m faigh sibh bhi ’coimhead ’ur n-àilleachd Gach lath’ ann an sgàthan co òirdheirc. A bhuachaille bhig air an raon ud, Cia air tha, le ioghnadh, do shùil-sa? Tha feudail, gu cinnteach, fo’n aigean— Seall thusa ’m beil agad do dhiù fein. A’ tional nan dearc air a’ bhruthach, Eisd! éisd ciod as bruidhinn do’n phàist’ ud?— “Tha coille ’an ìochdar Loch-dubhaich! A bhràthair, ’bheil cnuthan a’ fàs oirr’?” A Dhùin* ud a dh’éireas o’n charraig, Rinn aois ioma sgar ann ad chliathaich A thannaisg nan làithean a thréig sinn, Cha ’n ioghnadh ’nan déigh ged a liath thu! ’S tu ’n sin ann ad aonar ’nad sheasamh “Mar Oisein ’an deaghaidh na Féinne,” Tim bheag agus leanaidh tu càirdean— A dhùin, tha lamh-làidir an éig ort. O’ Easan’! a’s binn-fhuaimneach siubhal Gu far ’eil Loch-dubhaich a’ bruadar, Cha ’n ioghnadh leam idir le ’r crònan Ged chumadh sibh ’n còmhnuidh ’na shuain e. A Choir’ ud ’san caidil a’ chuairt-ghaoth, Cha tearc annad ruagadh daimh-cròice’ ’S mactalla ’ga fhàgail féin bodhar A’ freagairt nan gadhar ’san tòireachd. Ciod è gad tha ’chàileachd-san fallain, Ciod è ged mar dhealan tha ’luathas, ’Se siùbhlaiche ’n fhirich a ghéilleas— ’Se foill, a laoich thréin, a thug buaidh ort. O c’ àit ’eil na badanan uaine ’S an cluinnear o’n chuaich a ciad oran? ’S an cinn anns a’ gheamhradh na flûrain, Mar Dhùil ann am broilleach Eudòchais? O c’ àit’ ’eil na h-òighean a’s gile? O c’ àit’ an tric filidh ri dàn doibh? O c’ àit’ ach mu bhruachaibh Loch-dubhaich— Slàn leat, a loch shubhaich! nis slàn leat. Taobh Lochfìne Mìos a’ Mhàigh, 1836. * Caisteal Donnain. [TD 140] MU RANNSACHADH NAN SGRIOBTUIREAN. “Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir a ta sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh anntasan, agus is iad sin a ta toirt fianuis mu m’ thimchioll.” Eoin. v. 39. Ged tha fios aig gach neach aig a’ bheil a bheag sam bith de dh-èolas air a’ Bhìobull gu bheil sgriobtuirean an t-seann Tiomnaidh a’ toirt fianius mu thimchioll Chriosd, agus ’ga chomharrachadh a mach mar neach sònruichte a bha ri teachd chum saorsadh oibreachadh a mach airson sliochd caillte Adhaimh, gidheadh tha’n fhianuis tha iad a’ toirt móran ni ’s mionaideiche agus ni’s soilleire na tha ’chuid a’s motha de’n t-sluagh a’ toirt fa’near. Ann an dòchas, matà, gu’m biodh e ’na ni taitneach le luchd-leughaidh an Teachdaire, bheir sinn oidhirp air cuid de bhriathran nam fàidhean mu thimchioll an t-Slànuigheir a chur gu h-aithghearr fa’n comhair; agus a nochdadh dhoibh cionnas, agus c’uin, a bha iad air an coimhlionadh. Bha e, mata, air a roimh-aithris leis na fàidhean. I.—GU’N ROBH MESSIAS RI TEACHD. Fàidheadaireachd. Gin. iii. 15. tha e air a ràdh mu shìol na mnatha, ’se sin Criosd “bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shâil-san.” Cha’neil teagamh sam bith nach ann mu Chriosd tha Dia ’labhairt ri h-Abram ann an Gin. xii. 3.; xxii. 18.; xxvi. 4. se tha Isaiah a’ ciallachadh le “glòir an Tighearna” xl. 5. “agus foillsichear glòir an Tighearn, agus chì gach uile fheòil i le chéile.” Agus Hagai ii. 7. “agus crathaidh mi na h-uile chinnich, agus thig miann nan uile chinneach.” Coimhlionadh. Bha’n fhàidhearachd so air a coimhlionadh ceithir mìle bliadhna ’n déigh do’n cheud chuid dhi bhi air a labhairt. Gal. ii. 4. “Ach an uair a thainig coimhlionadh na h-aimsir, chuir Dia a Mhac féin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh ’n lagh.” Eoin iii. 8.; Luc. ii. 10. II.—AN T-AM SAN TIGEADH E. Fàidh. Gen. xlix. 10. “Cha dealaich an t-slat rìoghail ri Iudah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, gus an tig Siloh, agus dhàsan géillidh na slòigh.” Bha am Messias ri tighin ’nuair bhiodh fiughar ris an cumantas, agus a bhiodh sìth fad an domhain gu h-iomlan. Bha e ri teachd am fad ’s a bhiodh an dara teampull ’na sheasamh, agus seachd ’s tri fichead seachduin (’se sin 490 bliadhna) an déigh an teampull a thogail. Hagai ii. 6–9.; Dan. ix. 24, 25; Mal. iii. 1. Coimh. Nis ’nuair thàinig Criosd, bha ’n t-slat-rìoghail air dealachadh ri Iudah, oir bha na h-Iudhaich foidh chìs aig na Rómanaich Luc. ii. 1–3; Eoin. xix. 15. Bha sìth fad an t-saoghail uile. Bha fiughair aig na h-Iudhaich ri neach sònruichte ’thighin san linn sin, Mat. ii. 1–10.; Marc. xv. 43; Luc. ii. 25, 38; Eoin. i. 19–45; agus, ni ’s iongantaiche, bha’n fhiughair cheudna aig na Cinnich mar tha Suetonius agus Tacitus, sgrìobhairean Rómanach, a cur an céill. [TD 141] III.—CO UAITHE BHA E RI TIGHIN. Fàidh. Bha e ri tighin o Eubh. Gin. iii. 15; o Abram agus o ’shliochd, Gin. xii. 3.; xxviii. 14; o Iudah, Gin. xlix. 10; o Iese, Isaiah xi 1; o Dhaibhidh, Salm cxxxii. ii.; Jerem. xxiii. 5. Coimh. Ma bheachdaicheas sinn air na h-earrannan a leanas de’n Sgriobtur, chì sinn mar bha na briathra so air an coimhlionadh Gal. iv. 4.; Mal. i.; Eabh. vii. 14; Rom. xv. 12. IV.—GU’M BIODH E AIR A BHREITH LE OIGH. Fàidh. Isaiah vii. 14. “Feuch, bithidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Immanuel mar ainm air.” Coimh. Mal. i. 24, 25, “Agus air mosgladh do Ioseph as a chodal, rinn e mar a dh’ iarr aingeal an Tighearn air, agus ghabh e d’a ionnsuidh a bhean: agus cha d’ aithnich e i gus an d’ rug i a ceud-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.” Luc. i. 26–35; Mal. i. 22, 23. V.—C’ AIT ’ AN ROBH E RI BHI AIR A BHREITH. Fàidh. Micah, v. 2. “Agus thusa a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iudah, gidheadh asad thig a mach a m’ ionnsuidh-sa neach a bhios ’na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a mach o shean, o làithibh na siorruidheachd.” Coimh. Luc. ii. 4–7. “Agus chaidh Ioseph mar an ceudna suas o Ghalile, á baile Nàsaret, do Iudea, gu baile Dhaibhidh, d’an gairmear Betlehem—agus tharladh, am feadh a bha iad an sin, gu’n do choimhlionadh làithean a h-inbhe, chum i bhi air a h-aisead. Agus rug i a ceud-ghin mic,” &c. Mat. ii. 1, 4–6, 8. Eoin vii. 42. VI.—GU’N ROBH FAIDH, ANN AN SPIORAD AGUS CUMHACHD ELIAS, RI TEACHD AIR THOISEACH AIR, AGUS RI SLIGHE ULLACHADH ROIMHE. Fàidh. Mal. iii. 1. “Feuch, cuiridh mise mach mo theachdair, agus ullaichidh e’n t-slighe romham” iv. 5. “Feuch, cuiridh mise do bhur n-ionnsuidh Eliah. am fàidh, roimh theachd là mhóir agus uamhasaich an Tighearna” Isaiah, xl. 3. Coimh. Mat. iii. 1, 3. “Agus anns na làithibh sin thainig Eoin Baiste, a’ searmonachadh am fàsach Iudea, agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas; oir a ta rìoghachd nèimh am fagus. Oir is e so an ti ud mu’n do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, ullaichibh slighe an Tighearna, deanaibh a cheumanna dìreach.” Mat. xi. 14. “Agus ma’s toil leibh a ghabhail, is e so Elias a bha ri teachd.” VII.—GU’N ROBH AM MESSIAS RI BHI ’NA FHAIDH. Fàidh. Deut. xviii. 15, 18. “Togaidh an Tighearna do Dhia suas fáidh dhuit o d’ mheadhon féin, o d’ bhràithribh, cosmhuil riumsa,” &c. COIMH. Luc. vii. 16. “Agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh. Dh’ éirich fàidh mòr ’nar measg-ne.” Mat. xxi. 11. “Agus thubhairt an sluagh, Is e so Iosa am fàidh o Nasaret Ghalile.”—Eoin ix. 17; vi. 14.; vii. 40. [TD 142] VIII.—GU’N DAIGHNICHEADH AM MESSIAS A THEAGASG LE MIORBHUILEAN MORA. Fàidh. Isaiah, xxxv. 5. “An sin fosgailear sùilean nan dall, agus bithidh cluasan nam bodhar air am fosgladh. An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain.’ Isaiah, xliii. 7; xxiii. 3. Coimh. Mat. xi. 4, 5. “Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riù, Imichibh agus ìnnsibh do dh-Eoin na nithe a ta sibh a’ cluinntinn agus a’ faicinn: A ta na daill a’ faotainn an radhairc, agus na bacaich ag imeachd.” IX.—CIONNAS A BHA AM MESSIAS RI DOL A STEACH GU FOLLAISEACH DO IERUSALEM. Fàidh. Sechar. ix. 9. “Dean gairdeachas gu mór, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim; feuch tha do rìgh a’ teachd a d’ ionnsuidh; is firean agus slànuighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h-asail. Coimh. Mat. xxi 7. “Agus thug iad an asail agus an loth leo, agus chuir iad am falluinnean orra, agus chuir iad esan ’na shuidhe air am muin.” xxi. 4, 5. X.—GU’M BIODH AM MESSIAS BOCHD, AGUS TAIR AIR A DHEANAMH AIR. GU’M BIODH E AIR A BHRATH LE AON DE ’DHEISCIOBUIL FEIN, AIR SON DEICH-BUINN-FHICHEAD AIRGID, LEIS AM BIODH FEARANN A’ CHRIADHADAIR AIR A CHEANNACH. Fàidh. Isaiah, liii. 3. “Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoinibh; ’na dhuine dhoilghiosan, agus eòlach air bròn,” &c. Salm, xli. 9. “Eadhon fear mo shìth, as an d’ earb mi, esan a dh’ ith do m’ aran, thog e a shàil a’ m’ aghaidh.” Zech. xi. 12, 13. “Mar sin thomhais iad air son mo luach, deich buinn fhichead airgid. Agus thubhairt an Tighearna rium, tilg a chum a’ chriadhadair e: luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leò-san. Agus ghabh mi na deich buinn fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an tigh an Tighearn, a chum a’ chriadhadair.” Coimh. Luc ix. 58. “Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eunlaith an athair, ach cha’n ’eil àit’ aig mac an duine anns an cuir e a cheann fuidhe.” 2 Cor. viii. 9; Eoin, xi. 35; Luc. xxii. 3, 4. “An sin chaidh Satan ann an Iudas d’an co-ainm Iscariot, a bha do àireamh an dà fhir dheug.” Mat. xxvi. 15. “Agus choird iad ris air dheich buinn fhichead airgid.” xxvii. 5, 7. “Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampull, dh’imich e, agus chaidh e, agus chroch se e féin—agus air gabhail comhairle dhoibh, cheannaich iad leo fearann a’ chriadhadair,” &c. XI.—GU’M FUILINGEADH E PEIN AGUS BAS AIRSON PEACAIDHEAN AN T-SAOGHAIL. Fàidh. Isaiah, 1. 6. “Thug mi mo dhruim do’n luchd-bualaidh.” liii. 5, 8. “Ach lotadh e airson ar peacaidh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan,—le a chreuchdaibh-san shlànuicheadh sinne—ghearradh as e o thìr nam beò, airson easaontais mo shluaigh-sa bha e air a throm-bhualadh.” [TD 143] Coimh. Eoin. xix. 1, 2, 3. “An sin air an aobhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs se e.” Marc. xv. 19, 25.; 1 Phead. ii. 23, 24. XII.—GU’M BIODH FANOID AIR A DHEANAMH AIR. Fàidh. Salm xxii. 7, 8. “Ni iadsan uile a chì mi gàire-fanoid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh. chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh se e, a chionn gu bheil tlachd aige ann.” Coimh. Mat. xxvii. 39. “Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a’ crathadh an ceann.” Luc. xxiii. 35. “Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h-uachdarain fanoid air maille riùsan, ag ràdh, shaor e daoine eile; saoradh se e féin, ma’s e so Criosd, aon taghta Dhé.” Mat. xxvii. 43. “Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a nis e ma tha toil aige dha.” SEANN SGEUL GAELACH. O CHIONN còrr a’s ceithir cheud bliadhna, dh’ éirich còmhstri mhòr eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Tòisich, aig an robh oighreachd mhath goirid o fhearann a’ Chuimeanaich, Iarla Bhàideanach agus Athuill. Bha ban-Iarla a’ Chuimeanaich, a réir na h-aithris na bana-gheòcaire anabarrach; agus a chum an cìocras so a shàsachadh gu’m b’ éiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirte gun itheadh ì seipein smior gach aon là air a dìnneir, a bhàrr air iomad goireas sòghar annasach eile. Le ’leithid sin de strògh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mór ’s nach robh iad ’nan urrainn na màil a dhìoladh, no ’m fearann a shaoithreachadh, ionnas gu’m b’ éiginn di dol a dh’ aslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An déigh dhi an dùthaich imeachd ag iarruidh faoidhe, dh’ innis i d’a fear an soirbheachadh a bha ’n co’-lorg a turuis, agus gu’n d’ thug Mac-an-Tòisich mór Thiréni dhi dà-bhà-dheug agus tarbh. ’S ann a dhùisg an fhialachd shomalta so, an àite a thaingealachd, a dhiumb, ’fharmad, agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgàth air r’a bheartas, agus do thaobh sin chuir e roimhe gu’n cuireadh e as da; ’s a chum sgàil a chur air a’ ghniomh mhi-chneasda sin, chuir e ’n céill gu’n robh an t-uasal sin tuille ’s mór aig a mhnaoi. Air leis gu’n robh so ’na dheagh leisgeul, agus ’na chion-fàth freagarach air connspoid. Bha e nis a’ feitheamh nam fàth chum a rùn a chur ’an gniomh, ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duin’ eile aig Tomafùir a chuairteachadh, (àite bha goirid o Bhlàr-Athull), mu mheadhon oidhche, ’nuair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan, eadar fhirionn agus bhoirionn, a bha ’nan suain-chadail gun fhiamh gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a chuid fearainn, a bha ni bu mhò na bha aig aon duin’-uasal eile bha san dùthaich. Bha dlù do mhùr Mhic-an-Tòisich seann duine a chòmhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhàl ach boineid [TD 144] ùr uair sa’ bhliadhna: agus thug a mhaighstir an t-seana bhoineid dha an àm an té ùr fhaotainn; agus air a shon sin theirear Croit na-Boineid ris an fhearann sin gus an latha ’n diugh. Bha ìoghnadh air an t-seann duine co sàmhach ’sa bha talla mùirneach a mhaighstir, sa’ mhaduinn an déigh a’ chasgraidh mhuladaich sin, agus chaidh e a dh’ fhaicinn an aobhair. Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deò air an ùrlar. Le mòr ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e, làimhsich e gach aon fa leth dhiu, a dh’ fheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh, ach bu diomhain a shaothair, Air a lìonadh le mulad, thog e suas a’ chreathall, a bha bun-os-ceann air an ùrlar, agus fhuair e’n leanabh-beag foidhpe, ris an abradh iad am brìdeach Eôghan, agus le mór shòlas thuig e gu’n robh e beò, ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich. Ghrad rug e air, agus ghiùlain e e chum a sheanar a thaobh a mhàthar, Mac-Glaisein Ionar-bhac, a chuir gu grad air falbh leis e gu dlù charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghàel, chum nach biodh e mar fhad làimhe do’n Chuimeanach, far an d’ fhuair e a dheagh àrach. Bha e ’na ghnàthachadh aig an t-seann duine thug an sin e dol gu tric g’a fhaicinn; ach a chionn gu’n robh na Cuimeanaich co cumhachdach san àm sin an Albuinn, mheasadh feumail a chumail an cleth gu’n robh an leanabh beò, ach gus am fàsadh e suas, agus gu’m biodh e airson ’athair a dhìoladh. Ged a bha e car ùine lag, gun mhór chinneas, thainig e air aghaidh, agus dh’ fhàs e gu làidir eireachdail, agus bha e ro theóma leis a’ bhogha, nì a thug mór mhisneach d’a sheana charaid, an dùil gu’n d’ thugadh eaicheamhail a mach airson na sean fhalachd. Air àm àraidh chaidh a g’a fhaicinn, agus chunnaic e co math ’s a bha e air a’ chusbaireachd; thuirt e ris gu’n robh broilleach an fhir a mharbh ’athair ni bu leatha na’n comharadh ud—ni a chuir mòr ìoghnadh air an fhleasgach, nach cuala riamh roimhe iomradh air. Ghrad leig an seann duine ris an diùras, leis gach dùrachd a bha ’na chomas, mu thimchioll a chairdean agus ’oighreachd. Dh’ éisd an t-òg-fhlath le ro-aire ris an sgeul, agus air dhà bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris a’ chràidh, bhrùchd e ’mach le àrd bhas-bhualadh agus a’ bras shileadh nan deur; agus thaosg e mach ’inntinn agus a rùn ’an uchd an t-seann duine. Air dha a nis a bhi làn-fhiosrach air na thachair, bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachd ’athar ’s a sheanar, agus a dheanamh dìoghaltais air naimhdean an-iochdar a thighe. Cha ’n urrainnear a chur an céill an sólas a thug e do’n t-seann duine meud na h-iomaguin a bh’ air an fhleasgach gu bhi ’triall g’a dhùthaich féin. Dh’ asluich iad le chéile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leò a bheireadh aghaidh air a nàimhdibh, agus dheònaich iad an iarrtas, le ceithir-fir-fhichead a chur air falbh maille riutha, fo’n làn armaibh agus ràinig iad tigh MhicGhlaisein, a sheanair, a chaidh leò agus ochdnar thaghta fo’n làn armaibh maille ris. Uaithe sin ràinig iad coille Urard-bhig, far an d’ fhuirich iad gu sèimh sàmhach gus an do chuir iad fios a dh’ ionnsuidh banaltrum Eóghain. Chaidh e féin g’a h-ionnsuidh, agus rinn e cagar aig a dorus; dh’ fheòraich i có a bh’ ann aig uair co anmoch? Fhreagair e gu’n robh [TD 145] a dalta Eoghan Macantòisich. Tha ’n guth coltach r’a ghuth, a deir i; ach ma shéideas tu t’ anail a stigh romh tholl na glaise, tuigidh mi ’n sin gu cìnnteach ma ’s tù th’ ann. Rinn e sin, agus thuig i gu grad gur e féin a bh’ ann; agus bha i ro ait a chionn i ’ga fhaicinn. Chaidh a mhuime chur a dh’ fhaighinn sgeul mu’n Chuimeanach, agus phill i leis an teachdaireachd gu’n deach e le ’chuid daoinibh gu drochaid Teilt, mu thimchioll mìle air asdar, a thoirt àbhachd dha féin agus d’a chuid daoine. Le so a chluinntinn roinn Macantòisich a chuid daoine ’nan dà bhuidhinn, agus bha M‘Glaisein air ceann an dara buidhinn, a chumail freiceadan air Caisteal Bhlàir, agus bha Eòghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-seann duine, nach do dhealaich idir ris, agus chaidh iad air tòir a’ Chuimeanaich. Co luath ’s a thuig e gu’m bu nàimhdean a bha ’ga iarraidh, theich e dh’ ionnsuidh a chaisteil, far an do choinnich a’ bhuidheann eil’ e, a mharbh móran diubh mun do thàr iad as, agus lean iad an ruaig a mach Gleann-Teilt, a’ marbhadh agus a’ leònadh mòran diubh—Chaidh an t-sròn a chur de dh-fhear aig allt ris an abrar o’n latha sin Allt-na-sròine—lotadh fear eile sa’ bhroinn aig Allt-nam-marag. Am feadh a bha iad mar so air an ruagadh suas an gleann le M‘Glaisein, ghabh muinntir Eóghain falach-talandadh orra, agus thachair iad riutha aghaidh-mu-chnoc. Tha e air a ràdh gur e’n seann duine a bha do ghnà air thoiseach, agus ann am briathraibh smachdail ghlaodh e, Sud agad do nàmhuid an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bàs cladhaire fhaotainn. Chuir Eóghan gu grad a bhogha air lagh, agus chuir e ’n t-saighead troimh chridhe a’ Chuimeanaich. Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe, far an do thog iad, mar bu ghnà, càrn chlach mar chuimhneachan air an euchd, ris an abrar Carn a’ Chuimeanaich gus an là ’n diugh. Their na Gaeil ris na cùirn sin, Cuirn na falachd. RIGH ALFRED. BHA’N rìgh ainmeil so ’nam measg-san bu ghlice, a b’ fhèarr, agus a b’ fhiùghantaiche a rìoghaich riamh san tìr so: agus bha ’chaithe-beatha ro-chomharaichte. Bha aig gach uair d’ a bheatha a gnothach féin air a chur air leth. Roinn e an là agus an oidhche ’nan trì earrannaibh le ochd uairean do gach aon diubh; agus ged a bha e gu mór air a chlaoidh le galar cràiteach, cha do ghabh e ach ochd uairean eadar chadal, theachd-an-tìr, agus shrâidimeachd; agus ochd uairean eile do leughadh, do sgrìobhadh, agus ùrnuigh; agus an treas earrann do ghnothaichibh na rìoghachd. Bha’n duine mór so co mothachail air feumalachd aimsir ’s nach bu mhiann leis earrann air bith dhi a mhi-bhuileachadh; agus gu’m b’ éiginn da cùnntas ìocadh Dhàsan a bhuilich air i. Agus gu cìnnteach ma bha ’leithid-san de dhuine, anns an inbh a b’ àirde air thalamh, ann am measg gach buairidh le socair, pailteas, agus toilinn- [TD 146] tinn, mar so cùramach gu banas-tighe mhath a dheanamh air ’aimsir, agus ’ùine gu h-iomlan a bhuileachadh ann an cùisibh feumail, nach nàr mìchiatach a thig e dhoibhsan aig nach ’eil a shamhuil sin de chulaidh-bhuairidh, an aimsir a struidheadh ann an dearmad agus mi-bheus? An déigh d’ a nàimhdean an ruaig a chur air féin agus air ’fheachd, agus e ’ga fholach o na Lochlannaich, bha e féin agus a theaghlach air ro bheagan lòin, mar chì sinn o na thachair air latha àraidh. Thainig bleidire dh’ ionnsuidh a lùchairt bhig a dh’ asluchadh déirce; thuirt a’ bhàn-righinn ris, nach robh aca ach aon bhuilionn arain, a bha ro bheag air an son féin agus an càirdean a bha air ionnsuidh chum lòn fhaotainn, ge nach robh mór fhiughair aice gu’n soirbhicheadh leò; ach thuirt an righ rithe, “Thoir leth na builinn do’n duine bhochd. An Ti a bha comasach air cóig mìle a shàsachadh le cóig breacagan agus dà iasg, tha e làn-mhurrach air sinne a riarachadh leis an leth eile de’n bhuilinn.” Fhuair an duine bochd a bhloidh féin; agus chaidh luigheachd iomchuidh ìocadh airson a’ ghniomh fhiùghantaich so, le a luchd-muinntir a thighin dachaidh tróm-luchdaichte le goireasan iomchuidh. AN DÉIDEADH. ’Se leigheas a’s fearr airson an déididh, no na cnuimh-fhiacal, bun an t-seilisdeir* a chagnadh, ach gun an sùgh a shlugadh. Cha ’n eil ach goirid o’n a fhuaradh so a mach, ach tha lighichean urramach ag ràdhainn nach ’eil ni eil’ ann coimeas da. BLAR CHORUNNA, AGUS BAS SHIR IAIN MOORE. AIR maduinn an dara-la-deug do’n cheud mhìos, bha ’n t-arm Frangach a’ sìor dhol am meud aig taobh sruth Mhero. Gu ro sheòlta ghabh Bonaparte seilbh ann an uile thighean baile Pherillo. Bha iad a’ deanamh uiread fhuaim gach latha a’ losgadh oirnn le ’n cuid ghunnacha-móra ’s gu’n do chuir iad taobh a mach nan sreathan fo fhiamh, agus gu cinnteach cha robh ioghnadh ann; oir bha peileirean móra nam Frangach a’ tionndadh suas an talaimh ’na mhìrean mòra ’nam measg. Air a’ cheathramh-la-deug thug iad a leithid do dhairirich oirnn ’s gu’n robh mullach nam beann a’ freagairt do’n fhuaim, agus do nuallanaich oillteil nam Frangach a bha a’ losgadh ’s a’ teicheadh sios air taobh a’ ghlinne. Bha ’n coslas fiadhaich, le ’m feusagan fada dubha, agus feudaidh mi a ràdh gu robh tuillidh eagail oirnn romh’n coslas na romh ’n saighdeireachd. Dh’fhosgail gunnaichean nam Breatunnach gu gailbheach orra aig an àm so air dhòigh a choisinn * The Yellow Iris—Iris latea. [TD 147] cliù nach searg a chaoidh, do’n t-seanalair urramach Sir Iain Moore. Air feasgar an latha so thainig na soithichean ris an robh sinn co fada ’feitheamh am fradharc aig Vigo, agus dearbhte gu leòir bha tein’-éibhneis a’ lasadh le dealas ann an cridhe gach saighdeir ri faicinn nan seòl geala bha ’tighinn fo dhùthaich an sinnsireachd, g’an giùlan air falbh o dhùthaich anns an d’ fhuair iad uiread thàmailt o fhuachd, o phlàighean agus o ghorta, anns na chaill iad am mnathan, am mic, am bràithrean, an cairdean agus an còmpanaich. Nuair chunnaic an t-arm againne a’ cheud sealladh do’n mhuir an déigh a bhi cho foda as a sealladh a stigh san dùthaich ’an àm na ruaige, thainig aoibhneas làn sòlais air gach gnùis; le bhi faicinn na fairge chuimhnich sinn air Breatunn, dà fhocal nach gabh sgaradh ann an tìr aineoil. Ged a thug sinn deannal goirt air na Frangaich chum iad suas teine millteach oirnn o thaobh thall sruth Mhero, ach air gach dòigh thug sinn dùlan doibh agus rinn sinn gach ni deas gu bhi air bord. Bha na saighdearan tinn agus leòinte, air an cur air bord gun dàil, ach bha co beag ùine againn leis an dòigh air an robh iad a’ losgadh oirnn ’s gu’m b’ éiginn duinn ar n-eich a mharbhadh ach fìor bheagan—bha tràigh na fairge air a stràchdadh leo. Ged a bha mi féin a’m ruagalaiche truagh gun bhiadh gun aodach, air mo ruagadh eadar peileir agus biodag, ’s e bhi ’g amharc air na brùidean neo-chiontach sin ’gan leagail anns a’ ghainmhich leis a’ mhuinntir a b’ àbhaist a bhi ’gam marcachd ach gun chomas air a leasachadh, na h-eich eile’nan ceudan a’ ruith air an ais ’s air an aghart, am muing an togail ’s am beòil fosgailte a’ sitrich ’s a’ sgriachail gu h-oillteil ri bhi faicinn chàich marbh ’nan sìneadh air an tràigh agus a’ mothuchainn fàile na fala—tha mi ag aideachadh gur e so sealladh a dhrùigh orm co mór ri aon ni chunnaic mi riamh—agus ’s e mo bharail gu’n tugadh e taiseachadh air cridhe mic Albannaich sam bith a b’ urrainn ’na leithid sin a dh-àm smuain a chur seachad air a staid neo-shona féin. Tha mi làn-chinnteach gu’n robh na brùidean foghainteach so air an lìonadh la h-iongantas agus le uamhunn a bhi faicinn an airm ’gam fàgail, agus cha mhór nach d’ thug mi orm féin a chreidsinn gu’n robh mi ’gam faicinn a’ gul. A nis air maduinn an t-sèathamh-la deug bha sinn uile ann an ard-mhisnich deas gu dol air bord. Thug an seanalair fios duinn gu’m b’ e ’mhiann ar cur air bord na h-Audacious aig ceithir uairean an déigh a’ mheadhon-latha, agus leum e air muin eich a dhol a dh’ fhaicinn an robh na reisimeidean-dìona làidir gu leòir chum cluiche ’chumail ris na Frangaich am feadh a bhiomaid uile ’dol air bord nan loingeas. Gu mi-fhortanach cha robh e mionaid air falbh ’nuair a choinnich teachdair e a dh’ innis gu’n robh na Frangaich fo’n armaibh, agus aig a’ cheart àm thainig saighdear a theich o’n arm Fhrangach leis an sgeul cheudna. Mun deachaidh e ceud slat as a so chunnaic e gu’m b’ éiginn fuil a dhórtadh fhathast mun gabhadh an gnothuch so crìochnachadh, ge h-iomadh mìle galan de ’n fhìor-fhuil phrìseil Bhreatunnaich a dh’ fhàgadh cheana san Spàinde. Dhóirt na Frangaich a nuas le fuaim neo-chreideasaich a bha eagallach r’a chluinntinn, a’ sguabadh gach nì romhpa. Ann am [TD 148] prioba na sùl thainig iad air an aghaidh, a’ mionnachadh ’s a’ mallachadh, nì a b’ e daonnan an ùrnuigh ann an àm blàir. Dhorchaich an toit na speuran leis an losgadh ghoirt a bha air taobh a mach nan sreathan againne fo ordugh Mhor-fhir Uilleam Bentinck. B’ iad na réisimeidean a sheas an tairneanach so an reisimeid-dubh agus an da fhichead ’s a deich, agus a leithid eile cha do sheas mi féin agus cha chuala mi iomradh air saighdear eile a sheas a leithid. Mar a bha sinn ’gan leanailt chunnaic mi na h-oifigich Fhrangach a’ sparradh ’s a’ misneachadh nan saighdearan air an aghaidh. Bheachdaich mi gu h-àraid air a h-aon diu agus cha’n fhaca mi riamh duine bu mhaisiche. Dh’ fheuch esan gu garg r’an tionndadh, ach cha robh e ’na chomas. “Nuas e!” ars’ òganach làmh rium, agus cinnteach gu leòir a nuas thàinig an duine gasda so air a tholladh le peileirean. Tha mùthadh ro chomharaichte eadar na h-oifigich Fhrangach agus na h-oifigich Bhreatunnach; na h-oifigich Fhrangach a’ cur nan daoine air an aghart le gairge, ’gan sparradh le eagal a’ chlaidheimh, nuair nach cluinnteadh aig na h-oifigich againne ach “Socrach ’illean—socrach cìnnteach” agus sin ann an guth sìobhalt’ ìosal. Dh’ orduich an ceannard Moore do Sheanalair Paget e thoirt bealach anns na Frangaich mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Chaidh Paget a suas leis an réisimeid d’ an ainm na Guards, a thionndaidh na Frangaich air gach ionnsuidh. A’ chuid diu bh’ air mullach a’ chnuic dh’ fhosgail iad oirnne le aona-gunna-deug a rinn bealaichean ’s na sreathan a bha eagallach. Bha cothrom taghta aca air an àm so, iadsan air àit ard, sinne ann an slochd dubh domhain làn uisge agus gaineimh; bha na gunnaichean acasan na bu mhò agus na b’fhèarr na na gunnaichean againne, bha iad a’ losgadh leis gach cothrom oirnn agus bha ’n cuid pheileirean ’gar falach anns a’ ghainmhich. ’S anns a’ chonnspoid so chaidh gairdean Seanalair Shir Daibhidh Baird a leònadh gu ro olc le fras pheileirean, iaruinn agus ghloineachan, agus b’ éiginn da marcachd a mach as a’ bhatailt: aig an àm so bha teine an nàmhuid a’ deanamh mòran millidh oirnn, agus leis an droch cothrom a bh’ againn anns an làthaich oillteil a dh’ ainmich mi cheana agus a bha làn phreasan air sniomhadh ’na chéile, a ruith air ar n-ais ’s air ar n-aghart, dh’ fhàs mi mu dheireadh cho sgìth ’s gur gann a bheirinn mo chasan as a’ pholl. Thug seanalair Soult iomadh ionnsuidh air a chuid airm a tharraing a stigh ’nar meadhon, agus nan rachadh so leis cha’n fhaigheadh colunn againn air bord; ach a dh’ aindeoin a chridhe cha do chaill sinn oirleach, sheas sinn mar chraig, agus ged a bha bealach gu tric a’ fosgladh ’nar sreathan bha e co ealamh air a dhùnadh a suas. Gu cinnteach ’nuair chunnaic mi féin mo cheannard agus m’ fhear-duthcha Coirneal Stiùbhart a bha osceann na réisimaid-duibhe a’ marcachd suas air ar beulaobh ’s a’ glaodhaich ann an Gàilig “Cuimhnichibh air ghaol Dia air na daoine o’n d’ thàinig sibh agus air an éididh tha sibh a’ giùlan, tha dòchas an t-seanalair annaibhse, a Ghaelaibh; air ur n-aghaidh ’s gu robh Dia leinn!” Ri cluinntinn nam briathran gaisgeil so ann an cànain dhrùightich nam beann, air m’ fhocal, claoidhte sgîth mar a bhà sinn, lìon mire-chatha as ùr gach cridhe; dh’ fhairich [TD 149] mi mo bhoineid ag éiridh bhàrr mo chinn, agus faodaidh sibh a chreidsinn nach robh an t-ordugh gun chiomhlionadh. Dh’ orduich an Seanalair leth na réisimeid d’ an ainm King’s own dol air an ais agus buidheann de na Frangaich a fhuair air a’ ghrùnnd againne a chuairteachadh. Le so ’nuair a dhùin iadsan a rithist air an leth eile bha na h-uile mac màthar do na Frangaich ’nam prìosanaich, no marbh. Ghlaodh Seanalair Moore gu’m b’ e sin a’ cheart nì bu mhiannach leis agus e ’marcachd suas a dh’ ionnsuidh an da-fhichead-’s-a-deich, fo ordugh Mhàidseirean Napier agus Stanhope. Le faicinn Màidseir Napier a lean an ruaig tuille’s fada, ’na phriosanach, aig na Frangaich, leag an réisimeid thaghta so na Frangaich ’nam brùchdan air muin a chéile, agus ’nuair a mhèars iad air an ais fhuair iad Stanhope marbh le peileir a chaidh troimh a chridhe. Ghluais Seanalair Moore gu cabhagach suas far an robh anr eisimeid-dubh, agus ghlaodh e riutha. “A Ghaelaibh! cuimhnichibh air latha blàr na h-Eiphit nuair a ghlaodh Abercrombie ribh ‘Cuimhnichibh ur dùthaich’. Deanaibh mar a rinn sibh riamh!” Bhrùchd sinn air ar n-aghaidh le toirm—cha robh fo na dùilean na chuireadh stad oirnn aig an àm so—chuir sinn an ruaig orra gus an deach stad oirnn le ballachan mòra air nach faigheamaid thairis. Chaidh gach nì ’dheanamh fo shùil Shir Iain féin a bha leinn suas air thoiseach gach sàthaidh gu barraibh nam béigneidean. R’a leanailt san ath Theachdaire. COIMHLIONADH COMHARAICHTE FAISNEACHD. BHA treas righ Alastair na h-Alba a’ fiadhach goirid o bhaile Bhurntisland agus maille ris bha fàidh no fiosaiche Gallda bha fìor ainmeil, (Thomas the Rhymer.) Bha ’n rìgh a’ marcachd air each anabharrach meanmnach eireachdail a fhuair e mar ghibhteamas; bheachdaich am fiosaiche gu sònruichte air an each agus thuirt e gu’m biodh an t-each sin ’na aobhar-bàis do’n rìgh ciamar sam bith a thachradh e. Ghrad las fearg an rìgh, leum e gu làr, mharbh e’n t-each le ’chlaidheamh; agus thuirt e ris an fhiosaiche gu’n d’ rinn e nis ’na fhàidhe bréig’ e. Uaireiginn an déigh sin bha ’n rìgh a’ fiadhach mar a bha e roimhe agus anns a’ choimhearsnachd cheudna, agus air dha tighin gu h-obann dlùth air craimhneach an eich a mharbh e, agus a bha nis air gealachadh leis an aimsir, ghabh an t-each a bha e a’ marcachd sgaoim, agus mum b’ urrainnear a cheannsachadh leum e thar craig, agus chaidh an dà chuid an rìgh agus an t-each a mharbhadh—mar so gu fìor chomharaichte a’ coimhlionadh na fàisneachd! [TD 150] EARBSA ANN AM FREASDAL AN TIGHEARNA. BHA duine diadhaidh ann a bha a’ creidsinn gu’n robh gach nì bha ’tachairt ris chum a mhaith, agus bha a choimhearsnaich gu tric ri magadh no fanoid air. Bha soitheach a’ dol a dh-America le daoine, agus bha’n duine so a’ falbh cuideachd, ach dìreach ’nuair bha e ’dol air bord thuit e agus bhrist e ’chas agus b’ éiginn tilleadh dhachaidh. “A’ bheil sud airson do mhaith?” ars’ aon gun toinisg de na coimhearsnaich. “Cha’n eil teagamh nach ’eil” ars’ esan “ged nach urrainn duinn air an àm fhaicinn ciamar.” Chailleadh an long agus gach duine bh’ air bord, agus ’am measg chàich an duine gun iochd a chuir a’ cheist sgeigeil ris an duine mhath so. CINNEAS ANN AN GRAS. THA blàth nan uile ghràsaibh Criosdail a’ fàs fo sgàil a’ chroinn-cheusda; agus ’s i freumh no bun gach aon diu, IRIOSLACHD. AN DUINE SAOGHALTA THA an duine peacach co tróm do dh-fheòil, co leisg lunndach ’na spiorad ’s nach h-urrainn da Beinn-na-Naomhachd a streap ged robh nèamh féin air a mullach. CREIDIMH, DÒCHAS AGUS GRADH. THACHAIR do ’n triùir sin a bhi air latha àraid ann an cuideachd le Diadhachd. Ciod arsa diadhachd ur barail mu’n t-sonas bhuan agus fhìor-ghlan tha mise a’ gealltainn? Fhreagair creidimh, “Tha mi a’ làn-chreidsinn gu bheil a leithid ann.” Fhreagair Dòchas, “Tha dùil agam gu bheil a leithid ann—tha dòchas agam gu’m bheil.” “Tha thusa ’g a chreidsinn” arsa Gràdh (le fiamh an àigh air a gnùis fhlathail) “Tha dùil agadsa eile ris—an e sin uile na th’ agaibh? Tha fios agamsa gu bheil a leithid ann; tha dearbhadh agam air o m’ fhiosrachadh féin.” MARGAIDHNEAN. Tha prìs gach seorsa teachd-an-tir gu mór ag eiridh le fuairead na h-aimsir. Mairtfheoil 8 sgillean gu 4 sgillean am pùnnd. Muiltfheoil 7sgillean gu 6 sgillean am pùnnd. Laoigfheoil 8 sgillean gu 6 sgillean am pùnnd. Muicfheoil 5 sgillean gu 4 sgillean am pùnnd. Min-choirce 2 sgillinn Shasunnach gu 20 sgillinn a’ chlach; Buntàta 5 sgillean a’ chlach. Im ùr—13 sgillinn gu sgillinn Shasunnach am punnd; Uighean 6 sgillean an dusan. Tha Builionn nan 4 punnd 7 sgillean an seòrsa ’s féarr, agus an seòrsa ’s faigse 6 sgillean. NAIGHEACHDAN. CHA’N eil ach beag naigheachd air bith ’s na paipeirean is fiach aithris. Tha iad a’ togail sheòladairean aig an àm so chum an cabhlach-cogaidh a neartachadh, agus ge nach ’eil iad a’ gabhail co luath ’s a shaoil iad, tha dòchas aca gu’m faigh iad an àireamh tha ’dhîth orra gun am fòirneadh mar a b’ àbhaist doibh ri àm cogaidh. Tha so air àrdachadh an tuarasdail air na loingeis mharsantachd; agus tha e a’ cur eagail air àireamh mhór de’n phobull, a tha ’smaointeachadh nach biodh a leithid so ann gun choltas cogaidh. Cha’n eil fàth eagail ann, ged is cinnteach gu bheil iomad cearna de’n t-saoghal ann an staid glé bhruailleanach. Tha gu h-àraidh luchd-àiteachaidh nan Canadas iar fâs mi-thoilichte, fo riaghladh na rìoghachd so, agus tha iomad aon ’am barail nach fhada ’s urrainn sinn an gleidheadh agus gu’n teid iad fo riaghludh Staidean America. Bhiodh so [TD 151] an cunnart cogadh a thogail; ach ciamar sam bith a bhios sin ’se dòigh is fearr chum cogadh a sheachnadh, fo stiùradh an Fhreasdail, a leigeil fhaicinn do’n t-saoghal gu bheil sinn daonnan deas air a shon. Tha mùthadh mór iar tighin air a’ chuid sin de laghanna na rìoghachd a bhuineas ri fiachan, o chionn ghoirid. Cha’n fhaodar a nis aon a chur am prìosan airson ainbhfhiach is lugha na ochd puinnd Shasunnach sèa sgillean Sasunnach agus ochd sgillean, mur d’ thainig iad fo’n ainbhfhiach sin roimh ’n t-sèathamh latha de mhìos meadhonach an fhogharaidh so chaidh, 1835. agus airson ghnothuichean a rinneadh roimh ’n àm sin tha fad cheithir bliadhna air a luathsachadh chum an réiteachadh a réir na seann riaghailt: ’s e sin faodar aon a chur am prìosan airson an t-sean ainbhfhich sin ma nìotar e an taobh a stigh de cheithir bliadhna o’n àm sin. Shaoileadh aon gu’n cuireadh an t-atharrachadh so crìoch air Creideas ann an gnothuichean beaga, ach cha’n ann mar sin idir a bhithheas; oir cha’n eil a nis toiseach aig na tighearnan mar a b’àbhaist doibh, agus tha e ceadaichte do’n aon a bheir creideas a chuid dhligheach féin a thoirt a mach le ni air bith a bhuineas do luchd ainbhfhich a reic agus gun e bhi ’n comas an tighearna stad a chur air; air chor agus mar thuirt an sean-fhocal “Am fear a’s luaithe làmh ’s e ’s làine brù.” Mheas sinn gu’m biodh ar luchd-dùthcha toilichte fiosrachadh fhaotainn mu na riaghailtean so, oir is dona thig e do dhuine sam bith a bhi aineolach umpa. DEUCHAINNEAN SPIONNAIDH AGUS SEOLTACHD. O NACH ’eil naigheachdan cudthromach ann, bheir sinn seachad beagan de’n fhaoineachd a tha ’s na pàipeirean. B’ àbhaist do na Gàidheil a bhi glé thoileach an spionnadh, an luathas agus an seòltachd fheuchainn, agus cha’n eil teagamh nach cual’ a’ chuid a’s lìonmhoire dhiubh gu bheil deuchainnean de’n t-seòrsa so a’ tachairt gach bliadhna ann an siorrachd Pheairt fo riaghladh maithean na cearna sin; agus gu bheil a leithid cheudna air a chumail suas ann an taobh deas na h-Alba. Fhuair sinn cùnntas air deuchainn de’n t-seòrsa so a thachair air a’ mhìos so chaidh, ann an Sasunn, ann an siorramachd Northumberland a tha an taice ri oirthir na h-Alba, agus anns am bheil daoine anabharrach calma foghainteach, agus bheir sinn cùnntas aithghearr air beagan de na h-euchdan a’s comharaichte chaidh a dheanamh. Troidhean. Oirlich. Le cruinn-leum thar cabar air a thairngeachadh ri dà phost ’s e fear a b’ airde, 4. 0. Leum-roit thar a’ chabar cheudna, 5. 0. Tha seors’ eile leum aig na Gaill ris an abair iad Hop, Step, and Leap, ’se sin leum air aona chois, sìnteag, agus cruinn- leum—air an dòigh so gun réis a ghabhail rinn am fear a b’ fhaide, 27. 3. Agus le roit no le réis rinn e. 35. 10. A’ tilgeil air uird-eutruim anns an robh 10¼ puinnd chud- throm le aon làimh, chuir am fear a b’ fhaide e, 129. 1. Agus ord tròm nan 16 puinnd 90. 4. Ann an caithe na cloiche, no mar a bha acasan peileir cruinn 16 puinnd chuir am fear a b’ fhaide e, 37. 10. Agus peileir mór nan 22 punnd, 32. 6. Ciod air bith meas a bhios againn air na gnothaichean eile, air chìnnte cha mhór an leum air airde cóig troidhean—am measg dhaoine tha comharraich airson a leithid so, mar tha luchd-àiteachaidh oirthirean Alba agus Shasunn air a bhi o chionn ioma linn, agus airson gach seòrsa tapachd a bhuineas do ghaisgeach. Shaoileamaid gur h-iomad cìbeir sa’ Ghàidhealtachd a dheanadh a cho math; ach cha bhi fios ’dé bhios san truaill gus an tairngear e. Bha ioma deuchainn eil’ ann; am measg chàich bha iad a’ tilgeadh air comharadh 200 slat uapa agus ’s e tuathanach a Chloinn-Leòid a’ thug buaidh. [TD 152] THA sinn fior dhuilich nach deach againn air a’ “Chòmhradh” a leanailt anns an àireamh so. Cha’n e idir nach robh e deas, ach leis nach ’eil eòlas air bith aig na clò-bhualairean air a’ Ghàilig; shuidhich iad ghnothuichean eile ’na àite, agus cha b’ urrainnear atharrachadh gun mhóran costais. Bheir sinn gu cinnteach, seachad e air toiseach an ath Theachdaire. Chùm an t-aobhar ceudna as an àireamh so deagh chùnntas ROB RUAIDH mu Thigh-Eiridinn rìoghail Ghlascho, ach gheibhear san ath Theachdair esan cuideachd. Fhuair sinn cùnntas mar an ceudna air Tigh-Tèarmuinn no Tigh-Dìdein Ghlascho a thatar an dràsd a’ togail. Ged is ann airson mhèirleach òga agus na h-uile seòrsa bhéistean tha an tigh so, a chostas dusan mìle punnd Sasunnach, g’a thogail, cha ’n eil teagamh nach dean e móran feum do’n bhaile. Bheir sinn seachad an cùnntas a fhuair sinn air a’ cheud chothrom. Cluinnidh OSAG uainn gun dàil. Tha sgeul “Ciod air bith a b’àill libh” ’an lamhan an luchd-rannsachaidh, ach ’s e ar barail gu ’n cluinn e uainn san ath Theachdaire. Ma tha fadal air a’ “Ghille Charrach” fuirgheadh e co foighidneach ’s a dh’ fhaodas e car aona mhìos eile, agus cha b’ ioghnadh leinn ged a bheirteadh beagan do’n pheasanachd as. Na biodh fadal air an “Tuathach Chuaileanach;” cha ’n eil sinn idir ’ga dhì-chuimhneachadh. Cuiridh sinn Dàn A. M. J. san ath àireamh. Tha òran “Cìbeir na Guala Seilich” ann na lamhan an luchd-rannsachaidh. Fhuair sinn earran do eadar-theangachadh an dàin mhaisich “Oidhche shathuirne a’ Choiteir” aig Burns am bard Gallda. Tha ’n dàn so cho anabharrach gasda sa’ Bheurla ’s gur gann tha fiughair againn ’fhaicinn fo shnuagh co taitneach sa’ Ghàilig. Tha eadar-theangachadh Bardachd ’na ghnothach fìor dheacair, agus chum na h-uile cothrom a thoirt do’n duin’-uasal a chuir d’ ar n-ionnsuidh e, cha chuir sinn a mach e gus am faigh sinn an earrann eile. Tha cuid de ’n ranndachd nach ’eil uile gu léir cho mìn ’s bu mhath leinn. Ma theid aige air a dheanamh cho math ris a’ Bheurla toillidh e anabharra cliù, agus fhad ’s a bhios e ’nar comas-ne gheibh e sin. Fhuair sinn dà chunntas mu mhurt nan Eigeach anns an uaimh. Cha’n eil an dà chùnntas idir a’ cordadh, agus feumaidh sinn uime sin beagan forghais a dheanamh mun cuir sinn an céill a h-aon diu. Fhuair sinn litir o “Tharacul Udlaidh” mu theagasg nan Balachan ann an èolas nan âireamh, agus a’ comharachadh a mach na dòigh air am bheil so r’a dheanamh. Tha meas againn air a litir, agus a thaobh na hiomaguin a th’ air chum math nam Balachan tha sinn am barail gur duine math e; ach có thug an t-ainm grànnda so air? Cha chuala sinne riamh ainm a bheireadh bàrr air ann an gràindead mur deanadh ainm a’ bhaile aige féin e, “Cùil-na-Brùide.” Cha’n eil sinn ach dìreach iar faotainn a litreach o chionn leth-uair—tha i tuille ’s anmoch airson a’ mhìos so, ach chî ar luchd-leughaidh air an ath mhìos na tha air ’aire. Tha mion-chunntas mu ghnothuichean Eaglais Ghaidhealach Bhaile-Bhóid air an àm so ’ga chur an ordugh, agus foillsichidh sinn e gun dàil. Tha sinn am barail nach do dhìchuimhnich luchd-leughaidh an t-seann Teachdaire fathaist “CUAIRT A’ MHINISTEIR GHALLDA;” agus is ann le mór thoilinntinn tha sinn ag innseadh dhoibh gu’n do gheall an duin-uasal ceanalta bha roimhe ’ga sgrìobhadh tòiseachadh as ùr, agus cuairt a thoirt duinn an ceann gach mìos; agus cha mhór nach ’eil eachdraidh nan Fineachan deas chum a cur a mach. Tha iomadh aon eile d’ ar cairdean nach urrainn sinn a fhreagairt air an am so. Gabhadh iad ar leisgeul. Colville, Printer, Glasgow. [TD 153] AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH. MIOS NA CIÙINE. VII. AIREAMH. COMHRADH NAN CNOC. Lachunn Bàn ’s na gillean a’ leigeil an analach a’m fasgadh Creag-an-fhithich an déigh an fheannag bhuntàta ’chur—Seorus-nan-Long astar beag uapa, agus Seonaid-mhór a’ gabhail a nuas an cladach agus a’ dlùthachadh ri Seòrus. Seòr. Nam faicinn thu tighin, ’S fios agam gur tù bhiodh ann, Gu’n éireadh mo chridhe Mar dh’ éireadh a’ ghrian air a’ ghleann. O Fàillirin ìllirin uthoro àillirin ò; ’Si m’ eudail-sa Seònaid òg, Banarach fheòlmhor nam bò. Banarach cheòlmhor nam bò a b’ àill leam a ràdhainn—fàilt’ ort a Sheònaid—’s math a fhuair thu mach cùil nan gillean. Seòn. ’S furasda do chùil-sa fhaotainn a mach fhad ’s a tha fannan soirbheis ann a ghiùlaineas air a sgiathabh boladh an tombaca agus fàile na tearra. Seòr. So so a Sheònaid dean suidhe ’s innis domh ciod a th’ agad a’d mhurlaig. Seòn. Tha agam faochagan ’s cailleagan ’s maorach-bàn ’s bàirnich ’s mùsgain; ’s ma thrusas tusa connadh ’s ma dh-fhadaidheas mise gealbhan beag ann an so taobh na craige, gheibh thu do chuid diubh. Seòr. Dean suidhe ’s nì mi sin—chuir mi buachaille nan laogh a dh-iarraidh éileig a lasadh mo phìoba ’s bidh e’n so a thiota. Nach dean thu suidhe! tha thu co fhiadhaich, mhoiteil, choimheach ri seann ròn. So so, dean suidhe! Seòn. ’S tu féin a bheireadh an coimeas bòidheach. So matà, ciod a th’ agad r’a ràdhainn? ’S ladhach fasgach a’ chùil so féin, air chùl gaoithe ’s ri aodann gréine. Seòr. ’Seadh a Sheònaid, far ann faic thu gach neach ’s nach faic neach thù—O ’s bòidheach an ràidhe an t-earrach! tha tùs a’ chéitein mar gu’m biodh e a’ deanamh balachan dhiom féin—dheanainn caoineadh no dannsa air a’ cheart àm so. Is mìorbhuileach cumhachd an earraich! a’ dùsgadh càil an t-saoghail ’s na h-uile a’ caochladh fiamh—an snothach a dìreadh tre chuislibh nan craobh—a’ bhiolaire, na seamragan ’s na neònainean a’ togail an cinn—na h-eòin bheaga bhuchullach bhachullach òr-bhuidh a’ beadradh o phreas gu preas a’ suirdhe ’s a’ sùgradh gu mireagach éibhinn— [TD 154] na h-uain bhòidheach gheala a’ mire ’s a’ cleasachd air an réilein—agus a’ ghrian fhlathail bhoillsgeil a’ dèarsadh gu fial caoimhneil air an t-saoghal mhór!—An cual’ thu riamh a Sheònaid an t-òran bòidheach “Chì mi na h-eòin, chluinn mi na h-eòin, Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach bhinne Chì mi na h-eòin chluinn mi na h-eòin” Seòn. ’S fhada bhuaithe sin, ach a Sheòruis tha thu cur iongantais orm—cha b’ fhiosrach riamh mi gu’n robh cumhachd labhairt agad mar tha mi ’faicinn a thà—cha labhradh am ministeir no fear-na-h-Airde féin na b’ fhèarr!—ach c’uin thainig spiorad na bardachd ort? Seòr. Cha ’n eil fios agam ciod an spiorad a th’ ann, ach a Sheònaid cuimhnich thusa so, bha mise ceithir bliadhna gun earrach fhaicinn ’s gun eun a chluinntinn, gun bhlàs no teas gréine fhaireachdainn, ach fuachd a’s dùdlachd a’s geamhradh a’s gaillionn, sneachda ’s reothadh. Seòn. Nach robh na gruagaichean Eisgimòthach le’m brigsean leathraich agad gu labhairt riutha? Seòr. Coma Sheònaid cia dhiù bhà no nach robh—cha chluinn thusa mar bha sin; “an rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe.” Seòn. Air m’ fhocal cha ghluais e mo chridhe-sa ged robh làn tighe dhiubh agad, ’dé sin dòmhsa? Seòr. Ud ud! a Sheònaid, có thubhairt gu’n gluaiseadh? ach stad, ciod an deifir a th’ ort? freagair mi aon fhocal ’s na biodh dol a nùll no nall air a’ ghnothuch, ach freagair mi gu glan soilleir—am pòs thu mi? Seòn. Am pòs mi thu! seann sgrog bodaich; a sheann rògaire ’se pòsadh a’s lugha tha tighin fainear dhuit—’s fhada o’n chuala mi “Cha ’n fhuiling am broc ’na shlochd ach e féin.” Seòr. Broc ann no as, tha iomad slochd is fuaire ’s is gainne na mo shlochdsa—tha mo sgillinn Shasunnach an ceann gach latha dh’ éireas mo thaobh agam—mo chead luidhe no éiridh—fhuair mi croit agus gheibh mi mart, ch có bhleódhnas i? Seòn. Sgillinn Shasunnach!! Dheanadh sin rud-eiginn do dh-aon fhear, ach ’s beag a’ chuid dithis i, mar thuirt Alasdair Uaibhreach mu’n t-saoghal.—Do chroit, a Sheòruis; matà ’s beag fios a th’ agam féin ciod an fheudail a chuireas tu oirre mur cuir thu ròin oirre, no na mathghamhna no na muca-mara—Có bhleódhnas do bhó? sin rud nach urradh mise ìnnseadh—ach a dh-aona chuid cha ’n eil mart ann am buailidh a leigeadh leatsa do chròg adhairceach a chur air a sine; feuch gu’m bi buarach làidir agad, oir cha seasadh seana mhart maol Gallda a’ mhàidseir féin fo d’ chròig. So so, éireamaid suas far am bheil Lachunn bàn ’s na sgalagan. Seòr. Cha ’n éirich ceum gus an innis thu dhomh an gabh thu mi. So a nis, a Sheònaid eudail, labhair am focal; an gabh thu mi? Seòn. Uisd a Sheòruis! na labhair focal tuille—theid mi leat chum na faidhreach di-màirt so tighin ’s labhraidh sinn an sin r’a chéile. Seòr. Théid, théid a Sheònaid ’s chì thu ciod a bhios aig Don- [TD 155] ull a’ bhùth no aig Cliùdan—Do làmh, a Sheonaid! Seòn. Sin i agad ach na fàisg i, ach sguir do d’ shuairceas, agus thugamaid Lachunn oirnn. Seòr. Dean suidhe a Lachuinn thu féin ’s na gillean, ’s theid mi air m’ aghart le eachdraidh an taobh-tuath. Lachunn. Matà ’s mì ni sin gu h-ealamh, agus is ro thaitneach leam urrad dhéigh a bhi aig Seònaid chòir air fiosrachadh mu na gnothuichean sin—ha ha hā! Seòn. Coma leibhse có dhiù, a Lachuinn, tha chùis a’ dol gu math mur faod mi éisdeachd ri spleadhraich Sheòruis cho math ribhse. Seòr. Bha na h-Eisgimòthaich a choinnich sinn air tùs anabarrach faicilleach, amharusach, eagalach; ach chuir sinn fios air seana chearcaill iaruinn, agus thug sinn mìr do gach fear dhiubh, agus ged a b’ òr a bhiodh ann—an t-òr bu deirge dreach, cha b’ urrainn iad a mheas ni b’ airde na rinn iad. Thug so misneach dhoibh agus ghluais iad thun na luinge. Seòn. Ciod bu choltas doibh? An robh iad dubh, no odhar, no geal? Seòr. Matà cha robh na truaghain idir grannda—tha mòran do chaoimhneas agus do dheagh-nàdur r’ a fhaicinn ’nan gnùis. ’S beag nach robh cumadh an aodainn cruinn; bha ’n sùilean ’s am falt dubh mar it an fhithich, an gruaidhean làn reamhar pluiceach, agus an craicionn uiread ’s a b’urradh dhuinn fhaicinn deth air dhath a’ chopair. Lach. Na chuir an long-mhór iongantas orra? Seór. Chuir, ’s cha b’iongantach sin; daoine truagha aineolach nach fhaca maide a b’fhaide na làn an dùirn a bhata, ’s nach fhaca soitheach no long riabh, cha b’ ioghnadh idir iongantas a bhi orra. Ràinig iad toiseach na luinge air an eigh, agus a’ smuainteachadh gur creutair beò bha innte, chuir gach fear dhiu a làmh air a shròin, chróm iad ain cìnn agus chuir iad fàilt’ oirre agus thòisich iad ri labhairt rithe, a’ feòraich, mar dh’ fhiosraich sinn ’na dhéigh sin, cia as a thàinig i agus cean a bha i ’dol. Shaoil cuid diu gur eun mòr a bh’ innte, agus gu’m b’ iad na siùil na sgiathan. Buachaille. Tha mi deanamh dheth nach tuigeadh an long Shasunnach a’ Ghailig thuathach a bh’ aig na creutairean bochda. Seòr. Tamull an déigh sin fhuair sinn an tàladh air bord air an luing. Bha na h-uile nì ’na aobhar-iongantais. Smuaintich fear dhiu gu’m b’ urrainn da aon de na h-acraichean móra thilgeadh air a ghualainn ’s a giùlan air falbh! Nuair chunnaic iad na seòladairean a’ ruith a suas gu bàrr nan crann, thog iad aon iolach ghairdeachais, a’ dannsa ’s a’ leumraich mar gu’m biodh iad as am beachd. Ach ’se nì ’s mò chuir a dh-iongantas orra ’nuair a chunnaic iad sgàthan ’s a dh’amhairc iad ann. Ghabh iad eagal an toiseach, leumadh iad air an ais ’s air an aghart—dh-amhairceadh iad cùl an sgàthain! Cha dealghadh iad ris air chor air bith, ’s a leithid do ghàiricich ’s do ghlaodhaich cha chuala mi riamh, gus an robh cuid diu a’ tuiteam air làr le sgìos. Seòn. An d’ thug sibh biadh dhoibh? Seòr. Air t’ athais a Sheònaid, [TD 156] leig dhomh mo sgeul ìnnseadh a lìon beagan a’s beagan mar a dh’ith an cat an sgadan. Thug sinn biadh dhoibh, ach b’iad sin a’ bhuidheann àilgheasach—cha b’e h-uile biadh a chordadh riù—cha robh suim aca do’n bhiadh a b’ fhearr a bh’ againn. Chuir iad aran agus feòil ’nam beul agus na nithe bu mhìlse bha againn r’a thairgseadh, ach ghrad thilg iad a mach iad le sgreamh agus déisinn! ach ’nuair thairg sinn ùille nan ròn doibh agus meall geire, shluig iad e mar gu’m bu bhainne blàth na buaile bhiodh ann. ’Se ’n t-aona bhiadh bu taitniche leó slige de ’n ùilleadh—meall do shaill ròin—blonag muice-mara cho grod ’s a thogradh e, agus gun bhruicheadh gun deasachadh. Seòn. Ubh uthabh! Marbh-phaisg air na trusdair. Seòr. Na h-abair sin—creutairean co neò-chiontach neo-lochdach ’s a chunnacas riamh—ach ’s éigin domh aideachadh gu bheil iad co salach, ’nan dòigh ithe agus nas sailche gu mòr, na aona mhuc a chunnaic mi riamh. Suidhidh iad aig am biadh air an làr, gun soitheach gun spàin, ach ag itheadh saille ’s blonag lobhta nan ròn air an ùrlar, agus ag imlich a suas na fola mar a dheanadh madadh. Seòn. An e gu bheil thu’g ràdhainn nach bruich iad ni air bith ach gu’n itheadh iad amh e? Seòr. ’S iadsan a ni sin—cha leigeadh iad greim feòla ’nam beul a bha air a bhruicheadh, agus ’na dhéigh sin uile bha iad geur, tuigseach, glic, seòlta, tapaidh. Nuair nach b’urrainn doibh fiosrachadh air bith thoirt seachad dhùineadh iad an sùilean—’nuair nach tuigeadh iad sinn chuireadh iad an corragan ’nan cluasan. Bha anabharra spéis aca do cheòl—ghluaiseadh iad air an ais’s air an aghart, a’ turraman le mòran de choltas toilinntinn. Lach. An robh thu ’nan tighean a Sheòruis? Seòr. Matà bhà gu tric, ’s air m’ fhocal b’iad sin na tighean seasgair. Bha iad air chumadh cupa no cuach ’s a beul foidhpe, air an togail le sneachd—taobhain an toabh-stigh do dh-aisnean na muice-mara, agus an sneachd air a charnadh os a cheann air an taobh muigh ’s air a bhualadh gu daingeann r’a chéile; toll no dhà a’ leigeil a mach na deathcha, agus dorus air an imir thu dol a stigh air do smògan; agus anns na frògan so tha an teaghlach uile a chòmhnuidh, fir a’s mnathan a’s clann agus an uile fheudail, ’siad sin na coin a th’ aca a tharruing nan slaod; agus chì thu sean agus òg, fir agus mnathan a’s pàisdean a’s coin ag ithe comaidh ’s ag imlich an ùrlair le chéile. Seòn. Fhalbh, sguir dheth—thoir thairis da—chuala sinn gu leòir mu’n dòigh ithe; ach a Sheòruis a’ bheil iad pòsda r’a chéile? Scòr. Sin thu ’Sheònaid—am pòsadh—’se sin tha tighin fa’ near dhuit-sa; thà iad pòsda, ach ’s ann air aonta no gu ceann ùine shuidhichte, fad thrì no ceithir no sèa bliadhna a réir mar a chordas iad; am boirionnach a tha ’na banntraich agus aig am bheil clann tha meas mòr oirre, agus gheibh i leth-dusan ròn mar thochar o’n fhear. Sgalag. Air m’ fhocal ’s e sin an dòigh phòsaidh a’s fearr a chuala mi riamh, muinntearras bliadhna no trì bliadhna; phò- [TD 157] sainn am màireach air a’ chùmhnanta sin. Lach. Uisd! ’s mór a’ chulaidh-bhròin a leithid éisdeachd. Buachaille beag. Ciamar tha iad a’ marbhadh nan ròn ’s gun ghunnaichean aca? Seòr. Tha fhios agad gu bheil sa’ gheamhradh eigh air a’ mhuir air fad. Ni iad tuill tromh ’n eigh agus suidhidh iad a’ faire nan ròn fad latha ’nan sìneadh taobh an fhasgaidh de ’n toll, agus co luath ’sa chuireas an ròn suas a cheann grad sparraidh iad lann ann. Chunnaic mi fear a mharbh leth dusan diu air aon latha mar so, agus tha ribeachan aca maraon a tha iad a’ cur na h-uile oidhche airson nan sionnach agus bheathaichean eile, agus tha iad anabharrach seòlta agus innleachdach ’an glacadh bheathaichean do ’n t-seòrsa so agus gu h-àraidh air glacadh éisg. Sgalag. Ciod an seors’ éisg a th’ aca? Seòr. Am pailteas bradain. Chunnaic mi Caiptein Ros agus a dhaoine a’ tarruing dà chiad agus trì ciad bradan aig bun aibhne le aon sgrìb lin; agus tha aona bhuaidh an lorg an fhuachd sna cearnabh sin, nach ’eil feum air salunn. Cha ’n eil aca ach an t-iasg no feòil nan ròn a chur fodha san t-sneachda gu math domhain, agus gleidhidh e bliadhnaichean gun ghrodadh. Sgalag. Ach an d’ ràinig sibh am Pole, cridhe an taobh tuath? Seòr. Matà rainig a’ cheart àite, air a’ cheud latha de mhios-meadhoin an t-samhraidh. Buachaille. An robh am Pole a nis anabharrach ard? Seòr. Ard, a bhurraidh! ’Bheil thu air bharail gu bheil maide ard mar gu’m biodh crann soithich, ann? Cha ’n eil: cha robh uiread agus monadh no cnoc ann, ach aon fhàsach fiadhaich creagach. Sgalag. Ciamar thuig sibh gu’n robh sibh an déigh cridhe na h-airde-tuath a ruigheachd? Seòr. Feuchaidh mi ri sin a dheanamh soilleir dhuit, ged is cinnte nach bi e furasda dhomh a sparradh ann ad chlaigionn-sa nach do smuaintich air an leithidean sinn do ghnothuichean riamh. Tha fios agad matā snàthad na combaist, no an tarung-art, gu’n amhairc i gu glan tuathail, cia air bith àite sam bì i, cumaidh ise a gob ris an taobh-tuath. Nis ’nuair a ràinig sinn fìor chridhe an taobh tuath no am pole, charuich i a nùll ’s a nall gun suim do dh-aird seach aird. Mar chàireadh tu i air a’ phinne mar sin sheasadh i, ach gu’n robh a gob a ghnàth ag iarraidh lùbadh a sìos ris an talamh. Dh’ fheuch sinn an déigh sin seòrs’ ùr snàthaid a bh’ againn, agus sheas i sin gu dìreach, gob na h-airde-tuath ris an talamh agus an ceann eile calg-dhìreach os a cheann, mar so a’ dearbhadh dhuinn gu’n robh an airde-tuath, no an cumhachd dìomhair dorcha tha a’ stiùradh na taruing-art ceart fodhainn sa’ cheart làraich air an robh sinn a’ seasamh. Sgalag. A dhuine chridhe ’s neònach sin féin! Lach. ’S tu dh-fhaodas sin a ràdhainn; ’s beag is leur dhuinn de dhìomhaireachd an t-saoghail mhóir! Seòr. Thog sinn càrn mór chlach san àite, ’s cha robh sin doirbh r’a dheanamh oir bha pailteas chlachan ann. Thìodhlaic sinn botul fo’n charn anns an [TD 158] robh sgrìbhte eachdraidh a’ ghnothuich so; agus an déigh aon iolach ard chridheil a thogail, phill sinn thun na luinge. Lach. Agus cia mar fhuair sibh dhachaidh? Seòr. Cha b’ ann gun fhios domh. Ghabhadh sin seachduin g’a ìnnseadh; ach ciod a th’ agad air—b’ éiginn duinn an long fhàgail. Chruinnich an eigh co dómhail ’s co teann ’s nach robh dol as. Cha robh againn air ach an dara cuid fuireach geamhradh eile sna cearnabh oillteil sin, air neo an long fhàgail agus oidhirp a thoirt air na bàtaichean a shlaodadh thairis air an eigh agus a’ mhuir fhosgaìlte ruigheachd mar a b’ fhèarr ab’ urrainn duinn; agus ’se so a rinn sinn. Dhealaich sinn ris an luing an déigh na nithe a b’ fheumala na chéile thoirt leinn. Choisinn sinn a’ mhuir mhór fhosgailte mu dheireadh, an déigh iomad saothair, gleachd agus spairn. Bha sinn air ar claoidh le saothair, fann, lag agus breòite. ’S gann a bha duine ’nar measg a b’ urrainn ràmh a ghabhail ’na làimh. Bha sinn air ar meileachadh leis an fhuachd agus an impis toirt thairis agus tuiteam air ùrlar nam bàtaichean. Mu dheireadh ceud mhìos an fhogharaidh, còrr agus trì mìosan an déigh an long fhàgail, bha sinn uile ’nar suain ’s na bàtaichean ach aon fhear a bha ri faire. ’S ann mu cheithir uairean sa’ mhaduinn a chunnaice, mar shaoil e, long, fad air astar. Ghrad dhùisg e ’n Caiptein, agus air dhàsan sealltainn leis a’ ghloine fhad-sheallaich, chunnaic e gun teagamh gur long a bh’ ann. Dhùisg e’n sgioba air fad—thog sinn na siùil—a mach na ràimh, agus thug sinn oirnn chum na h-àird anns am facas an long. Chaill sinn sealladh air an luing so, ach thainig té eile san t-sealladh. Chaill sinn sealladh oirre-se mar an ceudna; ach mu dheireadh mhothuich sinn long eile’ tighin fo làn sheòl ’nar coinneamh—ràinig sinn i, agus le mór shòlas agus mór thaingealachd do Dhia, dhìrich sinn cliathach na luinge agus bha sinn aon uair eile am measg luchd dùthcha agus chairdean. Cha ’n fhacas sgioba riamh air clàr luinge coslach ruinn.’ S gann a bha ’n craicionn féin oirnn; ach cha robh caoimhneas no caomhalachd a b’ urrrain iad a chleachdadh nach d’ fhuair sinn. B’ eagalach an coltas a bh’ oirnn—fiasagan fada dà bhliadhna dh-aois air gach aon againn—gun aodach ach seana chraicinn—na cnaimhean a’ tighin troimh ’n chraicionn, oir feòil cha robh ann; agus neul a’ bhàis féin air gach aodann. Thàinig an oidhche ’s fhuair sinn mu dheireadh leapaichean blàtha tioram, agus ma bha aon ’nar measg nach d’ thug cliū agus buidheachas do Dhia airson a chaoimhneis-gràidh agus an tèaruinteachd a dheònaicheadh dhuinn, bu duine truagh gun tuigs’ e—agus an Tighearna thoirt maitheanais da! Ach ’s mìorbhuileach cumhachd a’ chleachdaidh. Bha sinn uile cho cleachdte ri leapannan do’n t-sneachda agus mill eidhe f’ar cinn ’s nach d’ fhuair sinn tàmh no lochd codail air na leapannan seasgair a fhuair sinn san luing. Air mo shon féin b’éigin domh mo leaba fhàgail agus luidhe air na clàrabh cruaidhe mun do dhùin mi sùil. [TD 159] Lach. Matà mo mhìle mìle beannachd ort a Sheòruis!—ach innis so dhomh mun dealaich sinn; an robh beachd air bith aig na h-Escimòthaich mu shìorruidheachd no mu Chruithear an t-saoghail? Seòr. Gu truagh cha robh, fhad’s a b’ urrainn duinne an tuigsinn; ach, eudail eudail, ’s iomadh aon ’s na cearnabh so nach ’eil co math giùlan riutha! Tha iad caoimhneil r’an cloinn ’s r’am pàrantan; cha ghoid iad, cha ’n eil mèirle de sheòrsa sam bith ’nam measg; roinnidh iad an lòn gu cridheil toileach ris a’ choigreach; tha iad fialaidh blāth-chridheach, làn tlus agus caoimhneis. Gu’n tugadh an Tighearna ’na dhòigh féin agus ’na àm féin mu’n cuairt an latha anns an cluinn iad sgeul an àigh, agus an soilleirich gathan an t-soisgeil na cearna fuar agus dorcha sin! So so! éireamaid. BLAR CHORUNNA. AIR A LEANAILT O’N VI. mh AIREAMH. ANNS a’ bhruaillean so dh’ orduich Moore do Chaiptein Hardinge e’ghreasad nan Guards air an aghaidh chum cuideachadh leis a’ chuideachd eutruim againne; ach gu mi-fhortanach ’nuair a chunnaìc an t-oifigeach a bh’ air ceann na cuideachd eutruim againne Hardinge agus na Guards a’ dlùthachadh air an cùlaobh, tharruing e sinne air ar n-ais ann am mearachd, a’ saoilsinn gu’n robh na Guards ri lasachadh a thoirt duinn gus am faigheamaid ar n-anail a tharruing. Aig a’ cheart mhionaid so bha ’chuid mhór againn gun fhūdar gun luaidh a loisgeadh aon urchuir; ach leis na loisg sinn roimhe bha mo ghuala co dubh ri fóid mhòine le oibreachadh mo mhusgaid; oir loisg mi anns a’ chuid a chaidh seachad de’n bhatailt ceud peileir ’s a h-ochd, agus fhuair mi nis uibhir eile ach cha do chosg mi iad uile. Thug Seanalair Moore fa’ near mearachd an oifigich, agus ghlaodh e le guth dòchasach, “A Ghaelaibh ainmeil, dlūthaichibh gu luath r’ar cómpanaich, tha fūdar a’s luaidh gu leòir a’ tighin air an aghaidh d’ ur n-ionnsuidh, agus am fad ’s a tha ur béigneidean agaibh na géillibh!” Bha Caiptein Hardinge agus Sir Iain Moore ann an teis-meadhoin a’ bhatailt aig an ām so, air cùlaobh nan Gàidheal ’s air beulaobh nan Guards, agus chuir iad an comhairle car mionaide r’a chéile—oir cha b’ àm seasaimh e ’nuair bha gunnaiche-móra nam Frangach a’ treabhadh mar sheisrich mu’n cuairt an àite san robh iadsan ’nan seasamh, a’ togail mill as an talamh a bha ’cur tulgadh air ioma ceatharnach foghainteach ’nuair a bhuaileadh iad e! Aig an ām so bhuail peileir gunna-mhóir an Seanalair Moore sa’ ghualainn chlī, a’ toirt leis pàirt mhór de fheòil na gualann agus pàirt de’n chnàimh, agus a’ fāgail na làimhe an crochadh gun lūs ris an fheòil. Thuit e bhàrr [TD 160] muin an eich car air char a sìos am bruthach, a bha fìor chas, ach airson so uile cha d’ fhalbh ciùineachd a ghnùise; bha ’choslas co maiseach ’na shìneadh air a dhruim ’s gu’n saoileadh aon nach b’urrainn móran dochuinn a bhi air. Ann am prioba na sùl bha Caiptein Hardinge r’ a thaobh agus rug e air làimh air. Ged a bha e leth-mharbh bha e gu dùrachdach a’ sealltainn air an réisimeid-duibh a bha nis an sàs anns na Frangaich leis na béigneidean, agus a’ deanamh casgradh uamhasach ’nam measg. Nuair a dh’ innis Caiptein Hardinge dha gu’n robh na Gàidheil a’ buadhachadh, dheàlraich a ghnùis le gairdeachas, ged is cinnteach gu’n robh e a’ fulang mòran cràidh o na creuchdan a dh’ ainmich sinn cheana. Ged a bha e a réir gach coltais r’a fhàgail ann an dùthaich a nàmhuid air a sgaradh o arm a ghràidh agus o’n t-saoghal, bha inntinn a’ ghaisgich ghasda so agus ’iomaguin mu’n bhlàr agus mu chliù a luchd-dùthcha ag éiridh fad os ceann gach claoidh a bha e air an ām sin a’ fulang. Thainig a charaid an Seanalair Greumach, mòrfhear Lynedoch a nuas g’a chuideachadh, agus iar faicinn a’ choslais fhoghaintich ghaisgeil a bh’ air ’aodann bha e ’n dòchas nach robh an leòn ach faoin, gus am fac’ e mar bha ’ghualann agus a bhroilleach air am fosgladh agus a’ cur na fala uapa mar fhuaran làidir aig éiridh á mòintich, agus bha e furasd’ fhaicinn gu’m bu diomhain tòiseachadh r’a casgadh. Dh’ aontaich e bhi air a ghiùlan ann am plangaid gu cùlaobh an fheachd. Nuair a thogadh e o’n talamh thainig a chlaidheamh ’an luib a làimhe air dhòigh ’s gu’n do shniomh e mu’n cuairt air. Thòisich Caiptein Hardinge r’a fhuasgladh as a’ chrios ris an robh e’n crochadh; ach thubhairt an seanalair le guth ciùin modhail, foighidneach mar a b’ àbhaist da, “Tha e cho math mar a thà e, b’ fhèarr leam e dhol a mach as a’ bhlàr leam.” Ghiùlaineadh e le sèanar de’n reisimeid-duibh agus cuid de réisimeidean-dìon’ an rìgh. Bha coltas an t-seanalair co fhearail mheanmnach agus gu’n d’ thuirt Caiptein Hardinge ris, gu’n robh e smuainteachadh nach biodh an leòn marbhteach, agus gu’m biodh e air a chaomhnadh do’n arm ’s do’n dùthaich; ach thug an seanalair sùil mhuladach air an leòn agus thubhairt e. “Ni h-eadh, a Hardinge, tha mi a’ mothuchainn gu bheil sin eucomasach.” Nuair a bha na saighdearan ’ga ghiùlan air an guaillibh cho-éignich e iad uair agus uair tionndadh leis chùm ’s gu’m faiceadh e aon sealladh d’a luchd-dùthcha a’ cogadh gu gaisgeil mun rachadh e as am fraharc am feasda. Bha toil mhòr aige bhi ’g éisdeachd ri toirm na gunnaireachd, agus ar leam gu’n robh e toilichte ’nuair a dh’ fhàs an toirm ni bu laige ’s ni b’ fhaide air falbh, oir an sin bha e cinnteach gu’n robh an nàmhuid a’ teicheadh. Bha Coirneal Wynch an déigh a leònadh ’ga ghiùlan ann an carbad, agus dh’ fheòraich e có bh’ anns a’ phlangaid, agus air dha fios fhaighinn gu’m be’n ceannard Sir Iain Moore a bh’ ann chomhairlich e dhoibh a chur anns a’ charbad. Dh’ fheòraich an seanalair de shaighdear Gàidhealach a bha làmh ris [TD 161] cia dhiū b’fhèarra dha bhi anns a’ charbad no far an robh e anns a’ phlangaid? Thuirt an Gāidheal nach crathadh a’ phlangaid e co mór ,agus le sin dh’ orduich e dhoibh gabhail air an aghaidh. Ghiùlaineadh e mar so leó gu ruig a chairtealan aig caisteal Chorunna, gu brònach a’ gul mar chaidh iad air an aghaidh. Iar cluinntinn cor an t-seanalair bhrūchd na ceannardan eile air an nàmhuid mar thuil fhogharaidh a’ roladh o mhullach nam beann, gu bhi dìolta fhad ’s a bha sin comasach airson bàs a’ churaidh a thuit gu glòrmhor ’am meadhon buaidhe mar rinn Wolfe, ainm eile nach searg ’am Breatunn a chaoidh nan cian! Ghreas Coirneal Sydney Beckwith ’nar n-ionnsuidh leis an 95 réisimeid, (Rifles) agus chuir iad so cho fad’ air an ais an nàmhuid ’s gu’n d’thug iad leó cuid d’a ghunnaiche-móra; agus ghabh Seanalair Paget an sàs annta ’gan sgathadh sìos gus an deachaidh e troimh an arm Fhrangach air a tharsuinn, an rùn dlūthachadh a stigh ris na Gàidheil a chum riutha le dealas ana-cuibheasach, agus chunnaic mi uair a’s uair béigneidean nan Gàidheal ’nuair a mhearachdaicheadh iad broilleach Frangaich, a’ togail smùidean do’n ghainmhich air an robh sinn a’ coiseachd. Thug na Frangaich aon ionnsuidh eile oirnn le bristeadh a stigh air na réisimeidean fo sheanalair Manningham agus seanalair Leith. Bha sinne aig an àm so air mullach a’ chnuic o’n do sgiùrsadh o chionn ghoirid na Frangaich le réisimeid rìoghail nan gunnaiche-móra. Ghabh buidbeann diu nis le foill a stigh troimh dhoire dlù air baile Bhelanzos, a’ cheart slighe bha againne r’a ghabhail, agus ghrad thoisich iad ri losgadh oirnn gun fhios againne cia as a bha na peileirean a’ tighin a bha ’bagairt ar léir-sgrios. Aig an àm so bha ’m feasgar a’ ciaradh, air chor agus eadar sin agus dùmhlachd na coille nach bu leur dhuinn iad, ged a bha deagh shealladh acasan oirnne ’nar seasamh air a’ chnoc; ach mu dheireadh thuig sinn mar bha ’chùis agus thill Coirneal Nichols air a shàil leis an réisimeid a bha fodha féin agus thainig e air an cùlaobh. Faodaidh neach sam bith barail a thoirt air staid nan cealgairean Frangach so. Eadar tairneanach nam musgaidean agus an stàilinn ghuineideach a bha sinn a’ sàthadh ’nam measg, sgaoil sinn as a chéile iad agus theich iad air gach bealach, agus gu firinneach “am fear nach fanadh r’a bhogha cha ’n fhanadh r’a chlaidheamh.” Bha ’m blàr crìochnaichte agus an t-arm Breatunnach air a chrùnadh le buaidh mu shèa uairean, agus thuit an oidhche gu doirbh dorcha. Anns a’ bhlàr so bha na Frangaich ann an àireamh 20 mìle ’nuair nach robh ann dhinne ach 14 mìle; agus nì eile thug sàr chothrom dhoibhsan, bha am marc-shluagh againne uile air bord mun do thòisich am baiteal, agus cha robh ùine aca teachd air tìr; agus osbàrr bha aca cuid de na gunnaiche-móra chuir an seanalair chum cuideachadh leis na Spàintich, ach a thug na Frangaich bhuapa air a’ cheud ionnsuidh, a’ sgapadh nan Spàinteach mar bhaidne chaorach; agus leis na gunnaichean so rinn [TD 162] iad losgadh goirt oirnn le seorsa froise ann an canasdairean, ris an abair iad sa’ Bheurla Spherical case shot. A thuillidh air na gunnaichean so fhuair iad móran de na b’éigin duinne fhàgail san t-sneachda, agus a thionndaidh iad ’nar n-aghaidh sa’ bhlàr so. ’Nuair a chuireas sinn staid an dà airm mu choinneamh a chéile, na Frangaich air an sàsuchadh le biadh, fo làn-uidheam le eudach, agus ’an sealbh gach cothrom a b’urrainn eich agus gunnaiche-móra thoirt doibh, agus an àireamh mhór shaighdeirean a bh’ aca thar na bh’ againne; an t-arm Breatunnach air an làimh eile, ann an staid le bochduinn nach creideadh duine sam bith gun fhaicinn, gun airgiod, gun bhiadh, gun aodach, an déigh móran d’am mnathan d’an cloinn agus d’an companaich fhàgail meilichte anns an t-sneachda as an d’thainig iad féin leis an fhìor éiginn: an cridheachan an impis sgàineadh le mulad agus le farran a’ meòraich air a liugha dealachadh muladach a chunnaic iad agus nach b’urrainn iad am feasd a chur as an cuimhne—an naoidhean a’ deoghal broilleach reòta a mhàthar a bhàsaich anns a’ ghaillinn—an companaich ’nan stocan dearga ’nan sìneadh san t-sneachda air fannachadh ’s air meileachadh, agus iomad sealladh cianail eile; tha mi ’g ràdhainn ma bheachdaicheas sinn air a’ mhùthadh a bha eadar staid an dā airm, gur mìorbhuileach an gnothuch na Breatunnaich a thoirt buaidh! Chaill iad gach ni bha aca, agus feudar a ràdh gu’n robh iad a dh’ easbhuidh gach ni a bhuineadh do shaighdear, ach an inntinn ardanach ghaisgeil nach strìochdadh gus an deò dheireannach. Co luath s’a chunnaic iad an nàmhuid m’an coinneamh dh’éirich an spiorad Breatunnach co uaibhreach ’s a bha i riamh, agus chuir mire-chatha gu ruaig gach smuain chianail agus gach dóruinn! Chaill sinne anns an ruaig mhi-fhortanaich so mu thuaiream sèa mìle fear agus mu’n àireamh cheudna de na h-eich; ach cha robh ar call sa’ bhlàr ach faoin, mu thuaiream ochd ceud, ach chaill na Frangaich os ceann dā mhìle! Smuainticheadh duine sam bith air so, a leithid do bhuaidh leis an arm Bhreatunnach anns an staid san robh iad! Ciod nach deanadh na daoine so ann an tìr an dùchais ’nan seasamh air fearann an sìnnseara leis a’ chothrom-pailteis bu chòir a bhi aig fir-chogaidh? Cha do chaochail an seanalair gus an robh am blār seachad. ’Si cheud cheist a chuir e, “An do ghabh na Frangaich an ruaig?” Dh’ fheòraich e so de gach aon a chaidh a stigh g’a sheòmar, a’ leigeil ris cho toilichte ’s a bha e a chluinntinn gu’n robh iad iar teicheadh. “Tha mi ’n dòchas gu’m bi muinntir Shasunn toilichte. Tha mi’n dòchas gu’n toir muinntir mo dhùthcha ceartas domh.” Thionndaidh e’n sin ri Coirneal Anderson a charaid agus a chompanach osceann bliadhna thar fhichead, agus thuirt e ris “Anderson, tha fios agadsa gu’m b’e mo mhiann-sa bàs fhaighinn air an dòigh so. Chì thu mo chairdean cho luath ’s is urrainn duit—innis doibh gach nì—abair ri m’ mhàthair”—aig ammeachadh a mhàthar dh’fhàil- [TD 163] nich a ghuth agus bha e thar tomhas air a ghluasad le bròn agus cha robh e comasach air an teachdaireachd mhuladach a chur d’a h-ionnsuidh. Aig an ām so dh’ iarr e a chur ni bu shocruiche. “Tha mi am fhaireachduinn féin co lāidir” ars’ esan “’s gu bheil eagal orm gu’m bi mi fada beò; tha mo thriobluid tróm ’s mo phian dòruinneach,” ach beagan ’na dhéigh so theannaich e lāmh Anderson gu teann r’a chorp, agus an ùine beagan mhionaidean chaochail e co sàmhach ’s ged a bhiodh e a’ tuiteam ’na chadal. Thuit e mar bu mhiannach leis a’ toirt buaidh anns na blàraibh. Chualas gu tric e ag ràdh gu’m bu toil leis a bhi air adhlacadh anns an àite ’san éireadh dha tuiteam. Mar so bha caisteal Chorunna air a shònruchadh, agus chuir a chuid oifigeach gun dàil mu thimchioll an dleasnais mhuladaich so. Chaidh uaigh a chladhach dha leis na béigneidean air mullach balla dīona a’ chaisteil. Cha robh ùine aca air ciste-mhairbh a dheanamh; ach dh’ fhill oifigich an naoi réisimeid agus an fhreiceadain duibh e ’na phlangaid le ’chleōca-cogaidh air ’uachdar, agus air an dōigh so dh’ adhlaic sinn e le solus no gealaiche agus ar lòchrain gu fann a’ lasadh. Cha do labhradh focal—sheall sinn an aodann a chéile agus airsan a bha ’na shìneadh mar fhear-cogaidh a’ leigeil a sgìos ’na chleòca. Chaidh an t-searmoin a dheanamh le ministeir an airm—cha chualas fuaim gunna no druma mar is gnàth aig adhlacadh saighdeir; ach gu tosdach tūrsach dh’fhàg sinn e sìnte ’na chadal deireannach. ’Si uaigh an t-seanalair Sir Iain Moore an t-aon ni is mò bheir a dhùthaich dhachaidh gu cridhe saighdeir, a tha r’a fhaicinn aig Corunna. Tha i air mullach an tùir agus ’se meall de thalamh tha anns an tùr shean-aimsireil so. Tha gunna-mór pràis aig gach oisinn di leis an fhocal MARSEILLES gràbhailte orra. Bha Moore air a mheas le ard uaislean Lunnuinn agus le luchd comhairleachaidh an righ cha ’n e amhàin mar dhuin’-uasal air gach seòl, ach bha earbsa gun tomhas aca ’na sheòltachd agus ’na thapachd mar shaighdeir, agus leis gu’n d’ thug an t-arm an dā chuid gràdh agus urram dha, mheudaich so gu mór a chliù. Saighdear a bheireadh bārr air Sir Iain Moore cha do choinnich riamh peileir air achadh batailt; air a’ chuid is lugha b’e sin barail an airm, agus bha e gu mór air a ghràdhachadh le muinntir Bhreatunn air fad. Rugadh e ann an Glascho anns a’ bhliadhna 1760; agus chuir muinntir a’ bhaile so suas mar chnimhneachan air, a dhealbh snaidhte, ann an éideadh-cogaidh, anns a’ chearn de’n bhaile ris an abrar sa’ Bheurla George’ Square. B’e seann diùc Earraghael a fhuair a stigh do’n arm e fo’n treas righ Deòrsa. Sheirbhisich e ann an Innsean na h-aird-an-iar; ann an taobh tuath agus deas America; san Olaind; san Eiphit; ann an Corsica; ann an Eirinn; san Fhraing; agus cha ruig mi leas a ràdh ann am Portugal agus an Spàind. Slàn leibh. Is mi ur seirbhiseach ûmhail. SAIGHDEAR GAELACH FO’N ITEIG DHEIRG. [TD 164] TIGH-EIRIDINN RÌOGHAIL GHLASCHO. THEAGAMH nach rud mi-thlachdmhor le luchd-leughaidh an Teachdaire duilleag dheth a lìonadh le eachdraidh (gearr mar is éigin di a bhith) an tighe so; ’s iomadh Gàidheal a fhuair furtachd ann, agus is toilinntinn leam a ràdh, gu bheil iad cuimhneachail air. Air an naoidh-la-deug de’n mhios Mhàigh sa’ bhliadhna 1792, stéidhicheadh au tigh so agus dh’ fhosgladh e airson euslan air an ochdamh la do dhara mios a’ gheamhraidh 1794: aig an àm so b’e àireamh nan leapaichean ochd fichead, agus bu leòir iad, ach, mar a tha fios agaibh, dh’fhàs sluagh Ghlascho co lìonmhor ’s gu’m b’ éigin a mheudachadh gu mór. Thogadh an earrann a tha’g amharc gu tuath sa’ bhliadhna 1815; annsan tha ceithir fichead, agus diubh so bha dà fhichead air an cur fa leth airson luchd fiabhruis. Ann an ceann bheagan bhliadhnachan ’na dhéigh so thromaich am fiabhrus co grad agus gu’m facar feumail le luchd riaghlaidh an tighe, tigh-eiridinn fiabhruis a chur air dòigh, a tha nis crìochnaichte. Chaidh an ceud earrann deth-san a thogail sa’ bhliadhna 1826, an dara ann an 1832, an treas ann an 1834, agus air a’ bhliadhna so cheangladh an dithis thighean r’a chéile: ann an cruaidh-chas gabhar a stigh do’n dithis cùig ceud euslan agus le socair ceithir cheud gu leth. Tha gach tinneas gabhaltach ’gan cur do’n tigh ùr agus gach seòrsa eile do’n t-seann tigh: thogadh tighean air a’ bhliadhna so anns a bheil a rùn air lighiche, comhairle, agus cungaidh-leighis a thabhairt a nasgaidh do bhochdan an dà chuid a’ bhaile agus na dùthcha mu’n cuairt. Anns gach aon do sheòmraichean móra nan euslan (wards) tha ochd leapaichean deug, agus aig a’ cheann a stigh tha tri seòmraichean beaga airson euslain àraid: anns gach aon diubh so tha àite-gealbhain, solus guail (gas) a’ soillseachadh, aite-ionnlaid, agus gach goireas eile; tha na leapaichean a dh-iarunn le ùrlair fhiodha no chainbhais, an t-aodach-leapach glan agus taitneach, air a chur a dh-ionnsuidh an tigh-nigheadaireachd nuair a tha’n t-euslan ’gam fàgail air chor agus gu bheil gach oidhirp ’ga thabhairt air glainead agus furtachd. Tha cùig ard-lighichean a’ teachd chum an tighe gach latha a dh’ fhaicinn nan euslan agus maille riùsan sgaoth fhòghlumaichean òga; tha a rithist seachd lighichean òga a’ còmhnuchadh san tigh, ullamh chum freasdal aig gach àm. Tha leth-cheud banaltrum ann; eadar luchd là agus luchd oidhche; tha a’ bhanaltrum là a’ freasdal bho sheachd uairean sa’ mhaduinn gu deich san fheasgar agus té na h-oidhche bho’n àm so gu seachd sa’ mhaduinn: a bharr orra so tha mòran sheirbhiseach eile ann; agus ag amharc thairis air an arm bhoirionn so air fad, tha mathair-teaghlaich, sa’ Bheurla Matron. Cha’n eil caomhnadh air seòrsa béidh na dibhe a bhitheas feumail do na h-euslain, mar a tha fìon, uisge-beatha, branndai, portair. [TD 165] A cheithir bliadhna na taice so chosg an deoch osceann cùig ceud punnd Sasunnach. Tha ministeir a’ searmonachadh an t-soisgeil dà uair ’s gach seachduin agus ’si barail mhóran gu’m bu choir e bhi chomhnuidh san tigh chum comhairle spioradail a thabhairt aig gach uair feuma; tha so ri tachairt gu h-aithghearr. Cha ’n eil ministeir aidmheil air bhith co mi-sgàthach ris an t-sagart Phàpanach; roimh fhiabhrus, breac, no tinneas eile cha ’n eil e’gabhail fiamh. Tha na maighstirean-guail ro chuimhneach, oir chuir iad a stigh air a’bhliadhna so còrr agus trì cheud cairt: tha mìle cairt ’gan losgadh ré na bliadhna. Tha an t-uisge ’tighin a nasgaidh; theagamh ga bheil cuid do luchd-leughaidh an Teachdaire aineolach gu’n imrear dìoladh ann an Ghlascho airson an uisge. Ged tha gach goireas, iomchuidheachd, aire agus sgil ’gan tabhairt mar so, gidheadh gheibhear iad a chàineas e, ach cha ’n eil an t-àireamh so mór: ’s aobhar-ghearain cuid, nach ’eil an dìlsean aca, cuid gu bheil droch bhanaltrum aca; feudaidh so tachairt a meag móran, ach is ainmig e; cuid eile leis an d’rugadh mi-thoileachas-inntinn agus a leanas riutha ged chuireadh iad do lùchairt rìgh; agus tha cuid eile is fàth an gearain an t-ocras. Tha cuimhn’ agam gu math air éisdeachd gearan diubh so bho chionn iomadh bliadhna. “Cha robh mi” ars’esan “ach beagan láithean a stigh nuair a fhuair mi a’ chuid a b’fhèarr do’n fhiabhrus, agus thainig toil do bhiadh dhomh ionnus gu’n robh mo mhionach air a tholladh leis an acras; bha mi ’faighiun cuach bhrochain a’s bhainne moch agus anmoch, a thuillidh air dìnneir, ach bu bheag air ùrlar mo stamaig iad; bheirinn da-bhliadhnach muilt air chùmhnant a’ chuach a bhi mheud eile.” Is beag a shaoil e gu’n deanadh a bheag no mhór a gheòcaireachd aig an àm so an t-acras a chur deth agus lan a dhroma do’n fhiabhrus a chur ’na àite; so mar a gheibhar iad. Bho’n a dh’ fhosgladh an tigh ann an 1794, ghabhadh a stigh 63,577 euslan, dh’fhàg dhiubh so, gun bhi air an leigheas, 12,030, shlànuicheadh 45,899 agus bhàsaich 5,374. Bha air a’cheud la do’n bhliadhna 1835, 260 a stigh, air an là mu dheireadh 274 agus bha 3534 fo chungaidh-leighis ré na bliadhna; dhiubh so chaidh 2435 a shlànuchadh, 263 a chur am feabhas, 15 do-leigheas, bhàsaich 359 agus dh’fhàg a’ chuid eile le’n toil féin. De’n àireamh so bha 1359 gu tinn le fiabhrus, 716 bhoirionn agus 643 fhirionn: mar so tha sinn a’ faicinn gu bheil na boirionnaich ni’s buailtiche do’n fhiabhrus san áite so na na fir. Chaidh ceud-gu-leth a ghearradh, airson sgiorraidhnean, do chuid làmh, do chuid cas agus do chuid buill eile. Tha mòran a’ tighin a stigh air an losgadh; ’s bitheanta leò bhi air an lotadh mar an ceudna le nathair Mhic-talla; thugadh tri boirionnaich ann an aon là a stigh; an déigh dhoibh a’mhisg a ghabhail, smuaintich iad gu’m fiachadh iad a’ phìb-thombaca agus ann an àm a lasaidh, ghabh an aodach teine, [TD 166] ’s mar so loisgeadh iad: cha do sheas a h-aon diubh. Ghabhadh a stigh 72 leis a’ bhric nàdurra; dhiubh so bhàsaich I8, agus is duilich leam a ràdh gu’m bu Ghaidheil as na h-eileanaibh a’ chuid mhór dhiubh; is reusan da so, gu bheil pàrantan ’sna cèarnaibh so a’ deanadh dearmad air breac a’ chruidh a chur air an cuid cloinne; is mór an fhreagairt a tha aca ri thabhairt. Tha cuid eile ri dimeas air an t-sochair so, “’s minic” ars’ iadsan “a chunnaic sinn iad air an deachaidh breac a’ chruidh a chur a’ gabhail na bric nàdurra agus a’ falbh leatha, an gairdeanan ag at agus a’ lionnachadh gus an do chailleadh iad agus an coluinnean a’ bristeadh a mach bho mhullach gu bonn; faodaidh so tachairt le mi-ghnàthachadh agus neo-aire, ciod nach feud tachairt ri leithid sin? cha ’n fhaca mise riabh aon urra san dòigh ud, ni mò a h-aon a ghabh breac a’ chruidh a’ falbh leis a’ bhric-nàdurra; tha iad ann a tha ’ga gabhail gun teagamh, agus mar an ceudna a tha gabhail na bric-nàdurra dà uair, oir bha h-aon diubh so a stigh am bliadhna: ach tha iad ainmig le chéile. Le faicill cha ’n eil cunnart ’na cur, ionnas gu’m feud gach bean choìr san dùthaich so a dheanamh. Theagamh gu bheil dream ann nach eil ’ga cur bho neo-iomchuidheachd; acasan tha leisgeul, ged ’si mo bharail féin gu’n rachadh aig ministeir na sgìreachd (far nach’eil lighiche) air a faotainn as a’ Ghalldachd aig gach àm do na cèarnaibh a’s iomallaiche. Tha dòchas agam gu’n gabh gach aon a tha ciontach dhe so comhairle agus nach bi uiread a’ dh-aodannan bòidheach nan caileagan Gàidhealach air am breacadh leis a’ghalar ghràineil so. Tha cosdas an tighe ré na bliadhna mu thiomchioll cùig gu leth mìle agus an tighin-a-stigh mu thimchioll sè: tha an calpa mu cheithir mìle deug punnd Sasunnach. Tha cead aig gach aon a phàigheas sgillin ar fhichead Shasunnach, euslan a chur a stigh, agus tha cuid a’ pàigheadh cuid tuillidh, am fòghlumaiche seachd puinnd ’s a deich, agus tha daoine iochdmhor a’ fàgail dhìleaban gach bliadhna, cuid diubh so a ruigeas suas air mìle punnd Sasunnach: ’se tabhartas a’s mò a fhuaradh air a’ bhliadhna chaidh seachad, ceud punnd Sasunnach bho Fhear Dhiùra. Saoilidh sibh gun teagamh air bith, gur h-ionann gach cungaidh-leighis, a tha air an gnàthachadh anns au tigh so do’n Ghall agus do’n Ghàidheal, agus mar is bitheanta tha so fior, ach an gabhar iongantas nuair a their mi gu bheil aon luibh againn a tha ’tabhairt mòran fuasglaidh agus comhfhurtachd do na Gàidheil agus gidheadh anns nach ’eil feum air bith do’n Ghall; is e bu chòir dhomh ràdh gur ann a ni i móran coire dha; (oir tha eud mòr air nuair a tha e cluinntinn na Gàilig ’ga labhairt ris na h-euslain) is i an luibh so a’ Ghàilig. ’S mòr an toilinntinn agus an sòlas a bheir focal tlusmhor no dhà do’n Ghàidheal euslan ann an àite aineoil; ’s minic a chunnaic mi leis a so, an inntinn lag agus ìosal a’ togail gu grad agus an urra a’ faighinn faochaidh, seadh, nach robh e comasach dha fhaotainn bho chungaidh-leighis sam bith. Tha bàigh mhòr aig a’ Ghàidheal d’a dhùthaich, a luchd-dùthcha agus [TD 167] do chainnt a dhùthcha. Bho chionn dà latha dhomh bhi am measg nan euslan, chaidh mi ’stigh do sheòmar anns an robh triùir Ghàidheal ris an robh mi ’cleachdadh Gàilig a labhairt; bha fear diubh air bheag Beurla, ach air dol mòran ann am feabhas air chor agus nach d’ rinn mi ach sgeul a ghabhail de. Nuair a chunnaic e mi ’falbh mach, “cha ’n eil thu,” ars’ esan, “’g am fheuchainn an diugh idir, agus gur dŏcha leam far an saltair thu na na bheil eadar talamh agus athar do na dochtairean Gallda.” ’Se gàradair na luibh so an Teachdaire, agus is còir do gach Gàidheal a cur anns gach gàradh, a chùm agus gu’n sgaoil i: ’s mór am feum a tha ’n Teachdaire ’deanamh am measg nan euslan; tha gach seòrsa leughaidh ann, air chor agus gu bheil e ’nan comas roghainn a ghabhail; tha beagan diubh nach urradh a leughadh ged tha iad eòlach air Beurla a leughadh, agus is mór an nàire dhoibh; tha dòchas againn, nuair a gheibh iad leabhar Mhictalla gu’m brosnaichear iad gu leughadh Gàilig. ROB RUADH. II. NOAH ’NA SHAMHLADH AIR AN T-SLANUIGHEAR. Tha ’n t-ainm Noah a’ ciallachadh fois, sòlas, agus gu tric gràs; agus mar sin ’se Criosd ar sòlas agus ar fois-ne, agus tre-san tha gràs a’ rìoghachadh chum na beatha maireannaich; agus d’a thaobh-san ’s ceart a dh’fhaodar a ràdh, “Bheir an tì so féin sòlas dhuinne thaobh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh.” Gin. v. 29. ’Nuair a thruaill gach uile fheòil an slighe, “Bha Noah ’na dhuine cothromach agus iomlan ’na linn, agus ghluais e maille ri Dia, Gin. vi. 6, agus, suarach mu thàir nan aingidh, chronaich e iad am briathraibh bagraidh, a’ searmonachadh fìreantachd ’nan coimhthional, 2 Pead. ii. 5. Mar so sheas Criosd ’na ionracas anns gach cùis, an linn olc agus adhaltranach, a’ searmonachadh mar tha e sgrìobht’ uime ’sna sailm, “Rinn mi sgeul air t’fhìreantachd sa’ choimhthional mhór; feuch cha do chaisg mi mo bhilean, a Thighearn, is aithne dhuit,” Salm. xl. 9. Tha e air ìnnse dhuinn, nach bu chomasach fìreantachd Noah, Dhanieil agus Iob, sluagh aingidh a shaoradh o’n bhuille bha teachd orra, Esec. xiv. 14. B’ fhìrean Noah, ach, tre ’fhìreantachd, cha bu chomasach e air an dìle thilleadh, ach tha fireantachd an Fhir-shaoraidh cho luachmhor, cho iomlan ’s cho neo-chrìochnach, ’s gur comasach e air peacaich gun àireamh a shaoradh o bhàs. Ach gabhaidh sinn a nis beachd air ullachadh na h-àirce, a’ chùis àraidh sin a tha mar shamhlachas, “air tèarnadh tre aiseirigh Iosa Criosd.” 1 Pead. iii. 21. Sguir Spiorad an Tighearna bhi strīgh ri daoinibh ceannairceach, agus bha ’n t-àm air teachd san robh dioghaltas an Tighearna [TD 168] ri bhi air a dhórtadh orra le buaireas, ach, air do Noah rabhadh fhaotuinn o Dhia, dh’ullaich e àirc fa chomhair na dìle bha dlùthachadh, ’s air dha bhi air a ghluasad le h-eagal thug e géill do dh-àithne ’n Tighearna. Chuir e ’n suarachas fanaid an t-saoghail mhi-chreidich ’s cha robh smuairean air a thaobh nan deuchainnean a bha gu amas air mun crìochnaicheadh e àirc a ghleidheadh ’na glaic gach gnè bheò-chreutair, leis gach ni bhiodh feumail fhad ’s a bha iad ri tuineachadh innte; ach chreid Noah ann an Dia agus ghluais e ’na eagal agus neartuicheadh e gus a’ chùis a dh’orduicheadh a thoirt gu crìch. ’Nuair ghabhadh an luchd a stigh dh’éirich an tuil thar na beanntabh a b’airde, ’s dh’adhlaiceadh an cinne-daonna ann an uaigh uisge, ach mharcaich an àirc gu buadhar thar na tonnabh ’s cha do bhuail i air na creagaibh ’s cha do lion i ’s na h-uisgeachabh làidir. Fadheòigh thainig columan le duilleig craoibh-ola mar shanus gu’n do thraoigh na h-uisgeacha, Gin. viii. 2. Fhuair iad mu dheireadh fa sgaoil, agus le taingealachd airson tèarnaidh cho miorbhuileach thairg an saoi urramach féin iobairt do’n Tighearn, a dh’ fhairich faile cùbhraidh sìthe, agus a dh’ ùraich leis a chùmhnanta gràsmhor, nach malluicheadh e ni ’s mò an talamh airson an duine. Nochdadh am bogha-frois os a cheann, agus bha so mar chomharadh nach còmhdaich na h-uisgeachan aghaidh na talmhainn, ’s nach buadhaich na tuinn ged bhuaileas iad air an tràigh. Có nach faic a’ chùis gu léir mar shamhladh air saorsa, tre Iosa Criosd, o thuil a’s uamhasaiche thig luath no mall air na h-aingidh? ’Se Criosd air am bu shamhladh Noah, araon san àirc, aig an altair ’s air a chuartachadh leis a’ bhogha-fhrois; agus gu cinnteach is esan an àirc a tha ’gar tèarnadh o thuiltibh feirge Dhé, an ìobairt a tha ’sìtheachadh a cheartais, ’s am bogha sin a dh’ fhiamhaicheas le suilbhearachd gach neul a dh’iathas m’ar cuairt. Ged bha àirc Noah, an iobairt ’s am bogha-frois eadar-dhealaicht’ uaithe féin agus o aon a chéile, ann an Iosa Criosd tha iad gu léir air an aonadh. Có thùradh innleachd mar an àirc chum tèarnaidh o’n dìle léir-sgriosaich? Cha b’e Noah féin a mheòraich a’ chuis ach Dia; mar sin ged rachadh aingil agus daoine gu’n dùlan chum seol-saoraidh fhaotainn airson saoghail aingidh, cha tigeadh an rathad sin am feasd fa’near dhoibh a fhuair gliocas Dhé amach ann an eadar-mheadhonaireachd Iosa Criosd; oir tha e dol cho fada thar smaointe dhaoine ’s nach urrainn iad a thaobh nàduir gabhail ri run-diòmhair Dhé; oir a ta e ’na cheap-tuislidh do na h-Iudhaich agus do na Greugaich ’na amaideachd.” 1 Cor. i. 23. Anns an àirc cha robh ach ochd anama, (1 Pead. iii. 20.) agus cia beag an àireamh sin an coimeas ris an t-sluagh gun chunntas a chailleadh ’s na tuiltibh! Mar sin is treud beag treud Chriosd, oir ged tha mòran air an gairm cha ’n eil ach beagan air an taghadh. Gu cinnteach b’iongantach an sealladh na h-ainmhidhean ’s an eunlaith a b’fhiadhaiche fhaicinn, gu sìth- [TD 169] eil, san aon ionad, an àm gabhaidh cho cruaidh, ach cho robh so idir cho iongantach ris a’ chùis sin a tha tachairt, ’nuair tha peacaich, air an tilleadh gu Dia agus a’ dol asteach d’a ionad naomh, oir, ann an Criosd, tha daoine garg a’ call am buirbe nàdurra agus a’ cur umpa mar shluagh Dhè, cridhe iochdmhor, irisleachd inntinn, macantas agus fad-fhulangas; agus am briathraibh maiseach an fhàidhe, “An sin gabhaidh am madadh alluidh còmhnuidh maille ris an uan agus luidhidh an liopard sios maille ris a’ mheann; agus an laogh agus an leòmhan òg, agus an spréidh reamhar le chéile; Cha dochuinn agus cha sgrios iad air feadh mo shléibh naoimh-sa gu h-iomlan.” (Is. xi. 6.) Uamhasach ’s mar bha bualadh nan tonn air an àirc, air dhi bhi fo dhìdean an Fhreasdail sheas i ’ghaillionn agus ghléidh i gach beo-chreutair a bh’innte gus an do shocraich i air beanntaibh Ararat. Mar sin, a Shlànuighir bheannaichte, chaidh tonna feirge t’ Athar thar do cheann-sa agus chair tuilte dhroch dhaoine eagal ort, (Salm xviii. 4,) ach thainig thu asda gu buadhar agus ghabh thu t’ fhois air beanntaibh na glòire, an déigh saorsa do shluaigh féin oibreachadh amach. Is tusa ar n-aite-folaich o’n stoirm ’s ar fasgadh o’n doininn. Mur biodh an Tighearna leinn shluigeadh tuiltean feirge Dhé suas sinn; rachadh na h-uisgeachan uaibhreach thar ar n-anam. (Salm cxxiv. 4.) ’Nuair chuimhnichear gu ’n do luidh columan air an àirc le duilleig craoibh-ola, thig e ’nar beachd mar thuirling an Spiorad air Iosa aig uisgeachaibh Iordain, an coslas an eòin chaoimh sin. ’Nuair fhuaradh an sanus so air “geamhradh na feirge bhi seachad.” (Dan. ii. 11.) dh’fhàg an saoi urramach an àirc, ’s ’nuair dhearc e air an léir-sgrios uamhasach dhìol e ìobairt réite de gach eun a’s beathach glan agus dh’fhairich an Tighearna fàile sìthe. Bheir so sinn gu smuaineachadh air-san a thug e féin air ar son “’na thabhartas agus ’na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.” (Eph. v. 2.) Tha Dia cho toilichte leis an ìobairt so ’s gu ’m bheil e socrachadh ann an cumhnanta le Criosd, agus le shluagh nach tig iad (muinntir Chriosd) am feasd a chum dìtidh. Agus chuir e féin an céill leis an fhàidh Isaiah: Tha so mar uisgeachaibh Noah dhomh. mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeacha Noah tuilleadh thar an talamh, is amhuil a mhionnaich mi nach bithinn ann an corruich agus nach toirinn achmhasan duit, O thusa, a ta ainniseach, air do luasgadh leis an doininn agus gun chomh-fhurtachd. (Is. liv. 9.) Faic mar tha na neòil ghruamach fo fhiamh-ghàire le dathaibh oirdheirc a’ bhogha-fhrois a’s comhara suilbhear air cùmhnanta Dhé! Is bogha e, ach is bogha gun saighead e, le ’aghaidh air a thionndadh air falbh uainn mar chomharadh air sìth. ’Sann mar so a theid àmhghair nan oighreachan air fireantachd a chaochladh gu sòlas tre Iosa Criosd. Faodaidh neòil agus dubh-neòil iathadh mu ’n timchioll ach cha sil iad ach braona air an anam a dh’ath-bheothaicheas sinn mar arbhar ùrar. An ni sin a bha aon uair ’na chomharadh air feirg ’s ’na chuis- [TD 170] eagail, tha nis ’na shamhladh gràidh ’s ’na chuis-mhisnich d’ar creidimh. Tha bogha-frois gu siorruidh mu thimchioll righ-chathair Dhe, (Taisb. iv. 3.) ged thigeadh amach aisde dealanaich, tairneanaich agus gathanna; agus ged bhiodh esan mar an t-aingeal cumhachdach, (Taisb. x. 1.) air a sgeadachadh le neul ann am frithealadh a fhreasdail ni deàlradh a ghnùise bogha-frois mu chuairt a chinn. Tha e ghnàth cuimhneachail air a chumhnant agus cha’n eil aobhar aig a mhuinntir a bhi fo gheilt roimh uamhasaibh a ghlòire. A. M‘I. An Calbh Muileach. (Gheibhear san ath Theachdaire, eachdraidh Mhelchisedeic a réir ’s mar bha e ’na shamhladh air an t-Slànuighear.) DUILLEAG NAM BALACHAN. A chinn na Soillse, O’n chuir thu h-ugam an fios mu dheireadh, ghabh mi do chomhairle, agus ràinig mi Càradal.—Rinn am fear-teagaisg mo bheatha, theid mi ’n urras, agus mar a thubhairt thusa, a dhiùlannaich chòir, is ann a thachair. A dh’ aindeoin cogarsaich Iain nam fiacla daimh, a thug ionnsuidh air mo ghrabadh, is feairrde mi gu bràch am mìos a chaith mi am bruth an labhruis; agus a bhàrr air na ni na dh’ionnsaich mi dhomh fein ’s do m’ chloinn, thu dòchas agam gu’n dean e ro mhòran do’n òigridh Ghàidhealta gu choidheanta, agus mar an ceudna do’n t-seana mhuinntir, do nach deachaidh riabh, mar a chaidh dhòmhsa, eigse an àireamh a theagasg ’nän cainnt dhùchasaich féin. An uair a sgriobh mi h-ugad a’ cheud litir, bha mi ’n dùil gu’n rachadh agam air gach nì, a chur sios gu réith mu’n ealaidh tharbhaich so, ann am bhriarachas féin; ach, cha b’ fhada bha mi fo cheannsal an fhir-iùil gus an d’ fhuair mi làn-dearbhadh gu’n robh mi fad ’am mearachd. An àite tòiseachadh aig aon, dà, trì, smss,* mar bha rùn orm, ’s mar a chaidh a theagasg dhomh ann an Sgoil Iain-Mhic-Cumra sa’ Cheireamh Dhoilleir, ’s ann a thug esan orm gun dàil stéigh na cùis’ a ruigsinn, agus togail gu fòil air a sin, uigh air n-uigh, gus an do dhiongmhaltaich e mi air na bunasan; no, mar a theireadh mo sheanair, gus an d’ thug e orm bun a’ ghnothaich a thuigsinn. Ach, chum ’s gur fearr a thuigeas tu féin, a charaid chòir, agus na Balachain (ma’s balaich iad aig am bheil balachain, no ma’s proidsich) mar a chaidh mo theagasg, bheir mi a nis oirp air a’ cheud seòladh a chur sios gu pongail dìreach mar a chaidh ’fhoghlum dhomh féin. Mu thuaiream 9 ceud bliadhna roimhe so, thug am pobull ris an canteadh na Mùraich leo á h-Arabia do’n Eòrpa na deich ailean so; 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha a’ cheud té a’ seas- * ’s mar sin sios. [TD 171] amh air son aon; an dara té air son dà tri, agus mar sin sios gus an ruig thu naoi. A nise, ma bhios àireamh sam bith de nithean ri chur sìos eadar a h-aon ’s a’ naoi, cha’ neil agad ach a’ cheud litir de dh-ainm an nì sin a chur sios, agus an ail a fhreagras do’n aireamh a chur fòipe no ’nä déigh, mar so. Tri puinnd; P. 3 no P. 3 sea tastain t. 6. no t. 6.—naoi bolla, B. 9.—coig dusain d 5. Tha so cho soilleir fhurasda, ’sgu’n do thuig Ceit bheag agus Taracul òg, mo chlann féin e, a’ cheud uair a chaidh fheuchainn doibh. Gu dearbh thuig Taracul beag e cho math, ’s gu’n d’ thug mo ghràdh an aire gu’n robh deireas ’s an rian ăilean so; oir, ars’ esan, “A dhaidi, ged a ghabhas naoi, ochd, seachd, agus o sin gu aon cur sios, ciamar a chuirinn sios deich, no àireamh nas mò?”—‘Ma ta, ’rùin,’ arsa mise, ‘chaidh tusa ri d’ dhualchas; cha bu dream gun smuaineachadh, gun oighim, gun tuaiream o’n do liansgair thusa, a leinibh spreigeil; b’e do Sheanair aon chuanaiche b’ fhearr a ghlac riabh ailm ’nä laimh thoirteil, no a dh’ iùl saidh luinge air rugha fuaraidh g’ ä chur fodha, agus neo-ar-thaing mur h-eil a bhlàth gu bheil cuid d’ ä àbhaist iar tàrmach ad cheann-sa, annsain rùnaich! Mo phàiste gaolach, chunna tu gu bheil ail an déigh naoi, sùileag bheag air nach d’ thug mi iomradh idir—seall tu so i, (o)”—“Shaoil mi, “ars esan” gur h-o a bha sin.” “’Se sin cumadh a th’oirre, a ghràidh; ach, mar ail cunntais, ’se their iad rithe neoni, neo séro.”—“O, tha mi ’m beachd gur h-i sin an ail a tha seasamh air son deich!” “Cha ’n i idir; leatha féin cha n-eil i ’seasamh air son àireamh sam bith, agus is ann air son sin a theirear neoni rithe;—ach ma chuireas tu a h-aon de na h-ăilean eile air thoiseach oirre, tha i a’ meudachadh än luach deich uairean; air chor agus gu’n dean 10, aon deich; 20 dà dheich; 30, tri deichean; 40, ceithir deichean, amss. Agus, air an amhuil cheudna, ni 11, deich ’s a h-aon, neo h-aon deug; 12, a dhà dheug; 13, a tri deug; agus mar sin gus an ruig thu 19, (naoi-deug,) far an toir thu fa’near gu bheil an t-aon ainm air ail na laimhe deise a bha oirre roimhe, ach gach 1 a tha air an laimh chlì, gu bheil ainm ùr oirre, deug, (’se sin deich). So ma ta mar chuireas tu sios àireamh sam bith eadar deich agus fichead: 10, 11, 12, 13, 14, 15, 16, 17, 18, 19, 20.—An uair a bhios dà ail cuideachd, theirear gu bheil té na laimhe deise sa’ cheud àite, agus té na laimhe cearra ’s an dara h-àite: agus anns an dara h-ionad is fiach ail sam bith a dheich urad ’s a b’ fhiach i ’s a’ cheud àite. Air an aobhar sin, an uair a ruigeas sinn 9, is éudar tòiseachadh le 1 as-ùr agus a cur ’san dara h-àite:—chum na crìche so is eudar ni-eigin gun luach a chur air a deis; ’s ann air son so a ta neoni, agus chi thu nise mar tha ’n ail i-féin gun luach, ged is culaidh-chòmhnaidh i gus luach a thoirt do chàch.”—“Ma ta, nach gasd an seòl a fhuair iad air a’ ghnothach a dheanamh! Tha mi ’faicinn a nise gu bheil sinn daonnan ri gabhail romhainn air rian dìreach o aon go 9, agus an [TD 172] sin a’ cur séro ris an laimh dheis mar is àirde ’ruigeas an àireamh a bhios againn ri thaisbeanadh: so 20, (fichead): 21, (a h-aon thar fhichead): 22, (a dha thar, &c): 23, (a tri, &c.); 24, (a ceithir, &c.): 25, 26, 27, 28, 29;—agus a thaobh ’s gu’n d’ ràinig mi 9, ’s éudar 3 a chur an aite 2, agus séro far an robh 9—mar so 30,—agus tha agam a nise tri deichean, neo 10 thair 20.”—“Dìreach, a cheist, air ä shùil—is oighr air do sheanair thu gu fìrinneach.”—“So a nise da fhichead, 40.—agus 50, 60, 70, 80, 90. Ràinig sinn anise 9 ’san dara h-àite agus ciod a ni sinn?”—Dìreach mar rinn sinn roimhe ’nuair bha i againn ’s a’ cheud àite,—1 a chur sios agus dà neoni air a deis, mar so, 100; agus ni sin 10 deichean neo ciad.”—“Sin thu, a laochain bhig! Mar is beò mi ma nì thu cho math sin aig a’ mhaistir-sgoile, nach ion domhsa ’bhi ’gearan mo sporan a bhi aotrom. Cuir sios ciad ’s a h-aon.” “So, 101.”—“Ciad ’s a fichead.”—“So, 120.”—“Dà chiad is tri fichead.”—“So, 260.”—“Ochd ciad is 5 fichead.”—“Ochd ciad is cóig fichead! A hah! cha do ghlac sibh fathast mi, athair; ochd ceud is 5 fichead—sin 9 ciad, agus faic sibh, sin e, 900.”—“Math is dìreadh ort, a rùin nam fear! agus cliu bith-bhuan do’n Tì a chuir ormsa ’s air do mhàthair culaidh-ghàirdeachais mar thà thu, an oidhch’ a thaine tu air an t-saoghal! Fair do leachd agus cuiridh mi ’a nise sios dhut. CLAR AN AIREIMH. 9, mìle muill. 8 ciad muill. 7 deich muill. 6, muillion. 5 ciad mil. 4 deich mìl. 3, mìltean. 2 ciadan. 1 deichean. 0 aonan. Tha agad ’an so 1 deich, 2 chiad, 3 mìle, da fhichead mìle, 5 ciad mìle—6 muillionan, trì fichead mullion ’s a’ deich, 8 ciad muillion, agus 9 mìle muillion. Tòisich a nis aig an laimh chlì agus abair air ais an t-iomlan: 9 mìle, 8 ciad, 3 fichead muillion ’sa’ sea déug; 5 ciad tri is da fhichead mìle; 2 chiad, agus deich. Faodaidh tu nise na h-ailean atharrachadh air seòl sam bith is miann leat, agus teagaisgidh an clàr dhut än ainmeachadh. So agad cuid air am faod thu bhi ’g obair gus am bi thu coilionta agus leig fhaicinn do Cheit bhig na dh’ ionnsaich thu, feuch an toir thu oirre thuigsinn cho math riut féin. 27.—72. 301—103—310—428—824—248—284—1964—4961, 6914, 9641, 4169, 6419, 9416, 4691: 100001 : 502030 : 1111111 : 9696901 : 1023000 : 57601002.” Tha dòchas agam nach dean thu moille air so a bhi aig na buachaillean; oir faodaidh leacag agus sgilibhein a bhi aig gach aonan diu ré an t-samhraidh air a’ bhlàr a-muigh agus a bhi fòghlum mòran a bhuannaicheas duais dhoibh ’nuair theid iad do’n sgoil ri linn an dùdlachd. Is mise, le mòr-spéis, a Theachdaire Shoilleir, do charaid dìleas. TARACUL UDLAIDH. Gleann-na-brùide, Mios Màigh, 1836. [TD 173] TRIOBLAIDEAN NA H-ÒIGE. A Theachdair urramaich, Le fìor dhùrachd mo chridhe, guidheam soirbheachadh dhuit ’s gach cearna.—A cheart cho cinnteach, ’s is duine beò mi, a’ cheud iomradh a chuala mi air do ghnùis a bhi teachd gu solus na gréine oirnn as ùr thug e toileachadh dhòmhsa nach comasach dhuibhse a thuigsinn ni mò dh’inndrigeas e cridhe neach sam bith. Ma dhaoite gu’n smuainich sibhse gur ann air son brosguil agus soduil a tha mi, ach cha ’n ann, cha ’n eil mi gabhail orm féin nithe móra spleaghnasach a chur d’ur n-ionnsuidh, ach am beagan a leanas tha e cho fior ri ni sam bith. Air an aobhar sin gheibh sibh e mar a chuala mo chluas, mar a chunnaic mo shùil agus mar a laimhsich mo làmh; agus cha’n ’eil a mhiann orm ni sam bith a chleith ach m’ ainm agus ’se nàire m’ allabain a thug orm sin féin a chleith. Tha mi ’gam chunntas féin fortanach a leithid do chothrom fhaighinn air mo sgeul bochd a chur a dh’ionnsuidh mo chairdean agus mo luchd-eòlais ann an làithibh m’òige a dh’ fhàg mi am dhéigh gu sàmhach anns na gleanntaibh; ach air a shon so uile mur fiach e’n t-saothair na truaillibh beul an Teachdaire leis. Rugadh mi anns a’ Ghaeltachd air oidhche na collainn a shè-bliadhna-deug na taice so—Bu mhi ceud-ghin m’athar; air an aobhar sin chruinnich e na coimhearsnaich uile mu’n cuairt da gu cuirm mar is gnàth leo fhathast a dheanamh ’n cuid do dh-àiteachan. Gidheadh cha robh sa’ mheud-mhór so aig mo bhreith ach boillsgeadh o’n ghréin troimh ’n iarmailt ’s i gu dui-neulach a’ bagradh stoirm; no mar is minic a chunnaic thu, a gathan a’ dèarsadh air lochan-feuraich air latha frasach ann an ceud-mhios a’ gheamhraidh, ’sna neòil gu léir, a’ tàrmachadh doininn; oir dh’fhàgadh aig bristeadh na maidne am dhìlleachdan mi.—Chaidh an déigh sin mo chur a dh’ionnsuidh na Galldachd gu brathair-athar dhomh a bha fuireach ann am Paisleig agus cha b’fhada bha mi le-san ’nuair a chuir e gu seirbhis mi gu bhi m’ ghille-frithealaidh aig figheadair. Cha mhór bhalachan a bha co làidir rium aig m’aois agus cha ’nann air son ’s mi féin g’a ràdh bha mi anabarrach tapaidh agus geur; air an aobhar sin fhuair mi ’n dòigh air mo cheird cho seòlta ’s gu’n d’thug mi stigh ceithir tastain san t-seachduin. Ach b’ainmig a bha mi dà mhìos le aon mhaighstir; dh’fhàs a’ chuid mhór dhiubh gràineach orm, le dìth aodaich; ’s gann a bha do chùram air a bhuileachadh air na broineagan a bha orm ’s gu’n còmhdaicheadh iad air éiginn mo nochd ’s mo nàire. Bha brathair-m’ athar leasg, agus air son a mhnatha cha tugadh i ’cosan á oir an teine fad an latha. Air an aobhar sin chaidh mo thuarasdal-sa a dh’ionnsuidh na sgillinn ma dheireadh a chumail an deò san teaghlach. Gun bhoineid air mo cheann, gun bhròg gun osan, gun orm ach an t-ainm do dh’aodach, sheas mi mach tuiltean frasach an fhogharaidh, thug mi dùlan do shneachda ’s do reothadh agus do stoirmean gruamach a’ gheamh- [TD 174] raidh. Fhuair mi fìor dhroch laimhseachadh bho bhrathair-m’ athar ’s bho ’mhnaoi; bha mi gu bitheanta a’ fannachadh le dìth bìdh; bha mi air mo chnapadh gu math tric sa’ cheann leis an dorn, gu h-àraid nan éireadh dhomh focal a thoirt an aghaidh clann bhrathar-m’athar, b’e ’n t-aona chuid e co dhiù bhithinn san eucoir no nach bitheadh:—bha mi air m’ fhuathachadh aig an tigh, air mo sheachnadh le’m cho-aoisean aig nach robh tlachd sam bith dhiom leis cho rùisgte ’sa bha mi. Dh’fhàs mo mhisneach anabarrach lag do bhrìgh nach deanadh iad mo bheatha leo ann an cleasachd sam bith a dh’fheudadh tilgeadh a suas, dh’fhas mi neo-umhailleach umpa gu buileach. Gun an soilise bu chaoile do sholus foghluim, tréigte, ann an staid aineolais, gun athair gun mhàthair, gun iochd, gun chairdeas, am allaban bochd a null agus a nall air feadh an t-saoghail, am dhìlleachdan gun dìon, agus bliadhnachan m’ òige a’ siubhal air falbh gun toil-inntinn; b’e so bu chor dhomh aig aois naoi-bliadhna, nuair a thachair dhomh a bhi fo mhaighstireachd W. H. agus ’sann le fior thruas dhiom a bha e ’gam chumail idir. Nuair a dh’ amhairceadh e air mo dhéisneachd ’sgann a b’urrainn e labhairt rium le caoimhneas; ach mar bu mhò a chunnaic e dhiom, agus mar a b’eòlaiche dh’fhàs e mu’n staid bhochd san robh mo chrannchur air a thilgeadh bha ’n tuille duilichinn aige dhiom agus chrion a ghairgealachd leis na labhair e rium an toiseach, air falbh ann an caoimhneas blà-chridheach a nàduir. Bha mi sè seachduinean lesan, ’nuair thachair dha dol do Ghlascho gu coinneamh àraid a bh’aig na Figheadairean mu iarratais a bha iad a’ cur fa chomhair na parlamaid. An àite e bhi ’na latha cluiche dhòmhsa, bha mi air mo chur air theachdaireachd le m’ bhana-mhaistir o’n d’fhuair mi mar dhuais deagh dhìnneir, agus sgillinn, a chomhairlich i dhomh a chosd air seòl sam bith a mhiannuichinn. Chaidh mi stigh do bhùth agus cheannaich mi fiach na sgillinn do bhiadh-milis a ghiùlain mi dhachaidh le ard ghairdeachas gu roinn a thoirt do chlann bhrathar-m’-athar, chionn b’i cheud sgillinn a mhaistirich mi riamh i. ’Fhir mo chridhe ma chaidh, cheasnaich bean bhrathar-m’athar mi; dh’innis mi dhi an fhìrinn, agus ma dh’ innis dh’fhàs a sùilean ’nan lasair dheirg; chàin i mi gu fuathasach, ’s mì gu mór bu mhiosa na ’m Mac-Stroghail, air an aobhar sin bhagair i orm gu searbh! Rinn mise gu h’ amaideach a freagairt gu math goirid le seòrsa dùlain a thoirt dith; ach mun abradh tu h-aon bha brathair-m’athar air a bhonn agus gun aon fhocal a ràdh bhuail e mi ’n taobh a’ chinn, ghabh e’n sin a chosan do m’ chorp air dhòigh ’s gu’n robh mise gu math brùite fo mhullach gu bonn; thilg e’n sin a mach as an tigh mi. Bha m’ fhulangas cho goirt, ’s nach mór nach do sgàin mi mo chridhe a’ caoineadh. Le guth searbh, ghlaodh mi nach pillinn am fad ’s bu bheò mi, gu’n roghnaichinn bàsachadh an toiseach. A’ cur romham cumail ri m’ fhocal, thug mi togail orm féin o’n talamh, thiormaich mi na [TD 175] deòir o m’ shùilean agus gu misneachail chuir mi m’aghaidh ri Glascho, far an robh piuthar màthar dhomh, ach ciod a’ chearn de’n bhaile-mhór sin san robh i cha b’fhios domh, ni’ mo thainig e fa’near dhomh aig a’ cheart àm. Gu fortanach choinnich mi mo Mhaighstir a’ pilltinn dhachaidh, agus air dha m’ eudann fhaicinn air at, agus mo shùilean còmhdaichte le fuil, dh’fheòraich e dhiom an robh mi a rithist an caonnaig agus ceana bha mi dol. Dh’ innis mi dha gach car mar a thachair,—chomhairlich e dhomh pilleadh, ’s gu’n gabhainn còmhnuidh maille ris féin; phill mi, agus air ruigheachd dhachaidh dhomh, fhuair mi bean bhrathar-m’ athar romham a stigh. Thuirt i rium gu’n robh brathair-m’ athar fìor dhuilich le bhi ’gam ionndrain fo’n dorus agus gu’m b’fhearra dhomh dol dachaidh—Thuirt mi rithe gu neo-sgàthach nach pillinn a chaoidh, gu’n do chaidil mì an cadal fa-dheireadh a chaidlinn ’na tigh rim’ bheò.—Cha d’rinn so ach a fearg a thogail ni bu mhò. Bha toil aice droch làmh a thoirt orm aig an am so, ach thainig mo mhaighstir oirnn agus ghabh e ’chùis ’na làimh féin; thuirt e rithe gu math geur ’s e gamharc oirre le tàir, nam biodh aon do’n luchd-ceartais dlù dha gu’n tugadh e chùis ’na làimh gu ceartas a dheanamh air son an dòigh chruaidh-chridheich air ’n do laimhsich iad mi. “Leigidh mise le brathair-’athar féin tighin air a thòir,” ars’ ise s’i teannadh thun an doruis, “agus tha mi air mo mhealladh am bharail mur faigh thu do leòir dhe, ma dh’fhiachas e ’ghairgealachd dhuit mar dh’fhiach e dhuinne theagamh gu’n toir e fàsgadh air do chridhe fathast.” Cha robh brathair m’ athar aig an dragh tighin air mo thòir,—Fhuair mì nis ordugh deanamh air son mo leapach, agus threòraich mo Mhaighstir mi air làimh gu ionad uaigneach far an do rùisg a mi mar chaidh mo bhreith, agus ghlanadh mi fo bhonn mo choise gu mullach mo chinn le uisge blàth agus le siabunn, agus thilg mi dhìom mo luideagan air son na h-uair ma dheireadh, agus dh’ amhairc mi orra gu léir air an giùlan a mach air sluasaid gu tàmailteach, ’s cha ’n fhaca mi iad ni’s mò. Fhuair mi deis’ ùr air an la màireach agus thainig am folt dhìom san fhasan agus feudaidh mi a ràdh gu’n d’amhairc mi orm féin a’ cheud uair riamh is sunnd; thòisich mi ri meas a ghabhail dhiom féin, agus bha mi air mo ghràdhachadh leòsan a thréig mo chuideachd tamull beag roimhe sin air son mo staid rùisgte; ach a dh’aon atharachadh a thainig orm ’se bhi a’ cluinntinn nan coimhearsnach a’ labhairt air a’ mhùthadh a thainig orm gun fhiuthair ris, is mo thug do thoilinntinn domh; bha mo spiorad iosal air a h-ardachadh nuair a chluinninn o bheul gu beul focal molaidh, “tha e air tionndadh a mach ’na ghiullan glan, ’na bhalachan smiorail,”—“Ni e duine tapaidh fathast.” Nuair a smuainichinn air mo phàrantan, mo chairdean, agus companaich m’òige, thuitinn a sìos, a’ sileadh nan deur gu tróm, agus cha b’urrainn mo chridhe bochd innseadh c’ar son. Gu fortanach dhòmhsa, cha robh duine cloinne aig mo mhaighstir; air an aobhar sin, thug e leis mi [TD 176] do’n eaglais air gach là-sàbaid, agus bhuilich e móran d’a ùine ag ionnsuchadh leughaidh agus sgriobhaidh dhomh. Bha ’n gnothuch sin duilich dhàsan air tùs, agus dhòmhsa gu math duilich r’ a thuigsinn, ach a nis tha e ’na thobar fo ’m bheil mi a’ faotainn móran fionnaireachd. Rinn tri bliadhna mi comasach air litrichean marsandachd mo mhaighstir a sgrìobhadh agus na paipeirean-naigheachd a leughadh dha. ’Nuair a bhithinn a’ leughadh shaoileadh neach gu’n robh mo mhaighstir mór as féin a chionn gu’m buineadh urram m’ ionnsuchaidh dha féin; agus ged tha mi ’g aithris so cha ’n ann idir a’ cur iomchoir air an duine iochdmhor so a tha mi; ged tha mi còrr uair a ’smuainteachadh gu bheil e gu math cruaidh orm an gnothuichean beaga, oir fhathast ma ni mi bheag as an rathad smachdachaidh e mi gu sgaiteach, oir tha e gu math cas. Tha mi ag aideachadh gu’n robh feum agam air o chionn bliadhna no dha, do bhrìgh gu’n robh mi gu math eutrom aig m’ obair, ach a nis air dhomh a bhi air tionndadh mo chùlaoibh air faoineis leanabaidheachd, ’s a’ bristeadh a stigh air fearachas, gabhaidh mi beagan nàire corr uair. A’ cheud phìob thombaca chuir mi riamh am bheul, dh’éirich e agus spìon e ’phiob as mo bheul agus mhion-phronn e fo chosan i, am fianuis na bha sa’ bhùth, ach cha b’e sin uile a bha mi a’ gearan ach nàraich e mi am fianuis càraid mhaighdeannan òg uasal a bha ceannach nèapaiginean sìoda ann. Cha do ghabh mi orm gu’n d’rinn e bheag a nàire chur orm, ach a dh’ innseadh dhuibhse na fìrinn bha ruthadh ’nam ghruaidh ré an latha sin. Rinn an trod sgaiteach a thug e dhomh ’na dhéigh sin agus riasunachadh socrach na cùise air an ath latha, mi ann an tomhas soilleir nach ’eil ann ach fasan salach, bu chòir a bhi ’na thàmailt do dhuine òg fhaicinn agus ceò mu ’cheann cosmhuil ri smùid fuirneis, a bharrachd air gu’m buin e do chostus, ach cha b’e nì sam bith a thug ormsa ’dhèanamh ach toil a bhi ’am fearachas, agus cha robh fiuthair agam gu’n gabhadh esan cho dona e, do bhrigh gu’m bheil fear mo ghràidh e féin, gu math ronnach mu’n t-sròin le ’snaoisein. Cha toir mi smugaid air fàsgadh na cluaise; tha mi saor gu aideachadh, agus tha toilinntinn orm air a shon, nach robh mi riamh ciontach do dh’olc a dhioladh an éiric maith. A nis bu mhiannach leam ad fhaighinn an āite na boineide, bu mhath leam beagan leabhraichean a bhi agam, agus tha mo chridhe suidhichte air uaireadair. Labhrainn féin ri m’ mhaighstir air an son ach tha eagal orm gur e’n diùltadh a gheibhinn agus gu’m bristeadh e mo chridhe. Ma dh-aoite gu’m faic mo chairdean so anns an Teachdaire. Cluinnidh sibh uamsa ma shoirbhicheas a’ chùis leam mar bu mhiannach leam; agus bithibh dearbhte nach bi mise a dh’ easbhuidh taingealachd cho buileach ’s, gu’n dì-chuimhnich mi sibhse ’m fad ’s is beò mi.—Slàn leibh. ’Smi le mór urram, CIOD AIR BITH A B’AILL LEIBH. GLASCHO, An Treas Mios, 1836. [TD 177] COMHRAG-DEISE EADAR AJAX AGUS HECTOR. O ILIAD HOMEIR AN VIIamh DUAN, R. 244. Labhair e, ’s le cuimse chòrr Shaighd e fad-shleagh mhòr m’a thuairms’; Mòr-sgiath Ajax bhuail an gath, Shàsaich a chalg-sgath gu cruaidh ’An seachdamh filleadh na sgéith, Ball-dion an tréunair neo-thais, Sgiath nan seachd-breith seiche bò, B’e ’h-ochdamh filleadh còmhdach prăis. Ajax uasal thilg sleagh chòrr Air targaid chònard an laoich thréin; Shiubhail an gath-cuilg le maoim, ’S thorchair grad roi’ loinn na sgéith; ’Nä ghrinn chneas-leine ghabh sàs; Mu’n t-seang ā h-èarrlainn gu’n réub; Dìreach mu’n loch-léin bha’n dàil; Ach dh’ aom an Sàr o’n du’-éug. ’N sin le sleaghan fad’ ’nän dòrn Dhlùth an dithis mhòr gu gleachd, Mar leòmhain ri feòlach dian, No tuirc fhiadhaich a’s garg neart. Copan sgiath Ajax gu’n ’bhuail Mac Phriam gu cruaidh le sleagh; Cha do dhiong i air a’ phrais Lùb a bàrr air ais gun bhlagh. Ach Ajax, le sitheadh-léum, Bhuail béum air targaid an t-saoidh, A theab a diong, a’s a chuir casg Air ’astar ’se teachd le maoim: Thuit am buille tróm gu géur Le béud air mullach ä chnuaic’, Ghrad-spùt an fhuil ’na dui-léum O’n chréuchd anns na spéuran suas! Ach sid cha d’ thug air an tréun Snaoidheadh o théuchd a’ chath; Chéum e air ’ais air an fhonn ’S togar clach farr lóm an t-srath; Clach chreimineach, mhòr, dhu’-chiar Do ghlac an cliar ’nä laimh chruaidh; Tilgear, is buailear an sgiath Aig Ajax, mu chioch a cuairt, (An sgiath mhòr a bh’ iar a dìon Le seachd fìllt’ de leathar bhua) Sgaoil am buille feadh no faich Trom-ghliongar na prais le fuaim. Ach togar Ajax clach ro-mhòr Is caithear air-s’ an dòirneag thróm, Buailear le srann-bhuille gharg, Is bruanar ä thargaid ’na pronn. Chiùrr i ’ghlùinean, ’s shìneadh sios E, leantuinn r’a sgiath, air làr; Ach thog Apollo an sonn Is chuir air ä bhonn gun dàil. ’N sin, dòrn ri dòrn le luinn ghéur Theannadh iad ri ’chéile leòn Mur tigeadh eatorra na maoir Teachdairean fòs dhaoine ’s Iòbh, Talthibius o shluagh na Gréig, Luchd nan léintean pràisich trom, ’So fheachd na Tròi Idaéus còir, Dithis fhear bu sheòlta conn. Shìn gach fear dhiubh so ä cholbh A dh’eadraiginn colg nan sonn. Idaéus thuirt briathra ’n tùs, (Eòlas nan cùirtear ’nä cheann) “A chlann ghaoil, na h-imribh cath No còmhrag nan gath ’s an àms’; Is ionmhuinn, a laoich, sibh faraon Do’n Dia ’cho-aomas na neòil; Fior ghuineach ur càil ’s an stréup, Mar dhuinue gu léir is eòl: ’Si ’n oïche nis i; is nì Math e a bhi strìochd do’n oïch’.” “Aithn do Hector sin a ràdh Idaéuis,” ors Ajax saoidh, “Chionn ’s esa ’ghairm chun na strì Gach fear bu mhìleanta de’r slògh; Tionnsgnadh e, ’s ma ni e strìochd Strìochdamsa ’s gach nì dhuibh fòs.” Fhreagair an sin Hector mòr, Teannaiche nan comhrag dian, “Ajax, ’bhrìgh gu’n ’bhuilich Iòbh Ortsa mòrachd, neart, is ciall, ’S tù a’s fèarr a dh’ iomaireas gath Measg flathan na Gréig gu tur; Gidheadh, de’n chath is de’n streup Fosamald le chéile ’n diugh. ’An déigh so, cathaidh sinn le spàirn Gus an sgar an Dàn sinn uaith’; Gus an lann sinn as ä chéil’ No le fear gu’n éirich buaidh; ’Si ’n oïche nis i; is nì Math e a bhi strìochd do’n oïch’; Chum’s gu ’n aoibhnich thus’ le d’ làth’r Na Gréugaich, ’an sgàth nan long, ’S air do chàirdean ’s do luchd gaoil Gu’n togadh tu faoilt’ is fonn: Ach mise, feadh cathair mhòr Righ Priam nan còrr-bheairt àidh Gu’n aoibhneam na Tròidhich ùr, ’S ban-Troidhich nan stiùir-pheall àìll, A theid, le ’n dùrachd, á m’ leth, Gu h ùmhail do thigh nan dia, A ghuidhe dhomh buaidh nam blàr, ’S ath-thilleadh sàbhailt gu ’m miann. Ach so, ar n-arma mòr-bhiù Tiodhlaic’ mar air tùs d’ ä chéil’, Mar so gu’n abair fadheòigh Fear de shiol Thròi ’s na Gréig: Tre fharmad chòmhraig na sàir ’Nän ìnntinn ’gän cnàmh gu géur, Ach dhealaich ’rìst na suinn ’nan càird Iar deanamh an àird na réit’.” Mar so ’nuair labhair am flath Thug e seach ä chlaidheamh cruaidh (Cnaip airgid duailte m’ä dhos) Is mar-ris grinn-chrios is truaill: Thug Ajax dhàsan crios loinn ’Ghabh ’fhaoileas o dhath na Féinn. Dhealaich iad;—ghabh fear gu réith Far’ robh sluagh na Gréige cruinn ’M fear eile gu feachd na Tròidh’, [TD 178] ’Bu mhòr sòlas agus sunnd ’Nuair chunnaic iad e beò gun bhéud O neart ’s làmachd’ Ajax lùth. Threòraich iad do’n bhaile ’n tréun Do’n d’ thug iad géill e ’bhi slàn. Thug Gréugaich nan sàr chas-bheirt Ajax leò as-teach gun dàil Gu Agamemnon an righ, ’Se aigneach do bhrigh buaidh. Ri linn doibh a bhi ’na bhùth, Thug am Priùnns’ ma’n-ear gu luath Iobairt a chur dhoibh air dòigh Do’n dia ro-thréun Crònos aosd’: &c. O. (R’a leantuinn gu deireadh an leabhair.) AN GAOL. I. AIR a’ chluaran luidh mo cheann, Osag fhann gu mall ’am chiabh, ’G éisdeachd ri torman nan allt, Shiubhail thall le ceumaibh dian. II. Grian a’ dol fo smàl san Iar, Spréidh ag iarraidh sgà nan còs, Oidhche ’dùnadh dlùth m’an t-sliabh, Ceileireich nan sgiath fo bhròn. III. Thuirling aisling air mo shuain, Chualas fuaim is thog mo cheann, Oganach bu ghloine snuagh, ’Dùsgadh fonn gun ghrúaim gun mheang. IV. Bu deirge na’n t-suthag a ghruaidh, Bog-chiabh òir nan dual mu’cheann, ’Earradh deàrsadh mar ghath gréin, Bogha cróm gun bheud’na làimh. V. “Cia as òigfhir nan ciabh bàn? Till is gabh do thàmh air srath; Eiridh grian le solus àigh, Caithear oidhch’ le dàn is fleagh.” VI. Mar fhonn òigh air clàrsaich ghrinn Labhair rium gu mìn an t-òg, “S fhad o so a nochd mo thàmh Dh’aindeoin muirn is gràdh is ceòl.” VII. “Innis domh cia t’ainm ’s do dhreuchd, Sealgair féidh a réir mo bheachd, Ma lùbas tù ’m bogha air sliabh, ’S tric a b’e mo mhiann bhi leat.” VIII. “Theirear rium mar ainm An Gaol, S tric thog m’ ìnnleachd faobh o shonn, ’S minic dh’fhàg mi ’n t-uaìbhreach tinn, ’Dìoladh cìs le inntinn thróm.” IX. “Chualas iomradh air do bheart, ’S beag mo mheas do neart do làimh’, Ormsa buaidh cha ’n fhaighear leat Eirich, fàg an leac gan dàil!” X. Tharruing e ’bhogha gu luath, Thuit mi leòinte truagh gun chàil, “Oganaich a rinn mo chall, Aisig dhomh air ball mo shlàint!” XI. Ghluais e ’cheann, a bhogha thaisg, “Chaoidh na h-àicheaidh neart a’ ghaoil, Imich do’n —— le sgrìob, Còir air —— ni thu slàn.” OSAG. [TD 179] MORT NA CEAPACH. A Theachdaire, Cha’n fhiosrach mi gu’n d’thug sibh eachdraidh fathast duinn mu mhort na Ceapach; tha móran toileach ni-eigin a chluinn tinn mu dhéibhinn; agus ma mheasar an cùnntas gearr a leanas airidh leibh air àite ’s an Teachdaire, theagamh gu’m brosnaich e cuid-eigin gu eachdraidh na’s mionaidiche ’thoirt mu ’n ghnothach sgreataidh oillteil sin.—Is ann do Mhac-an-Tòisich ceann-feadhna Chlainn-Chatain a bhuineadh a’ Cheapach iomad linn mu’n d’rinneadh am mort; bha i so ann an dlùth-choimhearsnachd ri còraichean Mhic-Dhomhnuill-Duibh, agus is ioma baiteal agus cruaidh-chaonnag a bha eadar an luchd-leanmhuinn. Ach bha Mac-an-Tóisich, le lionmhoireachd a chuid daoine, tuille ’s fad’ air falbh gu bhi cumail cogaidh ris na Camronaich euchdach; agus, air an aobhar sin, shuidhich e a’ Cheapach maille ri Gleann-Spi’ ain agus an Gleann-ruadh a r fear do chloinn-Dòmhnuill.—Ged nach robh an Dòmhnullach ach ’na phriomh thuathanach san àit’ an toiseach, cha b’ fhada gus na thilg e dheth a chleòc agus na ghairm se e féin na thighearn agus na cheann-feadhna.—’Nuair a chuala Mac-an-Tòisich so, ghrad-sgrìobh e dh’ ionnsuidh Righ Uilleam ag iarraidh bann-sgrìobhte leis am biodh a chòraichean air an daighneachadh dha féin ’s d’a chuid oighreachan ’na dhéigh. Fhuair e na bha dhìth air: ach air do’n Dòmhnullach a chluinntinn mar thachair thuirt e,—“Fhalbh! ’s faoin a’ chachliadh duilleag phàipeir chum fearann a ghleidheadh o bhiasdan seachranach; so claidheamh ’s cha ’n eil Cat no Catanach a leumas thairis air a steach do na Cheapaich.”—Air do’n earrainn sin de’n oighreachd a bhi mar so air a ceangal gu laghail, chuir Mac-an-Toisich a mhac féin, le àireamh mhór da’ chuid daoine agus buidheann shaighdearan á gearasdan Ard-nan-saor a’ dh’iarraidh a mhàil do’n Cheapaich. Chuala ’n Dòmhnullach gu’n robh iad a’ tighin agus thug e ordugh d’ a chuid daoine ’bhi fo’n armaibh chum gu faigheadh am maor ’s a chuid giullan gabhail-riutha iomchuidh. Choinnich na fir air a’ Cheapaich agus sheas iad aghaidh ri h-aghaidh mu thuaiream da fhichead slat d’a chéile.”—’Dé tha dhìth ort an diugh?” arsa MacDhòmhnuill.—“Chuir m’athair,” ars’ an Catanach òg, “beannachd a d’ ionnsuidh, le cruaidh fhios air son a’ mhail a bha dligheach dha fhaotainn o chionn ioma bliadhna.”—“O dìreach,” ars’ am fear eile ’s e fàs dù-ghorm le frionus agus colg,—“O dìreach—beannachd a’ chait a dh’ ionnsuidh na luch; ach tuig, a leanabain gun fhiasag, gu bheil curaidhean ann d’an suaicheantas an leómhann—agus ma thogas tusa do spòg gu’m bi thu air do reubadh as a chéile—ged bu Daniel gach neach a tha leat!” “Socair! socair! a thuathanaich,”—ars’ an t-òganach smiorail neo-sgàthach,—“’sann a thainig mise a thogail a’ mhàil—’s cha’n ann a bheathachadh mo chluasan le ana-cainnt.”—“Tog e ma ta,” arsa fear na Ceapach,—“sin agad mo mhàl-sa—cùig ciad fear fo’n [TD 180] armaibh; ma tha do sporan mór gu leòir tog leat iad.” Thòisich am baiteal; ’sma thóisich cha b’ fheala-dha bhi ’nam measg.—Bha farum nan lann stàilinn mar ’bha iad a’ bualadh air na targaidean,—bagraidhean nan lasgairean ainsginneach mar bha iad air an ais ’s air an aghart ’sna sreathan,—sgriachail mhuladach nan leòntach,—agus tróm rànaich nam mnathan a’ deanamh aona bhùirich oillteil.—Bha guth fir na Ceapach, gidheadh, air a chluinntinn os-ceann gach guth mar thorrunn nan speur air oidhche stoirmeil, ’s e glaodhaich—“A ghillean mo ghràidh! feara-ghniomh an diugh a’s fearann saor gu sìorruidh!” Ma bha ’m baiteal so uamhasach do ’n chluais bha e da rìreadh oillteil r’a fhaicinn. Bha gach sruthan dearg le fuil, a’s drùchd ruadh air gach bileag fheòir. Chìte ceann an sud ’s an so fada o chreubhaig; làmh a chaidh a ghearradh o’n ghualainn ’na sìneadh gu dìblidh air an fhaiche ’s an claidheamh ri ’taobh—an claidheamh leis an d’thug i ioma buille tróm marbhteach;—na ciadan ’nan laidhe ’nan leabaidh fhola ’san ospag dheireannach ’nan slugan agus mnathan agus nigheanan le bas-bhualadh agus ulfhartaich chruaidh ’gam pògadh ’s a’ gabhail an cead diu ’measg fala agus àir! An déigh oidhirp co cruaidh fhuilteach ’s a thugadh riabh, chaill Clann-Chatain an latha, agus ghlacadh an ceann-feadhna na phrìosanach. Bha fir na Ceapach air son an òganaich fhiùghanta so a chur gu bàs as an t-seasamh—ni gun teagamh a thachradh mur biodh fear dhiu air sanntachadh a’ chòta bha uime. Dh’ iarradh air a chòta ’chur dheth mum biodh e air a mhilleadh leis an fhuil,—le ’fhuil féin a bha gu bhi air a dórtadh!—Chaidh na ceanglaichean a thoirt bhàrr a lamhan ’s a chasan; agus air dha a chota ’chur dheth thionndaidh e mu’n cuairt—ruith e air falbh—rinn e calg-dhìreach air àite cumhann de’n abhuinn—le aona chruinn-leum bha e air an taobh eile ’m prioba na sùl,—agus le luathas nan cas shàbhail e a bheatha. Tha “leum a’ Chatanaich” air fheuchainn fathast le muinntir an àite sin.—Ged nach ’eil am baiteal so co-cheangailte gu beachdail ri mort na Ceapach mheas mi iomchuidh an cùnntas so thoirt mu dhéibhinn do bhrìgh gur ann air an là sin a bha còraichean Mhic-Dhòmhnuill air an daighneachadh gun ath-chantuinn. Thionndaidh an tuath-cheathairn gu h-iomlan an ainmeannan—rinn iad Dòmhnullaich dhiu féin air fad, agus cha d’ iarradh sgillinn mhàil air son na Ceapach tuille gus a’ bhliadhna, 1746,—a’ bhliadhna ’n déigh bliadhna Thearlaich. Ach ’siomad latha roi’ sin a rin neadh mort na Ceapach; agus co fada ’s a chuala mise ’s ann mar so a thachair:— Anns a’ bhliadhna 1688, no theagamh roi’ sin, chuir fear na Ceapach a dha mhac ’s iad nan giullain do ’n sgoil do’ n Fhraing. Bha ’n cleachdadh so ro-chumanta ’s an àm am measg mhaithibh a’s mhór-uaislibh na h-Alba.—Chaochail an athair ùine ghearr an déigh dhoibh falbh, agus air do’n oighre bhi an an-aois, agus gun duine—cloinne eile ann ach aon nighean, fhuair brathair-an-athar, duine iargalta anamèineach aig an robh seachdnar mhac, riagh- [TD 181] ladh na h-oighreachd. Cha b’ fhada gus an d’ fhuair an cilead air ùghdaras a’s ard-cheannas tighearna air an tuath; agus b’ fhurasd fhaicinn ’na dheanadas agus air a bhriathra nach robh déigh air bith aige gu’n ath-philleadh an t-oighre. Thug e mar an ceudna a leithid a dh-aomadh air inntinnean an t-sluaigh le a sheòltachd ’s gu’n d’ fhàs iad caoin-shuarach mu na dh’ fhalbh.—B’e Iain Lóm an t-aon duine dh’ fhan dìleas dhoibh; bha ’m piuthar a’ fuireach ann an tigh na Ceapach maille ris a’ mhac bu shine bh’ aig brathair-an-athar, an cileadair; ach ged a bha riaghladh an tighe aice mhothuich i an t-atharrachadh a thainig air aigne an t-sluaigh.—Bha na cearcan—na h-uibhean—an t-ìm—an càis agus an leann a dol do thigh brathar-a-h-athar, ach bha òranan Iain Luim air an gabhail dh’ ise.—’S iomad osna thróm a tharruing i,—’s ioma deur goirt a shil i.—’S iomad urnuigh dhurachdach a chuir i suas gu’m pilleadh a bràthairean.—Bha dòchas aice nam faicteadh aon uair sa’ Cheapaich iad gu’n tionndadh struthchlais gràidh an t-sluaigh d’an ionnsuidh; agus, an déigh ioma bliadhna mhall-triallach, thàinig iad dhachaidh.—Ràinig iad a’ Cheapach air maduinn latha fogharaidh agus b’ aoibhneach cridhe am peathar agus òran Iain Luim gu ’m fàilteachadh. Bha gach neach a b’ urrainn feum a dheanamh ag obair ’s na raointean, ach cha b’ fhada gus an cualas an naigheachd anns gach cearn de’n àite. Chaidh grad-fhios a chur a dh’ iarraidh clann bhrathar-an-athar, agus bu mhiodalach furanach a’ choinneamh a bha eatorra. Chrath an t-seachdnar lamhan ris an dithis—agus có shaoileadh gur ann le lamhan mhortairean?—Phòg ’siad iad, agus có ’smuainicheadh gur ann le pòg Iudais? Bha Iain Lòm ’na shuidhe ’s an àm ann an oisinn do’n t-seòmar, agus air dha bhi geur-bheachdail air gach ni bha dol, thuirt e:— Phòg iad sibh le pògan Iudais, Air dhuibh tighin ùr oirnn as an Fhraing; Faicill oirbh, a chlann mo rùin-sa Nach bi cùis ac’ oirbh gun taing. Ach bha e ’na ghealtaire cho comharaichte ’s nach tugteadh feart air ’nuair a bhiodh fàth eagail ann, agus beagan mhionaidean an déigh dha ’n rann so a sheinn, chuireadh air falbh e thoirt cuireadh do’n tuath a bhi ’s tigh aig cuilm mu naoi uairean a dh-oidhche. Chaidh na h-uile ni air aghart le cridhealas agus sunndachas neo-mheasgta car ùine. Anns na làithibh sin cha bhiodh e air a mheas tàireil do nighin tighearna no mor-fhir a làmh a chur ri h-obair air bith a bhuineadh do ghnothuichean a h-athar. Cha robh fathast craobh an ardain cho fad-mheurach; cha robh tobar an spòrs a’ cur thairis agus cha d’òl maighdeannan nam beann dhe. Mu dha uair an déigh mheadhon-latha chaidh piuthar nan gilleann a thainig dhachaidh a mach le dinneir nam buanaichean; dh’ fhàg i a bràithrean agus clann bhrathar-a-h-athar ’nan suidhe aig an aona bhord, ’s iad ag òl ’s a’ gabhail naigheachdan. Tharladh gu’n robh fear do mhic a’ chileadair aig an robh fior-dhroch bhoineid agus bha ’n t-oighre co toigheach orra ’s gu’n (R’a leanailt san ath Theachdaire.) [TD 182] LEABHRAICHEAN ÙRA GAILIG. CLARSACH NAM BEANN, le Eóghan MacCola. Chuir ùghdar an leabhair so mar fhiachaibh oirnn barail a thoirt air an earrainn Ghàilig d’a leabhar. ’Se ar dleasnas do’n luchd-leughaidh so a dheanamh, agus ’se ar dleasnas cuideachd barail fhìor a thoirt, gun chlaon-bhreith gun leth-bhreith. Tha dara leth an leabhair so ann am Beurla agus an leth eile sa’ Ghàilig. ’Se ’s luach dha 4s. 6d.; do neach nach urrainn an dà chànain a thuigsinn, uime sin, tha’n leabhar daor. Tha “Clàrsach nam Beann” cosmhuil ri tìr nam beann—làn chnocabh a’s ghlacabh—sìthein bòidheach an so—monadh grànnda an sud; ann an so cluinnear ribheid cheòlmhor na smeòraich a’ seinn sìos na gréine—ròcail an ròcais agus rocadaich an fhithich an sud. Faodaidh fìor chlàrsair fhaicinn a thiota nach ’eil anns an fhear-chluiche ach foghlumaiche, ach ’s foghlumaich’ e nam faigheadh e teagasg o mhaighstir math, agus gu’n gabhadh se e, a bhiodh ’na onair do’n cheòlraidh. Tha na teudan math, ach b’ fheairde cuid diubh an gleusadh ’s an teannachadh. Bheir sinn dearbhadh air so: faic taobh duilleig 97. “O c’ àite ’m beil coimeas do m’ luaidh do ’m luaidh? Mar ròs air uchd eala tha ’gruaidh, a gruaidh; Clàr-aghaidh bu ghile Na’m bainne ’ga shileadh No ’ghrian ’s i gu laidhe ’s a’ chuan ’s a’ chuan.” Cha’n eil amadan san dùthaich nach deanadh rann cho math ri so! Tha na coimeasan mi-nàdurra. Có riamh a chunnaic ròs air uchd eala? Có riamh a chunnaic “a’ ghrian” an àm dol fodha air dhath “bainne ’ga shileadh?” Tha e ’g radhainn a rithist gu bheil a mìn-ruisg “nis’ gile na’n t-aol na’n t-aol.” Abramaid gu bheil so fìor, ach có riamh a shaoil gu’m bu mhaise e? no abramaid gur maise e, ach nach uamharra bàsail an coimeas “an t-aol?” An -tòran gaoil air fonn “Máiri Bhàn Og” taobh d. 220, cha ’n fhiach e a leughadh; cha ’n eil mìnead ’s cha ’n eil tomhas ann. Cha ’n eil neach a chuireas a mach leabhar nach bu chòir dha aon de thrì cuspairean a bhi aige san amharc; ’s iad sin fiosrachadh, toilinntinn, no eòlas a thoirt seachad. O “Chlàrsach nam Beann” cha ’n fhaigh sinn moran fiosrachaidh no eòlais, ach air chinnte gheibh sinn toilinntinn o chuid dhi. Cha ’n eil inntinn air bith a chaidh a thilgeadh ann am molltair cheart nach dean toilinntinn ri smuaintibh arda air an seinn ann am briathrabh snasmhor réidh. ’Se so a rinn bardachd Oisein ainmeil feadh an t-saoghail; agus ma bhios MacCola beò gus am bi e co liath ri Oisein, agus gu’n tig nì eiginn mór ’na charamh, bàs “Seònaid” eile mar gu’m b’ eadh, có ’s urrainn innseadh ciod gus an tig e? Cha bhardachd focail a chur an eagaibh a chéile; ach ’s bardachd a’ chainnt sin a ghluaiseas ar n-aignidhean no aca ’s ann an ranndachd no nach h-ann; agus feumaidh sinn aideachadh gu bheil móran de so air a sgapadh air feadh leabhair MhicCola. Tha “Dàn Loch-dubhaich,”—“Rannan air bàs Banacharaid,”—agus “Rannan Cumhaidh,” taghta. Mar dhearbhadh air so faicibh ann an dàn Loch-Dubhaich, “Amhuil a’s naoidhean ’na chadal Gu ciùin ’an uchd dubhach a mhàthar, ’Stric t’ athair, an cuan. fo bhruaillean, A’s tusa ’nad shuain ceart làmh ris.” “A choir’ ud san caidil a’ chuairt-ghaoth, Cha tearc annad ruagadh daimh chròice ’S Mactalla ’ga fhàgail fein bodhar A’ freagairt nan gadhar san tòireachd.” So dà rann cho snasmhor smuain ’s a sheinn bard Gaelach o làithibh Dhonncha Bhàin! Cha ruig sinn a leas a bhi taghadh o na “Rannan air bàs Banacharaid” [TD 183] oir tha iad uile fìor thaitneach, agus thug sinn seachad iad cheana san Teachdaire. O na “Rannan Cumhaidh” cuiridh sinn dithis an céill. “’Nuair ’se urlar fliuch na h-uaighe Th’ aig mo luaidh mar leaba-phòsaidh ’Nuair ’se ’m bàs fear-bainnse m’ uain-sa, Có nach sileadh cuan de dheòiribh? “C’ àit ’eil sibhs’—a luchd an tuaileis? Deanaibh uaill,—nach tric gu diomhain, B’ àill leìbh m’ eudail dheanamh fuar rium? Feuch mar d’ fhuair sibh ’nochd ur n-iarrtas!” Cha ’n eìl àit’ againn do thuilleadh. Theireamaid a dh’ aon fhocal ri MacCola, gabh air t’aghaidh; buaidh leat! Bi beachdail, ach san àm cheudna bi iriosal so-theagaisgte. MACTALLA. EACHDRAIDH MU AINDREA M‘ILLE-DHUINN. Pàpanach Eirionnach, A’ cur an céill iomad conaltradh a bha eadar e féin ’s an sagart. Chuireadh an leabhar beag so a mach an dara h-uair o chionn ghoirid le buidheann chràbhach ann an Glascho tha gabhail móran saoithreach agus a’ fulang móran costais chum eòlas criosdail a chraobh-sgaoileadh feadh na rìoghachd. ’S ainmic a chunnaic sinn leabhar beag bu taitniche na so. Tha e gu ro mhath air eadar-theangachadh; agus r’a reic ’an Glascho airson sea sgillean. ’Se ar barail gu’n teid cuibhrionn diu a chur do’n Ghàidhealtachd agus gu’n faighear iad aig reiceadairean an Teachdaire. LEABHAR-CEASNACHAIDH. MU ORDURH A’ BHAISTIDH, chum Pàrantan òg a chuideachadh gu beachd sgriobturail a ghabhail air brìgh an ordugh so; A’ chuid is mò dheth air eadar-theangachadh o Bheurla an urramaich Ian Barr ann an Glascho, agus a’ chuid eile air atharachadh agus air a dhealbh as ùr le AON DE MHINISTEIREAN MHUILE. Bidh an leabhar so deas an ùine ghoirid, agus o nach ann chum buannachd dha féin a ghabh an duin’-uasal a tha ’ga chur a mach na h-uiread shaoithreach m ’a dhéibhinn, bidh e ni ’s saoire na tha leabhraichean am bitheantas: cha teid e thar sèa sgillean air chor sam bith. Theid a chur do’n Ghàidhealtachd maille ris an Teachdaire agus gheibhear anns gach cearn e. B’e ar dùrachd gu’m biodh gach teaghlach air Gàidhealtachd ’s air Galldachd eòlach air brìgh au leabhair so. ADHAMH AGUS EUBH. A luchd-dùthcha ionmhuinn, Na gabhaibh fadal, “ruigidh each mall mnilionn,” ’s fèarr a bhi cinnteach na bhi caillteach, Cha leig dreap an t-samhraidh leam móran a sgrìobhadh no leughadh, ach tha mi dol air m’ aghaidh ceum air cheum, a’ snàgan taic a’ chladaich ann am fionnaireachd gach feasgair agus ag èaladh leis an t-seòl-shruth ann an camhanaich gach maidne. Fhuair mi cheana mach Adhamh a’s Eubh anns a’ ghàradh a’ deanamh na Gàilig, agus leigidh mi fhaicinn duibhse nach d’ rinn iad ach na bha feumail dhoibh féin di; gu’n deachaidh cur rithe gach bliadhna o’n latha chaidh Càin do thìr Nod; agus nam biodh dithis dhibhse air ur càradh ann an Eden gun fhocal cainnte, ach le clàisdeachd agus teanga fhuasgailte, gu’n deanadh sibh a’ Ghàilig dìreach mar rinn iadsan, focal air fhocal. Dh’ fhaodainn Adhamh agus Eubh a chur a mach a nis féin agus na gheall mi a choimhlionadh, ach tha ’mhiann orm an leanailt air an luirg air feadh Asia agus [TD 184] Africa fo gach ainm: Phœnicians ’s e sin Fineachan; Famores ’se sin Famhairean; Tyrians, muinntir Tir-righ; Carthaginians, ’s e sin muinntir Cathair-thaice; Celte—Celtiheri—Celtico: se sin Coilltich, agus iomadh ainm eile, gus am fàg mi iad aig Portugal, ’se sin Port nan Gael. Druididh so beul nan Gall, ach gabhaidh so an oidhche fhada gheamhraidh. Chuala mi gu bheil iad ri “Adhamh a’s Eubh” eadar-theangachadh. Is mise le mór urram, L. MAC’ILLEAIN. An 7mh Mìos, 1836. MARGAIDHNEAN. CHAIDH ardachadh mór air prìs na feòla agus gach seorsa teachd-an-tìr air a mhìos so chaidh; ach leis an aimsir fhàbharach a thainig oirnn o chionn ghoirid tha gu sònruichte a’ mhin a’ dol ni’s saoire. Tha Mairtfheoil o 5 gu 10 sgillean am punnd. Muiltfheoil o 5 gu 7 sgillean am punnd. Laoighfheoil o 5 gu 7 sgillean am punnd. Feoil Uan o dhà gu ceithir sgillean Sasunnach an ceithreamh. Min-ohoirce, 26, 24, 22 sgillean a’ chlach. Buntàta 5 sgillean a’ chlach. Im ùr 11 sgillinn agus sgillinn Shasunnach am punnd. Uighean 5 agus 7 sgillean an dusan. Sgadan ùr 2 sgillinn an t-aon. Builionn nan 4 pùnnd 8 sgillean an seòrsa ’s fearr agus an seorsa ’s faigse 7 sgillean. NAIGHEACHDAN. THA na paipeirean-naigheachd air dol an dìosg gu buileach. Cha robh dad annta o chionn treis a b’ fhiach ath-sgrìobhadh ach coinneachadh Ard Sheanadh Eaglais na h-Alba. Thachair so air 9mh là deug a’ Mhàigh, agus ’s e b’ fhear-riaghlaidh air a’ chuideachd ard agus fhoghlumte so an t-Olla MacLeòid, ministeir sgìreachd Chalum-Chille sa’ bhaile so. ’Se so urram a’s airde ’s urrainnear a chur air ministeir de Eaglais na h-Alba, agus cha ’n fhiosrach sinn gu’n robh ministeir Gàidhealach riamh roimhe co fortanach agus fhaotainn. Ged is cinnteach gu’n d’ thainig ioma gnothach m’an coinneamh, cha robh móran ann a bha ro dhlù-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd. ’Se naigheachd a’s fearr is urrainn duinn a chur thun nan Gàidheal air an àm so gu bheil dà fhichead sgoil ùr r’an cur air chois gun dàil air feadh Gàidhealtachd Alba. Gu cinnteach ’s iomad aobhar a th’aig ar luchd-dùthcha bhi taingeil airson a’ chothrom ionnsuchaidh a tha iad o àm gu àm a’ faotainn! Tha no h-uile seòrsa barra ag amharc gu fìor mhath, ach am Buntàta: tha iomradh nach ’eil esan idir coimhlionta. ’S éiginn aideachadh cuideachd gu bheil am feur-saidhe ni’s giorra na ’s àbhaist da. ’S duilich leinn a chluinntinn gu bheil mòran ganntair ann an cuid de na h-eileanaibh tuathach. Bha coinneamh aig muinntir Dhun-éideann agus chruinnich iad sèa ceud punnd Sasunnach air an son. Tha so math, ach tha fiuthair againn gu’n dean Glascho mòran tuille. D’AR CAIRDEAN. ’S duilich leinn gu bheil an àireamh sa ni’s anmoiche na bu mhiann leinn. B’ éiginn duinn muinntir a’ chlo-bhualaidh a mhùthadh agus chuir so agus cuid de’n luchd-ullachaidh a bhi air thurus, air deireadh sinn. Fhuair an “Gille-Carrach,” uime sin, tuille délach na bha shannt oirnn, agus chuir cruinneachadh nam ministeirean a’ “Chuairt” as ar comas an dràst. Tha sinn air faotainn ioma litir, ioma dàn agus naigheachd air an labhradh-mid beagan nam biodh àit agaìnn san cuireamaid e, ach tha sinn an dòchas gu’n gabh iad ar leisgeul air an àm so. Tha aon ni tha sinn ag iarraidh mar fhàbhar air ar cairdean, agus ’se sin ’nuair a chuireas iad eachdraidh, dàn, no ni sam bith eile bu mhiann leo chur san Teachdaire, g’ar n-ionnsuidh gu’n tugadh iad duinn an t-iomlan de còmhla; oir cha’n urrainn sinn a chur ann gus am faigh sinn an t-iomlan. [Sanas] BÙTH ÙR ADAICHEAN, 57, SRÀID CHATHCART, GRIANAIG, Bùth-meadhoin aitreabh ùr Mhr. Camshron. THA MACPHARLAIN ’S A CHUIDEACHD Gu taingeil a’ tairgseadh buidheachais airson nan iomad fàbhar agus aobhar-misnich a fhuair iad o’n a thòisich iad ri gnothuichean. Bidh e do ghnàth ’na dhùrachd sònruichte leó an caoimhneas so a thoilltinn le leanailt air ADAICHEAN a DHEANAMH ANN AN GRIANAIG, a bhitheas air a’ chuid a’s lugha co math ri Adaichean Lunnuinn, no àite sam bith eile tha comharaicht’ airson Adaichean, ann an eireachdas, ann am buanas, agus ann an eutromachd. Tha iad air socruchadh dòigh air am faigh iad na cùnntais a’s tràithe mu na fasain ann am prìomh-bhaile na rìoghachd, agus ann an àiteachan fasanta eile. Tha iad a’ toirt cuireadh tighin tràthail a dh-fhaicinn an cuid bathair aig an àm so, anns am bheil co-chruinneachadh taghta anns na FASAIN A’S UIRE—ioma seòrsa gu sònruicht’ air an deanamh airson dhùthchannan blàtha, agus cuibhrionn mhór eile d’an ADAICHEAN barraichte FRANGACH iar ùr thighin o’n tigh-oibreachaidh. Orduighean airson Adaichean de chumadh, meudachd, cudthrom, no dath sònruichte sam bith, gu grad air an coimhlionadh. Comh-chruinneachadh de sgàileagain shìoda, chotain, agus iomad seòrs’ eile—Roghainn lìonmhor de cheapan-turuis—Aireamh bheag ioma-dhathach de Bhèabhair chaileagan—Boineidean Ghlinne-garaidh, a.m.s.s. GRIANAIG, Mios a’Mhàigh, 1836. “Tha Mr. M‘Ph. ’s a chuideachd iar gabhail móran saoithreach chum iomad leasachadh neo-theagmhach a threòrachadh ann an deanamh an cuid bathair.”—Litir-rabhaidh Ghrianaig. “’Se miann Mhr. Mh‘P. ’s a chuideachd a thairgseadh do’n mhór-shluagh toradh an rannsachaidh shaoithreachail a chuir iad air chois, agus a chuir ’nan comas iomad leasachadh luachmhor a dheanamh ann an dòigh-oibreachaidh an cuid adaichean.”—Litir-fhiosrachaidh Ghrianaig. Clò-bhuailte le Hedderwick ’s a Mhac. [TD 185] AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH. MIOS DEIRIDH AN T-SAMHRAIDH. VIII. AIREAMH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. A Theachdaire Ghaelaich, Innsidh mi dhuit sgeul beag mu nì a thachair o chionn còrr agus dà cheud bliadhna. Cha robh bith agadsa san àm sin, ged bu liath mise, Mactalla. B’i bainionnach do Chloinn-Dhiarmaid a thug cìoch do dh-Alastair Stiùbhart, fear Ghart. Bha dithis mhac aice, agus chaidh eucoir a dheanamh air an fhear dhiu ’bha na cho’dhalta do’n tighearna, le Mac MhicIomhair Glinnlìbhit. Dh’ fhalbh an dithis bhràithrean gu Dùn Ghart air ghearan. Bha fios aig Mac-Mhic-Iomhair gu’n éireadh fear Ghart ’an aobhar nan òganach, agus dh’orduich e, uime sin, an ruaig a chur orra agus gun leigeadh dhoibh dol as. Chunnaic Clann-’ic-Dhiarmaid an tòir a’ tighin cas orra, ’s o nach robh dol as aca leum iad do’n abhuinn Lìbhinn, an dùil nach leanadh an luchd-tòrach iad, ach ged a leum chaidh co’dhalt’ an tighearn a lot le saighid agus bhàthadh e. Theirear ris an àite gus an la diugh Linne Dhòmhnuill. Shnàmh am fear eile gu tìr agus thug e mach Gart. Cha luaithe chuala Fear Ghart mar a bhà na thog e air, e féin ’s a ghillean a thoirt a mach èiric a cho’dhalta. Dh’aithnich Mac Mhic-Iomhair mar bhiodh a’ chùis, agus chruinnich esan a dhaoine, agus choinnich na seòid a chéile mu mheadhon a’ ghlinne. Dh’ fhàg na cinn-fheadhna an cuid daoine agus chaidh iad an còmhdhail a chéile, feuch an réiteadh iad a’ chùis eatorra féin. Bha breacan-an-éilidh air Fear Ghart ’s bha’n dara taobh dhe dorcha, ’s an taobh eile dearg: mun do dhealaich e r’a ghillean thuirt e riutha fhad ’s a chitheadh iad taobh dorch a’ bhreacain a mach mar bhà e gun iad a ghluasad, ach nam faiceadh iad e ’tionndadh an taobh dheirg iad a tharruinn an lann. Cha robh an dithis fada ’seanachas ’nuair rinn Mac-Mhic Iomhair fead; chual a dhaoine e, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh. “C’arson an fhead?” arsa fear Ghart. “Cha’n ’eil” ars’ esan “ach a thional mo chuid éildean o na beannta.” “Ma’s ann mar sin a thà,” arsa fear Ghart, “’s mithich dhòmhsa mo mhìolchoin a ghairm,” ’s e ’tionndadh a mach taobh dearg a bhreacain. Thug na suinn ’na chéile,—thòisich an slachdradh, ’s b’e sin an cath fuileachdach! Mu dheireadh ghabh Clann [TD 186] Mhic-Iomhair an ruaig, ’s lean càch iad ochd mìle suas an gleann; ann an so thionndaidh iad a rithist, ach cha b’fhada ’sheas iad; thuit mu sheachd fichead dhiu! Am beagan dhiu ’chaidh as theich iad gu cearn eile do’n dùthaich. Ghlac Fear Ghart ’s a chuideachd an tighean ’s an cuid fearainn, agus an ni a bhuannaich e mar so leis a’ chlaidheamh chaidh a dhaingneachadh dha le lagh na rìoghachd fo làimh righ Seumas an treas anns a’ bhliadhna 1477. ’Nuair bha na Stiùbhartaich a’ pilleadh o’n chath chaidh iad a thaobh do’n abhainn a nigheadh na fola bhàrr an claidhean. ’S ann uaith so a fhuair an gleann an t-ainm. Mun do thòisich an cath chuir na Stiùbhartaich dhiù seòrsa chuaran a bh’orra, agus dh’fhàg iad iad ri sgàth creige. Lean Leac-nan-cuaran rithe gus an la diugh—Dail an Rùsgaidh ris an àit anns an do rùisg iad an claidhean—Laggan a’ chath ris an àit an d’ thàinig iad gu buillean, agus Camus-nan-carn ris an aite ’n do thill Clann Mhic Iomhair an déigh an ruaig a ghabhail agus far ’n do mharbhadh a’ chuid ba mhò dhiu. Chaidh claidheamh agus aon de na tuadhan-airm a chladhach á Laggan-nan-cath anns a’ bhliadhna 1816, agus bha iad an sin aig an t-seanalair Daibhi Stiubhart, mar a chaidh ìnnse dhòmhsa. MACTALLA. Eilean Chola, 1836. BRAICEAS DIUC ALBHA. SGEUL GEARMAILTEACH. AIR dhomh bhi ’rannsachadh seann leabhraichean Gearmailteach, thachair an sgeul a leanas rium, agus tha mi ’ga mheas air na h-uile cor airidh air a thionndadh gu Gàilig. Chuir baintighearna Ghearmailteach a bhuineadh do theaghlach a bha daonnan aimneil airson misnich agus uaibhreachd spioraid, agus a chunnaic aon d’a chuid mac air rìgh-chathair na dùthcha sin, a dhaothainn eagail air diùc Albha, a bha do ghnàth a’ cumail na cearna sin de’n dùthaich fo chruaidh-smachd agus fo eagal. Anns a’ bhliadhna 1547 ’nuair a bha an cóigeamh Tearlach a’ dol troimh Thuringia le ’chuid feachd, fhuair Catrìona, banntrach Iarla Schwartzenburg, agus ’na bana-phrionnsa a thaobh staid-breith, litir-dhìona no thèaruinteachd uaithe airson a cuid sluaigh, a’ toirmeasg do’n arm Spàindeach dochoir sam bith a dheanamh orra; agus mar éirig airson so ghabh ise os làimh aran, beòir, agus goireasan eile riarachadh do’n arm air prìs riasonda, aig an àite far an robh iad a’ crosgadh abhuinn Shaail; ach bha eagal oirre gu’n robh an t-àite so tuille ’s teann air beairteas a’ bhaile, agus gu’m faodadh so a bhi daonnan ’nan sealladh na saighdearan a bhuaireadh gu spùinneadh. Air an aobhar sin leag i na drochaidean a bha teann air a’ bhaile, agus thog i feadhain eile treis air astar. Dh’ àithn i maraon do luchd-àiteachaidh nam frith-bhailtean na nithe [TD 187] bu luachmhoire bha aca chur a stigh g’a lùchuirt féin, caisteal Rudolstadt. Aig an àm so ràinig an seanalair Spàindeach am baile, agus maille ris diuc Eunraig Bhrunswick agus a chuid mac. Chuir e fios thun na baintighearna gu’n robh toil aige a bhraiceas a ghabhail ’na caisteal. Cha robh e furasda dhise so a dhiùltadh do phrionnsa air ceann feachd; agus le sin chuir i fios air ais gu’m b’e a bheatha nam b’urrainn a mhórachd cur suas leis na gnothuichean a bha ’na tigh-se. Air an àm cheudna chuir i ’na chuimhne an litir thèarmuinn, ag asluchadh gu’n rachadh an cùmhnant sin gu cùramach a choimhead. Bha fàilte chaoimhneil agus bord air dheagh riarachadh a’ feitheamh air an diùc ’nuair thàinig e. B’éigin da aideachadh, thuirt e, gu’n robh baintighearnan Thuringia ionnsuichte anns gach ni a bhuineadh do dh-fhaoilidheachd. Cha robh a’ chuideachd fhathast air suidhe nuair thainig teachdaire a dh’-iarraidh guth do’n bhaintighearna mach as an t-seòmar, agus dh’ innis e dhi gu’n do thog na saighdearan Spàindeach an spréidh á cuid de na frith-bhailtean! Bha Catrìona mar mhàthair d’a sluagh, agus b’ionann leatha dochoir a dheanamh oirre féin agus air an aon bu shuaraiche dhiu. Air a farranachadh leis a’ bhristeadh-geallaidh so, ach a’ cumail air a feirg cho math ’s a b’urrainn i, dh’orduich i a muinntir a dhol gu grad agus gu sàmhach fo armaibh, agus geataichean a’ chaisteil a chrannadh. Phill i’n sin air a h-ais do’n t-seòmar far an robh na h-uaislean ’nan suidhe mu’n bhord, agus ghearain i gu goirt air an eucoir a chaidh dheanamh oirre, agus air an tàir a bha iad a’ deanamh air gealladh an impire. ’Se freagairt a fhuair i, treis ghàiricich! Thuirt iad rithe gu’m b’e sin aon de ghnàthaichean a’ chogaidh, aon de na tubaistean beaga bha daonnan ’an lorg airm, agus nach b’urrainnear a sheachnadh. “Chì sinn ciamar bhios sin!” ars’ ise, a’ losgadh le feirg; “gheibh mo shluagh bochd-sa air ais na chaidh a thoirt uapa, air neo tha mi a’ mionnachadh gu’n dìol fuil phrionnsachan airson fuil dhamh!” Le so a ràdhainn dh’fhalbh i, agus a thiota bha’n seòmar lān dhaoine fo lān armaibh, a chàirich iad féin le’n claidhean rùisgte, ach air an dòigh bu mhodhala ’s bu bheusaiche aig culaobh nan uaislean, deas chum frithealadh dhoibh aig a’ bhord! Aig teachd a stigh nan gillean-buird armaichte so thainig mùthadh air neul diuc Albha, agus sheall a chompanaich air a chéile le mór ioghnadh, ach gun smid a labhairt. Air a ghearradh as o ’chuid feachd agus air a chuairteachadh le àireamh mhòr de dhaoine armaichte, ciod a b’ urrainn e ’dheanamh ach strìochdadh air dhòigh sam bith a roghnaicheadh a’ bhaintighearn ardanach so. B’e diùc Eunraig a’ cheud fhear a ghlac misneach, agus a’ deanamh gàire cho cridheil ’s a dh’fhaodadh e ghabh e air gu’n robh e ’meas na thachair ’na fhala-dhà, agus rinn e mòran molaidh air a’ bhaintighearn airson a’ chùram a bha i ’gabhail do na bhuineadh d’a h-iochdarain, agus gu sònruichte airson na h-ard-inntinneachd a chuir i ’n céill. [TD 188] Dh’asluich e oirre gun tuille dragh a chur oirre féin mu na thachair, a’ gabhail os làimh cead dhiuc Albha fhaotainn airson ni air bith a bhiodh ceart; agus a réir an iarrtais so chuir an diùc ordugh do’n champ an crodh a liubhairt thairis gun dàil. Co luath ’s a chual’ a’ bhaintighearna gu’n deachaidh an t-ordugh a choimhlionadh thug i buidheachas doibh ann an briathraibh bainndi grinn; agus ghabh iadsan an cead di ’ga h-ard-mholadh ann an cainnt chùirteil thaitneach mar bhuineadh d’an ard inbhe—glé thoilichte bhi air taobh muigh na lùchuirt. Cha ’n eil teagamh nach b’e ’n gnothuch so a dh’fhàg a h-ard-mhisneach co ainmeil san Roinn-Eòrpa. Bha i iomraiteach mar an ceudna airson iomadh oidhirp a thug i chum an creidimh ath-leasaichte a bhuanachadh san dùthaich sin: agus is iomad ministeir a bha air a gheur-leanmhuinn le naimhdean a’ chreidimh so a dhìon i o chron agus a chum i suas. ’Nam measg so bha aon Caspar Aquila, a chaidh ’an làithean ’òige le arm an impire do na Netherlands mar mhinisteir-feachd; agus a chionn gu’n do dhiùlt e peileir gunna-mhóir a bhaisteadh dhinn na saighdeirean a stigh e ann an gunna farsuing ris an abair iad mortar, a los a shéideadh ’sna speurabh; ach gu fortanach dhàsan, bha’m fùdar fliuch agus cha ghabhadh e lasadh. Cha b’iongantach e ghabhail a’ cheud chothrom air teicheadh uapa, agus fhuair e àite tèarmuinn sa’ chaisteal. Chaochail i aig aois ochd-deug ’s da fhichead bliadhna, urramaichte agus gràdhaichte aig gach ard agus ìosal san dùthaich; oir bha i có chairdeil chaoimhneil ’s a bha i foghainteach. Thìodhlaiceadh i ann an eaglais Rudolstadt. EAD. M. ALIBEUS AM PERSACH. “Tha’n cuimhne mar dheàrsadh air m’ anam.” CHUIR Sa-abas, righ Phersia, roimhe a Lùchairt fhāgail car tamuill an riochd fear dùthcha, chum agus gu’m faiceadh e an dealachadh bha eadar an tuath agus an tighearnan.—Cha d’ thug e leis ach aon d’a fhlaithean ris an d’ thubhairt e “Tha mi aineolach air fìor ghnàth dhaoine, oir gach neach a thig chugam ’s ann le sgleò agus miodal ’na bhriathran. Feucham a nis ciod ì an Dùthaich, agus chitheam ciod iad so tha co tàireil an sùilean an uachdarain, ach a shaoileamsa is ceanglachain co-chomuinn a’ chinne-dhaonna. Tha searbhadas orm bhi ’g éisdeachd ri sodal. Tiugainneamaid, faicemaid treabhaichean agus buachaillean gun fhios aca có mise.” Leis an rùn so dh’imich e féin agus a charaid trid mhóran bhailte-dùthcha anns am fac’ iad na h-àitich a’ dannsa, ag cluiche agus ri mireag neo-lochdach; thaitinn so gu h-anabarach ris, iad a bhi co ait shubhach co fad’ o’n lùchairt. An déigh treis choiseachd bhuail acras e agus thàr e airson [TD 189] bìdh chum aon de na bothain shuarach ’na fhochair, agus mhothuich e blas na teachd-an-tìr gharbh làidir aca ni bri taitniche na gach grinneas a fhuair e riamh aig a bhord féin. Ag dol tre chòmhnard còmhdaichte le blàithean, air uisgeachadh le allt a’ ruith ’na lùban troimhe, chunnaic e Aodhair òg fo dhubhar craoibh-leamhain a’ cluiche air feadan agus a’ feuradh a spréidhe. Dh’ fheòraich an Righ c’ainm a bh’ air: fhreagair esan Alibeus agus gu’n robh a mhuinntir anns a’ bhail’ ud thall. Bha’n t-òganach maiseach gu’n bhi banail, beothail ealamh gun bhi fiadhaich, neomhothachail air a dhreach, oir cha do smuaintich e gu’n robh e air chor air bith osceann a chómbaich. Ged’ bha e gun fhoghlum chuir meud a thuigse agus géiread ’inntinn ioghnadh air an Rìgh, ’na chonaltradh ghabh e ro-thlachd, oir dh’innis e dha cor na dùthcha agus an luchd-àiteachaidh, nithe nach eòl do rìgh ach trid tuairsgeoil luchd-miodail na lùchairt. Thigeadh fè ghàire air bilibh Mòrachd Phersia ag éisdeachd o thréibhdhireas cridhe Alibeuis an fhìrinn m’a uaislean, gun mheachainn air do neach dhiubh. “Tha e soilleir,” ars’ an Righ “gur ionann toilinntinn ’na gnè o’n ìochdaran gus an t-uachdaran.—C’àite no cuin a bha mac Prionnsa riamh ni bu tlachdmhoire na’n gille so tha ’leantainn nan caorach? Có e nach biodh sona a shamhail de mhac a bhi aige, àluinn, dreachmhor agus tuigseach mar Alibeus—cuiridh mis’ e ’dh’ionnsuchadh gach gnè eigse agus eòlais.” Do réir so thug an Righ Alibeus leis; dh’ ionnsuich e leughadh, sgrìobhadh, agus gach innleachd, a bheir snas do dh’ inntinn dhaoine, am fiosrachadh a bheir air neach a ràdh le ardan ionmholta “is duine mi.”—Bhuail mòralachd na lùchairt an toiseach a shealladh mar ghàir-theas air gaineamhaich ri deàlradh gréine latha teith samhraidh, agus thug e aomadh ’na bheachd air sheòl no dhà. An àite a bhachuill, ’fheadain agus a bhreacain, bha e sgeadaichte le h-earradh phurpuir agus i ’deàlradh le greus-obair, òir; bha bhoineid mar an ceudna lainnireach le seudan luachmhor. Ni’m b’ fhada gus an robh e comasach na gnothuichean bu chudthromaiche ghabhail os làimh. Bha làn earbsa aig an Righ as, oir chunnaic e gu’n robh aige beachd sònrachaidh airson gach ni iongatach agus mòralach. Uime sin thug e dha dreuchd mór ann am Persia ’se sin Fear-gleidhidh sheudan agus airneis an rìgh. Fhad ’s bu mhairionn Sa-abas bha ’thlachd ann an Alibeus a’ meudachadh gach là. Bha céiread na h-aoise a nis air ciabhan Alibeuis agus chuimhnicheadh e sàmchair ’oige le mulad. “Ochòin! (theireadh e) dh’fhalbh sibh a làithean mo shonais, làithean aobhach gun chunnart, làithean nach tig am feasd’ an comh-ionann. Esan a thug sibhse uam ged bu leam a shaoibhreas agus a chumhachd bu chall leam iad ann an coimeas ribhse—O is sona is sona sibhse do nach aithne truaighe nan lùchairtean! Mar so chaoidh Alibeus, an aimsir a dh’fhalbh, ach fhuair e tuillidh aobhair fa-dheòigh. Dh’ eug an deagh rìgh Sa- [TD 190] abas agus chuireadh a mhac Sa-Sephi san rìgh-chathair, chuir naimhde farmaid dreuchd Alibeuis mar chagar ann an cluais Sha-Sephi, gun d’rinn e mì-bhuil ris na seudan agus an t-earbsa chuir Sa-abas ann,—gu’n do shlad e mòran nithe luachmhor a chruinneachadh toic dha féin. Bha Sa-Sephi òg agus faoin; chreid e an tuairsgeul; ann an reachdmhoireachd na h-òige shaoil e gu’n leasaicheadh e mearachdan ’athar. Mar leisgeul airson Alibeuis a chur uaithe, le comhairlean nam flath farmadach, dh’iarr an righ an lann le h-usgraichean bu ghnà le ’athair a tharruing sa’ chath.—Dh’ orduich Sa-abas na daoimein fhuasgladh o’n chlaidheamh, ach dhearbh Alibeus gu’n deachaidh so a dheanamh mun d’ thainig e fo a choimhead-san. ’Nuair chunnaic na cùlchainntearan gu’n d’ fhairtlich a’ chùis ud orra dh’ impich iad Sa-Sephi thabhairt àithne do dh-Alibeus clar-ìnnsidh a dheanamh suas de gach nì chuireadh fo ’churam agus sin a bhi deanta fa cheann cheithir-la-deug. Thàinig an latha, thàinig an righ, agus dh’-fheumadh e na h-uile ni fhaicinn; Dh’fhosgail Alibeus gach dorus agus ciste dha; fhuaras glan agus ’nan àite féin gach seud gun aon diubh air chall. ’Nuair chunnaic an righ mion-chùram Alibeuis is beag nach do theó a chridhe ris, ach thug e fa’near dorus iaruinn air an robh trì glasan móra ann an ceann shios for-urlair a bha làn de airneis luachmhor. ’S ann an sin, arsa na cealgairean tha’n t-ionnmhas folaichte O Righ! a thug e ’o t’ athair. Le frionas fiadhaich dh’orduich Sa-Sephi an dorus a bhi air a ghrad fhosgladh. Shleuchd Alibeus e féin aig casan an rìgh a’ guidhe air an ainm nan dée neo-bhàsmhor gun e thabhairt uaithe na nithe bu mheasaile bha aige air thalamh. “Cha’n eil e ceart,” ars’ esan, “mo chreachadh ann an tiota ’n am uile shealbh, an déigh dhomh mo dhleasnas a dheanamh gu dìleas ré ùine mhór ri t’athair—Thabhair uam gach nì eile, ach fàg agam na bheil ann an so amhàin.” Mheudaich na briathran so amharus an rìgh; agus a rithist, le bagradh agus gruaim dh’àithn e fosgladh. Ghéill Alibeus; bha ’n iuchair aige ’na làimh agus dh’ fhosgail e ’n dorus. Spleuchd na bha làthair gach fear air a chéile ’n uair nach fac’ iad ach an bachull, am feadan agus éideadh buachaille, cuimhneachain air an robh e ’taghal tric le h-eagal gu’n cuireadh a mhòrachd an inbhe san robh e roimhe as ’aire. “Feuch,” thubhairt e, O Righ, na tha làthair de shonas m’oige, ’s nach urrainn tubaist no cumhachd a sgaradh uam! Feuch m’ ionnmhas agus mo shaoibhreas, agus na h-oidhirpich m’fhàgail bochd! ’Siad so am beartas nach tréig, am beartas a chumas neo-chiontach agus sona iadsan a bhios toilichte le nithe feumail gun déigh air barrachd—O a shamhlaidhean m’ inbhe iriosail bheannaichte! dhuibhse thug mi spéis, leibhse eugam! A nis, O righ mhóir! bheiream suas duit gach ni ach na bh’ agam ’nuair thug t’athair d’a chùirt o’n spréidh mi.” Mhosguil an rìgh as ’ioghnadh, agus ionracas Alibeuis air a dhearbhadh, làn feirge dh’ fhògair e na comhairlich chuilbheartach as ’fhianuis. [TD 191] Dh’ardaich e Alibeus gu bhi ’na ard-chomhairleach agus dh’ earb e ris gach gnothach dìomhair agus cudthromach a bhuineadh do’n rìoghachd; gidheadh cha robh latha dol thar a cheann nach tugadh e sùil air ’fheadan, a bhachull agus ’earradh aodhaireachd. Theagamh, theireadh e ris féin, gu’n caill mi deagh ghean Sha-Sephi. Dh’ eug Alibeus ann an deagh shean aois; cha d’aontaich e ri dioghaltas a dheanamh air a naimhdean, cha do chuir e mu seach airgiod no òr; dh’fhàg e aig a chairdean-dàimhe amhàin na chumadh socair iad mar chìbeirean, caithe-beatha bha leis bu shona agus bu tèaruinte. ORCHLOGAID. BREITHEANAS AIR RUN MOIRT. CHA mhòr gu’n gabh fuil eleth; ’s ainmic a tha murtairean a’ dol as bho pheanas; is moch a thainig a’ bhinn amach “Esan a chrathas fuil duine le duine, bithidh ’fhuil-san air a crathadh,” ach tha àithne an Tighearn a’ teachd ni’s dlùithe oirnn na so, oir tha e ag ràdh, “Esan a tha toirt, fuath d’a bhràthair a dh-easbhuidh aobhair, is mortair e.” Anns an sgeul fhìrinneach a dh’ aithriseas sinn an dràsd, tha dearbhadh againn gu’m beil a bhreitheanas a’ greimachadh air smuaintibh agus rùintibh dìomhair a’ chridhe. Anns a’ bhliadhna 1756 bha duin’-uasal, saoibhir àraid d’am b’ ainm Hayes air chuairt ann an Siorramachd Ocsford ann an Sasunn, agus thachair dha fois na h-oidhche a ghabhail ann an tigh-òsda a bhuineadh do neach do’m b’ ainm Ionatan Bradford. Chòmhalaich e anns an tigh so dithis dhaoine-uaisle eile. Ghabh e a shuipeir ’nan cuideachd, agus thubaist dha tre mhi-chaithris a ràdh gu’n robh suim mhór airgid air a shiubhal. Mu mheadhon-oidhche an déigh dhoibh dol gu fois, dhùisgeadh an dithis dhaoin’-uaisle, a bha ’nan cadal san aon seòmar, le tróm acain, osnaich agus gearan a’ teachd mar gu’m b’ ann bho ’n t-seòmar a b’ fhaigse dhoibh. Dh’éirich iad, agus ghluais iad gu socair sàmhach gu dorus an t-seòmair anns an cual’ iad an acain. Bha an dorus leth-fhosgailte agus air dhoibh dol a steach, chunnaic iad ann an sin neach a’ snàmh ’na fhuil air a leabaidh, agus duine eile ’na sheasamh os a cheann, le solus ’san dara làimh, agus sgian san làimh eile. Dh’ aithnich iad air ball, gu’m b’e an duine bha air a mhort an neach a ghabh a shuipeir maille riu, agus gu’m b’e an neach a bha ’na sheasamh os a cheann fear-an tigh-òsda! Chuir iad ’an làimh e—thug iad bhuaithe an sgian, agus chuir an ìre am mort dha. Dh’àicheaidh e a chionta gu buileach. Thubhairt e gu’n d’ thàinig e do ’n t-seòmar leis an aon rùn ’san d’ thainig iad féiu—gu’n cual e fuaim—an déigh sin tróm acain agus osnaich—gu’n d’éirich e—gu’n do las e coinneal, agus gu’n d’thug e sgian leis chum e féin a dhion agus nach robh e ach tiota beag [TD 192] san t-seòmar romhpa féin. Ach a dh’aindeoin gach leisgeul a rinn e, cha chreideadh iad e. Chuir iad ’an cuing e gus an d’ thainig an latha, agus anns a’ mhaduinn thug iad fa chomhair an fhir-cheartais a bha sa’ bhaile, no sa’ choimhearsnachd e, agus bha leithid do dh’ aobhar dìtidh ’na aghaidh, s gu’n dubhairt an duin-usal sin ris “A mhaighstir Bradford, an dara cuid ’s tusa no mise a rinn am mort so.” Nuair choinnich na mòr-fhearan dearga, chaidh fheuchainn—thug iad binn bàis amach ’na aghaidh, agus an ceann beagan làithibh chaidh a chrochadh, ach cha do ghabh e riamh ris a’ chionta; chaidh e chum a bhàis ’ga àicheadh.—Ni mò a bha e ciontach anns a’ chùis so, mar fhuaradh amach an déigh sin! B’e seirbhiseach Mhaighstir Hayes fhéin a rinn a mhort. Bhruid an t-eucorach so a Mhaighstir; chuir e gu bàs e, agus thàr e as, leis na fhuair e do dh’ airgiod, mun d’ thainig Mr Bradford do’n t-seòmar. Thug dìteadh-coguis air an t-seirbhiseach an gnìomh so aideachadh, agus e air leabaidh a bhàis ochd mìosan deug an déigh dha an ni oillteil so a chur an gnìomh, agus cha bu luaithe a dh’ aidich e na bhàsaich e. Tha e ’na ni comharaichte ged bha Mr Bradford neò-chiontach a thaobh a’ mhoirt agus ged nach robh eòlas sam bith aig’ air, gu robh e gidheadh ’na mhortair ann an rùn—dh’aidich e do’n mhinisteir a bha ’frithealadh air, san àm a bha e fo bhinn-bàis, gur h-ann le rùn Mr Hayes a mhort a chaidh e do’n t-seòmar, leis an sgithin ’na làimh, agus nach bu mhór gu ’m b’ urrainn e a shùilean féin a chreidsinn, nuair chunnaic e marbh e; agus a chum’s gu’n deanadh e e féin dearbhte mu thimchioll na cùise tharruing a gu taobh eudach na leapach agus leis a’ bhruaillean ’s an troimh-a-chéile anns an robh e thuit an sgian bhuaithe, agus ghàruich e a lamhan leis an fhuil, da ni a bha ’nan tróm aobhair-amharuis ’na aghaidh. EILEANACH. CUMHACHD INNLEACHD NA TOITE AGUS SPIONNADH EACH, AIR AN COIMEAS MAR A GHABHAS IAD CUR GU FEUM A GHIULAN LUCHD-TURUIS. Ghabhadh e 12 coidse no carbad, a’ giùlan 15 pearsa an t-aon, agus 1200 each a ghiùlan 180 pearsa 240 mìle ann an 24 uairibh aig luathas 10 mìle san uair—Ni aon inneal-toite air rathad iaruinn a dha uibhir so a ghiùlan anns an ùine cheudna, mar so a’ deanamh obair 2,400 each. A rithist: Ghabhadh e 30 de na carbaid ris an abair iad sa’ Bheurla Mail Coaches nach faod a réir nan riaghailtean fo’m bheil iadsan ag obair, ach 6-nar an t-aon a ghiùlan, agus 3000 each, a ghiùlan 180 pearsa agus màileidean nan litrichean 140 mìle ann an 24 uairibh aig luathas 10 mìle san uair—Ni aon inneal-toite a dhà uiread so anns an ùine cheudna, mar so a’ deanamh oba ir 6000 each EAD. M. [TD 193] MORT NA CEAPACH. (Air a leanailt o’n 7 amh àireamh.) d’ thug e dha boineid anabarrach grinn a bha air a cheann féin. Ach air son an deòthas anama agus an taingealachd cridhe bu chòir do ’n ghnìomh gràidh so a dhùsgadh ’am broilleach an òganaich uaibhrich, ’s ann a las e le feirg. Thilg e ’bhoineid air ais ann an aodann an oighre, agus le tróm-fhras do mhionnan oillteil tharruing e ’bhiodag. “A mhic a’ choin!” ars’ esan, “am bheil thu ’n dùil gur diol-déirce mise gu bhi gabhail do chuid luideagansa?” “Cha’n eil;—ach gabh so mar chuimhneachan” arsa ’n t-oighre ’s e’ cur a bhoineid air a cheann.—“Gabh thusa sin,” ars’ am fear eile ’s e ’cur na biodaige ’na chliabh. Ann am prioba na sùl bha trì lannan ann an uchd an oighre agus dithis ’na bhràthair. Cha d’ thug obair a’ mhortaidh a mach ach beagan mhionaidean uile,—cha bu cho-sheise dithis do sheachdnar,—cha robh rathad dol as ann,—cha robh stà còmhnadh iarraidh—còmhnadh cha robh ann,—b’ i uair am bàis i. ’Nuair a phill am piuthar air a-hais bu sgreataidh oillteil an sealladh a fhuair i.—Bha a bràthairean ’nan laidhe ’nan closaichean marbha mu ’n bhord; bha ’m broillichean tróm-reubte le faobhair nan lannaibh puinseanach; bha sruthanan do dh-fhuil reòta air an urlar. Bha trom-shuain a’ bhàis a’ rìoghachadh mu’n cuairt.—Theich mire-ghaire aoibhneach nu h-òige bho ’n t-sùil liontaidh agus dhùineadh le fuar-mhiar an éig i; thréig dearg-dhath an ròis am bilibh agus laidh bàn-shnuadh a’ bhais orra. O! mar a bhuail i a basa—mar a shil a sùilean—mar a spìon i a falt—mar a dh’ fhàilnich a cridhe!—ach comh-fhurtachd cha robh ann. Bha na murtairean an déigh teicheadh agus feudar a ràdh gu’n robh “A’ Cheapach na fàsaich” da-rìreadh an là sin. Phòg i cuirp agus lota fuilteach a bràthairean agus dh’ asluich i air Dia dioghaltas a dheanamh air na murtairean. ’Nuair a phill Iain Lom fhuair e ’na suidhe i air bruaich alltain a bha ’ruith seachad gu borbhanach aig ceann an tighe. ’Sann air tolman uaine a leig i sios i féin fo ghéig de chraoibh sheilich, ’s i ’taomadh a mach a dosguinn fo dhealt nan speur. “Mo thruaighe mi! cha ’n fhàiltich bilibh a’ chairdeis mise tuillidh ann an talla mo shinnsir; tha mo dha bhràthair ’nan closaichean marbha; cha’n eil neach ann a ni aicheamhail a thoirt a mach air an son. O! athair chaoimh sa’ mhathair ghradhach! cha chluinn sibh guth mo chaoidh ’s cha tig sibh gu m’ theasairginn!” Thilg Iain Lom e fein ’sios ri ’taobh—tharruing e trom-osna—spion e’ bhoineid bhàrr a chinn—thionndaidh e a shùilean ris na speurabh agus dh’ asluich e gu faiceadh e “fuil air son fuil mu ’n dùineadh am bàs a shùilean. [TD 194] THAINIG an tuath a-steach mar aon duine mu naoi uairean a dh-oidhche mar dh’ iarradh orra—ach an àite fleagh ’s ann a fhuair iad an dà òg-fhlath ’nan laidhe ’nan closaichean marbha san t-seòmar. Sheas Iain Lom air meadhon an urlair ri ’n taobh; bha na deòir a’ ruith sìos air a ghruaidhibh; ach cha do shil aon duine eile deur—bha iad a’ coimhead air a chéile le h-ionghnadh agus uamhas. Chuir am bard a mheur ’san fhuil a bha ’na tiugh shruthana ruadha air a’ chas-bhrăt;—’s chuir e ’n sin na bheul i. Cha robh duine ’tuigsinn ciod a bh’ air ’aire; bha fraoch-fhearg a’ dùsgadh calm-chruth air ’aodann, agus bha lasair a shùl mar chrois-tàra a’ brosnachadh chum cath. Ach b’i ’theanga am ball-airm a b’ fhearr leis an cluicheadh e.—“Faicibh an fhuil, fhearabh!” ars’ esan ’s e ’cur a mheur ’na bheul an dara uair, “is leibh fain i—’s i fuil chlainn Raoghail na Ceapach a th’ innte; faicibh an fhuil, is leibh féin i!—fuil’ur ceann-feadhna air a dórtadh leis an dream a bha sibh a biathadh ’s a g-àrach o chionn shèa bliadhna! Phàigh iad a nis sibh; òlaibh O! òlaibh an deoch a sholair iad dhuibh!” ’Stad e ag amharc anns gach gnùis a dh’-fheuchainn an d’ thug e gluasad sam bith air an aigne, agus air dha ’mhothachadh gu ’n do dhrùigh e ’m meud-eigin orra chaidh e air aghart:—“A spioradaibh gearanach nam marbh na biodh dian-chorruich oirbh gu bheil sinn a’ cur dàil ann an dìoghaltas a dheanamh air na mortairean;—mar is fhaide ’bhuille gun tighin ’s ann is truime. Ach mo léir-chreach! ’s fuar an diugh an cridhe bha bualadh le’eibhneas ri ’dhùthaich ’s ri’ dhaoine an dé, ’s tosdach ’s balbh-thosdach na bilean bu mhilse fàilte ’s bu ghairge bagradh, ’s dìblidh gairdean nan buillean troma a dhùisgeadh mactalla le farum nan lann; agus na casan, O! nach tuit sibh sios g’am pògadh maille riumsa—is mall an diugh na casan a bha lùghor, reidh-cheumach an dé—a’ tighin dhachaidh dh’-ionnsuidh na h-uaighe! ’Chlainn-Dòmhnuill na Ceapach, am fearr leibhse leómhann marbh na cù beò? Ma ’s fearr, so an t-àm gu dhearbhadh. Tha gach lot dhiu sin a’ glaodhaich DIOGHALTAS. Eisdibh guth na fala agus armaichibh sibh fein le duinealas mar bu dual!” Nam biodh na mortairean far am faighte iad ’nuair a chrìochnaich Iain Lom an òraid so, cha ’n eil teagamh nach dìoladh iad na fiachaibh gus an fheoirling dheireannach. Bha na daoine air bhoile; bhioradh an cridheachan le briathra drùighteach a’ bhaird; ach air dhoibh fein cadal chaidll gach beò-thogradh airson aicheamhail a thoirt a mach; agus dh’ fhartluich air an togail ’na dhéigh sin. ’Cheart cho luath ’s a dh’ adhlaiceadh na cuirp thug Iain Lom comhairle air am piuthair teicheadh do thìr anns nach b’urrainn na mortairean greim a dheanamh oirre. Mhìnich e dhi le mòr dheòthas anama gu’n robh na bha e ’g iarraidh do-sgaraicht’ o theuruinteachd—gu’n robh clann bhrathar-a-h-athar air bàinidh gu cur as di chum làn chòir fhaotainn air an oighreachd.—Fo stiùradh na comhairle so theich i do Bhlar-an-Adhall agus [TD 195] thuinich i ’n sin re tamuill.—Thug am Bard aon oidhirp eile air na daoine bhrosnachadh gu mortairean Ionbhar-lair (oir ’sann an sin a bha ’n cileadair a chomhnuidh) a chur gu dìth.—Chaidh e o thigh gu tigh’ a’s leine ’n oighre aige ’na laimh dearg le fuil. Cha robh fois aige latha no dh’ oidhche; mhol e iad a’s chàin e iad; chuimhnich e dhoibh athair nan gillean a dh’ fhalbh ’san athraichean féin, ’sam baiteal buaidh-chaithreamach a thug iad do Chlainn-Chatain latha na Maoile-ruaidhe; ach chum iad cluasan bodhar na nathrach ris. Chaill e ’fhoighidin, agus air dha coimhearsnach d’a ’m b’ainm Iain Leathann MacDhùghaill a choinneachadh astar beag o ’n bhaile, thòisich e air bruidhinn ris:—“Seadh, Iain Leathainn, tha mi faicinn gu’n robh thu ’sealgaireachd—tha do lamhan dearg le fuil.”—“Cha robh;” ars’ am fear eile, “cha ’n eil boinne fala air mo lamhan-sa.” “Nach eil a bhobaig?” ars’ am bard, “s oil leam sin. Ach mo thruaighe sibh, fhir na Ceapach, a ghealtairean lag-chridheach! tha sibh dìreach mar lamhan an dathadair a ghlacas na h-uile dath; ’se ’n righ a th’air a’ chaithir daonnan ’ur rìgh-se.” Ach a dh’aindeoin a ghéiread ’s a dhian-dhùrachd cha’n éireadh duine leis. Gheall iad dha, gidheadh, na’m faigheadh e ’n àit’ air bith eile na bheireadh aicheamhail a mach gu fanadh iadsan gun bhi air taobh no taobh. Leis a’ ghealladh so thug Iain Lom an t-Eilein-sgitheanach air gu moraire Chlainn-Dòmhnuill. Bu turus dioghaltais a thurus—bu chridhe naimhdeil a chridhe, agus bha ’theanga mar ealtainn gu reubadh, gu beumadh, gu lomadh. B’e sin a’ cheud u ire, chunnaic am moraire riabh a ach bha fios aige air nàdur a ghnothuich agus chuir e roimhe gun mhisneach air bith thoirt dha. “Cia as do ’n choigreach?” ars’ am moraire. “A Laodicea;” fhreagair am bard. “An d’ fhàs iad fuar no teth fathast ’san àite sin?” “Dh’ fhàs cuid dhiu;” ars’ Iain, “tha Abel ’na chorp fuar, tha Cain ’na mhortair teth-cheannach, dearg-lamhach, agus tha na ciadan meagh-bhlàth mar bhainne na gaibhre duibhe.”—Chuir e ’n sin an céill na bha air ’aire ach thug am moraire glan-dhiùltadh dha. Gu mór air a mhealladh air gach làimh thug Iain Lom a nis MacCoinnich air. B’e MacCoinnich so seumarlan Mhic-Dhòmhnull san àm;—agus b’ e dòchas Iain Luim gu feudadh e còmhnadh leis ann an brosnachadh a’ mhoraire gu peanas a dheanamh air na mortairean Achtha lion mhoireachd nan seumarlan mar bharr-iall nam bròg a ghabhas c eangal mar is àill le ’m maighstir. Mhothuich am bard so—thuirt MacCoinnich ris gu h-ath-ghoirid ged bu bhard e cho math ri Arion nach biodh esan na dholphin aige g’a ghiùlan air a mhuin. Dhùisg so diomb Iin mhantaich agus le trom-fhras do dh’ana-cainnt dh’ fhàg ’se e. Chaidh e ’n dara h-uair a dh’ionnsuidh a’ mhoraire, thuit e sìos air a ghlùinibh ’na làthair, agus dh’ aslaich e air ma bha braon do dh’ fhuil an leómhainn ’na chuislibh—ma bha srad do dhuinealas ’na chridhe—ma bha fearalas sam bith ann gu’n cuireadh e daoine air falbh a dhórtadh fuil air son fola.— [TD 196] Ghealladh dha gu faigheadh e nu bha dhìth air; le deòir taingealais ’na shùilibh ghabh e a chead do’n mhoraire; ach dh’ fhuirich e ’san Eilein a’ deanamh ’s a ’gabhail òran dhoibh. Chaidh latha seachad an déigh latha, seachduin an deigh seachduin agus cha robh guth air éiridh. Chaill Iain Lom ’fhoighidin a’s thug e ’n caisteal air an treas uair. Thachair am morair’ air a’ sràidimeachd aig an dorus. Cia mar tha thu’n diugh?” ars’ esan. “Cia mar tha mi ’n diugh!” ars’ Iain “tha mi fior dhuilich air son fineadh aig am bheil ceann-feadhna mar ghearra-goirt le briathra labhar oscarra a’s gnìomhara leibideach mi-ghaisgeil. Sin agad mar a tha mi, ’s ìnnsidh mi nis dhuit cia mar nach robh mi—nach eil mi, ’snach bi mi fhad ’s a bhios fuil Mhic-Raoghaill na Ceapach gun phàigheadh—ann am dheisciobul aig Iob an duine foighidneach bha ann an tir Uis!” “Mur ’eil,” ars’ am moraire ’s e deanamh fiamh-ghàire, “theirig a dh’ionnsuidh an duine sin a th’ ann an tìr Uisd agus can ris gu’n d’iarr mis’ air Gilleaspuic-Ruadh falbh air ceann nan daoine; agus buaidh leibh!” Bha so gu leòir. Dh’ fhalbh iad as an Eilein mu dhol fodha na gréine; bha lan-chinnt’ aig Iain Lom gu’n robh Alasdair Dubh Ghlinne-Garaidh na bu toighich air na mortairean na bha e air na gillean nach bu mhairionn; agus, uime sin, mheas e iomchuidh an turus a chumail uaigneach ’s a dheanamh fo sgàil na h-oidhche. Ràinig iad Ionbhar-lar air an treas latha agus choinnich iad an t-seachdnar bhràthairean dlùth air a’ bhaile ann an ionad fàsail. Thainig iad orra gun fhios; oir ged a chual Alasdair Dubh gu’n deachaidh iad seachad, ’s ged a chuir e tosgaireachd le sanus do ’n Cheapaich ghabh an gille ’n daorach air an rathad ’s cha d’-fhuair iad an teachdaireachd. “Bha thu trusadh chairdean, Iain,” arsa fear do chloinn a’ chileadair ris a’ bhard ’nuair a choinnich iad. “Bhà, a’s feuch am mort thus’ iad,” ars’ Iain.—Dh’aithnich clann Ionbhar-lair mar bhà, a’s thug iad gu teicheadh. Ach chaidh cur as doibh ann am mionaid an uaireadair. Reic na laoich sgairteil am beatha cho daor ’sa dh’fheudadh iad ’na leithid do sheasamh—reic ’s iad iad air son tri lota bàsmhor a rinn iad air daoine a’ “Chiarain bhaganta.” Thuit an t-seachdnar mar thuaiream deich slatan d’a chéile; dh’ fharraid Gilleaspuic Ruadh an robh am bard toilichte, ’s fhreagair Iain Lom gu’n robh an seann sionnach fathast beò—gu’n robh e cho math a’ gharaidh a ghlanadh gu h-iomlan. Thug iad a nis Ionbhar-lar orra dh’ ionnsuidh tigh a ’chileadair; bha e féin ’sa bhean a stigh ’s an dorus air a chrannadh gu diongmhalta. “Am bheil e ’na chleachdadh agad aoidheachd a thoirt do choigrich?” ars Iain Lom ’s e ’na sheasamh aig an uinneig.—Fhreagair am fear eile a’ cheisd le urchair a thilgeadh troimh tholl a bha air an dorus. Chaidh am peileir seachad eadar casan a’ chiarain mhabaich agus thòisich a’ ghunnaireachd. Bha bean a’ chileadair a’ leaghadh nam miasan feòdair ’s nan trìnsearan luaithe ’s a’ deanamh pheileirean dha; agus mur biodh iad air a marbhadh le urchair troimh an [TD 197] fhairleus is deacair a ràdhainn cionnus a thachradh. Chaidh an duine aice ’mharbhadh mionaid no dha ’na déigh. Bha obair a’ chasgraidh crìochnaicht, ach cha bu leòir so gu nàimhdeas Iain Luim a shàsachadh. Leis an tuaidh Abaraich a bha ’na làimh rinn e ’n t-seachdnar bhrathairean a dhìth-cheannadh air ball, agus chuir e air gad iad a’ seinn le mór chridhealas:— “Mhuire! ’s buidheach mis’ a Dhia dhiot, Cuid do’n athchuinge bha mi’ g iarraidh, ’N grad spadadh le glas-lannaibh liatha, Tarruing ghad air fad am fiacal!” Theagamh nach do sheinn bard riabh rann is mò tha nochdadh do chruas-cridhe ’s do dhalmachd inntinn na i so. Aig an dearbh mhionaid ’s an robh e ’tarruing cinn a cho-chreutairean air gad bha e comasach air ceòl a ghabhail! Dh’ fhalbh e ’n sin leis na cinn air a ghualainn cho neo-mhothachail ’s a bhiodh cìbair a’ giùlan othaisg bhragsaidh—cho aoibhneach ’s a bhiodh treabhaiche ’toirt dachaidh sguaba troma abuich an fhogharaidh gus an d’ fhàg e iad aig dorus caisteal Ghlinne-Garaidh. Ghlan e na cinn ann an tobar ris an canar “tobar nan ceann” gus an latha ’n diugh. Fhuair Mac-Mhic-Alasdair air an adhlac iad ’san aon uaigh os-ceann na thogadh tùr-cuimhne leis na seachd cinn air an gearradh a mach an làn-mheud—ceann air gach oisinn. Sin agaibh, a theachdaire, fior-eachdraidh mu mhort na Ceapach. Cia cho taingeil ’s bu chòir dhuinne bhi air son nach eil aithris mu’n leithidibh sin do ghnothuichean ’nar measg! ’S mis’ ur fior-charaid, IAIN A’ CHAGAINN. Bun Lochabar, Treas mios an t-Samhraidh, 1836. LINN AN AIGH. B’i linn an àigh a bh’ ann ’s na làithibh céin Le sonas àraidh, mur a dàn’ an sgeul; Bhiodh sìth a’s suaimhneas seasmhach, buan ’s gach tràth, Le cairdeas aobhach, caoimhneil, caomhail tlàth.’ Ceilg, creach, no ainneart cha robh ann ni ’s mò,; Bha sannt a dhìth ’s an cridhe fìor gun ghò; ’S an ceumaibh ceartais bhiodh gach neach a’ triall, Le sochair nàdurr’ ’s ann an cairdeas fial; Cha robh ’san linn ud lagh gu diogh’ltas tróm, Bha caomh-lagh nàduir ceart a’ tamh ’s gach cóm, ’S d’a réir gach uair bhiodh beus an t-sluaigh gu glic, ’S cha bhiodh na mòid ’gan gairm gu còmhail tric, ’N sin cha do chleachd iad a bhi ’teachd le fiamh A chluinntinn reachd nam breitheamh reachdail dian, No co-ghair uallach inneal b’ fhuaimneach srann, A thional sluaigh gu comhrag cruaidh nan lann; Mar so gu tèaruint, suaimhneach sèimh bha’n tàmh, Gun sgàth, gun chùram ac’ roimh ionnsuidh nàmh, ’S an luaidh gu sìor air euchd an shinnsear treun, Fo iomradh dhàn nam pong a b’airde gleus Nan cluinneadh nàmh bu mheat ’a sgàth roimh ’n sgeul. ’Nan tir gun fhògradh bhiodh an còmhnuidh buan Mun d’ fhuair iad miagh air cearnaibh cian a’ chuain, ’Smun ghabh an Gàidheal cead gu bràth le bròn, [TD 198] Do ghlinn a ghráidh ’s an d’ fhuair e ’àrach òg.” ’S do thìr an àigh nam fraoch-bheann ard ’s nan gleann, ’Snan sraithean aibhneach dreacht’ le coill nan crann, Gach àite tric dha dh’ àraich sliochd an fhéidh, Le sìol na h-earb’ gu pailt air leirg gach sléìbh, ’San sàr-iasg rìoghail ’s lann-bhreac, rìomhach snuadh Aig bruachaibh àithean cian o’ thràigh a’ chuain, ’San spréidh gu cuanda, bliochdar guanach àill’, Air machair ùroir feòir bu shùgh’or càil, Le cluaintibh réidh do ’m b’ fheartar éibhinn snuadh ’San comhair sìl bu shaoibhir dìol do’n t-sluagh, Mar so bha maoin gu saoibhir saor gu’n deòin ’S an Còmhnuidh ghleann cha b’eòl dhoibh ganntar lòin. A. M‘I. ÒRAN. [AIR FONN “Mo Nighean dubh.” O’s rùnach leam mo Ribhinn donn, Sa’ghleann taobh thall nam fuar-bheann San fheasgar chiùin theid mi le m’ rùn Gu doire dlù nam fuaran. I. Ma sheang-choin sheilg tha’n learg nam fiadh, S’mo chridhe cian tha’n còmhnuidh, Sa’ ghleann san éisd mo Mhàiri ghrinn Ri ceilear binn na smeòraich. II. Tha eòin an t-sléibh air sgéith mu’n cuairt, ’S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich, A’s mis’ am pràmh an sgàth nam bruach, A’s m’uile smuaín mu’n ghràdhaich. III. ’Si ’s aotruim’ ceum ’s a’s deàrsaich’ sùil, ’S a gàir’ tha ciùin a’s caoimhneil, ’S a guth tha dhòmhs’ mar shòlas ciùil ’S mi falbh nan stùchd san oidhche. IV. ’S e ’cuach-fhalt fàinneach ’s àillidh sgèimh, ’Sa bràighe ’s glé-gheal bòidhche, Fo osna ’cléibh ag éiridh sèimh, Mar fhaoileann bhàn air Lòchaidh. V. A cridhe aobhach ’s aotrom sunnd, Mar Mhang aig surd an réidhlein, Ach sèimh le tlàs, mar bhlà fo dhriùchd, Am maise chiùin a’ chéitein. VI. Mo Ribhinn ghràidh a’s àillidh sgiàmh A’s àraidh beus a’s bòidhche, Gach miadh a dh’fhàs mu Bhlà Dhail-Céith Cha ghéill an Inbhir-Lòchaidh. ABRACH-MUAILECH. [TD 199] GUIDHEACHAN RIGH DAIBHIDH. Is taitneach, da rireadh, r’a thoirt fa’near gur lionmhor iad ameasg ar luchd-duthcha, gann ’s mar dh’ fhaodas am fiosrachadh saoghalta bhi, a thoilleas, a thaobh an eolais air a’ Bhiobull, am biùthas a fhuair Apollos, “deas-bhriathrach agus cumhachdach ’s na Sgriobturaibh.” Agus ri cainnt ’s ri comhairle nan daoine so ’s tric a dh’ éisd an sgoileir le buannachd, ’s a dh’fhairich e uaill ’ard-fhoghluim a’s fhiosrachaidh air ìsleachadh; ach air an laimh eile is muladach r’a smuaineachadh gur tric iad “a dhorchaicheas comhairle le briathraibh gun eòlas.” Agus gu cinnteach b’ann d’an àireamh mu dheireadh an duine sin a thòisich air mìneachadh an Sgriobtuir d’a choimhearsnaich, agus, anns a’ mhìneachadh a bh’ann, a thainig an rathad nan Salm, agus a thug fa’near gu’m bu trice leis a’ mhinisteir na laoidhean a thoirt amach san ionad-aoraidh, a chionn nach bu toigh leis an duine chneasda bhi tighin thairis air na droch ghuidheachan goirisneach sin, a b’àbhaist do Dhaibhidh thoirt an aghaidh gach aon a chuireadh mi-thlachd air; ach nan cluinneadh a’ mhinisteir féin a’ chainnt so, ’s cinnteach gur h-ann a chuireadh e tosd air an aineolas ladurna le briathrabh achmhasain. Bha naimhdean lìonmhor gu cinnteach aig an t-Salmadair, ach ged a bha, cha bu spiorad gamhlasach a dh’altruim e d’an taobh, agus, mar sin, cha’n iad a naimhdean féin air am bheil e ’g iomradh ach eascairdean an t-Slànuigheir, air an robh Daibhidh araon ’na Shamhladh, ’na Shìnnsear ’s ’na Fhàidh; oir ’s gann Salm mu nach faodar a ràdh, “Tha na ’s motha na Daibhidh an so,” Air an aobhar sin cha do ghuidh an Salmadair riabh, sgrios air a naimhdibh féin, le cìocras fuileachdach, mar ni sluagh gu tric ’nar dùthaich ’s ’nar linn féin; ach ’s ann a bha e ’cur an céill breitheamhnais an Tighearna an aghaidh an aingidh, agus mar sin ’s e ’n t-iomlan a dh’fhaodar a ràdh gur h-ann a tha Daibhidh mar “fhirean d’am b’aoibhneas breitheamhnas” ag aontachadh am bagradh ’s am binn uamhasach Dhé an aghaidh a luchd-fuath; agus far am bheil e ’g ràdh “Thoir dhoibh a réir aingidheachd an gniomharan,” (Salm xxviii. 4.) ’s ann a dh’fhaodta ràdh, “Bheir thu dhoibh, &c.” agus cha ruig sinn leas dol na ’s faide na’n rann a leanas gus am faic sinn am modh cainnte so air a chleachdadh, far am bheil e air a ràdh “A chionn nach toir iad an aire do oibribh an Tighearna sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad,” (rann 5.) agus faiceamaid briathran Dhaibhidh, amach as na sailm, far am bheil an gearan a’s cruaidhe aige mu ’naimhdibh, agus cha’n eil e ’g ràdh ach, “Dìolaidh an Tighearna do fhear-deanamh an uilc a réir ’aingidheachd.” 2 Sam. iii. 39. Cha robh aig an t-Salmadair, mata, rùn gamhlasach sam bith d’a naimhdibh féin, ach a dh’fhàgail fìrinn na cùise ni ’s soilleire. Bheir sinn sùil ’s na Sailm (Salm xxxv. 12. 14.) “Dhiol iad dhomh,” arsa Daibh- [TD 200] idh “olc an éiric maith; chuir iad romhpa mo bheatha thoirt uam; ach a m’thaobh-sa ’nuair a bha iadsan gu tinn, b’eudach saic mo chulaidh; mar gu’m bu charaid no bràthair dhomh a bhiodh ann ghluais mi, mar fhear caoidh a mhàthar, gu dubhach chrom mi sios.” Agus (gun ghuth idir a thoirt air Absalom 2 Sam. xviii.) nach math gu bheil fianuis air firinn na cùise so o ghiùlan Dhaibhidh a thaobh an eascaraid sin bu ghuiniche dh’amais riabh air, agus a bhàrr air a so gu bheil teisteas Shauil féin againn, an nàmhuid gheur ud; oir ’nuair bha aobhar aig Daibhidh a ràdh d’a thaobh, ’nuair thainig e le feachd ’na aghaidh, “Tha thu sealg air m’anam a chum a ghlacadh.” 1 Sam. xi. 24. agus ’nuair a dh’fhaodadh e ’bheatha thoirt air falbh, an àite làmh dìoghaltais a thogail ’na aghaidh, ’s ann a nochd e iochd agus caoimhneas; agus ’s iad bu bhriathra dha “Biodh an Tighearna ’na Bhreitheamh eadar mise agus thusa, agus tagradh e mo chùis;” agus cluinneamaid Saul féin ag aideachadh a chaomhalais so, “Is tusa a’s fìrinniche na mise, oir dhìol thusa math dhòmhsa ach dhìol mise olc dhuitse; agus nochd thu an diugh cionnus a bhuin thu gu math rium, do bhrìgh nach do mharbh thu mi,” 1 Sam. xxiv. 17, &c. Agus cha chreideadh e idir gu’n robh naimhdeas aig Daibhidh dha, ’nuair a thubhairt e ris, “Au uair a gheibh duine a nàmhuid an leig e as gu math e? Uime sin gu’n dìoladh an Tighearna math dhuitse air son na rinn thu dhòmhsa ’n diugh.” (Rann. 19.) Agus co riabh a bheachdaich air a’ chumha thiamhaidh sin a rinn Daibhidh air bàs Shauil agus Ionatain; agus a bhreithnich na briathra bròin sin a’s maisiche loinn? (Faic. 2 Sam. i. 19, &c.) Có riabh a leugh air chòir na h-earrannan so d’an Bhiobull ’s do eachdraidh Shauil (2 Sam. ii. 5., and 2 Sam. xxi. 13.) ’s a chunnaic caoimhneas Dhaibhidh a’ leanmhuinn Shauil gu bàs agus gu h-uaigh?—Có riabh a sheall (2 Sam. ix.) agus a thug fá’near Daibhidh a’ feòruich an robh idir air thalamh iarmad do theaghlach Shauil ris an nochdadh e bàigh?—Có riabh a thug fa’near na cùisean ud nach faiceadh gur h-ann bu dòcha Daibhidh a nochdadh iochd d’a naimhdibh ’nam beatha, agus caomhalas d’an duslach féin, na ’n geur-leanmhuinn gu’n uaigh, an cuimhne mhallachadh agus saltairt le fuath air an ùir. A. M. An Calbh Muileach. A’ MHUIR MHARBH. THA a’ mhuir so air taobh na h-aird-an-ear de thìr Iudea, agus o shean b’ì a’ chrìoch eadar e agus fearann Mhoaib. Thugadh a’ Mhuir-Mharbh mar ainm oirre do bhrìgh gu’n robh e air a chreidsinn nach b’urrainn do chreutair tighin beò innte airson a mìllteachd anabarrach. Cha ruig sinn a leas ìnnseadh do dh-àireamh mhór d’ar luchd dùthcha gu’m b’e ’n t-àite anns a’ bheil a’ [TD 201] mhuir eagallach so an còmhnard far an robh bailtean ainmeil Shodoim agus Ghomorraih, a sgrios an Tighearna le pronnusc agus teine a nuas as na nèamhan airson ciontan mi-nàdurra an luchd-àiteachaidh. Gin. XIX. 24, 25. A réir beul-aithris nan tàmhach b’e tri-deug àireamh nam bailtean àluinn a chaidh a sgrios; agus ’nuair a dh’ amhairceas sinn air meud na fairge, mu thuaiream deich agus tri fichead mìl’ air fad agus mu ochd mìle-deug air leud, cha seall an cùnntas neo-choslach. Cha ’n eil cearn de’n t-saoghal, a tha luchd-turuis a’ dol a dh-fhaicinn, a dhùisgeas tuille smuaintean cianail na tìr Iudea uile. Dh’ fhògaradh a luchd-àiteachaidh gu àitibh iomallach na talmhainn—tha a bailtean móra ’nan làraichean briste, agus tha a sràidean le’n tighibh rìomhach a’ tuireadh an léir-sgrios. Tha luchd-turuis a bha o chionn ghoirid ann gu ìnnseadh dhuinn nach urrainn neach air an la’n diugh amharc air a’ Mhuir-Mhairbh no air a’ ghleann anns a’ bheil i, gun bhròn agus gun oillt. An àite bhi mar a bha e o shean, air uisgeachadh gu math agus torach eadhon mar ghàradh an Tighearna, ’s ann a ta aodann a’ ghlinne coltach ri ìochdar mara a bhiodh air falbh o chionn fada o ’h-amar—am blàr air gach làimh còmhdaichte le salunn, le làthaich thioram agus le gainmhich, ’na stìoman mar gu’m b’ann le oibreachadh nan tonn—mill de chlachan agus mhiotailtean loisgte an sud ’s an so, a’ dearbhadh gur h-e so an t-àite o’m fac’ Abraham deatach léir-sgrios a’ dol suas mar dheatach aibhne. Blàran uaine air an urrainn an t-sùil tàmh a ghabhail le tlachd, cha ’n eil r’a fhaicinn, no aon sruthan fìor-uisge as an gabh am fear-turuis deoch ged a bhàsaicheadh e le tart. Theagamh gu’m faicear ann an còrr àite preas seargte ag eiridh air éiginn am measg na gainmhich, an duilleach còmhdaichte leis an t-salunn a bheathaich iad, an cairt gun fheum le blas agus fàile deathachail. Tha barrachd saluinn taobh iar-dheas na fairge, ’na chreagan ’s ’na sgrathan, a’ deanamh a’ bhlàir geal mar shlios còmhdaichte le sneachda; ach cha ’n eil an luchd-turuis ag ràdh gu bheil an carragh saluinn do’n deach bean Lot a thionndadh r’a fhaicinn ann. Cia dhiù a leagh e no ciod eile thainig ris cha ’n eil againn ach barail—tha ’n t-àite doilleir ni’s leòir as a dhì. Tha e air a ràdh gur làidir an inntinn a sheallas gun charachadh air abhuinn Iordain anns a’ glaic tre am bheil i a’ dol do’n Mhuir-Mhairbh, An àite ruith d’a h-ionnsuidh le torman sunndach, a bruachan air an duibhreachadh le craobhan a’ lùbadh le meas, agus fuaimneach le ceileire bìnn nan eun mar a b’ àbhaist, ’s ann tha i gu ruaimleach a’ snàmh gu neo-thoileach le ciùineas a’ bhàis tre ghaineamh agus tre chuilc mar gu’m biodh fios aice air an fhairge phlàigheil a bha gu goirid r’a slugadh a suas. Air feadh na cuilce so tha an t-Arabach gu tric ’na luidhe am folach gu leum air an fhear-thuruis agus a spùinneadh. Bha e air a chreidsinn ré ioma linn nach b’urrainn aona chuid lus no iasg fanachd beò anns a’ Mhuir-mhairbh, agus gu’n robh an ceò a bhiodh ag éiridh aisde [TD 202] cho plàigheil ’s g’um marbhadh e eòin ag itealaich os a ceann; ach chunnacas o sin an gobhlan-gaoithe a’ tumadh innte airson uisge a thogail a nid; agus tha daoine eile ag ràdh gu bheil iasg innte. Tha a h-uisge co anabarrach làidir ’s gur gann a ghrunnaicheas duine ann, agus co saillte ’s ma thumar a’ bhròg ann gu’m bi i còmhdaichte le sgrath shaluinn ’nuair a thiormaicheas i. Tha an àile co luchdaichte le pronnusc agus salunn ’s nach seas aon ach goirid air a bruachan ’nuair a bhios ’aodach làn diubh. ’S bitheanta chithear a’ Mhuir-mharbh neo-ghluasadach air fad agus gu h-iomlan marbh ri taobh a’ chladaich ged robh an doinionn is mò a’ séideadh oirre; agus air an làimh eile ’s tric a chithear i fo onfhadh buaireasach, ag éiridh ’na mìll eagallach ri aodann nan creag agus àile nan speur. Tha i slugadh suas uisge abhuinn Iordain agus uisge ioma sruth eile, ach cha’ n eil i a’ cur thairis uair air bith, agus cha mhò tha dol a mach do ’n uisge mhór so r’a fhaicinn. Mun robh e air a thuigsinn gu’n robh na h-uiread uisge ag éirídh ’na cheòraich, bha cuid de nàduraich am barail gu’n robh rathad fo thalamh aig uisge na Mara-mairbh do’n mhuir mhóir no do’n Mhuir-Ruaidh; ach a nis gu bheil fios againn air, cha ruig sinn a leas a bhi sealltainn airson dol a mach nach gabh faotainn. Tha Iosephus agus Strabo ag ràdh gu’n do chruthaicheadh an gleann anns am bheil i le dol fodha na dùthcha bha roimhe cur thairis an uisge do’n mhuir-mhóir. Tha dubh-neul am bitheantas a’ snàmh os a ceann, agus tha uamhas a’ bhàis a’ gur thairis air gach nì. Guth aoibhneis cha chluinnear mu’n cuairt di, ach foidhpe gu tric ulfhartaich agus roidhcil bhagarrach, agus ’na dhéigh sin éiridh mill deathcha d’am mothuichear fàile pronnuisc gu làidir. Nach eagallach da rìreadh an léir-sgrios a thainig air an àite so! Bha a roimhe torach eadhon mar ghàradh an Tighearna agus air àiteachaidh le ioma baile àluinn. Pheacaich luchd-àiteachaidh nam bailtean gu h-anabarrach; sgrios an Tighearn iad féin, am bailtean móra agus an còmhnard uile, agus air an latha diugh, an àite fuaim an fheadain agus na clàrsaich a chluinntinn o ioma tùr ’s ann tha ciùineas a’ bhàis a’ rìoghachadh air fairge neo-chneasda. An àite dannsa agus tein’-éibhnis gach oidhche ’s ann tha ’n t-àit uile air a luasgadh le oibreachadh oillteil na crith-thalmhainn agus air a mhilleadh le lasair fheargach an dealanaich, agus a’ mhuir ag éiridh ’na mìll agus a’ brùcadh ri aodann nan creag le gàir bhrònach, mar gu’m b’ann a’ bas-bhualadh le osnaich thróm airson an t-sluaigh a ta ’na meadhon. Thig an samhradh agus dùisgidh a’ ghrian beatha agus àilleachd anns gach àit eile, ach air an àite so bithidh am bàs agus lèir-sgrios a’ gur do ghnàth. Ann an aon fhocal, chaidh a sgrios airson aingidheachd, agus thà agus bithidh e ’na dhearbhadh siorruidh air dian-chorruich Iehóbhah an aghaidh luchd mi-bheus. LETH-GHAEL. [TD 203] NAIGHEACHD CIANAIL. Thachair a’ chùis m’a bheil sinn a’ dol a labhairt o chionn ghoirid, agus cha’n e faoin-sgeul a th’ ann. Bha fleasgach òg agus oigh car bhliadhnaichean an gaol air a chéile, agus fa dheireadh dh’ aontaich an càirdean gu’m pòsadh iad—chaidh an là a shocrachadh, agus bha gach uidheamachadh feumail a’ dol air aghaidh. An là mun robh ’chùis ri tachairt, ghearain bean-na-bainnse nach robh i gu math, agus dh’ iarr iad oirre i féin a leige ’na sìneadh. “Leigidh,” ars’ ise, “ach feumaidh e gur āite socair a bhitheas ann, oir tha mi ’mothachadh nach éirich mi tuille sa’ bheatha so.” An ùine bheag dh’ fhàs i ni bu mhiosa, chuir iad fios air léigh, a dh’ aidich ’nuair a chunnaic e i nach robh ach beag fiuthair aige gu’m faigheadh i’ chuid a b’fhearr de’n tinneas. Air an la-màireach thòisich muinntir na bainnse ri cruinneachadh, gun fhios aca mar bhà, agus thainig am ministeir mar an ceudna; ach, mo thruaighe! thionndaidh tigh an t-subhachais gu tigh a’ bhròin. Chaidh a leigeil ris do bhean-na-bainnse an cor cunnartach anns an robh i, ris an d’ éisd i le strìochdadh iomchuidh; fhuair fear-na-bainnse mar an ceudna fios mar bha’ chùis, agus ma fhuair cha bu chùis fharmaid e. Lion tróm-dhubhachas ’inntinn, agus bha e air a chlaoidh le cràdh anabarrach anama. Chaidh fheòraich dhiubh, an làthair na cuideachd uile, am b’ àill leo, fo leithid de dh’fhiosrachadh, gun rachadh am pòsadh. Theagamh nach do chuireadh ceisd riamh, air a leithid do dh-àm, bu deuchainniche na i so; agus an déigh dhoibh rùn cridhe a chéile a thuigsinn, dh’ asluich bean-na-bainnse gu’m feudadh i dol gu bàs mar mhnaoi chaidrich, agus gu’n giùlaineadh fear a cridhe a ceann chum na h-uaighe. Dhùisg an spéis mhòr so d’a chéile cianalas ann an cridhe gach aon a bha làthair—dhlùthaich iad ri taobh leapa bean-na-bainnse, agus dh’ asluicheadh beannachd Dhé le fìor dhùrachd, a’ measg osnaichean bristeach o iomad cridhe a bha ullamh gu sgàineadh leis an t-sealladh mhuladach air an robh iad fianuiseach. Ghlac fear-na-bainnse an lamh sin a chaidh gu fann a shìneadh dha mar fhianuis air a deòin; ghairm an deagh mhinisteir ’nan lànan pòsd’ iad, agus ’nan aon iadsan a bha ann am beagan uairean ri bhi air an eadar-dhealachadh a chaoidh. Dh’ iadh dorchadas a’ bhàis m’a sùilean agus dh’ fhàs a leaba phòsda ’na uiridh a bàis; agus bha ise a bha beagan làithean roimhe so, an ard dhóchas ri mòr shonas o chaidreamh gaolach a fir, ’na sìneadh air an eisinn fuar marbh gun deò, mun dùraigeadh mòran de mhuinntir na bainnse an teaghlach brònach fhàgail. [TD 204] TINNEASAN AN AN GLASCHO. RE ceud mhios an t-samhraidh thromaich fiabhruis agus a’ bhreac nàdurra air feadh a’ bhaile so, air chor agus gu’n robh an Tigh-Eiridinn rìoghail ni bu làine na air na miosaibh eile chaidh seachad de’n bhliadhna. Bho lànachd no falamhachd an tighe feudar deagh bharail a thabhairt air fallaineachd no mi-fhallaineachd a’ bhaile. Ghabhadh a stigh rè a’ mhìos 370 air fad; air 208 dhiubh so bha fiabhrus, air 8 breac nàdurra, agus air càch galaran neo-ghabhabhaltach; bu Ghàidheil seathnar do mhuinntir na bric, agus chaochail triùir do na Gáidheil. Bha tri fichead bàs air feadh an tighe air fad ré a’ mhios, àireamh ni ’s mò na bha againn roimhe. Air mios meadhoin an t-samhraidh ghabhar a stigh 383; air 214 diubh so bha fiabhrus, air 12 breac-uàdurra, agus air càch tinneasan mì-ghabhaltach: do ’n 12 air an robh a’ bhreac, bhàsaich 5, agus bu Ghaidheil deichnar dhiubh. B’e àireamh nam bàs 64. Tha sinn mar so a’ faicinn nach ’eil mios meadhoin an t-samhruidh ni ’s fallaine na ’cheud mhìos. ROB RUADH. CORN A’ MHISGEIR. “Am fear thu bha ’pòit gu tric a ’s tigh-òsd ’S tu cridheil ag òl an dram? Nach iarradh dhuit féin do fhlaitheanas Dé, Ach beirm a bhi ’g éiridh ’d cheann.” ’SE CLEACHDADH PEACACH NA MISG aon do na dubhailcean a’s duaichni, a’s breisleachala, a’s miodalaiche, shodalaiche, bhrosgulaiche, mhealltaiche is urrainn teachd an caramh nàdur a’ chinne-dhaonna; tha e a’ tionndadh bun-os-ceann agus a’tur-atharrachadh fìrinnean shuidhichte na beatha; a’ deanamh amadan do’n duine thuigseach agus lunndaire do ’n duine shaothaireach—a’ tionndadh sonais gu truaighe, sìth gu glagaireachd agus cairdean gu nàimhdean; tha e mealltach mar abhall Ghomorrah, no meas na craoibhe toirmisgte sin o’n d’ thainig cionta agus truaighe do’n t-saoghal; mar chraobh an Upais a’ tilgeil a mach air gach taobh fuar-dhealt mhillteach, a’ puinnseanachadh blàithean na tròcair agus a’ duibhreachadh le clò-chadal marbhantach inntinnean a thràillean truaillidh dìbli. Cha ’n eil luchd-aoraidh Jugurnaut, ge h-òg a tha iad air an treòrachadh gu slighean carach saobh-chràbhaidh ni’s mò no ni’s truaighe air am buaireadh na tha iasdan tha cleachdadh ana-measarrachd na dibhe-làidir, agus a ta am bitheantas le’n deòin a’ cumail fodha gach deagh thogradh, a’ dearmad gach dleasnais, agus ag imeachd le làn [TD 205] fhiosrachadh chum a’ chip-thuislidh mhuladaich so, ann an làn-aois am fearalais, a’ cur an suarachas na h-uile rabhadh agus earail is urrainn an cairdean is dìlse ’s is fearr a thoirt doibh, agus a’ tréigsinn gach uile thoil-inntinn neo-chiontach agus mheasail chum an glùn a lùbadh do dh-ìodhol sgreamhail, cuthaich, neo-aoidheil na misg! d’ am bheil an dàn a réir coltais a bhi ’na chion-fàth do gach tràilleachd inntinn, mi-riaghailt agus cionta. Tha cumhachd na TOITE cunnartach agus eagalach, ach tha ’n t-innleachd so air iomadh dòigh feumail; agus am FUDAR mar an ceudna, ged tha air uairibh na mìltean ’gam marbhadh leis, gabhaidh e air uairibh eile stiùradh chum math a’ Chinne dhaonna; ach tha cumhachd mìllteach na misg thar tomhas osceann iad sin, a’ léir-sgrios nan uile tha teachd ’na charamh, gun aon ni feumail no ciatach is urrainnear ainmeachadh ’na lorg, a’ truailleadh mathair-aobhair gach mothachalachd neo-chiontach agus òirdheirc, a’ milleadh ìomhaigh Dhé ann an gnùis an duine, a’ doilleireachadh gach seórsa fiosrachaidh, eòlais agus tuigse, agus a’ gintinn aineolais, féin-spéis, foirneart agus eu-dòchas, a’ breithealachadh an riasoin, a’ neartachadh gach droch thograidh, a’ fògradh gràidh, agus a’ lagachadh na meadhair—a’ fuadach faicill—a’ salchadh ionracais—a’ fiaradh na tuigse—a’ cìosnachadh saorsa neo-eisimealachd—a’ ceannsachadh neart agus tàbhachd na h-inntinn; a’ milleadh àilleachd—a’ caitheamh spionnaidh—a’ truailleadh tograidh—a salchadh na fola—a’ losgadh taobh a stigh an duine—a’ lagachadh meirbheidh—a’ cur na h-eanchainn troimh a chéile agus a’ truailleadh a’ chridhe; a gintinn meud-bhronn, boile-cuthaich, liunn-dubh agus airtneal, tograidhean mi-nàdurra, mealladh-fradhairc, agus iomadh eucail cuirp; a’ breothadh na h-analach, a prabadh ’s a’ deargachadh nan sùl, a’ togail spad-thinneas pairilis, reamhrachd sgreamhail ghalarach, crith-chinn agus làmh, cuthach no baoghaltachd ghurraiceil ùmpadail; a’ mì-naomhachadh gach ni tha naomha, deagh-bheusach agus luachmhor; a’ cur nan saoibhir fo gheasaibh, a’ milleadh nam bochdan; a mealladh an teallsanaich, a’ ruigheachd o’n altair gus an rìgh-chathair, agus a’ tilgeadh sìos ’s a’ maolachadh àilleachd bhoillsgeanta shoilleir géiread, foghluim agus mòrachd cheudfaithean gu coltas baoghalta, pleòisgeach, maol-aigneach, trom-cheannach faoin-chomhradhach, neo-mothachail an daor-amadain; a’ milleadh gach mothuchaidh, a’ sgrios an anama, mèirleach an sporain agus còmpanach a dh-ìslicheadh meas a’ BHAIGEIR; a tha coirbeadh nan òg, nan sean agus nan treun, a’ doilleireachadh urram agus òirdheirceas inntinn fhlathail chomasach mhic an duine; a’ tàladh nan neo-amharusach, a’ ribeadh nan neo-fhaicilleach, a’ sgaoileadh na cuirm a mhealladh agus a bhuaireadh an dream a ta cridheil, aighearach, sunndach, rìomhach, a ta faoin, diomhain, stràiceil, uallach, gòrach, amaideach, baoth, chum mire agus sùgradh am measg mealltaireachd fleadhachais agus cridhealas na h-òige, a’ cur mu ’n [TD 206] cuairt nan corn le aoibhneas agus ceol-gàire, a’ dùlanachadh gach cùram agus a’ deanamh gairdeachais ri cridhealas mòrchuisach, aithghearr—maighdeann bhuaireadail an léir-sgrios a’ seinn—na mìlseanan a’s taitniche fo ’n cuimse—mi-stumachd, ana-measarrachd agus ana-mianna neo-gheamnuidheachd ’gam buaireadh agus ’gan greasad gu ionad na dóruinn far am bi tinneas, iarguin agus ganntar, mar nathraichean millteach ag iadhadh mu ’n cuairt na h-aitim neo-chùramach bhras a bhios an sin air a dhóruinneachadh agus a’ fulann geur chràdh! Tha a mhaise àillidh a’ seargadh mar phreas a ghearrar sios, tha mòrachd a neart ’ga thréigsinn mar lasair theine, tha e ’grodadh ’s a’ tuiteam sìos ann an staid anabachd. Tha Còrn a’ Mhisgeir a’ fuarachadh fiùghantachd, ag ìsleachadh fiosrachaidh agus foghluim, a’ cur mì-dhreach air gloinead, a’ còmhdachadh fìreantachd agus a’ masluchadh urram agus ard-inbhe an duine; tha e ni’s milltiche na a’ phlàigh, ni’s glutaiche na ’n uile-bheist ioma-cheannach! tha e ’g ìsleachadh, a’ tàmailteachadh, a’ goid a thoinisg ’s a chéill, a chumhachd agus a smachd o’n FHIRIONNACH; ach ma tha anns an t-saoghal so uile creutair is gràineala na duine misgeach, ’s i ’n creutair so am BOIRIONNACH misgeach! Aon uair ’s gu’n strìochd ise do’n chleachdadh uamhasach so cha ’n eil cainnt air thalamh is urrainn an deicheamh cuid de’n truaillidheachd no de ’n truaighe d’am beil i buailteach a chur an céill! Co luath ’s a thachras so tha i ’gabhail a cead do neo-chiontas agus do shìth, agus tha i tàladh a’ mhac-mhallachd chum gach dóruinn is guiniche na chéile chur ’na caramh, tha i a’ call a mothuchaidh air gach deagh-bheus màlda banail a bha roimhe ’ga sgeadachadh mar thrusgan àillidh; cha leatha-se tuillidh sonas maidne no feasgair, tha aoibhneas sòlasach a’ chridhe theas ghràdhaich chairdeil a’ teicheadh fada bhuaipe, agus ’na àite tha teachd g’a h-ionnsuidh iomadh àmhghar agus trioblaid is géire na dh’ fhairich iadsan riabh a bha ’caoidh an càirdean bu dìlse ’s bu ghràdhaiche; a’ fàsgadh na h-àilleachd as a gruaidh; tha e a’ milleadh a’ ghràidh bu chòir a bhi eadar pàrantan agus an cuid cloinne, a’ deanamh màthair mhì-nàdurra, bean mhosach, shalach, neo-sgeinmeil, agus fear-pósda brùideil borb; tha toilinntinn theaghlachail a’ seachnadh na fardoich mhi-shona, a’ teicheadh o chomunn nam misgeirean; tha bròn, truaighe agus ainniseachd a’ sàrachadh na mnatha, aineolas bochduinn, droch eisimpleir agus dearmadachd a’ milleadh nam pàisdean mi-fhortanach, agus do bhach-thoirm fhaoin ghloireach a’ phòiteir tha an ùine ghoirid a’ freagairt mar thaghairm, caoidhearan àmhgharach na BANNTRACH àonaranaich ànraich, agus gearan fann an dìlleachdain thruaigh air fhàgail gun chòmhnadh gun chobhair! Ma’s maighstir esan a chleachdas a’ mhisg fàsaidh e eucorach aingidh mi-cheart; ma’s seirbhiseach e fàsaidh e mi-onorach, beadaidh, tarcuiseach, cealgach; mar charaid bidh e mealltach, foilleil, agus mar bhall de’n mhór-shluagh, neo-fhiachail leibideach; fear-spùinnidh, creachadair agus fein- [TD 207] mhortair; tha daoine matha ’ga mheas mar dhuine tha tur-chaillte d’a theaghlach agus do’n t-saoghal, a ta le ’uile dheòin a’ tréigsinn gach sonas mairionnach agus cliùiteach, a’ fuadach bhuaithe ceartas agus suaimhneas, agus ag aonagail ’s a’ crìonadh air falbh ann an cleachdadh gach dubhailc a thig ’na rathad anns na h-ionadaibh dóruinneach oillteil d’am bheil ’inntinn thruaillte a nis ’ga stiùradh gun oidhirp sam bith air a thaobh-san chum an seachnadh; mar fhear a ta a’ fàilteachadh truaighe agus dìth, anns na h-uile dòigh a’s déisniche ’s a’s sgreamhala, agus is gann is airidh air truaghas a ghabhail deth; tha droch dhaoine ’ga chur air bheag suim agus a’ deanamh tàir air; tha daoine measarra air an oillteachadh roimhe agus a’ smuainteachadh air a’ chaithe-beatha le sgreamh agus déistinn; tha eadhon a chómpanaich thruaillidh iad féin a’ seasamh thairis air le gàire fanoideach! tha ìnntinn an duine thruaigh fo sgàil dorcha, tha gach còmhluadar creideasach toinisgeil air fhàgail, na h-uile gnothuch air a dhearmad agus dìblidheachd agus lùnndaireachd neo-dhuineil air faotainn làn bhuaidh air; cha ’n eil e ’na urrainn gnothuichean a chur air aghart mar dhuin’ eile, tha eagal air romh chuideachda stuama agus gach fearas-chuideachd a tha neo-lochdach agus neo-chiontach; tha ’n cleachdadh mallaichte so a’ mùchadh agus a’ truailleadh gach smuain mu stuamachd no iomchuidheachd agus ’ga threòrachadh chum cleachdadh nam mionn, nam breug agus gach ni tha ’n lorg neo-fhiachalachd. Do ghnàth neo-ghrùnndail, neo-ghniomhach agus stròghail, faoin, neo-thuigseach, neo-fhreasdalach, bidh e air uairibh ana-céillidh gionach agus iargalta, lān do spòrs féin-bheachdail, ach gun fhoighidin a thrusadh stòrais gu riaghailteach athaiseach mar dhaoin’ eile; tha a dhachaidh mi-riaghailteach agus gun tlus; tha e coma ’dé ’s coltas da, mī-thaingeil mi-naomha, mi-sheirceil neo-thruacanta; air a chruadhachadh ann an cionta agus ag aomadh chum uilc mar dhroch-spioradaibh a’ chùl-shleamhnachaidh, no nàmhuid mhìllteach a’ chinne dhaonna; cha’n eil e a’ mealtainn uiread de shochairean na beatha so ’s a tha daoine measarra; agus ged nach biodh a’ bheatha mhairionnach idir ri teachd cha leigeadh ana-measarrachd leis sòlasan neo-chiontach na beatha so féin a shealbhachadh le tlachd. Faodaidh laigsinn agus dubhachas truime-inntinn stad a chur air car tamuill; ach tha a dhòchas air a losgadh suas, tha ’ghaol agus a chàil air seargadh, tha neart agus tàbhachd ’inntinn air crìonadh, tha a dhroch thograidhean o àm gu àm a’ dùsgadh, agus air call an duinealais inntinn a chumadh fodha iad, tha e’g ràdh ’na chridhe “Iarraidh mi fhathast e” agus a’ tionndadh gu dìbli, dìmeasach, sèapach mar am madadh chum a sgeith, no a’ mhuc a chaidh nigheadh chum a h-aoirneagan san làthaich. Tha na h-uile nì dhàsan neo-bhlasda, neo-bhrìgheil, marbhanta, neo-shùnndach mur bi e air a bhrosnuchadh le spionnadh buaireadail deoch làidir a chumas suas a mhisneach car tamuill agus an sin a thilgeas sìos e ni’s doimhne na bha e riamh. ’S ann mar [TD 208] so tha daonnan a’ tachairt do’n gheòcaire ’s do’n mhisgeir, tha an uile dhòchais bhoillsgeach dheàrsach ri sonas an lorg ana-measarrachd a’ sleamhnachadh as an lamhan agus ’gam fàgail ’nan creich chreachte, spùinnte, mhìllte, air am bioradh le aithreachas agus eu-dòchas feargach cuthaich. Gun umhaill m’a chliù féin tha am misgeir borb mi-thlusail r’a theaghlach féin agus trodach searbh-chainnteach r’a choimhearsnach; tha ’chairdean a’ fàs ’nan coigrich agus tha coigrich a’ cur as da gus mu dheireadh am bheil e dol fodha ann an truaighe gun dóchas, ann an léir-sgrios do-leasachadh agus gu BAS roimh mhithich! ’Se so deireadh muladach an tograidh sgriosail so a tha sa’ cheud dol a mach gu bitheanta r’a fhaicinn an co-lorg caoimhneis agus faoilidheachd chairdeil bhlàth-cridheach! gidheadh is tric is ann o’n aobhar so tha peacadh agus laigsinn, baigeireachd agus eu-dòchas ag éiridh, agus a’ gramachadh ri aitim mhi-fhortanach na misg gu deireadh a làithean muladach, agus masladh agus tàir ’ga leanailt chum na h-uaighe agus a’ mairsinn mar leus-mara thoirt rabhaidh mu na creagan cunnartach air na sgoilt iadsan a tha nis gu h-iosal agus gu truaillidh ’nan laidhe san ùir! Gu fortanach do na lìnnean tha fathast ri teachd cha ’n urrain an cleachdadh gràineil so m’an do labhair sinn grabadh sam bith a chur air a’ chràbhadh shoillseachail tha mach air feadh nan dùthchaibh so a’ ciùineachadh a’ càllachadh agus a’ teagasg an t-sluaigh; agus air a chuideachadh le foghlum pailt agus iomchuidh, fiùghantachd agus fiosrachadh, ’s ann tha sinn an dòchas gu’m fògair iad am cleachdadh sgriosail so agus gach peacadh gràineil eile as ar tìr! Ged tha beatha a’ Mhisgeir air a caitheamh ann an diombuil agus mi-ghnàthachadh mi-gheimnidh air sochairean na beatha, tha e a’ faotainn cha’n e amhàin dìmeas agus tàir a choimhearsnach, ach tha e a’ dùsgadh feirg an Uile-chumhachdaich, agus an cunnart an tiugh-dhorchadais a bhitheas gun cheann gun chrìoch!!! Is trioblaideach r’a chluinntinn eachdraidh cumhachd an tograidh mhealltaich so a ta an toiseach a’ teachd air dhòigh cho shìobhalta chiùin ri sruthan lùbach balbh a’ ghlinne, agus gun a’ tarruing ach beag aire ged tha e daonnan a’ dol air aghaidh agus a’ meudachadh, gus mu dheireadh a’ bheil e air fàs ’na bhras-shruth làidir buaireasach, feargach, a sguabadh leis agus a’ sgrios gach ni agus neach a thig ’na rathad! ’S ann amhàin an àm toìseachadh air a’ chleachdadh so a ghabhas e cìosnachadh. Tha déigh air deoch làidir dìreach mar tha déigh air tombaca agus sùgh-cadail; tha na h-uile duine ’gam meas gràineil air a’ cheud deuchainn agus cha ’n ann gun spairn is urrainn iad leanailt orra, ach a lìon cuid ’us cuid tha cumhachd a’ chleachdaidh ’gam fàgail taitneach agus mu dheireadh tha ’n aitim fhaoin, shocharach air a ribeadh air dhòigh is ainmic theid aige air fhuasgladh, Nuair tha e mar so a’ fosgladh air féin tuil-dhorsan na millteachd cha ’n eil e comasach a ràdhainn c’àit an stad e, [TD 209] oir tha togradh na misg cho do-cheannsachaidh ri gorta, do-lùbadh mar am bàs, agus cìocrach neo-iochdmhor mar an uaigh. Tha so a’ leigeil fhaicinn duinn cho cunnartach ’s a tha e bhi meachranachd ri deoch làidir, agus gliocas nam feadhnach tha fuireach tur air falbh uaipe agus a tha do ghnàth fa riaghladh féin-smachd dhuineil, a’ caidreachadh, a’ sireadh agus a’ cur air aghaidh fiosrachadh feumail, a’ gabhail tlachd ann an ionnsuchadh, agus gach leasachadh cliùiteach, agus ann an sonas saoithreachail dìchiollach an coimhearsnach, agus a’ roghnachadh beannachdan slàinte-cuirp, neò-chiontas agus sìth, thar bach-thoirm chonghaireach aimhreiteach na pòit, agus slaodaireachd fhuasgailte neo-mheasarra, ged robh iad air an sgeadachadh leis gach faoin-rìomhadh mealltach a ghabhas càramh m’an tmchioll. Mo thruaighe mo thruaighe! iadsan a ta cho fad’ air am buaireadh ’s gu bheil iad ag òl deoch na dí-chuimhn a bhàthadh nan àmhghar a tharruing an deoch so féin orra! iadsan a ta cho tur air an truailleadh ’s gu bheil iad a ghnàth a’ togairt do na h-ionadaibh dóruinneach ris na chuir sìth agus suaimhneas cùl! far nach ’eil neo-chiontas no dòchas idir a’ teachd! Ach có ’s urrainn ochòin! a ràdhainn air an sonsan a ta fo bhinn-dìtidh an Uile-Chumhachdaich, nuair tha iad a’ mì-bhuileachadh an cumhachdan agus gach cothrom agus fiosrachadh a bhuilich esan orra, a leanailt a’ phuinnsein a tha air a chomharachadh a mach agus air a mhallachadh ’na uidheamachadh, anns a’ bhascaid agus anns an tigh-thaisg, anns an tigh-chòmhnuidh agus air a’ mhagh! Fàgadh gach aon matà leis ’m bu mhiannach e féin a thogail as an duslach, agus a tha ’n déigh air deagh chliù agus saoibhreas, sligheannan sgriosail na pòit! Seachnadh iad DROCH CUIDEACHD, DIOMHANAS, STROGHALAS, MI-MHEASARRACHD agus CLUICHE AIR SON AIRGID. An sin éiridh fìreantachd, neo-chiontas agus cridhealas mu ’n cuairt doibh a sgiamhachadh agus a bheannachadh na talmhainn! Mar a sheachnadh sibh mata gach truaighe shaoghalta agus shiorruidh, foghlumaibh MEASARRACHD O CHORN A’ MHISGEIR. EAD. D. FREAGRADH DO LITIR A’ “GHILLE CHARRAICH.” A Theachdair ùir, ’S iongatach leam gu’n tugadh sibh àite ’nur duilleagan prìseil do ghearan a “Ghille Charraich,” mar a rinn sibh sa’ chóigeamh àireamh, no a dh-anoa chuid gu’n gabhadh sibh ’fhocal-san mar fhìrinn gun dà thaobh na cùise a hluinntinn. ’S fhada o’n chuala sibh, Tha dà thaobh aig bàta ’n aiseig, agus tha dà dhòigh air sgeul aithris. Mun tugadh sibhse binn a mach, agus mun craobh-sgaoileadh sibh an sgeul air feadh na dùthcha, shaoilinn gu’m b’ iomchuidh an nì gu’n éisdeadh sibh na bha aig a’mhaighstir-sgoile ’a ràdh air a shon féin mun cuir- [TD 210] eadh sibh ’aimn a mach r’a chagnadh am beul an t-sluaigh nach iarradh na b’fhearr air àm air bith na ministeir no maighstir-sgoile fhoatainn eadar am fiaclabh. ’S math is aithne dhomh co è ’n “gille carrach mac na banntraich,” an slaod mosach! ’S oil leam nach robh slatag righin challtuinn agamsa thairis air a cheann grannda ’s air m’ fhocal gheibheadh e cìreadh nach dì-chuimhnicheadh e an dà latha so. ’S math tha fios agaibhse, a Theachdaire (a dh’ aona chuid bha fios aig an fhear nach mairionn an seann Teachdaire) nach ’eil daoine san dùthaich a’s miosa giullachd na na maighstirean-sgoile Gaidhealach, daoine ’chaith móran ùine air foghlum fhaotainn—daoine d’an éiginn giùlan stòlda riaghailteach a leantuinn, agus, am bitheantas daoine ionraic, diadhaidh, tha ’ga dheanamh sin; agus aig a’ bheil seòrsa de leth uaisle r’a chumail suas, agus meas ’us deagh aimn san sgìreachd; ach a dh-aindeoin so cha’n eil luchd ceairde san dùthaich is lugha aig am bheil air son an saoithreach; no tha air am fàgail ann am bochduinn co mór riutha. Gheibh an gobhainn luach a shaoithreach mar dh’ oibricheas e—gheibh an greusaiche prìs nam bròg—an tàillear mar a dh’ fhuaigheas e, agus am figheadair dìolar dha saothair a làmh. Gheibh fear an tigh-òsda pàigheadh an uisge-bheatha a h-uile leth-bhodach, oir bu tàmailteach so fhàgail gun dìol; ach am maighstir-sgoile bochd cha nàr ’s cha pheacach esan a spùinneadh ’s a mhealladh. ’S minic a choisich mi o mhoch gu anmoch air feadh na sgìreachd ag iarraidh airgiod-sgoile agus a phill mi san fheasgar gun uiread agus luach peic mhine fhaotainn. Tha na ministeirean agus daoin’-uaisle eile glé thogarach air dìlleachdain agus clann dhaoine bochda chur do’n sgoil agus litir a thoirt doibh do’n mhaighstir; ach shaoilinn gu’m bu fhreagarach an nì dhoibh ràidhe no dha phàigheadh air an son. An cuir iad dìlleachdain le litir a dh’ ionnsuidh a’ ghreusaiche dh’ fhaighinn paidhir bhròg, no dh’ionnsuidh an tàilleir a dh’ fhoatainn paidhir bhrigsean? ’S beag mo chùram; tha fios aca ciod a thigeadh as a leithid sin; ach a h-uile cailleach, a h-uile slaod lùnndach leasg nach dean obair no cosnadh, a h-uile misgeir tha dearmadach m’a theaghlach cha’n eil aca ach ceum a ghabhail gu ministeir no duin’-uasal san dùthaich, agus an gearan a dheanamh, agus grad gheibh iad litir agus sparrar “gillean carrach” air a’ mhaightstir-sgoile mar chuireadh a chailleach air Eóghan, a dheòin no dh-aindeoin; agus ma bheir mi clibheag dhoibh taobh an leth-chinn no ma dh-fhàisgeas mi cluas aona gharraich ’nam measg, no ma bheir mi achmhasan air bith dhoibh, air falbh gabhaidh iad le casaid agus gearan, agus cha leòir sin, ach ’s éiginn litir a chur san Teachdair ùr g’ar smàdadh agus a thogail fanoid na dùthcha ’nar n-aghaidh. Air m’ fhocal nam bithinn-se cho bras ullamh air eachdraidh na h-uile gille carrach san dùthaich a sgrìobhadh ’s a chur a mach d’ur n-ionnsuidh agus a liughad leisgeul lùbach [TD 211] briagach agus diùltadh mosach a gheibh mi eadar dhà cheann na bliadhna o dhaoine nach saoileadh sibh, bheirinn air iomadh aon amharc glé neònach an ath uair a thigeadh an Teachdair ùr do’n dùthaich. An cluinn sibhse mise, Theachdaire, eadaruinn féin, ma ’s iad na tighearnan beaga iad féin, cha ’n ann aon uair no dà uair a theid sinn a dh’ iarraidh ar còir féin orra, agus ’nuair a gheibh sinn e ’s ann le diomb agus gearan, ged tha ar còir air co math ’s a tha ’n còir-san air a’ mhàl. Tha airgiod sgoil’ agam an aghaidh dhaoine san sgìreachd o chionn leth-dusan bliadhna agus cuid diubh an cothrom math, ach gun tighin air airgiod cha toir iad sguab no adag arbhair dhomh airson a’ mhairt, no croidhleag bhuntàta do’n teaghlach. Tha garraich bheaga mhìomhail is aithne dhomh bha iomad ràidhe ann am sgoil gun aon sgillinn a phàigheadh dhomh, ’s cha toir iad uibhir latha dhomh sa’ bhlar-mhòine no ’thogail a’ bhuntàta, agus gad éisg cha d’ thug a h-aon diubh am ionnsuidh riamh; ach ma thuiteas dòmhsa dol latha o’n tigh, no dol a mach air dorus an tighe, cha chluinnear ach gearan a’s casaid, agus chunnaic mi riamh gu’m b’e ’n slaod lùnndach leisg aig am biodh a’ chasaid bu làidire. Mo “bhrigsean corduròi” gu dearbh! ’Dé sin dàsan an trusdar ’dé ’n seorsa bhrigsean tha mi ’caitheamh? Mo “shùilean biorach dubha!” Cha b’ ionann sin ’s a shùilean-sa, an glog-shuileach glòireann ceanann. Agus a nis a Theachdair ùir, slàn leibh air an àm! ach na biodh sìbhse cho teóm air casaid a ghabhail an aghaidh mhaighstirean-sgoile. Nam biodh mo shaoghal ri tòiseachadh a rithist, b’ fhearr leam a bhi ’m cheard na ’m mhaighstir-sgoile Gaelach. Bhiodh an sin agam m’ asail fhad-chluasach athaiseach—leanabh anns gach cliabh—aon eil’ air an t-srathair—an naoidhean aig mo mhnaoi ’ga ghùilan air a h-uchd, agus mi réin a’ coiseachd le n’ phìb bhig Eirionnaich fo m’achlais, am balg-séididh air mo dhruim le m’ chuid òrd ’s gach acfhuinn eile. Sa’ gheamhradh bhiodh gach uamh dhorcha ’na dachaidh dhuinn, agus dh’ fhòghnadh sgàile nan creag san t-samhradh. Slàn leibh a rithist! ’Nuair a gheibh mi ’m beagan mòine chur a stigh bidh sibh an cunnart litir eile fhaotainn o’n. MHAIGHSTIR-SGOILE GHAELACH. MAR CHAIDH CALAIS A GHLACADH. CHUIR an treas Edward, an déigh blār Chressy, séisd ri Calais. Dhaighnich e a champ co laidir ’s nach robh uile chumhachd na Frainge ’nan urrainn thoirt orra géilleadh, no idir aon ni a chur do’n bhaile a dheanadh còmhnadh riutha. Dhìon muinntir a’ bhaile iad féin gu gaisgeil foghainteach. Bha nis còrr agus bliadhn’ o’n a chuairtich Edward, le ’fheachd buadhar, am baile. Bha’n Eòrp’ air fad ann an iomaguin mar chrìoch- [TD 212] naicheadh a’ chùis. Ach fa dheireadh rinn cion lòin an gnothach a luathachadh.—An déigh do mhuinntir a’ bhaile ioma cruaidh-chas anabarrach fhulang, chuir iad romhpa oidheirp a thoirt air camp an nàmhaid.—Chaidh iad gu misneachail a mach; choinnich am feachd Sasunnach iad; agus an déigh dhoibh cath ro shearbh a chur, ghlacadh an Ceann-feachd Frangach, agus chaidh a’ chuid a dh’ fhan beò de’n arm a stigh do’n bhaile. Thuit riaghladh a’ bhaile air St Pierre, duine neo-inbheach do thaobh breith, ach ard do thaobh deagh-bheus: Thairg e géilleadh do Edward, nan ceadaicheadh e dhoibh am beatha agus an saorsainn. Chum nach measte gu’n robh e ro an-iochdmhor, dh’ aontaich e am mòr-shluagh a chaomhnadh, nan d’thugadh iad suas dhàsan sèathnar de na daoine b’urramaiche bh’ aca le cùird m’am muineil chum dìoladh a thoirt airson mar bhrosnaich iad an cumanda gu ar-amach ’na aghaidh. ’Nuair a dh’ innis a theachdaire, Sir Walter Mauny, dhoibh na cùmhnantan air am faigheadh iad as, ghlac oillt agus mòr-uamhunn gach aon diu. An déigh tosd fada gu h-acaineach tróm, thuirt St Pierre, air dha dol suas air ionad àrd, ris a’ mhòr-chuideachd:—“Mo chàirdean, tha sinn an diugh air tuiteam ann an airc ro mhòr. Feumaidh sinn strìochdadh do thoil ar nàmhaid, no ar clann bheag, ar mnathan, agus ar nigheanan a thoirt thairis do ana-miann chìocrasach an airm. A’ bheil aon dòigh air so a bhacadh, leis am feud sinn iadsan a bh’ air cho’-dìol ruinn féin a shaoradh, no an leig sinn leo am bail’ a ghlacadh, agus léir-sgrios agus fàsachadh a tharruing air? Thà, mo chàirdean, aon seòl againn air sin a sheachnadh, dòigh àghmhor, urramach, agus chliùiteach! A’ bheil aon fhear ’n ar measg leis an ionmhuinne cliù na a bheatha? Ma thà, thugadh e suas e féin mar ìobairt arson tearuinteachd a shluaigh! Measar taitneach e leis a’ Chumhachd sin a thug thairis ’aona mhac chum an cinne daonn’ a thèarnadh!” Labhair esan,—ach cha dubhairt duine focal. Dh’ amhairc gach fear m’a thimchioll dh’ fheuch an robh de mhisnich agus de dh-fhiachalachd aig a h-aon diu na thairgeadh e féin. Mu dheireadh thuirt St Pierre: Is cinnteach mi gu bheil iomad fear ann an so, a tha ni’s dealasaiche gu e féin ìobradh, na mise, ged a tha ’n inbhe chum a’ bheil mi air m’ àrduchadh, le ciomachas ar Ceannaird, a’ toirt còir dhomh air mo bheatha féin a thoirt suas an toiseach chum sibhs’ a shaoradh. Tha mi ’ga dheanamh gu làn toileach. Có thig a rithist?” “Do mhac,” ghlaodh òganach nach robh fathast ’na làn fhàs.—“Och, mo leanabh!” a deir St Pierre; “théid mise ’n sin ìobradh dà uair—ach cha’n e sin a thachair, ’s ann a ghin mi thu an dara h-uair.—Cha ’n ’eil do bhliadhnaidh ach tearc, a mhic, ach tha iad iomlan. Tha ’n neach a dh’ fhuilingeas airson na còrach air ruigheachd a’ mhaith a’s àirde sa’ bheatha so. Có thig a rìs, mo chàirde? ’Se so àm nan laoch:” Do charaid, a deir fear. T’ fhear-cinnidh, a deir fear eile. Agus mise, deir fear eile.—“Mo chreach!” dh’ éigh Sir Walter [TD 213] Mauny, C’arson nach ann de mhuinntir Chalais a bha mi?” Bha ’n seathamh fear fhathast a dhì orra, ach cha b’ fhada thachair sin, oir bha nis cruaidh strìgh am measg an t-sluaigh có am fear a ghabhte. Chaidh an sin iuchraichean a’ bhaile a liuthairt do Shir Walter. Ghabh e na sè prìosanaich fo’ chùram;—agus thug e àithne na geataichean fhosgladh, a’ toirt earail dhoibhsan a bha leis muinntir a’ bhaile fhaicinn saor slàn le ’n teaghluichibh tre champa nan Sasunnach.—Ach mun d’fhalbh iad, dh’ asluich iad comas an cead deireannach a ghabhail de’n mhuinntir a shaor iad. ’Sann an sin a bha ’n dealachadh brònach! Dhùmhlaich iad eadar shean agus òg mu thimchioll St Pierre, agus a chòmpanach. Phòg agus chnìodaich siad iad leis an deòthas bu chaomhaile agus bu dealasaiche; thuit iad le ùmhlachd ’nan làthair. Chualas an osnaich, agus an tuireadh ann an camp nan Sasunnach. Thuig iad mu’n àm so ciod a thachair ann an Calais. Chual’ iad caoidh chràiteach, agus bha truas mòr aca dhiu: Chuir gach fear de’n arm seachad càileiginn d’a bhiadh féin chum a thoirt do mhuinntir a’ bhaile, a bha dlù air a’ bhàs le gorta; agus luchdaich iad iad le uiread ’sa b’ urrainn doibh a ghiùlan, chum lòn a bhi ac’ air an t-slighe. Mu dheireadh thàinig St Pierre agus a cho’-luchd fulaing, fo chùram Shir Walter agus an fhreiceadain. Cha robh duine sa’ champ nach do thaom a mach ’gam faicinn. Thug iad ùmhlachd dhoibh air gach laimh. Mhol iad an cruadal sin d’am b’éiginn doibh urram a thoirt, a choisinn an nàimhdean; agus mheas iad na cùird sin, a ghabh iad le ’n deòin m’am muineal, nan suaicheantais a b’ urramaiche na aon ni a dh’ fheudadh righ Shasunn a bhuileachadh orra. ’Nuair a thainig iad ’am fianuis an righ, thuirt e “An iad sin no daoin’ a b’ urramaichc bha ann an Calais? “Is iad,” a deir Mauny, “ni h-e amhàin ann an Calais, ach is iad na daoin’ is inbhiche anns an Fhraing, ma bhios cruadal agus duinealas air am meas mar ghniomh euchdach.” “An d’thugadh seachad iad gun ainneart?” a’ deir an righ, “an robh othail no buaireas a’ measg an t-sluaigh?” “Cha robh a bheag, le cead ur mòrachd; b’fhearr leis an t-sluagh gu h-iomlan dol gu bàs a roghainn air an fhear bu shuaraiche dhiu sin a liuthairt do d’mhòrachd. Thug iad uile iad féin suas le’n saor thoil, chum an cinn luachmhor ìobradh a chosnadh saorsuinn a’ mhòrain.” Ghabh an Righ doimheadas ris a’ chainnt so ach chuimhnich e air a’ chomas-labhairt a th’ aig na Breatunnaich: agus chum e air féin. Thuirt e, “Tha fiosrachadh gach linn a’dearbhadh nach ’eil meachainn agus bàighealchd ach a’ furan dhaoine gu tuille ciont’ a chur an gniomh. Tha teanndachd smachdail air uairibh feumail chum peanas adheanamh air na ciontaich, chum gu’n strìochd a’ chuid eile. Falbh,” thuirt e ri oifigeach, “thoir leat na daoine sin chum an cur gu bàs. Tha ur ceannairc,” a deir e ris na prìosunaich; “tha ur n-ar-amach ’am aghaidh-h-se, ur righ dligheach, air antromachadh gu mòr le’r ladurnas agus le’r cion meas air mo chumhachd.” “Cha ’n ’eil [TD 214] sinn ag iarraidh a bheag air do Mhòrachd,” a deir St Pierre, “ach ni nach comasach dhuit a dhiùltadh.” “Ciod e sin?” a deir an righ. “Am meas a tha dligheach dhuinn,” arsa St Pierre, agus e ’falbh a mach le ’chómpanaich. Air a’ cheart àm so chualas iolach bhuadach anns a’ champ. Bha ’Bhanrighinn air ùr thighin le feachd lìonmhor chum an còmhnadh. Ghrad dh’ fhalbh Sir Walter ’na comhdhail, agus dh’ innis e gu luath dhi mar thachair. Co luath ’s a chuir an Righ agus a’ chuirt fàilt oirre, dh’ iarr i guth uaigneach de’n righ. “Mo Thriath,” a deir i, “cha’n ann a tha chùis mu bheil mi dol a labhairt mu thimchioll beatha àireamh bheag de luchd-ceairde. Is ann a bhuineas e do dh-urram rìoghachd Shasunn:—Buinidh e do chliù m’ Edwaird, m’ fhir-phòsda, agus mo righ. Air leat gu’n do dhìt thu sèathnar de d’ naimdean gu bàs—Cha do dhìt; ach dhìt siad iad féin; agus b’e an cur gu bàs am breith fèin, agus cha b’e òrdugh Righ Shasunn. “Rinn iad iad féin a ghiùlan gu ciatach, bha’n gnàthachadh urramach: cha’n fheud mi gun bhi measail umpa am feadh a tha farmad agam riutha, a chionn nach d’ fhàg iad againn aon earrann de’n chlìù sa’ ghniomh so, ach a mhâin gu’n d’thug sinn maitheanas beag suarach dhoibh. Tha mi ’g aideachadh gu’n do thoill iad gach olc o d’ làimh. Dhearbh iad gu’m b’ iad féin na naimdean bu chumhachdaiche agus bu do-chìosmaicht a bh’ agad. Is iadsan a-mhàin a chuir an aghaidh do bhuaidh chaithreimich, agus a chum uait an crùn sin a bha’n dlighe dhuit a t’ òige. Uime sin am bu chòir dhuit duais a thoirt dhoibh? gu’n géilleadh tu d’ an iarrtuis, gu’n riaraicheadh tu an cìocrais, agus gu’n crùnadh a leithid sin de bhàs cliù an samhuil-san àrdachadh os ceann nam flath bu tréine, nach mòr an tàmailt a bheireadh e do ainm Edward, leis gach buaidh a fhuair e? Nach abradh daoine nach ’eil meas aig Righ Bhreatunn air ard-fhiùghantachd agus air cruadal? agus gur iad na ceart daoine tha e ’g òrduchadh gu bàs chiontach, na h-aon daoine tha toilltinn meas agus miagh a’ chinne-dhaonna. Bhiodh an t-àite air am fuilingeadh iadsan ’na ionad urramach dhoibhsan, ach na ionad tàmailte agus mi-chliu do Edward; ’na sgainnil d’a bhuaidhibh, agus ’na mhasladh air ’ainm. Cha dean sinn an toileacha sin riutha air chor air bith; ach gu ma fearr leinn am mealladh ’nan dòchas, o’n bu deòin leo iad féin àrdachadh air ar cosd-ne. Cha’n urrainn duinn cliù a leithid do ìobairt a chumail uapa, ach feudaidh sinn gun an làn toil a leigeil leo; ann an ionad a’ bhais sin a shocraicheadh an cliù-san, gu ma fearr leinn an luchdachadh le sochairibh: cuireamaid gu h-amhluadh iad le gnà mholadh. Cumaidh sinn uapa an cliù sin o’n t-saoghal, a thig do ghná orrasan a dh’ fhuilingeas airson deagh-bheus.” “Tha mi a’ lan-chreidsinn na thubhairt thu—Biodh e mar is àill leat.” ars’ an righ; “cuir stad air iad a dh’ fhulang; faigh gu grad iad ’nar fianuis.” Thàinig iad; am feadh a bha [TD 215] ’bhàn-righinn le gnùis agus le cainnt thlà a’ nochdadh màldachd agus caoimhneas dlù-thàirngeach, agus labhair i mar so riutha. “A mhuinntir na Frainge, agus a luchd-àiteachaidh Chalais, chuir sibh sinn gu mòran cosdais agus calldaich ann an ni agus ann an daoine ann am faighinn ath-chòir air an oighreachd bu dligheach dhuinn; ach rinn sibhse, a réir ur barail mhearachdaich, mar a b’ fhearr a dh’ fheud sibh; agus cha’n fheud sinn gun mheas a bhi againn air a’ chruadal agus air a’ ghaisge sin leis an do chumadh co fada o’r cuid féin sinn. A shaor dhaoine urramach, a dheagh luchd aona bhaile! ged a bha sibh ’nur n-eascairdean d’ar pearsa agus d’ar crùn, is èiginn duinn a bhi measail umaibh. Chaidh ur làn-dearbhadh. Tha sinn a’toirt dìbh ur cuibhrichean; tha sinn ’g ur toirt o ghrad bhàs; agus a’ toirt taing dhuibh a chionn a theasgasg dhuinn, nach ann a tha ro-oirdheirceas a’ teachd o fhuil, o ainm, no o inbh; ach gu bheil subhailc a’ sgaoileadh urram os ceann na tha aig rìghrean; agus gubhaeil iadsan air an do bhuilich an t-Uile chumhachdach barailean mar tha agaibhse, gu cothromach air am meas os ceann gach urram saoghalta. Tha sibh a nis saor gu falbh romhaibh chum ur càirdean, ur luchd dùthcha, agus a dh’ ionnsuidh gach neach d’an d’fhuair sibh am beatha agus an saorsuinn, air chumha ’s nach diùlt sibh comharan air ar meas. Ach ’s mòr a b’ fhearr leinn ur càramh ruinn féin leis gach ni bu luachmhoire; agus chum so a dheanamh tha sinn a’ tairgseadh dhuibh rogha gach urraim agus inbh a th’ aig Edward r’ a bhuileachadh. Tha sinn ’an tòir air cliù, ach do ghnà càirdeil do dheagh-bheus, bu chaomh leinn gu’m feudadh Sasunn urn-àireamh a measg a cloinne.” “O! mo thruaighe mo dhùthaich!” ghlaodh St Pierre, “s’ann a nis a tha fàth eagail orm air do shon. Tha Edward a’ cìosnachadh bhailtean, ach tha Philippa a’ toirt buaidh air cridheachan.” “A dhuin’ fhoghaintich,” a deir a Bhan-righinn “C’arson a tha thu ’g amharc co dubhach?” “Le cead ur mòrachd,” thuirt esan, “nuair a gheibh mi a leithid eile de chothrom air dol gu bàs urramach cha bhi duilichinn orm nach d’ fhuiling mi ’n diugh e.” LEABHRAICHEAN GAILIG. CHA’N eil móran diu so a’ teachd a mach air an àm. Chaidh àireamh de SHEARMOINEAN MHR RALPH ERSKINE air an eadar-theangachadh le Mr Aonghas Dòmhnullach ann an Urchadainn, a chur a mach o chionn ghoirid. Tha iomadh duine foghlumte agus cràbhach a’ meas gu’n d’rinn na searmoinean so anns a’ Bheurla móran feum do dh-ioma mìle Criosduidh; agus ged tha sinn ag aideachadh nach d’ fhuair sinn fhathast cothrom air an leughadh, tha sinn an dòchas nach caill iad a bheag d’an dreach no d’an éifeachd ann an cànain dhrùighteach nam beann. Tha’n clò-bhualadh math agus a’ phrìs cuimseach, 5 tasdain. Tha liughad foighneachd ’ga dheanamh mu “ADHAMH agus EUBH.” Mhictalla ’s nach feud sinn gun iomradh aithghearr thoirt air, agus is math leinn e bhi ’nar comas ìnnseadh d’ar luchd-dùthcha gu bheil e ’g obair air a latha ’s a dh-oidhche; ach thatar ’ga phianadh le forghais. ’Sioma fear nach ’eìl cho seòlta ri Mactalla nach abradh diogm’a dhéibhinn gus am biodh a’ chuid bu mho dhe criochnaichte; agus cha b’ioghnadh leinn ged a b’e sin doigh a ghabhas esan an ath leabhar a chuireas e mach. Cha ’n urrainn an leabhar so bhi mach ni’s luaithe na toiseach a’ gheamhraidh air a’chuid is lugha. [TD 216] Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil iad a’ faotainn mòran sgadain san iar-thuath, agus is mór am beannachadh do dh-ioma teaghlach bochd gur h-ann mar sin a tha. Tha sinn an dòchas fa stiùradh an Fhreasdail gu’m fuadaich so an ganntar a dh-fheuch cho goirt riutha. AMERICA. Tha sinn ’ga mheas ’na aobhar-thaingealachd do dh-ioma duine foghainteach agus íoma teaghlach deanadach deagh-bheusach a tha ’gan sàrachadh san dùthaich-sa, gu bheil e nis ’nan comas dol thairis do dh-America gun chostas sam bith airson bìdh no faraidh. Tha cuideachd air éiridh suas o chionn ghoirid a tha air ceannach farsuingeachd mhor fhearainn ann an New Brunswick agus Nova Scotia; agus chum an fearann so áiteachadh tha iad a’ tairgsinn daoine bochda nach urrainn pàigheadh air a shon a thoirt a mach agus an socrachadh ann am fearann aig mál sgillinn Shasunnach an acair sa’ bhliadhna agus e ’nan comas an gabhalaichean a cheannach an taobh a stigh do dheich bliadhna. Gu ma fada robh e bhuainne comhairle thoirt air duine sam bith a tha sona san duthaich-sa, a fàgail airson dùthaich sam bith eile air uachdar an domhain; ach tha móran eadar sin agus duine bhi ’ga shàrachadh ’s a’ bristeadh a chridhe o thoiseach gu deireadh no bliadhna. Tha cuid a dhaoine nach fàgadh an dùthaich so ged a bhiodh iad féin ’s an teaghlaichean a’ dol bàs mu na gàracha càil. Riuthasan cha’n eil feum a bhi ’bruidhinn, ach tha sinn cinnteach gur h-ioma teaghlach fiachaíl a ghabhas an tairgse fhàbharach so a tha iad a’ faotainn. Paighidh a’ cheud bhàrr prìs anfhearainn agus na h-uile costas eile tha ’na dhéigh ged a cheannchadh iad e; agus tha dearbh-fhios againn gu bheìl so fior. MARGAIDHNEAN. Mairtfheoil o 3 gu 7 sgillean am punnd. Muiltfheoil o 5 gu 7 sgillean am punnd. Laoighfheoil o 5 gu 8 sgillean am punnd. Feoil Uan o 4 gu 6 sgillean am punnd. Min-choirce o 20 sgillean, gu 2 sgillinn Shasunnach a’ chlach. Buntàta ùr o 6 sgillean a’ chlach. Im ùr o sgillinn Shasunnach am pùnnd. Sgadan ùr o 2½ sgillean am pùnnd. Builionn nan 4 punnd 7 sgillean agus 6 sgillean. Uighean 8 sgillean. D’AR CAIRDEAN. ’S ann le INNEAL-TOITE chaidh an àireamh so de’n Teachdair a chlò-bhualadh; agus tha sinn am barail gur e so a’ cheud Ghàilig a chaidh riamh a chur a mach leis. Fhuair sinn litir á Clachnaharie a chuir beagan iongatais oirnn. Bha marbh-rann air bàs mnatha ’an cois na litreach, agus anns a’ mharbhrann bha 36 rannan. Bha’n litir gu fior shnasmhor air a sgrìobhadh, ach a’ bagradh mur cuireamaid a’ mharbhrann san Teachdaire gu’n sguireadh esan d’a leughadh! Nise ’s fada ghabh a bhuainne an tuille duilichinn a chur air duine bha ’caoidh bàs a chéile, có air bith e, ach cha’n fhuilig sinn a leithid so do smachdachadh mi-mhodhail; agus ’se ’bheatha sgur do’n Teachdaire, agus theid a mharbhrann a chur gu cùramach g’a ionnsuidh. Cluinnidh ar caraid ann an Gleann-Nibheis uainn san ath àireamh. Is duilich leinn nach d’ thainig a litir beagan ni bu tràithe. Fhuair sinn litir, “Fhilidh O’Seanachaidh.” Tha cuid de’n ranndachd nach dean feum, agus b’fhearr leinn gu’n tugadh e sgrib bheag mhìneachaidh air; ach cluinnidh e uainn gun mhóran dàil. Freagraidh sinn cairdean “Uilleam Thómais” san ath àireamh. Anns an ath Theachdaire bheir sinn seachad cuibhrionn do dh-eachdraidh EILEANAN NA MARA MU DHEAS, agus mar chaidh an luchd-àiteachaidh a bha roimhe sin ann an tur-dhorchadas iompachadh chum a’ chreidimh Chriosdail; agus theid so a leanailt o àireamh gu àireamh. GLASGOW: PRINTED BY GEORGE BROOKMAN. [Sanas] BÙTH ÙR ADAICHEAN, 57, SRÀID CHATHCART, GRIANAIG, Bùth-meadhoin aitreabh ùr Mhr. Camshron. THA MACPHARLAIN ’S A CHUIDEACHD Gu taingeil a’ tairgseadh buidheachais airson nan iomad fàbhar agus aobhar-misnich a fhuair iad o’n a thòisich iad ri gnothuichean. Bidh e do ghnàth ’na dhùrachd sònruichte leó an caoimhneas so a thoilltinn le leanailt air ADAICHEAN a DHEANAMH ANN AN GRIANAIG, a bhitheas air a’ chuid a’s lugha co math ri Adaichean Lunnuinn, no àite sam bith eile tha comharaicht’ airson Adaichean, ann an eireachdas, ann am buanas, agus ann an eutromachd. Tha iad air socruchadh dòigh air am faigh iad na cùnntais a’s tràithe mu na fasain ann am prìomh-bhaile na rìoghachd, agus ann an àiteachan fasanta eile. Tha iad a’ toirt cuireadh tighin tràthail a dh-fhaicinn an cuid bathair aig an àm so, anns am bheil co-chruinneachadh taghta anns na FASAIN A’S UIRE—ioma seòrsa gu sònruicht’ air an deanamh airson dhùthchannan blàtha, agus cuibhrionn mhór eile d’an ADAICHEAN barraichte FRANGACH iar ùr thighin o’n tigh-oibreachaidh. Orduighean airson Adaichean de chumadh, meudachd, cudthrom, no dath sònruichte sam bith, gu grad air an coimhlionadh. Comh-chruinneachadh de sgàileagain shìoda, chotain, agus iomad seòrs’ eile—Roghainn lìonmhor de cheapan-turuis—Aireamh bheag ioma-dhathach de Bhèabhair chaileagan—Boineidean Ghlinne-garaidh, a.m.s.s. GRIANAIG, Mios a’Mhàigh, 1836. “Tha Mr. M‘Ph. ’s a chuideachd iar gabhail móran saoithreach chum iomad leasachadh neo-theagmhach a threòrachadh ann an deanamh an cuid bathair.”—Litir-rabhaidh Ghrianaig. “’Se miann Mhr. Mh‘P. ’s a chuideachd a thairgseadh do’n mhór-shluagh toradh an rannsachaidh shaoithreachail a chuir iad air chois, agus a chuir ’nan comas iomad leasachadh luachmhor a dheanamh ann an dòigh-oibreachaidh an cuid adaichean.”—Litir-fhiosrachaidh Ghrianaig. Clò-bhuailte le Hedderwick ’s a Mhac. [TD 217] AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH. CEUD MHIOS AN FHOGHARAIDH. IX. AIREAMH. AN CREIDIMH PÀPANACH. A Theachdair ùir, THA e ’na chulaidh-iongatais agus ’na aobhar-duilichinn le ioma neach a tha ’leughadh an Teachdaire Ghàidhealaich, nach ’eil na daoine measail tha ’ga uidheamachadh a’ toirt duinn soilleireachadh o àm gu h-àm mu theagasgabh agus mu mhearachdabh eaglais na Ròimhe. Tha mi ’smuainteachadh nach Pàpanaich a tha ’ga chur a mach; ach da rìreadh ged bu Phàpanaich sibh air fad cha b’urra dhuibh a bhi na bu shàmhaiche agus na bu mhodhala mu amaideachd agus mu mhearachdan na h-eaglais sin na thà sibh. Tha na Pàpanaich a nis a’ togail an cinn air feadh na dùthcha; tha an Sagartan agus an Easpuigean eudmhor, ìnnleachdach, siùbhlach, saothaireach. Tha Protestanaich, no luchd-aidmheil a’ chreidimh Ath-leasaichte, air call, ann an tomhas mór, na h-oillt agus an eagail a bha aig na daoine matha o’n d’thàinig iad roimh chealgaireachd agus mhearachdaibh na h-eaglais mheallta so. Tha Protestanaich a’ smuainteachadh gu’n d’thainig atharachadh mór air a’ chreidimh Phàpanach—gu’n do chaill e a spiorad fuilteach, geur-leanmhuinneach a chomharaich e anns na linntibh a chaidh seachad—gu bheil e nis ’na chreidimh ciùin, bàigheil, neo-chiontach—gu’n do chinn an Sionnach ’na uan, agus nach bu chall mór ged robh barrachd cumhachd aig Pàpanaich na tha aca;—ged tha Protestanaich a’ faicinn Eirinn air a saltairt fo chasan nam Pàpanach, ged tha iad a’ cluinntinn nan eaglaisean ùra Pàpanach a’ togail an cinn anns gach cearn an Sasunn agus ioma cearn a dh-Albainn, ged tha ard luchd-riaghlaidh na rìoghachd a’ taisbeanadh bàigh agus anabharra cairdeis riutha agus a’ toirt misneachd dhoibh anns gach ni, cha ’n eil so a’ dùsgadh iomaguin no cùram ann an cridheachan mhóran. Tha Protestanaich mar gu’m biodh iad air an dalladh, mar gu’m biodh comas aig eaglais na Ròimhe sgleò chur air an sùilean, no deoch-chadail a thoirt doibh leis am bheil iad air an tàladh gu suain, agus air am fàgail suarach mu na sochairibh spioradail sin a choisinn an sinnsear gu daor le fuil chraobhach an cridheachan. Do réir na h-uile coltais bidh Eirinn ann an ùine gun bhi fada aig na Pàpanaich. Nach e Daniel O’ Chonuill rìgh na h-Eirionn? seadh nach [TD 218] h-è prìomh fhear-riaghlaidh ard-chomhairle ar dùthcha? agus nach ’eil e a’ bagradh le ’earball dosrach gaoisideach, an creidimh Protestanach le a luchd-teagaisg, le ’eaglaisibh agus le ’bhìobuill a sgiùrsadh a mach á h-Eirinn? Na deanadh duine sam bith gàire fanoid uime so. Cha d’ fhuair an eaglais sin riamh oirleach nach d’iarr i slat; agus cha’n eil nì eile riaraicheas i ach làn uachdaranachd thairis air an eaglais Phrotestanaich. Bha Eirinn aon uair aice, agus cha’n eil strìgh no saothair no ìnnleachd is urra’ dhi ’chleachdadh nach feuch i chum Eirinn a rithist a chur foidhpe; agus ma shoirbhicheas i sa’ chùis so an sin bheir i oidheirp air Sasunn. Tha Protestanaich ’nan suain, ach cha’n eil na Pàpanaich. Feuchaidh mise ma tà o àm gu àm cuid de nithe chur g’ar n-ionnsuidh mu thimchioll eachdraidh a’ chreidimh Phàpanaich, a’ gealltainn nach cuir mo pheann air pàipeir aon fhocal ach smior na fìrinn. Is mise bhur caraid dìleas. IAIN A’ CHNUIC. Mios-meadhoin an t-samhraidh, 1836. MU CHUIRT DHIOMHAIR, NO CUIRT-PHEANAIS NAM PÀPANACH. ’SE barail gach uile Chriosduidh nach ’eil ann ach an aon eaglais fhìor—“aon Tighearna—aona chreidimh—aona bhaisteadh,” mar a tha ’n t-abstol ag ràdhain; agus bu chòir gu’m b’e sìor dhùrachd gach neach gu’m bitheadh e ’na bhall de’n eaglais so; oir mur ’eil e mar so, mur ’eil e ’na bhall de’n fhìor eaglais—de chorp Chriosd, cha ’n eil e comasach dha slàinte shiorruidh a shealbhachadh. Ach bu chòir dhuinn a bhi ro fhaicilleach ann am breith a thoirt mu staid aon d’ar co’chreutairean a thaobh an ni so. Is ann aig an Dia uile-léirsinneach amhàin a tha dearbh fhios air có iad a shluagh. Deanamaid ar gairm agus ar taghadh féin cinnteach ma ’s urrainn sinn so a dheanamh, ach ma chì sinn aon d’ar bràthairean de’n chinne dhaonna a tha cosmhuil ri bhi ’na choigreach do Chriosd, ’an àite fuath thoirt da no peanas a dheanamh air, ’s e ar dleasnas gu cinnteach gach meadhon a ghnàthachadh d’a thaobh a bhios chum eòlas na fìrinn a thoirt da. A nis so ni anns an do nochd daoine gu bitheanta móran dànadais—anns an do chiontaich iad gu mór. Is minig a tha ’n duine aineolach agus dall mar a ta e ’gabhail d’a ionnsuidh féin uile-léirsinneachd an Tighearna, agus a’ toirt barail air staid cridhe a cho’ chreutair—is minic a tha e a’ suidhe ann an cathair-bhreitheanais an Tighearna agus a’ deanamh dìoghaltais orra-san a tha, mar a ta esan a’ meas, a’ tighin gearr ’nan dleasnas do Dhia—di-chuimhneach air a’ cheist, Co thusa tha toirt breith air seirbhiseach neach eile? d’a mhaighstir féin tuiteadh no seasadh e. Tha iomad dearbhadh againn ann an eachdraidh an t-saoghail air an olc agus air an truaighe a [TD 219] ta ’g éiridh o leithid so de ghnàthachadh—o aon duine bhi dol eadar duin’ eile agus a Dhia—ach ’s ann an eachdraidh eaglais na Ròimhe tha na dearbhaidhnean a’s soilleire agus a’s eagalaiche againn mu’n chùis. Tha am Pàp agus a’ Chléir a’ cumail amach gu bheil gach neach aig am bheil mùghadh barail na tha aca féin mu theagasgan a Bhiobuill, gu buileach air a dhruideadh a mach o shochairean na slàinte—gu bheil e ’na nàmhuid do Dhia—’na aobhar-fuath agus gràin do gach aon aig am bheil eud airson a ghlòire-san—agus gur seirbhis thaitneach do Dhia a leithid so de neach a pheanasachadh air gach dòigh agus a ghearradh as bhàrr aghaidh na talmhainn. Is minic a chaidh fuil nan naomh, fuil na muinntir sin a bha air an teagasg leis an Spiorad agus a bha ’gleidheadh àitheantan an t-Slànuigheir, a dhórtadh tre na baraile an-dana mhearachdach so; ach ’s ann mu’n bhliadna 1229 (o chionn 600 bliadhna,) a thaom am Pàp a mach doimhneachd a nàimhdeis an aghaidh nan naomh, agus a chleachd e gach ìnnleachd gus an glan sguabadh as. Mu’n àm so chuireadh air chois ann an Toulouse san Fhraing, Cùirt ris an abrar gu dligheach anns an Fhoclair a chuireadh a mach le Comunn Gaelach na h-Alba “Cùirt-pheanais dhiabhluidh nam Pàpanach.” B’e b’ obair do’n chùirt so rannsachadh a dheanamh an déigh eiriceach no luchd saobh-chreidimh, ’se sin muinntir nach tugadh anns gach uile phuinc an ùmhlachd bu dìblidh ’s bu tràilleala do dh-eaglais na Ròimhe—muinntir aig am biodh de dhànadas focal Dé a leughadh air an son féìn, no barail sam bith a ghabhail mu nithibh spioradail ach mar a bha e air orduchadh dhoibh leis a’ Phàp. Bha lān chumhachd air a thoirt do’n chùirt so thar an dà chuid maoin agus beatha gach neach air an togradh iad làmh a dheanamh, agus rinn iad buil eagallach de’n chumhachd so. De na thugadh riamh air am beulaobh is ro ainmic iad a thill a dh’innseadh sgeòil—oir bha ’n gnàthachadh tuille ’s ogluidh gu bhi air a sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Bha iad féin cho fiosrach uime so ’s gu’n robh iad ro chùramach mu gach nì a bhuineadh dhoibh a ghleidheil uaigneach. ’S ann an dorchadas na h-oidhche am bitheantas a bha an seirbhisich a’dol feadh na dùthcha agus a’ glacadh am priosanach, agus a bhàrr air so bha iad uile air an còmhduchadh thairis le brat-sgàile tiugh air dhòigh ’s nach b’urrainnear an aithneachadh—uaithe so theirte Cùirt dhìomhair rithe. ’S daoine ris an abairte Waldenses (o Pheadar Waldo, duine bha urramaichte am measg an luchd-teagaisg,) a bha chòmhnuidh ann an taobh an ear-dheas de’n Fhraing, na ceud daoine a dh’fhuiling fo’n cumhachd. Cha ’n eil eachdraidh ro shoilleir againn mu na daoine so, ach ’se barail an luchd eachdraidh a’s fiosraiche gu’n do ghléidh iad an creidimh fallain neo-thruaillte eadhon o linn nan abstol; agus tha fios cinnteach againn gu’n robh eòlas ceart aca air na teagasgan a’s cudthromaiche, aig a ’ chuid a’s lugha co fad’ air ais ris a’ bhliadhna 900. Fhuair iad cead mairsinn ann an sìth am measg [TD 220] sàmhchair agus uaigneas am beann agus an gleanntan bòidheach féin. Ach mu dheireadh chual’ am Pàp gu’n robh iad a’ fàs ann an lionmhorachd agus a’ sgaoileadh am barailean air feadh an coimhearsnachd. Chuir e a mach gun dàil oifigeach na cùirt mhalluichte a dh’ ainmich mi, le làn ùghdaras an toirt cosmhuil ri gach sluagh eile fo làn chìs dhàsan, air neo an gearradh as mar dhream neo-airidh air beatha! Chaidh iad so a mach an ainm Chriosd.! Fhuair iad daoine bha toirt mór onoir agus ùmhlachd dha, a bha ’ga mheas-san mar an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine mar aona cheann agus rìgh na h-eaglais; gidheadh a chionn gu’n robh na Waldenses a’ deanamh mar so, chaidh a’ gheur-leanmhuinn bu chruaidhe a dheanamh orra. Bha cuid diubh is duilich leam a ràdhainn, a ghéill do chumhachd na Ròimhe agus a ghabh ri uile mhearachdaibh na Pàpanachd; ach bha mòran diu a sheas daingeann anns a’ chreidimh a réir àithn’ an t-Slànuigheir, “Bi thusa fìrinneach gus am bàs,” agus a’ sealltainn ris a’ ghealladh a leanas “bheir mise dhuit crùn na beatha.” Orra so bhrùchdadh uile naimhdeas ana-criosd. Chaidh an ruagadh am measg choilltean agus uamhachan am beannta féin mar bheathaichean fiadhaich an fhàsaich; chaidh a bhacadh do gach neach biadh no deoch no fasgadh a thoirt doibh, còmhnadh air bith a dheanamh leo no conaltradh a ghleidheadh riutha, agus an uair a chaidh an glacadh chaidh an dìoghaltas a b’ uamhasaiche agus bu sgreamhala ’dheanamh orra, gidheadh am measg an uile theinntean fhuair iad coimhlionadh nan geallaidhnean beannaichte sin a tha ’n Tighearn a’ toirt d’a shluagh anns gach linn, gu’n dean e a ghràs anns gach àm foghainteach air an son, gu’m fosgail e dhoibh dorus gu dol as o gach buaireadh. “An uair a shiùbhlas tu troimh na h-uisgeachaibh, bithidh mise maìlle riut; agus troimh na h-aimhnichibh, cha tig iad tharad; an uair a dh’ imicheas tu troimh an teine cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort; oir is mise an Tighearna do Dhia, Ti naomh Israeil, t’ fhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad éiric; Etiopia agus Seba air do shon.” Bha iad mar a bha na martirich aig gach àm air an neartachadh gu mòr, agus anns na lasraichean ghlòraich iad an Tighearna le fulang gu foighidneach eadhon gu sòlasach air sgàth ’ainme-san. Chaidh móran de na Waldenses a chur gu bàs mu’n àm so (1229) agus ged nach b’urrainnear an glan sgrios thaitinn an tanachadh a fhuair iad co math ris a’ Phàp ’s gu’n do chuir e suas cùirtean-rannsachaidh ann an ioma cearn eile de’n Fhraing, a’ toirt tuille agus tuille cumhachd dhoibh, agus cha d’ fhuaras a bheag riamh dhiu a leig an cumhachd air chall. Tha e duilich a’ chreidsinn gu’m biodh neach air bith aig an robh a’ chompairt bu lugha de nàdur na daonnachd co cruaidh chridheach. co eucorach, co uamhasach fhuilteach an-iochdmhor ’s a bha na Pàpanaich anns an linn so; gidheadh tha mìle deardhadh againn air a’ chùis, agus feumaidh sinn sealltainn airson fuasgladh do’n cheist, ciamar a b’ urrainn e bhi mar so? anns [TD 221] an fhirinn sin a tha ’g ìnnseadh dhuinn gur a nàimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhé. Nan cluinneadh iad so gu’n robh duine sam bith a’ leughadh a’ Bhiobuill—gu’n robh e ’dearmad aoradh a dheanamh do na naoimh, no urram a thoirt do’n Phàp—nan cluinneadh iad casaid ’na aghaidh bho aon d’ a choimhearsnaich—no nan gabhadh iad féin gamhlas da—gun tuille dearbhaidh air a chionta fhaotainn no iarraidh, bheirteadh air druim mheadhon-oidhche air falbh as a leabaidh e—chàirichteadh e ann am prìosan fuar dorcha—theagamh ann an cùil co cumhann ’s nach b’ urrainn e aona chuid seasamh no luidhe innte—Bha e air a thoirt a mach o latha gu latha g’a cheasnachadh leis na breitheamhnan—Bha gu bitheant’ e air a pheanasachadh gu goirt air dòigh ùr gach latha re ùine, agus fa dheireadh air a chur gu bàs, theagamh le ròsdadh gu h-athaiseach os ceann teine—theagamh le a chnàmhan a phronnadh ’nan spealgan—no le a cholunn a shrachdadh as a chéile ’na mìrean. Ann an ùine ghoirid chuireadh na cùirtean so air bonn anns a’ chuid bu mhò de rioghachdan na Roinn-Eòrpa, agus bha iad ’nan seirbhisich dhìleas do Shàtan anns gach àite san robh iad. Is ann san Spàind far am bheil fuigheall ùghdarais aca eadhon gus an latha ’n diugh, bu mhò a rinn iad a dh-olc—ach gu cùnntas ni’s mìne thoirt orra feumaidh sinn stad gus an teid an ath àireamh de’n Teachdair a mach. Anns an àm, chomh-dhùineamaid le bhi ag iarraidh air ar leughadairean cliù agus moladh a thoirt do’n Tighearn airson an crannchur-san a thilgeadh ann an dùthaich far am faod iad suidhe gach fear fo a chrann fìonain agus fìge féin gun neach a chur eagail air—far a’ bheil focal na fìrinn fosgailte do gach aon—agus ni h-e so amhàin ach air a mhìneachadh dhoibh ’s air a sparradh orra Sàbaid an déigh Sàbaid le ministeirean Soisgeil na slàinte. Litir Phubliuis Lentuluis, Uachdaran a bha ’n Iudea, ann an làithibh Thiberius Chésair, chum Seanadh na Ròimhe, mu thimchioll IOSA CRIOSD. “THARLADH gu bheil anns na làithibh so, Duine a ta beò fathast ’n ar measg, da’n ainm Iosa Criosd, mór-chumhachdach ann an subhailcibh mìorbhuileach. Tha na cinnich a’ creidsinn ann, mar fhàidh fìrinneach, no Slànuighear: ach tha a dheisciobuil féin ag ràdh, gur h-è Mac Dhé. “Tha e ’dùsgadh nam marbh as an uaighibh, agus a’ leigheas gach gnè thinneis. A thaobh meudachd a phearsa, tha àirde mhath ann, agus tha e fìor eireachdail; maille ri òirdheirceas urramach ’na làthaireachd, ionnas gu’n toir an neach a sheallas air gràdh dha maille ri eagal. Tha ’fholt air dhath nan cnù làn abuich, ’na chleachdaibh sìos m’a chluasaibh; ach beagan [TD 222] ni’s soilleire aig a bhàrr, agus caisreagach, gun bhi ro fhada, a’ sgaoileadh sios m’a ghuaillnibh. Ann am meadhon a chìnn tha sreth d’a fholt a réir gnàth nan Nasarenach. Tha clàr-’eudainn ro mhaiseach, agus coimhlionta gun smal no preasadh. Tha ’ghruaidhean dearg mar chorcur a’ deàlradh le maise na seirc. Tha ’shròn agus a bhilean sàr choimhlionta; tha ’fheusag air dath ’fhuilt. Tha a shealladh neo-chiontach agus foirfe. Tha ’shùilean soilleir-ghorm agus furachair. Tha e smachdail ann an toirt achmhasain: ach ’an àm teagaisg tha e macanta, ciùin, agus teó-chridheach ’na labhairt; ach an còmhnuidh tìom agus dùrachdach. Cha chuimhne le neach fhaicinn a’ deanamh gàire; ach is lìonmhor iad a chunnaic e a’ gul. Tha òirdheirceas ’na phearsa leis a’bheil gach ball a’ càramh mais’ air a chéile. Tha a làmhan agus a ghaìrdeanan ionmholta os ceann tomhais. Ann an cainnt tha e fìor stuama, modhail, agus cumhachdach ann an gliocas. “Duine gun choimeas ann an àilleachd, a’ toirt barrachd ann am maise air cloinn nan daoine.” PUBLIUS LENTULUS. EARAIL DO SHAIGDEARABH AGUS DO SHEOLADAIREAN. A Ghaisgich air Muir agus air Tir-mòr! ’Sann ribhse, fo Dhia, a tha ar n-earbsa ri tèaruinteachd. Is sibhse luchd-dìon ar Dùthcha, agus tha a taingealachd dligheach dhuibh. Am feadh a tha mi a’ labhairt ribh le meas agus tlachd, ceadaichibh dhomh ur n-earalachadh gu saor soilleir,—Is gnà le daoinibh foghainteach an fhirinn a ghràdhachadh: agus cha toir sibh beum do charaid a labhras ribh i. Ceadaichibh dhomh, mata, ìnnseadh dhuibh gu soilleir, am feadh a tha sinn taingeil airson ur cruadail, gu bheil eagal oirnn as ar mi-naomhachd. Nach brònach an gnothuch, am feadh a tha sibh a’ cogadh gu duineil airson ur Righ, ur Dùthcha, ur Creidimh, agus ur Reachdaibh, gun tugadh sibh masladh do Righ nan rìgh, agus do Thighearna nan sluagh; Dhàsan a tha amhàin comasach air ur dìon ann an latha na còmhstri? Cha tàmailtich mi sibh le ana-creidich a ràdh ruibh: Cha’n abair, tha sibh a’ creidsinn gu bheil Dia ann, agus tha sibh ag aidmheil a bhi ’nur Criosduidhnean. C’arson mata a bhristeas sibh reachdan ’ur Dé, agus àitheanta ur Slànuigheir? Tha crith oirnn ’nuair a chluinneas sinn sibh a’ gairm air Dia ’ur sgrios—’ur n-anamaibh a sgrios! Agus, mar gu’m b’i so an t-aon ùrnuigh a bh’ agaibh ri cur suas do Dhia—tha sibh ’ga h-aithris gach mionaid, agus a’ guidhe sgrios air gach neach mu’r timchioll. Ach their sibh rium, gur cruaidh na h-uiread chionta chur as ur leth; nach ’eil olc ’n ur beachd leis a’ chainnt a tha sibh a’ gnàthachadh. Ach an [TD 223] leòir an leisgeul sin airson àitheanta ’ur Dé a bhristeadh? an àithne sin, a thugadh seachad am meadhon lasraichibh, am feadh a bha ’n sliabh air chrith, ’s an uair a bha feachd cumhachdach ullamh gu dol gu bàs le eagal. “Cha tabhair thu ainm an Tighearna do Dhé an diomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ’ainm an diomhanas.” Le sin a chluinntinn nach tric a thuirt sibh, “A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan chum do lagh a choimhead.” Nach gràineil a thig e matà sibh a bhi co beag-narach ’ga bhristeadh gach aon àm! Mun can sibh a rithist an guidheachan eagallach so, leigibh leam ur n-earalachadh gu dùrachdach, sibh a smuainteachadh có è an Dia so—agus ciod è sgrios. ’Se ’n Dia a tha sibh san àm a’ mi-naomhachadh, Dia ’ur beatha agus ’ur sochairean, a thug dhuibh an anail sin a tha sibh a nis a’ gnàthachadh an cur eas-uram air: anns a bheil sibh beò, a’ gluasad, agus o bheil ’ur bith agaibh;—an Dia a tha deanamh mar is àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhuinn—’dia nach feudar a mhealladh, agus nach fuiling fanoid a dheanamh air—leis am fuathach easaontas, agus nach seall air peacadh—a bhagair àmhghar agus teanntachd air gach anam duine a ni olc. ’Se so an Dia air a’ bheil sibh a’ gairm g’ur sgrios. Leigibh leam earalachadh oirbh a thoirt fainear ciod è sgrios. ’Se sgrios a bhi air ur n-ainmeachadh malluichte le Dia air là a’ bhreitheanais. Is e Dia a ràdh, Imichibh uam a dhaoine malluichte do theine siorruidh a dh’ ullaicheadh do’n diabhol agus d’a ainglibh. ’Se a th’ ann—dol do’n ionad sin far a’ bheil Criosd ag ìnnse dhuinn nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach mùchar an teine am feasd. Agus am bu deòin leibh so a thachairt dhuibh féin? An saoil sibh am b’urrainn duibh fhulang? C’ arson mata a tha sibh ’ga iarraidh? Na h-abraibh nach ’eil sibh a’ toirt fainear brìgh nam briathran ’nuair a tha sibh ’gan gnàthachadh. Cha ’n fhocail fhaoin a th’ annta. Thugaibh fainear, fhearabh, air eagal gu’n cluinn an Dia sin air a’ bheil sibh a’ gairm, agus gu’n cuir e d’ar n-ionnsuidh a’ cheart sgrios sin a bha sibh ag iarraidh. Ceadaichibh dhomh ìnnse dhuibh, gu bheil ’ur mionnan agus ’ur malluchadh sgrìobhte ann an leabhar a chuimhne. Bheir e chum breitheanais sibh air an son. Agus ciod a ni sibh air là sin a’ bhreitheanais? Thugaibh an aire, fhearabh, a réir mar is caomh leibh ur n-anama féin. Cha do shoirbhich le neach riamh a chuir ’an aghaidh Dhé. Tha sibh ullamh gu’r beatha a chur ’an cunnart as leth ur dùthcha; ach cha ’n ’eil e air iarraidh oirbh ur n-anama a chur ’an cunnart. Cha bu taitneach leibh dol gu bàs le mallachadh ’nur beul: cha b’ eadh, ’sann bu mhiann leibh dol eug ag asluchadh sàbhalaidh. Ach cuiream a’ cheist oirbh, am feud sibh dòchas a bhi agaibh ris an t-sàbhaladh sin aig àm ur bàis, ris an do chuir sibh cùl ré ur beatha? Am feud sibh fiuthair a bhi agaibh ri bhi air ur toirt o chaithe-beatha ciontach air thalamh, gu beatha na naomhachd air nèamh? o chainnt if- [TD 224] rinn, chum cliù Dhé a sheinn? Cha ’n ion, mo chairdean; ’s éiginn gu’m bi ur nàdur peacach air a chaochladh, mum bi sibh iomchuidh air còmhnuidh a ghabhail maille ri spioradaibh nan ionracan air an deanamh foirfe air nèamh. ’Se ur Slànuighear a thubhairt, “Mur beirear duine a rìs cha ’n urrainn e rìoghachd Dhé fhaicinn.” Gabhaibh beachd air ur cridhe, agus faicibh a’ bheil an t-atharrachadh diadhaidh ’gan dì. Guidheam oirbh gu dùrachdach sibh a ghabhail aithreachais d’ ur peacaibh, agus an aideachadh ann am fianuis Dé. Na cuiribh dàil ’n ur n-aithreachas: feudaidh am màireach a bhi tuille’s fadalach. ’Se ’n diugh là na slàinte. Iarraibh an Tighearna am feadh ’s a tha e ri fhaotainn, gairmibh air am feadh a tha e’ m fagus. So agaibh a chainnt ghràsmhor féin. “Mar is beò mi,” a deir an Tighearna, “cha ’n ’eil tlachd agam ann am bàs a’ pheacaich, ach gu’m pilleadh an t-aingidh o ’shlighe, agus gu’m biodh e beò: pillibh, pillibh, c’ arson a bhàsaicheas sibh?” “Mar so ghràdhaich e’n saoghal co mór, ’s gu’n d’thug e ’aon ghin Mhic, chum có air bith a chreideadh ann, nach rachadh ad am mugha, ach gu’m biodh a’ bheatha mhaireannach aca.” Nach mòr, mata, an t-aobhar misnich a tha ’n so dhuibhse chum ur peacaidh aideachadh agus an tréigsinn? Cuiream impidh oirbh, sibh a dh’ éiridh agus dol chum ur n-Athar neamhuidh. Abraibh ris, “Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh agus a’ d’ lāthair-sa—” Is peacach gràineil mi; ach tha dòchas agam gu bheil mi am pheacach aithreachail, a phill riut. Maothaich mo chridhe cruaidh; glan mo nàdur truaillidh; cuir t’ eagal ann am chridhe, chum nach dealaich mi ni’s mò riut; gu’n robh na tha romham de m’ bheatha air a deanamh suas le aithreachas, creidimh, agus nuadh ùmhlachd. Cuidich leam gu faire agus ùrnuigh a dheanamh; gu faire dheanamh an aghaidh a’ pheacaidh a tha co furasd air iathadh umam. Saor mi o gach buaireadh leis a’ bheil mi air mo chuairteachadh. Gu’n cuir mi deagh chath a’ chreidimh; agus faidheòidh, gu’n toir mi tuille agus buaidh, trìd-san a ghràdhaich mi.—Amen. Ead. P. M. Meadhonan r’an gnàthachadh ann an seòmraichibh na muinntir air a’ bheil tinneasan gabhaltach. THA e ro fheumail do ’n mhuinntir thinn, agus d’ an luchd-frithealaidh, gu’m bi do ghnà comas aig an àile ghlan ùr teachd a steach do ’n t-seòmar, agus gu sònruichte mu thimchioll na leapa. B’ iomchuidh gu’m biodh an dorus, no uinneag, air an cumail do ghnà fosgailte, a là agus a dh’ oidhche, a’ toirt an aire nach séid e dìreach air an euslainteach. Tha e anabarrach feumail gu’n cumar gach ni fior ghlan, chuanda. Bu chòir léintean na muinntir thinn a mhùghadh gu tric; agus [TD 225] bu chòir an t-anart salach a ghrad chur a’m bogadh ann an uisge glan fuar, agus ’na dhéigh sin a dheagh nigheadh. Bu chòir do’n t-seòmar a bhi air a dheagh sguabadh gach aon latha, agus gach ni a thainig o’n easlainteach a ghrad thoirt air falbh, agus na soireachan a glanadh gu math. B’ iomchuidh gu’m biodh an luchd-frithealaidh seachantach air anail nan daoine tinne, agus fàile na thig uapa; agus an uair nach gabh sin deanamh; bu chòir dhoibh cumail air an anail, co fad ’s a b’ urradh dhoibh. Bu chòir dhoibh fuireach air taobh an fhuaraidh, gun bhi dol idir, nam feudadh iad, air taobh an fhasgaidh. Cha chòir dhoibhsan a thig g’am faicinn dol ro dhlùth dhoibh, no idir fuireach fada san t-seòmar. Cha chòir dhoibh an seile a shlugadh, ach am beul agus an sròn a ghlanadh gu math an àm an seòmar fhàgail. Cha chòir earbs’ a chur á fìon-geur, no nithe deagh-bholtrach, a chrathar feadh an t-seòmair, a chionn gu bheil am fàile làidir a’ bacadh dhoibh a thuigsinn c’uin a bhitheas an seòmar làn de àile mi-fhallain. Ma théid na seòlaidhnean sin a thoirt gu cùramach fainear, cha sgaoil na fiabhruis ghabhaltach ach ainmig; ach, ma nìtear dearmad orra, gu h-àraidh, ’nuair bhios a’ mhuinntir euslan ann an seòmraichibh beaga, ’s gann a thig aon as a’ cheud uaithe; cha’ n’ eil eadhon clann na cìche gu h-iomlan saor o chunnart. O’n a tha droch thinneasan a’ tàrmachadh o sheòmraichibh beaga, salach, mothaichidh iadsan a chumas an tighean gu glan, fiunnar, gun seachain iad fein agus an teaghluichean, mar is trice, gach eucail agus tinneas gabhaltach. P. M. LITIR MU THUIGSE BHEATHAICHEAN. O aon Mhnaoi-uasail gu bean-uasal eile. A bhean mo ghaoil, THA Mr Palmer agus a bhean ’nan càraid thaitneach. Is esan athair a sgìreachd. Is e a ghnothach an t-aineolach a theagasg, fòir cobhair air an fheumach, an t-euslan fhiosrachadh, sòlas a thoirt dhoibhsan a tha fo thriobluid, agus a’ mhuinntir mhi-bheusach aomadh gu deagh chaithe-beatha. An uair a bhios cothrom aig’ air, tha e dian ann an rannsachadh a mach oibribh nàduir. ’S ann uaithe sin a tha deagh-riaghailt a’ sruthadh. Chaith sinn feasgar an dé ’nan cuideachda thaitnich: ’s ann a bha ar seanachas mu thuigse nàduir, agus o’n a shaoileas tu gu bheil thu faighinn tairbhe o na tha mis a’ fòghlum, bhéir mi dhuit barail Mhr Palmer mu’n chùis, air an dòigh is soilleire ’dh ’fhaodas mi. “Tha ’n t-iomlan de thuigse nàduir,” a deir e, “deacair ri fhaotainn a mach, leis mar tha tùr aimnhidhean gu minic a’ [TD 226] teachd dlù do thuigse dhaoine, agus a’ toirt bàrr air an earrann sin d’ an nàdur, ’s a tha ’gan aomadh gu gnìomharan àraidh a tha feumail doibh féin, no d’ an gineil. Ann am beathaichean de ’n aon seòrsa, tha iad co’-ionann ann an tuigse-nàduir, ge nach robh cothrom ac’ air fhòghlum o bhi ’ga fhaicinn. Ni eun beag a dh’ àraicheadh ann an eunadan, a nead ann an dreach ’s ann an cumadh coltach riuthasan a tha toirt a mach an guir sa’ choille; gidheadh cha ’n fhac’ e riamh nead eile o ’n do ghabh e ’n samhladh. Tha tuigse-nàduir, a’ seòladh do gach gnè eun an stubh leis an dean iad suas an nead, ’s is fearr a chòirdeas r’an sliochd maoth. Tha ’n tuigse so a’ brosnachadh na h-iolaire chum a nead a dheanamh air a’ chreig is àirde, agus air an stùchd is corraiche: am feadh a tha ’n riabhag, leis an tùr cheudna, a’ deanamh a nid air chòmhnard an raoin. Nam biodh na h-eunlaith gun an tuigse so bhi aca, is iomad mi-riaghailt a dh’fhaodadh tachairt. Dh’fhaodadh eòin a’ chladaich an gur a thoirt a mach anns an fhàsach thioram thartmhor, agus eòin na creachainn an gur a thoirt a mach ri taobh na fairge, ni a chuireadh as d’an sliochd araon: ach tha tuigse-nàduir, an t-oid’-iunnsaich neo-mhearachdach, a seòladh do gach eun a ghur a thoirt a mach far am fearr a fhreagras d’an àl, chum an dìon o dhosguinn, agus anns am faigh iad culaidh-bheathachaidh. Tha ’n tuigse so buan-sheasmhach, agus a’ co’-fhreagradh do uireasbhuidh gach beathaich, de gach seòrsa; ach tha Riasan so-aomaidh, a réir mar fhreagras san àm do thograidh agus do mhiannaibh gach aon fa leth. Tha tuigse-nàduir a’ teagasg dhaoine iad féin a dhìon o theas agus o fhuachd; ach tha riasan a’ neartachadh gach duine chum ionad-còmhnuidh a shocrachadh mar fhreagras e d’a mhiann agus d’a ghoireas. Uime sin, tha Riasan ioma-ghne’ach: tuigse-nàduir neo-chaochlaideach. ’Se cheud ni sochair an duine a tha ’na dhearbhadh air ciall a nàduir: tha aig an dara ni ni-eiginn ìosal gun bhi comharachadh a mach a bheag air bith de cheannas no de mhath-an-airidh annsan aig a’ bheil e. Tha aon seillein co teóm’ ann an dealbh na cóinneige ri seillein eile. Tha gach aon de’n aon ghnè co’-ionann an cur obair-nàduir an gniomh: cha’n’eil na seilleinean a th’ anns an àm so a’ toirt bàrr orrasan a bh’ ann ri linn Adhaimh. Buinidh na beachdan ceudna do gach gnè ainmhidh: tha iad ag àrach an àil, a’ solar am bìdh, agus ’gan dìon o’n naimhdibh, co math ris a’ cheud fheadhain a bh’ ann diubh, agus gun a bheag ni ’s feàrr. “Is ann an so ma ta,” a deir e, “a tha ’n caochladh soilleir a th’ eadar riasan agus tuigse-nàduir.” “Tha eadar-dhealachadh soilleir eile eadar riasan agus tuigse-nàduir a’ co’-sheasamh: tha cheud ni air aomadh le aobhar, am feadh a tha ’n t-aon eile air a bhrosnuchadh gu miann do-chìosnachaidh a shàsuchadh. Tha daoine toirt aire do na h-aobhair, agus a’ deanamh an ni a shaoileas iad is luaithe a bheir gnothuichean gu crìch: tha [TD 227] ainmhidhean a’ cur an toil an gniomh, gun na bhios ’na lorg a roi’-fhaicinn. “Mar shamladh air an eadar-dhealachadh so, faiceamaid obair duine an àm cur suas muilinn: Tha e’ n toiseach a’ cunntadh a bheil a chuid airgid freagarach chum na tha ’na bheachd a dheanamh. Tha e ’socrachadh air làraich iomchuidh—a’ ceannach fiodha—a’ fastadh luchd-ceirde feumail, chum a chòmhnadh. Tha e ’solar acfhuinn iomchuidh do gach fear, agus goireas chùm am muileann a thogail: ’an uair a chuirear air obair iad, tha gach earrann air a shocrachadh fa chomhair feum iomchuidh. Tha e mar an ceudna a’ smaointeachadh air an fheum gus an cuir se e; cò dhiubh is ann gu bhi ’na mhuileann-mine, no a dh’ oibreachadh aon ni eile: fa dheireadh cò dhiubh is ann a theid a chur air ghluasad le gaoith, le uisge, no le smùid. Feumaidh gach ni dhiubh sin trom-smaointeachadh, innleachd, rùn, eòlas agus féin-fhiosrachadh; air nach robh am beathach bu gheur-thuigsich’ air an cualas riamh iomradh comasach. Tha ’n t-eun a’ dealbh a nid gu snasmhor mar rinn iadsan a bh’ air thoiseach air, gun smaointeachadh air bith uime roi’ laimh. Is iomad beathach a tha càrnadh suas lòin aig nach ’eil aon roi’-eolas air àmaibh suidhichte na bliadhna. Tha daoine a’ cur, a’ buain, ’s a’ cruinneachadh a stigh toradh na talmhuinn, o’m fein-fhiosrachadh agus o’n riasan, a tha ’seòladh dhoibh am feum mór a tha air cruinneachadh as a’ phailteas a th’ aca san àm, airson ganntar an àm ri teachd. Tha riasan go mòr ni ’s urramaiche na tuigse-nàduir; ach tha tuigse-nàduir a’ toirt bàrr air riasan ann an iomlaineachd a h-oibribh. Tha seòmraichean na sgeap-sheillein air an dealbh gu h-ìnnleachdach; gidheadh bha gach seòmar anns gach sgeap, anns gach dùthaich agus linn, agus thà gus an là ’n diugh, air an dealbh agus air a’ chumadh cheudna. Leig fhaicinn dòmhsa am fear-ceaird a b’ urrainn fichead mìle de na seòmraichibh sin a dheanamh le leithid de shnas agus de cho’-choslas r’a chéile, ga b’e air bith feothas a chuid acfhuinn. “Tha oibreachadh iomlan tuigse-nàduir gu mór air a choimhlionadh leis mar tha gach ball a bhuineas doibh a réir an dòigh bheatha; a tha ’cuideachadh le iomlaineachd am mothachaidh, gu’n deanamh comasach air an oibribh fa leth a chrìochnachadh, fada thairis air aon ni a b’ urrainn daoine dheanamh. Ach ’s éiginn aideachadh gu bheil cuid de bheathaichibh ann a tha ’feuchainn mór thoinisg, a tha gu sònruichte ri fhaicinn le iad a bhi càlda, agus cha mhór nach ’eil iad a’ teachd dlù air toinisg dhaoine. Tha so a’ co’-fhreagradh do riaghailt nàduir, a tha air a dheanamh suas r’a chéile, ceum air cheum, ionnas gu bheil e deacair fhaicinn mar tha mùghadh ag éiridh o gach seòrsa. EAD. P. M. [TD 228] AN T-AONARACH. RINN Aonarach àraidh uamh dha féin dlù air mullach àrd-aonaich, o’n robh cothrom aige beachd a ghabhail air muir ’s air monadh, ’s air srathaibh nam faoin ghleann. Bha e aon oidhche ’na shuidhe a’ beachdachadh le mór thaitneachd air na cuspairibh eugsamhuil a bha ’na fhradharc. Bha ’choille uile fo lán duilleach; agus na doireachan bu dlùithe fo na blàithean bu taitniche. Bha na h-eòin bu cheòlmhoire a’ canntaireachd feadh nam preas gu fonnmhor; bha na h-uain gu guanach ri sgath-leimnich m’an àilein; bha ’n t-oirean gu sùnndach ag ar le ’sheisrich; bha na soithichean fo làn sheòl ’gan iomain le gaoith shèimh chum a’ chalaidh bu mhiann leo. Chuir fàile fallain ath-nuadhaichte an earraich snas àillidh air gach cuspair m’a thimchioll: agus bha gach ni a bha ’na shealladh a’ craobh-sgaoileadh àilleachd no sonais mu’n cuairt da. Gu h-obann dh’ éirich doinionn mhòr. Shéid a’ ghaoth le àrd onfhadh, agus chuir i as am bun na daragan bu neartmhoire. ’Na dhéigh sin thainig tiugh-dhorchadas; bha uisge agus cloch-mheallain a’ frasadh gu caithreamach, agus bha tàirneanach agus dealanach a’ cur duaichneachd air an iomlan. Bha nis an cuan ag at ’na thonnaibh uaibhreach, a’ togail nan loingeas bu lòdaile air bàrr nan tonn a’ cumail fodha sgreadail chràiteach mam maraichean brònach. ’Nuair a mhaolaich air an doininn, thainig gu grad crith mhòr thalmhuinn. Thainig luchd-àiteachaidh nam bailtean a bha sa’ choimhearsnachd ’nam buidhnibh chum uamh an Aonaraich; gu cràbhach am barail gu’n deanadh a naomhachd aithnichte an dìon ’nan airc. Ghabh iad mòr-ìoghnadh ’nuair a chunnaic iad co fèitheil chiùin ’s a bha e. “Mo chairdean,” a deir e, “na biodh eagal oirbh. B’uamhasach leamsa, co math agus leibhse, an doinionn mhòr eagallach a chunnaic sinn, mur b’e gu’n do bheachd-smuaintich mi leis na h-uiread aire air oibribh ioma-ghne itheach an Fhreasdail, ionnas gu bheil dearbh-chinnte agam gu bheil a mhaitheas co’ionann r’a chumhachd.” S. A. SEANN SGEUL. A Theachdaire, Lasaidh mo chridhe fhathast le sólas, ’n uair a chuimhnicheas mi air cleachdai’ agus gnàis nam beann. Có neach a thogadh sa’ Ghaeltachd, nach d’ fhiosraich an tùs ’oige, an deòthas inntinn leis an éisdeadh sgeòil nan Gael agus eachdraidh na Féinne. Cha di-chuimhnich mise ri m’ bheò, an toilinntinn leis an éisdinn ri seanachas nan aosda, ’n uair a labhradh iad mu euchd nan laoch bho ’n d’ thàinig iad. ’S cinnteach mi gu’n do chuidich so, ri clanna nan Gael a thogail suas ann am barrachd buaidh os ceann gach sluaigh san domhan—mar bha ’m beachd air ardachadh le bhi cluinntinn cliù agus [TD 229] treuntas an sinnsear a ghnà ’ga luaidh—le bhi ’ga dheothal mar gu ’m b’ann le bainne ’m màthar, agas a’ fàs ’nan cridheachan le neart, mar a bha ’n cuirp a’ cinntinn. ’S neònach le cuid gu cùmt’ air chuimhne bho linn gu linn, nithibh a thachair bho chionn na ciadabh bliadhna, ach iadsan a dh’ fhiosraich an rùn cridhe leis an éisd an Gael ri seanachas mu chinneadh, cha ’n ioghnadh leo mar a chumadh air chuimhn’ iad, Tha na sgeòil ris an d’ éisd mi ’s mi air glùn m’ athar, fhathast cho soilleir a’m inntinn ’s a bha iad an uair a chuala mi iad, ’s a chaoidh cha teid iad air dì-chuimhn’ gus am fuaraich mo chóm. ’Sann do na sgeòil is tric a dh’ éisd mi le togradh, an sgial a leanas, agus a tha phaipeir mar a nis air dh’ iunnsaich mi a’m òige e o bhial nan sean ’ear. Ma gheibh an duilleag aon uair an cearna màileid an Teachdaire cha bhi i tuille buailteach do ’n allaban; agus le rùn gun cheilg gun soirbhich leibh! ’Smi le deadh dhùrachd. MAC ’IC EACHAINN. Airdghobhar, 1836. Sgeoil mo Shinnsear. Oighreachd Airdghobhar. ’Nuair a thuit Eachann ruadh nan Cath ann am blàr Chath-Gairbheach anns a’ bhliadhna 1411. do’n teaghlach a dh’ fhàg e ri nighean an Dùghlasaich thug cairdean a mhàthar leò am fear a b’ òige, Eóghan; agus thuinich ’us thogadh ’nam measg e gus an do sgapadh cuid do na flaithean ainmeil sin, nuair a ghlacadh an t-Iarla Dùghlasach leis an Righ an Dunéidionn anns a’ bhliadhna 1424. Chruinnich cuid d’an luchd-leanmhuinn sa’ Ghaeltachd fo cheannardachd Sheumais Stiubhart mac òg an Diùc Albannaich agus le còmhlan do chlainn Dòmhnuill agus do Chlainn Ghilleain fo Fhiunnladh dubh, Easpaig Liosmóire, thug iad sgrìob do ’n Ghalldachd agus thug iad iunnsaidh air Dunbreatunn far ’n do choinnich iad feachd an Rìgh fo cheannardachd Tighearna Dhundònuill. Chuir iad an ruaig air na Gaill—chreach iad srath Leònaidh agus thill iad dhachaidh; ach ’sann air an iunnsaidh so a dhearbh Eóghan an stoc bho ’n d’ fhàs e. Thachair e fhéin agus ceannard nan Gall sa’ chath—thuit a nàmhaid fo ’làimh agus ghlac esan ’airm ’s achodach. Anns a’ chlogaid a ghlac e bha iteag dhosrach ard shuaicheanta, agus bho’ nuair sin fhuair e mar ainm Eoghan na h-iteige. Dh fhabh e ’n déigh sin do dh-Eirinn leis an Stiùbhartach far an d’ fhuirich e gus an cual’ e gu’n robh MacDhomhnuill nan Eilean (ris an cainte Righ Fionnaghal) an coltas bàis anns a’ bhliadhna 1427. Thog e air do dh-Albainn le sia fir dhiag ’us birlinn, agus thainig e gu Caisteal Ardtoirnish—fhuair e ’n cainnt an Righ agus chuir e’n céill a chor—gu’n robh e ’na ruaganach gun chairdean air an [TD 230] robh coltas comais a chòmhnadh mur deanadh an Righ fhéin e. Thuirt MacDhòmhnuill gu’n robh e fada gun tighin—gu’n do roinn esan mòran d’a chuid fearainn am measg a luchd-leanmhuinn mun d’thàinig e, ach bho’n a bha e fhéin ’na dhuin’ òg luath làidir gu faodadh e fearann a chosnadh—gu’n robh daoine togarach gu leòir aig mac Ghilleain ’s mur fòghnadh iadsan gu ’m bu leis Clann Dòmhnuill. Fhreagair Eóghan nach iarradh e daoin’ air fhéin no air Mac Ghilleain—ach e dh’ ìnnseadh dha c’aite ’m buaileadh e ’s nach robh tuille d’a dhìth. Falbh mata, a dhuin’ fhoghaintich, do dh-Airdghobhar agus biodh fearann fuith! fuith! agad, thuirt an Rìgh,—focail chearr a labhair Mac-a-mhaighistir Airdghobhar an làthair MhicDhòmhnuill beagan làithean roimhe sin. Cha d ’éisd an gaisgeach òg an còrr bhriathran, ach sgrog e ’bhoineid air a cheann ’sa mach a bhà e. Thaitinn a dhòigh cho mhath ris an Rìgh ’s gu’n d’ thuirt e ri ’luchd-frithealaidh iad g’a thogail ris an uinneig s gu faiceadh e aon sealladh do chùl cinn a’ ghaisgich. ’Nuair a thog iad e ’s a chunnaic e ’m fear eile falbh bho ’n Chaisteal thainig deóir bho ’shùilean agus ghlaodh e, ’S mac mar an t-athair thu, deadh mhac mo pheathar a thuit a’m aobhar, tha sùrd do thapadh ort ’s gu’n robh buaidh leat! Ghabh Mac Ghilleain air aghaidh ’s cha do chuir e poll á ’osan no lod á ’bhrògan gus an d’ ráinig e Cladh-mhuilinn an Airdghobhar far an deachaidh e air tìr le sia fir dhiag agus thug e gun stad a’ Chùil air far an robh Mac-a-mhaighistir ’s a mhac (ris an cainte ’n Siunnach) ’nan tàmh. Chuir e fios a stigh gu’n robh Mac Ghilleain ’s a ghilleain ag iarraidh cuid na h-oidhche air. Fhreagair Mac-a-mhaighstir gu doicheallach, nach robh cuid oidhch’ aige ri thoirt dhoibh mar gabhadh iad spòga dubha. Thuirt an gille ris e chur na bh ’aige air lòm ’s dh’ fhaoite gu’n deanadh iad leis. Fhreagair am bodach na b’ iargalta na’n tùs, nach robh spoga-dubha na geala aige mur gabhadh iad e féin. Cha d’ éisd an gille tuille ach tharruing e’ chlaidheamh ’s chuir e’ n ceann de. Fhuair a mhac a mach agus thug e’ n t-aiseag air gu dol do Lochabar. Nuair a ràinig e ’n Corran bha ’m fear-aiseig d’a ’m b’ ainm Mac-a-Ghurasglaich ag iasgach. Ghlaodh an Siunnach ris e thigh in air tìr gu luath g’a chur thairis, ach ’n uair a thuig am fear eile gu’n robh ’n tòir air cha d’thug e freagairt air ach gu’n robh gabhail mhath air a’ chudainn. Dh’ aithnich an Siunnach nach robh math a bhi feitheamh, s thug e na buinn as do’n choille. Aig éiridh na gréine thog MacGhilleain ’s a dhaoin’ orra as a dhéigh. Ràinig iad an Corran agus thainig Mac-a-Ghurasglaich le sòlas ’nan còmhdhail a dh’ innseadh dhoibh mar a rinn e air an t-Siunnach. Ach cha b’e n fhàilte ’shaoil e ’fhuair e. A chealgair, arsa Mac Ghilleain, an uair a rinn thu sin air a’ mhaighstir a bh’ agad an raoir, ’dé dheanadh tu ormsa ’n diugh nam biodh an ruaig orm? Beiribh air ’illean agus crochaibh ri ràimh an eathair e. Rinn na gillean mar a dh’iarr e. Dh’fhàg iad Mac-a-Ghurasglaich an crochadh agus theann iad air an [TD 231] aghart a suas taobh Airdghobhar a bha ’n uair sin làn coille; ach ’nuair a bha iad gu bhi á doire an torra dheirg chunnaic iad an Siunnach ’na sheasamh air tóm a’ faireamachd có chitheadh e; ’s chuir fear dhiu saighead an crois agus leag e air a’ chnoc e far ’n do thog iad carn ris an abrar carn an t-Siunnaich gus an latha ’n diugh. Sin mar a shealbhaich Eoghan na h-iteig Airdghobhar mar oighreachd, far a’ bheil Mac ’ic Eóghain, Ceannaad Chlainn Eóghain fhathast a’ tàmh, agus mar an ciadna sìol nan gaisgeach a bhuannaich mar ris i. Tha sliochd Ghillebrìde, Bódaich agus Clann-Mhic-Iain-léith bho ’n uair sin san fhearann a fhuair an sìnnsearachd sna lînntibh a rachadh neart thar ceart, agus anns nach nobh còir air dùthaich aig Triath mur deanadh e a dìon leis a’ chlaidheamh. CUNNTAS SHOLAIMH MU SHEAN AOIS, AIR A MHINEACHADH. Tha ’m mìneachadh a leanas air cùnntas Sholaimh mu Shean Aois, air a shònruchadh air son tìm an dù’-gheamhraidh agus deireadh na bliadhna, ’chionn gu bheil an geamhradh, le ’aogas duaichni ’s gach ànradh tha ’teachd ’na lorg, ’na shamhladh freagarach air Sean Aois leis gach trioblaid agus ànradh a ta fuaidhte rithe. ANNS an dara caibdil deug do Eclesiastes, tha’n Searmonaiche ’toirt rabhaidh dhomh làithean m’ òige thiomnadh suas chum seirbhis mo Chruitheir, a’ toirt fa’near na droch làithean a tha ’teachd oirnn, ’nuair a dh’fhàilnicheas uile chumhachdan ar n-ìnntinn agus ar cuirp fuidh anmhuinneachd na h-aois. Oir an sin, mar tha an Searmonaiche gu freagarach agus gu dreachmhor ’ga chur f’ar comhair, ionann ’s ann an sgàthan, tha a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan air an dorchachadh; na cumhachdan a’s àirde ’s a ’s inbhiche a tha riaghladh an corp an duine, mar tha solus nan speur a’ riaghladh ’san t-saoghal—tha ’n tuigse agus an riasan, an inntinn agus a’ mheadhair, air an dorchachadh, mar an uair ata na neòil a’ dol eadar sinne agus soillsibh na h-iarmailt. An tùs ar beatha, air do neòil an àmhghair an tuiltean a dhórtadh a nuas, tha iad a’ siubhal air falbh, ’s tha deàlradh grèine ’teachd ’nan déigh; ach a nis tha na neòil a’ pilleadh an déigh an uisge; tha sean aois féin ’na gnà-dhubhachas, agus cha ’n ’eil ni ’s faide dōchas sam bith ri ath-philleadh aimsir i’s fearr. Tha luchd-gleidhidh an tighe, na gàirdeana agus na lamhan a ta chum dìon a’ chuirp, a’ teannadh ri fàs air bhall-chrith; agus tha na daoine laìdir, na guaillibh, far am bheil neart an duine ’na luidhe, agus a bha aon uair comasach air gach aona chudthrom a ghiùlan, a’ teannadh ri aomadh agus ’gan cromadh féin; agus tha ’n luchd bleith, na fiaclan, a teannadh ri tuiteam air falbh, agus a sgur a [TD 232] dheanamh an oibre, chionn gu bheil iad tearc. Tha mar an ceudna an dream a sheallas a mach air na h-uinneagaibh air an dorchachadh, na sùilean, uinneaga sin a’ chuirp, troimh’n seall sinn a mach air na h-uile nithibh mar sheallas sinn a mach troimh uinneagaibh tighe, tha iad air fàs dorcha; agus tha esan a ta ’gan gnàthachadh mar neach a sheallas a mach troimh uinneig san oidhche. An sin tha na dorsan air an dùnadh anns na sràidibh; tha uile shlighean nàdurra agus feumail a’ chuirp ionann ’s air an druideadh suas, agus tha’n cealachadh-beatha a’ dol air ais an uair a tha fuaim na bleith iosal. Gheibh a’ mhuinntir òg agus shlàn cadal gu fallain sùnndach, agus tha e furasda leó bhi ciontach ann an tulle ’s a’chòir a dh’fhois a ghabhail; ach ma chaidleas a’ mhuinntir aosda ’s ann le duilghiodas, agus tha iad ag éiridh suas aig guth an eòin; ’s leòir glaodh a’ choilich a thoirt orra bhi ullamh chum an tàmh buaireasach a thréigsinn. Tha nigheanan a’ chiùil air an ìsleachadh; tha’n guth a’fàilneachadh agus a’ fàs molach ìosal; tha ’chlaisteachd mall; agus air do na tograidhean bhi nis air call am beothalachd, cha ’n ’eil suim aca do cho’-sheirm chiùil; agus uime sin tha iad a’ suidhe ann an dubhachas, le’n cinn ag aomadh sìos, mar òighean a thugadh air falbh am braighdeannas a ta caitheamh as fuidh dhubhachas. An t-sean Aois, air dhi bhi neo-shùrdail agus neo-chomasach air i féin a chòmhnadh, tha eagal oirre roi’ ni àrd; tha eagal oirre streap ’an àird, a chionn gu bheil i’n cunnart tuiteam; agus air dhi bhi neo-iomchuidh air son allabain agus cruadail garbh-thuruis, tha na h-uamhasan a ta san t-slighe ’toirt uaipe a misnich, gun ionnsuidh a thoirt oirre. An sin tha ’chraobh-almoin fuidh bhlàth; tha falt a’ chìnn a’ fàs geal; mar tha’n t-almon luath a’ teachd fuidh bhlàth ann an cruaidh aimsir a’ gheamhraidh, mum bheil an sneachda ’gar fàgail, agus tha eadhon an leummach-uaine a’ cìnntinn ’na eallaich; na casan a bha roimhe aotrom agus lùth’or gu leum, amhluidh mar chasaibh a’ mheanbh-chreutair sin, agus d’am b’àbhaist cudthrom a’ chuirp gu léir a ghiùlan gun spàirn, tha iad a nis a’ fas ’nan eallaich, agus is gann gur h-urrainn doibh iad féin a ghiùlan; agus ’nuair tha na ceudfaidhean mar so a’fàilneachadh, tha ’n togradh a’ fàilneachadh maille riu, oir cha’n urrainnear ni a mhiannachadh, ’nuair nach urrrainnear sòlas a ghabhail ann. ’S iad an samhuil sin na droch làithean, a ta ’teachd oirnn ’nuair tha ar n-òige thairis, agus a ta ag ullachadh na slighe air chionn an uilc dheireannaich agus a’ s mò do dh’uilc ar bàis, nuair tha’n duine a’ triall d’a chòmhnuidh bhuan, agus a tha’n luchd-cumhaidh a’ dol mu’n cuairt sna sràidibh ’g a chaoidh. An sin tha’n còrd airgid, culaidh-chòmhdaich nan inneala mothachail a tha geal agus a’ deàlradh mar chòrd airgid, air fhuasgladh agus cha’n ’eil e ni ’s fhaide comasach air son a dhreuchd. Tha cuairt-imeachd no ath-philleadh na fala a ’stad aig a’ chridhe, tobar na beatha,—amhuil ’nuair tha cuinneag, a bhios a’ tarruing uisge, air a [TD 233] briseadh aig an tobar, no ’nuair tha an roth-uisgeachaidh a’ dol mu’n cuairt le ’chuinneagaibh, a tha e a’ lìonadh agus a’ traoghadh aig an aon àm, air a bhriseadh aig an t-soitheach-chumail. Amhuil so tha uile ghluasadaibh no beatha a’ sgur aig a’ bhàs; agus tha’n duslach a’ pilleadh chum na talmhainn, gu cìnntinn mar a bha e mun d’rinneadh an duine dheth; agus tha a spiorad neo-bhàsmhor a’ pilleadh chum Dhé, tobar na neo-bhàsmhorachd, o’n d’thàinig e. Biodh, uime sin, solus mo thuigse, am feadh ’s ata mi ’ga shealbhachadh, air a ghnàthachadh ann an rannsachadh na fìrinn, agus biodh mo mheadhair ’na h-ionad-tasgaidh do gach uile eòlas feumail; saoithricheadh mo làmhan an feadh ’sa mhaireas an spionnadh, agus biodh mo ghuaillibh deas agus foighidneach fuidh gach aon uallach feumail; biodh m’ìnntinn an còmhnuidh ’sealltuinn a mach troimh uinneaga mo chuirp, chum léirsinn agus fòghluim, am feadh ’s ata solus an là maille rium. Biodh nigheanan a’ chiùil air an cleachdadh ann an seinn molaidh Dhé, mum bi iad air an ìsleachadh. Biodh miann agus togradh m’ òige air an toirt suas ann a a bhi ’lorgachadh a mach ceum àrduichte, duilich, agus saoithreachail an dleasannais Chriosduidh. Agus gu ma h-amhuil sin a bhios bliadhnachan m’ òige air an caitheamh, gu ma h-amhuil a bhios spionnadh mo chuirp agus m’ uile cheudfaidhean air an gnàthachadh, chum ’s air bhi do m’ cheann liath air fhaotainn ann an slighe an ionracais, gu ’m bi e dhomh ’na chrùn gloìre; chum ’s ’nuair shiùbhlas mi air an imrich bhuan, gu ’m bi iomradh teó-chridheach air a dheanamh orm mar chuimhneachan leósan a thug spéis do ghliocas, agus a rinn roghainn do ’n ni mhath sin nach toirear uapa; agus a chum ’s ’nuair a bheir an corp so suas an deò, ’s a bhios e air a choimeasgadh le ’dhuslach féin, gu ’n teid m’ anam ann an sìth a steach do làthaireachd Dhé, agus gu ’n tionnsgain mi air an t-sonas shiorruidh sin a mhealtuinn a choisinn mo Shlànuighear dhomh, agus air son an robh a Ghràs agus a Spiorad ’gam ullachadh ré cuairt mo thuruis thalmhaidh. C. M. GUTH O MHACTALLA. Ciod tha dhìth air a’ Ghaeltachd? THA dhìth air a Ghaeltachd a sligheannan a leasachadh: tha cuid diubh cam a dh’ fheumas an deanamh direach—tha cuid diubh garbh a dh’ fheumas an deanamh réidh—tha cuid diubh fiadhaich a dh’ fheumas an deanamh tìorail. Ciod tha dhìth air a Ghaeltachd? Tha dhìth oirre mosgladh, agus a lùnndachd-inntinn a’ chrathadh dhith: ’sann tha i mar fhamhair ann an trom-lighe; cha’n urrainn dha ’làmhan fhaotainn,—cha’n urr- [TD 234] ainn dha ’shlachdan a sguidseadh á truaill, ’s an nàmh dlù air! ’S e eòlas an t-aona chlaidheamh leis an urrainn neach e fein a chothachadh anns an t-saoghal-sa,—’s ann roimhe a theicheas, mar is minic a theich, na bòcain shuarach a ta cumail nan Gael ann an eachdarra, ’s nach faigh iad de chridhe na theid a mach far am bheil ionaltradh pailt, far am faigh iad clobha-fheur gu’n cluasaibh. ’S e ’n leisg-inntinn so, agus nach gabh iad ri fiosrachadh is coireach nach ’eil luchd-àiteachaidh China ni’s faide air an aghaidh an diugh na bha iad cùig mìle bliadhna roimhe so, oir tha’n crann aca fathast ’ga tharruing le daoine? Cuireadh na Gaeil matá, an guaillibh r’a chéile—biodh Leabhar-lann anns gach sgìreachd—thugadh iad suas cuid de’n dannsa ’s de’n cleachdanna gòrach, ’s cladhaicheadh iad airson eòlais gu dùrachdach: chì iad mar is doimhne ’théid iad gur ann is luachmhoire a’ mhèinn, agus is fhusa a h-oibreachadh: Iarr i mar airgiod agus rannsuich air a son mar airson ionmhasan foluichte. “Tha mise, GLIOCAS, a’m chòmhnuidh maille ri crìonnachd, agus a’ faghail amach eòlais air nithibh ìnnleachdach.” Ciod tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha aontachan fada fhaotainn air am fearann. An saoil thu’m biodh na h-iomairean cho càm,—an saoil thu ’m biodh na tighean cho olc,—an saoil thu ’m biodh na h-urrad ’na mhonadh nam biodh aontaichean fada aig an tuath? Tha na Gaeil ni’s glioca na gu’m bristeadh iad an cridhe a’ deanamh leasachaidh a thogas am màl an ath-bhliadhn’ orra; agus a theid ma dh’ fhaoidte, fhàgail aig an dù’ ghall an treas bliadhna! Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Thà a h-ògridh ’chumail gun phòsadh gus an urrainn iad bean a bheathachadh. Fada gu’n robh e uamsa ’bhi ’n aghaidh pòsaidh; ach ciud e pòsadh bochd ach bochduinn fhàgail mar oighreachd aig ar sliochd, agus aig sliochd ar sliochd? ’S e so a mhill an tìr chiatach sin, a ta ’cur thairis le ìm ’s le bainne, Eirinn. Tha sàr fhios againn ’nuair a bhuaileas saighead a’ ghaoil neach, gu’m bheil teine air fhadadh sa’ chóm nach ’eil soirbh,—caithidh e ’cholunn sios, agus saoilidh neach nach d’ aithrich riamh roimhe e gur h-e ’n taon leigheas an teine a bhàthadh: ach cha ’n è; bu chòir an teine nèamhaìdh so eiridin, agus ged chaitheas e a’ cholunn àrdaichidh e’n inntinn, bheir e air an duine ’bhi smuaineachail,—dìchiollach, a’ leum thar gach dìg a’s gàra’-droma gus an ruig e mullach na beinne móire (Parnassus) far am bheil a’ cheòlraidh a’ tàmh! Cha bu chòir do neach air bith pòsadh gus am bi e ’na urrainn e féin ’s a bhean agus ceathrar chloinne a chumail anns an inbhe anns am bheil e nis. Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha dhìth air a’ Ghaeltachd a dùnain-innearach a chur air chùl-thaobh a tighean, agus lub-nan-tunnag a chur ni’s faide o’n dorus: s e’n lub so do dh-uisge seasmhach is aobhar do gach galar agus do dh-iomadh bàs. Cha ’n ’eil neach a leughas a Bhiobull nach faic gu bheil glaine, chan e ’mhàin air a mol- [TD 235] adh, ach air a sparradh le Dia; agus cinneach no teaghlach a ni dearmad air so tha iad a’ cogadh an aghaidh lagh Nàduir, agus fuilingidh iad air a shon. ’S fada agus is fuileachdach an cogadh tha eadar eilean Irt agus an t-òtrach! Tha fhios aig an t-saoghal ged tha iad a’ pòsadh agus a’ baisteadh nach deach’ luchd-àiteachaidh an eilein bhig sin an lìonmhoireachd ré fhicheadan bliadhna! O chionn a nis còrr is dá chiad bliadhna bha plàigh uamhasach air feadh bailtibh na h-Eòrpa,—cha mhór nach do ghlan-sguab i leatha gach beò a bha ’n Lunnuinn, gu sònruichte ri linn an dara righ Tearlach, Chì sinn gur h-e’n t-òtrach a b’ aobhar dha so. “Bha ùrlar nan tighean anns an àm so,” mar tha Erasmus, ag ìnnse’ dhuinn, “de chrè, agus cònnlach, no luachair air a sgaoileadh air a h-uachdar; cha’n fhaca duine riamh a leithid de mhosaiche,—Bainne air a dhòrtadh an so, beòir is geir an sud; le spruidhleach arain agus feòla,—smugaidean tombaca, aolach chon ’us chat, b’ oillteil am boladh!” Mu thuaiream a nis ceithir fichead bliadhna bha àite ’tha seachd mìle siar air Dùn-éidionn cho mì-fhallain ’s nach robh tuathanach a’ fuireach beò ann,—cha robh Earrach nach robh fiabhrus-critheanach ’ga’n toirt leis. An ceann ùine thug an t-uachdaran orra an talamh a thiormachadh le claisean uisge, na dùnain a chur fada o na tighean, na luban uisge grod a bh’ aig na tighean a dheanamh seasgair tioram, le ùrlair chlàraidh, uaithe so cha chualas riamh iomradh air fiabhrus-critheanach ’san aite. Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha maighstirean-sgoile math a chur air a feadh agus am pàigheadh ni’s fèarr—daoine a theagaisgeas a’ Ghailig gu fallain, oir ’s i màthair gach Cànain i, agus a rìs a’ Bheurla oir ’s feumail an searbhant i. Nach mòr an t-atharachadh a thug sgoilean Ard-sheanaidh Eaglais na h-Alba cheana air ar dùthaich? Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha dhìth air a’ Ghaeltachd an Teachdaire Gaelach a chur an làimh gach mic agus nighin a th’ aice, agus sealladh fhaotainn air “Adhamh agus Eubh.” MHACTALLA. TEAGASG OIGRIDH. ULLUICH do mhac airson teagasg tràthail, agus cleachd ’inntinn ri briathraibh na firinn. Dean faire thairis air aomadh agus air rùn ’inntinn; cuir ceart e an àm ’òige; agus na ceadaich do dhroch cleachda sam bith fàs agus neartachadh le ’bhliadhnaibh. Mar so cinnidh e mar ghallan àluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri ùine os ceann uile chraobhan na coille. Tha mac aingidh ’na chulaidh-mhaslaidh d’a athair, ach esan a ghiùlaineas e féin gu ceart tha e ’na urram d’a cheann [TD 236] liath. Teagaisg ùmhlachd do d’ mhac, agus beannaichidh e thu; teagaisg macantas dha, agus cha bhi nàir’ air; teagaisg dha taingealachd, agus builichear sochairean air; teagaisg seirc dha, agus coisnidh e gràdh; teagaisg dha measarrachd a’s bithidh aige slàinte; teagaisg dha gliocas agus bithidh àgh agus cinneas air; teagaisg dha ceartas, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail; teagaisg dha tréibh-dhireas, agus cha’n agair a chridhe féin e; teagaisg dha bhi aghartach, agus meudaichidh a mhaoin; teagaisg dha fiùghantachd, agus bithidh ’inntinn air a h-àrdachadh; teagaisg dha àrd-ealdhain agus fòd, agus bithidh a bheatha feumail; teagaisg dha diadhachd, agus bithidh a bhàs sona. RANN AIR STAFFA. Do réir dòigh Oisein. A sgriobhadh le duin’-uasal Sasunnach, an digh dha Staffa fhaicinn, ann an Leabhar-Cuimhne chain a bha ’san Tigh-Osd’ aig Caolas Ulbha. A Bhan-righ gach Eilein san Iar, Staffa! òigh chùl-ghorm a’ chuain! Có ’n coigreach a chunnaic thu riamh, Gun dùsgadh ’na inntinn smuain? Nam biodh ceangailte ri m’ thaobhsa Sgiathan na faoilinn bhàin-ghil, ’S trà a thiginn gu d’ shealltainn, A sheud àluinn nan uisgean— Co dhiù bhiodh ailbhinn do charraig Ri gréin le lannair a’ deàrsadh, No bhiodh an tonn bhàn a’ beucadh A’n geothadh bearnach a’ mhaoraich— Nuair bhiodh a’ Bheinn-mhór fo cheò— No soilleir thar bàrr nam beanntan, Nuair bhiodh an t-eun-uisge ’gur tuinne No curaid ri marcachd shìne. B’ éibhinn an uair a chunnaic Mi Uamha Curaidh na Féinne; Bha reul na maidne a’ deàrsadh ’An airde nan speur gu h-òirdheirc, A’sgeadach le deàlradh boillsgeil Lūchūirt ard cholbhach a’ chuain. Ri stéigh bhuail stuadhannan ard, M’am bàrr bha fàim do chobhar; An lith bu mhaisiche uaine Mar chuailean na maighdin-mhara— Bogha-frois dh’ iadh o’ thràigh gu tràigh ’Na dhrochaid thar bàrr thonn liath-ghorm; O ruinn Ulbha ma leth-oir, Gu cladaichean creagach Mhuile. Gun taoghlam fathast ad chòir Staffa! òigh chul-ghorm a’ chuain. Eadar. le MUILEACH. [TD 237] MOLADH GRAIS. (Le Seumas MacGriogair, Ministeir an t-Soisgeil ann an America.) As do mhoineis O m’anam! grad dhùisg, ’Us le dùrachd bi guidheadh gach tràth, Gu-’m fosgail an t-Ard-righ do shùil, Gu bhi faicinn cia dlù dhuit a ghràs. O’n tha thu ad pheacach ro thruagh Air do thruailleadh o d’ mhullach gu d’shàil; O’n a thàin’ ort am mallachd le buaidh ’Ga d’ bhualadh gun iochd leis a’ bhàs. Bè sud am bàs uamhasach searbh, Naimhdeas garg anns an inntinn ri Dia, Seachran aigne, ’us coimheachas anm’ Ardan cridhe ro anabarrach dhian. Fuath ro shònruicht do’n t-Slànuighear chaomh, Bhios ag aontachadh ’cheusadh gun dàimh; Agus tàir air an Spiorad neo-bhaoth, ’S air an obair ro chaoin tha ’na làimh. Tha an t-ascreidimh fuaight’ riut a ghnà, ’S tric a bhrist thu na fàintean gu léir; Thaobh na thug thu do’n pheacadh de ghràdh, ’Us do Shàtan, ge dian e ad dhéigh: Do mhi-chùram, ’us t’ aineolas dall, Do thuigse ro mhall ach san olc; Do smuaintean tric nùll, ’us a nall, Gun dad-buannachd ach call a thoirt ort. Ach O! ’se mo chreach thar gach cùis, Thu bhi dùr ann ad nàimhdeas do ghràs; Ged ’se gràs tha ’gad leigheas gu dlù, ’S a gheibh cliù uait am flaitheas gu bràth. B’e sud an gràs iongantach, suairc, Gràs as cumhachdaich’ buaidh agus feart; Gràs ro shaor, ’us ro phailt, ’us ro bhuan, Gràs ro uasal d’an dual a bhi ceart. Ciod ach gràs rinn do thaghadh o thùs, (O m’anam! grad ùmhlaich thu féin): [TD 238] ’S a ghabh ortsa sàr-bheachd le deadh rùn, ’Nuair bu tusa an diù am measg cheud? Ciod ach gràs thug an Slànuighear nuas, Greis air chuairt measg nan truaghan a bhos, A thoirt ùmhlachd, ’s a dh’fhulang gu cruaidh, Chum gu’m faigheadh tu suaimhneas ’us fois? Nach e gràs thug an soisgeul do’n tìr, ’Us a mhìn-ghuth gu d’ chridhe a steach, Nuair tha iomadach fine d’a dhìth, ’Us na mìltean ’ga chluinntinn gun bheachd. Nuair bha thus’ aig an leòmhann fo ’mhàig, ’S e gun dàil dol gu d’ reubadh gun truas, ’S gun a h-aon teachd le cobhair ad dhàil, Nach e gràs rinn do thiorcadh san uair? Bha do pheacanna ’g éiridh ’nan carn, Mar na beanntaichibh ard os do cheann; Iad co lìonmhor ri gaineamh na tràgh’ Ri feur-fàsaich, no duilleach nan crann: Bha iad sud mar na neulaibh dubh, dorch, Bagradh doininn bhiodh borb ort o’n speur; Thainig gràs, thainig ciùineas ’na lorg, Dh’fhalbh an stoirm, ’s tha fiamh-ghàir’ air a’ ghréin. ’S e a dh’fhìreanaich thu o gach lochd, Bha thu bochd, ’s rinn e ’d oighr’ thu air Dia: Tog do chridhe, na siubhail fo sprochd, Oir cha nochdar’ e chaoi dhuit ach fial. O’n a thug e air flaitheas duit còir, Cha diùlt e dhuit sòlas do d’ chrìdh; ’Us am feadh bhios tu gabhail an ròid Ni a Spiorad do sheòladh gu mìn. Cha sòr e do nàimhdean a chlaoidh; ’Us cha mhaoidh e ort costas gu d’ riar; Cha bhi sgìos air ’g ad bheannachadh chaoi, ’Us cha chuimhnich e lochd rinn thu riamh, Le bhi creidsinn, ’s a’ cogadh gu dlù, Le bhi ’g obair, ’s ag ùrnuigh gun sgur, Le bhi fulang gu faighidneach ciùin, Bheir an gràs ud gu d’ rùn thu gu tur. [TD 239] Oir tha acfhuinn san fhocal gu leòir, Thoirt do laigse gu treòir, ’us gu neart: Iomadh gealladh ro phrìseil, ’s ro mhòr, Iomad àithne ro chòir, ’us ro cheart, Iomadh cuireadh ro thaitneach, ’us gairm, Iomadh tairgseadh an nasguidh de’n t-slàint’, Iomadh bagradh, ’s ged tha iad ro shearbh, Tha iad feumail gu d’thearbadh o d’ nàmh. Ged tha ’n seann duine fathasd ’n ad fheòil ’Us e ’n còmhnuidh a’ tionnsgnadh do thruaigh; Ged a chum e riut cogadh ri d’ bheò, ’S e their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh.* Ged tha thusa gun spionnadh, gun treòir, Agus deuchainnean mòr ort mu’n cuairt, Agus t’ eagal ’g ràdh, Caillidh tu ’n deò, ’S e their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh. Ged tha romhad tròm obair, ’s cruaidh spàirn, ’Us do chomas neo-bhràideach san uair, Na h-ob dol ’nan coinneamh gun sgàth, Oir their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh. ’S ged nach feudar leat teicheadh o ’n bhàs, Ach gu’n càirear do chorp anns an uaigh; Na gabh fiamh, creid an gealladh gu slàn A thug gràs duit, Is leòir mi gu buaidh. Nuair a thig la a’ bhreitheanais mhòir, ’S a theid ordugh a’ Bhreitheimh am fad, A dhùsgadh ’s a thional an t-slòigh, Chum ’s gu’n seas iad am mòd ud gu grad: Theid na h-aingidh a dhìteadh gu bàs, Bidh an sìorruidheachd cràiteach gu leòir; Theid na h-ionracain dachaidh gu bràth, ’S cuiridh gràs thu ’nan cuideachd chum glòir. Cha bhi duine sa’ chuideachd gu léir, Nach bi gleus air a’ moladh a ghràis Bithidh Abraham ’us Maois ann le chéil’, Agus Daibhidh nan teud ’us nan dàn. * 2d Cor. xii. 9. [TD 240] Bidh Manaseh ’nam meadhon mar sheòd, Agus Daniel, ’se Ioseph an àigh, Bidh seann Simeon, Peadar, ’us Pòl Muire Maidilein, ’s Eòin, fear mo ghràidh. Bidh am meairleach fhuair gràs air a’ chrann, ’Na ghaisgeach nach fann air an treud: Bithidh mìltean gun àireamh dhiubh ann, Agus moladh nach gann ac’nam beul; Air an Athair, a shònruich dhoibh buaidh, Air a’ Mhac chaidh sa’ chruadal gu sèimh, ’S air an Spiorad a threòruich iad suas, Gu comunn nan Uaislean air nèamh. AN GAIDHEAL, AGUS NA H-INNSEANAICH. ANNS a’ bhliadhna 1747, thug na Sasunnaich ionnsuidh air bailteachas nan Spàindeach aig St. Augustine a ghlacadh, ach b’ éigin doibh an t-séisd a thréigsinn. Chaidh cuideachd do Ghàidheil Albannach, a thug oidhirp air an ratreut a chòmhdach, a ruagadh agus a ghearradh ’nam bloighdibh. Chaomhain na h-Innseanaich, a chog fo bhrataichean na Spàind, aon saighdear a chum a’ bhàis chianail, fhadalaich do’n gnàth leis na daoine fiadhaich sin an cuid prìosanach a chur. ’Nuair a mhothuich an duine so do dh’ innealaibh na dòruinn eagallaich a bha feitheamh air, tha e air aithris gun do labhair e ris na h-Innseanaich fhuileachdach anns na briathraibh a leanas. “A Ghaisgeacha agus a chinn fheadhna an t-saoghail-ùir, cha bu sibhse na naimhdean a bha mhiann orm a choinneachadh: gidheadh thug sibh buaidh. Cleachdaibh a’ bhuaidh sin mar is àill leibh. ’Se dàn tubaisteach a’ chògaidh a thilg ’nur lamhaibh mi, agus cha ’neil mi a’ cur an aghaidh bhur dlighe. Ach o’n is gnàth le m’ luchd-dùthcha duais a thairgsinn airson am beatha, guidheam oirbh, éisdibh ri tairgse nach bu chòir a bhi air a diùltadh. “Biodh fios agaibh uime sin, O! Americanacha gaisgeil, gu bheil anns an dùthaich san d’ rugadh mise dream àraid air am bheil feartan neo-chumanta air am buileachadh. ’Nuair a ghabh mise an tùs am shaighdear, chàirich aon diu so, a bha ’n dlú-dhàimh dhomh, sian orm a bheireadh mi gun bheud as gach gàbhadh. Chunnaic sibh mar a sheachain mi gach geur-ghath a thilg sibh orm: As eugmhais an t-sian so an robh e comasach dhomh teachd bho gach cruaidh-bhuille a chuimsich ’n am aghaidh? Tha mi ’togail na cùis ribh féin. An d’iarr mi aona chuid fois no teicheadh bho chunnart? Cha ’n e mo bheatha a ta mi an dràsda cho [TD 241] mór ag asluchadh, ach cead a thabhairt dhomh diomhaireachd fhoillseachadh, a bhios cho anabarrach feumail a chum bhur dìon, agus a chum an cinneach is gaisgeile ’san domhan fhàgail neo-bhàsmhor. Fàgaibh amhàin aon do m’ lamhaibh fuasgailte airson ioraltan a’ ghniomh agus bheir mi dearbhadh air a chumhachd, air mo phearsa féin ’nur làthair.” Dh’éisd na h-Innseanaich le fìor aire, ri briathraibh a bha araon a co-fhreagairt ri ’n intinnibh cruadalach féin, agus ri ’n gnàth-thogradh gu nithibh miorbhuileach fhaicinn. An déigh beagan smuainteachaidh dh’ fhuasgail iad aon do lamhaibh a’ phrìosanaich. An sin dh’ àithn an Gàidheal a chlaidheamh-mór a thabhairt do’n ghaisgeach bu sgairteile a bha sa’ chuideachd, agus air dhà a mhuineal a rùsgadh agus a shuathadh le comharrainean buidseachail, agus focal no dhà a mhonabanaich, ghlaodh a mach le guth àrd agus le fiamh ghàire “Feuchaibh a nis Innseanachaibh glice dearbh fhianuis air m’ fhirinteachd. Thusa a churaidh aig am bheil inneal a’ bhàis ’na d’ dhorn buail le d’ uile neart: cha ’ne amhàin gu bheil thu eu-comasach air mo cheann a sgaradh bho m’ chorp, ach eadhon deargadh air mo chraicionn!” Mun gann a labhair e na briathraibh so tharruing an t-Innseanach buille eagallach a thug air ceann an t-saighdeir leum fichead slat air astar! Sheas na daoine fiadhaich làn iongantais! Spleuchd iad air a’ charcais fhuiltich, an sin air càch a chéile mar gu’m beadh, an diùmb riutha féin airson am faoineachd. Gidheadh dh’ àrd-mhol iad an ìnnleachd a chleachd an coigreach gu giorrachadh a bhàis agus gu seachnadh nam piantaibh dóruinneach a bha air an ullachadh f’a chomhair agus dh’ adhlaic iad a chorp le àrd onairean an dùthcha. Ead. Domhnull bàn Saighdear. Taobh Lochiall, 1836. PRIONNSA TEARLACH A’ DEALACHADH RI FLORAIDH DHOMHNULLACH. Air Fonn—“The Exile of Erin.” DH’IONNSUIDH cladach a’ chuain ri fuar-ghaoth an anmoich Thainig Tearlach gun deàlradh air allaban ’s e sgìth; Cha robh reult air a bhroilleach no freiceadan a’ falbh leis, Ach ainnir nan gorm-shul neo-chearbach le lì; Mar dhaoimean san oidhche bha ’mhaighdeann fo thùrsadh, ’S i cràiteach thaobh Theàrlaich bhi fàgail a’ dhùthcha, Bu tróm air a h-osna ’s bu ghoirt deòir a sùilean, ’Nuair chunnaic i ’n iùbhrach a’ dlùthadh ri tìr. [TD 242] Bha ’ghealach a snàmhadh thar àirde nan stùc-bheann, ’S a gathannan siùbhlach air dlùth-thonna ’leum; Ach ghrad thug i ’n aire ’s mar bhean air a ciùrradh, Chuir sgàil air a gnùis-ghil de thiugh-neòil nan speur; A’s dh’ fhalaich na reulta iad féin anns a’ ghorm-bhrat,— Bha osna na gaoithe ’trom-chaoidh na bha falbh lea’— ’S b’e gearan a’ chuain an ām bualadh ri garbh-chraig,— “Mo léir-chreach! an Albainn ’s ann mharbhadh na tréin!” Sheas Flòraidh a’s Teàrlach air tràghad nam faochag, ’S bu reub-chridheach aog-neulach ’n aogas le cràdh Cha robh focal o ’m bilibh ach sileadh gun fhaochadh, ’S iad aodann ri h-aodann air glaothadh le gràdh: Ach thàinig a’ bhìrlinn;—’si ’n rìbhinn a thòisich, La brist-ghuthan anamhunn air seanachas gu dònach, Mar chlàrsach ’s a teudan gun ghleusadh gun òrdugh, Bha reult nam ban òga fo dhòlum ’s fo spàirn. “A Thearlaich mhic Sheumais ’ic Sheumais nam cùirtean, Mo leònadh! do chrūn ’bhi air ùmpaidh gun euchd; Mo leònadh! na treun-laoich cha ’n éirich ’s cha dùisg iad A trom-chadal dùint-shùileach ùdlaidh an éig! Cha ghlac iad an lann anns a’ champ ri uchd nàmhaid— Cha sgap iad fir Shasunn mar asbhuain ’sna blàraibh— Cha’n fhaic iad do bhratach ’s cha ghlac iad air làimh thu— Ni sàile ’s am bàs ’ur fad-fhàgail o chéil’! “A Thearlaich mhic Sheumais ma dh’ fheumas tu triall uainn’ Gu’n coimhead mac Dhia thu bho fhiacla nan daoi! Gu’n stiùr e an iùbhrach air dlùth-thonna liath-ghlas, Gu réidh-shligheach, dian-shiubhlach fior-luath gu tìr! Gu ’m boillsg anns an oidhch’ ort na soillsearan nèamhaidh, Gu h-iùlmhor ’ga d’ ghiùlan do dhùthaich ’s nach fheum thu, Bhi ’na d’ fhògarach brònach fo chòmhdach mar reubal Aig allmharraich éitidh neo-spéiseil ’nan crìdh’.—” “O Albainn! tha ’n t-àm aig do cheann-sa ’bhi dórtadh ’S do Phrionns’ uait air fhògradh ’s do laochraidh san uaigh! Biodh crònan do phìoban a’ sìor-dhiùltadh ceòil duit, ’S do chlàrsairean rò-mhilis dòineach gach uair: Biodh cruitearan sgiathach nam fion-chranna sàmhach,— Cha dóirt iad an ceileir am broilleach mo Theàrlaich— Cha dùisg iad na treun-laoich a dh’eug anns an àrfhaich’— ’S cha mhosguil am Bàs dhoibh air àirdead am fuaim!” Ach stad i,—’s le ròs-bhilibh phòg e a’ mhaighdeann, A’ siabadh gu caoimhneil nan deura o ’sùil:— “Glac sòlas a ’Fhlòraidh tha òganaich Fhrangach A dh’éireas neo-ghann leam a bhuannachd mo chrùin; ’S tha lasgairean anaghlonnach ’n Albainn a dhùisgeas, Le ’n trusganan balla-bhreac ’san armaibh math dùbailt, Theid cath-thromp nan garbh-chrioch le borb-sgread ’s a bhùirich, ’S bi ’dh trupairean crùbach gun lùghs anns gach cùil.” [TD 243] Dh’fhàg e i ’caoineadh ’na h-aonar air tràghaid, A’s sheòl e sa’ bhàt’ uaip a’ fàsgadh nan dòrn; Bha ’cliabh air a lìonadh le h-iarguin los sgàineadh, ’S i airtneulach ànrach guu mhànran gun cheòl; Laidh braona na h-oidhch’ air a’ mhaghdinn ghlain àluinn— Bha ’h-inntinn gu luaineach air chuan mar-ri Teàrlach— Cha ’n fhac i e tuille chum na buillean a phàighaidh— Ach mheudaich a gràdh dha gach là bha i beò. D. B. M‘L. Bun Lochabar, An IXmh. Mios, 1836. TRIATH GHART Tha an gràbhaladh air carragh cuimhne a’ Ghàidheil urramaichte so mar a leanas. Mar chuimhneachan Air an Fheachd-Cheannard Urramach DAIBHIDH STIUBHART, Triath Ghart. Chuireadh an Cuimhneachan So suas le cuid d’a Chàirdean Albannach, Mar dhearbhadh air meud an urraim, agus dealas an gràidh dha. Chaochail e Ann an Eilean ST LUCIA, Air am b’ àrd Fhear-riaghlaidh e, Air an ochdamh là-deug de mhios deireannach Na bliadhna 1829. Bha a bhàs ’na chall mòr do ’n Rìoghachd uile, Ach gu h-àraidh d’a dhùthaich féin, “TIR NAM BEANN.” “B’ fhear e nach no chuir riamh a chùl r’a charaid No r’a nàmhuid” [TD 244] GLEANNFIONAIN Tha an gràbhaladh air a’ charragh-chuimhneachain anns a’ ghleann so mar a leanas. ’FHIR ASTAIR, MA’S MIANN LEAT LUAIDH AIR SGEUL AINMEIL NAN LAITHEAN A THREIG, Thig dlùth agus dean ùmhlachd. So an t-àite Anns an d’ fhoillsich Prionnsa Tearlach a Bhratach ’Nuair a sgaoil am fìrean òg a sgiathan A’m mòr-chùis ’anama A chosnadh na rìoghachd a chaill ’Athraichean, Agus a thilg se e féin Gun chòmhnadh gun charaid An uchd fiùghantach nam Flath Meamnach ’S nan laoch treuna A thogair éiridh gun athadh, A dhìol a chòrach no ’chall am beatha. Mar chuimhne Air an Rìoghalachd, an dìlseachd agus an cruadal, Anns gach gàbhadh a Lean; Chaidh an Tùr so thogail, Leis an òg-uasal urramach, Alastair Dòmhnullach, Triath Ghlinnealadail; A chaochail Beatha an Dun-éidionn Bliadhna MDCCCXV. An Tùs ’Aidh. TINNEASAN. TIGH-EIRIDINN RIOGHAIL GHLASCHO. Ghabhadh a stigh 446 euslan ré mìos mu dheireadh an t-samhraidh, 76 a bharrachd air àireamh a’ mhios mheadhoin. Do luchd fiabhruis 276 bhàsaich 35 Brice 12 bhàsaich 4 Tinneasan eile 158 bhàsaich 14 446 53 Chitear mar so ged tha àireamh nan euslan ni’s mò air a’ mhios so, nach ’eil na tinneasan co bàsmhor. ROB RUADH. [TD 245] AM FIADH-BHEATHACH. Tha ’n dà chuid, dealbh agus cuilbhairteachd a’ bheathaich ghuineidich tha ’nar beachd fillte san ainm, ach air a thuigsinn nas soilleire le muinntir a dh’ fhoghlum gliocas o lìonmhorachd nam baiteal anns an d’ fhuair iad buaidh air, gidheadh anabarach duaichni neo-fhaicinneach do’n t-sùil choitchionn. ’Se ’ionad còmhnuidh tìoralachd a’ bhaile-mhóir co math ri coillteichean uaigneach tìr nam fraoch-bheann, agus dubhar na h-oidhche aimsir a thuruis anns am bheil na mìltean dhiùbhsan tha ’g imeachd neo-chùramach san dorcha air an lot gu bàs, cha ’neil linn no eachdraidh no cearn do’n t-saoghal anns nach ’eil iomradh air; dh’ arduich se e féin thar uile ainmhidhean na machrach, agus iadsan nach dean ùmhlachd dha gearraidh e as a threud, thruaill e tobraichean an uisge—shearg anail a bheòil toradh an fhearainn, agus ’na sgiathan tha gort agus plàidhean bàsmhor leis na mhilleadh mòran slòigh, dh’ atharraich e riaghailtean na rìoghachd—armailtean shaltair e fo ’chasan, dh’ fhògair e an rìgh agus shuidh e féin air an righ-chathair,* ach so uile labhradh mu ’thimchioll leósan d’an d’ fhoillsicheadh a chealgaireachd. Anns an 18 mh rann do’n 13 caib. do leabhar an Taisbean. tha e mar so sgrìobhte. “An so tha gliocas, an tì aig am bheil tuigse àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich; oir is àireamh duine e; agus is e ’àireamh, sè ceud agus tri fichead agus sè.” Theagamh nach d’ thug thusa, a leughadair, riamh fainear gu’n do choimhlionadh an rùn-diomhair so, nuair a ghabh cinn Eaglais na Ròimhe dhoibh féin ard-inbheachd agus uachdaranachd os ceann rìghribh na talmhainn, mar an ceudna ainmean iasaid neo-cheadaichte do dhaoine; B’e h-aon diu “VICARIUS FILII DEI.” aon eile “PAULO V. VICE DEO.” litrichean a ni ceart àireamh an fhiadh-bheathaich ’se sin sè ceud agus tri fichead agus sè, V 5 I 1 C 100 A — R — I 1 U 5 S — F — I 1 L 50 I 1 I 1 D 500 E — I 1 —— 666 —— P — A — V 5 L 50 O — V 5 V 5 I 1 C 100 E — D 500 E — O — —— 666 —— D. S.—Thugaibh fios duinn am bi e’n aghaidh riaghailtean an Teachdaire cuid do theagasgan Eaglais na Ròimhe, air an coimh- * 2 Tes. 2. 4. [TD 246] measachadh ris na sgriobtuirean naomh, a leigeil ris d’ ar luchd-dùthcha. So oidheirpichidh sinn a dheanamh ann an litrichean goirid, agus cainnt neo-thruaillidh, mar a threòraicheas Spiorad an fhoillseachaidh. IAIN NOX. GLEANN-NIBHEIS, 1836. MU’N GHREIN. THA a’ Ghrian do’n t-saoghal nàdurra, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. ’Se a teas a ta toirt fàs do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i caomhalachd na glòir-mhaidne mu’n cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a làthaireachd,—suilbhir agus aidhearach le a tiodhlacaibh. Le a teas éiridh mìltean de chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eòin o’n cadal, agus dóirtidh iad a mach an ceileirean ceòlmhor ann an co-sheirm chiùil ’nuair a mhothaicheas iad a blàthas. Le mèilich bheir na treuda buidheachas air son teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar le’n àrd-gheumnaich an taingealachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic do’n fhonn. Bheir teas na Gréine air gach luibh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm;—còmhdaichidh e na craobhan le duilleach—a’ mhachair le arbhar agus meas,—na sléibhtean le buar agus treudaibh, agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingealachd. A réir cunntais nam feallsanach no nan daoine foghluimte, tha a’ Ghrian deich ceud mìle uair ni’s mò na an talamh, agus ceithir fichead agus cóig muilliona deug do mhìltibh air astar uaith. ’Nuair tha a’ Ghrian fada gu deas tha an latha goirid, agus an aimsir fuar againn san eilean so; ach an uair tha i’ pilltinn gu tuath tha ’n là a’ fàs fada, agus tha blàthas an t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luibh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lom gaoth reòta a’ gheamhraidh. Smuaintichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil a’ ghrian ag éiridh san aird-an-ear agus a’ dol fodha san àird-an-iar, do bhrìgh nach ’eil iad a’ tuigsinn gu bheil an talamh a’ tionndadh mu’n cuairt, no a’ cur car dheth aon uair ’sna ceithir uaire fichead; agus le so a’ nochdadh na gréine do shùilean an duine mar gu’m biodh i ag éiridh san àird an iar gach uair a ta an talamh a’ cur car dheth air an dòigh so. Tha cuid do na reultaibh tha ’sgeadachadh aghaidh nèimh le sgèimh ghrinn, mòran ni’s mò na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil iad uile air an àiteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil ruinn féin. Comharaichidh am feallsanach le inneil-seallaidh beanntan agus uisgeachan air aghaidh na gréine agus na gealaiche—chì e air uairibh cuid de na h-àrd-bheanntaibh a’ brùchdadh amach teine agus luaithre amhuil a ni beinn Etna ann an Sisili; agus cha’n’eil e eu-cosm- [TD 247] huìl gu’m feud na h-inneala-seallaidh a bhi air an leasachadh cho mór agus gu’n comharaich iad fathast an sluagh gun àireamh tha ’g àiteachadh gach mìle saoghal a ta mu’n cuairt duinn. Tha oibre Dhé ro-lionmhor agus iongantach. Cha’n urrainn do chreutair cruthaichte an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas os ceann gach ni air an urrainn da smuainteachadh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a ta ’gan cumail suas, an-àrd os ceann eòlas chloinn nan daoine. ’Nuair a dh’-amhairc Daibhidh air oibribh iongantach agus glòrmhor an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na nèamha an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speura gniomh a làmh. Tha là a’ deanamh sgéil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais a dh’ oidhche. Cha’n’eil cainnt, cha’n’eil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Do’n ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda a’ teachd a mach á ’sheòmar: ni i gairdeachas mar ghaisgeach a’ ruith a shlighe. Tha a dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus cha’n’eil ni air bith a dh’ fholaichear o a teas.” LUACHA-PEIGHINN. Bha bean chòir ann an siorramachd Pheairt a bha air a sàrachadh leis an déideadh agus ’nuair a dh’ fhairtlich oirre fulang na b’ fhaide chaidh i do bhùth lighiche a tharruing na fiacal. Chaidh an lighiche gu seòlta, grìnn mu thimchioll, agus mun gann a dh’ fhairich i e bha ’n fhiacaill aisde. “Cha chuir an té sin tuille dragh ort” ars’ an lighiche. “’S math sin” ars ’ise “’ne sin na tha thu dol a dheanamh?” “’Sè” ars’ esan. “Ciod a bheir mi dhuit airson so?” ars’ ise. “Sgillinn Shasunnach” arsa ’n lighiche. “Sgillin Shasunnach!” ars’ ise le feirg anabharrach, “theid mi ’n urras gur saor a choisinn thu i. An fhiacaill mu dheireadh a thainig asamsa ’se ’n gobhainn, an duine còir a tharruing i, agus shlaod e mi san dearg sgreadail ceithir uairean tarsuinn na ceardach mun d’ fhuair e a spìonadh asam, agus an déigh sin uile cha do thog e ach sè sgillean.” DEAS FHREAGRADH. Thainig fòghlumaiche òg féin-spéiseil dachaidh o aon de na colaisdean Sasunnach a dh’ amharc a chairdean. Air an ath latha an déigh dha tighin bha dà chirc air a’ bhord aig àm dinnearach. Bha ’athair a’ fèoraich gach naigheachd dheth agus dé ’m fad a bha e air aghaidh ann an sgoilearachd. “Nach eil an sin,” ars’ an t-òganach, “dà chirc?” “Thà gun teagamh,” ars’ an seann duine. “Cuiridh mi geall matà” ars’ am fear òg, “gu’n toir mise oirbh a chreidsinn le deas-chainnt deasboireachd agus cùnntas, gu bheil trì cearcan ann.” “Tha eagal orm nach bi sin ro fhurasda dhuit” ars’ an seann duine, “ach feuch ris.” “Tha sibh a’ faicinn an so” ars’ an t-òganach, “a h-aon, sin a dhà; cha ’n urrainn sibh àicheadh nach dean a h-aon agus a dhà trì.” “Tha coltach nach urrainn” ars’ an seann laoch aig nach robh idir moran ionnsuchaidh, “’s anabharrach tapaidh a fhuaradh tu gu dearbh, agus is math buileachadh na chosd mi riut. Tha nise cearc an t-aon againn. Bidh uime sin a’ cheud tè aig do mhàthair, gabhaidh mise ’n dara té, agus bidh an treas té agad féin airson do sgoilearachd.” Bha aon de rìghribh Shasunn air fharranachadh le droch caithe-beatha aon d’a mhor-fhearaibh, agus air dhà bhi aon latha ’ga sgràilleadh gu h-anabharrach thuirt e ris, “A réir na tha mi a’ cluinntinn agus a’ faicinn, tha mi fiosrach gur tù duine ’s coirbte ’s a’s miosa san rioghachd.” “Am measg nan iochdaran, le cead ’ur mòrachd” ars’ am fear eile “tha mi a’ creidsinn gu dearbh gur mi duine ’s miosa.” [TD 248] NAIGHEACHDAN. Cha ’n urrainn duinn a ràdhainn gu bheil naigheachd air bith is fiach aithris anns na paipeirean an dràst; agus cha ’n ion fiuthair bhi againn ri móran de ’n t-seòrsa so gus an suidh a’ Pharlamaid. Tha cogadh na spàind a’ dol air aghart gun mhóran buaidh air taobh seach taobh; agus a réir gach coltais air an àm so tha mhiann air righ Bhreatunn leigeil eatorra féin, gun tuille gnothuich a ghabhail ris. Tha móran de na h-oifigich Bhreatunnach air tilleadh dhachaidh. ’S taitneach leis gach fìor Ghael a chluinntinn gu bheil Common Gaelach air éiridh suas ann an Grianaig, coltach ri Comunn Gaelach Ghlaschu; agus gu bheil iad cheana air tòiseachadh ri tighean-sgoile thogail chum ionnsuchadh a thoirt do chlainn Ghaelach an nasgaidh. Tha àireamh lìonmhor de na daoine ’s measala ’s a’s murraiche sa’ chearn sin ’nam measg; agus is ion fiuthair gu’n dean iad mòran maith d’ar luchd-dùthcha. MARGAIDHNEAN. Mairtfheoil o 3 gu 7 sgillean am punnd. Muiltfheoil o 4 gu 6 sgillean am punnd. Feoil Uan o 4 gu 5 sgillean am punnd. Min choirce o 22 sgillean gu 2 sgillinn shasunnach a’ chlach. Buntàta o 5 gu 6 sgillean a’ chlach. Im ùr o 13 sgillean am punnd. Builionn nam 4 punnd 7 sgillean agus 6 sgillean. Uighean o 8 sgillean gu sgillinn shasunnach an dusan. D’AR CAIRDEAN. Tha ioma ni a bha shannt oirnn a chur san àreamh so, agus cuid a gheall sinn, is éiginn duinn a leigeil seachad gus an ath Theachdaire. Theireamaid ri “Iain Nox” gu’m bi sinn toilichte fiosrachadh air bith fhaotainn uaithe mu dhéibhinn a’ chreidimh Phàpanaich, ach bu mhath leinn gu’n tigeadh gach ni a bhuineas do chreidimh tre lamhan na cléire. Chì e gu bheil anns an àireamh so sinn air tòiseachadh air soilleireachadh a thoirt d’ar luchd-dùthcha m’a dhéibhinn. Tha iomadh duine sgairteil fiosrach ann an gnothuichean eile, a tha tur-aineolach mu’n chreidimh Phàpanach, agus ma smuainticheas sinn air an dòigh dhìomhair anns am bheil na sagartan ’ga ghleidheadh, cha chuir so moran iongantais oirnn; gidheadh, a réir ar beachd-ne, ’s dona thig e do dhuine sam bith anns an rìoghachd so far a’ bheil a liuthad cothrom air fiosrachadh cinnteach, a bhi aineolach no suarach mu chùis cho cudthromach. Na smaointicheadh duine sam bith gu bheil gamhlas againne do na Pàpanaich. Cha ’n eil idir. Tha fios againn gur a h-iomadh duine fiachail foghainteach a tha ’nam measg. ’S ann amhàin mu phuinc a’ chreidimh sin a labhras sinn agus cha ’n ann mu’n luchd-aidmheil. Anns an ath Theachdaire bheir sinn tuille fiosrachaidh mu America. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil mòran ag ullachadh chum falbh, agus bu deònach leinn gach fiosrachadh feumail a b’ urrainn duinn a chur ’nan caramh. Tha so air mhodh sònruichte ’nar comas a thaobh moran chairdean a bhi againn ann, agus iomadh litir thuigseach uapasan agus o luchd-eòlais eile. GLASGOW: PRINTED BY GEORGE BROOKMAN. [TD 249] CONTENTS. PAGE Preface, 1 Letter and Poem of welcome to the “Messenger,” 3 Letter from “MacTalla”, 5 Wine Bottles of the East, 6 Indian Riddles, 8 The Mountain Dwarf, 11 Spiritual Ode, 15 The Christian’s Death, 15 Battle of Hohenlinden, 16 The Sisters—their different fortunes, 17 The Five Kernels of Corn, 19 Melchisedec, 21 The Mule and the Ass—a fable, 22 Voltaire, 23 The Happy Man, 23 Good out of Evil, 23 Minute Dissection of the Bible, 23 Distressing Accident, 24 Answers to Correspondents, 24 [TD 250] [Blank] [TD 251] CONTENTS. PAGE The Mountain Dwarf, continued, 25 Hymn, 28 Fasting (the nature of), 29 Verses on the Death of an Infant, 30 Verses on Free Masonry, 30 Days of the Week—Etymology of their Names, 31 The Morning Dew, 36 Humorous Account of a supposed Serpent, 37 Song by a Husband in praise of his Wife, 38 The last Wolf destroyed in the Highlands, 40 Geographical Facts, 40 The real Gentleman, 41 Letter of Criticism on Part 1st, 42 Prospectus of a New Gaelic Book, 43 Account of Job Potter, 44 Sabbath Breaking, 45 Irish Anecdote, 46 Irish Anecdote 46 What shall I do to-morrow? 46 Markets, 47 News, 47 Census of the Highland Population, 47 Answers to Correspondents, 48 [TD 252] [Blank] [TD 253] CONTENTS. PAGE The Mountain Dwarf (concluded), 49 Highland Superstitions, a most revolting instance of 52 Highland Freebooter of the last Century 53 The Minister and the Bully, 56 Melchisedec, 57 Circulating Medium, comparative value of at different times, 59 Hope, 61 Spiritual Ode, 62 Friendship, verses on 63 Song, translated from English, 64 Months, the ancient Gaelic names of 64 Benefits of Faith, 66 The Christian’s Death, 67 Knowledge, Effects of 67 St. Kilda, want of Civilization 68 Letter from Bute, 69 Clan Song, the Macdonalds of the Isles 69 Ghost Story, 71 Markets, 71 News, 72 Answers to Correspondents, 72 [TD 254] [Blank] [TD 255] CONTENTS. PAGE Melchisedec, 73 Patrick O’ Rourke, 76 Power of the Gaelic as a Language, 82 Complimentary Verses to the former Gaelic Magazine, 83 Song—Original, 83 Familiar Dialogue—Zoology and Ichthyology of the Northern Regions, 84 Humorous account of the Conversion of a Woman-hater, 89 The New Coat, 91 Shepherds of the Alps, 94 Song, 94 New Gaelic forthcoming Publication, 95 Markets, 96 News, 96 Notices to Correspondents, 96 [TD 256] [Blank] [TD 257] CONTENTS. PAGE Ishmael in the Desert, 97 Familiar Dialogue—Zoology of the Northern Regions, 99 Humorous Complaint, by a Highland School-boy, 105 The Conscientious Barber, 107 Poetical Certificate to a Mendicant, 109 Ode to Echo, 110 Ancient Highland Story—the Campbells, 111 Ancient Highland Story—the first Minister Settled in the Highlands, 119 Rebellion of 1745—Rencounter and subsequent friendship of two Officers on opposite sides, 112 Tyrolese War—Death of Hofer, 114 The Gaelic Rule of Spelling—“Leathan ri Leathan,” &c. 118 Markets, 120 News, 120 Answers to Correspondents, 120 [TD 258] [Blank] [TD 259] CONTENTS. PAGE The Lord’s Supper, 121 The Cardinal Points—very remarkable etymology of their Celtic names, 123 Ship of War of 100 Guns—Inventory of Materials, &c. 125 Queen Semiramis, 126 The first and the second Adam, 131 The Enemies of the Church of Scotland, 134 King David’s Lamentation over Saul and Jonathan, 137 Spiritual Ode, 138 Expectation of the return of Spring, a Poem, 138 Ode to Lochduich, 139 The Searching of the Scriptures—important benefits arising from 140 Ancient Highland Story—the Cummings and M‘Intoshes, 143 King Alfred, 145 Toothache—newly discovered cure for 146 Battle of Corunna and death of Sir John Moore, 146 Remarkable fulfilment of Prophecy, 149 Confidence in Providence, 150 Growth in Grace, 150 Faith, Hope, and Charity, 150 Markets, 150 News, 140 Answers to Correspondents, 152 [TD 260 [Blank] [TD 261] CONTENTS. PAGE Familiar Dialogue—Habits of the Esquimaux, 153 Battle of Corunna, (Continued from last No.) 159 Glasgow Royal Infirmary, 164 Noah—considered as a type of the Saviour, 167 Column for the Boys—Essay on Arithmetic, 170 Troubles of the Young, 173 Homer’s Iliad—Translation from, 177 Love—verses on, 178 The Keppoch Murders—Ancient Legend, 179 New Gaelic Publications—Critical Review of the “Mountain Minstrel,” 182 Markets, 184 News, 184 Answers to Correspondents, 184 [TD 262] [Blank] [TD 263] CONTENTS. PAGE Ancient Highland Legend—The Stewarts of Garth, 185 The Duke of Alva’s Breakfast, 186 Alibeus the Persian, 188 Intention to Murder Punished, 191 Horses and Steam, Comparative Powers of, 192 Highland Legend—The Keppoch Murders (continued), 193 The Golden Age, 197 Song, 198 King David’s Imprecations, 199 The Dead Sea, 200 Melancholy Celebration of a Marriage, 203 Glasgow Royal Infirmary—State of Public Health, 204 The Drunkard’s Cup, 204 Answer to the School-boy’s Humorous complaint in Part V., 209 The Siege of Calais, 211 New Gælic Publications, 215 News, 215 Markets, 216 Answers to Correspondents, 216 [TD 264] [Blank] [TD 265] CONTENTS. PAGE Popery, 217 The Inquisition, 218 Publius Lentulus’ Description of Jesus Christ, 221 Profane Swearing in the Army and Navy, 222 Ventilation of Sick Chambers, &c. 224 Instincts of Animals, 225 The Hermit, 228 Ancient Highland Legend,—M‘Leans of Ardgour, 228 Old Age, 231 What do the Highlands want? 233 Training of the Young, 235 Lines on Staffa, 236 Spiritual Ode,—Praise of Grace, 237 Highland Soldier and Indians, 240 Parting of Prince Charles and Flora M‘Donald, 241 General Sir David Stewart of Garth’s Monument, 243 Monument in Glenfinan, 244 State of Health in Glasgow, 244 “The Beast with Seven Heads,” 245 The Sun, 246 Pennyworths, 247 Ready Answers, 247 Markets, 248 News, 248 To Correspondents, 248