[TD 1] LAOIDHEAN SPIORADAIL. A CHUM CUIDEACHADH LE CRÀBHADH NAN GAEL. LE DONNACHADH DUGHALLACH, ANN AN EILEAN THIRIDHEADH. Ach ni mise dichiol, a chum an deigh dhomh Suibhal; gu ’m bi agaibhse gnath chuimhne air ’na nithibh so. 2 Pead. i. 15. O Seinnibh oran nuadh do Dhia, Salm xcviii. 1. Gach sluagh ’th, air muir ’s air tir; Salm xcvi. 1.—lxix. 34. Oir seinnidh iad gu ceolmhor ait, An slighe ’Righ na sith, Salm cxxxviii. 5. Le guth na Sailm biodh seinn a chliu’ Salm xcv. 2. Le laoidhibh ’s danaibh fior; Colos. iii. 16. Ach gus an cluinnear fuaim bhur guth; Mur thurtuir anns an tir. Dan. Shol. ii. 12. GLASGOW: PRINTED BY JOHN NIVEN & SON, 55, GLASSFORD STREET. 1841. [TD 2] [Blank] [TD 3] AN ROIMHRADH THA iadsan a th’ air an gairm, gu bhi gnathachadh am feumalachd mar luchd teagaisg ann an rioghachd Chriosd; air an samhlachadh ri h-iasgairean Esecl. xlvii. 10. Mat. iv. 19. Luc. v. 10. Muinntir mu’m bheil sàr fhios, an deigh na h-uile biathadh a dh’atharuicheas iad air an cuid dhubhan—an deigh na h-uile dichiol a chleachdas iad ri ’n cuid bheartan, agus eanguichean a chur an deagh ordugh—an deagh na h-uile saothair a chaitheas iad; na h-uile fuachd is fliuchadh—Anradh Oiche ’s latha—Sgios, is acras; cunnart is gàbhadh; is eiginn doibh fhulang ’sa ghiulan. Tha cuid do iasgaibh nach urrainn iad gu bràth a ghlachdadh aon chuid; le dubhain na le eanguichean. Gidheadh tha cuid do iasgaibh nach urrainnear a a ghlacadh le dubhain; a ghlachdar gu furasda le eangaichean. Samhladh, freagarach do thaobh Saothair luchd teagaisg an t-Shoisgeil agus do thaobh iompachadh pheacach. An deigh na h-uile saothair ghraidh, dilseachd is eud a chleachdas iad ann cur an cèill na firinn—an deigh na h-uile cunnart a riutheas iad o aite gu h-aite—an deigh gach urnaigh is trasgadh; is tagradh durachdach a ni iad aig caithir na’n gras gu’m biodh saothair an graidh air a crunadh le buaigh.—Agus an deigh a bhi ’cur an ceill na firinn ann am follais agus o thigh gu tigh. An deigh an dichiol eudmhor ann an Sgriobhadh leabhraichean, Shearmoin ’s, Laoidhean. Tha cuid do pheacaich nach gabh a’ bhi air an glacadh an lion an t-soisgeil ’s air am bi an saothair caillte. Gidheagh tha cuid nach leig an uabhar leo cluas a thoirt do’n fhirinn air a searmonachadh, a tha gabhail a’ bhi air an iompachadh air uairibh le bhi leughadh sa ’g eisdeachd leubhraichean [TD 4] maithe—Shearmoin na laoidhean spioradail. Dearbh fhiosrach air gu faigh an soisgeul fuidh sgeudachadh ciuil a’ bheatha do’n bhaile; aig moran nach fhosgladh an dorus dha air sheol eile, mhiannuich an t-ughdar a leabhran so le chuid danaibh spioradail, a thilgeadh a mach mar lion air iartas a Mhaighistir o thaobh deas na luinge air feadh cuan mor an t-shaoghail dhaonna ann an dochàs gu’m feud e soirbheachadh, ann an tachdar mòr do peacaich chaillte a tharraing gu tìr air tràigh na tròcair. Tha ’n t-ughdar air fhaire, gum feud an lèabhran so tachairt ri cuid ris nach cord a shaothair; a reir an t-shean-fhocaill “Cha bhi miann dithis s’an aon mheis.” Agus tha ’t-Abstol Pol a’g radh “na ’m bithinn fathasd a toileachadh dhaoine cha bhithinn am Sheirbhiseach aig Criosd.” On ’s iad firinnean a dh’ fheudas a bhi buannachdail do anamaibh; ciod sam bith cho mi-thait’neach sa bhios iad do “Chluasaibh tachasach.” Tha e dearbhta ged a dh’ fheudas cuid aig nach eil eolas air an fhirinn; a bhi coimheach riu Gidheadh gu’m bi iad air a failteachadh le mòr-fhuran aig na h-uile a “bhlais gu’m bheil an Tighearna gràsmhor.” Tha cuid a dh’ fheudas a bhi coireachadh an ughdair airson na ’m fonn fo ’m bbeil cuid do na danaibh spioradail so; ach tha e ’n dochas’ nuair a thuigeas iad a chrioch a bh’ aige anns na fuinn so ghabhail gu’n tiondaidh an gruaim gu gean ris. “On na dh’ fhoillsichieadh Mac Dhe chum gu sgriosadh e oibre an diabhoil;” roghnaich an t-ughdar a chum a “bhi na cho-oibriche maile ri Chriosd” ann an sgrios a chuid do oibribh Shatain a bha anns na h-oranaibh mi-naomh a bha fo ’na fuinn sin agus a chur nan aite danaibh spioradail a tha foillseachadh a mach gloir Dhia. Sa dh’ fheudas a bhi na ’m beannachd ’s na ’m buannachd do anamaibh neo-bhàsmhor mòran da cho-ghael. S’on se so a chrioch a bh’ aige arson nan fonn sin. Tha e ’n dochas ann an aite buille dhochannaich na criom—achair; gu’ faigh e failte ’leithsgeulach fhuranach an t-shuaircis. ’So ’n a tha Seinn a deanamh suas, cuid do sheirbhis na ’n naomh ann an tìr so an oilthireachd—agus na sheirbhis a bhios [TD 5] gu siorruidh, acca; an deigh an turas a chriochnachadh le h-aoibhneas. Agus an ceangal ris a so: na dhleasanas leis am bheil an t-Abstol aig iarraidh air na creidmhich a cheile earalachadh “le salmaibh, le laoidhean ’s danaibh spioradail, &c. Col. iii. 16. Tharruing na riasuin so (maile ri iartas cuid do chairdean an t-shoisgeil a fhuair eolas air am brigh sa bhreithnich gu’m feudadh iad bhi ro-fheumail gu leas spioradail morain do luchd aiteachaidh air gaeltachd ’sair ’n Eileannan, “Chum rabhadh dhoibhsan a tha mi-riaghailteach agus comhfhurtachd dhoibhsan a tha lag chridheach, &c.”) An t-Ughdar gus na danaibh so a chuir ann an clo-bhualadh. Agus mar so an soisgeul ni is e cumhachd Dhe a chum slainte do gach neach a chreideas, a shearmonachadh dhiubh as ’ur ann an danaibh spioradail; gu bhi moladh slighe Dhe do’n dream a tha fathasd gun eolas orra; agus gu misneach a thoirt do’n mhuinntir a fhuair eolas orra, gu buanachadh innte chum na criche “Chum ’sgum faigh iad crun na beatha.” A’ guidhe beannachd Dhia an Athar a Mhic, agus a Spiorad naoimh a bhi leanntuinn nan danaibh so a dh’ ionnsuidh na h-uile teaghlach is cridhe gus am feud an leabhran so teachd: is e iartus durachdach bhur Seirbhiseach umhal san t-Shoisgeul. DONNACHADH DUGHALLACH. [TD 6] [Blank] [TD 7] LAOIDHEAN SPIORADAIL. A BHREITH A RIS. I. THUIRT an TI tha NEO-CHRIOCHNACH le firinn a bheoil, “Mur a beirear duine ris,” “’S mar a ceus iad an fheoil;” Nach mealadh iad a Shith san an rioghachd na gloir: Ach gu’m biodh iad air am fuadach gu truaighe ’s gu bron. II. Tha briathran na firinn air ìnnseadh le Pol, Mu ’n dream a’s le CRIOSD “gn’n do cheus iad an fheoil;” Sgur a creutairean nuadh iad tha gluasad na rod, A chuir dhiu ’n duine truaillidh, ’s ’chuir suas an duin’ og. III. O THI th’ anns na Neàmhan air t-àrdachadh shuas, Seall ann ad fhàbhar air àrdan an t-Shluaigh: Sa mheud dhiu ’s ’tha gòrach snach d-fhòghlum iad uait; O pill agus seol agus treoraich iad suas. IV. Fosgail suilean air n-înntinn le ’d Spiorad o’n àird; ’S thoir d’ ur n-anamannaibh treòir gu bhi beò ann ad ghràdh; ’S cuir tart oirn’ a dh’ ol as an t-shòlas nach tràigh, As an lanachd tha ’n CRIOSD ’phaigh na fiachan le bhàs. V. Thoir fradharc agus èisdeachd le eifeachd do’n t-Shluagh, ’S gu’m faiceadh iad a ghne ’tha do eucail na ’m buaigh’n; ’S gu’m blaiseadh iad cho gràsmhor tha Slàn-fhear nam buadh, A tha tairgseadh le ghràs ’n deanamh àluin is nuadh. [TD 8] VI. Ach tha ìnnleachdan laidir aig Satan gach uair, ’S tha e dh’ oiche s’ do là dol mar nàmhaid mun cuairt: Tha e gealltuin duibh sith sgur i crioch a bhios truagh; ’S mur a pill sibh gu Criosd’ gheibh sibh diteadh bith-bhuan. VII. Och! a mhuinntir an t-Shaoghail nach aom sibh bhur cluas; Agus eisdibh an sgeul tha ga leughadh do’n t-Shluagh; Gun a cheusadh MAC DHE airson èuceart a Shluaigh, ’S thug E sith agus Slaint’ trid a bhais ud ma’n cuairt. VIII. ’Sud am bàs a bha cràiteach is nàrach gu leòir, Bha na tairgnean ga Sathadh troimh’ lamhan le h-òrd; ’N t-shleagh ga sàthadh na thaobh as na thaom fuil gu mor: ’S ud an fhuil am bheil a bhuaigh, a dh-athnuadhachadh Slòigh IX. Chuir iad crùn droighinn teann air a cheannsan a Sàs, ’N deigh fholas a bhi braonadh tre chaomh chorp gu lar:— ’S dh’ fhuiling E’n crann-ceusaidh lan pèinn agus cràidh; ’S ged a leag iad E san uaigh, thug E buaidh an treas là. X. Cha do thruaill E san uaigh ’s thug E buaigh air a bhàs, ’S fhuair E Saorsa da ’shluagh O! bu bhuan doibh a ghràdh; ’S thug mar bheò-dhochas gloire ga’n còmhnadh a ghnà,— Oighreachd Shiorruith neo-thruaillidh, nach gluaisear gu brath. XI. ’S ged a tha iad gu tàireil san fhàsach ’s air chuairt, Chionn gu’n d-iompaich a ghràs iad gu gràdh thoirt do’n Uan: Bheir E fathast iad an àireamh na’m bràithrean thug buaigh; Gu bhi Seinn ann am Pharais le gairdeachas buan. XII. Nuair a dhireas tu ’n àird’ gheibh thu fàilte o’d Righ, Cha bhi bron ann na bàs cha bhi cràdh ann na peinn: Bidh a ghnùis dhuit’ nas aille na dealradh na grèinn’;— Agus Siabaidh a lamh uait gu cairdeil gach deur. [TD 9] XIII. Rioghachd cumhachd agus gloir biodh do Mhor Righ nan Sluagh, A dh’ umhlaich, dhuin, an t-shaorsa trid Aon-ghin nam buadh; A ghabh a nàdur daon’ air ’chum naomhachd a shluaigh, ’S theid na chreideas ann a shaoradh o dhaorsa ’so thruaigh. XIV. Ach a mhuinntir neo-iompaicht’ nach striochdadh da ghràs, Nach gabhadh ris an fhìrinn mar Shiol na “breith o’n-àird,” Bidh iad uile air an diteadh o rioghachd gu bràth: “’S mar a beirear duine ris” Gheibh e Siorruitheachd a chraidh. XV. On a rugadh sinn on fheòil tha sinn neòghlan is truaillt’, ’S tha naimhdeas do IEHOBHAH mar phòr annainn buan: ’S cha’n urrainn sinn san dòigh sin gu glòir a’ dhol a suas; ’S nach eagalach an ceò sam bheil moran do’n t-shluagh? XVI. Cha dean saothair na inbhe, n-athghineamhainn: ach gras:— Cha dean foghlum na èolas ach còmhdach mar sgàil; Tha sud mar Sgathadh gheugan, San fhreumh anns an làr; Bha Sud aig Nicodemus ’s b’e fheum breith o’n aird’. XVII. Tha na creutairean nuadh ’ruith gu buan sa bhlar-réis, ’S iad ri Spairn a tha cruaidh chum ’s gu’m buannaichd iad neimh; Thaisg iad ionmhas ro luachmhor ’s ann shuas mar an ceudn’; Rinn Spiorad naomh na ’m buadh, an athnuadhach gu treun. XVIII. Thug E creideamh dhoibh an CRIOSD agus sith mar an ceudn’, ’S dhoirt E’ghràdh ann na’n crìdh’ leis an iomhaigh th’ air fèin: Tha beatha AIGE ga’n àrach, Se ’m blàth bhainne Seimh; “’S bidh am fàs ann an gras gus an tàrr iad gu nèamh.” [TD 10] CUIREADH NA BAINNSE. I. LABHAIR Ios’ ann an coimeas oirdhearc, Tha rioghachd neamha cosmhail gu Sonruicht’; Ri righ àraidh rinn banais phòsaidh, Da mhac fein ’s thug e cuireadh ’mhoran. II. ’S chuir e Sheirbhisich ’ghairm na ’muinntir, A fhuair an cuireadh a chum na bainnse: Ach cha b-àill leo teachd da h-ionnsuidh; ’S ann ghabh iad tlachd ann a bhi cuir cul ris. III. Nuair chunnaic, Dia Staid an t-shluaigh fuidh dhaorsa, Gun sùil gu truas diu ’na làmh gu saoradh:— A’s iad a basachadh leis na plaosgan, Thug cumhnant ùr dhuinn le beatha ’Saorsa. IV. Cho luath sa pheacaidh sinn, thainig bàs oirn, A’s chaidh air dùnadh amach a Pharais: ’S cha leigeadh ceartas a steach gu brath sinn, Mar d-thugta ùmlachd do’n lagh a’s: àrdach’. V. ’So ’na bhris Sinn an reachd sin aon uair, ’S ann tha e bagradh a pheanais daonnan: Air ’n dream nach buannaich Sna h-uile aon diu’, O, thùs a bheatha gu crich a Shaoghail. VI. Gur dall an ceò sam bheil clann na’n daoine, ’S gun fhios aca’ c’aite ’m bheil iad air faondtraigh; An tir na h-EIPHIT san tigh na daorsa: Na’n creach aig Satan le gradh an t-shaoghail. [TD 11] VII. Ach s’ann a dh-umhlaich E fein na dhea’-ghean, An iobairt thaitneach a chuir an ordugh: Sge be dh-itheadh dhi is a gh’ òladh; Bhiodh beatha shiorruith aige mar, throcair. VIII. Gach neach nach d’thig dh’ionnsuidh cuirm a phòsaidh, Nach blais do’n fhuil is nach ith don fheoil sin; Cha’n eil beath ann a’ gabhail còmhnuidh, ’S bidh fearg IHOBHA ga chlaoidh an dòrainn. IX. Cha ’ne biadh agus deoch le cheile, A tha E ciallach le brigh na feasda: Ach fhuil is fheoil san a chaidh a cheusadh; A chum na peacaich a thoirt gu rèite. X. Nuair sheas E ’n-àite na’n tràillean truaillidh, Bu sgrios do’n bhàs E ’s bu phlàigh do’n uaigh E: ’S ged bha Satan do ghna ga bhuaireadh; Gu robh A nàdur’ as eugmhuis truailleachd. XI. Bha e fiachaicht’ oirn leis an naomhreachd; Air gradh do DHIA agus gradh do dhaoine: A’s ge’ do mheas sinn mar ni ro fhaoinn e, Bu daor a dhioladh e le ’r FEARSAORAIDH. XII. ’Si so an Iobairt is motha tàbhachd, Chaidh ’thoirt a suas o’ na pheacaich Adhamh: ’Si so an Iobairt a choisinn slàinte; Do gach aon a bhios air an Sabh ’ladh. XIII. ’S ann chum na h-iobairts’ tha Righ na gloire, A cuireadh dhaoine mar chuirm phòsaidh: Da trid; sann dh’ umhlaich E ann na dheadhghean; An dream a sgapadh thoirt dhachaidh comhla. [TD 12] XIV. Chuir E Sheirbhisich ’mach na faidhean Is rinn iad sgeula air teachd an t-Shlan-fhir: Iad dheanamh aithreachais: ’s air a sgathsan; Nach biodh am peacanna air an àireamh. XV. Ach chuir iad cul sann ri gairm na slàinte, Agus mhasluich iad a chuid fhaidhean; Cuid diu mharbh iad is cuid diubh Shabh iad, A’s cuid diu chlach iad a dh’ ionus’ a bhàise. XVI. Tha so na dhearbhadh air ìnntinn fheòlmor, A tha na naimhdeas sann do IEHOBHA: Ge’d tha E cuireadh na h-uile Shlògha; Gur tearc an àireamh a tha toirt gloir dha. XVII. ’S chuir E seirbhiseach ’n deigh na ’m faidhean, Eoin Baiste a bh’ anns an fhasach; Be ’n ro-ruithfhear e bha roimh ’r Slan’ fhear; ’Sa ’neach is motha do na faidhean. XVIII. Be so an ti mu’n do sgriobh Isaiahs’, “Guth an ti ghlaodhas anns an fhàsach;” Se ’neach is mò aig an robh ri ràithinn: Mu theachd an Ti anns am bheil an t-shlàinnte. XIX. Agus shearmonaich e aig radh riu’, Deanamh aithreachas: chionn bhur graineilachd: Oir tha aobhar agus ceann fàth air, Tha rioghachd nèimhe gu teachd a laithir. XX. Bha fhianuis firinneach mar an ceudna, Thanaig an Ti sin Mu ’n d’rinn e sgeula: Oir rugadh Ios’ ann am Betelehem; Bha Righ na’n righrean an tir Iudea. [TD 13] XXI. Nuair chunnaic Eoin E se teachd na aonar, Thuirt e se chridhe lasadh le gaol da; “Feuch Uan De” a tha teachd gu ’r saoradh, ’Sa toirt air falbh peacannaibh an t-shaoghail XXII. Gur mòr an sòlas do neach tha leointe, Airson eus-umhlachd sa chionnta mhòra: Gun dhiol Criosd ann an coslas feol iad; Si so an fhirinn s gu ’m b-fhianuis Eoin dith. XXIII. Airson no firinn san thug iad beum dha:— Agus dhit iad e leis an eucoir, Chaidh a phriosunachadh le Herod; Agus an ceann a thoirt air a mheis deth. XXIV. Gur mòr an spid thug do ’n Righ an seors’ ud: Le leith’d do dhiol a dheanamh air oglach, Gur beag an t-ioghnadh ge ’d bheir E dorain: Don dream air fhirinn nach gabhadh eolas. XXV. Gur beag an t-ìoghnadh ge’d bheir E bron:— Air an dream a roghnaich ’n toilìnntinn fheolmhor; Oscionn na dinneir a chaidh an ordugh, Is cuireadh saor aig gach aon gu trocair. XXVI. Ge’d chual an Righ gun do mhill iad òglach, A’s gun do mhasluich iad ainm ro-òirdhearc: S’ ann tha E fathasd a tairgseadh tròcair; Do chinn-fheadhna na ’m peacach mòra. XXVII. Sann chuir E AON GHIN a ’nuas o’n àirde; An duil gu’n d-thugadh iad uram DHASAN; O ’n is creutairean iad bha bas’ chadh, A’s trid a theachdsan gu faighadh iad slainte. [TD 14] XXVIII. Se sud a ni a thug Criosd do’n t-shaoghal, Air faicinn Dha staid an t-shluaigh fuidh dhaorse: A’s thug E umhlachd do’n lagh ro-naomhsin; Fad uile ’laithean ’bha E san t-shaoghal. XXIX. A chum gu’n creideadh na h-uile dhaoine, Gur h-Easan ’n Ti bha gu teachd gu’n saoradh: Sa mheud sa chreideadh ann mar Fhearsaoraidh; Gu’ measte umhlachdsan do na daoin’ ud. XXX. Ge’d bha chuiridhean doibh cho aluin, Is gu robh beath’ ac’ le teachd a lathair; Sann chuir iad cul ris a deanamh tair air, Ach gus na sguirs’ iad E feadh na sraidean. XXXI, Se so a neach is mò fhuair do thàrcuis, Bha riamh san t-shaoghal: Na thig gu brath ann; Se so an Ti mu ’n do labhair Dàibhi;— Gu’m feudte ’chnàmhan gu h-iomlan àireamh. XXXII. Ge’d ’S iomadh tròcair air ’n d’rinn iad dimeas, Cha ’d sguir E fathasd a dheanamh stri riu’; ’S ann chuir E dheìs-cioblaibh ’mach o’s iosal, Gu caorich chailte luchd tighe Israel. XXXIII. ’S ge’d rinn iad sud mar a dh’ aithn’ an Righ dhoibh, Tha àite falamh fathasd an CRIOSDA: ’S na h-uile h-aon leis an àill mar Righ E, Gu’n dean E oighre dheth air a rioghachd. XXXIV. Cha ’d sguir E fathasd gur buan a ghaol doibh, Chaidh deich ’S ’tre fichead sin ’mach a dh’ aon la; Leis an t-shoisgeul ga chraobhsgaoleadh; A ghairm na ’n Iudhach gu feisd na naomhachd. [TD 15] XXXV. Ach chuir mòran diu ’n guth le chèile, A’s ghabh iad leith-sgeul air reir am beusan; Chaidh fear gu fhearann is fear gu sprèidh dhiu: A’s thuirt fear eile gun phòs e cèile. XXXVI. ’S iad sud na leith-sgeulan a ghabh pairt diu’; ’S iad cuir an culthaobh ri Criosd mar Shlan-fhear: ’S mò air cùram mu ’n fheoil a Shasuch’; ’S cha d, thoir sinn ùmhlachd dhuit air an trà so. XXXVII. Fhir a leughas na fhir a dh’eisdeas, O! bi air t-fhaicil roimh ’n mhealadh bhreun so: Is na cuir t-anam an cunnart lèirsgrios; Airson do bheatha: sgur fear a treigsinn. XXXVIII. A’s chuir E Abstoil a rìs le h-ordugh, Air feadh nan Iudhach s na ’m bailtean mòra: ’S air feadh na ’n cinneach aig nach robh èolas; A’s chuir iad cùl riu’ ’chuid bu mhò dhiu. XXXIX. An dream a chunnaic E ’n deigh dha èirigh, B’ iad sud an àireamh chaidh dheanamh sgèil air: Nuair dhoirt E Spiorad orra le èifeachd, Sann rinn iad fianuis gu’m be MAC Dhe bh’ ann. XL. “’S air feadh an t-shaoghail thuirt E riu ìmeachd,” “’S an soisgeul shearmonachadh gun sgìth’ cheadh;” “’S iad dheanamh dheisciobuil do gach cìnneach;” “San sin am baisteadh an ainm na Trìonaid.” XLI. B’ iad sud an àireamh a chaidh a dh’ ìnnseadh, Gach ni chaidh ùmhlachadh, chum na dinneir: Sa chaidh a chuireadh na ’m peacach dite; Iad theachd a ghabhail do’n Iobairt shith sin. [TD 16] XLII. Sa mheud sa thainig le gairm an t-shoisgeil, Sa bhlais do’n fheisd a bh’ aig Fear na bainnse: Mheas iad mar aolach agus mar challdach; Na h-uile ni th’ bh’ ac’ air sgàth a chaoimhneis. XLIII. ’S air teachd do’n Righ a dh’ fhaicinn na ’n òighean, A chaidh a chruineachadh le a chuid òglach; Fhuair E aon diu’ as eugmhuis còmhduich, Sa bha neo-iomchuidh airson a phòsaidh. XLIV. ’S thuirt an righ ris fuidh shamhladh “cairdeis,” “Ciod a ghluais thu gu tigh’nn do’n àite ’s;” Cha ’n eil an trusgan a tha air cach ort; ’S thuirt e ri Sheirbhisich ’a chur do’n àmhuin. XLV. Tha so na shamhladhdon mhuintir bheusach, Nach deach a rusgadh da’n oibre fein: Tha; Mur luideig shalaich, is boladh breun dith, ’S nach leig a chaoidh iad do rioghachd nèamha. XLVI. Cha ’d, fhag E ’n linn so gun chuireadh saibhir, Sann chuir E Searmonaichean an t-shoisgeil; Thoirt cuireadh saor do gach aon san-àm so, A’s àite falamh an tigh na bainnse. XLVII. Tha ’n ùmhlachd iomlan chaidh thoirt mar ’n-èiric, On bhasaich Criosd air a chranna cheusaidh: Tha bhanais ullamh san dinneir reith:— Agus cuireadh saor aig gach aon fuidh ’n ghrein dith. XLVIII. An fhearg sa mhallachd a thoill air gnath’chadh, Sann dh’ fhuiling Criosd air a chrann an aird iad; A chum gu’m biodh E mar cheannard slainte; Air a dheanamh foirfe: tre fhulang bais Dha. [TD 17] XLIX. Si so a bhanais agus an dinneir, A dh’ ullaich Dia do na peacaidh dhite: S na h-uile aon thig da ionns’ trid Iosa; Bidh beatha bhuan aca ’s pòsadh siorruith. L. Sa nis mo chairdean s mo mhuintir dhùtcha, Ge’d ’s iomadh uair a chuir sibhse cùl ris: Pillibh a nis ris ge’d s fhad’ an ùine, A’s gheibh sibh tròcair as leith aon Ungte. LI. Ge’d robh bhur peacaidh mar ghaineamh tràghadh; Ann an lionmhoireachd s dearg mar sgàrlaid; Cha chuir E h-aon as ’ur leith gu bràth dhiu; Ma chreideas sibh anns an Ti a bhàsuich. LII. “Co chuireas cionnt as do leith gu brath,” “On se Dia a dh’ fhir ’nicheas ’s Criosd a bhàsaich.” “Seadh tuileadh fòs chaidh a suas an àirde,” “Gu deas laimh na Morachd a th’anns na h-àrdaibh.” LIII. An diugh am feadh sa tha lamhan sinnte, ’S E gairm na ’m peacach’ s thigh’nn gu Criosda; ’Sa tairgse tròcairean Dhaibhi cinnteach: O! feuch nach diult sibh an t-shlainte shiorruith. LIV. ’S mar d’thoir sibh èisdeachd da chuireadh gràsmhor, Mun’ d thig bhur crioch: cha ’n, fheud sibh bhi sabhailt: An sin thig leirsgrios is teinn is cràdh oirbh; ’S cha ’n èisd E h-aon agaibh air an là sin. LV. Sa nis o ’n tha mi gu bhi co-dhùnadh, Airson mo chàirdean, sann ni mi urnaigh; An Ti as airde gur toirt da ionnsuidh, Is creideamh slainteil thoirt duibh gur ’n-iompach. [TD 18] LVI. ’Sa h-uile aon gheibh a chuireadh tròcair, ’S nach d’thig a dh’ionnsuidh na cuirme sòghmhor: Cha bhlais a h-aon diu do’n t-Shuipeir phòsaidh; A thaig an Uan ann an riogh’chd na gloire. AN T-AON NI FEUMAIL. I. Tha aon ni air ’mheas feumail, Leis an Lèigh th’ anns na h-àrdaibh; ’S cha né curam an t-shaoghail; Ge’d is foilidh aig pairt e, Ach ullachadh siorruith: Mu air na-anamaibh neo-bhasmhor; ’S roghain ’dheanamh do Chriosda, Mar an Ti ’m bheil an t-shlainte. II. Fhir tha ’g eisdeachd mo naigheachd, ’S tha’lan carraid is saothair, Seall aig deireadh na caibdil;—X. Luc. &c. Mar bha Marta na h-aonar, Lan cùram is dragha; Ach sann a mheasadh ro fhaoin i, Seach an te bh’ aig chasan Aig eisdeachd facaill na saorse. III. So eiseimpleir luachmhor, Do a shluagh feadh an t-shaoghail: ’S iad a striochdadh gu h-iosal, Da fhirinn le gaol dith; ’S iad a roghnachadh Iosa, Mar an Ti rinn an Saoradh; ’S mar an Ti bheir le ghras iad, Trid fasach an t-shaoghail. [TD 19] IV. Fhir gun churam mu’d t-anam, Cluinnse fhocal sgabh deisteinn; Bho do cheann gu do chasan, Cha ’n ’eil ach galaran breuna; Stu lan curam mu’d cholainn, Mu bhiadh deoch agus eudach; ’S gun thu Smuainteach air t-anam: A’s eigin marsain na ’n deigh sud. V. Tha thu lomnochd an trà so, Air feadh fàsaich an t-shaoghail: An lagh a bhris thu: an toir ort, ’S fearg Iehobhah; aig glaodhach; “Gearr a nuas a gheug chrionaich.” A dhionnsuidh griosaich na leir-sgrios On is “deatach am shroin iad,” ’S guth mo throcair nach èisd iad. VI. Gabh gu curam mu, t-anam, Am feadh ’s tha latha na ’n gràs ann: ’S dean an roghain rinn Muire, Suidh aig casan an t-Shlan-fhir; ’Stilg t-ualach gu leir air Oir tha E g’ èigheach gach la “Air dream fuidh uallach s ri saothair” “’S gun d-thoir e saorse gu bràth dhoibh.” VII. O! nach teich thu le t-anam, A dh’ ionnsuidh fasgadh an t-Shlan-fhir; ’Se do bheatha gu siorruith, As leith Chriosd ann am Pharrais: ’S gheibh thu trusgan da fhireantachd, A ni sgiamhach gu bràth thu; Leis an d’ theid thu na chòmhail, ’Sam bi do lochran a dearsadh. [TD 20] VIII. “Feuch! a nis an t-àm taitneach,” “Feuch! latha na slàinte;” Gheibh thu maitheanas fathast, Ge’d a b’ fhada dol cearr thu, Creideamh diongmhalta cìnnteach; Ann an Criosd’: ni do thearnadh: ’S ni thu saighdeareachd dhileas, Nuair bheir Ios’ dhuit da ghràsan. IX. “Cluinn guth an Fhirshaoraidh,” Se aig glaodhaich r’a chàirdean: “Na bitheabh lan curam,” “Ciod ith na dh’ olas sibh ’n trà so.” “Theid gach aon diu ri ’r cunntas, “Siarruibh ’n tus rioghachd nèamha; “Agus fireantachd Chriosda. ’Sni i didean on bhàs dhuibh. X. ’S mòr na nàimhdean a th’ agad, Tha cumail t-anam fuidh dhaorse: An Saoghal a ’s Satan:— San fhèoil a shàsach le gaol dith:— ’S cridhe cealgach mi-chreidmheach; A tha gradhachadh eu-ceart; A tha na chreach do’n fhear laidir: ’S na ghàradh grannda luchd reubain. XI. O! Smuaintich air t-anam, Thuse ’tha na ’d staid nàdnir: ’S fhad ’s tha tròcair so fhàghail, Theid gu cathair na ’n gràsan; Thig a dh’ ionnsuidh an Tighearn’, ’S gnàthaich meadhon na slàinte: A chum ’s gun d-thoir E dhuit buaigh, An aghaidh truailleachd do naduir. [TD 21] XII. Faigh armachd an t-Sholuis, Is cog fuidh bhrataich an t-Slan-fhir; ’S ged tha do naimhdean cho lionmhor? Suidh chìs bidh iad tre ghras duit. Sud a ni tha dhuit feumail: Seach bhi trèigsinn do shlainte; Saoraidh creideamh an Criosd thu Bho ais-innleachdan Shatain. XIII. Be ’n sud an roghain rinn Muire, ’Nuair a Shuidh’ i ga eisdeachd; Sa rinn Peadair nuair dh’ fhage; A linn sa bhàt’ agus eirneis: ’S mheas Pol iad mar challdach, Na mar aolach gun fheuma; ’S roghnaich Maois masladh Chriosda, Oscionn ìonmhas na h-Eiphit. XIV. So eis-Shaimpleir luachmhor, ’S beachd-smuaintich car trath air. ’S faic olcas a pheacaidh: Ann am fallas an t-Shlan-fhir: ’S roghnaich E mar do Lèigh, A ni do thearnadh o’ d’ namhaid; Agus tog a chrann-ceusaidh:— ’S theid na dheigh le fein-àicheadh. XV. Treig do chleachdain ain-diadhuigh, Treig gach rian th-ann do nàdur. Treig do chuideachdan gòrach, Treig na sòlais is fearr leat: Cuir do chul ris a pheacadh, Steich o’ n Eiphit do’n fhasach; Sgabh Seoladh a Bhiobuil. ’Dh, ionnsuidh tire Chanaain. [TD 22] XVI. Na cuir dàil car’ aon latha, Ann an aithreachas slàinteil: Sann a choisin thu cheana, C uan do las’raichean cràiteach; Seall tre chreideamh ri Criosda, On se Ti ’m bheil an t-shlàinte; Chum’ s gun lean thu gach taobh E, ’S gun dean thu ’n Saoghal so àicheadh. XVII. Am Feadh s tha nuine cho luachmhor, ’S t-anam truagh ann an gàbhadh: Roghnaich thuse dhuit fèin, A’ bhi fuidh sgèitheidh an t-Shlan-fhir; ’S gabh gu curam mu-t-anam, Am feadh ’s tha latha na Slaint ann; On se ’n t-aon ni ’tha feumail, Roghnaich e mar chrich arraid. STAID NADUIR. I. Tha ’n cinne-daonna fuidh dhaorse mhuladaich, Aig dia ’n t-shaoghail ’s aig aoradh uile dha:— Tha iad air claonadh a thaoibh gach duine dhiu; ’S cha d’ thoir iad geill do Mhac De a chruthaich iad. II. Nuair pheacaich Eubh so an ceum a dh, fhosgail i, Da sliochd na deigh ’s iad gu leir a coiseachd innt’; Fuidh gheill aig Satan s na ’n traillean ceangailt’ aig’, ’S cuir cul le tair ris an t-Shlan-fhear bheannuichte. III. Tha Daibhi ’g ’radh “ann am peacadh ghinneadh mi,” “San cionta fos gur a th’ ann a rugadh mi,’” “’S tha Pol a’ radh nach ’eil ionruic’ idir ann”— Nach ’eil a h-aon fiù a h-aon a thuigeas diu. [TD 23] IV. Tha ’n cridhe cruaidh s cha druigh fuaim an t-shoisgeil orr; ’S tha ’n cluasan mall a chum eisdeachd ceart thoirt da— ’S tha ’n suilean dall ann on ceò an t-sheacharrain; ’Si slighe na do-bheart an còmhnuidh ’s aithne dhoibh. V. ’S e so an rod gus an d-thug an leagadh sinn, Air seach’ ran cian fad ’o Dhia ’s ’o fhlaitheanais; Fuidh ’n cheartas dìte s fuidh bhinn a mhallachdan— ’S fuidh fhearg neo-criochnach na Ti tha beannuichte. VI. ’S e ’s ainm do’n ròd so an t-shlighe ’s leathaine Si n t-shlighe shòlasach le luchd ceannairc’ i Ach tha i trèoradh gu dòrain eagalaich Bheir gaoir an cluasan an t-shluaigh a chreideas e. VII. Tha giosgan fhiacal tha caoidh is sgreadail ann, ’S tha losgadh siorruidh gun crioch gun dearadh ann Tha ’n duais so cìnnteach ge’d tha i eagalach Do’n dream neo-iompaicht, nach pilltre chreideamh aisd: VIII. O dhuine smaointich gur fior an ceartas so ’S gur mor na fiochan a tha e tagradh ort ’S mar faigh e dioladh gun dean e peanas ort Na urras cìnnteach gu ’d dhion on bhagaradh. IX. An Ti tha gloirmhor, an Ti tha cumhachdach, An Ti tha naomh, ’s maraon tha beannuichte: A ghradhàch an saoghal’s air shaod cho barruichte; ’S gun d’ thug E Aon Ghin o thaobh a bhroillich dhuinn. X. ’S ’n t-Urras cìnnteach do’n ti tha ’n aineamhach, ’Se ni do dhion ge’ d ’a dhit’ an ceartas thu— ’Se phàigh na fiochan as leith na chreideas ann; ’So soisgeul sìorruith do’n tì tha ceangaillte. [TD 24] XI. ’S dhuine naduir’ cha tuig thu facal deth, ’S ’ann tha thu ghna gabhail tlachd na ’d sheacharain: Cha chreid thu’n Slan-fhear thug gradh cho barruicht’ dhuit; Ge’d tha E’g’àineadh dhuit teachd am fagus dha. XII. Tha ’n soisgeul siorruith mar ni tha foluicht dhuit, ’S cha chreid thu ’n fhirinn a dhìteas fathasd thu: Gur mosgan crionaich airson an teinne thu; Mar faigh thu ’n fhionain gu bhi toirt beatha dhuit. XIII. Gu ’r mosgan crionaich o ’na ghineadh tu, Cha creid thu ’n fhìrinn s cha tuig thu idir i; Mar bean an Ti tha ro naomh ri ’d chridhese, ’S mar dean E ’minneachadh leis an Spiorad dhuit. XIV. Do nadur truaille’ gu’n bhuaigh aig maitheas ort, ’S tha binn do bhàis fo’ do sgàilse faluichte; ’S cha chreid thu fein, gur credh neo-fhalluing thu, ’S cha’ tuig ’u t, fheum air an Leigh bheir beatha dhuit. XV. Och, oin! nach truagh cor an t-shluaigh air seacharan, Siad marbh an eu-ceartan s’ ann am peacanna: ’S focal De ’grathainn treig is aidich iad; ’S tre ’n Ti chaidh cheusadh; nithear a maitheadh dhoibh. XVI. O’d cheann gu ’d shàiltean cha ’n eil maoin falluinneachd, Ach creuchdan gràineil air tàmh na t-anamse: ’S e ’n duine nàdur a tha mi ’g-aithris dhuìbh; O’n tha e ’g-àrach na chraidheas fathast e. XVII. Tha Slainte ’n lànachd an Lèigh tha ’n Gilead, ’S gheibh thuse pairt dith; ach theid ga sirreadh ann: ’S cha ghabh e paigheadh airson do thinnease; Sann tha i Saor do gach aon a shireais i. [TD 25] XVIII. An diugh an déigh dhuit teachd gearr cho fada air, Gur binn an sgeula th-air teachd am fagus duit; Na duilt a h-èisdeachd oir ’s sgeula taitneach i:— Sgur mor am feum a th-aig eucail t-anam orr’. XIX. Anam neo-bhàsmhor tha Slàint na ghealladh dhuit, Ge ’d thoirt o’n ’bhàs chum na beatha mairrionaich: Thoir èisdeachd trà dhith am feadh s’ tha ’n lath’ agad; “N duigh là na’ slainte san t-am tha taitinneach.” XX. Na smuaintich dail a chuir ann a t, aithreachas, Oir dh’ fheudte ’maireach gun iarrar t-anam ort: ’S tha fuil an t-Shlan-fhir aig radh gu ’n glan i; On a h-uile grainneilachd tha na t-anamse. XXI. Am peacach graineil gu faigh e maitheanas, Sa ’neach tha basmhor gu faigh e beatha ann:— Sam bodhar balbh gheibh e seanachas ’s claistinneachd; Sa ’neach gun suilean bidh iuil is aithnn’ aige. XXII. Se ’n t-Athair siorruith ’se ’n t-Iosa milis E, SE fein an iobairt san Ti tha iongantach:— SE Prionn’s na sith E, is Righ nan tighearnan— Fear saoraidh Israel ’slatrioghail Shioin aig. XXIII. Co ’s uarainn ìnnseadh gu crich a thighearnais, Cha ghiulain m-ìnntinn ’s cha chum mo chridhe ris— ’S doth-chur an ceill e do chreutair cruthaichte: ’S gu’m bheil na neamhan iad fein gle chumhan da. XXIV. Ged b’ ard a ghloir sgail an fheoil car tamuil i, Nuair ghabh ’d ’ur nadur na bha gun pheacadh air. Se sheas n’ ur n’aite sa phaìgh an t-agartas; ’S gu h-uir a bhais gun d’ thug cradh a pheanais e. [TD 26] XXV. Ach sgearr a chuairt’ chum an uaigh am falach E, Oir dheirich’ suas, thug E buaidh le caithream orr’; ’S E’ nis sna h-arduibh mar eadarmheadhonair, A tagradh fabhair do’n aireamh cheannairceach. XXVI. Gur buan a ghradh cha do dh’ fhailnich fathasd E, ’S ann tha E ghna a toirt bàrr air maiseileachd: SE g’ umh’ lach aite dhoibh anns na flaitheanais, Chum ’n toirt le ghrasan on phailinn shalaich so. XXVII. Gur mor an diteadh dhomh fhin mar gabh mi Ris an t-shoisgeul shiorruith, is ra chuid gheallannaibh: Ma ni mi dìmeas air slaint’ cho barruicte, A choisinn Crìosda le h-ìobairt anama. XXVIII. O! anam thruaigh duisg a suain do chadail, Oir tha sgrios a luathach’ ni buan do pheanasa; Ach teich gu luath dh’ ionnsuidh buaidh na fola sin, A’s gheibh thu suaimhneis bith-bhuan do’ t-anam innt’. XXIX. Tha ’n duine nadurra laidir ceannairceach, Cha d’ thoir e gèill do Mhac De na ’m flaitheanas; ’Cuir cul ri aith’ ntibh ’s na thraill do dh-aineolas, A ceus’ an t-shlan-fhir sa gradhach Bharabais. XXX. Ach se mo dhurachd mu’n dùinn mi ’n earailse, An dream gun churam; thoirt dùsgadh grad orra:— Siad dhol a gh-urnaigh le durachd anama, Is creideamh ’s umhlachd thoirt do dh’ EMANUEL. [TD 27] CREIDEAMH. I. Am bheil eagal air t-anam? Roimh ’n fheirg tha ri teachd? Air an t-shaoghal neo-iompuicht’, Nach striochdadh do ’n reachd— Agus cionnta gun mhaitheadh; Air t-anam mar shachd. Creid an Criosd mar t-Fhearsaoraidh, ’S gheibh thu saorse gu beachd. II. Am bheil thu ’g-imeachd gu dana? ’N aghaidh àithne, an Righ? Air an t-shlighe gu leirsgrios— Far nach leir dhuit do chrioch; ’Stu cur campar gach latha, Air spiorad na sith. Ach creid an Criosd’ mar do Shagairt, ’S gheibh thu fathasd an t-shith. III. Am bheil do choguis gu’n dusgadh, ’S do shuilean gun fhradh ’rc? Agus peacadh gun dearbhadh, Ad’ chridhe cealgach lan goid? Smòr an eus-slaint’ tha’d’ nadur, Nach càdhraich clann daoin. Ach creid an Criosda mar t-Fhàidhe; ’S gheibh thu slainte nach traoigh. IV. Am bheil do mhiannan a riogh’ ach, An aghaidh ìnnleachd na slaint’? ’S bròn is campar air t-ìnntinn, Chionn bhi ’n’ ìnneann do namh? Stu gun chomas teachd saor as, Le saothair do lamh: [TD 28] Ach creid an Criosd mar do Righ, “Sleoir an nith dhuit a ghras.” V. On se creidsinn an CRIOSDA, An nith ni thu Saor. Feuch! gu’m faigh thu na ’d’ chrì’ e; Mu’n d’ thig crioch aìr do Shaoghal: Oir tha t-uinne ro ghairid, Mar shealan beag faoin: ’S ma gheabhar gun Chriosd thu, Bidh gach nìth dhuit mar phlaoisg. VI. “Brigh na nithe ri ’m bheil dochas,” “Gibht shonruicht o Dhia;” “Dearbh chìnnt nith ’nach faicear”— Dh, aonas anam ri Criosd, ’S fhar shuil e gu faicinn: ’S lamh a ghlacas greim teann; Se bheir mil as a charraig, ’Nam na h-airce’ ’s neach fann. VII. Choi-lionadh an aimsir, ’Chaidh a ghealltainn an tus; Deanamh aithreachas slainnteil: ’S rioghachd neimh air teachd dluth; Agus creideamh an soisgeul Mar an sgeul as fear cliu’ ’Bha na h-ainglean aig innseadh Le mor ìoghnadh mu ’n chùis. VIII. Creid teisteas na firinn, ’Dh’ fhag dit’ thu fuidh ’n reachd, ’S cuireadh eagal do dhiteadh; Dh’ ionnsuidh Chriosd thu gu beachd: Mar rinn fear coimhead a phriosuin, ’Nuair a dh-ìslich a neart; [TD 29] So dhuit s fhàr bhaile didean, ’Ni dhuit dion is cultaichd. IX. O! creid san Fhearshaoraidh, ’S gheibh thu saorse bho ’n-uaigh; Gheibh thu saorse on bhas, A’s o’gach cradh agus truaigh. Ni E saor thu ’on chorruich, Thoill do lochdan gu leir: ’S bheir e coir dhuit air beatha, Bhios mairionn; ’s nach eug. X. Bheir an creideamh ’s dhuit buaidh, Air gach buaireadh san t-shaogh’l. ’S ni e t-aonadh ri Criosda, Fior fhionain na ’n geug; Se a ghlanas do chridhe, Bho na h-iodhalan brèig: ’S ni e naomh thu tre ’n fhìrinn, ’S oigh’r air rìoghachd Mhic Dhe. XI. Co-dhunaìdh mi ’n earails’, Le fior fhocal De; “Dh’ aithn a shoisgeul a theagasg,” “Do gach neach tha fuidh ’n ghrein.” “Ge be chreideas sa bhaistear” Gu’m bitheadh e tearn’t’ San neach nach creideadh Nach fhaiceadh e beath’ ach fearg Dhe. [TD 30] DEADH-GHEAN. I. Thanaig cionnt as leith Adhaimh nar nadur do’n t-shaogh’l, ’S tha ’m por sin a fas ’s teachd gu airde ’n clann daoin’; ’S mar a spionar na thrà e mu’n tàr e gu h-aois, ’Nuair a shealgas am bas oirn cha chàirrear a ghaoid. II. Se dh’ innis air Slan-fhear nuair bha ’E san t-shaogh’l, Sann air toradh a’ naduir a dh’ aithneadhar a chraobh; Agus gabhamaid fhocal mar bhreitheamh neo-chlaon, A chum is gun aithnich sinn seachran chloinn-daoin’. III. Tha ’n duine ’thaobh naduir na namhuid do Dhia, Na charaid do Shatan S na thraill aig a mhiann. Se malluicht’ do ghua mar a bha a chraobh fhig’; As eugmhuis gu’n caìrrear le garradair ì. IV. A cheud stoc air an d’ fhas sinn an t-adhamh o thus, A pheacaich sa gharradh nuair dh’ fhàs e eas umh’l: Is dh’ fhosgail e ’n dorus do’n pheacadh ’s do’n bhas; Dh’ fhag sinne nair truaighain fo bhuaireas gach la. V. Se mionan is breugan ’s gach eu-ceart tha grannd, Toradh aingidh mi-naomha, chloinn daoine sliochd Ad’mh; ’S iad na’n aimhdean do Chriosda neo-iompaicht’ gun ghras, Cha chreid iad an fhìrinn ’s iad fo chìs aig an nàmh. VI. ’S cha ghabhar ri’n toradh gu brath ann an Neamh, Mar an d’ theid an ath-nuadhach’ le buaghan Mhic Dhe? Mar a gearrar on stoc i ’tha grod aig an fhreumh? Sa planndach an Criosd’ on se fionain na’n geug. [TD 31] VII. Thuirt a neach is E n Fhirinn cho cinnteach sa’m bas, Nach d-theid anam neo-iompaicht da rioghachd gu brath; ’S nach bi geugan do’n chrionaich san Fhionain a fas? Theid an tilgeadh do’n ghriosuich nach dibir gu brath- VIII. Gach neach bhios gun toradh ’S gun chomhara grais, Theid an tilgeadh don loch a tha domhain gun traigh: Bhios a losgadh le teine Sle pronnusg gu brath; Mur a creid iad an Criosda ’S mar a h-ìompuichear iad. IX. Se so an ceann-uighe thoill sinn uile gu leir, ’S ann a choisinn sinn tuilleadh agus tuilleadh do pheinn. Bhri’ na thug sinn dh’ eus-urram do’n Chruithifhear threun, Sann a thoill sinn bhi fulang ann an slugan na pèinn. X. Ach faicibh deadh-ghean an Athar sa ghradh do chloinn daoin, Nuair a chuir e aon Mhac a chum an ceannuch on daors’; Nuair a sheas E fuidhn’ pheanas bhuin an ceartas ris daor, ’Cudram feirge on athair agus masludh o’ dhaoin. XI. ’S thug E umhlachd do’n aithne re a laithean gu lèir, Chaidh a bhuaireadh le Satan ’s cha d’ fhàilnich e ceum; ’S bha E umhal gu bas eodhain bas a chroinn-cheusd: ’S fhuair deadhghean da chàirdean agus chàrruich e’m beum. XII. O! nach iongantach iochdmhor an t-aon, A dhoirt fuil a chridhe as leith a chuid daoin; Sa choisinn an Spiorad do thruagh an aibh baoth: ’Chum an treorach san t-shlighe gu Sion a ghaoil. XIII. Tha ceartas an Tighearn ’g ar fiosrach mar sgian, ’S gar gearradh on stoc air an d-àraich sinn cian: ’S gur fogradh o’r n oibribh so’r fireantachd fein; ’S gur sguirsadh gu Crìosd on se crioch an lagha E. [TD 32] XIV. O! anam ma chaidh t-iomp’chadh gu Criosd le lagh naomh; ’Nach ol do’n mhillseachd neo-chriochnach nach traoigh? Chuireas beath anns gach anam agus gean anns gach crìdh’; A dh’olas do’n abhuin shruth o chathair an Righ. XV. Tha feartan gu glanadh ’san abhuin do ghnà, Chum na creuchdan a ghlanadh’chor ’s gu’n gabh iad ri slaint; ’S tha iochdshlaint is beatha innt do’n-anam gu brath, ’S mas a h-aill leat ’bhi agad thig is gabh dhith gun dail. XVI. O! anam ma bhlais thu do mhilseachd a ghaoil? ’S mor na solais a th’agad nach aithne do’n t-shaogh’l: ’S leat sith ris an Athair ’s leat maitheas nach traòigh, ’S leat coir anns na flaitheas chaidh tu thairis stu saor. XVII. HO! gach neach air ’m bheil tart? thigeabh sgabhaibh bhur leoir: ’S h-uile aon leis an aill a bhi sabhailt beo; Gheibh sibh maitheanas siorruith agus siochainte mhor, ’S mor gur fearr iad ran iarruidh na’ na ciadan do’n or. XVIII. Ged tha do naimhdean cho laidir ’s iad do ghna air do thòir? An saoghal is Satan s miannan graineil na feoil, Gheibh thu neart ’reir do làithean ge’d tha’n cogadh ud mor, ’S bidh do naomhachdse fas ’s caillidh iadsan an treoir. XIX. Tha neart chum do dhion ann an Criosda ri’d bheo, Ma ’sa th-aill leat mar Righ E’chum ’s gun ceus thu an fheoil, Bheir E chreach on fhear laidir tha ’ged shàrach sged leoin: ’S bidh t-ionadan fasail air an aiteach gu leòir. XX. Ni E ionad na’n dragon na paillinn da ghlòir, ’S cuiridh t-eu-ceartan graineil as a lathair mar cheò; ’S ged tha fuighleach aig Satan do ghna ann a’t-fheòil; Cogaidh Easan na t-aite ’s bidh tu sabhailt gu leòir. [TD 33] XXI. Na leig t-aicce ri’d ghairdein no ri’d dheanadas fèin, O nach robh thu cho laidir ’s gu’n cairreadh tu’m bèum; ’S tog bunait do thighe air a charraig nach trèig: Chum nuair sheideas a ghaillinn nach caruichear e. XXII. Ged a bhasuich thu’n Adhamh, gheibh slaint ann an Criosd, Gheibh thu beatha neo-bhasmhor chuireas gradh ann do chridh, ’S their thu maille ri Dàibhi gur fearr latha na riogh’chd; Na mìle do làithean cur ri gnathachadh clì. XXIII. Ma thu creidsinn na firinn sma chaidh t-iompachadh nuadh, Sma thrèig thu gach nìth airson rioghachd an Uain? Sma fhuair fireantachd Chriosd dhuit mar dhidean o thruaigh’, Slan leat tha thu’n siochaint’ si fuil Chrìosd thug dhuit buaigh. BEACHD SMUAINTEAN. I. Stric a smuaintich mi ’a chairdean, Air an fhabhar tha’n comhnuidh; Aig an dream shona aghmhor, Chaidh on bhas a chum gloire; Sa chaidh ionnlad o’n lochdan Ann an tobar tîgh’ Dhàibhi Sa chaidh o sholas na firinn Ann an Rioghachd na ’n gràs A chum riogh’chd na gloir. II. Ged tha ’n cuirp ann’s na h-uaighean Air an cuartach le neo-ghloin Tha n-anamaibh neo-thruailli ’S fhada shuas seach na neoil iad [TD 34] A seinn ciuil anns na flaitheas Do Athair na tròcair Do’n Mhac rinn an saoradh ’S don Spiorad naomh rinn an treorach Gu riogh’chd na gloir. III. ’S olc a dh’ aithnich an saoghal Na daoin’ thair an doigh so Air an ceangal le aonachd Ri Fearsaoraidh na ’n òighean Sann thair muinntir an t-shaoghail Riu daoine ’tha gòrach On a thréig iad mi-dhiadhachd Sanamiannaibh na feola Ach tha ’n ciall ni ’s mò. IV. ’S tric, a gheibh iad ’n geurleanamhuin ’S iad a seanachas do mhoran ’S their iad riu creidmhich chealagach Bhios ri searmoinean neo-’nach ’S bheir iad breith orr’ le breugan O na thrèig iad an doigh san ’S cha ’n ’eil meas orr san t-shaoghal’s Ach aig daoine fhuair eolas Air Criosd san fheoil. V. Ach ’se thuirt am Fearsaoraidh A chum saors’ thoirt da chairdean “Bidh sibh beannuichte daonnan” “Ged bheir daoine dhuibh cainneadh” “’S ged a their iad gu breugach” “Ruibh gach sgeul air “mo sgathsa”” “Measaibh an amghar sin eutrom” “’S mor aobhar bhur gaird’ chais” ’S bhur Righ gur coir. [TD 35] VI. ’S tric a chunnaic sa chi mi Daoine briodal ri cheala Mu luchd aidich na firinn Gur a cli leo ’n sreud ud Ged tha cumhachd na diadhachd Agus iomhaigh Mhic Dhe orr” Bithidh naimhdeas gu brath Ri sliochd na mna aig an teum’dair Mur geill iad dha. VII. Ach se culaich mo smuairein Bidh na h-uain mar an ceudna Agus cuid diu le buaireas G iarraidh ’suas thar a cheila Ma bhios caochladh na’m barail No atharrach ceum ann Chi sinn eud agus roinn A measg cloinn an aon teaghluich Is aimhreit mhòr. VIII. Se sud aoibhneas Shatain Bhi cuir na’m braithrean troimh chèile Sa bhi cuir roinnean s fuar-chrabadh, A measg na h àireamh nach geill da Ach tha mo dhuils’ anns a Mhac A thug anam na ’n-èiric Gu’m bris E balla ’n-eadar dhealuich’ Tha ga sgarradh o cheala S gum bin gradh ni ’s mo. IX. Sann bhios an dream a fhuair eolas Air Morachd an Ard Righ ’S aig ’m bheil creidimh ’s beo dhochas Ris a ghloir thann’s na h-ardaibh Le ’n lochrannaibh laiste A cur thairis le gradh dha ’S bidh an aonachd san caoimhneis Ris na naoimh anns gach aite Ged robh pairt diu ’s gach seors. [TD 36] X. Feadh gach teanga agus tire Thionail Criosd a chuid threudan Siad air seacharan millteach Nuair a dh-iompuich E fein iad ’S theid E nis amach rompa, ’S guth choigreach cha ’n eisd iad ’S cha bhi iad beo anns an àireamh Bhios ri crabhadh ’s ri eu-coir ’S nach geill do’n choir. XI. ’S tha leabhar cuimhne na lathair ’S ainm a chairdean gu leir ann ’S bidh iad leis air an là sin Anns’ an cadhraich E ’sheudan ’Seallaidh sibhse ’n sin là ruibh ’S chi sibh amhghar luchd-reubuin Air am fuadach o lathair Dh’ ionnsuidh Shàtain ga reubadh Gu éigheach ’s bron. XII. O! a chàirdean nach duisg sibh, mu ’n d’ thig uamhas a bhais ud; ’S Mu’n d’ theid ’ur fuadach a dh’ ionnsuidh An ionaid chlaoitich neo-bhasmhor Far nach cluinn sibh guth trocair Ach fearg mhor teachd gu bràth ann A bhios g’ ur claoidheadh s gur rosdadh Air cuan doruineach cràiteach Nach traigh ni ’s mò. XIII. ’S truagh nach smuainticheadh daoine Air an daors’ ’s air an doruin ’S air an tuarasdal dhaobhach ’Gheibh na daoin bhios ri dòbheart Fhad ’s tha seol air an saoradh O bhi daonnan ga ’n rosdadh, Tre ath-nuadhachadh ìnntinn Agus iompach o’n gòraich Gu Criosd on Fheoil. [TD 37] XIV. ’S aithne Dhasan a chaoirich ’S tha E daonnan ceart lamh riu’, ’S treun a ghairdein mu’n cuairt doibh ’Chum a bhuaigh’ thoirt ’s gach càs dhoibh; SE is Righ ann na ’n-anam ’S tha ’chathair is aird’ AIG, ’S E an Sagairt ’Sa ’n-iobairt Chum an sìth dheanamh ’n-airde, Sam faidhe mor. XV. ’S ni E ’n teagasg le fhocal Chum ’s nach dochain an namh iad ’Se bhios acca mar lòchran, Chum an treorach’ troimh’ n fhasach ’S bidh Spiorad na beatha Acca mar ’ris mar earlais, ’S cha neil coir San Fhearshaoraidh Aig neach as eugmhuis a ghraisa, ’S tha ’n aireamh mòr. XVI. “Thigibh ’mach mo chuid Sluaighse “A measg truailleachd luchd do-bheairt “’S gabhaidh mis’ sibh do’m-ionnsuidh “Chum bhur ’n-ionnluid o’r neo-ghloin,” Ann an èifeachd na fola Chaidh gu talamh a dhortadh Airson maitheanas peacaidh ’S gu’m pogadh ceartas is trocair Na bhàs da ’Shlògh. XVII. ’S ann tha m-ìnntinns’ cho luainneach Sa bhios an cuan leis a ghaothaidh, A dol thuig agus uaithe Leis a bhuaireadair daonnan; Air mo chlàbradh mar chriadh An anamiannaibh an t-Shaoghail, ’S cha dean Natar no Siabunn Mo dheanamh ’S giamhach ri ’m Shaoghal, On phlaigh tha ’m-fheoil. [TD 38] XVIII. Ach tha Slaint ann an Criosda ’S tobar iochd shlainnt nach tràigh E ’S tha E cuireadh na’ milltean Chum an lionadh le a lanachd, “Thigibh ithibh is òluibh “Gu leoir ’luchd mo ghraidhse:” ’S glanaidh mis sibh o ’r neo-ghloin Gur a leoir dhuibh mo ghrase, ’S mo shlaint cho mòr. XIX. Fhir a lèughas no dhèisdeas Ris an èifeachd ’tha ’n Crìosda, Tha mi ’n duil gu’n co-éignich E gach crèutair le mhìllseachd; Feuch! gu’m bi thu san t-shreud sin Aig ’m bheil rèite agus sith ris, ’S cha ne lòchran na h-aidmheil Ach t-anam bhi lionta, Le gradh da ghloir. AN T-ALLABAN. I. Fhirr! a tha fathasd air allaban buairidh, Ceap an seol-mara ’s thig dhachaidh san uair so; Fhad sa fasgadh ri fhaighinn on bhuaireadh: Cadhraich an t-accair sa charraig nach gluaisear. II. A mhuinntir thair allaban? ’S fhada bho thirr sibh, ’N aill leibh tigh ’nn dachaidh gu caladh na sìochaint? Leughaibh gu beachdail a chairt th’ anns’ a Bhìobul; Is seolaidh i ’n rathad dhuibh dhachaidh gu Crìosda. III. Togaibh bhur seoltan an codhail na gaoitheadh, ’S iarruibh Spiorad Iehòbha ’g ur treòrach le naomhachd; Oir cha d’ theid soitheach ramhach no bàta le saothair: A chaoidh anns an àireamh a ghràdhaich gu saor E. [TD 39] IV. Ge’d robh tonnan an uabhair is buaireadh an t-shaoghail, Air thoiseach ged bhualadh S’aig cuartach gach taobh dhiot? Stuir ’s ’air an Uan ’s gheibh thu buaigh air gach aon diu, ’S cha ’n fhag E sa chuan thu mar fuaraich do ghaol da. V. Feuch! nach dean cadal do mhealladh sa chruaidh-chas, Na dìbir bhi faire mu’n glacar na’d shuain thu: Bi cruadalach gaisgeil tha neart aig an Uan duit; Sa choidh’ na toir fasgadh le caidreamh do thruailleachd. VI. Tha t-anamse ’n cunnart gach latha sa bhliadhna, Fhad sa bhios tus’ air an t-sheacharan chianse; Feudaidh! an nochd gu’m bi t-anamse ’m piantan: Ma bhios tu neo-iompuicht’ sgun sith eadar Dia ’s tu? VII. Mosgail a dhuin ’tha thu tuileadh is dàna, Tha thu tuilleadh is fad’ ann an glacaibh do namhuid: Eirich gu grad fhads’ tha latha na ’n gras ann; “Se nis an t-am taitneach is latha na Slainte.” VIII. “Eisdibh ri ’m theagasg le h-aire gu deònach, “’S biodh tlachd aig bhur n-anam ann an cuirm a tha soghail; “’S ni mi co-cheangal grasmhor nach fhailnich ri ’r beo sibh: “An trocair fhuair Dàibhi” Sa dh’arduich gu gloir e. IX. ’S doilich leam amharc air cloinn-na-h-easumhlachd, Ach ’s muladach ’n staid sam bheil clann an nuadh chumhnaint’; Bidh roinnean am pairt diu ged ’tha ’d air an urbhreith Ma bhios caochladh na’n nadur ’thaobh aithn’tibh a chumhnaint. X. Tha oibir air leith aig ar ballaibh an comhnuidh, Cha chluinn sinn le ’r suileabh ’s cha ’n fhaic sinn le ’r sronaibh; Gidheadh tha iad feumail don dreuchd dhoibh chaidh ordach’: ’S ni iad giulan le cheil’ ann an reite mar ’S coir dhoibh. [TD 40] XI. ’S ballaibh na creidmhich da fheoil is da chnamhan, Ach tha cuid diu tha lag, agus cuid a tha laidir; Cuid a beath ’chadh air bainne’ agus mana aig pairt diu:’ “’S ni E fein giulan sèimh leis a mheud sa ’m bheil al diu’.” XII, ’S coir do’n dream is mò neart guilan faicealach gràdhach, Leis an dream a tha lag ’s ’bhi ga’n-altrum gu bàigheil; ’S ni h-ann a chum deasbuireachd ’amh ’rusach ghràineil: Ach an Spiorad na faicill mar athair ’S mar bhraithir. XIII. Bidh an dream a tha lag ’fas gach latha ’san fhirinn, Oir tha gealladh air neart aig an lag o Righ Shioin; Gheibh an t-anmhuineach’ neart uaith trid fair’ agus strigh ris ’S ni E ’gairdeachas tharta ’saoithir anama Chriosd iad. XIV. Their cuid ’s le Apolus mi ’s cuid is le Pol mi; Sa’m bheil annt’ ach a ’nith ’chuir an sìol ann a ’mòran Ach an Tì thug am fas ’s airigh ghraidh do’n t-sheors ud ’S is coir dhuinn’ air gradh thoirt do’n aireamh fhuair coir ann. XV. Tha roinnean san àl so mar ’bha anns an t-sheors ’ud, Tha eag lais na h-AlB’ ann is eaglais na Roimhe; Baistidh is Buergars, Independents, ’S Methodists: Ach Se their an fhirinn nach eil ann ach da Sheorse. XVI. Mar as ard tha na Neamh an on talamh an comhnuidh, ’S co ard a tha Smuaintean an Tighearn’ o mhòran; Ged their daoine gu minic gu’m bheil iomadach seors ann; Se slighe gu h-iffrion agus slighe gu gloir th-ann. XVII. Tha slighe gu beath ann, is slighe gu lèir-sgrios, Sann an aon diu ’tha thuse a dhuin ’tha ’ga’m eisdeachd: ’S mar deach’ t-ìompachadh fathasd tha thu fagus do leirsgrios, Stu’n sas aig a cheartas nach leig as thu gu’n èiric. [TD 41] XVIII. Tha roinnean an aireamh na’m bràithrean an comhnuidh, Mur ’bha Reubin sgun toil aige cron dheanamh dh’ Ioseph; Nuair chaidh comhara graidh thoirt le Iacob do’n og ’nach: Bha farmad aig cach ris se bhàs nach robh mor acc’. XIX. Ma bhios neach a toirt umhlachd do aithn’tibh Iehobhah, Le gradh do’n ti bhàsuich sda bhràithrean mar chòmhla; Bidh braithrean meo-bhla deanamh tair air an t-sheors ’ud On bhios barrachd do nadur a mhaighistir mhoir annt. XX. Tha do ghnothuchs’ ri Lagh nach d’thoir maitheanas beo dhuit, Mar faigh thu dha urras bheir e thuse gu doruin: ’S ged theid neimh ’s talamh thairis bidh e mairion ged rosdadh; ’S bheir e thuse do’n phrìosun gus an ioc’ thu gach feoirling. XXI. Tha ’n lagh sin cho Spioradail ’s mise cho feolmhor, Air mo reiceadh fuidh ’n pheacadh gu’n neart gu teachd beo as: ’S truagh nach robh m-anam an glacaibh Iehobhah, Far nach dean peacadh mo sgaradh ri ’m bheo as. XXII. Tha mo pheacaidh ni ’s lionmhor na mìnn-fheur is reultan, ’S tha aimheil fo’m chionnta is measa na iadsan; Cridhe nadur is inntinn o’na chinn gach mi-bheusan, ’S tha mi nis air fas sgith dhiu ’thug iad dith orm nach leir dhomh. XXIII. Ach cairid na’m peacach na’n cis-mhaor ’s na’n Strìopach, A dh’fhag a righ-chaithir gu’n toirt dhachuidh sga’n-iompach; Sann’s’ na dh’ioc ’E do’n cheartas fhuair m-anamse siochaint’: Gloir dha bhios mairion ’s hosanah! gu siorruith. XXIV. Fhirr ’thanaig dhachaidh gu cala Iehobhah, Sa mhothaich am fiath tha fo Sgiathan a throcair; Bidh tu nath-ghoirid sgiamhach le h-iomhaigh a ghloire: Dealradh mar ghrian ann am fianuis a Mhorachd. [TD 42] XXV. Tog a chuingsan tha eutrom is foghlum on fhìrinn, ’S lean E gach taobh ged their daoine dhuit mi-chliu; ’S biodh a lagh air do chridhe leis an Spiorad ga sgriobhadh; ’S bidh tu mar ’ris am Pharrais nuair a dh’fhagus tu’n riogh’chdse. XXVI. Their lagh Spiorad na beatha ann an Iosa an Slan-fhear, Dhuit buaigh air a pheacadh le feartan a ghrasan; Bheir E saorse don cheangailt ’s bheir E chreach on fhear-laidir; ’S bheir fuasgladh do mhilltean tha ’n am priosan staid naduir. XXVII. Biodh t-oibir fein agad ’s thoir oibir fein dhasan, Biodh E dhuit mar do Shagairt do Righ agus t-Fhaidhe: ’S bi ri urnaigh ’s ri faire aig cathair nan grasan; ’S gheibh thu easan na uil anns na h-uile do’n t-shlainte. XXVIII. Bi cogadh ri ’d naimhdean s ni h-ann le do dhornaibh, Ach le claidheamh an ’Spioraid chuir ri ’d chridhe tha feolmhor; ’S feumaidh aithreachas slainteil ’bhi ghna agad co-ris; ’S bròn airson peacaidh gach lath’ fhads ’sas beo thu. XXIX. ’Sann am meadhoin do bhroinse bidh do dhochas aig èirigh, ’S ged a thrèig thu gach ni bithidh ionmhas air neamh dhuit’: Feuch! nach gradhaich thu’d chri a bhi pilltinn do’n Eiphit, Diomh ’nas na’n diomh ’nas gach nith tha fo’n ghrein so. XXX. Gu robh grasan an Spioraid an co-imeachd an dain so, Airson anamaibh a philleadh gu bhi glic a chum slainte: Sa chum creidsinn sa ’n-ìobairt rinn an t-shiochaint ’an airde, ’S gradh thoirt do Chriosda da fhìrinn sda chàirdean. [TD 43] AN IOBAIRT REITE. I. ’Si ìobairt a chroinn-cheusaidh fhuair reite ri Dia, Do’n dream bha ga reubadh ’s ga cheusadh gu dian; Sann dh’fhuiling E na’n-aite bha’ ghradh dhoibh o chian: SE’ nis is daingneach laidir da chairdean gach ial. II. ’Si ìobairt a chroinn-cheusaidh, fhuair reite do dhaoin’, Sa dhaisig h-un an cèille an t-shrèud a tha nàomh’: Sa dh-ìompuich a nadur gu gradh thoirt neo-chlaon Do Iosa o Nas’ret an Slanuifhear caoin. III. Si so an iobairt-reite ’s cha trèig i ri ’r beò, ’SE Prionnsa na sith E is iomhaigh na gloir: ’SE ughdar na ’slaint’ E da chairdean gu léir; Ni ’m fìr’neach le ghràs sa ni gradhach am beus. IV. Se Alpha is Omega an ceud bhith gun chrioch, Fear càradh a bheuma sàr stèigh is clach chinn; Fear-aisig na’n ròidean ni ’n treorach gu ciuinn; ’S ni fhìrinn doibh lochran thoirt eolais dhoibh ’s iuil. V. Tha buaigh san iobairt-reite a ghleusas ur cail, Bheir i choguis san fhirinn gu siochainte shèimh: Bheir i’n cam gu bhi direach, san garbh gu bhi reith; ’S thig na beanntan gu ìsleach s na’ g linn air an rèir. VI. Cha’n-fhar-ainm a fhuair iobairt bhuaghach na reit’, Bheir i ’n leomhann san t-uan gu bhi gluasad le cheil: Tionndaidh ìobairt na ’m buagh so an gruaman gu speis; ’S ni naoidheain ath-nuadhuicht’ am buach’lachd gu sèimh. [TD 44] VII. So an iobairt a riaruich lagh Dhia gus a’ chrìoch, Sa fhuair fasgadh gach ial do’na mhiannuicheas sìth: Tha doimhn’ agus leud innt ni sgail dhuit on teas:— Si cho fada s’ cho ard ris gach àithn th, anns an lagh. VIII. Cha d, thig malluchdan na fearg air an dream tha fo dion, Phàigh an Iobairt do’n àithne gach fairdin do’n phris— Bha dligheach dhith fhaotuinn thaobh dhaoin agus Dhe; Sud an èiric a phaigh iobairt ghradhach na reit’. IX. San dream a thig fo sgail gheibh iad slainte fuidh sgèth, Gheibh iad maitheanas slan agus gras a’n-am feum’— Gheibh ìad nuadhachadh naduir’chum gradh thoirt do’n choir, Sa’chum umhlachd le gradh thoirt da aith’ntibh le deoin. X. Ni fhirinn dhuinn lochran ’g ur treorach o bhèud, ’S thig an Spiorad n-ur comhail gu treoir’ chur n-ur gnè:— Bheir e eolas na slaint’ dhuinn air Slanuifhear cèusd; ’S bheir e naomhachd ’n ur nadur le gradh is le h-èud. XI. Ged tha ’n creidmheach a thaobh naduir, na fhasach gu’n dòigh, Ni na grasan ud àiteach ’s bidh a bhlà mar an ròs; ’S thig frasan on aird’ bheir am fas gu bhi mor ’S cha bhi h-aon diu gun bhlàth bidh iad gradhach gu leoir. XII. ’S bidh E fèin dhuinn mar dhrùchd thoirt duinn ùrachadh fàis, ’Chum naomhachd a chìnntinn n-’ur n-inntinn le gradh: ’S cha bhi buaigh ann ’ur n-ìnntinn nach ìompuich a ghras; ’S gheibh ’sinn, n-ìomhaigh th’air Criosd an ait ìomhaigh’ùr namh. XIII. Sibhs’ bha fad o laimh ann bhur naimhdean gun chèill, A nis s-ann rinn E sith ruibh trid iobairt na reit’:— Shaor E sibh o uamhas gach truaigh ’bha n’ ur deigh; A’s saoraidh E gaeh uair sibh o bhuaireadh ’so bheud. [TD 45] XIV. Cha ’n-fhuiling e d ’ur namhuid bhì n’aird oirbh a choidh, Cuiridh Criosda le ghrasaibh an namhuid gu claoidh:— ’S ceartuich ’E gach failing tha nadur a shluaigh; A’s cogaidh E na ’n-aite on s’ aill leo dol suas. XV. ’S coigrich iad do’n t-shaoghal’s tha’n gaol do’n Ard Righ, Choisinn am Fearsaoruidh dhoibh saoghal gun chrioch ’S iad mar chaoirich ’measg leomhann an comhnuidh s gach tir; Ach ni ’m Buachaile mòr o’n a leomhainn an dion. XVI. Cha dean leomhan ge ’g arg e a marbhadh ri ’m beò, Co ’spionas o laimhsan an dream tha na dhòrn? Cha dean Satan na chairdean no’n saoghal sa ’n fheòil; Bidh Prionnse na sith dhoibh na dhíon o gach seors. XVII. Si Iobairt ua reite ni beusach is naomh, An dream tha’ gun cheill agus eutromach baoth: Bheir i ’n-ìnntinneabh beo gu bhi glorachadh Dhia; On a fhuair E dhoibh slainte nach fáilnich gach ial. XVIII. Fhirr a dh, eisdeas na leughas an sgeul th’ ann am dhàn, Tha thu ’d namhuid do Dhia ’thaobh do fhriamhach o Adamh; Cha’n’eil seol air do shaoradh o dhoruinn gu bràth? Ach trid creidsinn san Iobairts’ se Criosd tha mi’ g’radh. AN T-SHLIGHE NUADH, &c. Airr Fonn. Si ’n t-shlighe mhaith is nuadh i, Suibhlaibh trid na’n geatachan; ’S bidh beatha mhairion bhuan duibh: San t-shlighe mhaith is nuadh so. [TD 46] I. Seasaibh anns’ na ròidibh, A’s feoraichibh mu’n cuairt duibh; Caite am bheil an ròd sin, A bheir gu gloir an Uain sibh? Sin t-shlighe mhaith is nuadh i, &c. II. Se Crìosda slighe ’na slàinte, Cha’n’eil an càch ach truaighe; Sma ’s aill leat dol gu Pharrais? So! faradh a bheir suas thu.—&c. III. Se’n geata dh, fhosgail Crìosda, Sa mhìnnich E do’n t-shluagh e; Aithreachas is iompachadh: Air ’n-inntrinn a chuid sluagh san.—&c. IV. Se’n geata cumhann grais e ’Chum dol gu slaint’ o thruaighe ’S thigse steach le sbàirn air Ma ’s-àill leat dol gu suaimhneas.—&c. V. “Ma’s-aill leibh bhi san àireamh; “A ghradhaich mi s nach fuaraich; “Gluaisibh ann am àithn’tibh: “’S bheir mise gras gu buaigh dhuibh.”—&c. VI. Dearbh do shlighe fein, Agus trèig i tha i suarach: A’s teich gu focal De: ’S gheibh thu slighe threigsinn truaighe.—&c. VII. O! trèigibh gach mi-dhiadhachd, Gach ana-miann s gach uabhar? A’s togaibh bhur crann-cèusuidh, ’S thugaibh sìbh fèin a suas da.—&c. [TD 47] VIII. Tha bratach ris na sloigh, Air an t-shlighe bheo as nuadh so; A’s thig na h-uile fòidh pe, A dh’ fhodhlumas as a suaich ’ntas.—&c. IX. Tha maitheanas san ròd so, A’s trocairean ro-luachmhor; Is ged tha cogadh mor innt’, Tha seol air’m faigh thu buaigh air.—&c. X. Fhir tha subhach ceol-mhor Le’d spor’s agus le ’d’ uabhar Treig toil-ìnntinn fheolmhor Is gheibh thu solas buan ann.—&c. XI. Ged ’robh do pheacadh graineil, Mar sgarlaid aig an ruaighead: Tha tobar an tigh Dhàibhi; Ni àluin agus nuadh thu.—&c. XII. Bidh mìlltean air gach laimh dhiot, ’Cuir campuir ort is buairidh; Ach trìd do cheannaird urramaich: Bheir thuse ’tuilleadh ’s buaigh orr’.—&c. XIII. Ge’d robh do naimhdean lìonmhor? Na mìlltean do gach buaireadh, Le h-armachd ghlan na Trìonaid, Bheir thu fuidh chis gach truaighe.—&c. XIV. Biodh fhocal duit mar lochran, Ni solus mòr mu’n cuairt duit; A’s chì thu’n sin gu’n sòradh: An seorse ’tha ged chuartach.—&c. [TD 48] XV. ’S ’on fhuair thu còir san t-Shlan-fhear, Cha chum E gràs gu buaigh uait: Bheir E dhuit clogad slàint’; Agus sgiath; mar stalliun chruadhach.—&c. XVI. Fhirr gu’n d’ thig an dàn so, Thig trà do’n rathad nuadhsa; Se’m urnaigh air do Sgadh Creideamh Slàinteil bhi toirt buaigh dhuit, &c. XVII. Chaidh Sàdrach agus Mèsach A’S Abednègo Suas orr’; Chaidh Daniel ’S Esèciel; A’S Esra ’S Iob le cruadal, &c. XVIII. Chaidh Ionah agus Nàhum, ’S Isaiah ’m fàidhe buadhach: ’S bha Ieremiah dìleas Tre ’n ti a thug a bhuaigh dha. XIX. Chaidh Mata Marc is Lùcas, ’S bu rùnach iad na ’n gluasad: Chaidh Sèumus Peadair ’s Eòin orr’, Apòlos agus Cuartas. Si ’n t-shlighe mhaith is nuadh i—&c. AN DARA PAIRT. Si ’n t-shlighe nuadh is bheo i, Suibhlaibh trid na’n geatachan: A’s gheibh sibh slainte mhòr; Ann ’s an t-shlighe nuadh is bheo so. [TD 49] I. Bi so an t-shligh’ rinn Abra’m, Rinn Caleb agus Ioshua: Rinn Isaac agus Iacob; Rinn Daibhi agus Ioseph. Si’n t-shlighe nuadh is bheo i, &c. II. Chaidh Solamh agus Samuel, Chaidh Aaron agus Maois orr’: Chaidh Noah leis an Airc orra; ’S Lot nuair dh’ fhàg e Sòdom, &c. III. Chaidh Phinehas na’n dèigh san, ’S bu treun e’n comhnard Mhoaib: Chaidh Enoch agus Abel; A’s Hanah is Naomi, &c. IV. Chaidh Elisha is Elijah, ’S bu dìleas iad sa chomhraig: Chaidh Habacuc is Mìcah; A’s Simon Mac Chlêòphais, &c. V. Chaidh Gaius le chuid aoidheachd, ’S Persis bean-shaoireach mhòr i: Chaidh Rùfus ’s Adronicus Amplias is Patròbas. ’S bi’n t-shighe nuadh is bheo i, &c. AN TREAS PAIRT. Air Fonn. Si ’n t shlighe dhol gu neamh i, Siubhlaibh trid nan geatachan ’S bidh neart an am bhur feuma Si ’n t-shlighe dhol gu neamh i. [TD 50] I. Chaidh Pol orr’ agus Sìlas, A’s Tìtus ’s Timothèus; ’S fear-coimhead a phrìosuin, A’s Lidia ’s Conèlius. Si ’n t-slighe dhol gu neamh i, &c. II. Chaidh Aindreas bràthair Shìmoin, A’s Philip o Bhetsaida; Chaidh Barnabas ’s Priscila, Nathànael is ’Stèphen, &c. III. Chaidh Magdalen’ ’S Elìs’bet, A’s Muire mathair Sheumuis: Is Muire mathair IOSA; ’S Olìmpas is Trìphena, &c. IV. Ignàtius ’S Antìpas, Policarp ’S Iraneas: Chaidh Iustin ’S Leonìdus Tertullian is Ièrome, &c. V. Tha ’n-àireamh dhiu cho lìonmhor, ’S nach bi mi deanamh sgeul orr’. ’S ma ’s aill leibh sonas siorruith, Leanaibhse luirg an t-shreud so. Si ’n t-shlighe dhol gu neamh i, &c. AN CEATHRAMH PAIRT. Si ’n rioghachd shona bhuan i, Suibhlaibh trid na’n geatachan ’S bidh Flaitheas dhuibh mar dhuais Anns an rioghachd shona bhuan so. [TD 51] I. San dream a rinn mi ainmeach, Sluchd leanmhuin bh’aig an Uan iad: A’s lean E cho dileas ’S gun chriochnuich iad le buaidh, &c. II. ’S nuair ruigeas sibh an t-ait’, Anns ’m bheil lathaireachd an Uain: Theid an armachd chuir na tàmh; Anns an arois tha gun bhuaireadh. III. Theid crìoch air creidimh ’s dochas, Ged ’s mor an cath a fhuair iad: Tha fois an riogh’chd na gloire, A’s solas nach d-thig uatha, &c. IV. On duslach bheir E’n deòiridh, Sam bochd on òtrach dhuaichni’: Gu’n cur na’n suidhe codhla, Ri prionnsaibh a chuid sluaigh, &c. V. Tiormaichidh Iehòbhah, Deur bròine bhar an gruadhean: ’S bidh moladh ’n-aite bròin, ’S cruintean Gloire ’n-àite luathre, &c. VI. Cha chum an uaigh na’m bas iad, Bidh air chàraid buaigh acc’; Sann sheinneas iad gu glòirmhor, ’S bidh òran Mhaois sa’n Uain acc’, &c. VII. Cha’n fhacas e le sùilean, ’S cha mhotha ’chuala cluas e: Na’m bheil do shonas siorruith, Aig Crìosda da chuid sluaigh, Anns an rioghachd, &c. [TD 52] AN CUIGEAMH PAIRT. Air Fonn. An Slugan dubh na truaighe Ruaigear iad on Seasgaireachd Gach neach ’bhios anns an t-shuainse Gu Slugan dubh na truaighe. I. ’San dream nach duisg na thrà, Gu’s am beir am bas na suain’ orra: Gheibh iad cuibhrionn chraiteach, Le Satan rinn am buaireadh. An Slugan, &c. II. ’S na bhasuicheas neo-iompuicht’, Gun Chriosda ’s gu’n ath-nuadhach: Bidh gul is gìosgan fhiacal, Gu siorruith acc’ gun fhuasgladh. An Slugau, &c. III. Bidh deatach thruagh am pèinne, Gu siorruith ’g-èiridh suas ann: ’S bidh gul is gìosgan dheud acc’; Le mheud ’s thig fearg an Uain orr, &c. IV. Ma ’s ’neach thu tha ’n Staid naduir, Dean mosgladh trà on t-Shuain sin; ’S ri Criosda Seall an, Airde Mu’m bàthar thu ’gun fhuasg’ladh. An Slugan dubh na truaghe, &c. [TD 53] ARAN NA BEATHA. I. Tha gairm tigh’nn o’n Tighearna, si a tha milis, Do’n-anam a bhitheas gu h-accarach fann: ’Se g-èigheach thigibh a’nis agus itheabh, Don chorp ’chaidh a bhristeadh ’thoirt beatha da chloinn. II. ’Se so ’n t-aran fior a thanig o fhlaitheas, Ge be dh’itheas do’n-aran ’s bidh beath’aig nach trèig: Dh’ith ’ur n-aithrichean mana, ’s fhuair iad bas ann an cabh aig; Ach ma dh’itheas tu n ’t-aran ’s, bidh tu mairionn ’s cha’n eug. III. O ma bhlais thu cho milis ’s cho maith, sa tha, Aran na beatha tha ’t-anamse beò Fhuair thu cuid sa chèud aiseirigh sona dhuit anam. Chaidh tu thairis gu beatha, so bhàs gu bhi beo. IV. Fhuair thu mosgladh o chadal, so bhi marbh ann am peacadh, A’s solus san fhacal gu ’d chas-cheum a sheol’. Fhuair thu ’s mior crunneachd fhalluinn ’is mil as a charraig; A’s maitheanas peacaidh le gealladh na ’d, dhorn. V. Fhuair thu tuilleadh ’sud fathasd, fhuair thu creidimh beo falluin, Agus accair do ’t-anam dochas daingionn ri glòir. ’S gradh annad ’laiste ge’d tharruing o’n pheacadh; Thoirt umhlachd da fhacal sga leantuin na ròd. VI. Fhuair thu tuilleadh ’sud fathasd a leabhar an Taisbean, Fhuair thu uaithe ’chlach gheal ’sainm nuadh orra sgrìobht’; Nach lèughar le neach ach a ’neach sin a gheibh i? Si fianuis do ’choguis bhi ’n sith ruit tre Chriosd. [TD 54] VII. Mar sgail creige ’n tirr airsneil tha Criosda do t-anam, Mar dhaingneach, mar chaisteal, ’s mar bhaile gu’d dhion; O dhiogh-ltair na fola so chlaidheamh a cheartuis, ’S on fheirg is on mhalluchd a thoill do mhi-ghniomh. VIII. O gabhse an cothrum’S na dearmaid bhi sona, Cho fhad ’s tha ’n dorus so fosgailt gun chrann; ’S aite falamh ann fathasd do cheann feàdhna nam peacach, A’s aran na beath ann ri sheachnadh neo-ghann. IX. ’Sàr bhunait gu fois E Clach chinn e na h-oisinn, Tha E luachmhor is taghte le Athair na sìth; Agus dhoibhsan a chreideas tha E luachmhor is taghte, Se ’m beath’ E san roghain sa ’n-aran beo fior. X. Fhad sa bha thu na ’d leanamh gu’n treoir ann a t-anam, Bainne fior ghlan an fhacail bu bheath dhuit air chinnt’; Ach a nis tha thu fearail ’s dh’fhag thu aois a bhi’d leanamh: ’S gheibh thu biadh chuireas neart annad, aran beo fior. XI. Thug E neart dhuit gu cogadh, glachd armachd an t-sholuis, Claidhe, ’sgiath, agus clogad a’s uchdeideadh fior; A’s soisgeul an fhocail mar lochran do’d chasan: Chum gluasad gu faic’ leach an reachdaibh an Rìgh. XII. Tha tobar na beath’ ann ’s e ghna a cuir thairis, ’Se saor do gach neach a tha tartmhor na gheall. Se ’ri fhaotuin an nasguidh gun airgiod gun cheannuchd; Fion aosd’ air dheagh tharruing ’chuireas gean ort nach gann. XIII. Tha subhachas pailt agus gairdeachas anam’, Aig an dream a tha blasad do’n-aran bheo fhìor; Sa gh’ òlas gach latha do dh’ uisge na beatha, Tha sruthadh mar abhuinn o’ chathair an Rìgh. [TD 55] XIV. Se Criosda a ’meangan thanuig ’mach o bhonn Iesse, Sa ghiulain an toradh tha pailt’ anns gach tìrr: Sann ’lub E gu talamh a nuas o ’na flaitheas; A chum is gu faigheadh tu anam da ’bhrìgh. XV. ’Se Aran na beath E gu slanach, sgu neartuch, SE Prionnsa na beath E. A’s Prionnsa na sìth; SE Ios’ E ’S Emanuel Dìa a bhi ma ’ruinn; Ni ’phobull o’m peacadh a shaoradh gu’n dìth. XVI. Biodh E luachmhor do ’t-anam, ’bi ghna ris aig amharc, Biodh E daonnan na ’t-aire, ’S bi ga leanntuinn gun sgìos:— Na aithnn tibh ’s na eiseimpleir ghna bi ga leanntuinn; ’S cha’n fhag E thu ’m feasda, ’s bidh t-anam fo dhion. XVII. Tog a chrann ort gach latha trid cliu na trid masludh, ’S gheibh thu gloir a bhios mairionn is lean E gu ’d ’chrìch: Treig t-fhireantachd shalach, ’s do ghniomhan neo-fhallainn; ’S gabh Criosd mar do Shagairt, mar t-Fhaidhe, ’s do ’Righ. XVIII. Tha do naimhdean gach latha ’gabhail farmaid ri ’d ’shonas, Sa feuchain ri d’ tharruin ’gu Tophet a sìos— Cridhe cealgach mi-chreidmheach san Saoghal le odhail— A’s miannan na colann is Satan le lion. XIX. Ach bìosa ri faire ’s cum dlùth ris a charraig, ’S gheibh thu gras uaith’ gach latha, ni t-anam a dhìon: ’S grian sa ’s sgiath E do’n-aiteam a thanuig fo fhasgadh: Sa ’s fearr dhuit na beatha deadh-ghean ris an Righ. XX. Uime sin thubhairt Criosd ’s “mis’ Aran na beatha,” “An ti ’thig a ’m-ionnsuidh’ cha bhi acras air fèin;” “Sa’n ti chreideas annam’ cha mhòtha ’bhios tart air,” ’S bidh Aran gu pailt aig ri sheachnadh ’s dha fèin. [TD 56] XXI. “O! sbeanuicht a ’n-aiteam tha ciocrach is acrach, “An geall air an Aran ’s oir gheibh iad dheth ’n dìol:” ’S bidh an aoibhineas mairionn, aig deas laimh an Athar; Gu h-Ard ann ’s na flaitheis a seinn da gun sgìos. XXII. Gheibh iad sith, agus sonas, is aoibhneis, is aighear, A’s gloir chaidh thar labhairt aig cathair an Rìgh. Tha mi nis riut a dealach ’s bi mi ’guidheadh dhuit beannachd, ’S gu ’robh ’Lathaireachd ma-riut gus am faic mi thu ’rìs. NA DIDEIN BHREIGE. I. Nuair leughas mi am Biobal, Gur soilleir chi mi Sgrìobht’, Gu robh aiteam, anns gach lìnn, ’Suidhe ’sìos fo dhidein bhrèig; ’S luath thoisich air ceud sinnsearr’, Ri sgail chuir air a ’m mì-bheus, Le duilleach a chroinn-fhìge, ’S be’n didean brèig’ dhoibh è. B-ann diu sud an àireamh, A thòisich ri tur Bhabel, ’S ged ’thog iad e gle ard, Bha e ’mhain na dhidean brèig; ’S b’ann diu mic na’m fàidhean, A shlèuchd do ìomhaigh Bhàoil, Sa chuir dòchas ann an sgail, Obair làmhan an luchd cèird. II. ’San làithibh Noah ’m fìrein, Bha mòran anns’ an linn sin, A Shaoil gur didean fìor dhoibh, An fhìrinn ’chur na brèig; [TD 57] Ach nuair thànaig orra ’n dìle, Cha b’fhada ’sheas an dìdean, Oir bhàthadh iad air chìnnt’, O’n bha’n dion fuidh dhidean brèig. San laithibh Lot ’bh ’an Sodom, Cha chreideadh iad Iehòbha, Gus ’n d’ thànaig doinnionn dhomhail, A’s mhòr orra bho ’n Speur; Teinne is pronnasg còdhla, ’Loisg Sodom is Gomòrah, ’S na bailtean feadh a chomhnaird, ’Chuir doigh fuidh dhidean brèig. III. Bha Isra’elich san fhasach, Ga ’mealladh fèin le sgaile, ’S chum sud iad o Chanàan, On ghradhaich iad a bhreug; ’S bha Corah agus Dathan, An aghaigh Mhaois is Aaroin, Chionn èud a bhi cho àrd annt’ Gu coimhead aithnntibh Dhe; ’S bha phairisich Channaoin, A saoilsinn a bhi Sabhailt’, On shiolaich iad o Abra’m, ’S gun ghràdh acc do Mhac Dhe; Ach Dhinnis dhoibh an Slan-fhear, Gum be an Athair Satan, ’S gun b-iad a mhiannan graineil, A b-aill leo a bhi deant. IV. San àireamh na’n deich òighean, Bha’n cuigear a bha gòrach, A saoilsinn gum bu leoir dhoibh, Bhi ’n ordugh cò-ra chèil; ’S nuair thànaig am fear posd’, Cha robh ol’ acca na’n lochruin, ’S chum sud a mach a gloir iad, Bha’n doigh fo dhidean-brèig. [TD 58] ’S bha moran ’lean an Slan-fhear, ’Son bhuileanan san fhasach, ’S cha b-ann airson na slaìnt’ bh-aig’, Do fhailùingibh a threud. ’S nuair sguir E ’bhi ga’n sas’ chudh, Phill moran diu gun dail, Agus dh’ fhàg iad stèigh na slaint’, ’S ghabh iad tamh fuidh dhidean brèig. V. ’N sin thuirt Iosa fèin, Rithis ris an dà-fhear dheuga, “’N aill leibhse mise thrèigsinn?” Sa bhreug bhi dhuibh mar Sgail, ’N sin fhreagair Simon Pèadair, Mar ’s coir da fhior threud radh, “Co’ e’ a dh-ionnsuidh ’n d’thèid sinn?” “Ach thugad fèin amhain.” ’S bha cuid fo dhidein bhrèige, Trid suidhe sios fo èisdeachd, Luchd-teagaisg, ’s fhaidhean brèige, Do’n t-shrèud nach deanadh stàdh; Bha sgrìobhuichean ro eudmhor, A’s iad gun eolas De annt, ’S gu’m b-ann diu Nicodemus, Mu’n cual e ’bhreith on aird’. VI. Tha moran ann san linn so, An duil gur dìdean fior dhoibh, Bhi aineolach air Criosda, Neo-iompuicht’ mar tha càch; ’S ma shiubhlas iad fuidh ’n dìteadh, “Cha’n fheud iad dol da rìogh’ chdsan,” Se sud a thuirt an fhirinn, ’S air chinnt cha d-thuirt i brèug. Cuid eil tha ’n duil bhi sabhailt’, On’s daoin iad a tha crabhach, ’S an t Shearmoin h-uile Sàbaid, ’S a ghnà toirt seachad dèirc; [TD 59] Cha leoir iad sud g’ur tearnadh, Cha ni sud fuil an t-Shlan-fhear, Is uime sin gun taing dhuibh, Se h-ann duibh didean brèig’. VII. Luchd mhionn is bhreug is morchuis, Luchg farmaid agus còmhstridh, Luchd ciul is danns’ is orain, ’S luchd poite mar an ceudn’; Luchd Strìopachuis is neo-ghloinn, Luchd ghisreagan a’s eolas, A’s cealgairean ’s luchd foinneirt, ’S gach seors do luchd mi-bhéus. Bidh iad sud an dochas, Gur didean fior gu leoir dhoibh, Bhi g-itheadh is aig ol, Aig a bhòrd mar ni fhior thrèud; ’S on tha iad sud gun eolas, Air brigh na nithean oirdhearc, ’S iad breathanasan mòr, Tha ’d aig ith ’s aig òl dhoibh fein. VIII. Tha cuid cho fhad o Chrìosda, ’S nach creid iad guth da fhìrinn, Ged leughar is ged mhìnichear, Sios dhoibh i gu rèidh; On nochdas i’ an dìteadh, ’S an lèirsgrios aig a chrich dhoibh, Cha ’n fhaigh i tàmh n’an-ìnntinn, S gabhaidh iad dion fuidh ’n bhrèig; Tha cuid an duil gu cìnnteach, Gur h-i so ’bhreith a rise, Ma threig iad cuid da ’mi-mhodh, Sa nis tha siobhalt seimh; ’S tha nise le fior dhìochal, Ga’m firinneachadh fhìn: Ach is dìdean brèig air chìnnt e, Tha’n taic’ ri ’n gniomhan fèin. [TD 60] IX. Tha cuid air Criosd’ a leanmhuinn, Thaobh aidmheil agus ainme, Arson am buannachd aimsreil, Sa’ n-anamaibh dha gun ghràdh; Mar bha Iudas ’S iomadh cealgair, Ga leanntuinn arson airgid, Mar sin tha cuid san aimsirs’, Ga leanmhuinn arson paigh ’dh; ’Luchd Searmoin agus urnaigh, ’Luchd sgoil tha teagasg ionnsuidh, Na leanaibh arson rusg E, A dhublach bhur cràidh; ’Luchd riaghlaidh agus èighich, Tha frithealadh do’n chleire, A lean arson bhur drèuchd E, Sud didean breig’ gun stadh. X. Dream shiol ’chas a mheanmh-chuileag, Sa shluigeas camhail gharbha, An uaigneas gh-olas aingeachd, ’S tha stuama ’n-am bhi lài-r; Na’n cridheachan ’s e ’s cainnt doibh, Ri Dia bi falbh san amse, Sud didean breig th-aig anamaibh, Ni ’n damnadh aig a bhàs; Tha dochas dalm gun stèigh, Agus creideamh marbh gun èifeachd, A chionn gun leugh ’s gun èisd iad, Mar stèigh aig cuid do’n als’; Ach feuch! is didean brèige, ’Bheir doinnionn feirge Dhe leis, ’S O! teichibh a luchd èisdeachd, A dhionnsuidh Stèigh na ’Slàint’ XI. Cha’n fhag mi ann an di-chuimhn’, Cuid’ ghabh a bhreug mar dhidean, Naimhdean mor do Chrìosda, Da fhìrinn is da ghràs; [TD 61] Luchd aideachaidh le’m bìlean, San cridheachan neo-ìompuichte, Cealgairean tha dìomhair, Sluchd dìmeais air a shlaint’. Cha’n urrain mi an ìnnseadh, An t-iomlan do ’na didein, Tha ’g Satan do na Strìochdas, Da ìomhaigh no dha fein; Ach tha doinnion feirge Chrìosd’ Air a samhlachadh ri Sìonntan, A bheir gu h-iffrionn sios, ’N dream a bhios fuidh dhidean brèig’. XII. Cha’n-ann dh’fheuchain duibh mo ghleustachd, No gaol air sibhse ’leirsgrios? Thug dhomh na didein bhrèige, So fheuchain duibh an tràs? Ach ’chum ’s air dhuibhse ’n leughadh, Gun creideadh sibh an sgeula, ’S air cur o ’n didean bhrèige, Gu sgedh an Ti as aird’. Se ’Crìosda ’m fior dhìdean. SE ’m baile fasgadh ’s dion E. On doinnean ’s o ’na Sìontan, Do’n Ti a thig fuidh sgail, ’S àr Bhunait is clach chinn E; Chaidh ’shuidheachadh an Sion, ’S na ghealladh gabhaibh dion, Oir cha didean fìor ach E. AMHGHAIR. I. Gur mor a ghrainnt thug an saoghal do’n-aireamh, A ghradhaich ’s thug umhlachd do aitheantaibh Chriosd; ’S iad mar chaoirich ’measg leomhun an comhnuidh san fhasach, ’S na’ madraidh ga’n caganadh le h-ardan dian. [TD 62] II. Ach se thuirt am buachail tha shuas anns na h-arduibh, Mo shluaghse cha’n-iongantach ged dh’fhuath ’cheas iad sibh; “San t-shaoghal, bidh amhghar is doilghios is cradh dhuibh:” “Ach ’s beag e do na fulangais a fhuair mi fhin.” III. “Dh’fhuiling mise irisleachd ro mhor air ’ur sgàthse, “Nuair thànaig mi ’n do’n fhasachs’ a thearnadh mo shreud: “Mo ghabhail’ leis an oigh sa bhi air mo bhreith san stapul; “’S nach leoir dhuibh ma bhitheas sibh mar bha mi fèin. IV. “Dh’fhuiling mi geur-leanmhuinn o Herod Cho gèur, “Is gu’m b-èiginn do’m chairdean do’n-Eiphet dol leam: “Ged’s mise rinn a chruitheachd so le cumhachd guth mo bheil; “Cha’n ’fhaighinn aite bunaiteach fo’n ghrèin do ’mo cheann. V. “Nuair phill iad leam do Naseret bha eagal Archelaus, “Cuir geilt orr agus sgà oir bu namhuid dhoibh e: “Fuidh dhìmeas ’s fo tharcuis feuch sud agaibh mar dh’fhas mi; “Mar dh’innseadh le h-Isaiahs am faidhe dhuibh e. VI. “Bha gniomharan gradhach is miorbhiullibh àrraidh, “An tir Chapernahum air ’n deanamh leam fein “’S ged shearmonaich mi ’n t-shlainte ’m Bethsaida san Corasain: “Be prionnsa ’na ’n deamhan bha iad ’g radh rium na dhèigh. VII. “Leighis mi gach crèuchd bha air daoine ’s gach èucail, “Thoirt fianuis do’m dhrèuchd gur mi fein a bha ann: “San neach san robh an Lègion do dheamhuin thug iad geill domh; “’S na marbhaibh ghrad dhèireadh iad ’n tra labhrain le’m chainnt. VIII. “Ach mhasluich iad le tàir mi ’s le fuath arson mo ghràidh dhoibh, “Reic Iudas mi gun fhàbhar gun bhaigh ris na slòigh.” ’S nuair bha mi anns a ghàrradh se ’m-anam bha ro chràiteach; Mar chlodan fol’ bha ’m fhallus dhiom le sbairn a bha mor. [TD 63] IX. ’N sin thug iad mi gu Anas sa rithis gu Caiaphas, A’s cheangail iad an sàs mi gun bhàigh ri mo bhròn; Rinn Peadair an sin ’m aicheadh ’s cha d-fhuirich aon do’m chairdean; ’S bu mhuladach gu’n duine ach mo naimhdean ga’m chòir. X. Bu teann a rinn iad m-fhèuchain san talla ’n oidhch’ sin fèin, ’S iad a tilgeadh sileadh brèun orm san èudann gun chàird: Is dh’fholuich iad mo shuilean is bhuail iad mi le’n dùrachd, ’S iad g-iarruidh orm faidheadaireachd dheanamh; le tair. XI. Chuir Pilat mi Herod is cheasnuich iad gu gèur mi, ’S dhìt iad lèis a bhrèig mi ’s iad ’n deigh air mo bhàs: ’S guirs’ iad mi gu deistneach gun iochd acca do’m chrèuchdan; ’S bha ’m ’fhuil is m-fheoil a sruthadh dhiom sga rèubadh gu lar. XII. Chuir crun do sgitheach ghèur air mo cheann ’rinn iomadh crèuchd air, Sa dh’fhanoid air mo dhrèuchd dearg èideadh mu’m chom: A’s lub iad ’n sin an glùn do a fanoid orm aig ùrnaigh; Le failte ’righ na’n iudhach dhuit, ’s iad lùbadh an ceann. XIII. Sa ’n sin a thuirt na h-iudhaich, “beir uain’! beir uain! a mealtair; A’s cèusuibh ris a chrann E gu teann a chum bàis, Oir chuala sinne chainnt S E aig ràdh ’leagaibh ’n Teampull, Is cuiridh mise rithis suas e ’n ceann an treas là. XIV. ’N sinn rinn iad a cho-èigneach a ghuilain a chroinn-cheusaidh, Gus na laguich e le mheud sa bha chreuchdan a call: (Se Simon o chirene a ghuilain chum an t-shleibh e) A’s thairnich iad an sin E leis na spàicean ri crann. [TD 64] XV. O Seallaibh ’nis ’n àird’ ris so brigh na nathair phràise, Thog Maois a suas san fhàsach gu slainnt thoirt do dhream, Seall! an t-shleagh ga cuir a sàs ann na thaobh gun iochd gun bhàigh Siad ag ràdh mas tu Emanuel; tarr ’nuas o na chrann. XVI. ’Nach faic thu dhreach air caochladh ’sam masludh a thug daoin dha? ’S fearg Dhia ga taomadh na anam air a chrann, Arson peacadh dhaoine ’S E cosnadh dhoibh na saorse, O! faicibh olc a pheacaidh is an ceartas tha cho teann. XVII. Sa nis a chairdean gradhach cha’n urrainn mi an àireamh dhuibh, Fulangasan cràiteach ’ur Slan fhear gu’n ceann: ’S ged dh-amhlaic iad san Uaigh E gu’n d-èirich ’s thug E buaidh orr; Sa nis tha E ’s na flaitheanais a tagradh cùis da chloinn. XVIII. Na bithibhse fuidh ioghnadh ged dhean an saogh’l air dìteadh, Arson sibh a bhi dileas da fhirinn sgach ceum: Ma rinn iad sud san Fhionain: nach dean iad e ra dhillsean? Oir ’s comharan iad sud a bh’ anns gach linn air a thrèud. XIX. Ge’d mhasluichear le breig sibh sged bheir an saoghal beum dhuibh, Arson gun deach’ air suidheachadh sann an cruth a bhais? Lean uibhs’ anns gach ceum E mar eagluisean Iudea, Sa’n sin a bhios sibh subhach a bhi fulang air a sgàdh. XX. “’S na huile ghabhas nàire do’ ni a rinn mi aithuneadh, “Bidh mise rìs gan aicheadh an laith’r ainglean Dhe: “’S na dh’ aidicheas o’s aird ’mi le creidimh is le gradh dhomh, “Bidh mise rìs ga’n aideachadh ’s cha ’nàruichear iad. XXI. “’S ged dh’fhuiling sibh san fhàsach gach masludh air mo sgàdhse, “Bidh urram tha do-àireamh gu h-ard dhuibh an glòir: “Leanuibhse gach là mi ’s gach cèum a rinn mi àithnneadh; “’S Ged bhios bhur naimhdean guinneach bidh mo ghairdeans gur coir. [TD 65] XXII. Tha cuid air feadh na’n duchan mar Aran nach deach ’thiondadh’ Tha leanntuinn ris an dùchas gu dluth bh’aig a Phàp: Ach se dh’àithinn an Slan-fhear dhuin tigh’nn a mach a Bab’lon, ’S gun cho-pairt’cheadh da peacuidhean; mu’m faigh sinn cuid da plaigh. XXIII. Cha’n fhiugh e bhi ga ainmeach am beagan tha ’sa ’n amase, O’n taobh amach do amhghair seach ’n-aimsir bh’aig Pol: ’S cha do chunntais e ’riamh iad ach anabarrach eutrom; Nuair mheasadh e’n trom chudram ’bha iad ’goibreach dha do ghloir.” XXIV. So’n dh’ìnnseadh ro laimh dhuinn gur h-ann tre iomagh amhghar, As èiginn do anamaibh na’n naomh dol gu gloir; Deanamh sbairn gu neo-chearbach gu dligheach fo’r lan armaibh; ’S nuair ruigeas sibh bhur ’nuighe cha d-thig amhghar gur còir. AN SGATHAN. I. Bha mis mar chàch ann an chreach aig Sàtan, Sior dheanamh tàrcuis air t-àithn’tibh caomh: Fuidh’ chuibhreach bàsmhor aig truaill’eachd naduir; ’S mi’m nàmh do ghràsan an Spioraid naoimh. II. Och! ’S mòr an fhàiliung thug mi o Adhamh, ’S cha mhis amhàin ach an t-àl gu lèir: A thànaig uaithe tre ghinneil ghnathuicht’; Rinn sud n’an tràillean do Shàtan iad. III. Chaith mi mo làithean air feadh an fhàsaich, Gu h-uaibhreach àrdanach feargach bàoth; ’Nam struigh fhear neo-ghlan làn macnuis ’s cò-strith, ’S am ruit-fhear ceolmhor le gòraich fhaoinn. [TD 66] IV. Le’m chridhe cealgach tha làn do shalachar, Thug fad air mhearallan mi feadh a cheò; Mo nadur truaille ’g òl suas gach barraghloir, Gu naimhdeil anacainnteach fad on chòir. V. Gu’n eolas Slainteil air Dia ’na’n gràsan, Am chreach aig Sàtan Sa’m thràill do’n fheòil; Toirt graidh do’n t-shaoghal sdo chuideach bhaoghail, Sa chuideachd naomh ’s mi nach taòbhadh beo. VI. ’S mi h-uile la ’g radh ris an t-Shlan-fhear, Imich an trà so cha’n aill leam thu; A bhi na’d Righ shagairt dhomh na t-fhaidhe, ’S nuair thig am bàs ’s math leam lamh rium thu. VII. Ged theireadh fhìrinn san rium gu laitheil, ’N diugh la ’na slaint gabh an gràs sna diult; Ach on bha m-inntinnse dha na nàmhuid, Se bhi cuir dàil ann a bha na’m run. VIII. Sa sin a Smuaintich mi air an truaighe, A bhiodh mar dhuais dhomh ’n taobh thall do’n bhàs; Sann dhuisg sud riasuinn do sheorsa diadhachd, Sa sin a dh fhiach mi ri dol ni b’fhearr. IX. Chaidh mi gu fuaigheal na mìrean nuadh, Ris a chridhe chruaidh san robh fuath do ghràs; Le duil gu’m leoir dhomh bhi ’g urnaigh ’n comhnuidh, ’S mo chridhe feolmhor na chròdh do’m nàmh. X. Be’n dochas làidir bh’ agum an trà sin, Gu’n coisninn Pharrais le’m-airigheachd fèin; ’S ge’d bhithinn failuingeach ann am pàirt diu, Gu’n cosnadh cacha dhomh deagh ghean De. [TD 67] XI. ’N sin thoisich leughadh is ’leathsach bhèusan: Le ’duil gun deantadh mo rèit ri Dia; Sa nis gu h-àrraidh gu’m b’fhearr na càch mi, Se sud bha Satan cur orm mar fhiach’. XII. ’S ged thrèig mi cuid do mo mhiannaibh mìlteach, Air mhodh dìomhair bha mi an sàs; A’s ghabh mi tamh ann an didean brèige, Fuidh mhallachd Dhe ’S cha bu leir dhomh e. XIII. Biad m-oibre fèin ’n rud a bha mar stèigh dhomh, Cha ’b lèir dho ’n-èifeach bha ’n steigh na ’slaint’; Fuidh ’n lagh gu gniomhach sior dheanamh dìchill, Le duil gu’m fìr’ nicheadh e mo ghnà. XIV. Se so an Sgàthan sam faic sibh pairt dheth, Mo thoradh naduir ’s do’m-umhlachd fèin; Sa chairdean gràdhach nach truagh leibh cà-radh, An neach as gràineala a tha fuìdh ’n ghrèin. XV. Ach dh’fhosgail Ughdar na slaint’ mo shuilean, Nuair thanaig ’n-ùinne a rùnaich E; ’S chuir E cho drùiteach an lagh do’m-ionnsuidh, ’S gun dhearbh e m-umhlachd bhi dho’na bàs. XVI. Bha ’n lagh gam sguirsadh is dhuisg mo choinnseas, Bha mi gam chuibhleadh agus ga’m chradh; ’S bha ’n Spiorad daors’ sin gam chloidheadh daonnan, A sior thoirt m-eutromais dh’ionns’ an làir. XVII. Bha ’n lagh gam sguirsadh oir be’m-oidfhoaghluim, Gam thoirt a dh’ionnsuidh m-Fhiorrshaoraidh naoimh; ’S Om uallach trom ’S Easan a rinn saor mi, ’S chaidh mearbs’ bha faoinn ’chuir a thaoibh gun suim. [TD 68] XVIII. ’S E Iosa Crìosda ’thug Saorsa shiorruith, Do ’na ’milltean bha’m prìosun truagh; ’S is ann na fhireantachd a tha prìseil, A fhuair mi’n didean na dion o thruaighe. XIX. Ged tha mo namhuid rium gleachd gu làthail, ’S E Criosd le ghràsan ni’m fhailuing suas; ’S E ghealladh slainteil nach dean E’m fhàgail? ’S gu fàigh mi laith’reachd is gràs gu buaidh. XX. Ged theirgeas sleibhtean sged leagh na reultan, Ged theich no neamhan an Speur san cuan; Se gealladh grasmhor an Ti as aird dhomh, Gu’m faigh mi failt uaith’ air sgàth an Uain. PHARRAIS. Air Fonn. ’S mor aoibhneas na dream a thuig, An Soisgeul air an talamh so; ’N diugh ’soilseachadh ’measg na cuideachd, Urramach tha ’m Pharrais. I. Cha’n-iarr iad Solus coinnleadh, Ga’n treòrach feadh na h-oighreachd: Se’n t-Uan bhios dhoibh mar Shoillse; San oidhch’ cha d-thig gu bràth orr’. ’S mor aoibhneas, &c. II. Tha craobh na beatha fial doibh, Is toradh nuadh gach mios orr’; ’S milis dhoibh mar bhiadh i; On mhiannuich iad fuidh sgaile, &c. [TD 69] III. Bhòs chuir iad siol gu deurach, Shuas buainnidh iad le h-èibhneas: Gur sgiamhach iad na’n eideadh; Mar ghrèin tha iad a dealradh’. IV. Bhòs chaith iad beatha shonruicht’, Tre chreidemh an Iehòbhah: Nis chi iad E na Mhòrachd; ’S na òirdhearcas mar thà E, &c. V. ’S tric bha solas fìor acc’, ’S comhfhurtachd san fhìrinn: Ach stric a thigeadh crioch air; Le ìnnleachdan na Namhuid, &c. VI. Cha’n-eagal leo san riogh’chd sin, Gu’n coimeasgar an fion acc’: Oir treòraichear le Crìosd iad; Gu tobar fior na Slainte, &c. VII. On thaisg iad iomhas luachmhor, San oighreachd tha neo-thruaillith Cha d’thoir an gaduich uath’ e? ’S cha mheirg an ruadh gu bràth air, &c. VIII. Ged stric thuirt sluagh gun eolas riu, Luchd a chreidimh neo-naich: Cha’n-fhaic iad h-aon do’n t-sheors’ ud; Gan comhluchadh ’am Phàrrais, &c. IX. ’S ann nis tha iad neo-thruaillith, On dh’ionnlaid fuil an Uain iad: Na’n Smuaintean cha d’thig buaireadh; ’S cha bhuaghaich orra Sàtan, &c. [TD 70] X. ’S on dh’ èignich a ghaol-saoraidh iad, Gu bhi leis aig aomadh; Gun lean iad anns gach taobh E; ’S na naomhachd thug iad gradh dha, &c. XI. ’S iad sud a mhuinntir òirdhearc, Thanaig tre amhghar mhòra: Sa dh-ionnlaid an cuid neo-ghloinn’; ’M Fuil mhoralach an t-shlan-fhirr. XII. ’S na b-ait le ’n-anamaibh fhuair iad, Ged b-fhada leo e uatha: Sann ’nis tha’n communn buan; Ris an Uan thug buaigh tre ghràs doibh. XIII. Tha cogul ’s cruithneachd sgaoilte, N diugh còmhla feadh na’n raontaibh: San sud theid roinn gach taobh dhiu; ’S na naomhaibh theid gu Phàrrais. XIV. Bidh Sonas buan a choidhch’ acc’, A Seinn le h-halelùiah: Do’n ti thug iad a dh’ionnsuidh; Na dùthcha sin gu sabhailt, &c. XV. Bidh oran nuadh ga Sheinn acc’, An communn ris na h-ainglean: Nach fhoghlum neach a choidhch’? Ach na naoimh ’bhios ann am Pharrais, &c. XVI. Sann sheinneas iad gu buaghach, O! Uaigh ca ’m bheil do bhuaighse? Sa bhais! a rìgh na’n uabhas; Do ghath cha bhuair gu bràth sinn, &c. [TD 71] XVII. Cha duilich leo san Riogh’chdsin, Gu ’n d’ thug iad geill da fhirinn; Am feadh bha iad gu h-ìosal; A striochdadh da chuid àithnntean, &c. XVIII. Cha ’n fhaca suil ’s cha chualas, Le cluasan air a luaigh e; Na thaisg e ’shonas suas, Sann do’n t shluagh sin a thug gradh dha. XIX. Cha d’thèid a h-aon don ghlòirsin, Gu’n ol’ acca na’n lochrain; Ged ’s minic bhios na h-oighean sin. Còmhla’ riu san fhasachs’. AN SOISGEUL. I. Gur he’n Soisgeul an sgeul àigh, Mhaireas nuadh air feadh gach àil: ’S e toirt beatha neart is slàint; Don àireamh a tha gabhail ris. II. Nuair bha Adhamh an cruai-chàs, ’Sa dh’ìth e’meas an robh ’m bàs; Dh’innis dha an Ti as àird; An sgeula grais bha taitinneach. III. “Gu’n d’thigeadh air Slochd na mnà,” “Na bhruthadh a sìos fuidh Shail”— “Ceann na’ nathrach” ’mheall an t àl, Sa bheireadh Slainte ’s beatha dhoibh. [TD 72] IV. Sgeul air Criosd a thigh’nn O’n Aird’, Thoirt gu solus beatha ’Slaint— Trid E thoirt umhlachd gu bàs, An aite ’n t-shluaigh a ghabhadh ris. V. So an sgeul thug aoibhneas àrd, Do fhior ìnntinn Abraham:— “Gu’m beannuicht’ na shliochds’ amhàin,” “Uil’ theaghlaichean na talamhain.” VI. “Dh’innes Maois a rìs do’n t-shluagh,” “Na ’measg fèin gu’n togta ’suas:” “Faidhe iochdmhor làn do thruas;” Ri truaighain ’bha air seacharan. VII. Dh-innis Daibhi uime rìs, A’s na faidhean uile sìos: ’S rinn iad gairdeachas do bhrigh, Na Tì sin mu’n do labhair iad. VIII. Dhuinne ’rugadh Mac an àigh, Mar a dh’ìnnseadh leis an Fhàidhe: Gliocas cumhachd, eud, a’s gràdh— A deàlradh ann le maiseileachd. IX. Chuir na h-Ainglean ann an cèill, Cliu a’s oirdhearcas an sgèul’s; “Gloir do Dhia an Airde Nèamh”— A’s Sìth ri èigh’ch do’n talamh so. X. ’N dream a bh’aig Ceartas an Sàs, Trid an easumhlachd do’n àithnn’:— Malluichte fuidh bhinn’ a bhais— Le fearg on aird’ ga bhagradh orr’. [TD 73] XI. Dh-aom a ghradh E thigh’nn bho’n àird’— ’Thoirt na h-umhlachd ann na’r ’n àit’— Dh-fhulann malluchd, fearg, a’s bàis; Ach gus na chràidheadh anam leis. XII. N-am toirt ’suas na h-ìobairt rèit, Ann am piantan air crann-ceusd: “Tha e crìochnuicht’” labhair E; Gu leòir an èiric anamaibh. XIII. ’S ged a leag iad E san uaigh? An treas là gun d’thug E buaigh: ’S mar fhianuis gun shaor E shluagh, Sann ghabhadh suas gu flaitheis E. XIV. Dh-aithnn’ E’n sin a shoisgeul gràis; Shearmonachadh feadh gach àit. ’S na chreideadh le h-umhlachd dhà, Bu leo ’bheatha-mhairionach. XV. So ’an gradh! thug Dia do’n t-Shaogh’l, A Mhac ionmhuinn chur o’ thaobh. Chum ’s gun saoradh E gach aon— A bheireadh gaol gun mhearachd dha. XVI. So! an sgeul gun samhladh dhà, ’S dìomhaireachd i tha ro mhòr:— Dia air fhoillseachadh san fheòil— A Shaoradh slòigh o’m peacanna. XVII. Sgeul air creidimh, dochas, ’s gràdh— Fireantachd, ’s naomhachd: tre ghràs; Gliocas, sith, a’s saors’ on bhàs— Trid Mac a ghràidh do pheacachaibh. [TD 74] XVIII. Ged tha thus’ a’ d’ leanamh feirg— ’S do pheaca mar sgarlaid dheirg? Glanaidh Fhuilsan iad air falbh, Ach an sgeul dearbht’ so ’chreidsinn leat. XIX. ’S fhad sa bhios tu air an ròd— A dol dachaidh dh’ionnsuidh Glòir? ’S mills’ na mhil dhuit guth a bheoil, Le sòlas a toirt beatha dhuit. XX. ’S na biodh ìoghnadh ort a ghaoil, Ged a gheibh thu fuath o’n t-shaogh’l? Lean do Mhaighistir gach taobh— Ged ’dheanamh daoine, fanoid ort. XXI. ’S ged a chreachta thu do ’d mhàoinn— Chionn bhi dìleas air a thàobh? Gabh le lua-ghair ris ’s gach tàobh— A’s gheibh thu màoinn am flaitheanas. XXII. Ach mar gabh sibh ris an sgials’? Ann-tromaichidh e bhur pian; ’Chionn gu’n d’rinn sibh tair air Dia? Se ’s crioch dhuibh piantan lasarach. XXIII. Ach a nis a mhuinntir ghràidh, Gabhaibh ris an t-shoisgeul àigh: ’S maithidh Dia trid Mac a ghraidh, Gu Slàn ’ur n-uile pheacanna. XXIV. Ciod air bith mar tha sibh ’n tràs, Bochd, na beartach; tinn, no Slàn? ’S comh-fhurtachd dhuibh an sgeul àighs’— Ma ’se ’s gur àill leibh gabhail ris. [TD 75] XXV. Le chuid oiffigibh tha Criosd, Ga ’th airgse fein san sgeul fhìors’: Orduigh ’s laghannan a rìogh’chd; Air an cur sìos gu maiseach ann. XXVI. Gras gu comhair n-ann bhur feum— Creidimh falluin duibh mar sgè— Clogad slainte, ’s claidhe ’geur, ’S iad briathra bèil Emanuel. XXVII. ’S ged a thà an cogadh cruaidh, Th’aig Satan ri buill an Uain? Bidh E fein air ceann a shluaigh; A toirt doibh buaigh le cathachadh. XXVIII. Gheibh sibh cumhachd bhi n-ur cloinn, ’S rioghach’ maile ris a choidhch’— ’S crùn na beatha: ’S mòr a loinn:— Sa bhi n-ur cloinn do’n aiseirigh. FAIREACHDAIN. I. ’S ro fhad ’am thàmh mi? be ’m-ait bhi marsandachd, Ged tha mo thàlann an trà so taisgt’ agam? Ach cliu gu bràth sann d’ur Slan-fhear beannuichte; Nach d’thug a ghràs uam ’s nach d-fhàg E falamh mi. II. Bu truagh a bhà mi na’n d’fhàg thu falamh mi, Bhiodh call do làth’reachd na bhas do’m-anamse; Bhiodh uamhas CHAIN gu brath na luidh orm, A’s gath a bhàis ga mo chnamh le agartas? [TD 76] III. ’N sin bhithinn brònach gun seol air leathsachadh, Gu’n Dia gun tròcair, sgun dòchas teasraighinn? Gu’n duil gu sior ach ri diteadh eagalach? ’S ri fearg neo-chrìochnach bheir sìos na h-eascairdean. IV. Ach cliu gu bràth dhuit nach d’fhàg san staidse mi? Fuidh’ chuibhreach bàis, ann am thraill neo aithreachail, Sann tha do ghràsan gach là ro phailte dhomh; Sled chaoimhneas gràidh tha thu ghnà gam neartachadh. V. Nuair anns’ an fhàsach le gràin do’m-anam, Ann a m-fhuil, a basach bu ghraineil sealladh dhiom; Bi’n aimsir ghràidh nuair a ghabh thu thairis: ’Sa thuirt guth do thròcair; “Mair bèo” ged ’s salach thu. VI. Cha neach a b-ìsle na Criosd a labhair rium, Se Mac an aigh’ seircein gràidh an Athar E: Tha beatha ’s slàinte gun fhailinn annasan, ’S ma fhuair mi pàirt dith? Cha nar leam aideachadh. VII. Ach ’s-iomadh uair trìd mo thruailleachd leanailteach, A bhios mi truagh ann am buaireadh aimbeartach: Bheir so mo smuaintean gu luath gu breithnachadh— Cha’n eil ’sgach buaidh dhiot ach gluasad mearachdach. VIII. ’N sin èirigh riasunachadh gu bruthadh dhomh, Cha ’neil na ’d dhiadhachd ach briathran uisgeulach— Na’m biodh tu rianail ’s fo riaghladh cumhachdach— An Spioraid shiorruith? cha bhiodh tu tuisleachach. IX. Cha ’neil t-ath-nuadhach! ach truagh gu deimhinn, Oir is tric tha buaireadh toirt bùaigh le caithream ort’; Gur masladh buan thu do’n t shluagh a dh’aidich E, Na seall a suas ris an Uan: cha ghabh e ruit. [TD 77] X. ’N sin their an ìnntinn fuidh ’n dìteadh fhada so, O! ciod a nì mi ’s mi sgìth fo’n eallach sa; Tha lagh na’m ball anns gach am ga’m theannuchadh, ’S toirt air mo cheann ris a chrann nach amhairc mi. XI. ’N sin their an fhìrinn mi gu bhi beachdachadh, Ri Daibhi ’s Pòl ’s iad fo’n t-sheorsa ghearain so; So’n fhuair iad tròcair le coir air maitheanas, Rinn sud mo threòrach gu dochas altarum. XII. Bu latha tròcair bha còrr an latha sin, Mo naimhdean mòr fhuair iad lèon is lagachadh; Gu ’n deach’ eu-dochas a leon sa bhatal sin, ’S ma tha e beo? cha ’neil mòran neart aige. XIII. ’S o’n fhuair mi dìdean fo dhìon a bhaile sin, Bha’m-àoibhneas fìor tuigsinn briogh a gheallaidh sin— “Gu’m biodh mo shìochaint gu cìnnt’ mar abhuin,” “Agus gu’m biodh m-fhìreantachd mar an fhairge.” XIV. Ge’d ’s eiginn dòmhse ’bhi bròn air amannaibh, Cho fhads’ as beò mi san fheoil a gleachdadh rium; Gidheadh bidh sòlasan ’teachd bheir barrachd orr’, O! ’ghrian na tròcair; ’s na neòilse: sgapaidh i. XV. Sa nis a chàirdean fhuair gras an aithreachais, On sibhse ’mhàin thuigeas dàn na faireachdains’: Nach taic sibh làidir air gradh Emanuel? SE bheir sibh sabhailte ’n aird gu Flaitheanas. [TD 78] FEARANN A GHEALLAIDH. I. Nuair bha Israel ga’n sàrach aig Phàraoh san Eiph’t, Bu bhrònach an càdhradh fo àmhgharan gêur; Ach chuimhnich an t-Ard-Righ air Abraham fèin— Gun do gheall E Canàan do shliochd Iacob na dhèigh. II. Dh’fhiosaruich an Tì sin le mìorbhuilean gràidh, An Sluagh a bha cho ìosal gu’n didean fuidh thàir; Sann a dhealruich a chaoimhneas gu boisgeil o’n àird; Thoirt fuasgladh do bhraighdean bho theanntachd a’n nàmh. III. ’S dh’fhiosaraich E Pharaoh le plaighin ’s le pèinn, Gach cèud-ghinn a bhualadh le uàmhain do’n èug; Gus na dh-aontaich e’n sluagh ’leigeadh uaithe ma rèir: Ach le mì-run ro bhuan; lean e’n ruaig air an dèigh. IV. Ach threòruich Iehòbha na slòigh ’bha fo sgàil, Ged ’bha ’naimhdean le fòirneant an tòir air am bàs; Le lèus anns an oidhche ’s le nèul anns ’an là, Ga’n toirt sabhailt do’n oighreachd bha’n geall Abrahàm. V. Nuair bha Isr’el am fàng, ’sann an teanntachd bha brùit, Gun fhuasgladh air laimh acc’ san naimhdean ro dhlùth; ’S ann a dheonaicheadh fàbhar le Ard-Righ na’n dùl— A sgaoil a mhuir-ruadh gus an d’fhuair iad a nùll. VI. ’N sin sheinn iad le luath-ghair nuair fhuair iad gu tìr— Le gairdeachas anama ’s le taingealachd crìdh’: On a bhàthadh a naimhdean bha teann air an tì— Gun deach Pharaoh sa charabaid san fhairge ’chur sios. [TD 79] VII. Bha iad ciocrach is pàiteach san fhàsaich gun bhiadh, ’S chuir E mana o’na h-àrdaibh a shàsuch a ’miann— ’S chaisg E’n ìotadh le ìochdshlaint’ o’n fhior charraig Criosd; ’S cha robh dìth orr’ san tiom sin fuidh dhidean an Triath. VIII Ach ghabh an ’anam grainnd’ air a mhàna mar bhiadh, Agus phill iad ’na ’nàdur gu tràill’eachd gun chiall; ’S bhrosnuich an’ ardan an; t-Ard-Righ cho dian: ’S gun bhuail E gu bàs iad le plàigh a bha giar. IX. Bhuadhaich a phlàigh so ’chuir àireamh gu dìth: ’S bha cunnart do shliochd Iàcob air bàs gun cheann-crich’; Mar togte ’nathair phràis dhoibh air àithnne an Righ, ’S na sheall rithe ’n airde bha slàint’ acc’ gun dìth. X. Ged bu lionmhor an ardain, bha fabhar dhoibh ann, Fhuair iad lagh agus aithn’ tean am fàsach Shinai; Chuireadh suas doibh am Pàiliun mar àileachd do’n champ’; ’S bha’n t-shlat a bha aig Aàron fo bhlàth anns gach am. XI. Bha clàraibh a chumhnainte duint’ anns an àirc’, Bord, coinnleir, a’s tùiseir bha dlùth rithe ghnà; A’s cathair na trocair an oirdhearcas àrd, A’s cherubim na glòire gan comhdach le sgail. XII. Ged bha trocairean lionmhor aig Isr’el sa champ’, Thug iad aoradh do dh-ìodhal le strìopachas teann; ’N aghaigh Mhàois agus Aàroin gu’n d-àrduich iad cainnt, ’S chaidh Còrah is Dàthan gu bàs anns an ams’. XIII. Bhiodh e fadalach ri ìnnseadh a sìos ann am rann, Mu thurasaibh chloinn Israel ’gach nìth’ thachair dhoibh. Bha naimhdean cho lìonmhor a strìth riu gu teann, ’S bha seacharain an ìnntinn toirt dìth orra ’s call. [TD 80] XIV. Ach bhrosnuich a’morchuis: Iehòbhah a rìs, ’S na chorruich thug E bòidean na slòigh chur gu dith; ’S nach rachadh dhiu don oighreachd a gheall E air chinnt, Ach Caleb ’is Iòshua ’s òigridh, bhà crìon. XV. Bha Amelic is cananaich gu searbh air an tith, Hibhich, Hitich agus girgasaich ’s Ebusaich san strìth; Bha Peridsich, is Philistich gu garbh ’toirt doibh spìd, ’S thug sud mòran do dh’fhànaineachd air armailt an Rìgh. XVI. Ged bu lìonmhor na sloigh a bha comhrag rì ’shluagh, Chuir E fàda iad air fògar san coirsan ’thoirt uath’; ’S thug E’n t-iarmad bha làth’r do Chanàan le buaigh, Mar a gheall E do Abra’m ’s do Iacob mar dhuais. XVII. ’Sud am fearann ’chaidh a ghealtain mar oighreachd o’ chèin, ’S cha neil coimeas da ri shealltuin fo shoilse na grèin; Bha mil’ is bainne ’s fìon steachdantìr air a rèir, O’r is airgiod is nith’ ann cho lionmhor ri feur. XVIII. Sud am fearann anns an d-ìosalaich Criosda E fèin, Nuair a thànig E nuas, a thoirt fuasgladh da threud; Dhol ga’n saoradh o thràilleachd, is grainde na’n Eiph’t; ’S gan toirt sìochail le ghras, do’n Chanàan th’air Neamh. XIX. Sud Canàan is fearr tha gun àmhghar na luib, Cha bhi peacadh ann na bàs cha bhi cràdh ann na caoidh; Cha bhi màor ann le bair linn na namhaid gu claoidh, Ach sonas bhios do-àireamh gu brath aig na’n naoimh. [TD 81] PILLEADH AIR AIS. I. Tha mi ’m faicinn an trà so, Aobhar eagail ro àrraidh fo’n ghrèinn:— Dream bha leanntuinn an t-Slan-fhirr, Ann an coslas luchd crabhaich na’m bèus: ’S a rinn aideachadh laidir, Gu ’na ghlanadh o’n gràinneileachd iad, Nis a pillèadh ri Sàtan, ’S gun iad toileach ’bhi ’fagail a shreud. II. Thachair dhoibhsean da rìreadh, Rèir an t-shean-fhocail ’sgriobhadh o’ chèin, “Phill a ’madadh ri dhìobhairt,” ’S gun e toileach bhi diobèar a bhèus; ’Sa ’mhuc a ghlanadh gu sonruicht’, “Chùm a h-eabradh a neo-ghloin na crèa,” ’Sud mar thàchras don t-sheòrsa, Phill air ais le cùl sleamhnachadh brèun. III. Sud na gèugan gu’n tòradh, A chaidh ìnns’ ann a ’m focal an Uain, Theid a thional mar chònnadh, ’S ’thèid a lòsgadh le teinne bith-bhuan; Sud na h-òighean gun òla’, Air an dùinear an dorus a suas, ’S ged a gh-èigheas iad fosgladh, ’S ann a dhìtear ni ’s ’mo iad gu truaigh’. IV. Tha iad cosmhuil ri fearann, A bhiodh uisg’ air a frasadh o’n àird, ’S nach fhaicte da mhaitheas, Ach drisean is droighean a fàs; [TD 82] A tha’m fàgus don mhalluchd, Da’n deireadh bhi loisgte gu bràth, Sud mar thachras do’n aitim, A tha pìlltinn o’ Charraig na ’slaint’. V. Sud an dream a’s mò dìteadh, A tha again; sa Bhìobul gu lèir, Pheacaich iad le sàor ìnntinn, An deigh eolas air fìrinn a bhèil. ’S doibh cha’n-fhàgur aon ìobairt, Rinn iad tàir air a nìth dheanadh fèum, Ach duil ri breitheanas sìorruith, ’S fearg theinteach bheir sìos iad gu pèinn. VI. Chuir iad lamh ri crann-aradh, Agus sheall iad air ’n-ais as an dèigh, Thog iad stèigh air a ghaineamh, ’S cha do lean iad a’ Mac le’n crann-cèusd’; Sann mar ’lìon ’n damhan allaidh, A tha’n dòchasan tàna gun fhèum, Cha ’neil trocair da’n anam, Chuir iad cul ri Emanuel fèin. VII. Cuid a phill arson beartais, Mar rinn Iudas a ’m brathadair mòr, ’S cuid eile ’s cha tearc iad, Arson fhearann a’s dhamh a’s bhan pòsd’ ’S cuid tha’n saoghal a mealladh, Sann le buairidhean salach na ’feol, Cuid gu cleachdaichean masluch, Bhios na thruaighe da’n-anam ri’m beo. VIII. Cuid a phill ris an t-shaoghal, ’S ri thoil-inntinnean faoine gun chiall, Mar bha Dèmas na àonar, ’S gun sgeul air gun shàoradh e riamh; [TD 83] ’S Himenĕus ’s Philètus, A bha g-àicheadh ais-èirigh gu dian, ’S lean mòran an cèuman, A thuit do’n àite ’s nach eirigh a ghrian. IX. ’S tha nigheanan Mhòaib, Na’n ceup-tuislidh do mhòran do’n àls’ Tha uabhar is morchuis, ’S anamhiannuibh na feola do phairt; Eagal oilbheum air mòran, ’M fagail Focail a Bheoil dhoibh gu’n stà, ’S fearr leo pilleadh gu dòruin, Na ’bhi siubhal na ròdsan fo thàir. X. Se’ an cliu ’th-acc’ on t-shaoghal, Nach eil annta ach daoine gun stèigh, Cha’n-earbar riu aon nith’, Sam bheìl onair on chaochail iad beus; Na aon nith’ a ’tha fìochail, ’S cha chreidear geil fìrinn na’m beul, ’S tha iad buileach fo dhìteadh, Thaobh tiom agus sìorruitheachd fèin. XI. Thog iad tuaileas neo-chìnnteach, Air an an fhearann th’aig Israel Dè, Thug iad masladh is mi-chliu, Agus ’s mal air na firein gu lèir; ’S ghabh an anamaibh sgiosa, Do’n mhana tha-aig Iosa da Shrèud, Agus phill iad a rìse, Air an ais ann na’n crìdhe do’n Eiphet. XII. Fhirr a shaolas bhi ’d sheasamh? Thoir an aire nach tuislich do chèum, Agus cuimhnich bean Lot, A nuair a sheall i air ’h-ais as a dèigh: [TD 84] ’S deansa cabhag bho Shòdom, Agus teich a chum Sò-ar na grèin. ’S feuch! nach stad thu sa chòmhnard, Ged bhiodh baccadh nad ’ròd thu’n an t-shlèibh. XIII. Ach tha dealachadh sònruicht’, Eadar pilleadh gu dòruin gu lèir, Agus Israel chul-sleamhnuich, Tha i pilleadh le bròn a chum Dhe; Tha i ’g ’aideach a gòraich’, ’S tha i tagar a thròcair gu trèun, ’S tha ’ghealladh gu mòr dhith, Gu’n leighis e’ breòiteachdan fèin. XIV. Leig do thaice air Iosa, SE Fearsaoraidh na’m fireain E fein, Cuim do shuil air gu dìreach, ’S lean eiseimpleir iosal ’s ’gach cèum; Biodh a ghradh ann do chrìdhse, ’S ni E saor thu o dhiteadh so phèinn, ’S buinnidh dhàsan da thrid sin, Glòir gun cheann aig a chrìch feadh gach rè. AN TIOM A BH’ ANN O’ SHEAN. Air Fonn. Mar chaith mi’n tiom a bh-ann o’ Shean, Mar chaith mi’n trà o chianuibh; Gun ùmhlachd naomh do’n Ti as aird, San fhasuch gu mi-rianail. I. O Teagaisg dhuinn a Thì as aird, Mar-air’ear leinn ar bliadhnan: Oir ’s cìnnteach gun do chaith sinn cearr, Air làithibh gu’ neo-dhiadhuidh. Mar chaith mi’n tiom a bh-ann o’ Shean, &c. [TD 85] II. Chaith sinn ar làithibh san fhàsach, Gun chàileachd do’n diadhiuchd; A’s sinn mar sin n’ur cloinn don bhas, A sàsuchadh ur miannan, &c. III. Air laithibh air an aireamh; tà ’S gun tàmh a tì’nn gu criochnach, ’S as goirid gus an d’thig an uair, A ni do’n uaigh’ur triallna, &c. IV. Oir ceart mar shruth a ruitheas bras, ’S nach pill air ais ra shliabhan; Tha laithi’, ’S bliadhnai, ’s linn ’dol seach, ’S cha phill ri neach an triallsan, &c. V. Air laithin mar leud bois atà, ’S mar neoni ’ghnà air bliadhnan; Cho luath ri spàl a dol roimh shnà, Tha sinn gu bàs a dian-ruith, &c. VI. Air beath’ mar dheataich tha gu fior: A dhireas ris an iarmailt’; Cha’n-fhada ’bhios sinn anns’ an tìrs’, Nuair ’theid sinn ’rìs gu siorruith’chd, &c. VII. Air n-uile laithin sìor dhol seach’, Mar neach aig ìnnseadh sgiala; ’S gu bràth; cha phill i air a h-ais, An tiom a chaith sinn diamhuinn, &c. VIII. Oir ceart cho luath ri gille-ruith, ’S ri iolair dol san iarmailt; ’S mar luing a sheolas air a chuan, Air laithibh uainn’ tha trialladh, &c. [TD 86] IX. Dh’fhalbh air laithin uainn mar sgàil, Gun chuimhn’ air bàs na siorruith’chd; ’S ged bhiodh ’ur n-umhlachd ’nis ni ’b ’fhear, Cha dean e’n àithnne ’riarach, &c. X. Ach dh’fhoillsich iochd an Ti as aird’, Dhuinn gradh a tha neo-chriochnach; Nuair chuir E Mac a ghaoil o’n àirde; ’Phaigheadh ’ur n-uile’ fhiachan, &c. XI. ’S ma fhuair sinn reite ann na bhàs, Gur coir an tràs ’bhi ciallach; Sa bhi g’ath-cheannach trid a ghrais, Na laithin ’chaith sinn diamhuin, &c. AN FHIONAIN FHIOR. I. Air dhomh bhi ’sealltuin air feadh na fìrinn, Gu facus sealladh ’bha lan do ìoghnadh; An Ti as aird ann an coimeas Fìonainn, Sa shluagh mar gheugan le h-èifeachd ’cìnntin. II. ’S E’n fhìonain fhior dhuibh an t-Ios’ o Nàs’ret, Le ’oibir chriochnuicht as leith a chàirdean; ’S tha còir da thrìdsan aig miltean àireamh, Air saorsa ’shiorruith ’bha dite ’n Adhamh. III. Na geugan lìonmhor a chinn o Adhamh, On sè darìreamh am fior stoc nàduir’; Bho’n d’fhas na milltean deich milltean àireamh, Do gheugan crionuich gun bhrìgh no blàth orr’. [TD 87] IV. On ’s geugan nàdurr’ iad dh’fhàs cho truailli, Se cuilbheirt Shàtain a dh’fhàg cho truagh iad, ’S mar dean an t-ARD-RIGH le ghràs a ’nuadhach’, Bidh iad gu bràth ann an cràdh nach fuaraich. V. Tha treamhaich arraidh sa gharradh fhìona, Thoirt gheugan nadurr’ gu fas san fhìonain; Tha E ga’n-aonadh le ceangal cinnteach, A’s a toirt fais dhoibh an gradh na fìrinn. VI. On ’s geugan ur iad tha toradh nuadh orr’, Fuidh mheas a lubadh le curam gluasaid; ’S tha feartan ur-bhreith na’n-uile bhuaghan, ’S tha boltrach cubhraidh on tuis theid suas acc. VII. Gach geug fuidh thoradh a th’anns’ an Fhìonain, Ni E an glanadh gu fàs ni ’s fiorghloin’; On chaidh an aonadh le gras na Trionaid, Bidh iad fo bhlàth is gu brath cha chrion iad. VIII. Tha ’nuair a teachd anns an d’thèid an tuadh chur: Ri bun gach croinn bhios gun toradh nuadh orr’; ’S an gearrar ’sìos iad mar chrionuich shuaraich’, Gu losgadh siorruith fuidh bhinn gun fhuasgladh. IX. Gach geug a shuidhich an treamhaich àrd so, ’S an Fhionain fhìor: gheibh iad brigh gu fàs innt’; ’S gach geug a h-ìnnte gun toradh grais orr’, ’Se sud a chrìonach nach d’thèid a thearnadh. X. “Se thuirt an Fhìonain so ris na geugan,” “Ma dh’fhanas m’ fhacals’ annaibh le èifeachd;” “’S ma dh’fhanas sibhse anamsa da rèir sin,” Bidh aig a chrìch dhuibh an dìleab neamhuidh. [TD 88] XI. ’S na ’s-ait le’r miannuibh fo’m riaghladh caomhail, “Gu’n d’thèid bhur ’n-iartuis a riarach daonnan;” “S ’ur deanamh sgiamhach le gloir mo naomhachd,” “’S bhi’m ghrian sa ’m sgiath dhuibh g’ur toirt ro’n t-shaoghal.” XII. “Cha’n fhag mi aonranach sibh air faondtragh,” “Oir thèid d ’ur ’n ionsuidh mo Spiorad Naomha;” Thoirt buaigh air Satan ’s gach amhghar shaoghalt, ’S air gath a bhais; ’S bheir gu Pharrais saor sibh. DAN NA’N DEICH OIGHEAN. I. Tha ’Rioghachd neamh ’s na ranntaibhs’, Air an samhlach ri deich òigh’n, Thug leo an lochrain laiste, Ann an coineamh an fhirr phosd; A’s air deanamh moille dha, Thuit cadal orra ’s clò, ’S bha cuig dhiu ’n gliocas faluin, ’S bha cuig aimideach gu leoir. II. Sa mheadhon oidhch’ bha caiseamachd, Feuch! thàinig am fear-posd’, Gràd rachaibh ’mach ga choineachadh, Ma ’s toil leibh dol na cho-ail; ’N sin dhuisg na h-oighean cadalach, A’s dheasaich iad air doigh, ’S na h-oighean glic bha’n ol ac, Toirt soluis mar bu chòir. III. ’S na h-oighean glic bha’n lochrannaibh, Gu boidheach a toirt soills’, A’s ol acca na’n cornaibh, Dhol an comhail fhirr na bainns’; [TD 89] ’S ged bha na h-oighean gòrach, Deanamh seorseigin do bhoillsg’, Sann falamh bha na cornaibh acc’, Gun ola ’chomhnadh laimp. IV. ’N Sin thuirt na h-oighean aimideach, Fo fhaireachdain ro ghèur, “Thoiribh cuid do’r n-ola dhuin,” “’S ar solus air dol eug;” Se thuirteadh riu san fhreagaradh, Grad “cheanachaihh dhuibh fein,” Oir sinne cha ’bhi ’chorr aguinn, Na chomhnas sibh nar feum. V. Chaidh na h-òighean maiseach mùirneach leis, A steach do’n luchairt shuas, ’S an dorus chaidh a dhùnadh, ’S chluinnte fuaim an ciul le buaigh; S’am posadh air a chrùnadh dhoibh, An ceangal dlùth bith-bhuan, Le sonas nach d’thig mùthadh air, Anns an Ierus’lem nuadh. VI. ’N sin bhuail na h-òighean aimideach, An dorus; ach gun fheum, On bha iad dh’ eas-bhuidh ola, Dheanadh solus dhoibh gu neamh; A’s thuirt iad “fosgail dhuinne,” Bha sinn cuideachd anns an t-shreud, ’S cha do chuir na h-òighean eile, ’Bheag do theagamh annain fein. VII. Cha d’fhosgail doibh an dorus, Ged bu choltach iad na’n gluas’d, Sann thuirt E riu cha b’ aithne dhomh, Le tlachd sibh mar mo shluagh; [TD 90] Bu truaghain do luchd meallaidh sibh, Air thalamh fad bhur cuairt, San so cha leig bhur n-as-creideamh, A steach sibh gu bith-bhuan. VIII. Bu mhòr an t-aobhar thruais iad, Air am fuadachadh o làith’r, Gu dorain tha bith-bhuan, Sa choidch’ cha’n ’fhuaraicher an cràdh; An coguis gan sior bhualadh, ’S fearg an Uain mar chuan na tràigh, ’S cuis ghaoir thoirt an cluasan, Bhi toirt luaidh dhuibh air an càs. IX. Ged dh’ èalaich iad do’n-aideachadh, Gun aithreachas ’s gun ghaol, Bha ’n ìnntinn is an aigni’ean, Coth-cheangailt aig an t-shaogh’l; Bha ’n-anam gun chruathatharach, Le feart an Spioraid naomh, ’S do chreideamh ’s dochas falluin, Bha iad falamh gu ro fhaoin. X. Bha ’n duais acca da reir sin, Dorus neamh bhi orra duinnt, Sam fuadach dh’ionnsuidh lèirsgrios, Far an reubar iad co-dhiu; Bidh deatach thruagh am peine, Siorruith ’g èirigh dhiu mar ’s muid, Le h-uamhasan a dhèireas doibh, O chorruich Dhe na’n dùl. XI. Gu’r feumail gliocas ionnsachadh, O’n tionsgnadh th’ann am dhàn, ’S mo nadur ’bhi ath-uraichte, Am fuighleach so mo lài; [TD 91] ’S mo choir a bhi le dublachadh, An cumhnainte nan gràs, San Spiorad bhi ’gam stiuradh, ’S deanamh iul dho do’n Chanaan. XII. A’s ola bhi ’na’m lòchran, Mar na h-òighean chaidh do’n rìogh’chd, Maile ri ’m fear posda, Dhionnsuidh gloir a tha gun chrioch; Ni’n-anam ait le solas, ’M faicinn òirdhearcas an Righ, Sa seinn air cliu a Mhòrachd, Leis an Oran a tha bìnn. XIII. O’ thi a tha gun mhearachd, Fogair aimideachd o ’m chrìdh’, A’s deonuich gliocas falluin, Beatha mhairrionach is sìth; Tog uile mhuinghin m-anam’, Air na thagaradh air Crìosd, ’S biodh fhireantachd mar m’fhalluing, ’S bidh mi canntuin; Amhluidh Bìodh. AN CEUD ADHAMH. I. Saobhar smuainte ’s gach àl e, An sgeul th-aig an dan so mar ghrunnd;— ’S geul air ionracas Adhaimh— ’Nuair a chruthaich an t-Ard-Righ e’n tùs— ’Chridhe dìreach gun fhoill ann— ’S gun lùban a nall ann na ’null; Bha e lionta le h-aoibhneas, ’S a’n CHRUITH-FHEAR sa chaoimhneas dha dlùth. [TD 92] II. Bha e iomlan na naomhachd, Bha chridhe ’s a ghaol aig an Triath; Ann am fireantachd fhallain, Gun ach cèum fo na h-aingeil an sgiamh; Ann an eolas na beatha, Agus sòlas ’cuir thairis na chliabh— ’Se gun chunnart gun chùram; Fhad sa sheasamh e’n cumhnant na’n gniomh. III. Bha e fiorghlan na sholus, Mar an lochran as ’soileire: Ghrian. ’S mar an t-or as ro-ghlaine, Gun fhòtus, gun choire, gun ghiomh. ’Se mar chrùn anns a chruitheachd;— A cur mais’ air an uighean le rian, ’Se mar cheannard an teaghluich, ’S ’h-uile nith ann am fonn mar a mhiann. IV. Se mar ros anns a Ghàrradh, A cur mais’ air na blàthaibh mu’n cuairt; Binn mar theudan na clarsuich, Togail fonn anns an nadur le buaigh. Grainnè-mullaich gach poir e, Bh’anns a chruitheachd ’s bu mhò dhiu an luach, Oir bha chridhe gun ghò ann, A chorp is anam gun mhor-chuis gu’n uaill. V. Sa nuair a bha e na onrachd, Fhuair e tìolacadh sonruicht’ on Trìath, Thug E Eubh dha mar chomhnadh, ’Chum a shonuis, sa ghloir ’chur a miad; ’S cha robh feum acc’ air dochus, Oir bha seilbh acc’ air co-laidh’chd an Triath, ’S cha robh bron ’s cha robh daors’ orr’, Air am fagail aig saorse a miann. [TD 93] VI. ’S cha bu bhaile na rioghachd. A fhuair e mar dhìleab dha fèin. Ach an talamh sa lanachd, Am fad sa fars’neachd, an airde sa leud. Saor o chraoibh bh’anns a ghàrradh, A shonruich an t-Ard-Righ dha fein, ’S dh’fheudadh easan gle shabhailt, Fuireach uaipe gu bràth airson fèum. VII. Chaidh a chraobh ud dha ’thoirmeasg, Cha ro shonus na shoirbheachadh ìnnt’, As a h-eugmhuis gu buileach, Bhiodh a shaibhreas gu’n uireasbhui nìth. Chaidh an cumhnainte ’Shuidheach’, Na’n itheadh e idir da ’brìgh, Gu’m biodh bàs agus pianntuibh, Dha fein is da iarmud gu sìor. VIII. Sud an cumhnainte priseil, Cha-do dh-iarr e ach nìth san robh feum, ’S bha e furasda riarach, On bha cumachd na miannan da ’rèir; ’S cha do thoirmisg e nith dha, Bh-ann ’sa chruthachadh iosal gu lèir, Ach Craobh ud an eolais, ’S b’fhusa ’seachnadh na’m bron bha na dèigh. IX. Sa nuair ’Sheas Adhamh sa chumhnant’, B-ann mar fhreumh na ceann-iul do gach treubh; ’S bhiodh an sonus na’n truaighe, ’Reir ’s mar sheasadh na ghluaiseadh an steigh. ’S na’n gleachdadh e buadhach, Cha bhiodh feum air ath-nuadhach fo’n ghrein— Ach uin’ airson d-fheuchain; ’S dol a rithis gun bhas ’s ’ann gu neamh. [TD 94] X. ’S mathair uisge e sgaoil farsuing, Bho ’n do bhruchd na sruth-chlaisean bha treun, Bha e fòs mar chraoibh-thionail’, O’n do shìolaich gach cinneach is trèubh; ’S ud an Sedar ro-ainmeil, ’S gaoil a gheugan sa mheanglain gach taobh, ’Chomhduich aghaidh na talmhuin, Agus mòran do’n fhairge maraon. XI. Se mar stèigh air dheagh chumadh, Trèun gu giulan a chudram gu lèir, ’S fhad sa sheasadh a bhunait, Bhiodh an aitreamh gun chunnart gun bheud. Ach do aobhar air tuireamh, Dh’ fhalbh am bonn’ sa chlach-mhullaich le chèil, Thuit gach clach agus crann deth, ’S ud an leagadh a phrann sinn gu-h-èug. XII. Thànaig Satan gu cealgach, ’Se cur tharais le farmad da’n taobh, Mar thig mearlach san anmoch, Nuair a bhios e ri sealgaireachd chlaon; Sle a bhreugan neo-shealbhach, Thug e ’n soitheach a b-anfhaine thaobh, ’S thuirt e rithe gu dalma, Gu robh ’meas ud ro tharbhach sa chraobh. XIII. ’S thug e orra a chreidsinn, Gu robh ’n-eolas sa ’m fradharc gu’n fheum, “Ach le itheadh do’n mheas ud, Gu’n arduicht’ iad rithis mar dhe; ’S gu’m fosgailte ’n suilean.” ’S ro-mhaith thaitin an cunradh ri Eubh, ’S dhith i ’meas thug am bàs orr, ’S thug i rithis e ’dh Adhamh na dèigh. [TD 95] XIV. Dh’fhosgail sud na tuil-dhorsun, ’S bhruchd an sruth oirn le dosguith gach taobh, Tuil do phlaigheanaibh tiomail, A’s do thruaighe na siorui’chd maraon; ’S guab sud Adhamh a Pharrais. Bhris en cumhnainte gradhach is caoin, ’S thug sud leagadh a bhàis air, Thuit an reula bu dealruich’ bha ’s t-shaogh’l. XV. ’S ud an gaoth-reothadh dosguich, Shearg na ròsan le mallachd is bàs, ’S trom tha chruitheachd aig osnaich, Leis an uallach a th-orra do phlaigh; Anns an fhreumh thanaig grodadh, ’S dhìrich sud anns an stoc, s-anns a bharr, Corp is anam is buaghan, Tha iad uil air an truailleadh an Adh’mh. XVI. Sa nuair a dh’ fhosgladh an sùilean, Sa chunnaic iad a bhi ruisgte le chèil, Ghabh iad nàire da’n giulan, ’S theich am folach air chul-thaobh na’n geug; (Caite nis m bheil thu Shatain, ’N’ ann mar so a tha t-arduchach brèig,) Thug thu leagadh a bhàis oirn ’S truagh a chreidear gu brath thu na’r dèigh. XVII. ’S on chaidh puinsean san fhuaran, Chaidh na sruthain a thruailleadh gu lèir, Chaochail n’ fhionain ro uasal, Gu gèig choimhich gun bhuaigh na gun fheum; Tha gach meangan sa chraoibh sin, Mar Ghomora ’s mar Shodom le chèil, Toilltinn mallachd na Morachd, Mar an cuibhrion sam porsun gach re. [TD 96] XVIII. ’S Ceart a thuirteadh le Pol e. ’N t-aon Abstol cho còir sa bhann riamh, Thainig peacadh le Adhamh, ’S leasan thanaig am bas mar an ciadn’; Thanaig bàs air gach duine, Thaobh s gun pheacaich na h-uile bha ann, ’S mar am fagte dhuin iarmad, Bhiodh an t-iomlan gu siorruith air chall. XIX. Ach moladh do’n Ard-Righ, Nuair a chunnaic, e Adhamh na theinn, Far na thuit e sa ghàrradh, Rinn e aithnicht’ dha Slainnte o pheinn; Gu’n d-thigeadh na’r nadur, Do ghinneil na mnà chaidh a thaoibh, Na bhruthadh fuidh Shàiltean, Ceann na nathrach thug bàs air a chloinn. XX. Sa dhuine tha na ’d staid naduir, Faic an inbhe sa ’n t-arduchadh mòr, Bho ’n do thuit thu le Adhamh, Dhionnsuidh duslaich is bais agus bròin; Grad mhosgail le cùram. Teich le t-anam ’s na duilt a bhi beo, San dara Adhamh le umhlachd, A tairgse beath’ dhuit fuidh chumhnainte ’s mo. EAGLAIS PHILIPI. I. ’Si litir a sgriobhadh, gu Eagluis Philipi, Tha gluasad air m-inntinn le cinnt’ air an am; Na h-earailean priseil ’tha beartach le dilseachd, ’S le dleasanais chriosdail aon fhillte gun mheang. [TD 97] II. Ge’d ’bha ’n eaglais gu cìnnteach ’reir riaghailt na firinn, Le h-easbuigibh ’s deaconaibh ’s Biobuil na’n laimh; Cha ’d fhag Pol iad air di-chuimhn’ an earbsa ri ’n diochal, Ach dh-uraich e ’n-inntinn ’bhi dileas na’n gairm. III. ’Nuair thanuig e’n tir acc’ e fèin agus Sìlas, Be aoradh ’n an iodhal air chinnt a bha ann; Ach le soisgeul na rioghachd chaidh moran diu ’iompach’, On seachranaibh millteach, gu Criosda mar cheann. IV. ’Si tirr Mhacedonia dh’ fhairich an trocair, Bhris Grian o’na neoil orr’ le sòlas is sìth; Chaidh Lidia ’shoillseach ’s fear coimhead nan geimhlean, San tcaghlaichean caoimhneil ’deanamh aoibhneis an Criosd. V. Chaidh na h-abstolaibh gràdhach a mhasluch san ait so, Ge’d be maith an luchd àitich bha laidir na’n cridh’; Ach cha d-fhannuich an danachd an obair an Ard-Righ, Ge’d bha tuiltean na h-amhghair teachd an aird th’ar an cinn. VI. Ge’d bu làidir an naimhdeas ’bha ’n aghaigh an t-shoisgeil, Chaidh Eaglais a dhaingneach ’measg gheint’-leach san uair; ’S fhuair Pol agus Sìlas amach as a Phrìosan, ’S chraobhsgaoil iad an Fhirinn feadh na’n tirean mu’n cuairt. VII. Sa ’n deigh dhoibh ’bhi ’n-ordugh sa sgaradh san fheoil iad, Sa ghuilaineadh Pol san le foirneart don Roimh; Mar athair an teaghluich bha ’n curam gu mòr air, ’S bha e fein as Timoteus co-’la sa ’n am ’s. VIII. ’S chuir e’n litir so sgrîobhte le Epaphroditus, Coth-oibriche dileas san fhirinn a bhann; Bheireadh aoibhneas da’n ìnntinn nuair ’chi ’te ’m Philipi, Sa bhar air na sgrìobhadh dheanadh inns’ ann an cainnt. [TD 98] IX. Bha ’n Eaglais so cliuteach ’measg chinneach is Iudhach, Ann an comhnadh an t-shoisgeul bha ’n roinn san thar chaidh; Ann am bochdain san teanntachd bha fialachd an saibhreis, Sann an amhgharaibh claoiteach bha ’n aoibhneas fo bhlath. X. ’N am fagail an fhearain cha do roinn ris an Abstol, Thaobh tabhairt is gabhail ach iadsan amhain; ’S cha b-ann aon-uair le sgios deth choi-lion iad an gniomh so, Ann Tesalonìca chuir rìs e le gradh. XI. ’N-eud soisgeulach coir san gu’n bhrosnuich sud moran, Gu dleasanas comhnaidh le deoin is le gradh; ’S ’bha n uall sin aig Pol asd’ ri Eaglais Chòrrinth, ’S ’b-ion-mhiannuichte ’n doigh e bhi aig moran sa ’n làs. XII. Nuair dh’aidich e ’m fial’achd sa ’n caoimhneas ion-mhianuicht, Rinn e’m brosnach san diadhachd ’bhi fialuidh gach uair; Co acc’ thigeadh sa chìt e no ’as lathair gu’n cluinnt e, Bithibh daingean dh’ aon-ìnntinn san fhìrinn le buaigh. XIII. ’N ur siubhal ’s nar n-ìmeachd bithibh cubhaidh do’n fhìrinn, Dh’aon Spiorad ’s dh’aon ìnntinn gu dileas gach re; Coth-ghleachdadh gu cinnteach arson creideamh na fìrinn, Sior-fhoghlum na h-inntinn a bh’aig Criosda E fein. AN DIOMHAIREACHD FHOILLSICHTE. I. Bha Uil’ Fhiosarachd an Ard-Righ, ’S Uile Leirsenneachd a Naduir; Faicinn gun tuiteadh Sliochd Adhaimh, Cian mu’n robh ann Neamh no talamh. [TD 99] II. ’S mu’n do chruthaicheadh na saoghail, O’n bha fhios gu’n tuiteadh daoine; Ghairmeadh comhairle na Naomhachd, Chum gu saorte iad o pheanas. III. Thuirt Trocair an-uchd na Morachd, ’S duilich leam daoin’ dhol gu dorain; Tha mi toileach dol gun soradh, Chum an treorachadh gu flaitheas. IV. Thuirt Maitheas is Iochd ri Trocair, ’S Gradh-neo-chriochnach theid sinn co-ruit; A thoirt fuasglaidh do luchd-dobheairt, Bhios na’n comhnuidh air an talamh. V. Labhair Ceartas ann na Mhorachd’, Mu’n d’theid bhur n-iartaise dheonach; Feumaidh mise fuil a dhortadh, ’S umhlachd iomlan ghloirmhor fhaighinn. VI. Ge’d theich Neamh is Talamh co’-la, Seasaidh mis’ aig firinn ordail; ’S bheir mi peanas air luchd-dobheairt, Mar a gloirichear mo thagradh. VII. Dh’ aontaich le Ceartas an Fhirinn, Neo-chaochlaideach ’s Naomhachd fhiorghlan; Cha leig sinn Trocair a sios, Mar faigh sinn bhi diolte air peacadh. VIII. Oir Saltraidh iad oirn fo Sailtean, Mar an Clabar anns na sraidibh; ’S feumaidh sinn an umhlachd slan: A’s peanas arraidh air a pheacadh. [TD 100] IX. Thuìrt Uile Chumhachd, neo-chriochnach, Theid mi le ceartas gu diogh-ltas; ’S bheir mi na bhagradh gu crich: Ge’d b-ann an iochdar teinne lasrach. X. Thuirt Trocair mar neach do-chiosnaicht’, ’N gleidhear m-iartais; mar am priosan; Reitichibh dhomh slighe fhial; An Onair Dhia gu tearnadh pheacach. XI. Bha tosd mar gu bann san t-shiorruichd, ’S ceartas a tagradh bhi diollte; Oir be ’m priomh nith’ bha air iarraidh; Gloir do Dhia is sith do’n talamh. XII. Sge’d dh’ iobairt’ na h-ainglean naomha, Suas mar eìric airson dhaoine; Dheanadh peanas peacaidh aon neach, ’N tiomlan diu maraon a chasgairt. XIII. Bhris an Gliocas ’mach an t-shamhchair, A bha ’measg na’m buaghan aghmor; ’S thuirt E gu’m b-aithne dha Rathan: Bheireadh paigheadh dhoibh na’n tagradh. XIV. “Chuireadh suas mi sann o shiorruichd,” “Mar neach air m-altrom san Diadhachd,” “Deanamh gairdeachas na fhianuis;” “’S mo mhiann air tearnadh na’m peacach.” XV. ’S E ’n dara pearsa do’n Trianaid, Ghabhas air gu leìr na fiachan; ’S bheir E gu h-iomlan dhoibh dioladh, Ann an liad am fad sa ’m fairs’neachd. [TD 101] XVI. Nuair a thuig a Chuirt an riaghailt, Bha san run aig Gliocas siorruith; Cha robh Buaidh a bh’anns an Diadhachd; Nach robh riaruichte da aidmheil. XVII. Bhris a chuirt a mach le luath ghair, ’S na cluig-chuil le h-aoibhneas buadhach, ’S Mac-talla na’n Neamh a fuaim; Ri reull’ cho luachmhor bhi air brath acc’. XVIII. Thuirt an t-Athair ri Mhac, Gloirmhor, Gabhse daonnachd fuil is feoil ort; ’S theid mo Spiorad Naomha co-ruit; Chum ’s gu’n gloirichear mo Cheartas. XIX. ’S Thuirt an t-Aona Mhac Graidh Neochriochnach, Gabhaidh Mis, o’s laimh bh’ur riarach; ’S arduichidh mi lagh na Trianaid, Ann an smuain an gniomh sa ’m facal. XX. Fuilingidh mi masladh ’s ’geurleanmhuin, ’S olaidh mi ’n cupan ge’d ’searbh e; Saltraidh mi amar na feirge; Dh’ fhaotain tearmuin do’m luchd-leantuin. XXI. ’S fosglaidh mi dorus do Throcair, ’S an dean i ceartas a phògadh; ’S am bi iad maraon cho deonach, Air luchd do-bheirt thoirt o pheanas. XXII. Thug an Spiorad Naomh grad aontadh, ’S mi nach Sòr dol leat do’n chaonnaig; ’S ni mi fianuis anns an t-shaoghal; Air do shaorse ’tha gun mhearachd. [TD 102] XXIII. Gloir do’n Trianaid tha na’n Aon-Bhith, ’S na chomhluich Buaghan cho Naomha; ’S iad uile ’n cumhnaint’ na saorse, ’N cairdeas caomh san aonachd fhalluinn. AN DARA PAIRT. An Diomhaireachd Fhoillsichte agus Aithnichte. I. Ann an iomlaineachd na h-aimsir, Ghabh Mac Dhe air Fein air ’n-anain’eachd; Sann an Stàbul measg na’n ainmhean, Rugadh E mar leanaban aimbeart. II. Thug E umhlachd fad a laithean, Do’n lagh sin a bhris sliochd Adhaimh; ’S o’n a sheas E ann na’n aite, Thagradh fiachan chaich air fad air. III. ’Shearmonaich E ’n soisgeul siorruith, Do ’na braìghdibh ann am priosun; ’S bu lionmhor cumhachd a mhiorbhuilean, ’Toirt fianuis air an talamh. IV. Dhuisg na mairbh o’n uaigh air iartas, Ghlan E na lobhair ’bha iargalt; ’S thug E le cumhachd a Dhiadhachd, Siubhal iasguidh do na baccaidh. V. Thug fradharc do dhoill bha bronach, Thilg E deamhain ’mach a moran; ’S fhuair na bodhair claisteachd oirdhearc, Nuair bha ’Chomhnuidh air an talamh, [TD 103] VI. Ge ’do ghabh na feartan graidh ud, Comhnuidh tharais ann air Slanuighfhear: Ann an irisleachd a Naduir; Dh’ fhuiling E tarcuis is fanoid. VII. Dh’ fhuiling E dhiteadh san eucoir, Agus sin le fianuis bhreige; ’Sa ’n crun droighinn ge’d bu gheur e, ’S guirsadh deislinneach na bhallaibh. VIII. Dh’ fhuiling E, Cruaidh-ghleachd is amhghar, Nuair a bha E anns a gharradh; A’s fhallas aig meud a chraidh, A ruith gu làr mar chlodan fola. IX. Dh’ fhuiling E gach uile amhghar, Dh’ fheudadh mi-ghean ’chur air nàdur; ’S ge’d a bhuaireadh E le Sàtan; Fhuair E ’n aird’ as eugmhuis peacaidh. X Dh’ fhuiling E bàs a a chroinn-cheusaidh, ’S peacaidhean a Shluaigh gu leir Air; ’S ge’d dh’amhlaic, iad E na dheigh sin; ’S treun a dheirich E ’n treas latha. XI. Bhris E na cuibhrichean laidir, ’Cheangail peacadh bàs is Sàtan; ’S mar Ghaisgeach air tigh’nn o ’n-araich; Dhuisg E ’n aird orra le caithream. XII. ’S gealb na creagan bha gu h-iosal, Nuair a ghlaoidh E “tha e criochnuicht’;” Chlisg na mairbh o’n uaigh anios, Sa Ghrian fo mhi-ghean dibreadh ’soluis. [TD 104] XIII. Ach nuair dh’eirich E na Mhorachd, Sheinn reulta na maidne co-la; ’S chuir Mic Dhe gu h-iomlan ordail; Clarsaichean an ceoil gu caithream. XIV. ’S mar fhianuis gun d-thug E riarach, Do gach Buaidh a th’anns an diadhachd; Fhuair E Righ-dheas-lamh na Trianaid, Feadh gach ial an cuirt na flaitheas. XV. Dh’arduich E gu h-iomlan aluin, An reachd sin a bhris Sliochd-Adhaimh; ’S cha robh call aige ri aireamh, ’S buannachd slainte aige ri sheachnadh. XVI. Tha Ceartas na bhàs air co-lach, Le pòig reit’ cur failt air Tròcair; ’S thuirt e theid mo lagh ge’d chò-nadh, Dhuisgadh moran do ’na peacaidh. XVII. Dh’ fheuchas doibh gu’m bheil iad cailte, Aig a’ namhaid ann na’m braighdibh; ’Sa threoricheas gu beinn Shinai iad; Gus an cluinn iad cainnt am bag’raidh. XVIII. ’S duisgidh e ’n cogais ga’n diteadh, Bheir mi-shuaimhneis doibh na ’n-inntinn; Nochdas leirsgrios aig a chrich dhoibh, Mar a pill iad aisd le creideamh. XIX. ’S bidh e feuchain doibh an dorain, Gus an eigh iad airson trocair; Mar sin bidh e mar oid-fhoghluim, Doibh, gu iobairt ghloirmhor fhalluin. [TD 105] XX. ’S nuair a bhios iad sgith do’n fhasach, Dris is droigheann ’s uisge màra: Labhraidh trocair riu gu cairdeil, Ann an caoimhneis graidh a gheallaidh. XXI. ’S gu Calbhari bheir gu seimh iad, Far am faigh iad trocair ’s reite; ’S gras gu comhair ’n-am a feuma, ’S iad air reis gu tir a gheallaidh. AN TREAS PAIRT. Cliu na Diomhaireachd. I. S’ ann tha ’n eifeachd is na feartan, Anns an Eiric chaidh thoirt seachad; ’Riaraich Ceartas sa rinn àrdach, ’S fhuair fabhar do na peacaidh. II. Ghloraich E Ceartas, is Firinn, Neo-chaochlaideachd, ’s Naomhachd fhiorghlan; Gliocas, Cumhachd, ’s Gradh neo-chriochnach; Leis an Iobairt thug e seachad. III. Eadàrmheodhonair neo-chriochnach, Tha do offigibh a tri aig, Faidhe Sagairt agus Righ E; Riarachadh dith a luchd leanntuinn. IV. Faidhe iomlan ann an eolas— Sagairt ionmhuin lan do throcair— Righ ro chumhachdach an treoir E, ’S bheir E comhnadh ’n-am na h-airce. [TD 106] V. A mheud sa rinn E Reith le h-iobairt, Soillsichidh E iad le fhirinn; Le cumhachd a ghrais mar Righ, Gu h-umhal striochdaidh iad da reachdan. VI. So an sgeul is motha eifeachd, Chualas riamh le cluasan reusand; Tha i nis binne ri eisdeachd, Na gach inneil-theud air thalamh, VII. ’S binn’ e na chlarsach ga gleusadh, ’S binn’ e na Smeorach air gheugaibh; ’S binne e na Chumhag sa cheitein; An Crann-ceusaidh le chuid bheannachd. VIII. ’S binne e na ceoil a Bhiànna, ’S binn e na Piob agus Tàbor; ’S binn e na saltair is Taileasg, Soisgeul grasmhor Slainteil falluinn. IX. ’S luachmhor e na clachaibh riomhach, ’S luachmhor e na òr nan riogh’dan; ’S tha e fos do’n-anam iompaichte; Ni ’s mils’ na cirrean meala. X. ’S maisich e na gloir na reultan, ’S na ghealach an aird na speuran; ’S oirdhearc e na ghrian aig eirigh, ’S i cur eislein air gach solus. XI. Ghleidheadh an Diomhaireachd àrd so, Fuidh iobairtean is fuidh sgailean; Tamul am an tir Channaan, Gus an d-thanaig siol a ghealladh. [TD 107] XII. Nise Dh’eirich Grian nan Gras, A sgap mar neoil air falbh ’na sgailean; ’Soillsichidh a gathain aigh, Na h-uile cearn a th-air an talamh. XIII. Gu’n d-thigeadh a rioghachd gu buadhach, ’S biodh a naimhdean air am bualadh; ’S iad a geileadh Dha mar Uachdran, ’S gloir an Uain mar dhuan ’s gach talla. [TD 108] [Blank] [TD 109] COMHRADH NAN CNOCHD NO COTH-CHAINNT EADEAR AM FEAR DUCHA, SAN T-OILTHIREACH. I. F. D. ’N cluinn thu fhir tha dol seachad, Sa tha siubhal an rathaid cho luath, Teann a nall is leig t-anail, Agus suidheamaid tamul air bruaich; Cuir an ceil dhomh do naigheachd? Oir is ionmhuin leam t-fhaicinn san nuair, ’S an sin cha chuir mi ort bacadh, ’S theid thu rithist air asdar do chuairt. II. ’N. T. Chuir thu furan orm ’s fuireach, ’S tha thu coltach ri duine tha còir, ’S ni mi tamul leat suidhe, ’S ni sinn inndrinn air uirigiol beoil; Ciod an naigheachd so ’s miann leat? O’n a tha thu cho dian air a toir, ’S innsidh mis’ dhuit gu fialuidh, Mar as aithne dhomh ’m briathran gun sgleo. [TD 110] III. F, D. Sgeul air margadh bhi ’g-ardach— Sgeul air isleachadh mail be mo mhiann, Sgeul air cleachdain sair gnath-chean, A bhi fuireach mar b-abhaist doibh riamh, Stoil leam eachdruidh na rioghachd, Co dhiu tha cogadh na siochaint na’miann? Stoigh leam naigheachdan tiomail, ’S cha do ghabh mi bonn sgiosa dhìu riamh. IV. N. T. ’S ann a shaoil mi a dhuine, Gu robh tiartais a’s t-fhuran air choir, Nuair a chuir thu orm fuireach, O bhi triall air mo thuras san ròd; ’S ann a shaoil mi gu’m b-ait’ leat, Sgeul mu’n t-shaoghal ri teachd is mu’n doigh Sa’m bheil tearnadh do’n anam, Ach sann a rinn thu mo mhealladh gu mòr. V. F. D.’ M bheil thu saoilsinn gur mealladh, Dhomh bhi g-iaraidh ort naigheachd san uair? Air an t-shaoghal so thagain, Sgur a caomhail leam caithream a bhuaidh; Ach mar meall thu mi dhuine, Tha mi smuainteach gu bheil thu do’n t-shluagh, A bhios a glaodhaidh gun sgur ruinn, Breith a ris agus cruthachadh nuadh. VI. ’N. T. ’S mor mo ghaol ’s mo thlachdsa, Do na daoine ’tha ’n aithris do sgeil, Cha be saoghal na’n car so, Bhiodh mar aobhar an aighir gu leir; Ach se sòlasan anam, Agus gloir a tha mairion ’s nach treig, Si ’n Fhuil a dhoirteadh gu talamh, Bonn an dochais an aiteas san gleus. [TD 111] VII. F. D. Ach tha mi faicinn an t-shluaigh sin, A rinn thu aithris: athnuadhaichte an tràs, Air an diteadh le suaraich ’s, ’S na’m ball amhairc measg sluaigh anns gach ait. Tha na daoine ’s fearr sealladh, Mar na h-uachdrain, ’s luchd teagaisg an aits, ’G amharc sios orr’ le fanoid, Comhar cinnteach air mearachdan chaich. VIII. ’N. T. Cha’n eil do bharail s’ ach suarach, Ann an aghaidh an t-shluaigh ud air chinnt; Nach luchd teagaisg is uachdrain, ’S motha dhit ’s chuir an suarachas Criosd? Sann tha ’bhinn thug thu mach orr’, Ann am fabhar luchd aidich gu fior, Airson buannachd da ’n-anam, A bhi cuir suarach gach fanoid is spìd. IX. F. D. Ach cha ’n-ionmhuin ’s cha loineil, Leam: An doighean ’s cha toigh leam am beus, Tha iad neo-nach is draghail, ’S ann na’n comhradh ta ’d beaduidh gu leir; Oir se’n seol ’bhi cur coire, Air gach seors’ ach na leanas iad fein, ’S an nith ni sòlas dream eile, ’Se ni bron agus leith-trom da’n gne. X. ’N T. Ach se ’n dleas’nas gu’n seachnadh, A bhi dileas do dh’-anam chloinn daoin’; ’S bhi sior innseadh a ’mearachd, ’S cunnart siorruith na’n seacharain chlaon; Dh’ fheuch am pill iad an cabhaig, Dh’ ionnsiudh Ios’ on se a mhaitheadh gu saor, H-uile peacadh a rinn iad, Ann an gniomh, ann an cainnt, ’S ann an smaoin. [TD 112] XI. F. D. Ach ’s peacaich uil’ th’anns an t-shaoghal, ’S tha e sgriobhta ’n air n-aodain gu fior; Ach dh’ fhuiling Criosd airson dhaoine, ’S ni E ’rithist air saoradh sair dion; ’S iad na linneabh a dh’ fhalbh uainn, Bu chian iomradh sa b-ainmeal na sinn, ’S leanaidh sinn air an lorg iad, A reir cleachdaichean foirmeil na tir. XII. ’N. T. Ach tuig a dhuine gun fhaoghlum, ’S ann tha Criosd na Fhear Saoraidh is dion, Do na ghabhas ri shaorsa, ’S threigeas cleachdain an t-shaoghal’ta cli; Sud na dochasan sgriosach, A chuir moran gu h-ifrion a sios, Bhi ’n ’duil gu saorta o pheanas, Dream nach aicheadh am peac’ airson Chriosd. XIII. F. D. ’S nach eil thu fein ’s do luchd leanntuin, A cur an ceil duin le barrantais fhior’, Gu’n glan Fuil Ios’ o gach peacadh, ’S tha e sgriobhta san fhacal air chinnt, A ’ne nach dean i mo ghlanadh? Ge’d is duaichni’ is salach tha mi, ’S ge ’do ghluaisinn am bheatha, Cheart cho truailli ri peacach san tir. XIV. ’N. T. Sann a dhearbh mi dhuit cheana, Gu’m bheil eifeachd is fheartan amhain, Air a mheasadh; do’n aiteam sin, A ghabhas tre chreideamh ri shlainnt’. ’S chuireas cul ris a pheacadh, ’S a bheir umhlachd do fhocal a ghrais, S ud an dream a theid suas leis, ’S bidh cach uil’ air am fuadach bho lath’r. [TD 113] XV F. D. ’S a n-ann a b-ail leat bhi g’amharc? Air an t-shaoghal ’s air seach’ran gu leir; Ach am beagan do pheacaich sin, Tha aoint ann am beachdan ruit fein; ’S truagh a bhreisleach tha ’d chlaigionn, Bhi ri saothair ’s ri carraid gun fheum, ’Tha sinn uile cho fallan, ’S ann an dochas cho daingean ruit fein. XVI. ’N. T. Na bi cho fiadhaich a chairid, Glacsa ciall agus faighidinn mhor, ’S cuisean siorruichd is t-anam, Air am fiach dhuit bhi labhairt gu stold’; Ciod an steigh ’thaig do dhiadhachd? ’Tha cho measail am briathraibh do bheoil, Dh’ fheuch an seas i le riaghailt, Ris an dearbhadh le ’n diachar na sloigh. XVII. F. D. Cha’n-eil mise cho ain-eol’, Sa bhi cuir dochais na’m neo-chionta fein, O’n tha na h-uile na’m peacaich, Tha iad airridh air peanas da-’reir’; Ach tha mo dhochas gu daingean, Ann an trocair Emanuel fein, Gu maith e dhomhs’ na chaidh seachad, ’S ni mi ’n còr’ lem’ ath-leasachadh bheus. XVIII. ’N. T. Ach tha mi ’m faicinn a chairid, Gu bheil do steighse mar ghaineamh na traigh, ’S g’el thu ’m builsgein do pheacaidh, ’Cheart cho domhain ri neach do shliochd Adh’mh; Cha do thuig thu mar pheacach, A bhi dite fuidh ’n mhallachd mar ’tha, ’S bidh do ghniomharan salach, Anns an tiom tha ri teachd dhuit gun stà. [TD 114] XIX. F. D. Ciod! am feum bhi ri dichiol? ’S ciod! am feum bhi ri gniomharaibh nuadh? Tha thu nise gan diteadh, ’S bidh tu rithis ga mineach’ do’n t-shluagh; Gur a neo-nach air chinnt thu, ’S doch ’thu ’bhacadh na dh’iompachadh sluaigh, So nach d’fheud mi bhi sith ruit, Tha mi tuileadh is sgith dhiot san uair. XX. ’N. T. ’S truagh an ceo thair do shealladh, Nach gabh eolas air rathad na slainnt’? ’S mi ga sheoladh gu soileir dhuit, Bho fhirinn na Sgriobtuiruibh aigh; Tha mi dearbhadh dhuit fathasd, Nach bi Criosd na Fhearglanaidh am pairt, Se ’m Fear Saoraidh gu hiomlan, ’S theid a ghloir gu neo-iomarlach thoirt dha. XXI. F. D. ’Sa n’ann a baill leat gu’n Saltrain, Mo dheadh ghniomharan maith anns’ a pholl? ’S gu’n striochdain mar bhaigeir, Gu h-iosal fuidh Smal le ceann crom; Na h-uile nith bha dho’ taitneach, Gach toilinntin is aighear is fonn; A bheireadh aoibhneis do’m nadur, Chur air cul is fas crabhach is trom? XXII. ’N. T. ’S ann a b’aill leam gu’n creideadh tu, Fior theisteas na sgriobtuir mu’d dheigh, ’S le drughadh an Spioraid, E Dheanamh muthadh air t-innigh gu leir. ’S air do threorach le fheartan, Dhionnsuidh Chriosd gu bhi mealltuin a reit, Sann an sud bhiodh tu ’m buannachd, Ge’d a threig thu do ghluasadan fein. [TD 115] XXIII. F. D. Ach cha treig mi mo chleachdain, ’S cha treig mi mo bheachdan mu’n t-shaoghal, Tha iad uile dhomh tàitneach, Mo thoilinntin mo thlachd iad ’s mo ghaol; ’S bithidh Criosd agam cuideachd, Dh’aindeoin nith a thuirt thuse da thaobh, So nach d’fhuair mi mar b’aill leam, Tha mi sgith do ’d chuid crabhaich tha faoin. XXIV. ’N. T. Chum thu fada air mais mi, ’N duil gu’n deanain duìt rath na gne fheum, Ach tha mi ’m faicin mar thachair, Tha thu ’n domblas do pheacaidh na dheigh; Sa nis on tha sinn gu dealach, Guidheam iompachadh; cas dhuit na dheigh, Agus ath’rachadh bheachdan, Mu’n criochnaich thu latha do reis. Comhradh nan Cnoc air a leantuin. Air neo am Fear ducha San Toilthireach an Dara uair. I. F. D. ’S cian Sgur fada bho ’n latha, Anns na thachair sinn roimhe ri cheil, Ach ’s fior an sean-fhocal ’thubhairt, ’S mor mo ghradh dhuit an duigh seach an de; ’S tric a smuaintich mi diomhair, Air do chomhradh do dhilseachd is t-eud, Ge’d bha mise cho mio-mh’ail, A cuir an aghaigh na firinn gu leir. II. ’N. T. Ann an curse na trocair, O’n a thachair dhuinn comhlach a ris, ’S mor a thagain ri fhoghlum, O Fhad-fhulangas mòr tha gun chrioch; [TD 116] Ceaduich ’nise dhomh fheoraich, Ciod na smuainteanan mor so bha’d chridh’? Oir tha mi cinnteach gu leoir dheth, Gu’m bheil nitheanan sonruicht’ ri inns’. III. F. D. Tha nitheanaibh sonruicht’, Agus nitheanaihh mora: codhiu, Ach ann an innse mo sgeoil duit, Tha mi ’g-aideach mo ghoraich an tus; Agus m-aineolais co-la, Sa neo-thaingealachd mhor a bha’m run, A cur an aghaidh do chomhraidh ’s, O’n ’bha mise cho feolmhor am chuis. IV. ’N. T. An e gun thuig is gun d-fhairich, Thu bhi feolmhor is peacach is truagh? Air do dhiteadh le ceartas, Dh’easbhuidh fireantachd maitheas na stuaim; Gu’n Dia is gun dochas, Aig Satan ge’d threorach gach uair, Ann a’d oighre air dorain, ’S aobhar eagail is broin e ri luaidh. V. F. D. An e! gun thoisich thu rithis, Le’d chuid firinnean biorach is geur? A sior tholladh mo chridhe, Dh’ fheuch an cuireadh tu mise troi-cheil; ’S olc an teanga gu cainneadh, A tha ’n taice ri caireain do dheud; ’S duine ceangailte’ ’a ’nadur, Aig nach cuireadh tu failinn na cheill. VI. ’N. T. Fire! faire! A chairid, Am bheil an seann duine fathasd ’ad fheoil, A Sior thogail a chlaidheamh, A’s a sgaoileadh a bhrataich cho mor? [TD 117] Sann a Shaòil mi ’n-am tachairt, Gu robh iompachan agum bha coir, Ach tha mi faicinn an fhad so, Gu’m bheil thus air do bhrath ann ad sheol. VII. F. D. Ciod a’nith tha thu ’m barail? Anns an deachaidh mo bhrath leat san uair? Mar h-e gun labhair mi aighearra, ’Thaobh na thuirt thu ’bhi ’m bheachdse le gruaim; Ach mas ann dileas gun mhagadh, A bha thu stri rium gu maith dhomh ’s gu buan, Tha mi ’g ’aideach mo mhearachd, Is tha mi ’guidhe gu maith thu gu luath. VIII. ’N. T. Sann da ’rireadh gu maith dhuit, A chuir mi ’n fhirinn cho falluin an ceil, Ach ’s olc an cruth ann’s ’na ghabh thu, Bhi cho dileas do ’t-anam le speis; Ach o’n ’dh’aidich thu cheana, Bhi cho fada sa mhearachd thu fein, Tha mo chuidse dheth maithte, ’S bidh mi ’guidhe dhuit maitheanas De. IX. F. D. Tha thu nis rium aig cordadh, On se reite ro mhor a tha ’d mhiann; Tha do dhilseachd gam threorach, Gu bhi ’g ’innseadh gun sgleo dhuit mu’m chial; Tha mi ’g aideach gu sonruicht’, Geil mo pheacadh cuir bron orm is fiamh, Oir tha mi ’m chiontach gun dochas, An adhaigh ceartais is trocairean fial. X. ’N. T. Ach chunnaic mise an latha, Bha do dhochas gu gramail ’s gu cruaidh, Ann ad fhireantachd shalaich, Sann ad ghniomharan maith thu ri uail; [TD 118] Ach ’S fearr tamul ’bhi falamh, A’s do dhochasan mearachd thoirt uait, Na gu leanadh iad t-anam, A dh’ ionnsuidh dorain a mhaireas bith-bhuan. XI. F. D. Och gur dubhach a ta mi, Tha mo chridhe gu sgainneadh am chom, Tha bhi gun dochas ro-chraiteach, ’S dochas mearachd cha b’ fhearra dhomh bonn. Oir tha bag ’raidhean laidir, Tigh’nn ’o mhullach Shinai cho teann, Sgu bheil corruich an Ard Righ, Mar na beantuidhean Ard as mo chionn. XII. ’N. T. Be Sin do chorse gu cinnteach, Ge’d nach creideadh tu ’n fhirinn an tus, Be bhi leirsinn do dhitidh, A thug dhomhs ’bhi strith ruit cho dluth; Dh’ fheuch an treoraichain t-inntinn, ’Ghabhail eolais da-rireadh mu’n chuis, Oir is cunnart tha siorruith, Sa ’m bheil t-anam mar iompaichear thu. XIII. F. D. Cha ’n-ann gu lughdach mo ghalair, A rinn thu inndrinn air labhairt an drast, Sann gu’m dhiteadh a neartach, Tha thu rireamh ga’m theannadh a’n sas; Am feudar idirr mo shaoradh? Tha mi ’n truaighe san daorse mar tha, ’S ma theid crioch air mo shaoghal, Bidh mo thruaighe ’s mo dhaorse a fas. XIV. ’N. T. ’S ’O ’n tha t-aidmheil aig innseadh, Gun deach’ do rusgadh da-rireamh dhit fein, ’S nach eil t-earbs’ ann ad ghniomhan, No na ’d fhireantachd mhi-chiatach bhreun; [TD 119] ’S toileach Sheolas mi t-iuntinn, Ghabhail eolais air Iosa E fein, Sann na oibir “Tha criochnaicht,” Biodh do chreideamh, Sbidh sith agad fein. XV. F. D. Ge’d se sith tha mi ’g iarraidh, Agus reite ri Dia thar gach nith, ’S mor ’m-eagal is m-fhiamhse, Nach gabhar gu siorruith rium fhin; Oir bha mise ’thaobh naduir, A’m cheannfeadhna thar chaidh anns gach gniomh, Ann an dilseachd do Shatan, A cur an aghaigh an Ard Righ air chinnt. XVI. ’N. T. “Ged bhiodh do pheacaidh mar Sgarlaid,” “Ghlanadh eifeachd fuil Slanuighear iad uait,” ’S Easan sheasamh na ’d aite, ’Sle umhlachd gu’n dh’arduich E Suas; H-uile briseadh mar namhuid, Rinn thu riamh air na h-aith’ntaibh le fuath, Gabh le creideamh sle gradh ris, ’S leat Sith agus fabhar bith-bhuan. XVII. F. D. Le bhi creidsinn na ’throcair, Tha mi ’m faotain beo-dhochais an tras, Tha mi linnte le solas, ’S tha mo ghairdeachas mor air a sgath; Oir tha mi faicinn ’m Fhearsaoraidh, ’Seasamh eadar mi ’s aobhar gach craidh, Choilion Easan mo shaorsa, ’S fhuair E maitheanas saor dhomh le ’bhas. XVIII. N. T. Ma ’se ’s gun chreid thu an Criosda? Gheibh thu tearmunn is didean fuidh sgè, Ni E neart agus dion duit, (On a naimhdean tha lionmhor ad dheidh; [TD 120] ’S iad ri fair’ ort le mi-run, Chum do ribeadh cur lion anns gach ceum) Feuch gu lean thu gud chrich E, ’S ni E son’ thu gu siorruith leis fein. XIX. F. D. Dhomhse b-aoibhneach do chommun, O’n la tharladh air coinneamh san rod, Fhuair mi eolas ro shoilleir, Air mo dhorain mo chunnart ’s mo bhron; ’S Fhuair mi eolas na dheigh sin, Sann air Slanui’ghfhear Ceusd anns an fheoil, ’S Easan Iobairt mo reite, Fhuair mi comhair ’reir m’ fheum anns is corr’. XX. ’N. T. ’S on a chreid thu san t-Shlan-fhear, Buinidh onair don ghras thug ort buaigh, Na cuir campar gu brath air, ’S bi ga altrom le gradh a bhios buan; Lean ri Ughdar do shlainte, Oir ’s ceann feadhna thar chaich E san t-shluagh, Tha mi nis dol ge’d fhagail, ’S leat mo bheannachd le braithreachas nuadh. [TD 121] A CHLARSACH MHEIRGEACH. I Nis on thainig na h-eoin as an seomraichean balbh, Sa Dheasuich iad an orgain gu ceoil air gach calbh; Tha sud a teagasg dhomhsa mo choisridh a ghairm, ’S bhi teannachadh mo chòrdan gu ceoilmhor gu seirm. II. ’S fhad on chrochadh leam mo chlarsach air samhchair ud thall, ’S tha sud na ionnan ’s bas thoirt air pailiunn n’am ponc; Nuair charuich mi mo lamh orr ’bha ’n asaig cho trom, ’S nach togadh i mar ’babhaist dith ’n airde dho ’m fonn. III. Chuir sud le naire gnuis mi gu sguradh na’n teud, Sa mheirg orra na’n stucan, cruit chiuil chaidh o fheum; An latha b’ fhear sa b’uir’ i b’a diu i ’measg cheud, ’S cha dean i nis mar ’s duth dhi ach durdail dhomh fein. IV. On ’s cruit a chaill a doigh i sa ’ceol cho ro gharbh, Cha taitinn i ri moran cho fromhail ’s cho marbh; Ach ’s ann a rinn mi fhoghlum o ’choisrith na’n calbh, Tha cuid diu bhios ri rocail Se ’n doigh gu’n bhi balbh. V. Suas togaidh mi mo dhan ge’d tha chlarsach neo-bhinn, ’S ge’d nach eisd iad air an t-shraid i mar bhardachd tha grinn; Gu faigh i caidreamh bhlath aig na cairdean bhios sgith, Tha sgapta anns na h-aitean as fasala ’s tir. VI. ’S binn na h-eoin anns a Mhagh ’S iad le gairdeachas ciuil, Seinn cliu an Ti as Airde le ’n clarsaichean ciuinn; Nuair a dh’ fosgaileas E ’lamh dhoibh le fabharan ur, ’S neo-eisleineach na’n doigh iad toirt gloir dha le surd. [TD 122] VII. Cha neil curam an loin orr’ ge ’boidheach am fiamh, A’s ged nach eil tighstoir acc’ gu comhnuidh fuidh dhion; Co ’s coimeas ann na’n comhdach do choisrith na’n sliabh? Bha Solamh ann na ghloir fada fodha ’ann an sgiamh. VIII. Cha’n fhailnich an stor, oir am porsan, se Dia, ’S gur taingeil dha an ceol bhios aig coisrith na’n sliabh, Cha ’stad iad ge’d nach cordadh an doighean ri ciad, ’S ud an t-aoradh a shonruich a Mhorachd dhoibh riamh. IX. Tha dream air feadh an fhasaich a ghradhaich an t-Uan, ’S ge’d dh’ fhiosraich a ghras iad le fabharan nuadh; Cha seinn iad cho neo-sgathach le cail dha gach uair, Ris an aireamh tha ’n dras ann am dhan air an luaidh. X. ’S iomadh beul a tha balbh ’s cridhe marbh tha gun sunnd, As a’neadan nach gabh carachadh da ainm a thoirt cliu; Ge’d thug E anam reusand’ doibh ceill agus tùr, ’S tha iad dite da reir sud o ’eunluith ’na ’n stuchd. XI. Ge’d theid a neaid a luasgadh le h-uabhasan Ard, ’S leis na reusanaibh buadhach chuir gluasad fuidh chach; Cha charuich is cha ghluais iad thoirt luaidh air a ghras, Ge’d is lionmhor a throcairean mor dhoibh gach la. XII. Tha mis fuidh dhiteadh sonruicht’ aig coisridh na’n calbh, Ge mor a chaoimhneis dhomhs’ thar an t-sheors’ud gu dearbh; Ann an suidheachadh ni ’s oirdhearca gloire mo dhealbh, Le corp is anam beo agus dochas a ghairm’. XIII. ’S on chaidh mo nead a charachadh le fairefanadh ur, ’S an robh mi ionann ’s marbh agus balbh air bheag luis; An latha sin biodh ainm air bu dealrach a ghnuis, ’S ciod uim’ am bithinn balbh? ge’d a mheirg mo chruit chiul. [TD 123] XIV. Ach seinnidh mi an tras’ moladh ard dha a’s cliu, A’s canaidh mi mo dhan ge’d bhiodh cach rium an diumb’; Sann chuir E Mhac on aird dh’ fhulang bais ann am rùm, ’S as a lanachd a ghnath ’toirt dho grasan as ùr. XV. Na biodh umhail ciod a bha mi dubh graineil na ciar, On a thainig an là san do dhealruich mo ghrian; Bi so an aimsir aigh mealtuin fabhair an Triath, ’Se theirear rith’ san fhaistneachd “Am cailear nan ian.” XVI. ’S tric bhithinn laist’ le solas ’s na’ comhailean blath, Nuair a chruinichimid co-la gu ceoil air a ghras. Ach nuair sgaramaid bhiodh neoil ann is moran do phramh, Bhiodh mulad is duth-bhron ann ’s mo cheol cha bhiodh ard. XVII. ’S tric a mhill e mo cheoil nuair bu mho bhiodh mo shunnd, An truailleachd a tha ’m fheoil a toirt broin do ’as ur; ’S bhi measgta feadh an t-shloigh nach d’thoir gloir dha na cliu, ’S luchd aideachaidh air trocair bhi feolmhor gun sunnd. XVIII. Nuair thig an triuir so co-la an ordugh le maoim, Gur gaisgeach ann an treoir a ni ’n comhrag gun fhoill; ’S tric leagas iad le leon mi sgun trocair na’n laimh, Sa dh’ fhagas iad mi bronach is breoite gun sgoinn. XIX. ’N Sin tromaichidh an ceo, a’s thig neoil air mo ghrein, Se cumha ’bhios gu bronach mar cheol air mo theud; Ach theirinn ri Iehobhah dean co’nadh a ’m fheum, ’S dean furtachd ’reir an lo anns na cho-luich mi beud. XX. Ach gheibhinn aman solais o Throcairean aigh, Ann-an dochas a ghloir gu dol co-la ri cach; A dh’ fhaicinn gnuis a Mhorachd ’s air solasan lan, ’S gapaidh sud mo neoil ’s thig mo bhron gu ceol gair. [TD 124] FUIL AN UAIN. Air Fonn. Ge’d strom mi thogain luathghair’, Air eifeachd fuil an Uain sin; A ghlanas daoine o’n truailleachd, ’S bheir buaidh air na ceannaircich. I. Tha feartan ann na ’buaghan, A ghlanas o gach truailleachd; Sa ni gu h-iomlan nuadh. Creutair truagh a bha fuidh ’n mhallachadh. Ge’d strom mi, &c. II. Ge’d bhiodh do pheacadh graineil, ’S iad dearg air dhath na sgarlaid; Ni eifeachd fuil an t-Shlan ’fhir, Mar olain bhain an gealachadh. Ge’d strom mi, &c. III. Tha feartan innt a charaicheas, An cridhe lubach cealgach; San inntinn fhoilleil angabhuith, Gu cruth sgu dealbh Emanuel. Ge’d strom mi, &c. IV. Tha beath o ghath a bhais innt, Is feartan maith gu arach; Ni daoine luthar laidir, ’S air reir an la bidh neart acca. Ge’d strom mi, &c. [TD 125] V. Do’n dall gun d’thoir i leirsinn, ’S don bhodhar cluas na h-eisdeachd; ’S na baccaidh theid gu leimrich, Nuair ni a h-eifeachd beantuinn doibh. Ge’d strom mi, &c. VI. Tha feartan innt’ a striochdas, Na peacaidh tha neo-iompaicht’; Sa bheir gu h-umhlachd Chriosd iad, Nuair bheir an fhirinn dachaidh i. Ge’d strom mi, &c. VII. Tha feartan innt an comhnuidh, Bheir buaidh air Spioraid neo-ghlan; ’S na lobhair Shalach fheolmhor, O ’neoghloine gun glan i iad. Ge’d strom mi, &c. VIII. Tha sgeul agam ri innseadh, Gur th-ann le creideamh fiorghlan; A’s urrain peacaidh dhite, Bhi’n sith fuidh dhion na fala sin. Ge’d strom mi, &c. AN DARA ADHAMH, &c. I. Ge’d a thug an ceud Adhamh, oirn bas agus diteadh, ’S iomadh truaighe do-aireamh, a cosnadh amhgharan siorruith; Thanaig sgeula na slaint’ oirn, mun dara Adhamh se Iosa, Gun do rugadh san stapul, E o Mhari mar chiochran. [TD 126] II. ’S gu’n do ghabh E air nadur, feoil cnamhan is anam, ’S gu’n do sheas E ’n ar n-aite ’thoirt dhuinn slainte o’r galar; ’S fior dhuine shliochd Adh’mh E; ’s Dia na’n gras o’na flaitheas, Ann an aonachd da naduir, a gabhail tamh san aon phearsa. III. So an diomhaireachd mhor sin a tha gloirmhor thar smuainte, ’S Dia air fhoillseach san fheoil E thabhairt trocair do thruaghain; So leanamh an Aigh ud ’a rinn am Faidhe dhuine luaidh air, A bhiodh an uach’ranachd aluin gu brath air a ghuailean. IV. Ann’s a chumhnainte nuadh E bunait uasal tha s fhàr,-mhaith, Chaidh a dearbhadh le fuathas do bhuairidhean laidir ’S leis a chorruich thar smuainte, thainig ’nuas orr’ o’n-airde, ’S cha do gheil s cha do ghluais i oir cha d’fhuaras innt’ failinn. V. ’So am failein san Fhionain tha neo-chriochnach lan beatha, A dh-arach mheanganan Israel, gus an cinn iad gu flaitheas; ’S gheibh na cinnich fuidh dhiteadh, sa tha tinn leis a pheacadh, ’S-ar fhasgadh fuidh ’didean, agus iochd-shlaint’ da’n-anam. VI. Bha E naomh ann na inntinn, ann na chridh ’s na ghluasad, Bha neo-thuiteamachd fhior leis ’s buaidh dhileas ’s gach buaireadh; ’S tha E sonruicht’measg mhiltean ’S E neo-chriochnach ro luachmhor, SE mar ros ann an Saron, s mar lili aluin ’measg chluaran. VII. Phaigh E ’n-umhlachd do cheartas a bha e tagradh mar fhiachan, Ann an aite na’m peacach a bha air seacharan cianail; Dhoirt E fhuil chum an glanaidh, sa dh’ fhaotain maitheanas fial doibh, ’S ard E nis anns na flaitheas mar Fheartagraidh da iarmad. VIII. So ’an Spiorad bheir beatha ge’d thug adhamh am bas oirn, A cheud fhear dhiu o’n talamh ’s an dara fear so o’n-airde; Sann mar sud a tha’n gineil eadar dhealuicht’ na ’nadur, Co acca tha iad o’n talamh na do’n-athbhreith o’n airde. [TD 127] IX Tha’n dara Adhamh so seasmhach oir cha tuit E gu siorruith, Cha d’thig failinn na easbhuidh cha d’thig laigs’ air na liathadh; So’na tha E gun choimeas gu ’el a thomhas neo-chriochnach, Is cha ’n urrainn sinn aithris a dhoimhneachd fhad is a liad dhuibh. X. So an Tobar tigh Dhaibhi a ghlanas graineilachd cheudan, So’an sliochd ud o Abra’m sa ’m bheil fabhar aig treubhan; ’S E is gloir do na cinnich a rinn E fhiosrach le ghrasan, A dh’ullaich cuirm air an t-shliabh dhoibh ’s E ro fhialuidh ga ’pairteach’. AN DARA PAIRT MU’ CHEALE, &c. I. ’S ge ’d nach d’ fhuaras dha ceala mar bha Eubh do’n cheud Adhamh, Shirr is lorg E dha fein i ann an Eiphit na ’n traillean; ’S bu-neo choltach ris fein i ’si na creuchdachan graineil, Salach, truailli, neo-gheanmni, uaibhreach, feargach, lan ardain. II. Sann bha breith is a duchas, o dhuthaich chanaain, Oir a “b’ Amorach a h-Athair ’s b’ an Hitteach a’ mathair;” Sann a bha i do’n t-shluagh sin da’m bu shuaich ’ntas “Loami,” Ge’d a fhuair iad on uaìr sin ainm nuadh se “ Ruhamah.” III. Phaigh is cheannuich E daor i ’s rinn E caochladh saor ghrais orr’, ’S a h-ath nuadhach gu buileach o’a mulach gu ’sailtean; Dhuinn E callaid le droigheann ’s thug E mach i do’n fhasach, ’S rinn E cridhe ris aomadh ’s thuig i ’ghaol bhi gun fhailiung. IV. Rinn E glanadh sa leigheas, rinn E freag’rach dha fein i, Rinn E naomh i a’s dileas ann na cridhe ’s na beusan; Rinn E gloirmhor na mais’ ì tha i barruicht ’thar cheudan, ’S chuir E trusgan don ’or orra agus mor-obair ghreis air. [TD 128] V. ’S thuirt E rithe a ’nighean, aom do chridh’ agus eisd rium, Tigh t-athar ’s do mhuintir na cuimhnich le chèil iad; ’S gabhaidh mise lan tlachd, ann a’d ’mhaise mar cheala, ’S biodh a ’nis dhuit mar thiotal nighean Shioin ’s dean feum dheth VI. Is cha ’n-aibearear tuileadh, te a chuireadh air chùil ruit’, Na ri ’d fhearan am fasach, ach bean ghradhach mo ruinse; ’S ri ’d fhearann tir chairdeil ’a bhios air aiteach gu h-urail; ’S their thu riumse “m-fhear” gradhach ’stilgear Baal orr ’a culthaobh. VII. ’S ud an te chaidh gu h-aoibhneas ’s gu bhi seinn le ceol naomha, Nuair a fhuair i ’m fear-bainnse da robh ainglean aig aoradh; ’S beag an t-ioghnadh a h-orain a bhi cho ceolmhor ’s cho aoidheil, Nuair a fhuair i mar sholas a bhi posd ri ’Fearsaoraidh. VIII. ’S ud am posadh san ceangal a tha daingionn is siorruith, Cha sgar bas e na beatha o ’na rinneadh le Dia e; ’S bidh an Sliochd thig o’n charraid ’s ann na’n aileachd ’measg dhaoine. Mar dhruchd o bholg na moch mhaduin ann a’ maise na naomhachd. IX. ’S nearachd fear ga’m bi dhuisan lan glaice na dorlach, ’S iad a chuireadh na cathan gu’n taiseadh gu’n soradh; ’S ris na naimhdean ’s na geataibh ’s iad a sheasadh gu dana; ’S mu’m bi crioch air a ghleachd ud gu’m bi acca buaidh larach. X. ’S ud an sliochd a bhios aithnicht ’measg chinneach is threubhan, ’S their na h’uile ni ’m faicinn gu’m bheil beannachdan Dhe orr’: Oir tha iomhaigh an Athar orr’ cho aithnicht ri leughadh, Ris a cheir air a stampadh a giulan deachdadh an t-sheula. XI. ’S ud an ceala sa ghinneil a tha spioradail oirdhearc, Saothair anama Righ Shioin ’s bheir gach ginn diu dha morachd; Buinidh sud dha da-rireamh ’S E chuir iomhaigh a ghloir orr’: ’S E a cheannuich sa shaor iad ’s thug Spiorad naomh dhoibh mar throcair. [TD 129] XII. ’S ud an ceala dh’ fhas maiseach mar nach fhaiceadh tu riamh i, Fhuair i ’ghealach fuidh ’casan ’s crun do dha reulta dhiag orr’: Bha i oirdhearc na ’cumachd ’se bu trusgan a ghrian dith, ’S beag an t-ioghnadh a ginneil’bhi measg nan cinneach ro-sgiamhach. XIII. ’S mor a ghloir th’aig an te so seach aig Eubh bh’anns a gharradh’ ’S tha’n ceala a ghabh thuige fein i, iomadh ceum o’s cionn Adhamh; Cha dean nathair an teumadh ’s cha gheil iad do namhaid, ’S cha d’ thig tuiteam no deistinn na truaighe leir air an alach. XIV. Ge’d tha ’n ceala san fhasach ’s a fulang tarcuis is ainneart’, A dol na h-uidheam le cabhaig fa chomhair latha na bainnse: Nuair a thig a Fear posda bidh sealladh gloirmhor le cheil orr’, ’S le caithream aoibhneach na’n aingeal bheir E dhachaidh gu neamh i. XV. Nam suidhe mu’n bhord doibh aig Supeir posaidh Fearsaoraigh, Cluinear fuaim an cuid oran a toirt na gloir dha mar aon ghuth; Le h-aleluia bhinn fhuaimeach ’s h-osanah bhuan nach gabh caochladh, Do’n Ti a shuidh air a chathair sa thug dhachaidh gu saor iad. XVI. O anam neo bhas-mhor a fhuair, san Adhamh so trocair, Feuch gu’n dearbh thu do ghaol da a dol troimh shaoghal na’n deoir so; Gleidh do chogais san fhirinn ann an sith ’s ann an ordugh, ’S nuair bhios crioch air do thuras bheir E thusa chum gloire. XVII. ’S thusa ’tha na ’d staid naduir, on cheud Adhamh na d ’chrionaidh, Abuich teann airson leirsgrios stu na ’d chreutair gu’n didean; ’S truagh nach tuigeadh tu saor e, mu’n d-thoir a ’maor thu do’n phriosun, ’S an Dara Adhamh an tra so ’a furan grais air na milltean. [TD 130] NIGHEAN SHIOIN. I. ’Sa Nighean Shioin gur bronach mise, Mu ’d leon mu ’d thiom’ agus sileadh do dheur, ’S tu saothair mhinic an saoghal chinneach; ’S gur h-annaibh a chithear do ghinneil fuidh ’n ghrein, ’S do dheoir a sruthadh mar cheo an iuchair, A bruchdadh thugainn bho lughadh na’n neul, ’S tu ’m pian gu ’d t-aiseid fuidh iargain fhada, A’s t-iartais farsuing ’s gun agad da reir. II. ’S tu saothair phailte ri h-urnaigh ’s trasgadh, Le durachd anam a tagradh gu treun, A sgaoileadh an fhacail sga roinn le ceartas, Gu cloinn ’thoirt dachaidh da’n Athair th’air Neamh; Mar mhnaoi air a gluinean fo eagal ’s fo churam, Toirt dhachaidh a h-urghinn le durachd sle peinn, Se aobhar do thrioblaid ’s an t-shaothair chridhe ’s, Gu’r ’gaoth ’s nach ginneil a chithear na ’d ’dheigh. III. Se saothair gun toradh a leon sa lot i, ’S chuir bron is osnaich cho goirt ann na cliabh, Ri daoine gu’n othail tha baoth gu’n toinnisg, Fuidh cheo ’an lochdan gun mhothachadh giar; Mar dhaoin’ ann an gabhadh an cunnart bhi baithte, A’s neach dol le bhata bha sabhaladh dian, Nach gabhadh ra fhuran ach diultadh buileach, Mar sud tha na huiread ri ’a cuiridhean fial. IV. Ach chunnaic mi tarruing mu’n cuairt i sa chathair, Ann a ’measg an luchd faire ’Si gearan gu cruaidh, A gradh is a cairid an deigh dol o’n bhaile, ’Si faighneachd am facas le neach dhiu a luaidh; Si ’g-innseadh a choslais ni ’s deirge na corcur, ’S ni ’s gile na’n ’s neachda air chreachann na’m beann, Tha E sonruicht ’measg mhìltean ’s E ghaol a dh’fhag tinn mi, Sgapaibh ubhlan an fhion lios ga’m dhion o ’bhi fann. [TD 131] V. Ach cha d’ fhuair i a cairid a ’measg an luchdfaire, Sann rinn iad orr’ fanoid le magadh neo-shuairc; ’S ge’d bhuail iad le mas’l ’i sa rusgadh d’a falluing: Cha d ’chum sud air ’h-ais i o leanntuin a luaidh? Bha cridh’ air a sgaradh mar fhiagh ri am tarta, Ruith! chum na sruth-chlaisean le sgairteachd ro chruaidh, Ach dh’ eirich gu maith dhi cha deachaidh i fada, Nuair fhuair i na glaccaibh am fear a bha bh’ uaip’. VI. Nuair fhuair i thoirt dhachaidh do’ sheomar a cadail, Bha Solas na h-anam ’cuir thairis san uair, ’S i glaodhaich ri cach: “Feuch nach duisg sibh mo gradhsa,” Air eagal gu’m fag E mi anraideach truagh; Rinn i greim air gu daingean ’s cha leigeadh i as E, Feadh liosan a’s ghleannan, ga leantuinn gu luath; Bha ’neul air a pailinn ’s beag ioghnaidh mar bha i, B’e Ughtar a slainnt a’s a gradh E do’n t shluagh. VII. Ach chunnaic mi ’n-oigh ud air amannaibh sonruicht’, A tiormach na’n deoir dhi ’s bu bhoidheach a ’fiamh, ’S i seinn gu subhach le aoibhneas uile: Sann dh’ fhaighneachd cuid an do dh’ fhuirich a cial; Mar mhnaoi air a saoradh, mu’n gann bha i ’n saoithir; Sa caraidean naomh aic’ air fhaotain gun phian, ’Sa com fuidh iomairt le fonn na cridhe, Bhi faicinn a ginneil a sireadh gu Dia. VIII. Nuair fhuair i na ’glacaibh iad ’suas gan altrum, Le stuaim le faicil ’s coth-fhaireachdain shuairc; Le h-ur-bhaine ’n fhacail cuir suigh na ’n-anam, A’s luis na’m ballaibh: bha ’h-aighear do-luaidh, Gu suaimhneach ait: “mar luchd buain ’on fhaiche’,” “Sam foghar lan abuich air a thasgaidh a suas,” “Sa ginneil aig ol s’ann a ciochaibh a solais,” “Sa ’m paiteas a gloire ’s gu’m b’oirdhearc a snuagh.” [TD 132] IX. Ach chunnaic mi fàr-leus dhi nios tigh’nn on fhasach, An taic ’ ri’ fear gradhach ’s gu’m b’ aluin a snuagh, Mar stuaghaibh do dheataich bhiodh ’suas dol o’n talamh, ’S mar shluagh bhiodh fuidh bhrataich gradh laiste an Uain; A siubhal gu h-ordail an umhlachd da mhorachd, ’S roi-shealladh do ghloir e an comhlan sam buaigh, Tre ghras a tha ’n gaisgeadh fuidh riaghladh a’n Captain, ’S cha bhi h-aon air an talamh nach aidich an t-Uan. AN GEARAN. I. Och mar tha mi san uair, Ann a ’Mesach air chuairt, Buthaibh choigreach gun truas gun charthannachd; Tha mo naimhdean ro threuin, ’Siad mar Leomhain toirt beuc’, Se mo reubadh gu leir tha ’s t-shealladh acc’ II. Gu ’el an Saoghal san fheoil, ’Siad ro threun air mo thoir, Agus Satan mar Leomhan deanachdach; Ach tha mo naimhdean is mo— ’G itheadh arain mu’m bhord, Siad ga ’m falach fuidh ’m chleochd sgur carach iad. III. Seachran aigni ga’m chlaoidh, ’Se ga’m tharuing a thaoibh, ’S tric a dh’ fhag e gun sgoinn is falamh mi; Tric ga’m tharuing a sios, Fad o liosaibh an Righ, Ghabhail tlachd ann an iomh ’ain faileusach. [TD 133] IV. Nuair bhios m-aoibhneas ro mhor, Sa bhios mise gun gho, ’S tric a spuinnear le ’sheoltachd charach mi; Bheir e leis mi air chuairt, Se cho ealamh ri Smuainn, Gus am fag e ’mi ’m thruaghan seachranach. V. ’S buige ’chainnt dhomh na’n t-im, Ge’d tha naimhdeas na chridh’, Gus am fàigh e air criochan fhearain mi; ’S nuair a gheibh bidh mì ’m fang, ’S thig a chairdean le ’laimh, Anamiannaibh’ is sannt’ a’s Aineolas. VI. ’G iarraidh failteum le foill, Sann air m’ fhaotain fuidh bhoinn, Chum mo ghleidheadh a’m braighd’neas mairionach; Thig an Saoghal le ’ghloir, Cliu is saibhreas ro mhor, Gealtuin cuibhrionn a’s porsan mairionn domh. VII. ’S ’ciaraidh feasgar mo speur, ’S mise ’fada fuidh ’n ghreinn, ’S cha leir dhomh an ceum a ’ghabhas mi; ’S thig eu-dochas ’s an-earbs’, Le’n cuid bhachailean doirbh, ’S mì-chreideamh ’s gan leanmhuinn Lag chuise. VIII. ’S nuair a dh’ fheuchas mi falbh, Agus cul chuir ri ’n tairgs’, Bheir iad ionnsuidh gu garbh ri’m bheath thoirt diom’; Thig gach aon diu le feirg, ’S iad mar ghaisgich fuidh ’n airm, Chum mo ghleideadh san t-sheirbheis acca san. [TD 134] IX. “Thig an t-aineolas dlu, “’S their e “dallaibh a shuil, “Chum nach leir dha an t-iùil a ghabhas e; “’S cumaibh fuidhibh a bhiasd, “Chum ’s nach faic e a Ghrian, “Chuir e aiceaid na’m chliabhsa roimhe so.” X. “’S their Eu-dochas mar bhruid, “Cha’n fhag mis annad lus, “Seana-chuimhneachain dluth na ’m-aire dhuit.” Cur ri builean bhios doirbh, Their e ’m briathraibh ro bhorb, ’S diomhain t-oidhearp gu falbh-’snach gabhar riut. XI. ’S bheir an Lagh ’mach mo bhinn, ’S their a Chogais Amen, Sud an ciontach thug Speis do dh’ aimideachd: Threig e ’n communn bha blath, Airson buannachd gun stadh, Their a chogais si ’sathadh gath ’annam. XII. ’S bheir iad builean a bhais, ’Ni mo bhruthadh fuidh ’n sail, Saolaidh cuid diu nach d’ fhag iad beath annam; ’S dh’ fhalbh mo chlogad ’s mo lann, ’S cha d’ fhan lus ann am laimh, ’S bha mi n’ sin ann na’m bhraigh’d aig Lag chuise. XIII. Cha bhiodh agam san am, Ach bhi gearan mo chall, ’N duil gu bithinn air ball sna lasraichean: ’S ged a thogain mo shuil, Chum na’m beann o’n d’thig lus, Gu bhi tagradh le durachd anama? [TD 135] XIV. Bhiodh An-earbse cho trom, A pilleadh m-iartais a ’m chom, A’s ga’m fhagail cho fann s’ nach caraichinn: ’Spuinte reubta is leoint, ’S mi air m’fhagail gu’n treoir, Cha bhi iochd aig an Leomhain charaich dhomh. XV. Ge’d tha ifrinn a beuc, A chum mò shlugadh fuidh ’deud, Se sud aoibhneas luchd reubain m-anama: ’S mise a dh’ fheudadh a radh, “’S duine truagh mi” an sas, ’S corp a pheacaidh sa bhais a gleachdadh riùm. XVI. Nuair a bhios mi ri lar, Their mo naimhdean a! ha, ’S bidh mo chairdean toirt tair do ’m-aimideachd: ’S ciod a dheanain san uair? Ann an d’ fheuchainn cho cruaidh, Gun theich fein agus uail mar ghealtairean. XVII. Ach Se ’n gaol tha gun traigh, Siorruith ’n-aird a mhuir-lain, ’Sheas mo chuis is thug gras a ’m airce dhomh; Sud an t-Shuil a ghabh truas, Dhiom iomadach uair, Sheall san am so a nuas le chathrannachd. XVIII. ’S gap E neoil far mo Ghreinn, ’S dh’ fheuch E rithis dhomh’ speis, ’S chuir E neart ann an ceud-faidh’ m-anama; ’S chuir E ’n sin thugam plasd, A chaidh ullach’ le ’bhàs, ’S cho-chuir E le ’gras ri m anam e. [TD 136] XIX. Fhuair mi neart, agus slàinnt’, Agus misneach gun sgàdh, ’S b’ fhearr’ gu fanadh a chàil so fad agam: Chriosluich umam na h-airm, ’S rinn mi slachdaraich gharbh, ’S theich mo naimhdean air falbh mar ghealtairean. XX. ’S co! a thagum air Neamh? Ann an coimeas riut Fein; Ge’d is iomadh fear-speis a th’ agum ann: ’S air an talamh gu’n aon, An n-am na h-airc a bheir Saors’, Mar a bheir thu le ’d ghaol ’s le ’d bheannachdan. XXI. Chuir thu clogad mu’m cheann, Agus claidheamh na’m laimh; ’S giath a dhionas o’ Shaighdean neimheal mi: Agus uchd-eideadh fior, ’Spiorad urnaigh gu strìth, Agus brogan na sith mu’m chasan sa. XXII. Nuair bhiodh Tu air mo chrann, Bhiodh an latha dol leam; ’S bheirinn dulainn don champ aig Apolon. ’Sin nuair thuig mi air choir; An nìth ud thuirt Pol; Cha ’ne ’mhàin fuil as feoil tha gleachdadh rium? XXIII. Ach Uachdarain dhoirbh, Agus Riaghlairibh dorch; Agus Cumhachdaich choirbte dhroch-mheinneach: Nach gabh eagal roimh nith’, Ach roimh’ chumhachdan Chriosd: Dh’ easbhuidh sud gur a diomhainn tachairt orr’. [TD 137] XXIV. ’S o na thuig mi co iad, ’Struagh nach gleachdain gu dian! ’S bochd gu’n d’ thugain dhoibh riar le caidireamh; ’S ach ma gheibh iad mi ’rìs? ’S iad a dhiolas da fhillt; Na fhuair iad do spid sa bhatal so. XXV. Och! mo chaoile an sam, ’S iomadh claonadh tha ’m chom; Toirt a chothrom do naimhdean m-anama: ’S iomadh cùram gun fheum, Th-ann an dùchas domh fèin; Chum mo thabhairt ’o neamh, do’n talamh so. XXVI. Ach mar teich iad gun dàil, ’S mar a sguir iad ga’m chràdh; Bheir mi leadairt a bhàis dhoibh lath’eiginn: Oir tha mo dhochas tre ghras; Anns na geallaichean graidh, Gu’m bruth E fuidh ’m shàil an aithghearr’ iad. XXVII. Cha lean naimhdean ri ’m Shail, Thall thar Iordan a bhais? Oir tha fois sa Chanaan mhairionach: So mo dhochas san am, Ged as tric leis bhi fann; ’S gann a thogas e a cheann air amannaibh. XXVIII. O! Thi tha gu h-Ard, Cum mi faireal gu’m bhas; Ris an aingeachd ro-ard tha gleachdadh rium: ’S on tha iad cho ro chruaidh, Air mo shonsa gach uair; Thoirse tuilleadh a’s buaidh gach latha dhomh. [TD 138] XXIX. ’S cuir led Spiorad gach nith, ’N taobh a stigh dhiom fuidh chis, Gus a ruig mi gu tirr, Emanuel: ’S fad na siorruitheachd mhor, Bheir mi ’n sin duit a ghloir, Chionn mo thabhairt fa-gheoigh do’n chathir sin. ORAN DO’N FHEIN. Air Fonn. DEAN Faire! gu mòr, gu beo, gu duineil, ’s gu treun, Gu h-ioriseal stolda comhnard faicealach seimh; Dean Faire! ’s ri ’d bheo, do bhròd na tabhair do speis’ Tha’n sionnach san Leomhann ’n toir do shlugadh le cheil’. I. Tha Satan mar Leomhan mòr tha fuileachdach treun, ’Se gionach an toir na sloigh a shlugadh na chre; Tha ceannardan seolta ’n ordugh aige fo’n gleus, ’S mar Shionnach gu’n trocair còr gu mealladh tha’n Fhein. Dean faire, &c. II. Tha ’n duine mi fein gu treun sa bhaile so ’n tra ’s, ’S mar shionnach san treud e reubadh fhear agus mhnai’; ’Se mealladh na ’n ceud le seudaibh falamh gun stà: ’S gidheagh e cho seimh ’s cho geur ’s gun lean e ri ’n sail. Dean faire, &c. III. ’Se togail na cìs ’s gach ni ri ’n cuir iad an lamh, Air muir agus tir air chinnt bidh cuid aig’ an sàs; Tha’m baig’ear san righ a striochdadh umhailte dha: ’Se mealladh an t-shreud gu leir o ’thuiteamas Adh’mh. Dean faire, &c. [TD 139] IV. ’S e cumhachdach seolt gu sloigh a tharruing na dheigh, Ga’n lionadh le prois le mor-chuis agus droch eud; Tha sean agus og toirt gloir dha onair is speis: Se ’chathaich, sa chomhraig moran cheatharnach treun. Dean faire, &c. V. Bha Nebuchadneser treun na latha ’s na linn, Bha Pharroh is Herod, ’s Ceasar fearail neo-thiom; Ge’d bha iad cho treun gun gheill iad ealamh dha ’sios, Air chosg a mi-cheill bu gheur a thog e dhiu cìs. Dean faire, &c. VI. ’S co ionnan leis naoimh ri daoi ma bheir iad dha cainn, Se daonnan na ’n luib ga’n claoidh sa togail diu mail; ’S ged gheall iad da ’n righ bhi dileas tairris gu bas, ’S tric chuir iad an Fhein le speis sa chathair a’s aird’. Dean faire, &c. VII. ’S tric thug e le fhoill a thaoibh do ’n chuideachd bha coir, Bha cuid do na h-ainglean ’mheall sa thug e’ E’ o’n gloir; ’S cuid eile fhuair gras gu ’sbairn a dheanamh san rod, Bho shubhachas ard gu cradh is cumha fuidh leon. Dean faire, &c. VIII. Chaidh Samson a chlaoidh le fhoill ’s le gheallaidhean breig, Gu’n d-fhag e gun ’sgoinn a caoi an ceatharnach treun; ’S Daibhi an righ thug cis da: agus be ’m beud, Gu masladh a’s nair ’da chairdean uile na dheigh. Dean faire, &c. IX. Chuir sud e fuidh leon gu bron ’s gu cumha le maoim, ’S gu aideach a ghoraich: ’s mor chaidh anam a chlaoidh; Gun fhurtachd gun solas coir a latha na dh’oich’: Se g-eigheach! “Dean trocair—trocair” agus e caoidh. Dean faire, &c. [TD 140] X. Ge’d’ subhach a b-abhuist da bhi caithream an fhuinn, Bu ghrad a chaidh ’smal a’s framh air innealan ciuil; ’S ge’d fhuair e ath-ghras thug slaint’ da ghalar bha bruit, Cha ’mhisneach do chach gu bràth a leanntuinn sa chuis. Dean faire, &c. XI. Na h-Abstoil ’s na faidhean ’s fearr a ruith sa bhlar-reis, Bu teann air an sail gach la bha ’n sionnach so fein; Chaidh Ionah a chradh ’s cha d-fhag e Peadair gun bheud, ’S ann aige ’bha ghnuis! tigh’nn dlu ’do mhaithean an t-shreud, Dean faire, &c. XII. Chreach e’n luchd urnuigh ’n Cuil sam follais le cheil’, ’S tric dh’ fhag e gun sugh an durachd togarach treun; ’S ged theirinn luchd searmoin ’s ainmeal theid ann na’n gleus, Se ’n stroilich do dh’ ainm gun tairbh ’s gun bheatha do’n t-shreud. Dean faire, &c. XIII. ’N am meòrachadh shearman ’s dearbht’ e gu an cur cli, “’G radh” ’s maith chaidh a dhealbh sgur th-ainmeal bhios e san tir, “Nam eirigh a suas ’measg sluaigh ga liobhairt a sios “Se thaitneas ri’n cluais bidh ’n sluagh ga mholadh na’n sgriob.” Dean faire, &c. XIV. ’S ga’n seideadh a suas: ma bhuadhaich firinn na slainnt? ’S gu’n atadh le h-uaill “sgur dual doibh urram thar chach”; Sa n-aite bhi simplidh minn na’n eiseimpleir sreud? Na’n tighearnan mor toirt gloir is onair do’n Fhein. Dean faire, &c. XV Le aidmheil ’s le ainm gur dearbt’ gu mealladh an Fhein, Le oibiribh marbh le pharasachd deachamh a’s deirc’; Le dichiolan mor le deoir ’s le faireachdain gheur, Gu’n d-rinn e fuidh ’n chleoc ud moran thabhairt fo gheill. Dean faire, &c. [TD 141] XVI. Cha’n-ioghnadh ged mheall e’n dream tha ’nead na’n deagh bheus, Le firinteachd fhausail, mheallt’ da’n gniomharan fein; Ach! cionnas a mheall sa dhall e luchd na’n droch bheus? Gun urad san samh’l ach aing’eachd fhollaiseach bhreun. Dean faire, &c. XVII. Och! sgriosach an dideann i do dh-anam o thruaigh’, Si cosmhail ri linean crion an damhain sa bhruaich; A bhristeas gun fheum nuair sheideas anail an fhuachd: Mar fhireantachd fhein bheir “leir sgrios ealamh na cuairt.” Dean faire, &c. XVIII. ’Nuair theid mi gu urnuigh ’s dlu gu’m leantuinn an Fhein, ’N am lubadh na’n glun cha’n fhiu’ leis baigearachd gheur; ’S e ’moladh a suas gach buaigh gach gibht agus beus: ’S mi ’thag’radh mar dhuais ’s nach dual domh ’bhi na’m dhiol-deirc. Dean faire, &c. XIX. ’S mar b-aithne dhomh CRIOSD gu’n striochdain ealamh do’n fhein, Mar Iobairt mo shith thug dion do’m-anam is reit’; ’S nuair bhios E le ghras cuir caileachd annam gu feum, Bidh agum buaidh-larach: strailleil theicheas an fhein. Dean faire, &c. XX. Ma’s neach thu fhuair gras gud bhas bi cogadh ri fein, Le h-irioslachd ghraidh ’s fein-aicheadh buileach ’s gach ceum; Sud meadhonan aigh gu bas a chur ann na bheul: ’S gun togainn ceol ard air dàn na’n cluinninn an sgeul. Dean faire, &c. [TD 142] AONACHD AN SPIORAID. I. ’SMULADACH a tha mi ’san fhasach a’s mi air chuairt, Fada bho ’mo chairdean an aireamh ga’n d-thug mi luaidh; ’S iad mar uain gun mhathair gu fasail an Eilein cuain; Dream a bheireadh gairdeachas arraidh do’ m-anam truagh. II. Dealuichte mar tha sinn an tras’ ann an corp o cheil, Ach tha chuid as fearr dhinn le gradh ann am pairt a cheail; Mar na gathain aigh ’s fhada tharlas feadh aird’ na’n speur, Ach tha ’n aonachd aluin gu laidir san aona ghrein. III. Mar gheugan anns an Fhionain a cinntinn a mach gach taobh, Ach tha ’n ceangal dileas sam brigh acc’ o’n aona chraoibh; ’Samhuil a tha diobaraich Shioin air feadh an t-shaogh’l, Ach le aonachd dhiomhair an Iosa tha iad mar aon. IV. ’S iongantach! ri aireamh an gradh a th’ acca da cheil, “Lasair tha cho laidir ’s nach bàth na h-uisgeachean e”; ’S co ionan duit stailinn ’s i tàighte air rogha gleus, Fhuasgaladh le ’d lamhan san gradh ud a chuir ma rèir. V. Tha ’m-aonachd is mo ghradh do na braithrean air feadh an t-shaoigh’l, Dhuraichdinn bhi lamh’ ruibh g’ ur failteachadh ann an gaol; Tha m-inntinn mar air sgiathaibh a trialladh gu dlu n’ar deigh, ’Chionn na’ m bheil do dh-iomaigh mo THRIATH air gach aon dibh fein. VI. ’S coigreachas do naomhachd eas-aonachd ’bhi ’n cloinn nan gras, ’S comhar e air caoile air claonadh ’s air fuarachd graidh; ’S cothrom e do’n t-shaoghal do’n aobhar bhi tabhairt tair, ’S dochann e nach saoil sibh roimh sgaoileadh an t-shoisgeil aigh. [TD 143] VII. Smuladach ri ’luaidh ma bhios uain sin an aona chrò, ’Teumadh is a bualadh ’s mi-shuaimhneis e ’s culaidh bhròinn; Comhar air an truailleachd bhi ’n uachdar sa fuireach beo, ’S bhi toirt rùm do’ n uabhar a fhuair iad o’n DRAGON mhor. VIII. Sibhse fhuair do throcair bhi beo sann fuidh sgail’ a sgeith ’S ’thug le Fhuil dhòrtadh lan choir dhuibh air fabhar Dhe; Feuch! gu’m bi sibh beo dha ga ’ghlorachadh fad ’ur re, ’Seinn air cliu’ a mhorachd n’ur comhradh agus n’ur beus. IX. On s-aon sibh ann an Criosda bi ’bh siochail ri aon a cheul’, Mar bhuill do’n chorp tha diomhair, suas lionabh bhur n-aite fein; ’S bidh Dia a ghraidh ’s na siochaint’ g’ur dion sann fuidh sgail a sgeith’, ’S ni le ghras a dhioladh gach dith bhios n’ur n-anam fein. X. Se oirdhearcas an t-shaoghail na daoin ud na flaithibh fior, On a chaidh an saoradh le saothair anama CHRIOSD’; Thug E ’n Spiorad naomh dhoibh rinn caochaladh air an cridh’, ’Sa chuir cruth na ’naomhachd snà laoich ud a fhuair a shith. XI. ’S taitneach ann an aonachd na naomhachd na braithrean graidh, Maisealachd d’ur suilibh mar dhruchd bhiodh air Hermon Ard; Na mar an Ol’ ungaidh ’cur cubhruichd air Aaron gràidh, ’S ruthadh ’sios o’n Urim ’s o’n Thumim a dh-ionns’ an lair. XII. Arson a chreidimh naomh ’thugadh aon-uair do chloinn na’n gras, Gleachdaibh ann an aonachd mar laochraibh gun fhiamh gun sgadh; Le aonachd Spioraid ’s inntinn le dillseachd agus le gradh, Seasamh taobh na firinn a’s chi ’sibh gur leibh an la. XIII. Le Spiorad na h urnaigh gu dlu aig cathair na’n gràs, Gleachdaibhse le durachd troimh’ umhlachd ’ur Sagairt Aigh; Arson tomhas dubailt, do’n Ungadh a nuas o’n Aird’, ’Cheangaileadh ’ur n-aonachd le gaol is le pailteas graidh. [TD 144] XIV. Giulainibh le chèil’ ann an reit’ agus bidh sibh beo, Toirt maitheanas na ceill’ ann’s gach eu-ceart mar threud a chrò; A comhairleach a cheula le treibhdhireas fad ’ur lò, Teo-chridheach mar bhraithrean, an laidir am beag sa ’mòr. XV. ’S tagairibh gu treun. O! gun reubadh e ’nuas na neoil,” Dheanamh oibir èachdach le treine a Dheas-laimh Mhoir; ’S gun Saoradh E na milltean neo-iompaichte tha g’ur coir, Trid an Spioraid phriseil na firinn a dhortadh oirn’. XVI. Tha eadar-ghuidhe chaomhail Fir-shaoraidh as leith a shluaigh, ’Tagaradh bhur n-aonachd maraon mar tha’n Trianaid shuas; Suidheachadh nach faoin air an t-shaoghal a thabhairt buaidh, ’S cha be sinn bhi sgaoilte ri draochann le Spiorad fuar. XVII. Tha gach aidbheil ’s ainm ann’s na thearbaich sibh air gach taobh, Feuchainn ’ur neo-fhoirfeachd bhi soirbheach nis mò na gaol; ’S nàrach dhuibh bhi leanmhuinn ri foìrmean chaidh dhealbh le daoin’, Nuair a se ’n t-aon ainm ann’s an earb sibh mar thearmunn saor. XVIII. Aon chreidimh is Aon Slan-fhear Aon Arois is aon dol suas, Aon bhaisteadh is aon slainte aon aithn’ntean ’s aon Tiomnadh nuadh; Aon Athair ann’s na h-arduibh is aon Spiorad grais na’m buadh, ’S carson nach bidh sibh taighte le gradh ann an aonachd bhuan? XIX. Dhuraichdinn ’ur dusgadh gu dluthadh san aonachd ghaoil ’s’, Ged tha nithean sonruicht ’s ’nach cord sibh le ’r gòraich fhaoin; Ann’s an innleachd ghloirmhor co’-chordaidh gach naomh san t-shao’l: Bhur spionnadh is ur gloir a bhi comhla sa cheangal chaoin ’s’ XX. Ma bhios sibh an eas-aonachd? bidh caoil’ air bhur n-anamaibh fein, ’S neo-shoirbheachadh d’ur taobhsa aig aobhar Fir-shaoràidh cheusd; ’S an cothram bidh aig Satan ’ur sathadh an aon a chèul, Nuair bu choir d’ur claidhean bhi tairn ’te ri bhroilleach fèin. [TD 145] XXI. Mo chomhairle le gradh do na braithrean ’s gach cearn a th-ann, ’S gach ainm an d’rinn sibh tàrrsuing O! talaibh gu aonachd theann; On ’s Aon am Buachail glormhor le throcair tha gur cur cruinn, Fanaibhse leir deoin ann’s a, chrò rinn E thogail duibh. XXII. Cha teagaisginn bhur n-aonachd bhi daorsail ri nithibh claon, Cha’n ’ann air chall na naomhachd tha aonachd a Spioraid chaoinn; Togaibh a chuing eutrom is faoghlumaibh reachd a ghaoil, A’s bidh ’ur n-aonachd daingeanaicht’ neo-chearbach ’s do-chur-mar-sgaoil. XXIII. ’N sin chi sibh fein gu soirbhich ’ur n-anamaibh am fas na’n gras, ’S gu’m bi ’ur dol bho leanabachd gu foirfeachd, aig tomhas-ard; ’S gu’m bi buaidh neo-anafhann aig Searmain an t-shoisgeil aigh, ’S peacaidh gan ath-ghinmhuinn mar ’s ionmhuinn le cloinn na’n gras. XXIV. Ma bhios sibh mar as cubhuidh dhuibh a dh-aona bheachd sa dh-aona chri’, Cha’n fhaicear a Bhansulamach mar chruinneachadh dà-fheachd san tirr; Be sud an sealladh ionmhuinn an t-iomlan do chloinn an Righ, A bhi n-aonachd dhiongamhalt’ an ceangalaichean gaoil is sith. XXV. ’S bidh Iosa mar cheann-armailt a soirbheach o thirr gu tirr, Le’r feachdan a’s le’r narmailt’: toirt’ dearbhachd’ air teachd a riogh’chd; Ri’r ceann sinn a dlu-leanmhuinn mar thearmunn ’s mar theampul fior: ’S daingnichean an dorchadais Sgealbaidh sinn iad a sios. XXVI. Sa bhraithrean! gu co-dhunadh! nach duisg sibh gu tuilleadh eud, ’Smuaintichibh le curam man chuis tha mar ghrunnd do’m sgeul; ’S mo shoirbhicheas mo dhurachd, bidh urach’ air cruitheachd Dhe, Ann an cloinn a chumhnaint’ a dhluthadh ri aon a chèil. [TD 146] CLARSACH A MHILENIUM. I. THA ùr-ghean air mo bhuaghan, ’S na’m biodh cainnt’ aig mo Smuaintean; Dheanainn, aithris is luaidh air, ’Deanabh sgeula le luath-ghair; A’s le gairdeachas buadhach: Air Mile bliadhna an t-Shuaimhnis, ’Chaidh a ghealltuinn gu buan ann’s an fhaist’neachd. Chaidh, &c. II. Sud Mile na samhchair, Anns an Ceangailear Satan, Leis an Aingeal o ’n-Airde; Theid an t-shlabhruidh ma bhràighid, ’S cuirear daingean an sas e— Ann’s an t-shlochd tha gu’n traigh ann: Chum ’s nach meall e sliochd Adhaimh gu do-bheart. Chum, &c. III. Sa ’m faigh Soìsgeul an fhacail, Cursa reith agus farsuing; O eirigh greinne gu luidhe, ’Measg gach treubh agus teanga; Cha bhi duthaich gun taisbean: ’S thig na h-iudhaich le aiteas, A thoirt ùmhlachd le tlachd do IEHOBHA. A thoirt, &c. IV. ’S e ’chuir m-aoibhneas cho pailte, ’G ’el an t-am ud cho faisg’ oirn’; Se mo chreideamh gn beachdta, Nach d-theid a ghinneil so seachad? Gu’n d’thig cuid deth gu teach dhuinn;— ’S nuair shèidear trompaid an t-sheachdamh? Bheir gach riogh’chd air an talamh a ghloir Dha. Bheir, &c. [TD 147] V. San d-theid Spiorad na beatha, Ann’s na fianuisean flathail; ’Chaidh cho fada a shaltairt, Ann an sraidean na cathrach; ’S iad ’g-èirigh beo air an casan: ’S cha bhi luaithre na saic orr’, ’S chi an naimhdean acc’ ais-eirigh ghlormhor. ’S chi, &c. VI. Tha na comharan àraidh, Dh’innis Abstoil is Fàidhean; Dhuinn’ air bristeadh an là ud, ’G-innseadh dhuinne gun fhailiung; G-’el e nise ceart làmh ruinn, Mar ni duilleach a’s blàithean— Sgeul air Samhradh le bhlàs bhi teachd oirnne. Sgeul, &c. VII. Tha ’n t-aingeal treun anns’ an taisbean, ’Ghabh na sgiathan gu astar; ’S gaoileadh soisgeul an fhacail, Feadh gach treubh th’air an talamh— ’Nis gu treun am beo-chleachdainn, Anns gach canainn is teanga; ’G eadar-theangachadh focal na slainnte. ’G eadar-theangachadh, &c. VIII. ’S gearr gu’n eighear a chaismeachd, Aig an aingeal ga ’leanntuinn, “Thuit Babilon” mhaiseach! A chaithir shaibhir is fharsuing— “A bhean a shuidh air fiadh-bheathach,” A rinn le druidheachdan mearachd; Cinnich ’s righrean a mhealladh gu neo-ghloinn. Cinuich, &c. [TD 148] IX. ’S bailtean chinneach na talamhuinn, Thug clach bhunait is earbsa; Mach bho truailleachdan cearbach, ’S ’gh-òl do chupan a salachair, Tuitidh iad gu mi-shealbhach: Nuair a thig a chrith-thalmhuinn, Gheibh iad crathadh bhios gailbheach gun trocair. Gheibh, &c. X. ’So ’n a roinn iad na ’peacaidh, Feumaidh iad bhi da ’n aindeoinn; Na’n luchd compairt da peanas: Oir is cumhachdach neart-mhor, An Dia bheir breith cheart orr’ ’S ’ni le teinne a caitheamh, ’S bheir air righrean bhi cagnadh a feola. ’S bheir, &c. XI. Comhar eile ro dhearbhta, Tha mar thri a’s leith aimsir— Laithin ’s miosan gun chearb orr’, ’Tha cho ionann ra’n dearbhadh, Ris an nith rinn mi ainmeach; Sa nis iad fagus do theirgsinn: ’S toisich mile na h-aimsir thuirt Eoin ruinn. ’S toisich, &c. XII. Se dà mhios a’s da fhithead, N-aois thug Eoin do’n mhac sgriosach. Mile ciad is ochd fithead, Laithibh bliadhna gach ginn diu; A reir aireamh an Spioraid: Sa sin ni dealradh an Tighearn’, Tur chur as da le Spiorad a bheolsan. Tur, &c. [TD 149] XIII. Ach mu’m brist oirn ’an là sin, Bidh e eagalach aireamh; H-uile nith ’ghabhas aite, Nuair a cheangalar Satan; Am fiadh-bheathach san Dragon: Oir mu’n caill iad an làthrach, Bheir iad ionnsuidhean gàbhuidh air foirneart. Bheir, &c. XIV. ’S taomar aon do na plaighean, Ann’s an Abhuinn Euphrates; ’S bidh i tioram air traghadh— ’Dh-ullach ’slighe o’n aird sin; Do righrean cumhachdach laidir, Gu cath an De as ro Airde; Se Armagedon doibh aite na ’comhail. Se, &c. XV. ’N sin taomaidh gu h-ealamh, An seachdamh aingeal san athar; “’S cluinnear cainnt’ o’n righ chathair,” “Tha e deanta” le cabhaig, “’S bheir na tairneanaich spraigheadh; “Guthaibh làidir a’s dealainn, “’S bidh crith-thalmhuinn ’s clach-mheallain ri stròichdeadh.” ’S bidh, &c. XVI. Tha ’s na facail ud fillte, “Aobhar crith agus grise;” Oir theid raonntaibh a lionadh, Do chuirp mharbha na’n sinneadh; “’S lotar uachd’rain thar thìrean, ’S theid an Riaghladh ’sgach rioghachd, Thoirt do mhuintir an Ti as ro Airde. Thoirt, &c. [TD 150] XVII. Bheir an t-Uan sa chath gharbh ud, Tuilleadh ’s buaidh da luchd-leanmhuinn, Na theìd as o’n chrith-thalmhuin, Ni ’chlachmheallain a’ marbhadh; “Stuitidh Babilon” dhealbhach, ’S na ghabh pairt ann na cearbachd: ’S latha diogh-’ltais bhios anabarach mor e. ’S latha, &c. XVIII. ’Sàthair suibhlach san talamh, ’N coran geur ud san taisbean; ’S gearrar ’sios iad le sgathadh— Sìad mar fhionainnean abuich— Bho na chrion iad sa pheacadh; Theid le diogh’ltas an casgairt, San amar fheirg theid an saltairt gun trocair. San, &c. XIX. Sa’n sin gairmidh gu treubhach, An t-Aingeal ard anns a ghreine; Gairm dhusgaidh do’n èunluidh, ’Theachd a dh’ ionnsuidh na feisde; Gu feoil dhaoin’ agus steudan— Th’ anns an aroich na Sleibhtrich: ’S fuil a sruthadh gu sreinn na’n each mora, ’S fuil, &c. XX. Mar chloich-mhuilinn san fhairge, Tuitidh Babilon chearbach; Le cuid iomhaighean ’s dhealbhan, Le cuid òir agus airgid: ’S na ghabh aireamh a h-ainme, Oir chuimhnich Dia ann am feirg dhi— ’Mheud ’s nach d-ioc i da sheirbhisich trocair. Mheud, &c. [TD 151] XXI. ’Sa nuair ’ni ’deatach ach eirigh, Togar ’suas a chreach-leire; Gul is caoi’ is ard eigheach, Tilgeal duslaich ’s na speuran; San cuid thrusgan ga’n reubadh: ’Struagh ’s is ’struagh mar a dh-eirigh— ’N d’ fhalbh air dochas sair treubhantas comhla? ’N d’ fhalbh, &c. XXII. Seasaidh moran ’luchd fairge, A’s do righrean na talmhuin; ’S do luchd malairt air anamaibh:— A rinn beartach a ’sealbhan— As a buannachdan cealgach— Gul is geilt is an-earbs’ orr: Gabhail beachd dhi ’s gu dearbh iad du-bhrònach. Gabhail, &c. XXIII. ’S iad seinn Mo thruaighe! le dorran, ’N d-thugadh ’nuas air cuid onair? An aon uaire gu neoni, Bann-righ uasal an domhainn; ’Nis na truaill aig na deamhain, Choidh—cha soillsich innt’ solus; Fuaim, chloich muilinn na meodhail na solais. Fuaim, &c. XXIV. Bho na fhuaradh na sgiortaibh, Fuil na ’m faidhean a mhilleadh; ’S fuil nan naomh chuir air mhisg i: Chuimhnich Dia a h-aniochd dhi— Dhuisg e armachd ’thoirt sgrios orr’, Peanas dubailt ath-phillear; Dhi san dorainn a “dh’ itheas a feoil dith.” Dhi, &c. [TD 152] XXV. ’S an deigh do’n truaigh’ ud dol thairis, Seinnear buaidh agus beannachd; Seinnear shuas e ’s na flaitheas, “’S le a shluagh air an talamh; Aleluia!” le caithream, Slainte, gloir ’s cumhachd mhairionn, Biodh don Ti thug a mach a bhuaigh ghlormhor. Biodh, &c. XXVI. ’S fior sa ’s cothromach cinnteach, Thug e breith air an striopaich; Thruaill i ’n talamh gu h-iosal; Fuil a sheirbhisich dhilis, Rinn E nis dith ath-dhioladh: “’S thuit na beathaichean sios da,” “A’s na seanairean” dhioc iad dha mòrachd. Is na, &c. XXVII. Sa ’n sin Bristidh an la oirn, Agus teichidh na sgailean; Agus labhraidh an fhaistneachd, (Ged a b-fhada na tamh i) ’S ni i firinn a radhtainn: ’S eiridh grian oirn bho’n airde, Sgaoileas solus a’s slaint’ a bhios gloirmhor. Sgaoileas, &c. XXVIII. ’S cluinnear moladh an t-shloigh ud, Feadh gach Eilein is Morthir; Mar fhuaim tairneanaich mhora— Deanamh gairdeachas comhla; ’N t-Uan air teachd h-un a phosaidh: Sa Bhean-nuadh dol an ordugh, ’N oibir ghréis is a solas do-aireamh. ’N oibir, &c. [TD 153] XXIX. Dol on comhail a ceala, ’SE gun samhladh air neamh dha? Teachd ga fuasgladh o eiginn, ’SE mar fhiadh air sliabh Bhèiteir, Siubhlach marcachd air cherub; Slub E fodha na neamhan, Teachd le sith is le reite ga posadh. Teachd, &c. XXX. ’S dileas Fior E da ghealladh, Air each gle gheal a marcachd; Aon Ungta an Athar, Teachdair trèun a cho-cheangail, ’Shluagh na dheigh s’ iad ga leantuinn, Ann an reis na’n each geala: ’S fhasa smuainteach na labhairt ma’ n solais. S fhasa, &c. XXXI. ’S culaidh uamhais air faich’ iad, ’S iad mar shluagh bhiodh fuidh ’m brataich; Buidheann uasal na cathrach, ’S iad mar stuaighibh do dheataich, ’G eiridh suas as an talamh; Bidh an snuagh mar a mhaduin, Na mar ghrian sa mheadhon latha ro-oirdhearc. Na, &c. XXXII. ’S clarsaich’ Dhe acc’ air chaithream, Sa ghloin’ fhairge fo’ n casan; Measgt’ an samhladh an dealain, ’S oran Mhaois acc’ ga channtuinn, A’s an Uain chaidh a chasgairt— A thoirt fuasgladh do pheacaidh: ’S haleluiah! ’s hosanah! mar cheol doibh. ’S haleluiah, &c. [TD 154] XXXIII. Ierus’lem nuadh i mar chathair, Teachd a nuas o na flaitheas: Bean an Uain i air thalamh, ’N culaidh uasal gu banais— ’Ghealach fhuair fuidh’ casan— ’Ghrian chuir suas mar a falluing, ’S da-neult-dhiag an crun caitheamh na h-oigh ud. S da, &c. XXXIV. ’S iad a seinn gu neo-sgitheil, Slaint’ do’n Ti a ta rìoghach’ ’S ’thug dhoibh saorsa cho prìseil, Chuir E ’n Dragon fuidh chìs doibh; Casaid bhraithrean bu chìord da: Sa chuid fhaidhean is iomhaigh, Sa ’m fiadh-bheathach gu dilinn gu dòruinn. Sam, &c. XXXV. ’S thig an Eaglais gu fiorghloin’, Aonachd spioraid is inntinn, Leantuinn’ dlu ris an fhirinn, ’S iad do’n Captain a striochdadh; Làn do shonas ’s do shìochaint, ’Cumail daingeann an sgriobhaidh; Chuir na h-Abstoil a sios doibh an ordugh. Chuir, &c. XXXVI. Cha bhi sagairtean sanntach, Pap na Eusbuig ri ann-tlachd; A reic maitheanas aing’ eachd, Sa brigh-atharach shamhlan; Le’n cuid fhacalan cainnte, Geibh iad Purgadair teanntachd; ’S cha bhi cumhachd san Roimh bheir àn aird iad. S cha, &c. [TD 155] XXXVII. Cha bhi sionnaich bheag chrion ann, Bhios a milleadh na fionain; ’S dearcan òg ur croinn-fhiona, Na luchd Glibean a’s Stìpinn; Bhios gun ghràs ann na’n-ìinntìnn, Cha bhi h-aon diu san linn ud; ’Deanamh foirneart air dilseachd luchd crabhuidh. Deanamh, &c. XXXVIII. Cha bhi connsuichean ’s gaiteach, ’Measg gach seors do luchd-aidich; Cha bhi connsbaid ’s cainnt-tharsuing, Acc’ mu mhoran do fhacail; Na mu ordugh a Bhaistidh, Bidh iad comhnard ’dh-aon-bheachd air— Mar thug Criosd do na h-Abstoil mar aithne e. Mar, &c. XXXIX. Bidh luchd teagaisg san linn ud, Dh’ aon Spioraid is inntinn; Air an lasadh le dìlseachd, Cha bhi roinnean na strì; ’A measg luchd-aidich na firinn, Oir ni lathaireachd Iosa; ’N cridh’ ’chuir thairis le sìth is gradh-braith’reil. N cridh, &c. XL. ’S theid na h-iudhaich ath-ghabhail, ’S theid da’n duthaich iad dhachaidh; Do’n Ierùslem air thalamh, ’S iad gu h-aoihhneach ri caithream; Sa Mesiah le ghealladh, Toirt doibh coilionadh farsuing; Air cho saibhir ’s cho pailt’ sa tha ghradh dhoibh. Air cho, &c. [TD 156] XLI. Cha bhi cinneach na iudhach? Cha bhi righ? cha bhi Prionnsa? Cha bhi breitheamh na Diuca, Nach bi leughadh ’s aig urnaigh; ’S na luchd altarum cubhraidh, Do chlannaibh a chumhnaint’; ’S gach fear-teagaisg sa chupaid lan graidh dhoibh. ’S gach, &c. XLII. ’So’na cheangailear Sàtan, Cha bhi ’m bàs cho fhior ghabhuidh; ’S garadh ghinneil om parant’ Cha bhi dileachdain craiteach; Faondtrach ruisgte gun chairdeas, Oir bidh coilionadh laitheam, Aig a chloinn’s aig na parantaibh comhla. Aig a, &c. XLIII. Cha bhi naoidhean gearr-shaogh ’lach, Ann a’ mìle na saors’ ud; Ciad bliadhna do dh’ aois, A bhios an leanabh mu’n aog e; An sith an sonas san naomhachd, Sam peacair ruigeas an aois ud; Bidh a mallachd gun chaochladh gu bràth air. Bidh, &c. XLIV. Cha dean daoin ann’s an la ud, Cur is planntach is bàsach; Mar aois craoibhe bidh laithean, Na muintir shaorta le slainte; Mealltuin saothair an lamhan, ’S iad gun ghoine gun fhaillinn; ’S toradh pailt ann’s gach aite fuidh chroic acc’. ’S toradh, &c. [TD 157] XLV. Cha bhi cogadh no fòirneart, A measg cinnich an t-shlòigh ud; Bidh an t-Uan is an leòmhann, Ann am braithreachas còmhnard; Ni ’n ri-nathair gun dòruinn, San leanabh cìche cluich comhla; Anns an t-shliabh ud le solas ’s le cairdeas. Ann ’s, &c. XLVI. Buailidh craobhan na machrach, Air gach taobh dhinn am bâsan; Seinnidh slèibhtean le h-aiteas, Barr a’s sprèidh orr’ am pailteas; ’S na h-amair fhiona cur thairis, Mil a’s fion agus bainne; ’S bidh lan diol ann do bheannachdan mora. ’S bidh, &c. XLVII. Bidh na goimhnean na’n cabhaig, Meas a’s faoinneachd da’n ealainn; ’S iad gu h-aoibhneach aig teallaich: Sleaghan, claidhean, is gaithean, Acc’ ga ’n tionndadh gu spealan; ’S gu sgeanan-fuinn a chroinn-ara’, ’S cha bhi faoin’eachd air gaitheamh gu foirneart. ’S cha, &c. XLVIII. Cha bhi crubach na baccach, ’Nach faigh lùs ann na’n casan; Cha bhi dall ann na staccach, Nach faigh soillseach is claisteachd; Cha bhi manntach na mabach, Nach d-theid labhradh na theangaidh; ’S bheir an Soisgeul doibh beath’ agus slainte. ’S bheir, &c. [TD 158] XLIX. Teichidh fuath agus farmad’, Teichidh fèinealachd chealgach; ’Spiorad frionasach feargach, Mirun, Sannt, a’s neo-gheanmnuichd; Uaill, as creideamh ’s an-earbsa, Claoidhear iartas gach ana miann; ’S bidh an grian doibh mar dhealradh sheachd laithin. ’S bidh, &c. L. Nuair a chundas mi rianail, O’n t-shia ciad is sia bliadhna; ’N tam ’n do chrunadh am fiadh-bheath’ch, San d-fhuair e cumhachd gu riaghladh; Re dha fhithead ’s da mhiosa: Gheibh mi faisg iad air criochnach, Glaccaibh misneach san diadhachd a bhraithrean. Glaccaibh, &c. LI. Oir do Dhaniel dh-fhiachadh, Gur a beannuichte iadsan; Thig gu mile ’stri chiad, Am fithead ’s cuig laithibh diaga; Naoimh an sin bidh a riaghladh, ’S bidh ann Jubilee diadhachd; Agus coilionadh briathrabh na faistneachd. Agus, &c. LII. ’N sin bidh sonas a’s siochaint, Measg gach cinneach ’s gach rioghachd; Ann’s gach cridh ’s gach inntinn, ’S iad a lubadh do Chriosda; Sa toirt umhlachd do’n Bhiobal, O! “gun d-thigeadh do Rioghachd,” ’Chur a chatha: gleidh dileas gu’m bhas mi. Chur a chatha, &c. CHRIOCH. [TD 159] AN CLAR INNSE. PAGE. A Bhreith, a Ris, 7 Cuireadh na Bainnse, 10 An t-Aon ni Feumail, 18 Staid Naduir, 22 Creideamh, 27 Deadh-Ghean, 30 Beachd Smuaintean, 33 An t-Allaban, 38 An Iobairt Reite, 43 An t-Shlighe Nuadh, 45 Aran na Beatha, 53 Na Didein Bhreige, 56 Amghar, 61 An Sgàthan, 65 Pharrais, 68 An Soisgeul, 71 Faireachdain, 75 Fearann a Ghealladh, 78 Pilleadh air Ais, 81 An Tiom a Bh-Ann o Shean, 84 An Fhionain Fhior, 86 Dàn Na’n Deich Oighean, 88 An Ceud Adhamh, 91 Eaglais Philipi, 96 An Diomhaireachd Fhoillsichte, 98 Fhoillsichte agus Aithnichte, 102 Cliui na Diomhaireachd, 105 Coth-Chainnt Eadar am Feardùcha ’San t-Oilthireach, 109 Am Fear ducha San t-Oilthireach an Dara uair, 115 A Chlarsach Mheirgeach, 121 Fuil an Uain, 124 A Dara Adhamh, 125 An Dara Pairt, 127 Nighean Shioin, 130 An Gearan, 132 Oran do ’n Fhèin, 138 Aonachd an Spioraid, 142 Clarsach a Mhilenium, 146 [TD 160] ERRATA. Taobh duileig. Rann. Sreath. 13 23 1 arson no leugh na “ 21 2 — se — sa “ 34 2 — tre — trî 16 47 1 — mar — na’r’ 18 2 4 — foilidh — faoilidh “ “ 6 — na-anamaibh — n-anamaidh 21 12 4 — suidh — ’s fuidhe 23 4 3 — on — an “ 9 3 — ghradhach — ghradhaich “ 10 1 — ’s ’n’ t-urras — so urras 24 11 1 — ’s dhuine — sa dhuine 30 3 3 — ghua — ghna 38 1 3 — sa — sa tha 44 13 4 — gaeh — gach 45 17 1 — ua — na 63 11 1 — mi Herod — mi gu Herod “ 14 3 — ghuilain — ghiulainn “ “ 4 — Spaicean — Spèicean 65 1 1 — an — am 69 6 2 — an fion — am fion 81 2 4 — diobear — dîobar 101 17 4 — reull — rèit’ 103 7 4 — deislinneach — dèistinneach 105 21 4 — ’S iad air — Fad an 128 6 5 — culthaobh — chulthaobh 130 3 6 — bha — ga 140 12 4 — ’Sen — Le’n 155 37 5 — n-unntinn — n-înntinn 156 42 6 — laitheam — làithean