[TD 727] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XXIV.] AN CEUD MHIOS, 1850. [R’A REIC AIR SON TRI SGILLINN CONTENTS:—I. The departure of the Old Year, page 727. II. On the eternal condition of those dying in Infancy, page 731. III. “Hitherto hath the Lord helped us,” or a Tale of Highland Destitution, page 736. IV. A Letter to the Editor on the Education of Children, page 741. V. The Arctic Expedition, page 746. VI. Emigration to Port Natal, page 750. VII. Gælic Proverbs, (continued), page 752. VIII. Public News;—Austria and Hungary—the Settlers at Cape Town and the Convicts—Death of the Queen Dowager—Markets, &c., pages, 754—58. I. TRIALL NA SEANA BHLIADHNA O’N T-SAOGHAL. AIR oidhche àraidh an uair a bha an t-seana bhliadhna a’ tighin gu crìch thug i fainear le mòr bhròn gu’n robh gach sean agus òg, gach lag agus làidir, a’ feitheamh mì-fhoighidneach na h-uaire anns an tilgeadh i an deò. Shaoil an t-seana mhàthair bhochd gu’n d’ rinn i a dleas’nas ris gach aon; agus bha i ann am beachd gu’m biodh muinntir na dùthcha fo mhulad a chionn gu’n robh i nis air a turas do thìr na dì-chuimhn’. Ach bha i air a mealladh. O’n cheud là anns an d’ thainig i dh’ ionnsuidh an t-saoghail cha’n fhac i ’leithid a dh’ àbhachdas agus a dh’ fhearas-chuideachd—bha òl ’us ceòl ’us danns’ ann—gach duine ri gàirdeachas a chionn gu’n robh i ga’m fàgail. An uair a thug i so fainear chuir e trioblaid mhòr oirre—thionndaidh i ’culthaobh ris gach neach a bha mu’n cuairt d’i, agus labhair i gu fann anns na briathran a leanas.— [TD 728] “B’ fhearr leam nach tainig mi riamh a dh’ ionnsuidh an t-saoghail—a’ faicinn agus a’ cluinntinn, air leaba mo bhàis, na muinntir sin air an do chuir mi co liutha comain, ri urrad ghàirdeachais air son mi bhi ga’m fàgail. Bu mhiodalach, briathrach iad an uair a thainig mi ’n am measg air tùs—gach aon ’s an tìr ga’m fhàilteachadh le furan. Is beag a shaoil mi gu’m fàgainn an an saoghal ag éisdeachd ri mire, ’s ri sùgradh, agus ri rannan de dh’ òrain dìomhain. Cha ’n ’eil de shòlas agam air an oidhche nochd, air leaba mo bhàis, ach co fada ’s is fiosrach mi gu’n do rinn mi mo dhleas’nas ris gach neach mar a b’fhearr a dh’fheud mi. Cha tug mi gealladh sam bith seachad nach do choimh-gheall mi: agus tha mi a’ smaoineachadh gu’n robh mi co toirbheartach, agus co bàigheil ’s a bha iadsan a thainig romham. “Rinn mo dhà dhuine dhéug chloinne nach maireann na bha ’nan comas air son maith na dùthcha. Gun teagamh sam bith bha mo cheud-ghin (January) car beag fionnuar ’na nàdur; ach ged a bha, is iomad oidhche chridheil a chuir iad seachad ’na chuideachd. “Ged a bha ’m Màrt tioram, greannach, bu mhaith gu feum e. Thug e gach cothrom dhoibh gu deasachadh air son na bha rompa; agus iadsan a rinn dìmeas air, agus nach do ghabh an cothrom ’na àm bha aithreachas ni bu leòir orra an uair a bha e tuille is anamoch. “’Na dhéigh-san rugadh a chaileag àluinn sin, Màigh. Is iomad déur a shil i an déigh a bràthar. Cha robh latha d’a beatha nach d’ uisgich i am fearann ’s am fonn a chaidh ullachadh an uair a bha esan beò. Chuir i dath uaine air gach slios agus raon: ’s cha robh i latha riamh gun fhiamh ghàire, ged bu tric an t-snithe air a gruaidhean. “’Na déigh-se thainig a piuthar (June) a bha ro mhaiseach, baoisgeil, le crùn de fhlùraichean air a ceann. B’ ioma òganach tapaidh a dh’ iarr a làmh, agus leis am bu mhiann suidhe leatha air chùl gaoithe ’s air eudan gréine. “Bha a piuthar a b’ òige (July) car coltach rithe ’na cruth ’s na nàdur. Bha a h-anail co cùbhraidh ri gaoth a’ ghàraidh. Bu tric a shuidh gach beag ’us mòr, sean ’us òg maille rithe fo dhubhar nan craobh. Bu mhinic a choisich iad leatha ’n uair a bha an drùchd air an fhéur. B’ àluinn i ’am béul an anamoich, an uair a bhiodh a h-obair latha seachad, ’s a bhiodh an spréidh a’ tighin ’hun na buaile. Bha gach aon diubh a’ toirt bàrr air a chéile ann an àilleachd; ged a bha iad uile, mo chreach! co diombuan. “Ach saoil an do dhì-chuimhnich iad esan (am Foghar’) a thainig luchdaichte leis gach seòrsa meas, agus lòin. Is ioma teaghlach a rinn e ait, agus sabhal a rinn e ’lìonadh- Ach ciod a bhuil a rinn mòran a tha an nochd ri urrad aigheir de gach cothrom a fhuair iad air son an cor féin a chur ’am feobhas? “Chuir mi an eachdamh cuid de m’ ùine air leth air son fois, sàmhchair, agus fòghlum féumail a thoirt dhoibh.” Air dh’i so a ràdh thainig reachd ’na muineal—shil a deòir gu dlùth air a [TD 729] gruaidhean preasach. Co luath ’s a fhuair i faochadh, thubhairt i:—“O! mo Shàbaidean Naomha—na gibhtean a bu luachmhoire a bha agam, agus a bu luchmhoire a chaidh a bhuileachadh air clann nan daoine! Ach gidheadh tha mòran tuille de bhròn no de chorruich orm air son nan ciontach truagh ud a tha ri urrad othail mu’m leabaidh bhàis .Rinn iad tuille croin dhoibh féin na rinn iad domhsa. Tha mòran de na h-amadain ud a thug gach oidhirp a bha ’n an comas air mo mhaoin a mhealladh uam; ach mo thruaighe! ghlacadh iad féin anns an lìon a leag iad air son mise ’ribeadh. Cha robh de lethsgeul aca ach nach b’ urrainn iad nì sam bith a dheanamh a chionn gu’n robh iad air an ceangal le LEISG. Shuidheadh iad so fad an là earraich dh’ fheuch am faigheadh iad fàth air beagan de m’ mhaoin a mhealladh uam. “Thug cuid eile oidheirp air mo spùinneadh, agus eadhoin air mo mharbhadh. Gha robh de lethsgeul aca so ach gu’n robh iad ’n an CODAL. Cha ’n ’e mhàin gu’n robh iad gun mhaith, gun stà fad fuachd a’ gheamhraidh, ach a’ chearta co beag maith anns a’ mhaduinn shamhraidh: agus tha ’bhlàth, ’sa bhuil air cuid diubh an diugh. “Thug mòran oidhirp air mo chràdh le RÌOMHADH agus le SPÒRS. Bha iad so ro fheallta; oir bha iad a’ gabhail orra gu’n robh mòr spéis aca dhiom, an uair a bha iad ’n an tur naimhdean domh. Bha mòran diubh glan a mach ach salach a stigh. Thug na h-urrad mòran de m’ stòras air falbh le ana-caitheadh, agus le sògh; ach phàigh iad daor gu leòir air a shon. “Bha cuid eile thug oidhirp ghràineil air mo bhàthadh; ach mo thruaighe! thug iad iad féin gu trioblaid agus gu cràdh anns an oidhirp. Is ioma aon de na créutairaan truagh ud a chunnaic mi ni b’ ilse na ainmhidhean na mach’rach, agus ni b’ oillteile na uile-bheisdean a’ chuain. An céill ’s an toinnisg air an tréigsinn—cainnt shalach agus mionnan an aon uirigleadh a bha aca. Agus cluinn iad air an oidhch’ an nochd—ri òl ’s ri aighear—a’ cruinneachadh a dh’ fhàilteachadh na bana-choigrich a tha ’tighin ’am àite-sa ’an ùine ghoirid. Is beag fios a th’ aice cò a caraid. An ceann beagan làithean chì i nach iadsan is àirde glaodh, agus is motha othail is dìlse dh’i. Tha e uile choltach gu’m bi aithreachas air gu leòir dhiubh, an uair a bhios mis’ an tìr na dì-chuimhn’, air son mar a ghnàthaich iad mi. Chomharlichinn dhoibh gun an ùine ’chaitheamh a’ sodal rithise a tha ’tighin ’am dhéigh: oir co cinnteach ’s a tha mis’ an nochd air mo leabaidh-bhàis, bheir esan a thug dhomh mo bhith gu cunntas iad air son mar a bhuin iad rium. Tha mi ’n dòchas gu’n gnàthaich iad ise a tha ’tighin ’am àite nas fearr na ghnàthaich iad mise. Tha fios agam gu’n toir iad iomadh gealladh dh’ise co maith ’s a thug iad dhomhsa ’an làithean m’ òige: ach cumadh iad air chuimhne, gur ‘fearr aon oidhirp le dìchioll, na dusan gealladh gun choimh-ghealladh.’” Air dh’i so a ràdh dh’ fhàs i ro làg—dh’ fhàilnich a fradharc—thainig gleadhran a’ bhàis na muineal. Thug i oidhirp air labh- [TD 730] airt, ach bha a guth ro fhann, agus cha tuigteadh aon fhocal a thubhairt i le gleadhraich na muinntir sin a bha ri othail, agus ri iolach a chionn gu a robh i ga’m fàgail. Bhuail an t-uaireadar mòr le ’chlag fuaimneach dà uair dhéug co luath ’s a bha ’na chomas, dh’ fheuch an tionndadh iad an aire ri’m bana-charaid dhìleas a bha ’nis a’ toirt suas an deò; ach cha bu mhòr dhiubh a ghabh suim air bith dh’i aig a crìch! Cha bu luaithe a thilg an t-seana Bhliadhna an deò na thainig a’ Bhliadhn’ ùr na h-àite. Bha ise sunndach, aighearach; agus cha b’ ìoghnadh ged a bha: oir bu mhòr an fhaoilte ’rinneadh rithe. Cha robh crubach no bacach ’s an dùthaich nach d’ éirich air a chorraspid co luath ’s a thainig i dlùth. Cha robh tigh anns nach robh botal a’ feitheamh oirre, agus cha robh botal aig nach robh glug, glug ag òl air a slàinte. Bha sean ’us òg, bochd ’us beairteach, uil’ a’ guidhe “Bliadhna mhaith Ur” do aon a chéile. Bha so uile glé ghealtannach; ach bha mòran diubhsan a bu chridheile furan ’s a’ mhaduinn air bheag suim de’n “Bhliadhna mhaith Uir” aig tighin an anamoich. Bha iad gun chùram, gun suim, gun tùr, gun mhothachadh, gun chomas gluasaid cois no làimhe leis a’ MHISG. Chunnaic sinn a’ “Bhliadhn’ Ur” a’ toirt sùl’ amharusaich, iomagainich orra; agus chuala sinn i ag ràdh ann an guth ìosal, “Tha eagal orm nach dean iad sud maith dhoibh féin no dhomhsa. Cha do shaoil mi ’s a’ mhaduinn gu’m biodh iad co luath ’n an aobhar nàire.” Dh’ fhàg sinn ann am marbh-shuain throm na druaip iad. Cha’n fhaca sinn uaith sin iad; ach ’s cinnteach leinn nach bi an dùsgadh milis; agus is eagal leinn nach Bliadhna mhaith ùr—ach bliadhna ro dhona truagh a tha f’an comhair-san. ’N uair a bha sinn dìreach a’ gabhail mu thàmh chuala sinn ceòl ro thiamhaidh, mhilis a’ tighin oirnn air oiteig na h-oidhche á talla bha dlùth dhuinn. Dh’ éisd sinn gu furachar agus chuala sinn gu soilleir na rannan a leanas.— “O! gur mi tha fo smuairein, Agus m’ intinn air gluasad le bròn; Le bhi ’faicinn m’an cuairt domh Mòran pheacach a’ gluasad ’s a’ cheò: Tha iad aotrom ’us luaineach— Tha iad ’greasad gun smaoineach ’s an ròd, ’Bheir gu dòruinn bith-bhuan iad, Far nach cluinn iad guth suaimhneach no ccòl. “Tha na cleachduinnean gràineil, ’Us na mearachdan b’ àbhaist gach uair, Air an leanachd le càileachd, ’S iad comh-ionnan ri nàdur an t-sluaigh: Cha drùigh teagasg a’ Bhìobnill Air an aigne, tha ’n intinn co cruaidh, Is gur dìomhain bhi ’strì riu, Mar tig Spiorad na firinn a nuas. “Tha cuid a’ briseadh na Sàbaid, ’Us cuid eile a’ sàsach’ am miann; [TD 731] Dream ri mionnaibh le h-àrdan, ’Us gu bréugan tha àireamh a’ fiar’; Cuid ri gaduidheachd thràilleil, ’Us do’n mhisge tha pàirt dhiubh a’ strìochd’, ’S cha ’n ’eil aon de na h-àith’ntibh, Nach ’eil iad ’saltairt fo’n sàiltibh gach ial. “’Us aig toiseach na bliadhna Cha ’n ion-mholta, ’s cha chiatach a’ m’ shùil; A bhi ’faicinn nan riagh’ltean, ’Tha mar reachdaibh o’n diabhol ’s an dùth’ch; Theid na h-òigfhir gu h-iomain, Chum ’s gu’m fògair iad bioran nach fiù; ’S e fuil a dhòrtadh, gu minic, ’Chuireas ’ghòraich ’s an iomairt air chùil. “Ann an duibhre an anamoich, Ged bhiodh uisge ro gharbh ann ’us ceò, ’Chumadh daoine o’n t-searmoin, Do nach gaolach bhi ’leanmhuinn na còir, Theid gu sunndach do’n talla, Far an cluinn iad mòr chaithream ’us ceòl, ’S bheir an oidhche ’n an caithris, Gun bhi claoidhte le cadal gu lò. “O! a dhaoine neo-chiallach, C’ uim’ co aotrom, mhi-rianail gach lò, ’Toirt ur culthaobh ri Criosda, Agus ’rùnach bhi ’riarach’ na feòl’? Bheir am bàs sibh gu strìochdadh, ’S theid ur càradh gle ìosal fo’n fhòid; ’S theid an t-anam mi-dhiadhaidh Fhuadach dhachaidh gu prìosan a bhròin! “Cha ’n e masladh no tamailt A tha agam ’s an Dàn so ’am rùn; ’S ann an caoimhneas ’s an càirdeas ’Tha mi ’labhairt co dàn’ ri m’ luchd-dù’ch’. Dh’ fheuch an teicheadh iad tràthail O an cleachduinnibh gràineil nach fhiù; Agus gabhail ri slàinte, Mu’n teid geata nan gràs orra dhùn’.” D. Mc F. II. MU CHOR NAOIDHEINEAN AN DEIGH A’ BHAIS. CIOD e cor an àireimh mhòir de’n chinne-daonna a tha air an gairm air falbh ann an tùs an òige—mu’n urrainn iad dealachadh a chur eadar am maith, agus an t-olc—ris na naoidheinean sin a tha mhàin a’ fosgladh an sùl air an t-saoghal so gu cead deireannach a ghabhail de ’aoibhneis ’us de ’thrioblaidean faoin? Is iomad athair brònach ’us màthair dhéurach a tha ’feòraich na ceisde so le mòr ìomaguin an uair a tha, theagamh, an ceud-ghin air a ghrad ghearradh as—an uair a tha aighear an sùl air fholach uatha ann an dubh dhorachadas na h-uaighe. Agus a bhàrr air pàrantan a tha ’caoidh an cloinne tha gach duine anns a bheil tuigse no [TD 732] smaoin—gu h-àraidh gach duine aig a bheil a’ bheag a shuim mu rìoghachd Chriosd—deònach air fios a bhi aige ciod a tha ’tighin ris na mìltean do-àireamh sin a tha ’fàgail an t-saoghail ann an leanabas. Tha pailt dara leth a chinne-daonna gu léir air an gearradh as ann an làithean na h-òige, mu’m bheil iad a’ tighin gu h-uirbhidheachd, no gu àite dhaoine. Nach mòr a’ cheisd matà, am bheil iad so gu leir ri bhi ’fulang a’ bhàis shìorruith amhuil a tha iad a’ fulang a bhàis aimsireil, no’m bheil iad air an deanadh ’nan cloinn do Dhia trìd Iosa Criosd, agus a’ mealtuinn na beatha shubhainn? Cha ’n ’eil sinn a’ gabhail os làimh a’ cheist so a làn shocrachadh—freagairt dhearbhta nach urrainnear cur na h-aghaidh a thoirt oirre air aon taobh. Ach cuiridh sinn fa chomhair ar luchd-léughaidh na nithean sin a tha ’toirt oirnn féin deadh dhòchas altrum a thaobh cor sìorruith nan naoidheinean a tha air an gearradh as leis a’ bhàs. Tha e soilleir gu bheil naoidheinean a’ toirt a steach do’n t-saoghal nàduir thruaillidh, aingidh—nàduir a tha mar so air a dhruideadh a mach o làthaireachd an Dé naoimh; agus a tha fo dhìteadh.—“An nì sin a tha air a bhreith o’n fheòil is feòil e.”—Eòin iii. 6. “Féuch ann an éuceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthar mi ’na broinn.”—Salm li. 5. Agus tha ’n fhirinn chéudna air a leigeìl ris dhuinn ann an òrdugh an Timchioll-ghearraidh o shean, agus a’ Bhaistidh ’s an Eaglais Chriosduidh. Oir c’arson a bha leanabh air a thimhchioll-ghearradh, no air a bhaisteadh mur robh féum aige air glanadh? Tha naoidheinean mar so neò-ghlan; agus ma tha iad ri bhi air an sàbhaladh ’s ann trìd na fireantachd sin a dh’ oibricheadh a mach le Criosd, agus tre ath-ghineamhuinn an Spioraid: oir cha’n ’eil ainm eile air a thoirt fo nèamh tre ’n urrainn neach a bhi air a thèarnadh ach ainm Chriosda. “Ach cha chomasach do naoidheinean creidsinn ’na ainm-san, no gabhail air dhòigh air bith ris an fhìrinn a tha a’ naomhachadh. Cia mar matà is urrainn dhoibhsan a bhi air an saoradh tre Chriosd?” ’Se so matà réusonachadh sònruichte a chuala sinn acasan a tha ’gleidheil a mach nach ’eil naoidheinean air an sàbhaladh. Ach cha réusonachadh e aig a bheil mòran stéigh, no gruinnd ma bheachdaicheas sinn air. Cha’n ’eil naoidheinean comasach air an fhìrinn a chreidsinn—air gabhail rithe no air a diùltadh. Cha ’n ’eil iad comasach air a tuigsinn ’s a bheag no ’s a mhòr; agus uime so cha ’n urrainn gu’m bi iadsan air an agairt air son am mì-chreidimh; a chionn tha Dia a’ gabhail ri neach a réir an nì a tha aige, agus cha ’n ann a réir an nì nach ’eil aige. A rithis cha urrainn iad a bhi air an naomhachadh tre ’n fhìrinn, a chionn nach ’eil iad comasach air an fhìrinn a thuigsinn. Ach gu cinnteach feudaidh an Spiorad sin a tha Uile-chumhachdach—a tha comasach air oibreachadh gun mheadhonan co maith agus tré mheadhonan an anaman-san a naomhachadh air dhòighean eile—as eugais na firinn. [TD 733] Tha mearachd mòr agus tur anns an réusonachadh ud mn’m bheil sinn a’ labhairt, agus ’s e so e:—gu bheil e a’ càradh ri naoidheinean nithe nach ’eil an Sgriobtur a’ labhairt umpa-san idir; ach a mhàin mu’n fheadhain sin a thainig gu tuigse—gu bliadhnachan, agus gu céill. Tha creidimh agus ùmhlachd na fìrinn air an iarraidh orrasan a thàinig gu tomhas aois’ agus réusain—aig a bheil buaidhean agus aignidhean freagarrach air son drùghadh a bhi air a dheanamh orra leis an fhìrinn ann an làimh an Spioraid; ach ’s ann orrasan a mhàin. Agus tha sinn a’ deanamh dh’e nach ’eil na nithean ud a’ cur soluis air bith air cor naoidheinean—nach buin iad idir dhoibh. Theid sinn a nis air ar n-aghaidh céum eile, agus their sinn gu bheil e coltach o’n dòigh anns an do dhlùth-cheangail Dia féin clann ri’n aithrichean—àl ri h àl; agus eadhoin linn ri linn de ’n chinn-daonna o thoiseach an t-saoghail gu’m feud cor sìorruith naodheinean a bhi ann an tomhas mòr air fhilleadh a steach ann an cor am pàrantan, eadhoin mar a chì sinn gu bheil an cor aimsireil. Cha ’n ’eil sinn ag ràdh uime so ach gu bheil a’ chùis coltach. Ach seallamaid air an dà Chùmhnanta mhòr a rinn Dia ris a’ chinne-daonna—Cumhnant nan gnìomh ri Adhamh, agus Cumhnant nan gràs ris an Tighearna Iosa Criosd; agus gheibh sinn tuille soluis air a’ chùis. Sheas Adhamh, cha ’n ann a mhàin air a shon féin ach air son a shliochd—air son a shliochd uile—òg agus sean—beag agus mòr—agus tha na h-uile d’a shliochd—eadhoin an leanaban maoth nach d’ rinn maith no olc a’ fulang air son tuiteam Ahaimh co luath agus a tha e ’tighin a stigh do’n t-saoghal dhubhach, dhéurach so. Air an làimh eile, sheas Criosd, cha ’n ann a mhàin air a shon féin, ach air son nan uile a thug Dia dha. Agus cha ’n fhaic sinn c’ arson nach ’eil e co comasach, ’s co coltach gu’m biodh naoidheinean a’ tarruing bheannachdan o’n dara Adhamh, agus gu’m biodh iad a’ tarruing truaighe o’n cheud Adhamh—gu’m biodh iad air an saoradh leis an dara Ceann-cùmhnaint’, ’s gu’m biodh iad air an dìteadh leis a’ cheud Cheann-chùmhnait’. Cha ’n ann air an gnàthachadh féin, ach air gnàthachadh an fhir-ionaid—an urrais—a tha Dia a’ sealtuinn ann an aona chùis dhiubh so; agus uime sin tha e chearta co furasda chreidsinn ’s a thuigsinn gu’m faigh iad beatha o’n dara fear-ionaid, agus a tha e gu bheil iad a’ tarruing bàis o’n cheud fhear. Theireamaid nas faide fhathasd. Dh’ àithn Dia féin naoidheinean a bhi air an gabhail a steach d’a Eaglais fo’n t-seann-Tiomnadh tré òrdugh an Timchioll-ghearraidh. Nach ’eil so a’ ciallachadh gu’m feudadh iad na beannachdan sin a shealbhachadh air an robh an t-òrdugh ud ’na shamhladh—gu’m faodadh iad a bhi air an ath-ghineamhuinn, agus mar so a bhi air an sàbhaladh? Tha dearbh chinnt aguinn gu bheil so air a chur an céill gu soilleir leis an Timchioll-ghearradh, agus gu’m biodh e ’an aghaidh gach beachd ceart air firinn Dhé a shaoilsinn gu’n cuireadh e mar [TD 734] so samhladh no sgàile air beannachd fa chomhair a shluaigh do nach robh ni riochdail no fior a’ co-fhreagairt. Tha ’n nì ceudna air a dheanamh fathasd nas soilleire dhuinn leis a’ Bhaisteadh fo’n Tiomnadh Nuadh. Ach a chionn gu bheil àireamh bheag ann a tha ’g àicheadh Baistidh do naoidheinean cha ’n abair sinn tuille mu’n bheachd so aig an àm. Is leòir leinn a ràdh—nì nach ’eil duin’ air bith ag àicheadh—gu’n d’ àithn Dia féin naoidheinean a ghabhail a stigh do’n Eaglais fhaicsinnich; agus mar so gu bheil e ag innseadh dhuinn gu’m feud iad a bhi air an gabhail a stigh do n Eaglais fhìor agus spioradail agus nèamhaidh. An fhad ’s a chaidh sinn fathasd cha do dhearbh sinn nì air bith ach gu’m feud naoidheinean a bhi air an tèarnadh—gu bheil e uile-choltach gu bheil iad air an saoradh: ach cuiridh sinn a nis a sìos dearbhadh no dhà, air gu bheil feadhain dhiubh gu cinnteach air an ath-ghineamhuinn—air an naomhachadh—agus mar so air an sàbhaladh le slàinte shìorruith. Seallamaid air a’ chunntas ro dhrùighteach a tha aguinn (Marc x. 13—16) air cainnt agus gnìomh ar Slànuighfhìr. “Thug iad d’a ionnsuidh leanabana chum gu’m beanadh e riu”—no naoidheinean mar a tha aguinn ann an Lùcas xviii. 15. ’S iad clann ro òg a bha ann—naoidheinean air an tabhairt, air an giulan le ’m pàrantan. “Thubhairt e, Is an d’an leithidibh a tha rìoghachd Dhé. Agus ghlac e ’na uchd iad, agus bheannaich e iad.” A nis gun ghuth a ràdh mu na briathran sin—“Is ann d’ an leithidibh sin a tha rìoghachd Dhé,” ged a dh’ fheudtadh mòran a stéigheachadh orra faiceadhmaid ciod a rinn e—ghlac e ’na uchd iad, chuir e ’làmhan orra (Mata xix. 15) agus bheannaich e iad. Cha ’n fhoghainn a ràdh mar a their feadhain, nach ann mar an Slànuighfhear ach a mhàin mar dhuine aig an robh cridhe caomh, teòisneach ri cloinn a rinn e so. Cha ’n ann mar dhuine; ach mar dhuine agus mar Dhia—mar an Criosd—mar an Slànuighfhear—mar an Tì aig an robh cumhachd agus ùghdaras co maith agus an toil gu beannachdan a bhuileachadh air clanna nan daoine a rinn e an gnìomh a bha ann an so. Agus gu cinnteach tha cridhe cruaidh, agus intinn dhàna aig an duine sin nach faic ann an so dearbhadh air fior ghràdh Chriosd do chloinn—nach aidich an uair a bheannaich e iad gu’n robh iad da rìreadh air am beannachadh leis na tìodhlacan a b’ àirde, agus a b’ fhearr—an uair a chuir esan a làmhan orra gu’n do bhuilich e an Spiorad Naomh’ orra. Tha aguinn ann an so matà naoidheinean a bha air am beannachadh agus air an naomhachadh le Crìosd féin. Ach nas faide na so fathasd. Bha Eoin Baistidh air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhoin o na rugadh e (Lùcas i. 1b); agus bha Ieremiah mar an ceudna air a chur air leth o bhroinn a mhàthar, Ierem. i. 5. Tha aguinn ann an so cunntas mion agus soilleir—cauntas nach urrainn neach air bith fhiaradh na àicheadh air dà naoidhein a bha air an naomhachadh le Spiorad Dhé. Cha robh a h-aon diubh a’ gabhail ris an fhìrinn—’s e sin ri toil fhoillsichte Dhé— [TD 735] oir cha bu chomasach iad air urrad agus eòlas a ghabhail oirre. Cha b’aithne dhoibh am maith o’n olc—no an làmh dheas o’n làimh chlì. Gidheadh anns an staid so—anns an inbh’ so bha an nàdur air ath-nuadhachadh—air ath-ghinneamhuinn—air a naomhachadh le Spiorad Dhé. Tha sinn a’ faicinn mar so araon o’n t-Seann-Tiomnadh agus o’n Tiomnadh Nuadh gu’m feud naoidheinean a bhi air an naomhachadh—a bhi air an sàbhaladh—seadh, gu’n robh feadhain dhiubh air an sàbhaladh. Cha ’n ’eil ni air bith ’n an cor-san, no ann am frithealadh rìoghachd nan gràs a tha ’ga bhacadh so. Agus an uair a smaoinicheas sinn cia fada an dealachadh a tha eadar leanaban nach do chuir ’an gnìomh aona pheacadh riamh, agus daoine a tha le’n toil, ’s le’n deòin a’ peacachadh an aghaidh soluis agus coguis—a rithis air luach neo-chrìochnach an anama—agus gu h-àraidh air tròcair ar Dé—air gràdh do-labhairt an t-Slànuighfhir ghràsmhoir—gu cinnteach chi sinn gu bheil e mòran, mòran nas faide a réir frithealaidh nan gràs—a réir na bheil air innseadh dhuinn mu’r n-Athair nèamhaidh gu’m biodh naoidheinean air an tèarnadh—na tha e gu’m biodh iad air an sgrios gu sìorruith an uair a tha éifeachd ann am fuil an Uain gu’n sàbhaladh, agus a dh’fheudas an anama a bhi air an naomhachadh leis an Spiorad. Cha lean sinn a’ chùis nas faide aig an àm. Ach their sinn so; an uair a tha geata nèimh fosgailte do na leanabaibh—an uair a tha ’m Fear-saoraidh caomh ag iarraidh an toirt d’a ionnsuidh-san—is ro eagallach da rìreadh cruadhas-cridhe—neo-mothachalachd, agus trom-chionta nam pàrantan mì-nàdurra sin nach cuir urrad, agus aon ùrnuigh a suas ri Dia air son gu’m biodh e ’na Athair do’n leanabanaibh—gu’n gabhadh e riù ann an Crìosd, agus gu’n naomhaicheadh e iad le ’Spiorad saor fèin. Agus dhoibh-san a choisrig an clann do Dhia tré chreidimh agus ùrnuigh ann an tùs an òige, ach a tha car ioma latha tùrsach, déurach a’ caoidh an cloinne a chionn nach ’eil iad ann, theireamaid gu’m feud iad sealtuinn a suas le deadh dhòchas—le dòchas agus creidimh gu’m bheil na failleinean maotha sin a chaidh atharrachadh o fhonn fuarraidh, ’s o shìon gaillionnach an t-saoghail so mu’n tainig iad fo mheas no fo bhlàth, air an suidheachadh anns a’ Phàras nèamhaidh, far am bheil iad n an craobhan fireantachd a’ giùlan trom thoraidh gu cliù agus glòir an Tighearna—gu bheil an solus ait, ach fann, a dhealraich car pribe orra-san an so le gath co milis, ach a ghrad smàladh as ann an duibhre na h-uaighe a nis a’ dealradh mar a’ Ghrian ann an rìoghachd an Athar nèamhaidh. Na deanadh iad bròn matà mar iadsan aig nach ’eil dòchas. F. B. [TD 736] III. “GU RUIGE SO CHUIDICH AN TIGHEARNA LEINN.” “Tha Dia ro chaomh ’n uair bheir e seach’, ’S gu dearbh tha ’dhiùltadh làn de ghràdh; ’S fior bheannachd ann an atharrach’ dreach Gach crois ’us creach a thig o ’làimh.”—D. Bochanan. BHO cheann a nis dlùth air ceud bliadhna, bha làmhnain dhìchiollach, onorach a chòmhnuidh ann an cearn iomallach de’n Ghàedhealtachd. Bha teaghlach ro lìonmhor aca, agus aig an àm an do thachair na bheil sin a’ dol a dh’ aithris, bha iad uile neo-chomasach air cuideachadh a dheanadh leò. Bha ’m bothan beag anns an do rugadh an leanabaibh gaolach, agus anns an do mheal iad ioma bliadhna thoil-intinneach, air a thogail ann an gleann domhain, agus air gach taobh dh’e bha creagan corrach, a’ dìreadh ri àirde nan spéur. Anns an t-samhradh ’s beag nach biodh am bothan so air fholach gu buileach leis a’ bheithe, leis a’ challduinn, ’s leis an rainich a bha ’fàs gu h-ùror, dosrach mu’n cuairt air. Cha robh còmhnuidh eile mar dhà mhìle dhoibh, ’s cha robh guth r’a chluinntinn o mhoch gu h-anamoch ach torman an ùilt a bha ’ruith seachad air an dorus, ceileirean sunndach nan eun, agus theagamh a nis ’s a rithis, fead a’ chìobair. Ach ’n uair a thigeadh an deireadh fogharaidh, ’sa sheargadh duileach nan craobh, ’s gach lus, ’us neoinein bha ’fas mu’n cuairt orra—a thùirlingeadh an geamhradh le ’oidhch’ fhada ’s le làtha goirid—a thigeadh sneachd’ ’us reothadh, ’s a bhiodh, mar gu’m b’ ann, tosdachd a’ bhàis air gach nì mu’n cuairt doibh, ’s gann gu’m faicte àite air bith a bu ghruamaiche ’s a bu neo-aoidheile coslas na’n gleann so. Beagan mhìltean o’n bhothan so bha ’n “Tigh-mòr,” far an robh “Bean a’ bhaile”—bean-uasal cheanalta, thruacanta, a bha s’ an àm so ’na bantraich—a chòmhnuidh. Anns an earrach ’s anns an fhogharadh, n uair a bha féum aig a’ mhnaoi-uasail air seirbhis Eoghain bhàin, (oir b’e sin ainm an duine) bha i ’toirt obair dha; ach ré na cuid eile de n bhliadhna bha e gun chosnadh seasmhach air bith. Cha robh ach gann eòlas air bith aig na Gàedheil air giullachd a’ Bhuntàta ’s an àm ud. Cha robh aca gu bitheanta ach na sholaireadh iad le iasgach ’s le sealgaireachd, mach o chàl glas a’ ghàraidh; agus mar sin dh’ fhiosraich iad ioma deuchainn agus cruaidh-chas; agus Eoghan ’s a theaghlach co maith ri’n coimhearsnaich. Gidheadh ’am meadhon gach sàrachadh, ’s gach éigin ’san robh iad bha iad a’ mealtuinn sonais; oir bha sìth Dhé ’gabhail còmhnuidh maille riu. Mhothaich iadsan da rìreadh aig caochladh amanan gu bheil Dia ’na “chobhair ro-dheas ann an teanntachdaibh.” Aig àm àraidh thachair gu’n robh teaghlach Eoghain ann an [TD 737] éigin ro chruaidh. Ged a bha ’bhean cùramach, caomhantach, gidheadh thainig am beagan lòin a bh’aca gu crìch, gun bhràth air bith air tuille fhaotuinn. Thug i ’n greim mu dheireadh do na pàisdean, gidheadh cha robh i fo dhìobhail misnich, oir bha “fhios aice co ann a chreid i.” Dh’ fhòghlum i earbsa á caoimhneas-gràidh Iehòbhah, a’ creidsinn gu’n d’ “thig Dia ri h-airc, ’s nach airc ’n uair a thig e.” Thainig an oidhche, ach cha d’ thainig furtachd no fuasgladh. Thòisich na pàisdean air glaodhach air son an suipeir; ach ’n uair nach robh ni air bith aca r’a fhaotuinn thuit iad nan codal. Bha Eoghan air a thilgeadh sìos gu mòr. Mu dheireadh, an déigh dha toirt thairis le trioblaid ’s le iomaguin thug an cadal leis e; a’ fàgail a mhnatha na suidhe na h-aonar, agus gu dìblidh, a chois na cagailt. Ach cha robh i ’na h-aonar; oir eadhoin anns a’ bhothan neo-chuanda, agus uaigneach ud bu tric a mheal i co-chomunn sòlasach ri Dia. Bhrosnaich i ’n gealbhan a bha air caitheadh gu eibhleig no dhà, agus chàirich i beagan de na caorain chruaidh, thioram a bha ’n “cùil-na-mònadh” mu’n cuairt air. Thug i ’n sin leatha a Bìobull Béurla (oir anns an àm sin cha robh na Sgriobtuirean ’an Gàelic); agus an déigh guidhe air an Tighearna gu “fosgladh e ’sùilean, chum ’s gu faiceadh i nithe iongantach o ’lagh,” dh’fhosgail i ’n Leabhar Naomha. B’e cheud chuibhrionn air an do dhearc a sùil, “Oir is leamsa uile bheathaiche na frìthe, agus an spréidh air mìle sliabh.” Rinn an earrann so greim ro iongantaach air a h-intinn, air chor agus ged a léugh i ioma cuibhrionn eile gu’n robh i so os an ceann uile ’n a smuaintean. Chaidh i mu dheireadh air a glùinean, agus thaom i mach a cridhe ’na làthair-san a dh’éisdeas agus a fhreagras ùrnuigh nam bochd. Ghabh i rìs am Bìobull agus léugh i ioma earrann o ’n tric a fhuair i comhfhurtachd ’an àm a h-airc; ach bha na briathran, “Oir is leamsa uile bheathaichean na frìthe,” &c., &c., a’ fuadach gach nì eile as a h-aire. Bhuanaich i mar so a’ léughadh ’s a’ gleachd ri Dia ann an ùrnuigh gu briseadh na fàire. Mu ghlasanaich an latha thainig bualadh cabhagach ’s an dorus. “Cò tha ’n sud,” arsa bean-an-tighe. “Cha ’n ’eil ach caraid (ars’ an neach a bha muigh) thigibh a mach gu luath ’s cuidichibh leam.” Dhùisg i Eoghan gu grad, agus chaidh iad araon a mach. Mu choinneamh an doruis bha brogach de dhròbhair còir ’na sheasamh, le ’chù fad-earballach r’a thaobh; agus mu thuaiream leth-dusan slat o’n tigh bha dà-bhliadhnach daimh a thuit thairis air an sgòrr chorraich a bh’ air dara taobh a’ ghlinne ’na shìneadh le ’chois briste, agus air a bhruthadh, ’s air a phronnadh. Bha ’n dròbhair air a thuras gu Sasunn le tréud mòr spréidhe, agus bha e ’na leithid de dh’imcheist a thaobh na tubaist dhosguinich a thachair ’s nach robh fhios aige ciod a dheanadh e. Bha Eoghan ’s a bhean co duilich air son calldach an dròbhair ’s gu’n do dhì-chuimhnich iad aig an àm an cor bochd féin. Mu dheireadh, thuirt an dròbhair, ’s e ’tionndadh ris a’ mhnaoi ’s a’ sgioblachadh a’ bhreacain uime, “Matà ’bhean chòir cha ’n fhaic mi ciod is fearr is urrainn [TD 738] mi dheanamh ris na ghibht ort féin; agus theid mis’ am bannaibh gu bheil mart-mairbhe agad nach deach riamh a leithid air do sheal’aich.” Gun feitheamh ri urrad agus buidheachas fhaotuinn, sgrog e ’bhoineid-bhiorach mu ’bhathais, chuir e smug ’na dhorn, agus ghreas e air aghaidh an déigh an tréud! Dh’ amhairc Eoghan ’sa bhean air a chéile—lìon an sùilean, agus cha b’ urrainn iad diog a ràdh car tacain, ’n uair a thug iad fainear an nì iongantach a thug esan a tha “’fosgladh a làimhe ’s a’ sàsachadh miann gach nì beò” mu’n cuairt. Bha nis an ùrnuighean air an tionndadh gu moladh; agus b’e cheud ni a rinn iad an glùinnean a lùbadh chum an taingealachd a dheanadh aithnichte do Dhia. ’An àite tuireadh agus caoirean na gorta, ’s ann a bha nis “guth subhachais agus fonn ciùil” r’a chluinntinn ’s an fhàrdaich so. Bha nis de dh’ fheòil aca na dh’ fhòghnadh fad ioma mìos; agus ’n an aoibhneas dhì-chuimhnich iad gu n robh iad gun deann mine. Ach cha d’rinn esan a dh’ àithn do na fithich aran agus feòil a thoirt a dh’ ionnsuidh an fhàidhe anns a’ mhaduinn agus anns an fheasgar dearmad air an nì so; oir ’n uair a thòisicheas Dia air obair cha ’n fhàg e i leth dheanta. Mu shea uairean ’s a’ mhaduinn thainig an ath bhualadh ’s an dorus. Chaidh an dorus fhosgladh gu grad, agus cò bha aige ach aon de ghillean an “Tigh-mhòir,” le eallach trom air a mhuin. “Ciod a tha cearr mar a tha thu air ghluasad co moch?” dh’fheòraich Eoghan. “Leig a stigh mi gus a faigh mi cuite ’s an t ultach so, (deir esan) ’s an sin innsidh mi dhuit ciod a chuir air ghluasad co moch mi. ’S a’ mhaduinn an dé dh’ fheòraich ‘Bean a’ bhaile’ dhiom am b’ fhiosrach mi an robh an teaghlach so uile ’n an slàinte? Dh’innis mi dh’i, co fad ’sa b’ fhiosrach mise gu’n robh sibh gun aobhar thalaich. ‘Matà ’s iongantach leam ma tha (deir ise), oir cha robh iad tiota as mo smuaintean an dé no’n diugh, agus tha mi ion ’s cinnteach gu bheil iad ann an teanntachd éigin. Gabh thus ’an poca so agus faic ac’ e co luath ’s is urrainn duit, agus thoir fios am ionnsuidh cia mar tha iad; oir tha mi cinnteach gu’m bàsaicheadh iad mu’n sìneadh iad an làmh gu nì air bith nach leò féin.’ Leis na bha aguinn mu làimh an dé cha d’ fhuair mi tighin, ach chuir mi romham gu’m bithinn agaibh an diugh moch gu leòir.” Thuig bean Eoghain a nis seadh nam briathran a bha co mòr na smuaintean an oidhche roimhe so, “Oir is leamsa uile bheathaichean na frìthe, agus an spréidh air mìle sliabh.” Chunnaic i mar an céudna mìneachachadh soilleir, anns na thachair, air na briathran sin a tha ’g ràdh gu bheil “cridheachan nan uile dhaoine” an làimh Iehòbhah, agus gu’n “tionndaidh e iad mar shruth uisg’ an taobh is àill leis.” Chunnaic iad gu soilleir làmh an Tighearna anns gach nì a thachair; agus am feadh a bha iad, mar bu chubhaidh dhoibh a bhi, ro thaingeil dhoibhsan tré an d’ thainig cobhair thuca, thug iad a’ ghlòir uile do “Athair nan tròcair,” o bheil “gach uile dheadh thabhartas, agus gach thiodhlac iomlan a’ [TD 739] teachd.” Ann an so bha dearbhadh soilleir aca air firinn briathan an duine bheannaichte, Iain Newton; ’s e sin, “Ma bheir sin freasdal an Tighearna fainear cha bhi sinn gu bràth gun a fhreasdal aguinn r’a thoirt fainear.” Air eagal ’s gu’m faod neach air bith a bhi co dall ’s gu’m bi e ’saoilsinn gu bheil na chuir sinn an céill a’ toirt misnich dha buanachadh ann an leisg, ’s ann an lunndaireachd (do bhrìgh gu bhei an Tighearna co fial le ’thròcairean) theireamaid ris nach ’eil a’ mhisneach a’s lugha dhasan anns an sgéul so. Cha ’n urrainn duine air bith amharc ri Dia air son còmhnaidh mar d’ rinn e féin na bha ’na chomas gu lòn a sholar d’a theaghlach; agus cha ’n e mhàin a’ saoithreachadh, ach mar an ceudna a’ deanamh an fhéum is fearr is urrainn e d’a chosnadh—gun bhi caitheadh peighinn d’e air ’anamiannaibh, no ann am faoineis. Nach uamhasach r’a thoirt fainear nach lugha na trì cheud mìle punnd Sasunnach a tha ’g a chosd ’s a’ Ghàedhealtachd gach bliadhna air deoch bhuaireasaich a mhàin? Nach ’eil gach aon a tha ’cumail suas a’ chleachdaidh mhilltich so aig àm anns am faca Dia iomchuidh a làmh a leagail oirnn co trom a’ toirt, mar gu’m b’ ann, dùlan d’a Mhòrachd-san, le bhi ’toirt an gnùis do chleachdadh a tha co calg-dhìreach ’an aghaidh aobhar Chriosd, agus maith a chinne-daonna? Tha rithis pìobadh ’us cagnadh Tombaca a’ cosd ach beag urrad do na Gàedheil ris an dibh làidir fèin; agus ged nach ’eil e co cronail ’na ghnè ris an deoch, tha e cheart co beag feum. Nach ’eil na cìsean a chuir nàdur oirnn a thaobh lòin agus eudaich trom gu leòir ged nach bi sinn ’g an cur an lìonmhoireachd? Feudaidh e bith gu bheil cuid a’ saoilsinn gu bheil an cruaidh-chàs ’s a bheil iad ’na lethsgeul iomchuidh gu an làmh a shìneadh a mach gu greim a dheanamh air an nì nach leò féin gu freasdal air an uireasbhuidhean; agus da rìreadh tha sinn ag aideachadh gu bheil e na chor co déuchaineach ’s anns an urrainn pàrant’ a bhi air a shuidheachadh a bhi faicinn a leanabaibh a’ fulang an acrais ’s gu’n dòigh air fuasgladh orra; ach cumadh iad ’n an cuimhne gu’n d thuirt Dia, “Na dean gaduidheachd.” ’N uair a thug e an àithne so seachad cha d’ thuirt e gu’n robh amannan ann ’s am faodadh daoine goid. Uime sin theireamaid, mar a thuirt neach àraidh roimhe so,—“Mar urrainn duinn a bhi beò ’s an t-saoghal so gun lagh Iehòbhah a bhriseadh, ’s ann mar is luaithe bhàsaicheas sinn is fearr e.” Ann an co-dhuneadh theirea’maid facal no dhà gu comhfhurtachd agus misneach a thoirt do’n chuid sin de’r luchd-dùthcha, agus mo thruaighe! is lìonmhor iad, a tha aig an àm so fo iomaguin, ’s fo chùram a thaobh an teaghlaichean, gun fhios aca ciod mar gheibh iad seachad an geamhradh. Tha dlùth air ceud bliadhna mar a thuirt sinn cheana, o na thachair na nithean a chuir sinn an céill; ach ’s e “Dia an Tì céudna an dé, an diugh, agus gu sìorruith,” oir tha “e gun atharrachadh, agus gun sgàile tionndaidh.” Uime sin gnàthaichibh-se, leis gach uile dhìchioll, gach meadhon [TD 740] laghail agus onarach gu lòn a sholar d’ur teaghlaichean—gleachdaibh ri Dia gu dùrachdach, le creideamh agus le h-ea bsa, ann an ùrnuigh. Cuimhnichibh ciod a thuirt an Salmadair: “Fior eagal De biodh oirbh a naoimh; Oir uireasbhuidh no dì, Cha bhi air a luchd-eagail-san, Fior-chràbhadh dha do ni. Bidh easbhuidh air na leòmhnaibh òg, ’Us ocras air gach leth; Ach air an dream a dh’iarras Dia Cha cheilear aon nì maith.” Ach feudaidh e bhi gu bheil Dia, air son aobhar sònruichte nach léur dhuinne ’n tràs’, a’ ceadachadh eadhoin d’a phobull féin a bhi air an sàrachadh le ioma deuchainn theinntich; ach tha e féin a’ gealtuinn slighe gu dol as. Tha e ’g ràdh ris a’ Chriosduidh anns gach suidheachadh ’s a bheil e, “Is leòir mo ghràs-sa dhuit;” agus “A réir do latha bidh do neart.” “Chuala sibh (deir an t-abstol Séumas) iomradh air foighidin Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro thìom-chridheach agus tròcaireach.” Na saoileadh Criosduidh air bith gu bheil a chor cruaidh do bhrigh nach do bhuilicheadh maoin, agus saibhreas saoghal’ air.— “Cha mhaith a thig dha bhi fàs ro dhuilich, Ged tha e fulang ’s an àm; Do bhrìgh gur h-i ’n làmh o’n seimh na buillean, ’S le’n àill a bhuidhinn a th’ ann: No idir mar chàch bhi tàir, ’s a talach, ’S ag ràdh ‘’S neo-thaitneach mo roinn— Is mòr gur fearra pàirt an neach ud, Gun chearr, gun chamadh tha ’chrann.’ Oir crannchur no pàirt a’s fearr do’n anam, Gu bràth cha ’n fhaigh e fo’n ghréin; No’n cuibhrionn chuir gràdh o’n àird air leth dha, Ged tha e driseach gu léir; Do bhrìgh gur h-i chrìoch th’ aig Dia ’s an amharc Gach iarrtas agus gach spéis, A thogail o thiom nan sìontan carach Gu tìr a’ gheallaidh air nèamh.” “O blaisibh agus faicibh gur maith an Tighearna: is beannaichte an duine sin a dh’ earbas as.” “Cuiribh-sa ur dòchas anns an Tighearna do ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart siorruidh.” “Earbaibh as anns gach àm a shlòigh uile;” oir “cha d’ iarr e riamh air sliochd Iacoib aghaidh iarraidh ann an dìomhain!” Agus ma ni sibh sin, ged a bhios sibh euslainte, breòite—ged a bhios sibh gun eudach gun lòn, bidh gach aon agaibh comasach air a ràdh ann an cainnt mhilis aon de Bhàrdaibh ur dùthcha féin,— “’S tric a shearg mi fo euslaint, ’s a ghuil mi fo bhròn— ’S tric a ghluais mi gu deurach gun eideadh gun lòn; Ach dh’earb mi á Dia anns gach deuchainn ’us dìth, ’S an fhad so a Thighearna chuidich thu mi. [TD 741] ’S ioma caraid bu chaomh leam a dhìobair, ’s a thréig— ’S ioma dòchas a b’ ait leam a mheall mi le ’cheilg: Ach do chàirdeas-sa sheas anns gach doilghios ’us strì, ’S an fhad so a Thighearna chuidich thu mi. Agus seallaidh mi romham, ’us gabhaidh mi beachd Air gach deuchainn ’us ànradh tha fathasd ri teachd: Ach m’ anam fo gheilt, no fo im-cheist cha bhi; Oir an Dia nach do dhìobair cha dìobair e mi.” G. Mc C. IV. MU FHOGHLUM A THOIRT DO CHLOINN. FHIR-THATHAICH Ionmhuinn. Le dùrachd mo chridhe tha mi ’guidhe saoghal fad’ an deadh bheatha dhuibh. Is ioma dubhachas ’us cianalas a dh’ fhuadaich sibh uam o na thòisich sibh air ur teachdaireachd bhuadhmhor; agus bu mhinic a mhiannaich mi bhi ’n ur cuideachd ’n uair a ghabhadh sibh ur turas leis gach sgéul taitneach ’us earail fheumail a tha sibh a’ toirt o mhìos gu mìos do gach Gàedheal a ghabhas ruibh. Is cinnteach mise nach ’eil neach tuigseach air bith a dh’ éisdeas ri’r briathran tùrail, druighteach nach ’eil ro thaingeil duibh air son ur saoithreach. Tha aon nì àraidh air son am bheil na Gàedheil fo fhiachan sònruichte dhuibh, agus ’s e sin, an dealas agus an dùrachd leis am bheil sibh a’ sparradh air pàrantan an dleasnas a thaobh sgoil a thoirt d’an cloinn; agus cha ’n ’eil teagamh agam nach toir an t-àl òg am beannachd oirbh fathasd air son ur dìlseachd anns a’ chùis so. Tha aon nì féumail a thug sibh fainear ’s a’ XV. Aireamh, ’s e sin co féumail ’s a tha léughadh na Gàelig do chloinn na Gàedhealtachd air son na Béurla a thuigsinn. Ged a tha gach nì thug sibh air aghaidh chum so a dhearbhadh co soilleir, gidheadh tha cuid de na Gàedheil fathasd ann am beachd gu bheil léughadh na Gàelig ’s na sgoilean a’ deanamh barrachd croin no maith do ’n chloinn—gu bheil i ’cur tuille bacaidh orra na tha i ’deanamh de chuideachadh leò ann an ruigheachd air fòghlum. A chum a dhearbhadh do’n mhuinntir so gur h-iad a th’ ann ’sa mhearachd bheir mi dhuibh an sgéul a leanas ann am fiughair gu’n toir sibh àite dha ’n ur duilleagaibh. Tha mi’n dòchas nach saoil, aon chuid sibh féin, no ur léughadairean, gur h-ann le h-uaill a tha mi ’g a dheanamh. Rugadh mise ann an cèarn iomallaich de aon de dh’ eileanan taobh na h-àird an iar de’n Ghàedhealtachd. Bha m’ athair mar a bha na coimhearsnaich ’am bitheantas, gun a bhi aon chuid ro bheairteach no ro bhochd. Bha seòrsa de sgoil air a gleidheil mu mhìle o thigh m’ athar. Bha ’n tigh-sgoil air a thogail de [TD 742] sgrothan glasa, gun chòmhla ris an dorus no glaine anns na h-uinneagan. Chuireadh mise do’n sgoil so co luath ’s a bha mi air chomas dol innte. Bha i ’tòiseachadh mu thoiseach a’ gheamhraidh, ’n uair a bhiodh am bàrr cruinn ’s a’ bhuachailleachd seachad, agus a’ stad mu dheireadh an earraich. Mar sin bha sinn tuille agus dara leth na bliadhna gun sgoil idir; air chor agus na bha sinn ag ionnsachadh an dara leth-bhliadhna gun robh sin ach beag a’ dì-chuimhneachadh an leth-bhliadhn’ eile. Bha bliadhna ’n déigh bliadhna ’dol seachad air an dòigh so; ach cha robh sinne ’buidhinn a bheag. Cha robh sinn a’ tuigsinn, feudaidh mi ràdh, aon fhocal de na bha sinn a’ léughadh; agus ged a bha ’maighstir-sgoil’ e féin na dhuine tuigseach, fòghluimte, cha do ghabh e mòran suim, no dragh gu a mhìneachadh dhuinn. Ann an deireadh earraich 1829 chaidh an sgoil mu sgaoil mar a b’ àbhaist, agus fhuair mise, coltach ri mòran eile, fuasgladh o’n chuing chruaidh fo’n robh sinn; agus bu toilichte mi’ dol a bhuachailleachd a’ chruidh seach leantuinn air ionnsachadh Grammar; nì a shaoil mise a bha gun fhéum air bith ach a mhàin gu clann a pheanasachadh. Bha mi ’s an àm sin mu cheithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus uaithe sin gu so cha do chaith mi latha ann an sgoil. Seachduin no dhà an déigh do’n sgoil sgaoileadh cò ’thainig rathad an tighe ach am maighstir-sgoile. Bha sinn uile ’n ar suidhe mu ’n cuairt a’ ghealbhain. ’N uair a chuir e fàilt’ oirnn tharruing e leabhar a mach as a phòca. “Tha ’n so (deir esan) Comh-chruinneachadh fiachail Gàelig a chuir an diadhair urramach an t-Olladh Tormoid Mac Leòid, a chunnaic sibh an so an uraidh maille ri ‘Caraid nan Gàedheal’ an t-Olladh Baird, a mach, a chum maith nan Sgoilean Gàelig.” Léugh e dhuinn “Eachdraidh Challum Cille,” “Sgéula Choire na Sìthe,” agus “Long Mhòr an Eilthirich.” Thug e ’n sin a mach á pòc’ eile duilleachan beag le còmhdach uachdair buidhe air. “’So (deir esan) a’ cheud Aireamh de leabhar ri’n canar ‘An Teachdaire Gàe’lach’ a tha r’a chur a mach gach mìos a chum eòlas agus fiosrachadh féumail a sgaoileadh feadh na Gàedhealtachd, agus a chum déigh ’us togradh a dhùsgadh ’s an òigridh gu léughadh.” Léugh e ’n Roìmh-ràdh, “Còmhradh nan Cnoc,” “Cuairt a’ Mhinisteir Ghallda,” “Fàilte na Cuthaige,” agus gach Dàn ’us Gearr-sgéul taitneach eile ’bh’ ann. Fhad ’s a lean e cha robh diog r’a chluinntinn—bha gach beag ’us mòr le ’m béul ’s le ’n sùilean fosgailte a’ feitheamh gach facail, agus tha’r leam gu’n robh eadhoin na cearcan ’s na h-eòin féin ni bu stòlda na b’ àbhaist doibh. “Taing do’n Fhreasdal (deir m’ athair) gu’n d’ thainig an t-àm anns am bheil cainnt mo chridhe air a sgrìobhadh co deas ’s co snasmhor, agus gu’n robh soirbheachadh ’us buaidh aig na daoine cneasda a tha saoithreachadh co dìleas chum ar leas a chur air aghaidh.” Cha ’n urrainn mise cainnt a chur air na d’ fhairich mi air an latha so; oir ’s ann a bha mi mar neach a gheibheadh bith ’us ceudfaidhean ùra. Dhùisg ìot’ annam ’an tòir air fòghlum nach caisgear fhad ’s is beò mi; oir a dh’- [TD 743] aindeon gach trioblaid, sàrachadh, agus cruaidh-chàs a thainig ’am charaibh lean an t-iarrtas so co dian ’s a bha e riamh. ’N uair a dh’ ionnsaich mi Ghàelig a léughadh, coltach ris a Cheannaiche òg mu’n d’ thug sibh cunntas ’s an dara Aireamh, thug mi aghaidh air a’ Bhéurla, agus gun chòmhnadh o fhear-teagasg air bith ach Foclairean agus leabhraichean Gàelig, fhuair mi urrad eòlais oirre ’s nach robh eiseamail agam ri Gall no Sasunnach a choinnicheadh mi. Lean mi air m’ aghaidh, a ghnàth a’ sìor mhèudachadh ann an eòlas. An uair a bha òganaich eile a’ caitheadh an airgid ann an òl ’s an Tombaca, bha mis’ a’ ceannach leabhraichean; agus ’n uair a bhiodh iadsan—an déigh an obair latha chur seachad—’n an ruith o thigh gu tigh, a’ struidheadh an ùine phrìseil ann an dìomhanas ’s am baoth-shùgradh, bhithinn-sa ’mealtuinn cuideachd nan Diadhairean, nam Feallsanach, ’s an Luchd-turais a b’ ainmeile bha riamh ’s an t-saoghal. Cha ’n ’eil mi idir a’ saoilsinn gu’n d’ rinn mi na bu chòir dhomh gu “ath-cheannach na h-aimsir;” ’s cha ’n ann le h-uaill a tha mi ’labhairt mar so, ach le cridhe ’cur thairis le taingealachd do gach aon a tha saoithreachadh chum fiosrachadh agus eòlas nan Gàedheal a chur ’am farsuingeachd: oir tha mi ’creidsinn mar biodh an t-Olla Leòdach ’s na bha ’saoithreachadh maille ris air deanadh na rinn iad, gu’m bithinn-sa air an latha ’n diugh co aineolach ri neach ’s an Sgìreachd ’s an do rugadh mi. Ciod a bhuannachd a bhiodh ann domhsa ged a sgrìobhadh na daoine urramach ud gach sgéul a dh’ ainmich mi, ann am Béurla? Tha fios nach bitheadh buannachd air bith; oir cha robh aon fhaireachduinn an taobh a stigh dhiom ris am buineadh diog dh’e. Ma bhios fior iarrtas ’an déigh eòlais air a dhùsgadh suas eadhoin le léughadh na Gàelic cha ruig pàrantan, no maighstirean-sgoile leas a shaoilsinn gu’n sàsuichear e leis a’ so. Cò iad am measg nan Gàidheal a tha ’m bitheantas ’g an dearbhadh féin ’n an sàr sgoileirean? Tha gun teagamh iadsan a bu mhotha bàigh ris a’ Ghàelic ’an làithean an òige. Tha cuid a’ cumail a mach gu’m bheil a’ Ghàelic ’na bacadh mòr ’s na ceap-tuislidh roimh na Gàedheil; agus tha dòchas agam nach gabh sibh fearg rium ’n uair a dh’ aidicheas mi gu bheil mi féin do’n bheachd so mar an céudna. Tha mi da rìreadh a’ creidsinn gu’m biodh eòlas aig gach sean ’us òg dhiubh air a’ Bhéurla, agus gur h-ann mar is luaithe ’gheibh iad á eiseamail na Gàelic is fearr e. Ach cha ’n ’eil mi air aon chor a’ creidsinn gur h-i ’Ghàelic a ghlan spadadh an dòigh air so a thoirt mu’n cuairt. ’Na àite so tha mi ’creidsinn gur h-ann mar is motha a sgrìobhar ’sa léughar i—seadh, mar is mò ghnathaichear i gu ionmhais na Béurla fhosgladh suas do na Gàidheil is luaithe ’gheibh iad as a h-eiseamail. Agus a chum misneach a thoirt duibhse gu buanachadh ann ur saothair ghràidh a’ toirt fiosrachadh d’ur luchd-dùthcha mu nithean a dh’àrdaicheas iad mar dhaoine agus mar Chrìosduidhean, thng mi dhuibh an crioman beag so de dh’ eachdraidh mo bheatha. B’ urrainn [TD 744] domh nithean a bu mhò innseadh mu chuid de m’ luchd-eòlais; ach fàgaidh mi sin dhoibh féin r’a dheanamh, a’s urrainn a chur an céill mòran nas fearr nas urrainn mise. ’S i mo bharail féin gu bheil beatha Eoghain Mhic Lachuinn, ’s nan sgoileirean ainmeil eile air an ’d’ rinn sibh iomradh aig caochladh amannan, a’ deanamh tuille croin do dhà sheòrsa de na Gàedheil òga na tha e deanamh do mhaith dhoibh. Tha cuid ’n uair a léughas iad mu na sgoileirean so, a their, “Ciod a maith a ni e dhuinne bhi ’strì ris na daoine so? C’àit’ am faighear ’n ar latha-ne sgoileirean cosmhuil riutha sin?” agus do bhrìgh nach urrainn iad teachd an uisge na stiùrach dhoibh, paisgidh iad an làmhan agus cha d’ toir iad oidhirp air nì air bith a dheanamh. Tha dream eile aig nach ’eil buaidhean intinn ro làidir; agus ged a ghnàthaicheas iad gach dìchioll a tha ’nan comas cha tig an latha ’thig iad mar astar dhoibhsan air an d’ rinn sibh iomradh. Bhiodh e co glic do’n losgainn oidhirpeachadh air e féin a shéideadh suas gu mèudachd daimh, ’s a tha e dhoibh so a bhi ’strì ri éiridh co àrd ri Eoghan Mac Lachuinn, ri Séumas Ferguson, ri Edmund Stone, no ri Dr Alasdair Murrai. Tha beachd mearachdach am measg mòran de na Gàedheil òga a thaobh fòghluim. Tha iad a’ saoilsinn ma gheibh iad greim air beagan sgoil, gu’m bi iad ’n an “daoin’-uaisle” ’chlisgeadh, s gu’m faod iad “làmhan glan” a ghleidheadh fhad ’s is beò iad. Anns a’ bheachd so tha iad a’ tighin do bhailtean mòra na Galldachd far am faigh iad, mar is trice, mac am mearachd. Tha mòran de na Gàedheil ’am barail nach ’eil ach cosdas gun stà ann a bhi leantuinn ionnsachadh mar faigh iad am beathachadh air a thàileadh. Mar so chì sinn pàrantan gu minic a’ toirt sgoil ’us ionnsachadh do aon de’n teaghlach, ’n uair nach ’eil iad a’ gabhail urrad suim de chàch, a ta co gràdhach dhoibh ris-san, ’s a bheir dhoibh de sgoil na ni comasach iad air an litrichean féin a sgrìobhadh! Cha chòir do na nithe so bhi mar so; agus pàrant’ air bith a tha mar so a’ dearmad aoin seach aoin d’a theaghlach, tha e ’deanamh eucoir air nach gabh leasachadh ged a bhuilicheadh e beairteas nan Innsean air. Feòraichea’maid de’n t-saoithriche bhochd a tha ’cosnadh ’arain le fallas a mhala, ach a fhuair greim air beagan fòghluim, ciod a ghabhadh e air a shon; agus nach e theireadh e ruinn nach gabhadh oighreachd? Nach ’eil e gu minic, ’an déigh saothair chlaoidhteach an latha ’chur seachad, a’ suidhe sìos le rìghrean ’s le prionnsachan mòra na talmhuinn, agus a’ fòghlum o’n eachdraidh-san gu bheil “———tuille sonais ann an dùil, Na th’ ann an crùn le bhi ’na shealbh” Tha cuid, gu ro mhearachdach, a’ cumail a mach nach ’eil fòghlum ’na bhuannachd air bith dhoibhsan a tha ’cosnadh an arain làitheil le fallas an gnùise; a chionn gu bheil e ’g an deanamh mi-thoilichte le’n crannchur. Ciod eile ach eòlas farsuing, air a thogail air a firinn Dé, a bheir an neach a ta ann an inbhe ìosail gu bhi riaraichte [TD 745] le ’shuidheachadh? ’N uair a léughas e eachdraidhean a tha ’cur an céill fàs agus tuiteam rìoghachdan mòra an t-saoghail tha e ’faicinn gu soilleir dìomhanas gach cumhachd agus gach mòrchuis thalmhaidh. “Tha e ’faicinn (mar a thuirt neach àraidh roimhe so) nach ’eil mòran eadar-dhealachaidh co dhiubh a chluicheas esan a phàirt air ionad-cluiche na beatha so mar phrìonnsa no mar dhuine bochd; ach gu bheil e ’na nì a tha thar tomhais cudthromach an do chluich e ’phàirt a thugadh dha gu ceart. Tha ’n saoithriche tuigseach, iriosl a’ mealtuinn slàinte cuirp; agus tha sàr-chothrom aige air meòrachadh air na nithean a bhuineas d’a chor sìorruidh. Tha e taingeil gu bheil e saor o iomadh buaireadh do’m bheil iadsan a tha ’caitheadh am beatha nas greadhnaiche buailteach. ’Sa mhaduinn chiùin, ’s am feur fo dhriuchd ro throm ’S na h-eoin ’n an còisridh ’m bàrr nan òg ’s nan tom, Gu sunndach ait gu’n tig e mach do’n raon, ’N deigh ’sgìos ’s an oidhche ’chur á chuimhn’ gu faoin: R’a obair chleachdta teannaidh e gun dàil, A chuireas neart ’us fallaineachd ’na chàil: ’Us miann air maoin cha chràidh ’s cha chlaoidh a’ chrì’, ’S e mealtuinn neart, ’us fallaineachd mar nì” Ann an dòchas gu’n gabh sibh mo lethsgeul air son na litir so, a tha mòran nas faide ’na ’shaoil mi ’n toseach a bhitheadh i; agus a’ guidhe “Bliadhna mhaith Ur” dhuibh féin ’s d’ur càirdean lìonmhor, Is mi, le mòr spéis, Ur seirbhiseach dìleas agus umhal,—S. [Tha sinn fad’ an comain ar deadh charaid dhìleis a chuir an litir so d’ar n’ ionnsuidh; agus is ioma taobh duilleig de’n “Fhear-thaithich” a rinn e nis a lìonadh le nithean tuigseach, brìghmhor. Tha sinn ag aontachadh leis gach smid a tha e ’g ràdh mu fhéumalachd léughaidh na Gàelic: agus is aithne dhuinn iomad aon a fhuair urrad bhuannachd o na leabhraichean a tha e ’g ainmeachadh ’s a fhuair e féin. ’S i a’ Ghàelic gun teagamh air bith am fòr-dhorus do na Gàedheil a dh’ ionnsuidh na Béurla—a chum ionnsachaidh ’us fòghlum. Agus an Gàedheal sin a tha ’féuchainn ri Béurla ionnsachadh gun chòmhnadh na Gàelic tha e, ’an àite dol a stigh air an dorus a ta fosgailte dha, dìreach a’ cladhach troimh’n bhalla, no ’streapadh ri mullach an tighe gu dol a stgh air an luidheir. Tha’n dara slighe réidh, fosgailte, furasda: tha’n té eile cam, doirbh, deacair. Ach tha aon nì a tha ar caraid ag ràdh ann an so ris nach ’eil sinn ag aontachadh—seadh a tha sinn gu buileach a’cur ’na aghaidh ann—’s e sin nach ’eil féum ann a bhi ’g aithris eachdraidh dhaoine cliùiteach, mar a bha Eoghan Mac Lachninn, Dr Alasdair Murray, agus na h-àrd sgoileirean sin eile cosmhuil riutha. Cha ’n ’eil iad ach ro ainmic ’an Gàedhealtachd no’n Galldachd a ghleidheas coiseachd ris na gìomanaich ud; ach tha dearbh chinnt aguinn gu bheil na ceudan a ghreasas an céum an uair a chì iad iad sud a’ triall-imeachd co siùbhlaeh thar bheann ’us ghleann. Féudaidh [TD 746] corra ghiùgaire leisg, lunndach a bhi ’deanamh ro-fheabhas nan daoine urramach ud ’na leth-sgéul air son marsuinn gun char, gun ghluasad ’n an aineolas féin. Ach bithidh gach aon aig a bheil spiorad glan, no duineil air a bheothachadh, ’s air a bhrosnachadh, gus na dh’ fheudas e dheanamh ’n uair a chì i cia mòr a rinn na suinn ud. Nach e eiseimpleir àrd, fhìor-ghlan, uile naomh, làn fhoirfe a tha ’n Tì uile-ghlic, uile-ghràsmhor a’ cur fa chomhair chlanna nan daoine gu léir anns an fhìrinn? agus nach ann le bhi sìor choimhead air-san a bha naomh agus neo lochdach a tha sinn air ar stiùradh air an t-slighe gu foirfeachd? B’ fhearr leinn matà gu’n robh eachdraidh aguinn air tuille Ghàedheal a bha cliùiteach, agus cha bhiodh eagal air bith oirnn nach deanadh an aithris féum do dh’ iomadai de’n òigridh.—F. B.] V. SIR IAIN FRANKLIN. THA nis dlùth air ceithir cheud bliadhna o ’na dh’ oidhirpich maraichean a bhuineadh do’n Roinn-Eòrpa air slighe fhaotuinn gu Innsean na h-Aird an Ear le seòladh dìreach ann an cridhe na h-Airde Tuath. Bho làithean a’ mharaiche ainmeil sin Cabot, gus an àm a ta làthair, is iomadh seòladair cruadalach, gleusda a d’ fheuch ris an t-slighe so fhaotuinn a mach; ach a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug iad uile tha e coltach gu bheil iad co fad’ o na bha iad ag iarraidh fhaotuinn ’s a bha iad riamh. Gidheadh, an àite bhi ’call am misnich, tha iad co dealasach, eudmhor ’s a bha iad riamh. “Tha iadsan a tha ’n an tàmh a’ soilsinn gur iad féin is fearr làmh air an sdiùir;” agus mar sin tha daoine a tha déigheil air cliù agus urram fhaotuinn o’n comh-chréutairean a’ dol a mach air lorg na slighe so co earbsach, dàna ’s ged nach biodh duilgheadas air bith ’s a’ chùis. Mar is mò an cunnart ’s ann is iarrtaiche ar luchd-dùthcha air dol ’na dhàil. Tha iad a’ falbh le guidhe agus ùrnuigh gach aoin gu’n soirbhich leò; agus ’n uair a thilleas iad tha iad air am fàilteachadh le bàighealachd ’s le càirdeas. Anns a’ bhliadhna 1553, sheòl duine misneachail a bhuineadh do Shasunn d’am b’ ainm Sìr Eoghan Willoughby, a chum gach for’ais a b’ urrainn e dheanamh mu’n t-slighe so; ach mo chreach! cha do thill e dh’ innseadh sgeòil. Air an ath shamhradh fhuair soitheach eile bhuineadh do Shasunn, an soitheach ’s an robh e, air acair gu tearuint’ ann am beul aibhne ’an Lapland, agus gach duine de’n sgriobadh air reodhadh gu bàs! Anns a’ bhliadhna 1576, chaidh Martin Fobisher a mach a cheud uair. Ach a’ saoilsinn, tha e coltach, gur h-i ’n “treas uair a bhuadhaicheas,” chaidh e mach dà uair eile: gidheadh gun soirbh- [TD 747] eachadh air bith. An déigh an neach so chaidh Iain Davis a mach trì uairean mar an ceudna; ’s ged nach d’ fhuair e mach na bha e ’g iarraidh, gidheadh fhuair e mion eòlais mu chòrsan Ghreenland; nì a rinn tuille feum a thaobh iasgach nam mucan-mara na gach fiosrachadh a fhuaradh mu’n chearn ud o sin gu so. B’e Henry Hudson an ath aon a chaidh a mach. Thug esan ceithir oidhirpean; ach air a thilleadh dhachaidh an ceathramh uair, dh’ éirich an sgiobadh ’an ceannairc ’na aghaidh—thilg iad ann am bàta fosgailt’ e, agus dh’ fhàg iad e gu bàsachadh air druim a chuain mhòir! ’Na dhèigh so chaidh Baffin a mach, agus ged nach d’ fhuair e na bha e ’g iarraidh, gidheadh fhuair e eòlas air na còrsan ud, a bha ro fhéumail dhoibhsan a chaidh a mach uaithe sin. O ’n àm sin (1616) a nuas gu 1818—a bhliadhna ’s an deach Sìr Iain Ross a mach air a cheud turas—cha d’ fhuaradh dad tuille fiosrachaidh mu na crìochan iomallach ud na bha aca roimhe sin: ged a thug tuille agus fichead maraiche foghainteach oidhirp aig caochladh amannan. Chaidh Parry a mach air a cheud taisdeal ’s a’ bhliadhna 1819; ach uaithe sin chaidh e mach trì uairean; agus faodar a ràdh gur h-esan is fhaide chaidh air aghaidh do na dh’ fhéuch e. Sgrìobh agus chuir e mach cunntas eignidh mu gach nì chunnaic e, agus tha mòran fiosrachaidh mu na cearnan cian ur r’a fhaotuinn ann. ’S a’ bhliadhna 1829, chaidh Sìr Iain Ross a mach an dara uair agus sgrìobh esan mar an ceudna cunntas taitneach mu na chunnaic e féin. Tha na soithichean a tha ’dol air na taisdeil so a’ fàgail Bhreatuinn mu thoiseach an t-samhraidh. Tha iad a’ leagail an cùrsa ach beag ’s ann aon rathad ris na soithichean a tha ’dol do Chanada; ach a mhàin gu bheil iadsan a’ fuireach ris an ear thuath. Tha iad a’ cumail Ghreenland air an làimh dheis, agus Esquemaux mu Dheas air an làimh chlì. Tha beanntan mòra de’n eigh, a tha air an giùlan air an ais ’s air an aghaidh leis an t-seòl-mhara, ’g an coinneachadh, o ’m bheil iad ’am mòr chunnart a bhi air am bruthadh ’s air am pronnadh: gu sònruichte ma tha fèath ’tighin orra. Tha iad a’ gabhail seachad air Labrador, ’s air gach caol ’ùs eilean a tha air an làimh dheis; gus mu dheireadh, ’s e sin ma tha iad a’ faotuinn air an aghaidh mar is miann leò, a bheil iad a’ ruigheachd Esquemaux mu Thuath. Cha ’n urrainn neach air bith nach fac’ an t-àite so ’chreidsinn co ùdlaidh, chianail ’s a tha aogas gach cuspair leis am bheil am fear-turais air a chuartachadh. Air fhad agus g’an teid e air aghaidh cha ’n ’eil féur no fochan, cha ’n ’eil lus no blàth, cha ’n ’eil craobh no crann r’ a fhaicinn. Cha ’n ’eil guth, no fuaim r’a chluinntinn o bhliadhna gu bliadhna, ach ulfhartaich nam fiadh-bheathaichean ’an tòir air an creich, séidrich na muice-mara, agus a nis ’sa rithis raoiceil na h-eigh ’n uair a tha i ’faoisgneadh o chéile. Tha e air a thoirt fainear leis gach aon a thaoghail ’s an àite, an t-astar do-chreidsinn aig an cluinnear an fhuaim a s lugha. ’S urrainn dithis seanachas a dheanamh aig astar mìle o chéile gun an guth a thogail ro àrd! [TD 748] Tha Sìr Iain Ross a’ toirt a chunntais a leanas air a’ cheud choinneamh a bh’ aige ri nàisnich an àite.—“Mu dheich uairean a latha chunnaic sinn ochd slaoid air an tarruing le madaidh a’ gluasad gu h-aitheasach a dh’ ionnsuidh an àit’ an robh sinn. ’N uair a thainig iad mu thuaiream trì cheud slat dhuinn stad iad. Ghabh sinne ’n an coinneamh; ach an uair a dhlùthaich sinn orra theich iadsan air an ais. Ach na dhéigh so ghabh aon diubh de mhisnich na thainig far an robh sinn agus lean càch e. Bha aon duine ’s a chuideachd aguinne aig an robh ni-eigin de thuigse air cànain nan daoine so; agus cha robh e féin agus iadsan fad a’ tighin ’an eòlas air a chéile. Chomharaich iad ris an luingeas a bha nan luidhe air acair dlùth dhuinn, agus dh’ fheòraich iad ciod a ghnè chréutairean a bh’ annta? Am b’ ann o’n ghréin no o’n ghealaich a thainig iad? Am b’ ann ’s an oi’che no ’s an latha a bheireadh iad solus? Dh’ innis an duine so dhoibh gur h-e bha annta tighean air an deanamh de fhiodh. ‘Cha ’n urrainn sin a bhi (deir iadsan), oir chunnaic sinn féin iad a’ tighin le ’n sgiathan sgaoilte.’ Dh’ fheòraich iad co as a thainig sinn? Fhreagair esan, ’s e ’comharrachadh ris an àirde Deas, gu’n tainig sinn as a’ chearn ud. ‘Cha tainig, cha tainig (deir iadsan) cha ’n ’eil dad an sin ach sneachd’ ’us eigh.’ “Thug sinn an sin cuireadh dhoibh uile tighin leinn air bòrd. Bha iad mar gu’m b’ ann fo amhuras mu’r déighinn; ach co dhiubh dh’ aontaich iad dol leinn. Chuir gach nì a chunnaic iad air bòrd mòr ioghnadh orra; gu sònruichte na sgàthain. Am measg dhealbhan a bha crochta ’an seòmar mòr na luinge thug iad fainear coltas an luchd-dùthcha féin; agus ’n uair a bheachdaich iad orra bhuail iad am basan agus ghàir iad gu cridheil. Thairg sinn biadh dhoibh, ach cha bhlaiseadh iad e; ach thug sinn ùileadh dhoibh agus dh’òl iad e le mòr chìocras! Mu’n do dhealaich sinn thug iad cuireadh càirdeil dhuinn dol g’am faicinn d’an tighean féin co luath ’s a bhiodh e freagarrach. “Thog sinn oirnn air an latha gheall sinn, agus ’an déigh ioma dìreadh ’us tearnadh thairis air na beanntan mòra eigh a bha eadar ruinn rainig sinn am baile beag anns an robh na nàisnich a chòmhnuidh. Bha e air a shuidheachadh aig bonn sléibhe; agus bha na tighean (a dhà-dhéug ’an àireamh) air an deanamh de shneachda: car coltach ’n an cuma ri cupan le bhéul fodha. Bha na bothain so an taobh a stigh, mar a dh’ fheudar a thuigsinn, gun mhòran loinn no riaghailt. Air meadhon an urlair bha meall sneachda air an robh croicinn fhiadh agus chréutairean eile air an leagail a bha aca air son leaba. Aig dara ceann an àite so bha bean-an-tighe ’na suidhe le lòchran no crùisgein laiste mu ’coinneamh, a bha ’toirt araon solus agus blàthas seachad. Bha na mnathan gu béusach, banail; agus bha iad g’ am folach féin mar gu’m biodh gnè de fhiamh orra romhainne; ach ’n uair a thug sinn dhoibh beagan de ghoireasan a bha sinn fiosrach a bhiodh féumail dhoibh, ghabh iad misneach gu tighin ’n ar làthair. Bha gach fir- [TD 749] ionnach ’us boirionnach os cionn ceithir bliadhn’ déug de dh’ aois pòsda. Bha ’m bicheantas a dhà no trì ’theaghlaichean ’s gach bothan. Bha araon na fir ’s na mnathan air an còmhdach le croicinn fhiadh, ròn, no mhath-ghamhna; agus bha an deiseachan am bicheantas air an deanamh gu cuimir. Bha ’n éideadh a ghnàth dùbailte; ach gu tric trì fillte, agus aig amannan ceithir fillte. Cha robh dad de dh’ atharrachaidh eadar còmhdach nam firionnach ’s nam boirionnach, ach a mhàin gu bheil seòrsa de phabagan fuaighte ri còmhdach nam boirionnach. Cha robh coltas gainne no sàrachaidh orra; oir bha pailteas de shaill ròn ’s de shithinn aca, agus tuille cha robh iad ag iarraidh. Mar so, ged nach ’eil iad a cur sil, no ’buain, no ’cruinneachadh an saibhlibh; gidheadh a ta an Athair nèamhaidh ’g am beathachadh. Bho chor nan Esquemauxs, tha foillseachadh sònruicht aguinn air cumhachd an Tì sin is ‘urrainn bòrd a dheasachadh ’s an fhàsach,’ agus air a ghliocas neò-mhearachdach a rinn gnè agus iarrtais a chinne-daonna freagarrach do gach cearn ’s a bheil iad air an suidheachadh; co dhiubh is ann fo anail reòtaidh, ghuineach na dùthcha so, no fo ghréin loisgich nan Innsean.” Bho cheann ceithir bliadhna gu leth sheòl Sìr Iain Franklin—maraiche teòma a dh’ fheuch aon turas roimhe sin—á Sasunn, leis gach uidheam ’us goireas a bha freagarrach, maille ri urrad lòin ’s a dh’ fhòghnadh dhoibh ri ceithir bliadhna; agus cha ’n fhiosrach sinn gu’n d’ fhuaradh dad d an sgéul uaithe sin. ’S e beachd mharaichean eile gu’m bheil iad air an dùnadh a suas leis an eigh ’an àit eigin. ’N uair a tha aiteamh a’ tighinn mu thoiseach an t-samhraidh, ’s a tha ’n eigh a’ briseadh o chéile, tha na sotihichean a’ faotuinn air an aghaidh nas fhaide; ach mar faigh iad air an ais roimh thoiseach an fhogharaidh, cha bhi ach caol thuiteamas am faigh iad air an ais gus an ath bhliadhna; no theagamh nach faigh iad air an ais gu ceann ùin’ a’s fhaide; dìreach a réir fuairead na sìde. Bha Sìr Iain Ross air a ghlasadh suas mar so dlùth air bliadhna. Cha robh cùram co mòr mu thearuinteachd Sìr Iain Franklin gus am bliadhna, do bhrìgh gu’n robh de lòn leò na mhaireadh gu meadhon an t-samhraidh a dh’ fhalbh, agus theagamh na b’ fhaide; ’s e sin ma rinn iad guaim mhaith air, ’s gu’n do chuir iad a bheag ris le iasgach s le sealgaireachd. Ach a nis ’n uair a tha’n cuigeadh geamhradh air tighin oirnn o’na dh’ fhalbh iad agus nach ’eil dad for’ais air fhaotuinn mu’n déighinn, ged a ghnàthaicheadh gach meadhon a bha comasach, thatar a’ toirt dùil diubh gu buileach. Rinn luchd-riaghalaidh na rìoghachd na b’ urrainn iad gu an sgéul fhaotuinn. Chuireadh luingeis a mach air an tòir aig caochladh amannan; agus eadhoin aig an àm so tha iad a’ tairgsinn duais mhòr do neach air bith a bheir sgéul fior mu’n tiomchioll, co dhuibh tha iad beò no marbh. Tha e air a ràdh gu’n do reic céile Sìr Iain Franklin a séudan chum an duais a mheudachadh; agus cha ’n ’eil teagamh nach ’eil iomadh céile, màthair, agus piuthar ann am Breatunn a dheanadh an nì céudna [TD 750] air son a chuid eile de’n sgiobadh na’m biodh e ’n an comas. Tha sinn a’ cluinntinn gu’n do chuir na h-Americanaich long air a deadh uidheamhachadh a mach air son an aobhair chéudna. Gu’n soirbhicheadh Dia leò uile. Leigidh sinn fios d’ar léughadairean o àm gu h-àm mu na chluinneas sinn mu’n chùis so. S. VI. IMRICH DO PHORT NATAL. BHO àm gu h àm tha sinn, mar a tha fios aig ar léughadairean, ag oidhirpeachadh gach fiosrachadh a’s urrainn duinn a thoirt seachad mu na cèarnan sin de’n t-saoghal a tha freagarach air son luchd-imrich. Tha mòran gluaisid aig a’ cheart àm so ’s an taobh-deas mu thuineachas ùr a dh’fhosgladh air taobh na h-àird an ear-dheas de dh’ Africa, mu dheich céud mìle sear air Cape of Good Hope; agus do bhrìgh nach ’eil aguinne bàigh ri àite seach àite bheir sinn seachad cunntas firinneach mu’n dùthaich so, co fada ’s a tha e ’n ar comas fhòghlum o sgrìobhannan dhaoine creideasach a shiubhail troi’pe. ’S e Natal is ainm do’n chearn so. Tha e mu’n cuairt air deich ’us ochd fichead mìle air fad, agus mu dheich ’us sea fichead mìle air lèud. Tha ’n grunnd ro thorach, agus tha ’n aimsir a ghnàth ro chiùin, shàmhach. Cha ’n ’eil an samhradh idir co teith ’s an àite so ’s a tha e ann an cuid eile de dh’ Africa; ni mo tha ’n geamhradh fuar. Cha’n ’eil ach gann nì a chinneas á talamh nach ’eil a’ fàs ann. Tha gu bicheanta dà bhàrr ’ga thoirt as an talamh gach bliadhna. Anns a’ gheamhradh cha ruigear a leas a bhi ’beathachadh na spréidh le biadh-laimhe; oir tha pàilteas feòir aca ’ghnàth r’a fhaotuinn. Tha aimhnichean ’us sruthain ro phailt ann; agus ged nach ’eil uisg’ a’ tuiteam ann ach aig amannan sònruichte de’n bhliadhna tha pailteas a ghnàth r’a fhaghuinn. Tha aghaidh na dùthcha an sud ’s an so ag éiridh na cnuic ghorm, fhéurach; ’s an àitean eile a’ tearnadh na glinn uaine, fhasgach. Tha acarsaid ro fhasgach aig Port Natal; fior choltach ’na Cuma ri “Crudh’ an Eich” an Cearara: ach tha ’chuid eile de ’n chladach an cois am bheil am fearann a’ sìneadh gun mhòran fasgaidh. Feudar a ràdh le firinn gu bheil an dùthaich air “chùl gaoithe ’s air aodann gréine.” Tha i ’g éiridh ’na leitir fharsuing o’n chuan mhòr Innseanach, gus an ruigear gàradh droma mòr de bheanntan mu cheithir mìle troidh air àirde, a tha ’sgaradh na cearn so o’n taobh an iar de dh’ Africa. An taobh a muigh de na beanntan so, agus ann an cridhe na dùthcha tha na Hotentots agus na Caffirs a’ tuineachadh; ach ged a bha mòran iorghuill eadar a chuid diubh so a tha dlùth do’n Chape agus na h-Eòrpaich a tha ’tuineachadh ’s an àite sin; gidheadh cha ’n ’eil sinn a’ cluinntinn gearan air bith umpa ann an coimhearsnachd Natal. [TD 751] Tha ’n Comunn aig am bheil riaghaladh an àite ’s a tha ’cur eilthireach a mach, co fad’ ’s is fiosrach sinne, nan daoine creideasach. Agus cha ’n uileir dhoibh sin; oir tha uachdranachd Bhreatuinn ag amharc gu géur an déigh Comuinn de’n t-seòrsa so. Air son gach ceud eilthireach a chuireas iad a mach tha mìle punnd Sasunnach aca r’a leagail ’an làmhan riaghalairean na rìoghachd so. Tha ’n t-airgiod so air a ghleidheil gus an tig fios o na h-eilthirich, agus ma rinneadh fealladh orra ann an nì air bith a ghealladh dhoibh tha deich puinnd Shasunnach ga thoirt an làimh an urra dhiubh a chum an calldach a dheanamh suas. Cha ’n ’eil an t-àite so ach mu sheòladh naoi seachduinean o Bhreatunn, no leth co fad’ air falbh ’s a tha Australia no New Zealand; gidheadh cha cheadaichear do long eilthireach air bith seòladh gun lòn sea no seachd déug de sheachduinean a bhi aic’ air bòrd, air eagal ciod an grabadh a dh’ fheudadh tachairt air an t-slighe. Tha ’n Comunn so a’ deanamh aon nì a tha ion mholta: ’s e sin, bheir iad aiseag saor do mhinisteir diadhaidh de aidmheil fhallain air bith ma tha e ’falbh air ceann buidheann d’a luchd-leanmhuin. Gheibh e mar an ceudna ceud acair fhearainn, agus leth-cheud punnd Sasunnach gu cuideachadh tigh-aoraidh a chur suas. Chuir aidmheil a tha ro lìonmhor an Sasunn (na Wesleyan Methodists) a mach buidheann d’an luchd-leanmhuinn, maille ri ministeirean ’s ri maighstirean-sgoile o cheann beagan mhìosan. Tha ’n Comunn so anns gach àit’ am bheil iad ro eudmhor, dhealasach a chum aobhar Chriosd a chur air aghaidh. Tha iad ro dhìchiollach gu fòghlum ’us oilein a thoirt do’n mhuinntir òig. Tha cuid a’ gearan gu bheil tuille ’s a chòir de nàisnich an àite a’ tuineachadh fathasd ann an Natal, agus gur h-ann mar is luaithe a ruaigear as iad is fearr e. Na aghaidh so tha na Methodists ag ràdh, a réir am beachd-san gur h-ann mar is lìonmhoire an sluagh is fearr e; oir ged a tha e na nì ceart gu leòir ann féin fearann àiteach, spréidh àrach, agus creic ’us ceannach a dheanamh, gidheadh gu bheil e neo-chrìochnach nas féumaile cridheachan agus cinn nan créutairean aineolach so a shoillseachadh le eòlas a dh’àrdaicheas iad mar dhaoine anns an t-saoghail so, agus a chuireas ann an sealbh iad air “oighreachd neo-thruaillidh, neo-shallach agus nach searg as” an taobh thall de’n uaigh. Tha na nàisnich am bitheantas nan daoine gun bhruaillein, agus dìchiollach gus gach cosnadh a gheibh iad a ghabhail. Tha iad ro fhreagarach gu saoithreachadh am measg a’ chotain, a chinneas gu pailt ’s an aite so. Tha mòran diubh a thainig air theanacas do Natal, bho chorruich an rìghrean ’s an cinn-chinnidh fhuilteach. Tha e ceart gu’m faigheadh iad so gach tearmunn agus gach dìdein a tha mhàin r a fhaotuinn fo laghannan agus fo riaghaladh Bhreatuinn. Bu chòir do ar Cinneach-ne a chùimhneachadh nach ann idir a chum an crìochan a chur am farsuingeachd, no a chum am maoin a mhèudachadh, ach a chum a bhi ’n an eiseimpleir do chinnich na talmhuinn anns gach gnìomh ion-mholta, a bhuilich Iehòbhah a [TD 752] leithid de chumhachd agus de dh’ eòlas orra. Bu chòir gu’m b’e an suaicheantas anns gach cearn d’an rachadh iad, “Sìth air thalamh, agus deagh-ghean do dhaoinibh.” Tha ’n t-airgiod aisig ro achdarra, a mhàin deich puinnd Shasunnach air son gach aon a tha os cionn ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. An lorg so tha pailteas lòin aca r’a fhaotuinn fad an turuis, agus mar an ceudna fichead acair fhearainn ’n uair a ruigeas iad thall. Tha ’m fearann air a thomhas agus air a thoirt do gach teaghlach air an dòigh a leanas.—Iadsan a phàigh an t-airgiod-aisig an toiseach gheibh iad an roinn nas faisge do’n bhaile-mhòr, agus mar sin tha iad, aon an déigh aoin, a’ gabhail a steach do’n dùthaich, agus esan a bha air deireadh ann am pàigheadh an airgid aisig ’s e is faid’ air falbh o’n bhaile-mhòr. Is e cuig puinnd Shasunnach an t-airgiod-aisig a tha r’a phàigheadh air son cloinne, o aois aon bhliadhna gu ceithir bliadhn’ déug. Tha pailteas lòin aca-san r’a fhaotuinn mar an céudna, a thuille air cuig acraichean fearainn an t-aon. ’N uair a ruigeas na h-eilthirich, tha luchd-gnothaich a’ Chomuinn a’ deanamh ullamh gus gach nì tha feumail a dheanamh air an son. Tha àitean tàimh freagarrach air an ullachadh dhoibh far am feud iad a’ cheud mhìos a chur seachad gun mhàl no cìs. Tha tuarasdail ro àrd aig luchd-ceaird ann an Natal. Thainig cunntas o cheann ghoirid mu dheich ’s tri fichead eilthireach a chaidh a mach ’s an t-samhradh a chaidh; agus tha e air a ràdh gu’n robh saoir-gheala a’ faotuinn o sheachd gu deich tasdain ’s an latha; saoir-bhàtan deich tasdain; saoir-mhuillean ochd tasdain; treabhaichean deich puinnd fhichead Shasunnach ’s a’ bhliadhna; boirionnaich no searbhantan tighe cuig puinnd fhichead Shasunnach. Tha ’n Comunn so ’cur air falbh soitheach gach mìos. Air an deicheamh là fichead de’n mhìos a chaidh seachad dh’ fhàg bàrc eireachdail d’an ainm an “Ina” Cluaith, le ochd déug ’us cuig fichead eilthireach air bòrd. Na’n giùlaineadh an soitheach tuille tha e air a ràdh gu’m b’ fhurasd’ am faotuinn. A chum gach cothrom a thoirt dhoibhsan le ’miann dol do’n chearn ud tha soitheach eile ri seòladh á Cluaidh ’an ùine ghoirid. Neach air bith le m miann fiosrachadh is mine fhaotuinn mu Natal na thug sinne seachad, gheibh iad e o Fhear-gnothaich a’ Chomuinn, Mr Robert Beveridge, 8 Prince’s Square, Glasgow. VII. GNATH-FHOCAIL. Dean do ghearan ri fear gun iochd ’us their e “Tha thu bochd.” Dh’ aithnich mi gur meann a bheireadh a’ ghabhar. Dà thrian bùidheann baranda. [TD 753] Dheanadh tu teaghair de ròineig. Dean do gharadh far an d’ rinn thu t-fhuarach. “Dheanadh sin e,” mar a thuirt an cù mu’n uachdar. Diù na comhairle ’toirt far nach gabhar i. “Dheanadh e rud-eigin do dh’ aon ach ’s beag a’ chuid dithis e,” mar a thuirt Alasdair Mòr mu’n t-saoghal. Dean cnuasachd ’s an t-samhradh a ni ’s a’ gheamhradh do gharadh. Dean maith ’an aghaidh an uilc. Dheanadh tu caonnag ri d’ dhà lurgain. Druididh gach eun ri ’ealtainn. Deoch mhòr do Bhrian ’s b’ e sin a mhiann. Deireadh an latha ’s maith na h-eòlaich. E Eisd ri gaoith nam beann gus an traoigh na h-uisgeachan. Earbs’ á claidheamh briste. Eadar a làmh ’s a thaobh. Eadar am bogha ’s an t-sreang. Eug ’us imrich a chlaoidheas tigheadas. Eadar leòir ’us eatorras. Eadar an long nodha ’s an seann rudha. Ealaidh gun rath. Earrach fad’ air chùl Càisg. F Far nach ionmhuinn duine ’s ann is ’usa éigneachadh. Fear urrad rium ag iarraidh fuigheall orm. Faochadh gille ’ghobhain, o na h-ùird gus na builg. Fear an ioma mhòir ’s e is binne glòir. Faodaidh duine ’chuid ithe gun a chluasan a shalachadh. Fhuair e car troimh ’n deathaich. Fad o’n t-sùil, fad o’n chridhe. Feuch an laogh blàr buidhe dhomh ’s na feuch a chuid domh. Fannan de ghaoth an ear leannan an t-sealgair. Fear na foille ’n ìochdar. Fhuair thu fios an eagail. Far am bi geòidh bidh iseanan. Fear na bò féin ’s a’ pholl an toiseach. Far an luidh neach ’s ann a dh’ éireas e. Far nach bi na coin cha leigear iad. Faodaidh gnothach an rìgh tighin an rathad a’ bhaigeir. Faodaidh an cat amharc air an rìgh. Far nach bi na mic-uchd, cha bhi na fir-fheachd. Feumaidh fear nan cuaran éiridh uair roimh fhear nam bròg. Fuilingidh gach créutair a bhi gu maith ach mac an duine. Fial’achd do n fhògarach, ’s cnàmhan briste do’n éucorach. Fanaidh duine sona ri sìth, ach bheir duine dona dui-leum. [TD 754] VIII. NAIGHEACHDAN. EOGHAN SAIGHDEAR AGUS AM MAIGHSTIR-SGOIL’. Eoghan. Fàilt’ oirbh. Thainig mise g’ ar ceasnachadh mar is àbhaist. Feuch am bi sibh co maith agus tachdain eile thor t air mo shoilleireachadh anns na gnothaichean mòra ’tha dol air an aghaidh ’s gach cèarna. Tha na h-oidhcheachan a nis ro fhada, agus is oircheas dhuibh ni-eigin innseadh dhomh a ghleidheas seanachas rium féin ’s ris a’ chaillich ’n uair a bhios sinn an sud ’n ar dà dhòraman taobh na grìosaich. Maighstir-Sgoil. Ciod ’so a’s mò ’tha ’cur a chùram ort an tràs’ Eoghain? C’ àit an tòisich sinn an diugh? E. Cha tig dhomhsa bhi moiteil ’n uair a tha mi ris a’ bhleid, agus tha mi car coingeis ciod a’ chearn aig an tòisich sibh. Bheir sibh sgéul soilleir, brìghmhor mu àit air bith air an dean sibh iomradh. Ach nam b’e ur toil e bu ghlé mhaith leam a chluinntinn cia mar ’tha dol do’n Phàpà. An do thill e ris an t-seann làraich fhathasd? M. Cha do thill fhad ’s is fhios dhomh; ach bha sàr-fhiuthair aige féin ’s aig a chàirdean gu ’n tilleadh e do’n Ròimh mu’n bhliadhn’ ùir; agus cha’n ’eil e éucoltach gu’m feud e bhi air sin a dheanamh ged nach cuala mis’ e fathasd. E. Nach iongantach an obair, ’s an iomairt a tha orra. C’arson nach falbh e, no nach fuirich e? Cha ’n ’eil fhios agam fhéin dé am fire-faire ’tha orra. Dh’ fheudadh e dol a cheann eile an t-saoghail ’s a bhi air ais o’n a thòisich e air bruidhinn mu’n tilleadh sin do’n Ròimh. M. Tha iomad snuim r’a fuasgladh, ’s iomad té r’a ceangal—iomad gnothach ciogailteach r’a shocrachadh eadar e féin ’s na Frangaich m’am bheil féum dha tilleadh. E. Theagamh gu’m bheil. Ach innsibh so dhomh. Am bheil na Frangaich air atharrachadh a thoirt air laghannan ’s air reachdan an dùthcha, no’m bheil a h-uile gnothach ri bhi air an t-seann rian—fo làn ùghdarras a’ Phàpa féin? M. ’S e ’n latha a dhearbhas. Tha iomradh air gu ’m bheil cùisean ri bhi nas fearr—gu bheil tuille cumhachd r’a thoirt do’n t-sluagh ann an nithean aimsireil; ach cha ’n ’eil féum a’ bheag a ràdh gus am faic sinn. Agus mu nithean spioradail cha ’n urrainn na Frangaich no daoin’ eile ’n cur ceart gus an tig an sluagh féin gu tuigse, ’s gu soillse. Cha ’n ’eil teagamh air bith nach bi beagan tuille saorsa aig an t-sluagh na bha aca. Ach cha ’n fhaic mi gur h-ann le toil a’ Phàpa; agus cha ’n ’eil a’ bheag de thoradh maith air bith r’a fhaicinn fathasd o thuras nam Frangach, d’am bu chòir gu cinnteach ’ealladh ghabhail ri muinntir na Ròimhe mar a rinn daoin’ eile riutha féin. [TD 755] E. Leigeamaid dhoibh an tràs matà; agus féuch an innis sibh dhomh cia mar a tha cùisean a’ dol ann an Hungary? M. Tha mar nach olc do na daoine cumanta, agus dhoibhsan a strìochd ’na thràth; ach gu bochd, brònach dhoibhsan a sheas a mach tuille is fada; agus dhoibhsan a tha uaibhreach, cumhachdach, no cliùiteach. Rinn muinntir Austria gu ro chruaidh-chridheach ri mòran diubh so. Chuir iad mòran de na daoin’ a b’ainmeile ’s an dùthaich gu bàs tàmailteach, cràiteach, ’g an crochadh mar mhortairean. Chuir iad mòran eile ’am prìosan as nach ’eil gealladh aca faghuinn ré am beatha, agus chuir iad ùmhladh co trom air feadhain eile ’s nach ’eil aca na ghleidheas am biadh riutha féin, no r’an teaghlach. Thug e gaoir feadh na Roinn-Eòrpa gu léir mar a rinn iad; ’s cha ’n ’eil teagamh air bith nach fadaidh e fuath, ’us gamhlas ’an cridheachan nan Hungarianach o’n tig toradh searbh là-eigin fhathasd. E. Tha sin uile glé chruaidh gu dearbh; ach nach iad na Hungarianaich fhéin a thòisich air an iorghuill? agus ’n uair a chaidh a’ chùis ’n an aghaidh cha ’n fhaic mi nach ion dhoibh dìreach cur a suas leis a’ chuibhrinn a gheibh iad. Cha ’n ’eil mi air son ar-a-mach agus cogadh a bhi air a thogail ann an dùthaich, ’s cha doichioll mi deadh fhàsgadh dhoibhsan a tha ’bualadh a’ chéud bhuille. M. ’S iad féin gun teagamh a thòisich air an stréupaid; ’s cha ’n ’eil mis’ ag radh gu’n robh iad ceart ann an tòiseachduinn. Dh’fhéumadh e tuille eòlais na tha agamsa air eachdraidh na dà dhùthcha, ’s air gach connsachadh sean ’us ùr a bha eatorra gu breith shoilleir a thoirt air a’ chùis. Ach abair gu’n robh iad ’am mearachd. Bha e neo-fhiachail—bha e cruaidh-chridheach, agus gràineil do mhuinntir Austria, ’n uair a fhuair iad a’ chuid a b’ fhearr dol a pheanasachadh, ’s a phianadh air dhòigh co fuilteach ’s a tha iad a’ deanamh. Bha e ro ghràineil dol a chrochadh dhaoine fiachail, foghainteach, urramach nach d’ rinn cron ach airm a thogail ’an aobhair an dùthcha féin—dol a sgiùrsadh mhnathan-uaisle air son gu’n d’ rinn iad còmhnadh ri’m fir, ’s ri ’m mic féin; agus cha ’n ’eil teagamh agam nach tionndaidh a’ chùis a mach co amaideach ’sa tha i cruaidh-chridheach. Cha ’n e sud an dòigh air sluagh lìonmhor, beachdail, gaisgeil a thàladh ri smachd Austria. Nach fad air atharrach a rinn muinntir Bhreatuinn ris na h-Eirionnaich an uraidh? E. Stadaibh! stadaibh! ma ’s e ur toil e. Cha ’n abair mi smid ’n am fàbhar ma bha iad a’ sgiùrsadh nam mnathan-uaisle, no boirionnaich air bith. Bha sin mosach, nàrach. Coma leam tuille an fheadhain aig an robh làmh air bith ’s a ghnothach sin. Nach bu nàdurra, ’s nach bu dleasnach do na créutairean gach cuideachadh a b’ urrainn dhoibh a dheanamh le’m fuil ’s le’m feòil féin. Ubh! ubh! na’n deantadh peanas idir orra ’s ann air son iad a dheanadh air atharrach a bu chòir coire fhaghuinn dhoibh. Fàgamaid iad; agus cia mar a tha gnothaichean an cèarnan eile de’n t-saoghal? [TD 756] M. Tha sgéul agam dhuit nach ’eil ro thaitneach air àit’ a bhuineas do Bhreatunn aguinn fhéin, far am bheil mòran iomairt ’us aimhreit aig a’ cheart àm. E. Fhéudail! fhéudail! An tig clos air an t-saoghal idir? C’àit a bheil so? An iad na daoine fiadhaich ur ’s an àird an Ear, leis an ainm bheag, shleamhain air nach urrainn mi greim a ghleidheil a rinn na h-urrad chòmhraig o cheann bliadhna no dhà a th’ air tarruing a mach a rithis? M. Na Sikhs. Cha ’n iad. Tha iad sin air an cìosnachadh gu maith aig an àm; ach ’s iad muinntir a’ Chip, mar is minic a chuala mi na Gàedheil ag ràdh ris—an Cape of Good Hope ann an Africa. E. A ghràidh nam fear! Nach ann agam a tha ’n deadh chuimhn’ air—nach robh mi m’a ghlacadh o na Dùitsich, an uair a bha Baird us Beresford air ar ceann. Na ceòsanaich leathann, chlàrach na Dùitsich ’s ann orm—— M. Stad, stad Eoghain: cha ’n ’eil mis’ ag iarraidh an t-seann sgeòil mu ghlacadh a’ Chip. Cuimhnich gur h-ann a tha thusa a’ farraid dé a tha ’dol air aghaidh ann an tràs’—agus so e; gu sgéul goirid a dheanamh air. Tha fhios agad gu’m bheil na droch dhaoine sin a tha ciontach ’an goid, ’s an spùineadh, ’s an ioma cron de’n t-seòrsa sin air an cur as an rìoghachd, ’s air an gleidheil mar phrìosanaich, agus aig obair ’us saothair an cèarnaibh céin a bhuineas do Bhreatunn: agus so, an dà chuid gu’m peanasachadh agns gu’n ath-leasachadh, ma ghabhas e deanamh. E. Tha fios agam gu’m bheil na béisdean sin air an cur do Bhotani Bay; agus gu dearbh their mi nach b’ oil leam ged a bhiodh beagan tuille air an cur ann. Tha h-aon no dhà a’s aithne dhomh mu’n abrainn, na’m b’ fheairrd iadsan ac’ iad nach bu mhisde sinne uainn iad. Ach nach ’eil Botani fad’ o’n Cheap? M. Tha fada gu leòir gus an fhear a’s faide làmh a ghleidheil o ruigheachd air. Ach tha muinntir Australia agus luchd-comhairle na Bàn-righinn mar an ceudna a’ smaoineachadh gu bheil tuille ’s a’ chòir de na ciontaich ud (‘convicts’) ann am Botany Bay, ’s anns na cearnachan mu’n cuairt; agus dh’ aontaich iad buidheann dhiubh a chur do’n Cheap. Rainig làn soithich dhiubh ach cha b’e ’n fhàilte chridheil a fhuair iad. Ghabh muinntir Chape-Town boilidh ’us bàinidh. Chaidh iad ann an co-bhoinn r’a chéile nach leigeadh iad cas air tìr dhiubh sud am feasd: a thuille air a sin nach leigeadh iad aona ghearradh bìdh a chòir an t-soithich air an robh iad; ’s nach deanadh iad reic, no ceannach ri duin’ air bith a bha air son nan ciontach a shocrachadh anns an dùthaich. Cha reiceadh iad biadh no nì eile ri Uachdaran na dùthcha e féin—Sir Harry Smith—no ri aon a bhuineadh dha, gus an òrduicheadh e an soitheach air falbh o’n còrsachan gu léir; agus tha gnothaichean anns an staid so fathasd fhad agus is fhios domh. E. Ach ghabh iad an deadh dhòigh co dhiùbh air muinntir an [TD 757] t-soithich agus an t-Uachdaran a thoirt thuige. Gleidheadh iad am biadh uatha ’s cha ’n ’eil eagal nach teid an latha leò. Cha ’n aithne dhomh fear-cìosnaichidh a’s fearr na’n t-acras.—Ach nach fuathasach leibhse gu’m biodh urrad othail, ’us iorghuill, ’us chosdais air a dheanadh le’r rìoghachd mu ghràisg mhèirleach ’us bhana-mhèirleach mar sud. Na sruthairean bradach: cha chosdainn-sa mòran, ’n uair a dh’ fhòghnadh dhoibh taod cainbe, an rud a choisinn iad. Na ragairean; nam biodh iad aon latha aig an t-seana Chommandair aguinne chuireadh deannag luaidhe ’s fhudair seachad gach othail ’us dragh mu’n déìgh. M. Mo nàire Eoghain! Is ana-cneasda, agus ro ana-criosduidh a’ chainnt sin. Bu ro chruaidh an gnothach gach créutair truagh, seacharanach a tha ’briseadh reachd Dhé, agus dhaoine a ghrad iomain gu sìorruitheachd ’s an dòigh sin. Tha Dia fad fhulangach ruinne, ’s bu chòir dhuinne bhi mar sin r’a chéile. Agus is nì ro chliùiteach do’r rìoghachd gu’m bheil i a’ deanamh urrad air son chiontach mar sud a thoirt gu h-aithreachas, ’us gu gnàthachadh maith. Tha do bheachd-sa gun teagamh ro fhuilteach, borb. E. Tha mòran de’n fhìrinn agaibh air chinnt. Ach ’na dhéigh sin uile tha ’mhèirle ro shearbh, agus duilich cur suas leatha. Agus tha mise ’g innseadh dhuibh gu bheil a’ chùis a’ dol thar na cailce buileach anns a’ chearna so fhéin. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh diog mu mhuinntir nan caorach, ’s nan gabhalaichean. Biodh iad a’ cur gleidheadh, no tòrachd air na tréudan mar a thogras iad. Ach nach glé shearbh do dhuine bochd mar a tha mise, an déigh dha a bhi aig dragh ’us saothair a’ cur crioman gàraidh an òrdugh nach fhàgar Tùirneip no Curran aige gun ghoid. Cha ’n e sin uile; ma dh’fhàgas mi ball àsuinn a mach ’s an oidhche cha ruig mi leas sealtuinn air a shon ’s a’ mhaduinn: agus nach do ghoid iad bhàrr an spàrdain ’an ceann shìos an tighe agam a’ chearc a bha ’breith an uibhe dhomh. Agus gnothach a’s gràineile na sin uile—rud nach cualas ’am measg dhaoine cneasda riamh—nach do ghoid iad iarruinn na seisirich air an duine chòir so shuas aig a’ Chaol! Tha mise ’g ràdh ruibh gu’m féumar na mèirlich a chur ’an Ceap air chor-cigin, agus feuchainn riutha nas cruaidhe na thàtar a’ deanamh. Ach cia mar a chrìochnaicheas an iorghuill a bha sibh ag ràdh? M. ’S usa sin fharraid n’a fhreagairt; ach tha e coltach gu leòir gu’n cuir luchd-sdiùraidh na rìoghachd do chearn air chor-eigin eile iad. E. Tha mi ’n dòchas gu’n gléidh iad astar-latha uainn’ iad cò dbiùbh. Ach a nis, dé tha ’dol air aghaidh ’s an rìoghachd aguinn féin? M. Is ioma sin. Ach tha aon nì a’s ion a ghleidheil air chuimhne le bròn ’s le irisleachd; ’s e sin gu’n do ehaochail Ban-righinn Adelaide—Bantrach Rìgh Uilleam IV.—boirionnach a bha ’na b’ urramaiche air son a cràbhaidh, ’s a maitheis, na bha i air son a [TD 758] h-àrd inbhe—boirionnach air leth air son seirc’, iochd agus irisleachd. Fhuaradh aon ni a mach mu déighinn o’n a chaochail i a tha ’dearbhadh a h-irisleachd; ’s e sin iarrtas a dh’ fhàg i sgrìobhta ’na déigh a thaobh an dòigh anns am bu mhiann leatha ’bhi air a h-adhlacadh. “Tha mi ’faghail a’ bhàis (deir ise) anns an uile irisleachd, làn fhiosrach gu bheil sinn uile comh-ionnan ann an sealladh Dhé; agus air an aobhar sin tha mi ’g iarraidh gu’m bi mo chorp air a ghiùlan chum na h-uaighe gun othail, gun mhòrchuis, agus gu’m bi an tiolacadh air a dheanamh ri solus latha. Tha mi ’g àithneadh nach bi mo chorp air fhosgladh, no spìosraidh air a chur air; agus gu’m bi gach ni air a dheanamh co saor o dhìomhanais an t-saoghail, agus le co beag dragh ’s is comasach.” Thug Bàn-righinn Victoria fainear an t-Iarrtas so ’dheanmh co follaiseach ’s a b urrainnear; nì ’tha nochdadh a tuigse ’s a h-irisleachd-se mar an ceudna. E. Tha ise a dh’ fhalbh ’na chall do’n bheò, gun teagamh; ach ’s cinnteach mi gu’m bheil e ’na bhuannachd dh’ i féin. Cha b’ann a mhuinntir na dùthcha so i—am b’ ann? M. B’ ann a mhuinntir na Gearmailt i—nighin aoin de na Diùcan a tha lìon-mhor an sin. Saxe Meiningen a tha air oighreachd a tighe. Ach féumaidh mi stad Eòghain. Tha mòran ùine o na thòisich sinn air a chòmhradh so, agus tha gnothaichean eile agam ri sealtuinn as an déigh. E. ’S cinnteach gu bheil; agus ’s mòr mo chomain duibh air son urrad d’ur seanachas a thoirt dòmhsa. Ach aon fhocal, ma ’s e ur toil e. Cia mar a tha ceird ’us cosnadh feadh na rìoghachd? M. Tha iad ’an eatorras: chunnacas na b’ fhearr iad, ach is minic a bha iad mòran na bu mheasa. Tha farraid mhaith air cosnadh ’s an taobh-deas; agus tha ’mhin a’ sìor thuiteam ’am prìs. Tha min mhaith choirce r’a faghuinn ’an Glascho air son aon tasdan déug am bolla. E. Tha coltach nach b’ fhearr ’an nasgaidh i! Cruaidh ’s mar a tha ’n saoghal gleidhidh a’ pheighinn a tha agamsa ’s an latha o m’ dheadh bhana-mhaighsir a’ Bhàn-rìghinn am bonnach rium fhéin ’s ris an t-seana-mhnaoi co dhiubh. Slàn leibh—slàn leibh, agus anabarr taing. N. B. All communications in future to be addressd to PATON & RITCHIE, 3, Hanover street, Edinburgh. Those Subscribers in arrears are requested to remit to the Publishers without delay. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS:—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D. Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.