[DA 1] DIRECTIONS FOR TAKING AND CURING HERRINGS; AND FOR CURING COD, LING, TUSK, AND HAKE; BY SIR THOMAS DICK LAUDER, BART., SECRETARY TO THE HONOURABLE THE BOARD OF BRITISH FISHERIES. TRANSLATED INTO GAELIC, BY THE REV. ALEXANDER MACGREGOR, A.M., ASSISTANT MINISTER AT KILMUIR, SKYE; AND CIRCULATED BY ORDER OF THE HONOURABLE THE COMMISSIONERS OF THE BOARD. EDINBURGH: PRINTED BY T. CONSTABLE, PRINTER TO HER MAJESTY. 1846. [DA 2] AN SEÒL AIR AN GLACAR AGUS AN GRÉIDHEAR AN SGADAN; AGUS AIR AN GRÉIDHEAR AN TROSG, AN LANGA, AN TRAILLE, AGUS AM FALMAIR; LEIS AN RIDIRE TOMAS DIC LAUDER, RÙN-CHLEIREACH BÙIRD URRAMAICH NA H-IASGAIREACHD BHREATUINNICH. AIR EADAR-THEANGACHADH CHUM GAELIC, LE ALASDAIR MACGRIOGAIR, A.M., MINISTEIR-CUIDEACHAIDH ANN AN CÌLLMHUIRE; AGUS AIR A CHRAOBH-SGAOILEADH AIR ÌARRTAS CUIDEACHD URRAMAICH A’ BHÙIRD. DUNEDIN: AIR A CHLODH-BHUALADH LE T. CONSTABLE, CLODH-BHUALADAIR DO’N BHAN-RIGHINN. 1846. [DA 3] LETTER from the Rev. NORMAN M‘LEOD, D.D., Glasgow, to SIR THOMAS DICK LAUDER, Bart., Secretary to the Board of Fisheries. SIR, I have read with great interest the two small publications which you did me the honour of forwarding to me—“The Directions for taking and curing Herrings;” as also “The Directions for curing Cod, Ling, Tusk, and Hake.” I think this publication should be circulated most extensively throughout all the Fishing Districts. The directions are most simple and intelligible, and well calculated to do much good. In regard to the Gaelic Translation, nothing can be better. The translation is excellent. I read both with interest, and I give my humble but unqualified testimony to the very praiseworthy manner in which they have been prepared. The translation does great honour to the person who executed it; and, wishing the Honourable the Commissioners of the Board of Fisheries much success in the discharge of their most important duties, I have the honour to be, SIR, With great respect, Your most faithful Servant, NOR. M‘LEOD. GLASGOW, 5th May, 1846. MANSE OF KILMUIR, SKYE, BY PORTREE, 14th May, 1846. JAS. WILSON, ESQUIRE, DEAR SIR, I have received your favour of the 9th instant, enclosing copy letter from the Rev. Norman Macleod, D.D., of St. Columba’s Glasgow. I am indeed very much pleased that you submitted my translation of the valuable Treatises of Sir Thomas Dick Lauder to [DA 4] the judgment of the said Rev. gentleman, as he is undoubtedly the first Celtic scholar of the age. Your having done so must be satisfactory to the Honourable the Board of Fisheries, as perhaps few or none of its Members understand Gaelic; and I assure you, that it is very satisfactory to me, as it will afford proof to the Honourable the Commissioners of said Board that I have faithfully discharged the duties imposed upon me. You may feel surprised when I state, that the translation was one of the most difficult tasks I ever attempted. It would have been an easy matter to make a loose, free, and rambling translation, (as is too generally done in such cases) full of provincial phraseology, and such as would be intelligible only in certain districts of the Highlands. It was my first object completely to guard against that, and to give a translation in pure classical language, which must be understood in all quarters where Gaelic is spoken. Another difficulty arose in rendering it pure, and at the same time plain to the capacity of the humblest reader. The number of technical expressions in the excellent Treatises, and the difference in the idioms in the two languages, made it no easy matter to convey the spirit of the original into the translation, in plain, and at the same time, in almost literal terms. I flatter myself, however, that I have successfully attained that very desirable object; and, as already stated, I am much pleased that the testimony of Dr. Norman Macleod to that effect is before the Honourable Commissioners for their satisfaction. I would almost feel ashamed to give a statement of the time which I found cause to expend on the translation. As it was a work which I considered might benefit future generations, I deemed it my duty to spare neither time nor trouble in doing it all the justice in my power. I have the honour to be, DEAR SIR, Your very obedient Servant, ALEX. MACGREGOR, Assistant Minister, Kilmuir. [TD 1] [Beurla] AN SEÒL AIR AN CÒIR AN SGADAN A GHLACADH AGUS A GHRÉIDHEADH. Air a chlòdh-bhùaladh, agus air a chraobh-sgaoileadh, le Cuideachd Urramaich Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich. THA Sgadan ùr, an uair a bhitheas e ann an deagh chuladh, ’na bhiadh saor, blasda, agus fallain, agus tha e luachmhor mar theachd-an-tìr, an uair a bhitheas e gu h-ealamh agus gu ceart air a ghréidheadh. Ach tha luach an Sgadain do thaobh so, gu h-iomlan an crochadh ri staid an éisg an uair a ghlacar e, agus ris an ealamhachd agus a’ chùram a ghnàthaichear ’n àm a bhi ’g a ghréidheadh. Féudar an Sgadan, do thaobh a staid, a ròinn ’na thri seòrsaibh; ’se sin ri ràdh, An Sgadan glan,—An Sgadan salach,—agus An Sgadan ruithte. Is e An Sgadan glan an sgadan sin anns am bheil an iuchair agus a’ mhealag gu riochdail air an dealbhadh; gidheadh, ann an tomhas gun a bhi mòr. Tha e ceart a thuigsinn, gur i so an staid anns am fearr am bheil an t-ìasg air son lòin, agus anns am freagarraich’ e gu mòr do thaobh blas agus beathachaidh. Ged nach ’eil e ’san staid so, co mòr ann an tomad is an uair a bhios e salach, gidheadh, tha e da rìreadh mòran ni’s reàmhra, oir tha mèud na h-iucharach agus na mealaig a’ cur tomaid mealltach dhe’n ìasg shalach, an uair a ta ’n t-ìasg fein, [TD 2] [Beurla] a réir sin air a lughdachadh. Tha gidheadh, am barrachd déigh air an Sgadan shalach, air sgàth a’ mhargaidh do thaobh a bharrachd mèud. Is e An Sgadan ruithte, an sgadan sin a ta leis a’ chlaidh air a thoirt gu staid thruagh, chaol, agus bhochd, agus mar sin air a dheanamh neo-bhlasda, agus ann an tomhas mòr no beag mi-fhallain mar bhiadh an uair a ta e ùr, agus ann an tomhas nis’ mò na sin, an uair a shaillear e. Mar is luaithe a ghlacar e an déigh a’ chlaidh, is ann is miosa e, agus mar is fhaide an ùine a théid seachad an déigh dha cladhachadh, is ann is blasda agus is fallaine a bhitheas e. Ach ’se is fearr an còmhnuidh gu’n an Sgadan a ghlacadh, agus gu’n fhéum a dheanamh dheth, air chor sam bith, gus am bi làn ùine aige gu brotuchadh, agus gu culadh a ghabhail, an déigh mar a chlaoidheadh e leis a’ chlaidh. Is iad na h-Iàsgairean,—An Luchd-gréidhidh,—An Luchd-cutaidh,—An Luchd-saillidh,—agus Na Cùbairean, a’ mhuinntir sin fa leth aig am bheil e mar cheaird, am bathar-malairt sin a dheanamh suas, ris an abrar Sgadan saillte no Sgadan piceilte. Mar dean gach buidheann dhiubh so gu ceart, an earrann sin do’n obair a bhuineas gu h-àraidh dhoibh fein, an sin, féudaidh uile luach an éisg a bhi air a lughdachadh co mòr, is nach gabh e a chaoidh reiceadh. Bu chòir do gach buidheann, uime sin, an dleas’nas fein a dheanamh gu cùramach agus gu sèolta, a chum, air do shùil nan uile a bhi air an aon chuspair, gu’m féud iad, le’n dìchioll fein maraon, ruigheachd air an ro ìomlanachd gréidhidh sin a ta idir comusach. Ma bhitheas na h-Iàsgairean co mi-churamach ann an làimhseachadh an éisg, is gu’m mìll iad e air shèol sam bith, cha’n urrainn an Luchd-gréidhidh an cron ath-leasachadh; agus ma thig an Luchd-gréidhidh gearr air an dleas’nas fein, cha bhi dìchioll an Luchd-cutaidh agus an Luchd-saillidh chum féum sam bith, air son am mi-chùraim-san. Agus ged a dheanadh iad so uile an gnothuch fein gu maith, ma bhitheas na Cùbairean mi-fhaiceallach mu’n dleas’nas shònraichte fein, tha’n t-ìasg air fheabhas ’s gu’n gréidhear e, an cunnart a bhi air a mhilleadh. [TD 3] [Beurla] Air an aobhar sin, fèumar a bhi ’g amharc gu géur thairis air an luchd-ceaird so fa leth; nì, nach ’eil chum mòr-chosdais ma nithear gu ceart e; ach nì, aig am bheil a’ bhuannachd so, gu’n dean e cìnnteach gu’m bi an Sgadan air a dheagh-ghréidheadh, agus gu’m faigh e féill ealamh; agus gu’n àrduich e cliù na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fathast ni’s àirde ann an dùchannaibh an céin. IASGAIREAN. Tha e àraidh an toiseach beachdachadh air na nithibh a dh’fhéumar a thoirt fa’near ann an glacadh an éisg. Tha iomadh buannachd aig an t-sèol air am bheil na Dùidsich ’ga ghlacadh, a bhàrr air an t-sèol a ta ’ga ghnàthachadh leis na h-Iasgairibh Breatuinneach, aig nach ’eil ach a mhàin bàtaichean chum sin a dheanamh. Tha na Dùidsich a’ gnàthachadh shoithichean a ghiulaineas o thri fichead gu ceithir fichead tunna ’sa deich, agus orra sin tha cothram aig gach sgiobadh an sgadan aca a shailleadh air bàll air bòrd, mu’m bi e ach air éigin màrbh. Féudar a smuaineachadh gur e so is aobhar do’n fheabhas blas a gheibhear air an sgadan Dhùidseach, do bhrìgh gur mòr is misd e gach mionaid a dh’fhàgar e gu’n sailleadh an déigh a ghlacadh. Air aon dòigh gidheadh, tha na h-eithrichean againn fein a’ toirt barrachd air na soithichibh Dùidseach, do bhrìgh gu’m féud sinne lìonta ni’s grinne a ghnàthachadh annta. Do thaobh mèud nan soithichean Dùidseach féumaidh iad lìonta ni’s treasa, agus air an deanamh do shnàth no do àbhras ni’s gàirbhe, nithe nach ’eil co sealbhach chum an t-iasg a ghlacadh ri lìontaibh air an deanamh do àbhras ni’s caoile. Cha’n ’eil dùil gu’m bi leithid nan soithichean Dùidseach gu coitchionn air an cleachdadh ’nar measg-ne, ach féudar a ràdh gu’m bheil e ’na nì ri mhìannachadh, gu’m biodh na h-eithrichean a ghnàthaichear le’r n-ìasgairibh fein co mòr ann am mèud ’sa dh’fhéudas a bhith, chum a bhi freagarrach air son ìomraimh ri fèith. N’am biodh bàtaichean air an deagh thogail, agus air an deagh uidheamachadh, eadar cuig tunna déug agus ochd tunna déug, ni’s cumanta na tha iad am measg ar n-ìasgairean, agus n’am biodh an còmhnuidh mar is lugha, seisear dhaoine agus gille mar sgiobadh orra sin, [TD 4] [Beurla] cha bhiodh a luthad beatha air a càll,—agus dh’ fhéudadh barrachd a bhi air a dheanamh le crùadal agus le strìth an aghaidh fhàirgean troma, agus gaoith’ anradhaich,—agus mar so, dh’ fhéudadh mòran tuilleadh éisg a bhi air a ghlacadh. Ach cha’n e so a mhàin, oir ged nach gabhadh an t-ìasg a ghlacteadh gréidheadh, féudaidh e bhi air bàll, ann an leithid so a dh’ eirichibh, mar a nithear le uiread do chothrom, air na soithichibh Dùidseach; gidheadh, ghabhadh e gleidheadh ni b’ fhearr annta sin, na bhiodh comusach a dheanamh ann an eithrichibh ni bu lugha. Bu chòir an t-eithear a bhi air a deagh uidheamachadh, agus gu h-iomchuidh air a tearradh, agus an tearr a bhi gu maith air a tiormachadh mu’n tig àm an ìasgaich. Mar do chuireadh an tearr a’m féum ach o cheann ghoirid, truaillear le blas na tearra an t-iasg a dh’ fhéudas suathadh rithe anns an eithear. Tha’n t-iasg a ghlacar gu tràth, mar a’s trice gu h-éutrom air a shailleadh, agus air a ghreasadh chum a’ mhargaidh chum lùach mòr fhaotuinn air a shon, mar bheathachadh taitneach ùr;—uime sin, ma gheibhear blas, no eadhon fàile na tearra do’n phiceal, no d’on ìasg aig aon bharaille, millear ainm na cuid eile air fad. Tha e ’na nì ro fhéumail gu’m biodh na h-eithrichean gu leír air an uidheamachadh le pìobaibh-taosgaidh leis am féudar gach eithear éu-dìonach a chumail tioram. Cha’n ’eil ni sam bith ni’s mìlltiche do’n ìasg na bhi air uideal air ais agus air adhairt anns an tùim, oir le so, tha na lannan air an suathadh dheth, agus tha e air a bhruthadh air sheòl is gu’m bheil e a’ càll na cuid a’s mò agus a’s tàrbhaiche do’n bhrìgh nàdurra aige, agus tha e’ fàs bog, sleamhuinn, mi-dhreachail, agus neo-bhlasda. A thuilleadh air ’a phìob-thaosgaidh n’an rachadh ùrlar fiodha a chur anns gach eithear, le tùill co mòr ’sa bheireadh comas do’n uisge a thigeadh a stigh siòladh sios trompa, cha’n e mhain gu’n co-chuireadh e mòran ri seasgaireachd an sgioba, ach chumadh e an t-ìasg ann an staid ni’s fearr, gus an cuirteadh air tìr e. Tha bùird-rongach, sparran-coise, agus clàran-siubhail, ’nan nithibh ro fhéumail ann an eithrichibh [TD 5] [Beurla] chum an t-ìasg a ghleidheadh tearuinte. An uair a chuirear an t-ìasg air tìr, bu chòir gach bòrd fuasgailte ’san eithear a thoirt aisde, agus an taobh a stigh aice a nigheadh agus a ghlanadh gu cùramach. Bu chòir so a dheanamh gach là rè àm’ an ìasgaich, agus mar so, tha’n salachar ni’s usa a thoirt air falbh, agus tha’n t-eithear air a deanamh glan, agus saor o gach sal agus droch fhàile, mu’n téid i dh’ ìonnsuidh na mara air gach turas fa leth. Bu chòir àite goireasach a bhi air a dheanamh ann an toiseach gach eithir, agus air a dhùnadh os a cheann, far am féud an sgioba air amannaibh codal a dheanamh, agus fasgadh ’fhaotuinn. Bu chòir còta agus triubhas cainbe, air an deagh ùilleadh, agus mar an céudna bòtan freagarrach a bhi aig gach fear;—agus nam faigheadh gach ìasgair fa leth an comhdach-cìnn sin, ris an abrar Currachd-tearnadh Dhunédin, air son an d’fhuair Mr. Simpson, a dhealbh e an toiseach, litir-còrach o’n chrùn;—agus maille ri so, ’nam faigheadh gach ìasgair an t-uidheam-tearnaidh sin, a ta nis air a dheasachadh air son Freiceadain a’ Chòrsa, rachadh iomadh beatha a thearnadh, a bhiodh a’s éu’gais sin, air an càll. On a dh’ fhéudas teine a bhi anns gach eithear anns am bheil mèudachd, bhiodh e comusach do’n sgioba am féumalachd fein do Choffidh a dheasachadh, agus chitheadh iad le déuchainn a thoirt da, gu’m biodh sin mar dheoch, ni bu taitniche, ni b’ fhallaine, agus ni bu tàrbhaiche gu mòr na deoch laidir sam bith, agus gu’m biodh e saor o gach droch bhuaidh ’na lòrg. Far am bheil càbhlaichean mòra a dh’ eithrichibh-iasgaich air an cruinneachadh, tha e ’na chleachdadh cumanta gu’n lean a’ chàbhlach air fad air an t-slighe a ghabhas a’ chéud eithear a théid dh’ìonnsuidh a’ chuain, agus gu’n toir iad a mach an t-aon ionad ìasgaich. Féudaidh so a bhi ’na shèol glic, ma fhuaireadh cìnnteachd roimh làimh gu’n robh meall éisg anns a’ cheart ionad sin, ach mur do thachair sin, bhiodh e mòran ni bu fhreagarraiche do na h-eithrichibh slighean fa leth a ghabhail, chum le sin, gu’m féud cuid dhiubh tuiteam air meall do’n ìasg, agus an uair a thachaireas sin, dh’fhéudadh eithrichean eile na càbhlaich dol maille riu, agus mar so dh’fhéudadh sealbh éisg a bhi orra uile. Ach a réir a’ chleachdaidh chumanta, mar faighear an t-iasg [TD 6] [Beurla] leis a’ chéud eithear, bithidh a’ chàbhlach air fad, a réir coslais co-ionann air am mealladh ’nan dòchas. Cha bu chòir do na h-eithrichibh air dhòigh sam bith a bhi air an dòmhlachadh tuilleadh ’s mòr, ach a bhi aig astar freagarrach o chéile chum cothrom a thoirt dhoibh fa leth, an lìontan a chur, gu’n a bhi air an ribeadh, agus air am prabadh feadh a’ chéile. Bu chòir do lìon math, diòngalta, a bhi deich agus dà fhichead slat ann am fad air an drùim, agus ceithir slata déug ann an doimhneachd. Bu chòir do shea thar fhichead do na lìontaibh sin, a bhi anns gach sreath iomchuidh agus ceart, agus a bhi an crochadh o’n drùim an déigh a’ chéile; agus mar sin, a’ deanamh suas gu léir ochd mìle déug agus dà chéud (18,200) slat ceithir-chearnach, agus a’ ruigheachd astair thri chéud déug slat (1300) a mach air a’ chuan. Bu chòir do’n tobha-cìnn a bhi mu shea fichead slat ann am fad, air chor is gu’m bi esan agus na lìonta air ceann a’ chéile, a’ ruigheachd air ceithir chéud déug agus fichead slat mara; ’se sin, mu’n choigeamh earrann ni’s lugha na mìle astair. Bu chòir do na lìontaibh sin a bhi gu ceart air an cairteadh. Ma nithear sin leis a’ chungaidh ris an abrar Catechu, no Terra Japonica, gheibhear e mòran ni’s fearr na cairt an daraich; ach féumar an aire a thoirt ’n àm a bhi ’gan cairteadh le so, nach fhaigh iad barrachd ’sa chòir dheth; oir le sin, féudaidh na mogulan a bhi air an crupadh, agus air an crùadhachadh tuilleadh’s mòr. Tha’n ìnnleachd aig an Ridir Uilleam Burnet air a faotuinn ro fhreagarrach mar an céudna chum na lìontan a thearnadh. Agus ni’s fhaide, an àm a bhi’labhairt air na lìontaibh, tha e féumail gu’m biodh fios aig na h-ìasgairibh gu’n do dhealbh Maighstirean Iamieson aig Cìllbirnie, agus Maighstir Paterson aig Musselburgh seòrsa àbhrais, no snàth air a thoinneamh gu caol air son lìontan, a ta co-ionann làidir ris an t-seòrsa chumanta, gu’n a bhi idir co furasd faicinn leis an iasg anns an uisge. Le déuchainnibh a thugadh le òrdugh a’ Bhùird, fhuaireadh a mach gu’m bheil an seòrsa ùr so, mòran ni’s sealbhaiche no na lìonta cumanta. Air do na lìontaibh a bhi gu cùramach agus gu riàghailteach air am filleadh suas anns an eithear, bu chòir an cùram agus an riàghailt chéudna a bhi air an gnàthachadh aig àit an ìasgaich, le bhi ’gan tilgeadh a’ chuid agus a’ chuid a mach; agus an sin, luidhidh an t-eithear le gréim aice orra. Air do na lìontaibh a bhi co fad anns an uisge, [TD 7] [Beurla] ’s gu’m féud dùil a bhi ri ìasg fhaotuinn anns na mogulaibh, is còir a bhi ’gam féuchainn a nis agus a rìs, le bhi ’gan tarruing beagan a stigh, air chor, is mar faicear coslas sgadain annta, gu’m féudar an toirt gu buileach a stigh, agus déuchainn a thoirt do àit eile. Ach an uair a chithear gu’m bheil sgadan anns na mogulaibh, féumar na lìonta a tharruing a stigh le cùram agus gu’n chabhaig sam bith. Ach a nis, tha’ chuid a’s cudthromaiche gu mòr do’n gnothuch air teachd, d’am féum na h-ìasgairean cùram ro àraidh a ghabhail; oir mar dean iad sin, féudaidh luach an éisg, an déigh sin, a bhi gu ro mhòr air a mhilleadh. Bu chòir do’n ìasg a bhi gu léir air a chrathadh le cùram as gach earrainn fa leth do’n lìon, ’n àm a bhi ’ga thoirt a stigh do’n eithear. Mur deanar so, tha’n sgadan buailteach do bhi air a ghrad-lùasgadh a nùll is a nàll, leis gach spìonadh a bheirear air na lìontaibh anns an eithear; agus mar so, tha na lannan air an suathadh dheth, agus tha e air a bhruthadh, air a réubadh, agus air a bhriseadh. Tha e an sin, a’ fàs bog, sleamhuinn, agus ann an cuid, malcte, air chor is gu’m bheil e, eadhon mu’n gréidhear e, air a mhilleadh ann an tomhas mòr, air son a’ mhàrgaidh. Ach, an uair a chrathar an sgadan air bàll as an lìon, air an t-sèol a dh’ ainmicheadh, air dà a bhi bèo aig an àm, tuitidh e gu soirbh as na mogulaibh, chum ùrlar a’ bhàta, far am bi e ann an staid bhrìagh, agus thearuinte,—agus far am fan e gu’n dochunn, gu’n dolaidh, agus gu’n lànn a chàll, gus an ruigear tìr, agus an sin, cuirear air bàll gu cùramach a mach e. Chum cùram a ghabhail do’n ghnothuch chudthromach so, bu chòir do’n luchd-gréidhidh, ann an còrdadh ris na h-ìasgairibh, riàghailt a dheanamh, gu’n rachadh prìs an sgadain sin uile, a bheireadh iad gu tìr anns na lìontaibh a lughdachadh, agus cha bu chòir doibh bàigh sam bith a dheanamh a thaobh na riàghailte so, ach a mhàin an uair nach comas do na h-ìasgairibh, le h-anradh cuain, an sgadan a chrathadh as na lìontaibh. Tha e ro iomchuidh gu’n gabhadh araon na h-iasgairean, agus an luchd-gréidhidh, mòr chùram do na nithibh so, do bhrìgh gu’m bheil iad tuilleadh’s tric a’ dearmad an sgadan a chrathadh as na lìontaibh, an uair a bheirear a stigh iad, [TD 8] [Beurla] dh’aindeoin gach strìth a rinneadh le Bòrd na h-Iasgaireachd chum an seòl freagarrach a ghnàthachadh. Thug am Bòrd àithne seachad co fad air ais ris an dara là fichead do mhiòs meadhoin an t-sàmhraidh 1816, agus sparradh an sin air na h-oifigich iad a dheanamh gach ni ’nan comas, chum géill a thoirt do’n chleachdadh chudthromach so; ach a dh’aindeoin uile dhìchill ’nan oifigeach, tha’n gnothuch fathast gu ro mhòr air a dhearmad. Air do’n chùis a bhi air a deanamh soilleir do’n luchd-gréidhidh, gu’m bheil an seòl air an ath-leasuichear am mearachd so ’nan làmhaibh fein, féudar a bhi an dòchas, gu’n cuir iad car dhiubh fein gu h-ealamh a nis, chum an cleachdadh sin a chur air cùl, trìd an robh an sgadan ’ga thoirt air tìr anns na lìontaibh, agus trìd an robh e air a mhilleadh, mu’n do thòisicheadh idir air a shailleadh. Tha nì eile ann a bhiodh ro fhéumail, mar an céudna, n’am biodh ìnnleachd air a ghnàthachadh, agus is e sin, air bàll an déigh do’n sgadan a bhi air a chrathadh as na lìontaibh, n’am biodh an t-astar a ta eadar an crànn-mòr agus a’ phiob-thaosgaidh, air a chòmhdachadh le mìr do sheann sèol air a ghearradh ann am mèud freagarrach air son an àite, agus air a cheangal gu daingean air béul a’ bhàta air gach taobh, chum nach biodh e ann an rathad nan ràmh no nan sèol, chumadh e an t-aìsg gu’n chunnart millidh le teas na gréin; agus nan rachadh crànn-sgòid, no slat sam bith eile a chur fodha, bhiodh an t-iasg le sin air a dhìonadh o’n uisge agus o’n t-sàl, gus am biodh e deas gu thoirt seachad. Cha’n e mhàin gu’m biodh an t-ìasg air a ghleidheadh ann an deagh òrdugh le bhi faicilleach a thaobh nan nithe so, gus an tòisicheadh an sailleadh, ach bhiodh e chum buannachd do’n sgioba fein, do bhrìgh gu’n caomhnadh e mòran ùine agus saoithreach dhoibh, an uair a bheireadh iad an tìr a mach. Mar so, dh’fhéudadh an sgioba an tràigh a ruigheachd aig sea uairean ’sa mhaduinn le tachdar mòr éisg, agus air do na lìontaibh a bhi roimh làimh’ air an crathadh, agus do’n ìasg a bhi deas gu chur a mach, dh’fhéudadh iad fein dol air tìr, agus an lìontan a sgaoileadh a mach, no an crochadh air na crannaibh-tiormachaidh. Air an dòigh so, bhiodh an t-ìasg air a thoirt seachad leò, an cumantas, roimh dheich uairean do’n là; bhiodh iad an déigh iad fein a ghlanadh, [TD 9] [Beurla] agus am bìadh a ghabhail; agus dh’fhéudadh iad, an sin, an leabadh a thoirt orra, agus ceithir no cuig uairean codail a dheanamh. An uair a dh’éireadh iad, bhiodh pailteas ùine aca, chum an lìontan a chàradh, agus a ghìulan dh’ìonnsuidh a’ bhàta, chum a bhi deas air son an ìasgaich. Mar so bhiodh iad neartmhor, beothail, agus sunntach chum an gnothuch fein a dheanamh gu ceart. Ach air an làimh eile, tha ’chùis calg-dhìreach an aghaidh sin, a thaobh nan ìasgairean nach do chrath an t-ìasg as na lìontaibh ’n àm a bhi ’gan tarruing a stigh. Tha so uile aca ri dheanamh an uair a ruigeas iad tìr, agus tha e mòran ni’s dorra an sin; oir, air uairibh tha e co éu-comusach na lìn a tharruing a mach an uair a bhios cudthrom an éisg os an ceann, is gu’m féum an sgadan a bhios an uachdar a bhi air a thilgeadh le sluasaid chum àit’ eile do’n bhàt, no a bhi air a chur gu tìr, mu’m faighear na lìontan a thoirt a mach. Is soirbh a thuigsinn ciod am milleadh a ni so uile air an ìasg, gu h àraidh ri teas an t-sàmhraidh. Ach do thaobh nan nithe so uile, cha’n iad na h-ìasgairean fein a’s fearr a bhios dheth. Tha’ chuid a’s mò do’n là air dol thairis mu’n toirear an t-iasg seachad, agus mu’n sgaoilear na lìontan uile a mach, no mu’n crochar suas iad chum tiormachaidh, air chor is mu’m faigh na h-ìasgairean dhachaidh, agus iad fein a ghlanadh agus am biàdh a ghabhail, nach d’fhàgadh ùine dhoibh chum dol gu codal, chum na lìontan aca a chàradh, agus chum iad fein a dheasachadh air gach seòl freagarrach, air son ìasgaich na h-oidhche sin. Air son nan àobhar so, bithidh e, mar a’s tric, co anmoch mu’n ruig a leithid so do sgioba ionad an ìasgaich, is nach bi e furasd doibh àite rèidh fhaotuinn, anns an tilg iad na lìonta aca; agus an uair a gheibh iad sin, cha luaithe a chuirear na lìn a mach, na thig codal air na daoinibh; agus mar tachair sin, bithidh iad co sàruichte a’s éug’ais foise, is nach bi tapachd aca chum na lìontan a tharruing, gu deúchainn a thoirt do àit eile ni’s fregarraiche, agus mar so, pillidh iad am bichiontas gu tír, air am mealladh ’nan dòchas. An uair a chuirear an sgadan gu tìr as a’ bhàta, bu chòir a thomhas le tomhas laghail a Chràinn, agus gu’n a bhi idir air ’àireamh, ni’s lugha na bhios an àireamh a ghlacar tuilleadh’s beag chum tomhas a’ Chràinn a lìonadh. Tha e chum buannachd araon do na h-ìasgairibh, agus do’n luchd-gréidhidh tomhas a’ Chràinn a ghnàthachadh, do bhrígh gur e sin an sèol tomhais a’s fìrinniche agus a’s freagarriache [TD 10] [Beurla] araon do’n fhear-ceannachaidh agus do’n fhear-reicidh. Bu chòir do na h-uile, uime sin, àontachadh le chéile, chum an cleachdadh sin a ta ’g àireamh an éisg a chur air cùl, do bhrìgh gur e an lagh, nach còir ni sam bith a ghnàthachadh ach tomhas a’ Chràinn, air a chomharrachadh le iarunn Bùird na h-Iasgaireachd. LUCHD-GRÉIDHIDH. Mu tha an toil aig an luchd-gréidhidh bu chòir a bhi aca, chum a thoirt orrasan a ta ’g ìasgach air an son, an sgadan a làimhseachadh gu cùramach o’n àm anns an glacar e, gus an toirear seachad e, bu chòir doibh an dìchioll a dheanamh chum deagh eiseimpleir a chur rompa, le bhi faiceallach gu’n deanar gach ni gu pòngail agus gu dligheach air an taobh fein. Mu dh’fhàgas iad an sgadan, an deigh ’fhaotuinn, anns na soithichibh-gréidhidh, rùisgte ris a’ ghréin agus an uisge, cha’n ’eil e coslach gu’m bi a bheag do chumhachd aca chum ìmpidh a chur air na h-ìasgairibh an sgadan a chrathadh as na lìontaibh ’n àm a bhi ’g an tarruing, no a bhi faiceallach air sheòl sam bith mu thearuinteachd an éisg, do bhrìgh gu’m biodh gach cùram mar sin gu’n fhéum, n’am biodh am fear-gréidhidh dearmadach mu’n sgadan an déigh ’fhaotuinn. Is e gnothuch an fhir-gréidhidh, uime sin, a bhi faiceallach gu’m bi na soithichean, no na ballain-cumail air an còmhdachadh gu cùramach le brataibh-dùbhraidh, agus mar an céudna, gu’m bi na baraillean, an déigh an lìonadh, gu freagarrach air an còmhdachadh, agus air an dìonadh o’n ghréin agus o’n uisge. Tha mòran aig an aire a bheirear do na h-earailibh so r’a dheanamh, a thaobh deagh-àinm’, no droch-ainm’ an sgadain a ghréidhear ann am Breatunn, oir ma dhearmadar iad, bithidh an t-ìasg, a réir coslais, air mhodh do-leigheas air a thruailleadh. Mar a’s luàithe a chuirear salann air an sgadan, is ann a’s fearr an gnothuch, do bhrìgh gu’n daingnich e na lannan, ni a ta ro chudthromach air son seallaidh an éisg an deigh laìmh. Chum na crìche so, bu chòir salann a chrathadh thairis air, an uair a thaomar e, a chuid is a chuid a’ soitheach-tomhais a’ Chrainn anns an t-soitheach-cutaidh. Bu chòir do’n sgadan a bhi an còmhnuidh air a chutadh, [TD 11] [Beurla] air a shailleadh, agus air a phacadh, air an là an glacar e. Mar gabh so deanamh, cha bu chòir da a bhi air a shailleadh mar sgadan air a chutadh. Féudar, gidheadh, a ghréidheadh mar sgadan gu’n chutadh, no mar sgadan dearg. LUCHD-CUTAIDH. Bu chòir tòiseachadh air an sgadan a chutadh agus a phacadh air bàll an déigh do’n chéud chrann a bhi air a thoirt seachad; ach tha’n cleachdadh so tuilleadh’s mòr air a dhearmad, gu h-àraidh air na làithibh anns nach do ghlacadh ach beagan, no an uair nach ceaduich an sèol-mara, an t-ìasg a bhi air a thoirt gu rìaghailteach seachad. Ged a tha na h-uiread do’n luchd-cutaidh a làthair, gidheadh, cha tòisich iad, gus am faighear uiread do’n ìasg is a bheir obair chunbhalach dhoibh air fad. Mar so, tha moille gu’n fhéum a’ tachairt, agus air do’n ìasg a bhi air a leagadh ris, tha e an cunnart a bhi air a mhilleadh. Dh’ fhéudadh cùisean a bhi air shèol eile, agus a’ bhuidheann air fad a bhi air an rìarachadh, le roinn chothromach a dheanamh eatorra fein uile, do’n duàis a gheibhear air làithibh mar sin, air son àireimh nam baraillean gu léir, a chaidh a chutadh agus a phacadh. Tha e ro fhéumail a bhi faiceallach gu’n cuirear an sgadan do gach gnè air leth, ’se sin, gu’n roinnear e ’na Sgadan glan, na Sgadan salach, agus na Sgadan ruithte; agus bu chòir sin a dheanamh ’n àm a bhi ’ga chutadh, le soithichibh no le cléibh a bhi deiseil air son gach seòrsa fa leth. Chum nach tuitear ann am mearachd an déigh làimh, bu chòir do na baraillibh anns am bheil gach seòrsa éisg air a shailleadh fa leth, a bhi air an losgadh air bàll le ìarunn-comharaidh, leis na litrichibh G——, S——, R——, mar chomharaibh aithghear air Glan,—Salach,—agus Ruithte. Bu chòir doibh-san a ta mar so, a’ làimhseachadh an éisg a bhi ro chùramach gu’n cùm iad an sgadan sin uile air leth, a chàill na cìnn, co math ris an sgadan a bhriseadh, a bhruthadh, no a réubadh ’sa bhròinn, chum gu’n saillear e ann an àit leis fein. Tha droch cutadh, agus réubadh an éisg as a’ chéile, gu tric a’ tachairt ma bhitheas na sgeinean màol. Chum so ath-leasachadh, bu chòir na sgeinean-cutaidh a bhi air an cur uile cuideachd, agus a bhi air an toirt [TD 12] [Beurla] gach feasgar do aon do na cùbairibh, agus bu chòir dàsan an aire a thoirt gu’m bi iad uile air an géurachadh gu cùramach air cloich mhìn, agus air an liubhairt a rìs anns a’ mhaduinn do’n luchd-cutaidh. Cha’n ’eil teagamh, le sùim a ghabhail do so, nach bi an obair ni’s snasmhoire air a deanamh;—gearrar na cnàmhan, agus cha’n fhagar ris iad, agus cha bhi an coslas béubanaichte, briste sin air an ìasg, leis am bheil co minic mi-mhaise ’ga cur air. Co aca tha’n t-ìasg air a chutadh air son a’ mhàrgaidh ann am mòr-thìr na h-Eòrpa, no air son dhùchannan an céin, bu chòir do’n fhosgladh a dh’ fhàgar aig sgòrnan an éisg a bhi co beag ’sa dh’ fhéudas, agus bu chòir a bhi cùramach nach réubar sios am broilleach, air chor is gu’n leigear ris na cnàmhan. Bu chòir do ghearradh na sgeine a bhi air a dheanamh anns an sgòrnan a stigh dh’ ionnsuidh a’ chnàimh-droma; an sin, rachadh car a chur do’n sgìan leis an làimh, agus rachadh a tarruing suas fo na h-itibh-broillich, agus cha’n ann sios air broinn an éisg, oir le sin, bhiodh am fosgladh tuilleadh’s mòr, agus bhiodh an iuchair agus a’ mhealag air an leagadh ris. Féumar, cha’n e mhàin am mionach a thoirt as an ìasg, ach mar an céudna an grùan, a’ ghoile, agus na gìurain. Air do na gìuranaibh a bhi làn fola, tha fios, mar toirear air falbh iad, gu’m malc iad an t-ìasg ann an ùine ghoirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh. Bu chòir do ghearradh na sgeine a bhi air a dheanamh a stigh dh’ìonnsuidh a’ chnaimh-droma, chum cead a thoirt do’n fhuil ruith gu sàor a’ mòr-chuisle an éisg, ni a ta ro fhéumail chum an t-ìasg a ghleidheadh tearuinte an déigh làimh. Chum an seòl Dùidseach air cutadh an sgadain a thuigsinn, féumar a thoirt fa’near gu’m bheil an sgadan air a chumail ann an glaic na làimh chlì le ’bhròinn an ùachdar. Is còir do’n cheann agus do na gùaillibh a bhi’ dol mu’n cuairt do dh’òirleach a mach air a’ choraig agus an òrdaig. Glacar an sin, an sgìan-chutaidh anns an làimh dheas, agus biodh gréim aig a’ choraig agus an òrdaig air a duilleig mar òirleach do’n ròinn. An sin, sàthar an sgian ann an sgòrnan an éisg, air taobh na làimhe deise, gus an ruig i an cnàimh-droma, [TD 13] [Beurla] agus gus am faicear an ròinn aice air dol troimh air an taobh eile. Lùbar an sin, a’ chorag thairis air ceann an éisg, agus cuirear dìreach fo roinn na sgeine i, air an taobh eile, agus air an àm chéudna, biodh aghaidh na h-òrdaig air a leagadh air itibh-broillich an éisg, agus air a cur gu teann ri taobh leathann na sgeine. Is còir an sin, an greallach a ghlùasad gu socarach, agus gréim a ghabhail do’n mhionach, agus do na h-itibh-broillich eadar uilt na coraig agus a’ mheoir-meadhoin, agus le spìonadh grad fàgar am mionach an crochadh a mach as an ìasg, agus tuitidh na giùrain, na h-ite-toisich, an cridhe, an grùan, agus gach ni eile, a stigh ann an glaic na làimh. ’Se so an seòl cutaidh a ta air a ghnàthachadh leis na Dùidsich, mu thimchioll an toirear fa’near, nach ’eil féum ach air aon spìonadh, an uair a nithear an gnothuch gu ceart, chum gach ni a thoirt air falbh a chì iad freagarrach. Anns an t-seòl cutaidh Bhreatunnaich, cha’n ’eil ach a mhàin an càochladh so, gu’m féumar draghadh a thoirt air a’ mhionach dà ùair, agus air amannaibh tri, agus ceithir uairean, mu’n toirear air falbh gach ni ann an taobh a stigh an éisg. Air an doìgh so, tha bliàn an éisg gu ro mhinic air a réubadh, do bhrìgh gu’m bheil an luchd-cutaidh a’ toirt an spìonaidh sios rathad an earbuill, an àit a thoirt suas rathad a’ chìnn. Bu chòir do’n luchd-gréidhidh, uime sin, sparradh teann a thoirt do’n luchd-cutaidh, an spìonadh a dheanamh sùas rathad a’ chìnn, agus cha’n ann sìos rathad an earbuill, chum am fosgladh a bhi co beag ’sa dh’ fhéudas e bhith, agus chum nach réubar broilleach an éisg. Tha’n seòl cutaidh sin, leis am bheil am mionach air fhàgail, ro fhreagarrach air son a’ mhàrgaidh air tìr-mòr na h-Eòrpa, far am bheil iad ’sa bharail gu’m bheil buaidh ro mhòr aig a’ mhionach chum blas an éisg ath-leasachadh, agus far am bheil iad a’ cumail a mach, mu bheirear air falbh e, gu’m bi coslas an sgadain gu mòr air a mhilleadh. [TD 14] [Beurla] LUCHD-SAILLIDH. Bu chòir tòiseachadh air an ìasg a shailleadh leis an ealamhachd leis am bheil e air a chutadh; agus chum an gnothuch a bhi ceart, bu chòir do’n dà obair a bhi air an gìulan air an aghaidh còmhladh, le dithis a bhi ’cutadh mu choinneamh gach aoin a bhios a’ sailleadh. Co luath ’sa chutar a’ chéud sgadan, toisicheadh an sailleadh air ball. Bithidh an tuairmeis salainn a dh’ fhéumar, mòr no beag, a réir an ama do’n bhliàdhna, agus nàduir an sgadain, co math is a réir a’ mhàrgaidh chum am bheil e air a shonruchadh. Tha na Dùidsich a’ crathadh aoin bharaille do shalann mìn na Spàinn, no Phortugail air gach aon bharaill déug sgadain, chum gu’m bi e ni’s usa an làimhseachadh, agus tha iad a’ gnàthachadh aoin bharaille do shalann gàrbh, chum seachd gu leth, no ochd baraillean sgadain a dheanamh suas air son margaidh na h-Eòrpa. Mu gheibhear gu’m bi an tomhas salainn so leth-char beag, an sin, ath-leasaichear e le làn mèis a bharrachd a bhuileachadh air gach baraille. Tha e air a dheanamh mach gu’n gabh gach baraill sgadain beagan ni’s lugha n’an treas cuid do’n bharaill, do’n t-salann gharbh Spàinneach. Féumar a thoirt fa’near, gidheadh, ged a dh’ fhéudas an sailleadh Dùidseach a bhi freagarrach ni’s leoir chum sgadan a ghréidheadh gu blasda, air son am féuma fein, nach dean e an gnothuch idir, chum a leithid do sgadan a ghréidheadh air son a’ mhàrgaidh ’sa chòirdeas ris na ceannaichibh ann am Breatunn, no air tìr-mòr na h-Eòrpa. Ach an déigh so uile, féumaidh e bhi, gur iad a’ mhuinntir sin a ta air an cleachdadh ri sailleadh, na breitheamhna a’s fearr air an tomhas salainn is còir a bhi air a ghnàthachadh air son nam màrgaidhean sin fa leth, dh’ ìonnsuidh am bheil an t-iasg air a shònrachadh. A thuilleadh air sin, cha’n ’eil e soirbh rìaghailtean eagnuidh a thoirt seachad mu’n chùis so, do bhrìgh gu’m bheil iomadh gnè do’n t-salann-iasgaich ann an Liverpool, nach ’eil co-ionann ann an neart. Tha mòran luchd-gréidhidh ann, nach ’eil a’ gnàthachadh ach aon seòrsa salainn a mhain, an uair a ta mòran eile a’ gnàthachadh seòrsa na dhà feadh a chéile. Tha e gu tric a’ tachairt, gu’m bheil salann Lisboin agus Liverpool air an cur feadh a chéile, [TD 15] [Beurla] chum sgadan an aoin bharaille a shailleadh. An uair a bhios an t-iasg glan agus saor o ronnaibh, agus air a shailleadh fo chòmhdach moch ’sa mhaduinn, cha bhi an tomhas salainn a dh’ fhòghnas dha an sin, idir ni’s leòir air son an éisg a ta air a thruailleadh le ronnaibh, agus a ta air fhàgail gu’n shailleadh gu feasgar, gu sònraichte ma bhios an aimsir bog na bruicheil. Féumar, gidheadh, a chùimhneachadh mu ghnàthaichear salann na Spàinne, no Phortugail, gu’n deanar gréidheadh ni’s fearr leis, na ghabhas deanamh le salann Liverpool. Tha an sgadan an sin air a thoirt a dh’ ìonnsuidh nan dabhacha-masgaidh, far am faigh e a’ chéud chuid do’n ghréidheadh; ’se sin, far an oibrichear e gu maith, air ais agus air adhairt feadh an t-salainn. ’Nàm a bhi’ deanamh so, bu chòir do’n luchd-saillidh tomhas freagarrach salainn a thilgeadh am measg an éisg, an uair a thaomar e anns na dabhachaibh-masgaidh, agus bu chòir doibh a bhi sìr charuchadh an éisg, gus an tuit a chòir fein do’n t-salann air gach sgadan fa leth. Air do so a bhi air a dheanamh, bu chòir rud beag salainn a chrathadh air màs gach baraille, agus bu chòir do’n fhear-saillidh toiseachadh le bhi ’leagadh an sgadain anns a’ bharaill ’na bhreathaibh rìaghailteach. Deanar suas gach breath, le bhi’ leagadh an sgadain gu dìreach tarsuing air a’ bharaill; ach féumar cùram a ghabhail, gu’n càraichear na cìnn dlùth ris na clàraibh air gach taobh, leis na h-earbuill a stigh, agus gu’n deanar suas am meadhon gu cothromach a réir sin. Féumar a bhi cùramach gu’n crathar salann air na cìnn;—an sin, biodh an sgadan cìnn air a chàradh suas, ’se sin, an sgadan a chuirear tarsuing air cìnn nan sgadan leis an d’rinneadh suas a’ bhreath a leagadh a cheana, agus faigheadh e crathadh beag salainn, a ruigeas a stigh gu meadhon na breith. Is còir an dàrna breath a shuidheachadh ceart mar a rinneadh a’ chéud bhreath, ach is còir di a bhi air a leagadh gu dìreach tarsuing air a’ chéud aon, mar so, bithidh sgadan gach breith fa leth tarsuing air a chéile. Bu chòir tomhas riaghailteach salainn a sgaoileadh thar gach breath, agus air son so, tha roghainn ’ga deanamh do shalann St. Ube, no Lisboin. An uair a bhios am baraill làn [TD 16] [Beurla] bu chòir beagan a bharrachd salainn a chur air a’ bhreath-mullaich. Bu chòir do’n sgadan a ta air a shònrachadh air son mòr-thìr na h-Eòrpa, a bhi air a leagadh air a dhrùim; ach air son a’ mhargaidh Eirionnaich, nithear roghainn deth, an uair a leagar còmhnard e, no leth-char air a thaobh. Bu chòir do’n ìasg anns gach baraill a bhi gu léir do’n aon seòrsa agus gnè. Tha’n cleachdadh ro olc sin, trìd an cuirear droch sgadan am meadhon a’ bharaille, agus sgadan maith an ùachdar, air’ fhaotuinn a mach luath no màll, chum nàir agus mi-chliu don fhear a ta ’ga ghréidheadh. Bu chòir na baraillean a lìonadh os ceann an eàrra, agus am fàgail ’nan seasamh mar sin gus an ath là, no eadhon ni’s faide. Mar a leaghas an salann, tuitidh an sgadan sios, air chor is gu’m féumar na baraillean a bhi air an lìonadh suas a rìs. Air bàll, an uair a bhios na baraillean làn, bu chòir doibh a bhi gu h-iomchuidh air an còmhduchadh, chum nach ruig gathan na gréin, no’n t-uisge air an ìasg. Bu chòir do na soithichibh sin uile, a ta air an sònruchadh air son saillidh an sgadain air na tràighibh, no air na cladaichibh fosgailte, a bhi air an uigheamachadh le seann siùil, no le nithibh freagarrach eile, chum an t-ìasg a dhìonadh o’n ghréin agus o’n uisge; oir ma sgaoilear air a’ chladach e, gu’n a leithid sin do chòmhdach millear e gu cìnnteach. NA CÙBAIREAN. ’Se dleas’nas a’ chùbair a bhi faicilleach gu bheil a bharaillean gu léir air an deanamh gu ceart, agus gu bheil iad do’n mhèudachd laghail. Tha e anabarrach féumail g’um faigheadh e mach am bheil iad dìonach ni’s leoir chum a’ chéud phiceal a ghleidheadh, do bhrìgh mu chailleas iad e, nach ’eil ìnnleachd air ath-leasachadh a dheanamh air son an dòigh air am millear an t-ìasg. Bu chòir do na baraillibh a bhi air an deanamh a dh’ fhiodh air a dheagh chaoineachadh, agus bu chòir aire a thoirt gu’n deanar dìonach iad aig an eàrr, agus eadar na clàran, leis an luibh-uisge sin ris an abrar an gàll-sheilisdeir, no an luachair-mhòr, a chum gu’n gléidhear a’ chéud phiceal, ge b’e ciod a thachaireas. Aig àm an t-saillidh, bu chòir do’n chùbair, [TD 17] [Beurla] mar a chéud obair anns a’ mhaduinn, sùil a thoirt air gach baraill a shailleadh air an là roimhe sin, a dh’ fhéuchainn an do chàill aon air bith dhiubh am piceal, air chor is ma chàill, gu’n deanar suas a rìs e le salann agus piceal. Tha e ’na chleachdadh cumanta, a bhi taomadh picil a rìs ’sa rìs, anns na baraillibh a shailleadh air an là roimhe sin, agus a chàill am piceal, gu’n saothair sam bith a ghabhail an toiseach chum an deanamh dìonach. An sin gabhar sgadan nam baraillean sin a ta mar so air tiormachadh, chum baraillean eile a lìonadh suas, a ta dìonach agus air an deagh shailleadh. Cha bu chòir so a bhi idir air a cheadachadh, do bhrìgh, an uair a mhasgar an droch sgadan tioram sin, air feadh nan deagh sgadan a ta anns na baraillibh eile, gu’m millear a réir coslais, an t-ìasg air fad. Mar a dh’ ainmicheadh a cheana, bu chòir do’n chùbair a bhios a lathair, a bhi faicilleach gu’m faigh an luchd-cutaidh sgeinean géura gach maduinn. Féumaidh e a bhi cùramach gu’n crathar salann am measg an sgadain ’n àm a bhi ’ga thaomadh anns na soithichibh-cutaidh. Bu chòir da a bhi furachair gu’n dean an luchd-cutaidh an obair fein gu ceart, agus aire a thoirt gu’m bi an sgadan air a roinn ’na sheòrsaibh a réir a ghnè, agus gu’n cuirear air leth esan uile a bhriseadh agus a mhilleadh; agus an sin, gu’n cuirear gu ro mhaith air feadh a chéile e, anns an dabhaich-mhasgaidh. Féumaidh e, an sin, a bhi cìnnteach gu’m bi gach baraill air a dheagh bhogachadh le h-uisge, agus gu’m bi na cearcaill air an cur gu freagarrach, mu’n toirear iad do’n luchd-saillidh. Bu chòir da, mar an ceúdna, sùil a chumail air an luchd-saillidh, a dh’ fhaicinn gu’m bi na breathan sgadain air an leagadh, agus air an sailleadh gu rìaghailteach, agus gu’n cuirear còmhdach air gach baraill air bàll, an déigh dha bhi air a lìonadh suas. Bu chòir do’n chùbair àinm an fhir-saillidh a sgrìobhadh le cailc-dheirg, no le gùal-dubh, air màs, no air taobh gach baraille, an uair a bheirear seachad e, agus mar an céudna, an là air an do shailleadh e, agus na litrichean G——, S——, no R——, mar chomharadh co aca is e sgadan glan, salach, no ruithte, a ta anns gach baraill fa leth. Far am bheil an rìaghailt ghasda so air a cleachdadh, gheibhear gu’m bi i ’na bacadh air droch thaghadh air an iasg, [TD 18] [Beurla] agus mar an céudna air droch chutadh, agus air sailleadh neo-rìaghailteach. Leis an rìaghailt so, cha chuirear gach seòrsa fa leth do’n sgadan air feadh a’ chéile, an uair a bheirear na cìnn as na baraillibh, chum an deanamh suas, no chum an ath-lìonadh. An uair a thugadh cead sìolaidh do’n sgadan rè aoin, dhà, no a’ chuid a’s faide rè thri làithean, bu chòir na baraillean a lìonadh suas le sgadan a ghlacadh agus a shailleadh aig an aon àm, agus do’n aon seòrsa ris an sgadan a ta anns na baraillibh a cheana, agus bu chòir an aire a thoirt nach dòirtear a bheag do’n phiceal, agus nach deanar mòran bruthaidh air an ìasg. Bu chòir an sin, na cìnn a chur anns na baraillibh, an teannachadh anns na cearcallaibh, agus an cuir ’nan luidh air an taobh. Rachadh so a dheanamh an còmhnuidh fo chòmhdach, chum an dìonadh o ghathaibh na grèin, a ta ro mhillteach do’n iasg. Tha e freagarrach an sin, leth char a chur diùbh, gach dàrna agus treas là, gus an ath-lìonar iad. Bu chòir na baraillean ath-lìonadh air an taobh a stigh do chuig là déug o’n àm ’san do ghlacadh an sgadan; agus na biodh e air a dheanamh ni’s luaithe no’n uine sin, mu’s miànn leis an fhear-gréidhidh comharadh dligheach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fhaotuinn aig àm an ath-lìonaidh. An uair a bhios ni’s leòir do’n phiceal air a tharruing deth, bu chòir glacaid salainn a chrathadh ceithir thimchioll a’ bharaill air an taobh a stigh, ’se sin ma chithear féum air; agus bu chòir an sgadan a dhlùthadh gu teann ris na clàraibh, agus am baraill a dheanamh suas le sgadan do’n aon seòrsa agus sailleadh, gus am bi e air a dheagh lìonadh. Air do so a bhi air a dheanamh, féumaidh am baraill a bhi air a dhùnadh, air a dhìonachadh, air a theannachadh, air a shéideadh suas, agus air a chomharrachadh air an taobh le comharraibh a’ ghréidhidh. Féudar an sin, am piceal a thaomadh a stigh, agus am baraill fadheoidh a dhùnadh suas gu h-ìomlan. ATH-SHAILLEADH AN SGADAIN. Féumaidh gach uile sgadan a bhi air ’ath-shailleadh, chum gu’n gléidh e ann an dùchannaibh teth, agus chum gu’m féudar a chur as an Roinn-Eòrpa [TD 19] [Beurla] do thìribh eile. Mu’n tòisichear air an ath-shailleadh, féumaidh ùine chuig là déug dol seachad o’n àm ’san do ghlacadh, agus an do shailleadh an toiseach e. Chum na crìche so, féumaidh an sgadan a thaomadh a mach as gach baraill anns an do shailleadh an toiseach e, ann an dabhaich, no ann am ballan mòr, air a lìonadh le h-uisge glan, far an nighear agus an glanar o gach truaillidheachd e. An déigh sin, cuirear ann an cléibh e, chum gu’n ruith an t-uisge trompa, agus air da a bhi ’sileadh mar sin rè tamuill, cothromaichear air a’ mheidh e, agus bheirear dà chéud punnd cudthruim éisg do gach fear-saillidh fa chomhair gach baraille. Tha’n t-ìasg, an sin, air a dheanamh suas gu riàghailteach anns na baraillibh céudna, agus tha salann garbh Liverpool air a chrathadh air gach sreath a leagar, gus mar so an ath-lìonar am baraill. An sin, léumaidh am fear-saillidh le uile chudthrom air uachdar an éisg, chum a gheinneadh sios; agus mar lìon an tomhas éisg a fhuair e, am baraill, gheibh e tuilleadh. An sin, tha’m baraill air a dhùnadh, air a dhìonachadh, agus air a theannachadh. Cuirear na cearcaill gu gramail air an dà cheann, agus daingnichear iad le cearcall làidir ìaruinn, òirleach air léud, a chur air gach ceann. Tha na cearcaill-eàrra, an sin, air an tàirneadh, agus le sin criòchnaichear làn-cheangladh nam baraillean. Leagar an sin, ’n an sreathaibh iad ri taobh a chéile,—tollar gach aon ’sa mheadhon,—lìonar suas e le piceal làidir air a dheanamh do shalann glan, agus dùnar gu teann e. Tha na baraillean, an sin, deas gu bhi air am féuchainn, gu bhi air an comharrachadh le ìaruinn a’ Bhùird, agus gu bhi air an cur air muir dh’ ìonnsuidh àite sam bith a mach as an Roinn-Eòrpa. Tha sgadan ann nach ’eil idir air ’ath-shailleadh air an dòigh so. Cha’n ath-shaillear e, an uair a chuirear air luing e, goirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh, agus air a shailleadh, chum a bhi air thoiseach anns a’ mhàrgadh, chum grad fhéum a dheanamh dheth, agus chum luach mòr fhaotuinn air a shon. An uair a tha baraillean sgadain gu’n a bhi air an ath-lìonadh, air an sailleadh air soithichibh iàsgaich, no air an cur air bòrd gu bhi air an giùlan dh’ ìonnsuidh àitean eile, tha iad ealamh air am piceal a chàll, mar bi na breithean ìochdarach air an socrachadh gu cùramach ann an grùnnd na luinge; agus mar bi na baraillean air an teannachadh agus air an deagh dhàingneachadh le cearcallaibh. Mu dh’ fhàgar fad anns an staid sin iad, gheibhear iad, ’n àm a bhi ’gan cur gu tìr, air an trùailleadh, agus a’ fàs buidhe. Cha tachair so, gidheadh, mu bheirear faiceall a thaobh nan nithe so; [TD 20] [Beurla] ach an àite sin, théid an sgadan am feabhas leis a’ chùan-thuras, do bhrìgh nach bi e gu mi-chothromach air a bhruthadh anns na baraillibh, agus do bhrìgh gu’m faighear e, ’n àm a bhi ’fosgladh nam baraillean, air a dheagh chòmhdachadh leis a’ phiceal. Co aca tha no nach ’eil na baraillean sgadain air an deasachadh chum a bhi air an comharrachadh le h-iaruinn Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich, bu chòir an cumail an còmhnuidh làn picil;—agus far am faicear eú-dion ann an aon air bith dhiubh, bu chòir am baraill sin a theannachadh, no an t-ìasg a thoirt as, agus a shailleadh ann am baraill dìonach. Bu chòir leth char a thoirt do na baraillibh gach seachduin mu’n cuirear air bòrd soithich iad. Féumaidh an sgadan a bhi air a shailleadh cùig là déug mu’n iarrar ìarunn a’ Bhùird chum a chomharrachadh. Mu’s math leis an fhear-gréidhidh an sgadan aige fhaotuinn air a chomharrachadh, féumaidh e fios air sin a thoirt do’n Oifigeach, a’ cur an céill gu’m bheil a rùn air, uiread so do bharaillibh fhaotuinn air an comharrachadh, aig àm agus aig àite sònraichte; ’se sin, na h-uiread bharaillean do sgadan glan, no do sgadan salach, mar a dh’ fhéudas a’ chùis a bhi; an sin, ni an t-Oifigeach gu’n teagamh a dhleas’nas fein. Anns a’ chéud àite, tha’n t-Oifigeach a’ sealltuinn am bheil àinm sealbhadair an sgadain, maille ris an àit, agus a’ bhliàdhna anns an do shailleadh e, air an gearradh air na baraillibh, nithe bu chòir a bhi déunta mu’n tig an t-Oifigeach idir. Air do’n Oifigeach am fear-gréidhidh a chur air fhocal, a réir nan riàghailtean, agus air da na baraillean a thomhas, agus fhaicinn gu’n cùm gach aon diubh, mar bu chòir da a dheanamh, dà ghalan dhéug thar fhichead do’n tomhas fìona Shasunnach, théid e, an sin, air aghaidh a dh’ fhéuchainn staid nam baraillean agus an éisg. Chum na crìche so, bheir e òrdugh na h-uiread do na baraillibh fhosgladh, le bhi ’toirt nan ceann agus nam màs asda mu’n seach, chum e fein a dheanamh cìnnteach mu’n comharraich e iad, gu’m bheil an sgadan gu léir, anns gach àite fa leth do na baraillibh, mar bu chòir da a bhi. Bu chòir cùbair a bhi do ghnàth a’ frithealadh air gach soitheach, ’n àm a bhi ’cur an sgadain air bòrd, chum gach cearcall no eàrr briste a chàradh; chum gach dochunn eile a dheanamh suas a dh’ fhéudadh na baraillean fhaotuinn, le bhi ’gan giùlan air chairtibh; agus chum na cearcaill-eàrra a thàirneadh, mar d’ rinneadh sin roimh làimh. Bu chòir toirt air gach sgiobair soithich na baraillean a thogail gu bòrd le bùill chòrcaich a cheangal umpa, agus cha’n ann le cromagaibh-gramachaidh, [TD 21] [Beurla] leis am féudar na h-eàrran a bhriseadh; agus a rìs, bu chòir na baraillean a leagadh gu socrach ann am broinn an t-soithich, le tùill nan àrcan os an ceann, gu’n fhéum a chur air geimhleig. Tha feabhas an sgadain a ghréidhear leis na Dùidsich, gu h-àraidh ag éiridh, o bhi ’toirt géill air mhodh ro chùramach do na rìaghailtibh sin air fad, air an tugadh ìomradh anns an leabhar bheag so; agus mar an céudna ann an tomhas mòr, o bhi ’ga shailleadh a mhàin le salann Lisboin no St. Ube, ann an clàraibh daraich; an uair a ta an sgadan againne, air an làimh eile, air a shailleadh le salann Liverpool, agus air a dheanamh suas ann an clàraibh beithe, no feàrna. Air da a bhi ’na ni ro ìomchuidh, agus chum mòr bhuannachd do na h-ìasgairibh, agus do gach cuideachd aig am bheil gnothuch ri ìasgach an sgadain, cùl a chur ri cleachdadh a bhi ’glacadh Sìl an sgadain, no a’ mheanbh-sgadain; bu chòir do gach ìasgair fhaicinn ’na dhleas’nas dha fein, còmhnadh a dheanamh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich, chum so a dheanamh. Tha’n cleachdadh mìllteach so air a leantuinn fo’n leisgeul, a bhi ’glacadh an éisg ris an abrar an Gearr-sgadan. Tha e, air an aobhar sin, ’na ni cudthromach, gu’m biodh na comharan eadar-dhealachaidh a ta eadar Sìol an sgadain, agus an Gearr-sgadan, air an deanamh co aithnichte is gu’m bi fios cìnnteach aig na h-uile mu’n timchioll. Thugadh cunntas air na comharaibh sin, leis an duine fhòghluimte Mr. Séumas Wilson ann an Woodville, ann an litir a chuir e dh’ ìonnsuidh Rùn-chléirich a’ Bhùird, as an tugadh na nithe a leanas. I. Aite. Is e a’ chéud chomhar air an ìarrainn beachd a ghabhail, aon a tha co furasd aithneachadh, an dà chuid le faireachadh nam mèur, agus le sealladh nan sùl, is gu’m biodh e ’na ni soirbh an dà ghnè éisg sin a chur air leth eadhon anns an dòrchadas, ged bhiodh iad air am masgadh a’m measg a chéile ann an aon tòrr. Is e an comhar a ta agam ’san amharc, an fhoir bhiorach no stobach, a gheibhear air iomall ìochdarach a’ Ghearr-sgadain, gu h-inbh bhig rè na slighe eadar an sgòrnan agus an t-earbull. Is gànn a mhothuichear an comhar so idir anns an fhìor sgadan. Mothuichear e ann an tomhas beag ann an sìol an sgadain, ach cha’n fhad a mhaireas e. Ach anns a’ Ghearr-sgadan, air an làimhe eile, chithear an comhar so an còmhnuidh; oir fàsaidh e le ’fhàs, agus gheibhear [TD 22] [Beurla] e ’na shreath co cruaidh, agus co fiaclach air fad bléin an éisg, is mur beirear gu teann air dà thaobh an éisg, eadar a’ chorag agus an òrdag, gu’n sgiolc e mach as an làimh le neart nam bior, an uair a shùathar mèur na làimh’ eile nan aghaidh, air tàrr an éisg, o’n earbull gu ruig an sgòrnan. II. Aite. Tha sùil an Sgadain ann an coimeas ni’s modha ann am mèud na sùil a’ Ghearr-sgadain, air chor is ma chuirear meanbh-sgadan ri taobh Gearr-sgadain ni’s modha na e fein, chithear gu’m bi an t-sùil aige ni’s mòdha na sùil a’ Ghearr-sgadain; agus ma bhios na h-ìasgan iad fein co-ionann ann am mèud, chithear an sin barrachd atharrachaidh ann am mèud nan sùl aca. III. Aite. Cha’n ’eil an treas comhar co soilleir ris an dithis a dh’ àinmicheadh, gus an gabhar fior bheachd air, ach tha e ceart co cudthromach, air dha a bhi co-ionann seasmhach mar chomhar eadar-dhealachaidh. Ma bheachdaichear air suidheachadh na h-ite-dhroma aig an sgadan, agus ma tharruingear sgrìoch dìreach tarsuing air an ìasg, o’n fhoir a’s fhaide air thoiseach do’n ite-dhroma dh’ ìonnsuidh a’ bhléin, (mar anns na dealbhaibh a leanas) chithear gu’n tuit an sgrìoch sin an còmhnuidh air thoiseach air an ite-bhléin. Ach ma nithear sgrìoch air an dòigh chéudna, o’n fhoir a’s fhaide air thoiseach do’n ite-dhroma aig a’ Ghearr-sgadan, tuitidh an sgrioch sin, an còmhnuidh air dheireadh air an ite-bhléin. IV. Aite. Tha’n ceathramh comhar ag éiridh o’n chomhar a dh’ ainmicheadh mu dheireadh. Tha astar ni’s giorra, agus tha na sgrìochan dealachaidh ni’s lugha ann an àireamh anns a’ Ghearr-sgadan, eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin, na tha iad anns an fhìor Sgadan, air chor is gu’m bheil leth-toisich a’ Ghearr-sgadain ni’s giorra. V. Aite. Tha na h-earrainnean-dealachaidh a gheibhear air a’ bhlìan eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin ni’s modha ann am mèud, agus ni’s lugha ann an àireamh anns a’ Ghearr-sgadan na anns an fhior Sgadan, oir cha’n ’eil ach mu chuig déug do na h-earrannaibh sin anns a’ Ghearr-sgadan, an uair a tha mu fhichead anns an fhior Sgadan. A réir a’ chomhair so [TD 23] [Beurla] o’n leth a muigh, tha eadar-dhealachadh ann an àireamh nan aisnean aig an dà ìasg so; oir tha’n àireamh sin ni’s lugha anns a’ Ghearr-sgadan na anns an fhior Sgadan. Ghabh daoine fòghluimte beachd air iomadh comhar beag eadar-dhealachaidh eile, eadar an dà ghnè éisg so; ach tha mi a’ meas gu’m foghainn na dh’ ainmicheadh, air son a’ chuspair a ta ’san amharc; ’se sin, gu’m féud an t-atharrachadh a ta eadar an Gearr-sgadan agus am fior Sgadan, a bhi air fhaotuinn a mach gu furasd agus gu cìnnteach leo-san uile leis am mìann sin a dheanamh. Chuir mi sios an so dealbh a’ Ghearr-sgadain, agus mar an céudna dealbh an t-Sìl sgadain, chum na cuig comharan sin a nochdadh, air an d’rinneadh iomradh a cheana. Air ìarrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER. Rùn-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich. AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sámhraidh, 1845. [Dealbh] Gearr-Sgadan. Ite-dhroma. Ite-bhroillich. Ite-bhléin. [Dealbh] Sìol-Sgadain. Ite-bhroillich. Ite-bhléin. [TD 24] [Beurla] AN SÈOL AIR AN CÒIR AN TROSG, AN LANGA, AN TRAILLE, AGUS AM FALAMAIR, A GHRÉIDHEADH. Air a chlòdh-bhùaladh, agus air a chraobh-sgaoileadh, le Cuideachd Urramaich Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich. MU’N toirear fa’near gréidheadh an Truisg, na Langa, na Traille agus an Fhalmair, tha e ìomchuidh ainmeachadh, gu’m bu chòir soithichean le tobraichibh annta, a bhi air an gnàthachadh far am bheil e goireasach sin a dheanamh ann an glacadh an eísg. Anns na soithichibh sin, tha comus aig na h-ìasgairibh, cha’n e mhàin na bidhannan agus na magharan aca a ghléidheadh ann an deagh òrdugh; ach mar an céudna, an t-iasg a ghlanadh agus a shailleadh le cothrom agus buannachd, mar a ghlacar e. Ach co aca a nithear an t-ìasgach mar so, no le bàtaichibh, bu chòir a bhi ro chùramach nach fàgar na lìn uine co fada fodha, is gu’m bàsuich an t-ìasg orra. Ma ghnàthaichear bàtaichean, bu chòir doibh an tìr a thoirt a mach leis an ìasg co luath ’sa dh’fhéudas iad an déigh a thogail; agus cha bu chòir do’n ìasg a ghlacar air làithibh fa leth, a bhi air a chur feadh a chéile. Tha e na ni cìnnteach gu’n dean atharrachadh gréidhidh air ìasg, atharrachadh mòr ’na luach anns a’ mhàrgadh. Tha e soilleir, uime sin, gu’m bheil, cha’n e mhàin an t-èolas, ach mar an céudna an cleachdadh air an t-sèol gréidhidh a’s fearr, ’nan nithibh ro chudthromach, an da chuid do’n luchd-gréidhidh fein, agus d’on dùthaich as am bheil an t-ìasg ’ga chur a mach. Agus gu cìnnteach an uair a thuigear nach e barrachd cosdais, [TD 25] [Beurla] ach barrachd cúraim a tha féumail chum an rogha gréidhidh so a thoirt do’n iasg, agus gu’m féud an cùram sin a bhi air a ghabhail leis na h-ìasgairibh, no le’n teaghlaichibh ’n àm a bhi leigeadh na fola as, ’ga ghlanadh, agus ’ga thiormachadh,—féudar a bhi’n dòchas gu’m faic an luchd-gréidhidh, no iadsan os an ceann, air an son fein, gu’m bi gach ni freagarrach air a dheanamh gu deas agus gu buileach, chum féill ealamh agus thàrbhach fhaotuinn d’an ìasg. Tha’n sèol gréidhidh a’s fearr, féudaidh e bhi, air a chleachdadh ann an Siorramachd York, far am bheil an luchd-gréidhidh a’ deanamh an dìchill chum an t-ìasg a dheasachadh air a mhodh a’s fearr air son a’ mhàrgaidh Spàinnich. Do bhrìgh gu’m faighear an lùach a’s mò air son éisg anns a’ mhàrgadh sin, bu chòir do’n luchd-gréidhidh, air son am buannachd fein, gach dìchioll ’nan comus a dheanamh, chum ruigheachd air an fheabhas gréidhidh sin, a ni cìnnteach iad air féill mhaith fhaotuinn d’an ìasg anns an Spàinn. Chum a dhearbhadh gu’m bheil so airidh air an rogha cùraim, tha’n luchd-gréidhidh aig Eyemouth, le bhi ’sgrìobhadh gu caol dìreach dh’ ìonnsuidh nam priomh-cheannaichean Spàinneach ann an Lunainn, a’ faotuinn mu thuairmeis tri puinnd Shasunnach ni’s àirde air an tunna do’n trosg air a chomharrachadh, na fhuair iad rìamh roimhe. Tha cothrom aig fear-gréidhidh ann an cearnadh sam bith, air sgrìobhadh air an dòigh chéudna, le a chomhairle a chur ri Mr. Caimbeul, prìomh oifigeach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich ann an Lunainn, duine a bhitheas ro dhèonach air ainmean gach Comuinn fa leth, anns na tighibh Spàinneach, ìnnseadh dhoibhsan a dh’ ìarras sin air. Ach féudar a thoirt fanear, nach ruig neach sam bith a leas sin a dheanamh, aig nach ’eil ìasg a bhios co math is gu’n toill e an comharadh dligheach, agus gus an cuirear an comharadh sin air an ìasg, le oifigeach na h-ìasgaireachd anns an àite. Is còir an fhuil a leigeadh as an ìasg air bàll an uair a bheirear de’n dubhan e. Féudar so a dheanamh leis an neach aig am bheil mar obair a bhi ’ga thoirt bhàrr an dubhain. An sin, féumar an ceann a thoirt de’n ìasg, a sgoltadh suas, agus am mionach a thoirt as; ach ’n àm a bhi’ deanamh sin, bu chòir cùram a ghabhail do’n mhealag-snàmhaidh [TD 26] [Beurla] gus an saillear i. Is còir an sin, an cnàimh a thoirt as an ìasg, agus aire a thoirt gu’n gearrar e mar fhichead alt, no dà alt thar fhichead o’n earbull. Cha’n fhéudar an cnàimh a ghearradh gu dìreach tarsuing, ach cumar an sgìan sios a réir an earbuill, agus gearrar an cnàimh air’ fhíaradh troimh dà alt comhladh, gus am bi cinn nan cnàmh air a chumadh so 8. Se so a’s fearr a sheallas, agus tha’ bhuannachd so aige, nach béubanichear an t-ìasg, mar a thachaireas gu h-ealamh an uàir a ghearrar an cnàimh gu dìreach tarsuing troimh aon alt. Bu chòir, mar an céudna, gearradh beag a bhi air a dheanamh air fad na h-earrainn do’n chnàimh a dh’ fhàgadh, chum cead ruith a thoirt do’n fhuil a dh’fhan anns an àite sin; agus air do so uile a bhi deùnta, rachadh an t-iasg a thilgeadh ann an uisge glan. Bu chòir an sin, an t-ìasg a dheagh nigheadh anns a’ mhuir o gach uile shalachar; ach far nach gabh so deanamh air bàll, bu chòir a thilgeadh gu’n dàil ann am ballan mòr, no ann an dabhach làn sàil, agus a nigheadh an sin gu cùramach. Bu chòir an t-uisge a thaomadh a mach an uair a dh’ fhàsas e salach, agus uisge ùr a chur ’na àite. Féumar ro aire a thoirt gu’n toirear air falbh an craicionn dubh a ta’ leantuinn ri blìan an éisg. Mar ’eil ìnnleachd air na nithe so uile a dheanamh air an t-soitheach-iasgaich gu’n dàil an déigh do’n ìasg a bhi air a ghlacadh, bu chòir cùram a ghabhail deth le ’chur ann an àite tearuinte. An uair a bheirear bhàrr an dubhain e, agus a leigear an fhuil as, nithe a dh’fhéumar air gach cor a dheanamh, bu chòir a chur ann am bocsaibh, no ann an àitibh freagarrach eile, chum nach millear e leis an àile, agus nach bruthar leis na cosaibh e. Ach cumar air chùimhne, mar a’s mò a gheibh e do’n ghiullachd a dh’ àinmicheadh, air bàll an déigh a ghlacaidh, gur ann a’s fearr a bhios e. Tha e chum mòr bhùannachd an sailleadh a dheanamh air an t-soitheach, ma tha sin idir comusach; oir mar is luaithe a leagar anns an t-salann e, an déigh a thoirt as a’ mhuir, ’sann is cìnntich’ a bhios a’ chùis gu’m bi e air a dheagh ghréidheadh. Ach cia aca a ghréidhear air muir no air tìr e, cha bu chòir ’fhàgail, air chor sam bith, [TD 27] [Beurla] ni’s faide na ochd agus dà fhichead uàir gu’n a leagadh anns an t-salann. Tha cuid do’n luchd-gréidhidh ’sa bharail, an àit an t-ìasg a leagadh ’san t-salann gu’n dàil an uair a nighear e, gu’m bu chòir ’fhàgail a’m bogadh ann an uisge, rè dà ùair dhéug a dh’ùine, no a thilgeadh rè na h-ùine sin ann an tòrr mu’n saillear e. Rinneadh so le mòran le bhi’ saoilsinn gu’n toir e air an ìasg, an uair a ghréidhear ann am piceal e, sealltuinn tiugh agus taiceil anns a’ mhàrgadh. Tha iad so ’sa bharail, mar an céudna, gu’n toirear air falbh ronnan an éisg ni’s usa air an dòigh so, do bhrìgh, an uair a nithear suas, agus a thiormaichear an t-ìasg, an déigh na giullachd so fhaotuinn, gu’m bheil na ronnan a’ fàs tiugh air a’ chraicionn, agus gu’m bheil iad mar sin ni’s usa an glanadh dheth, no ’n uair a shaillear an t-ìasg aig an àm anns an nighear e. Ach ’si ’chùis gu’m bheil atadh an éisg air an dòigh so, agus na ronnan a ta gu tiugh aìr a’ chraicionn, a’ nochdadh gu’m bheil an t-ìasg a’ breothadh: tha e uime sin soilleir, an uair a dh’fhàgar e gu’n sailleadh, rè dà uair dhéug a dh’ùine gu’m bheil am piceal mar sin, a’ fàs ni’s luaithe goirt, air chor is nach urrainn gu’n chron a bhi air a dheanamh do’n ìasg. Ged is mèith an t-ìasg an sgadan seach an trosg, gidheadh, cha’n fhàgar am bogadh ann an uisge e mu’n saillear e; ni mò a cheaduichear da a bhi uairean dh’ùine gu’n salann, an déigh am mionach a thoirt as; ach tha a ghiullachd calg-dhìreach an aghaidh sin. Air an dòigh chéudna, uime sin, mar a’s luaithe a shaillear an trosg, an langa, an traille, agus am falmair, an déigh dhoibh a bhi gu buileach air an nigheadh, is ann a’s fearr a bhios an gréidheadh, agus an t-ìasg fein, agus is ann a’s lugha a dh’ fhéumar do’n t-salann. Bu chòir an sailleadh a bhi ’n còmhnuidh air a dheanamh ann an dabhachaibh, no ann am ballanaibh mòra, le còmhdachaibh freagarrach. Ach co dhiùbh a shaillear an t-iasg air an dòigh so, no a shaillear ann an tòrr e, dòigh nach ’eil idir co ìomchuidh, féumar a chur gu rìaghailteach air muin a chéile ’na shreathaibh, leis an drùim an ìochdar, agus an t-aon dìreach os ceann [?] aoin eile. Féumar an sin, gu leòir do shalann a chrathadh air gach sreath. Tha dà fhichead agus cuig, no leth-chéud punnd do shalann Liverpool, ni’s leòir chum céud punnd cudthroim éisg tiormaichte a shailleadh. Far nach ’eil e deiseil uiread so do’n t-salann a bhuileachadh, féudaidh e bhi gu’m féum an t-ìasg a bhi air fhàgail là no dhà ni’s faide ’s an t-salann; ach féumar fhàgail mar sin gu’n teagamh mu shaillear ann an tòrr e. Tha barrachd saillidh gu minic air a chleachdadh [TD 28] [Beurla] chum cudthrom an éisg a mhèudachadh; ach cha’n ’eil ni sam bith ni’s mealltaich’ na sin. Tha sin, cha’n e mhàin a’ toirt a’ bhrìgh as an ìasg, ach tha e ’ga fhàgail ni’s éutruime. ’Nàm do’n ìasg a bhi ’tiormachadh, tha brat salainn a’ fàs air ùachdar, a thuiteas deth gach uair a làimhsichear e, agus le so, tha’n t-ìasg fein air a thruailleadh co mòr, is gu’n dìultar e mar ìasg air a losgadh le salann, agus mu ghabhar idir e, nithear sin aig luach ro bheag. Ann an siorramachd York, far am bheil an sèol gréidhidh a’s fearr air a chleachdadh, tha’n t-ìasg gu léir air a shailleadh ann am ballanaibh, no ann an dabhachaibh. Fàgar, mar a’s trice, tri làithean anns an t-salann e; agus tha aon tunna salainn air a shonrachadh, chum tri tunnaichean éisg a ghréidheadh,—ach ma bhitheas an t-ìasg mòr, féumaidh e barrachd salainn na dh’fhéumas an t-ìasg beag. Is gnothuch so, gidheadh, nach ’eil idir soirbh ann an dùthaich far am bheil an aimsir mar a’s trice fliuch, agus an àile àitidh; oir mar gabh an t-ìasg do thaobh an ni sin, ris an t-salann mar bu chòir da a dheanamh, malcar e, ann an ùine ghoirid. Far am bheil fear-gréidhidh fiosrach, aithnichidh e le gréim a làimh, mu’n toirear an t-iasg idir as a’ phiceal, co dhiùbh a ghabh e ri salann gu leòir no nach do ghabh; ach cha’n fhaighear eòlas chum sin a dheanamh ach a mhàin trìd cleachdaidh. Ma shaillear an t-iasg an uair a bhios e ùr bhàrr an dubhain, cha ghabh e do’n t-salann ach na dh’fhéumas e, air a mhèud is gu’n toirear dha; ach mar bi e ùr, tha am barrachd salainn ’ga losgadh. Air do’n ìasg a bhi air a thoirt as na dabhachaibh, no as na ballanaibh, bu chòir a dheagh nigheadh, agus am piceal fhàsgadh as anns a’ mhuir, no ann an sàl. An sin togar suas e ’na chruaich fhada air mol a’ chladaich, a’ toirt aire gu’n càraichear gach ìasg le leathad, ’se sin, le ’cheann ni’s àirde na ’earbull, chum cead a thoirt do’n t-sàl sileadh gu buileach a mach as. Féudar fhàgail air an dòigh so là na dhà, mu’n sgaoilear a mach e air son tiormachaidh. Is e an dòigh a’s fearr gu mòr chum an t-ìasg a thiormachadh an dòigh a ta ’ga ghnàthachadh [TD 29] [Beurla] ann an Siorramachd York. Tha gach uile luchd-gréidhidh éisg gu dùrachdach air an comhairleachadh an seòl tiormachaidh so a chleachdadh, do bhrìgh nach ’eil seòl sam bith eile a ni co cìnnteach iad air reiceadh math fhaotuinn d’an ìasg anns a’ mhàrgadh Spàinneach. Ath-dhìolaidh an sèol so, ann an ùine ghoirid an neoni cosdais a nithear an toiseach chum uigheamachadh gu freagarrach air a shon. Tha luchd-gréidhidh Siorramachd York a’ gnàthachadh bhearta-tiormachaidh, a ta air an deanamh le spealtaibh fiodha air an togail air puist tri troidhean air àirde. Tha na spealta sin air an deanamh ann am fad iomchuidh, a réir mar a bhios féum orra, agus ma thuairmeis cheithir troidhean air lèud. Tha na bearta-tiormachaidh còmhnard air am mullach, le rongaibh-tarsuing sea òirlich o chéile, air an cuirear an t-ìasg ’na luidhe. Tha ’bhuannachd a’s mò a’ sruthadh o na beartaibh-tiormachaidh sin; agus ’si mòr-dhùrachd Bùird na h-Iasgaireachd, gu’m biodh iad gu coitchionn air an cleachdadh leis an luchd-gréidhidh anns gach àite, do bhrìgh gu’m bheil iad gu mòr ni’s fearr air son tiormachaidh na mol cladaich sam bith air ’fheabhas. ’Si buannachd a’s mò nam beart-tiormachaidh, gu’n cùm iad an t-ìasg glan, agus do bhrìgh gu’m faigh a’ ghaoth a stigh fodhpa, tha’n tiormachadh a’ dol air adhairt gu h-ìosal agus gu h-àrd aig an aon àm. Mar sin, cha bhi cunnart gu’m bi an t-ìasg air a sgàlltadh, air a bhòchdadh, no air a losgadh leis a’ ghréin, an uair a sgaoilear a mach an toiseach e; ni a thachaireas gu tric an uair a chuirear air mol teth cladaich e, air latha blàth. Ach an uair nach ’eil a chaochladh air mol cladaich ann, bu chòir a bhi ro chùramach gu’n an t-iasg a sgaoileadh, an uair a bhios na clachan tuilleadh ’s teth le neart na gréine, air neo loisgear e gu’n teagamh, agus cha’n ’eil ìnnleachd an déigh sin air a leasachadh gu ceart. Ach co dhiubh a chleachdar a’ bheart-tiormachaidh no’n cladach, is còir a bhi do ghnàth ro chùramach, nach sgaoilear an t-iasg a mach, rè là no dha an toiseach, ri diàn-theas na gréine. Féumar a bhi faiceallach mar an céudna, nach tiormaichear e tuilleadh ’s cabhagach, air neo gabhaidh e teas, fàsaidh e brisg, caillidh e an craicionn, bithidh e mar iasg leth-ròiste, agus cha’n fhaighear reiceadh dha. An toiseach, bu chòir a leagadh air a dhrùim, ach mu bhéul an fheasgair, bu chòir a dhrùim a chur an ùachdar, ann an dùintibh, [TD 30] [Beurla] no ann an torraibh beaga, a mhèudaichear a lion cuid is cuid, mar a dh’fhàsas an t-ìasg cruaidh. ’Nàm an tiormachaidh fèudar a chur air a dhrùim agus air a bhroinn mu’n seach dìreach mar a fhreagras a’ chùis. An uair a bhios e ’fas daingeann, is feairrd e a charuchadh gu tric, agus an uair a bhios na torran a’ fàs mòr, féudar clachan, no cudthroman a chur orra chum an teannachadh, agus chum an t-ìasg a dheanamh réidh agus còmhnard air an taobh a muigh. An uair a gheibh e mu leth tiormachaidh, is furasd ìnnseadh an sin, ma fhuair e tuilleadh ’sa chòir do shalann, agus ma fhuair, bu chòir taobh a’ chraicinn a chur an uachdar ris a’ ghréin, rè teas an latha, gus am faigh e an t-ìomlan tiormachaidh. Air an dòigh so, tarruingear an salann air falbh ’on taobh eile, agus fàsaidh dreach ro thaitneach ùaine air an ìasg. An uair a nithear torran air an iasg, ma bhéul an anamoich, bu chòir an còmhdachadh gu cùramach rè na h-òidhche le brataibh-luachrach, no le éudaichibh-cainbe, agus mar an céudna, an uair nach gabh an t-iasg sgaoileadh a mach le aimsir fhliuch. An déigh ceithir là déug tiormachaidh, bu chòir an t-ìasg a dheanamh suas ann an dùn, no ann an tòrr mòr, chum fallus a chur deth, agus bu chòir fhàgail anns an staid sin rè dà là dhéug, air a chòmhdachadh gu cùramach; agus an déigh sin, seachduin tiormachaidh fhaotuinn. A rìs, an déigh fallus a chur deth an dara uair, rè cheithir no shea laithean, bu chòir do dhà no thri làithean eile tiormachaidh a bhi ni’s leoir chum crìoch a chur air a’ ghréidheadh. Ach do thaobh nan nithe so uile, tha mòran aig an aimsir ri dheanamh; agus a réir mar a bhitheas an aimsir freagarrach no nach bi, gabhar am bichiontas eadar sea agus ochd seachduinean, chum gach ni a bhuineas do’n ghréidheadh a chrìochnachadh. Tha’n sèol air an caoinichear an t-ìasg agus air an cuirear fallus deth, ’na earrann ro chudthromach do’n ghréidheadh, d’am féum aire ro shònraichte a thabhairt, oir mar cuirear fallus deth gu ceart, mu’n cuirear chum an tigh-thasgaidh e, fàsaidh e gu h-ealamh breòite, ronnach, neo-dhreachail, agus neo-fhreagarrach air son a’ mhàrgaidh. Féumaidh an t-ìasg a dheasuichear air son a’ mhàrgaidh Spàinnich a bhi gu h-éutrom air a shailleadh, gu buileach soilleir, gu fior-ghlan uaine ann an dath, agus gu ro chruaidh air a thiormachadh. An uair a chuirear fallus deth air shèol iomchuidh. [TD 31] [Beurla] agus an uair a bhitheas e caoin, agus crìochnaichte ann an gréidheadh, bu chòir a chur chum an tigh-thasgaidh. Cha’n ’eil e freagarrach sin a dheanamh, gidheadh, air là blàth, no ’n uair a bhios an t-ìasg teth bhàrr a’ chladaich, no na beairt-tiormachaidh; ach bu chòir a chur do’n tigh ann an staid fhionnair, an dara cuid ’san fheasgar no ’sa mhaduinn. Ma bhithear cùramach air an dòigh so, agus ma ghiullaichear an t-ìasg air gach sèol a dh’ainmicheadh, gléidhidh e rè ùine fhada gu’n mhilleadh, agus gu’n truailleadh; ach féumar an ro aire a thoirt gu’n cumar an àile uaith le còmhdachadh iomchuidh, agus gu’n cuirear e ann an tigh-tasgaidh dìonach agas dùinte. Tha mòran do’n luchd-gréidhidh ann an Siorramachd York, ’nàm doibh a bhi ’deanamh suas an éisg chaoinichte ’nan tighibh-tasgaidh, a’ cur bad beag fodair glan eadar gach sreath do’n ìasg. Le sin a dheanamh, tha’n còrr salainn air a tharruing air falbh o’n ìasg o’n leth a muigh, agus a thuilleadh air deagh dhreach a chur air, cumar e gu’n mhalcadh, gu’n bhreotha, agus gu’n mhilleadh rè ùine fhada. An uair a ghleidhear ann an salann ìasg a ghlacar anns a’ gheamhradh, gus an tig tiormachd na bliadhna a stigh, féumaidh e beagan a bharrachd salainn; ach ma ghléidhear ann an tòrr e, is còir a chòmhdachadh gu cùramach le brataibh-luachrach, no le éudachaibh-cainbe, ’ga chumail glan, agus chum nach càill e a dhreach. An uair a tha’n t-ìasg gu bhi air a ghréidheadh ann am piceal, féudar ’fhàgail air a shailleadh ann an dabhachaibh, gus an deanar suas a rìs ann am baraillibh e. ’Nàm a bhi ’ga ghluàsad, bu chòir a dheagh ghlanadh, agus a nigheadh le h-uisge glan, agus na ronnan a sgrìobadh gu buileach leis an sgian bhàrr a’ chraicinn agus nan itibh-droma. Féudar an sin, an t-ìasg a dheanamh suas a rìs ann am baraillibh, agus a dheasachadh air son a’ mhàrgaidh. Bu chòir àireamh an éisg anns gach baraill fa leth a chomharrachadh air an taobh a muigh dheth. Tha ceithir fichead is ceithir puinnd salainn ni’s leòir chum gach baraill a ghréidheadh, agus a dheanamh suas air son a mhàrgaidh aig an tigh; ach féumaidh e céud punnd cudthroim salainn, ma chuirear a mach as an rìoghachd e. Air ìarrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER, Rún-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich. AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sámhraidh, 1845. [TD 32] [Beurla] An sèol air an còir an Trosg, an Langa, an Traille, agus am Falmair a Ghréidheadh, Fliuch, no ann am Piceal. Is sèol gréidhidh so, trìd an deanar an t-ìasg ’na bhathar ro luàchmhor air son dhùchannan eile, agus trid an deasuichear e, chum féum mòr a dheanamh dheth aig an tigh. ’Nan rachadh an sèol gréidhidh so a chleachdadh ni’s farsuinge, bhiodh e ’na chuspair ro ion-mhiannaichte chum leas na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich a mhèudachadh. Tha’n dòigh a’s fearr chum an sèol gréidhidh so a ghìulan air aghaidh, mar a leanas: Air do’n ìasg a bhi gu freagarrach air a sgoltadh, air a ghlanadh, agus a nigheadh, bu chòir an sin, a shailleadh ann am ballanaibh mòra, no ann am bocsaibh ceithir-chearnach. air an deanamh dìonach chum am piceal a chumail, agus gu cùramach air an còmhduchadh o’n ghréin agus o’n uisge. Air dhà a bhi dà fhichead uair ’sa h-ochd ann an salann, féudar an sin a nigheadh ann an uisge glan ùr; agus féumaidh craicionn gach éisg a bhi gu math air a sgùradh le sguaib bhig fhraoich, no le bruis-làimhe, mar a ta cuid a’ cleachdadh. An uair a ghlanar na ronnan gu buileach air falbh, agus a shruthailear e gu maith ann an uisge fuar ùr, tha e air a dheanamh suas ’na thòrr, chum cead silidh a thoirt da, agus an sin air a leagadh ann am baraillibh, le salann glan. Ann an deanamh so, cumar taobh a’ chraicinn do’n ìasg ri ìochdar a’ bharaille, agus mar sin lìonar suas e, a’ cur iomchuidheachd salainn eadar gach breath do’n ìasg, agus ’ga chumail co còmhnard ’sa dh’ fhéudar, agus co dlùth ’sa ghabhas e càradh ri clàraibh a bharaille. Tha e iomchuidh an t-ìasg a chruinneachadh agus a shèorsachadh ’na thri, no na cheithir earrannaibh, a réir a mhèud; agus bu chòir gach earrann a bhi air a shailleadh ann am baraillibh air leth. [TD 33] [Beurla] Ma chuireadh an t-ìasg gu daingean anns na baraillibh, agus ma dh’ fhàgadh iad sin rè oidhche air an cìnn, agus air an còmhduchadh gu freagarrach mu’n do theannaicheadh iad, an sin, cha bhi féum sam bith air léumadh orra leis na cosaibh. Tha’n t-iasg a’s àirde, no’n t-iasg ùachdarach anns a’ bharaille, an sin, air a chàradh leis a’ chraicionn an ùachdar, agus tha salann air a sgaoileadh thairis air. Féumar an sin na baraillean a dhùnadh, a theannachadh, a leagadh sios, a chur ’nan sreathaibh, a tholladh air an taobh, agus a lionadh suas le piceal. Bu chòir am piceal a bhi an còmhnuidh air a dheanamh le salann glan; agus an uair a bhios féum air, bu chòir am bàrr a thoirt dheth, do bhrìgh gu’m mìll salachar sam bith anns a’ phiceal gilead an éisg. Féumar an sin, àireamh agus gnè an éisg anns gach baraill fa leth, a bhi air an sgrìobhadh air taobh a’ bharaille, agus mar an céudna, an là de’n mhios air an do lìonadh e mu dheireadh. Ma gheibhear le géur-amharc gu’m bi na clàran agus an t-ìasg air gach dòigh a réir an lagha, agus a réir rìaghailtean a’ Bhùird, féudar an sin na baraillean a chomharrachadh le iaruinn Oifigich na h-Iasgaireachd. Air iàrrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER. Rùn-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich. AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sàmhraidh, 1845.