[TD 695] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XXIII.] AN T-AONA MIOS DEUG, 1849. [R’A REIC AIR SON TRI SGILLINN CONTENTS:—I. On the Moral and Religious Training of Children, page 695. II. The Admonition of the Town-clerk of Ephesus, page 700. III. Conversion of the Gentiles—Number, in the present time, listening to the teaching of the Gospel, page 704. IV. The Jewels—an Eastern Tale, page 707. V. A true Tale of a mother’s love—Illustration of the love of Christ to the sinner, page 710. VI. The Innkeeper’s son; or the fearful effects of the “love of Money,” page 713. VII. Manual of wisdom, page 717. VIII. Gaelic Proverbs (continued), page 719. IX. Anecdotes:—The South Sea Islander: “Thou God seest me,” page 723. X. Public News:—The Canadian Movement for Annexation with America—Destructive Inundation in the Punjaub—The Hungarian Refugees—Spain and Portugal—France—Prussia—Disturbed condition of Ireland—Her Majesty’s health—Proposed day of Thanksgiving for the abatement of Cholera—Markets, &c., page 725. I. MU OILEIN CLOINNE. “Teagaisg leanabh air an t-slighe air an coir dha gluasad, agus ’n uair a bhios e sean cha treig e i.”—Gnath. xxii. 6. THUBHAIRT sinn mòran o àm gu h-àm mu sgoil, ’us fòghlum a thoirt do chloinn; agus tha e féumail gu’n rachadh an tuille ’s an tuille a ràdh mu’n chùis leòsan aig a bheil ùghdaras thairis air an t-sluagh: oir chì sinn air a’ bhliadhna so, mar air bliadhnachan eile, na tighean-sgoile leth-fhalamh, ’s a’ chlann a ruith feadh nan tom, no nan diseachain mu thaobh an teallaich a’ dath’ an luirgnean ris a’ ghrìosaich—ach a’ call cothrom air fòghlum ’s air maith nach ath-cheannaich iad fhad ’s is beò iad. Tha e cianail cia neo-mothachail ’s a tha mòran de phàrantan na Gàedhealtachd mu’n dleasnas anns a’ ghnothach so—cia peacach ’s a tha iad a thaobh Dhé—cia cruaidh-chridheach a thaobh an cloinne. Theireamaid riù le’r n-uile dhùrachd, far a bheil comas aca air a dheanamh, iad [TD 696] a chur an cloinne do’n sgoil ’na thràth—’an tùs na h-òige—iad ’g an gleidheil ann gu riaghailteach, agus iad a dh’ fheuchainn ri thoirt orra meas ’us miagh a bhi ac’ air ionnsachadh mar nì féumail, agus mar nì urramach. Ach tha ’n ar beachd a nis dol air ar n-aghaidh ré Aireamh no dhà gu labhairt mu earrann eile de dhleasnas phàrantan ri’n cloinn—’s e sin an àrach ’s an oileineachadh ann an cleachduinnean maithe—deagh-bhéus agus fior chràbhadh a theagasg dhoibh—agus cuimhnicheamaid an uair a tha soilleireachadh na h-intinn le eòlas uil-fhéumail; aig an àm chéudna nach ’eil ann an so ach meadhon a chum crìche. ’S i a’ chrìoch sin gun teagamh, leanabh a thoirt gu gluasad air an t-slighe air an còir dha gluasad—slighe an dleasnais agus na diadhachd—slighe na sìthe agus an t-sonais anns an t-saoghal ri teachd. Tha e mar fhiachaibh air pàrantan, cha ’n e mhàin tuigse na cloinne a shoilleireachadh; ach feuchainn ri’n cridheachan ’s ri’n aignidhean a sdiùradh gu ceart ’us gu maith—cha ’n e mhàin a theagasg dhoibh am Bìobull a léughadh; ach a ghràdhachadh, agus deanamh d’a réir—an togail ’s an oileineachadh air a leithid de dhòigh ’s gu’m bi iad cùramach ’n an caithe-beatha làitheil air gluasad mar chloinn an Athar nèamhaidh—air gach uile nì a dheanadh o’n cridhe mar do’n Tighearna: agus feuchaidh sinn ri beagan sheòlaidhean a thoirt seachad mu na dòighean a’s fearr gu so a thoirt mu’n cuairt. Ach mu’n teid sinn air ar n-aghaidh bheir sinn fainear nì no dhà a tha fios aguinn a tha cleachdta aig pàrantan aineolach a ràdh an aghaidh nan dleasnas so a tha sinn a’ sparradh orra. “Is fuathasach an obair a tha air daoine ’s na làithean a th’ann ag éigheach ri pàrantan mu oilein ’us togail dhiadhaidh a thoirt do’n cloinn. Bu shàmhach, sìobhalta a bha gnothaichean a’ dol ’n uair a bha na bu lugha air a radhuinn; agus faigheadh clann biadh ’us eudach ’s bheir iad an cinn fhéin a mach a’s t-saoghal mar a rinn an aithrichean ’s an seanairean.” Chuala sinn duine no dhà a’ labhairt mar so; agus tha ’n cainnt a’ ciallachadh dìreach nach ’eil féum air a bhi cùramach, no saoithreach ann an oilein diadhaidh a thoirt do’n òigridh—gu’n dean iad maith nas leòir as ionais. Ach cia mar a ni iad—cia mar a tha iad a’ deanamh as ionais? Nach ’eil àl an déigh àil a’ fàs a suas ann an aineolas, ’an aingidheachd—’an ioma mi-bhéus. Cha ’n urrainn dhuinn a ràdh gu bheil an ginealach so a bheag idir nas fearr ciod air bith a tha iad nas measa na ’n fheadhain a thainig rompa. Gu cinnteach tha misg, tha neo-ghloine—tha bréugan, agus mèirle a’ fàs nas lìonmhoire ann an cèarnachan de’n Ghàedhealtachd na bha iad. Tha gnothach ro eagallach dhiubh ann. Agus an uair a tha cùisean mar so, nach ’eil féum air gu’n deanadh pàrantan an tuille na tha iad a’ deanamh anns an òigridh a sdiùradh air an t-slighe cheairt. Tha mòran dhiubh air slighe na h-éucorach, na tàmailt, agus na sgrios. Agus co aig a bheil a’ choire so? Tha gu h-àraidh aig na pàrant- [TD 697] an leisge, mi-chùramach nach do chaith saothair riù ’na thràth—aig na pàrantan aingidh a chomharraich a mach le’n droch ghnàthachadh fhéin céum a’ pheacaidh dhoibh. “Teagaisg leanabh air an t-slighe air an còir dha gluasad, agus ’n uair a bhios e sean cha tréig e i,” tha Dia na firinn ag ràdh, agus tha eachdraidh an t-saoghail anns gach linn a’ dearbhadh gu ro shoilleir gu bheil gnàthachadh cloinne ’am bitheantas a réir na togail a fhuair iad—a réir na chunnaic iad ’an tùs an òige. Is mòr—is ro mhòr na tha ’n earbsa ris gach pàrant’. Is tròm am màl a tha air a thaobh a theaghlaich fèin—a thaobh a choimhearsnach agus, or ceann nan uile a thaobh a Dhé. An duine sin a tha ’togail cloinne ann an leisg ’s an droch-bheirt, tha e ’deanamh na dh’ fheudas e gu iadsan a sgrios. Tha e mar gu’m b’ eadh a sgàoileadh plàigh ’na choimhearsnachd; oir is mòr a’ phlàigh agus am mallachd ’am baile, no’n dùthaich, bannal de dhroch òigridh a tha ladarna, dalma ann am mi-ghnàthachadh. Agus gu sònruichte ’n uair a tha Dia ag ràdh ris a’ phàrant a thaobh gach leinibh, “Gabh an leanabh sin agus àraich air mo shonsa e,” agus tha ’m pàrant ga àrach air son an diabhoil! Gu cinnteach gabhaidh Dia cunntas teann agus eagallach dh’esan aig an là mhòr. Bithidh anaman a chloinne air an iarraidh air an uair “a nithear tòrachd air son fola.” Cha ’n ’eil e as an rathad matà, ach ro iomchuidh agus féumail, a dhlùth-sparradh air pàrantan iad a dhùsgadh o’n cadal mu’n ghnothach mhòr agus sholeimte so. Cha ’n ’eil clann air an àrach air son Dhé ach g é ainmic; agus “tha bhlàth ann.” Tha ’n saoghal fathasd a’ luldhe ann an aingidheachd; agus cha ’n ’eil fiuthair aguinn gu’n tig mòr atharrachadh air a’ chùis gus an togar “clann da rìreadh ann an oilein agus ann am fòghlum an Tighearna.” Ach na’m bitheadh aon ghinealach féin air am mosgladh gu cùram anns a’ ghnothach so—na’m bitheadh gach pàrant’ anns an dùthaich aig a’ cheart àm ri tòseachduinn air a chloinn a thogail mar chloinn do Dhia thigeadh atharrachadh mòr agus sòlasach air an t-saoghal. Bhiodh uile theaghlaich na talmhainn ’an ùine ghoirid ’n an teaghleach do Dhia ’us do Chriosd. A rithis their daoine, “Tha ’n diadhachd maith gu leòir na h-àite féin; ach b’ àill le ministeirean, agns le muinntir nan leabhraichean gu ’n robh ar n-aire uile air cràbhadh, ’us creideamh. A nis is aithne dhuinne nas fearr. Féumaidh sinn sealtuinn air an t-saoghal a tha ’làthair. Féumaidh sinn ceaird ’us cosnadh a thoirt do ’r cloinn; ’s cha ’n e ’n obair fhurasda dhoibh iad féin a chothachadh leis a sin fhéin. “Am fear nach toir an aire air a ghnothach cha toir a ghnothach an aire air.’” Chuala sinn daoine gu minic a’ labhairt mar so; ach tha ’bharail a th’aca ag éiridh o bheachd ro mhearachdach a thaobh diadhachd—beachd gu bheil i ’toirmeasg do dhaoine a bhi firinneach, onorach, dìchiollach ’n an gnothaichean saoghalta—gu bheil i ag àithneadh dhuinn a bhi ’dearmad nan dleasnas a tha mar fhiach- [TD 698] aibh oirnn a choi-lionadh do’r co-chréutairean anns gach suidheachadh ’us inbh’ anns a bheil iad. A nis dh’ fheòraicheamaid dhiubh so a bheil iad da rìreadh a’ creidsinn nas mi-fhreagarraiche air son a dhleasnais a chionn bhi ’na Chrìosduidh. Am misd’ am fear-pòsda, no bhean phòsda a bhi ’gràdhachadh Chriosd? Am misde do mhac no do nighean a bhi da rìreadh nan cloinn do ’n Athair nèamhaidh? Am misde do sheirbhiseach a bhi ’deanamh seirbhis do’n Tighearna? Am misd’ am maighstir a bhi ’sìor-chuimhneachadh gu bheil a Mhaighstir féin air nèamh? Am misd’ am fear-oibre a bhi ’cuimhneachadh gu bheil sùil a Dhé air a ghnàth, agus a bhi ’cluinntinn a ghuth-san ag ràdh, “Ge b’e nì a gheibh do làmh r’a deanamh dean e le d’ uile dhìchioll?” Tha dearbh fhios aig gach duine, nach misd’ ach gur feairrd gu mòr mòr gach neach air son aon dleasnais no dréuchd saoghalta a dh’earbar ris a bhi ’faireachduinn cumhachd a’ ghràis sin a tha ’teagasg do na h-uile “gach an-diadhachd agus ana-miann saoghalt’ àicheadh, agus gluasad gu stuama, gu cothromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghal a tha làthair,” a bhi fo dhrùghadh a’ ’ghràidh sin a’s e “coi-lìonadh an lagha,” agus “coimh-cheangal na foirfeachd”—’s e sin a bhi da rìreadh cràbhaidh, no diadhaidh. Bhiodh e na nì ro iongantach na’m biodh Dia air gnothaichean òrduchadh air a leithid a dhòigh agus gu’m biodh iadsan a tha ’deanamh seirbhis dha féin mì-iomchuidh air son an dleasnais anns a’ bheatha so. Cha d’ òrduich esan iad mar so; ach calg-dhìreach air atharrach. Tha e air a ràdh gu bheil an “diadhachd tarbhach a chum nan uile nithean, a’ faotuinn gealladh na beatha a tha ’làthair, agus na beatha a tha ri teachd;” agus tha na bheil fa chomhair ar sùl gach là a’ leigeil ris dhuinn gu bheil, anns a’ chor a’s bochduinne, agus a’s saothrachaile tighin a nìos aig an duine stuama, onorach, fhìrinneach, nach ’eil ’s nach bì aig an duine sgairmeach, fhuaisgailteach, aig nach ’eil sòradh air misg, no bréugan—aig nach ’eil suim no cùram mu ’anam no mu Dhia. Agus a bhàrr air a so tha freasdal an Tighearna air ioma dòigh nach ’eil sinne ’ghnàth a’ léirsinn, ag ullmhachadh teachdantìr dhoibhsan a tha ’ga ghràdhachadh agus ’ga iarraidh. “Iarraibh air tùs rìoghachd Dhé agus ’fhìreantachd-san agus cuirear na nithe so uile ruibh”—’s e sin lòn agus eudach. Tha e ’ga ghealtuinn so; agus ged a theid nèamh, agus talamh thairis cha teid lide de ’fhocal-san thairis gus an coi-lionar e. Cha ruig leas eagal a bhi air pàrant air bith gu bheil e ’cur a chlonne air slighe bochduinn, no tàmailt an uair a tha e ’g an sdiùradh sir slighe an Tighearna. ’S e gràdh Chrìosd a bhi da rìreadh ’s an anam o làithean na h-òige a theagaisgeas sinn—seadh, a cho-éignicheas sinn gu urram a thoirt do’r pàrantan—gu gach mì-bhéus—gach amaideachd agus droch-bheairt a sheachnadh—gu bhi cothromach ’n ar gnothaichean—gu bhi seirceil ris na h-uile—gu bhi ’toirt glòire do Dhia le bhi pailt ann an oibribh na firinteachd agus a’ mhaitheis. [TD 699] Aon uair eile. Chuala sinn feadhain, agus feadhain aig an robh barail àrd air an eòlas féin ag ràdh mu’n ghnothach so, “Ciod ach àicheadh air gràs an Spioraid a tha ann a bhi ’g ràdh urrad mu oilein a dheanamh cloinne diadhaidh. Mar ’eil an Spiorad a’ beantuinn r’an cridheachan is dìomhain saothair nam pàrantan peacach; agus ’n uair a thig Esan is leòir ’oibreachadh cumhachdach féin. Cha ’n ’eil ach gnothach dall a bhi mar so a’ cur obair a’ chréutair ’an àite oibre Spioraid nan gràs.” Tha ’m beachd so aig mòran; agus tha e duilich a fhreagairt a chionn gu bheil e co buileach an aghaidh focail Dhé, agus an aghaidh tuigse agus réusain mar an ceudna. Tha Dia ag àithneadh do’n phàrant’ a leanabh a theagasg air an t-slighe air an còir dha gluasad; ach tha ’mhuinntir so ag ràdh nach ’eil géill r’a thoirt do àithne Dhé anns a’ chùis. Tha iadsan ag ràdh, “Leig le d’ leanabh gluasad air an t-sligh’ a thogras e. Na gabh cùram no saothair m’a dhéighin. Ma dheònaicheas Dia ’ìompachadh air dhòigh mhìorbhuilich, agus ’an aghaidh na bheil e féin ag ràdh, is maith; ach mar dean Dia so, biodh an leanabh a’ dol.” ’S e so brìgh na cainnt ud, agus is eagallach i. ’S e Spiorad an Tighearna gu cinnteach a tha ’g ath-nuadhachadh an anama; ach is ann tré nam meadhonan sin a shocraich e féin a tha e ’g a ath-nuadhachadh; agus a’ mhuinntir ud, a tha fo ainm urram a chur air Spiorad le bhi ’dìteadh fòghlum agus oilein, tha iad da rìreadh a’ cath ’na aghaidh—’g a mhùchadh, agus a’ cur campar air. Tha, oir nach e féin a tha anns an Sgriobtur ag iarraidh oirnn ar clann a thogail ann an oilein, agus ’am fòghlum an Tighearna—an teagasg air an t-slighe cheairt—agus a’ gealtuinn ma nì sinn so gu’m bi e air a bheannachadh dhoibh? ’S e Spiorad na firinn agus nan gràs a tha ’g ràdh mar so. Agus gu cinnteach tha iadsan a their, “Cha ’n ’eil éifeachd air bith ann an oilein no’m fòghlum, ’s cha bhi sinn a’ draghach riu,” a’ cath ’na aghaidh-san, agus ag àicheadh, an dà chuid, a chumhachd agus ’fhìrinn. Tha e ’na nì dall, agus truagh a bhi ’saoilsinn gu bheil a’ chlann sin a tha air an togail ann an leisg ’s an lunndaireachd—ann an eas-umhlachd ’s an dalmachd—ann am bréugan ’s an carachd—’am mionnan ’s am briseadh Sàbaid—air an an t-slighe gu rath ’s an t-saoghal so, no gu sìth ’s an ath-shaoghal. “’S e an t-ionnsachadh òg a’s fearr.” ’S ann ri oilein ’s ri àrach na h-òigridh a tha ’n gnàthachadh, ’s an cor gu ro mhòr ’an earbsa. Agus mar so tha e ’na nì cudthromach thar tomhais do gach athair agus màthair teaghlaich na bheil ’n an comas a dheanamh gu an clann gu iéir a thogail agus a chleachduinn ri deagh-bheus agus ri cràbhadh—a thogail air an t-slighe air an còir dhoibh gluasad—agus ma chaomhainear sinn theid sinn air ar n-aghaidh gu ’chomharrachadh amach cia mar a tha iad ri so a dheanamh. F. B. [TD 700] II. CLEIREACH BAILE EPHESUS. ’N UAIR a dh’ àithn Cléireach baile Ephesus do’n cho-chruinneachadh an-riaghailteach, mu bheil cunntas aguinn ’s an xix. caib. de Ghnìomhara, “gun nì air bith a dheanamh gu h-obann,” thug e comhairl’ orra bhiodh ro fheumail do Chriosduidhean co maith ri Cinnich a thoirt fainear anns gach linn agus anns gach suidheachadh ’sam bi iad. Ged nach ’eil mi fèin aosda, gidheadh chunnaic mi iomad nì a’m’ thuras tre fhàsach an t-saoghail so a nochd dhomh co dochaireach ’s a tha e a’ chomhairle so chur an suarraicheas. Cha ’n ’eil ni air bith, theagamh, anns a bheil sinn co ealamh gu dearmad a dheanamh air an earail so ’s a tha sinn a thaobh breith a thoirt air aon a chéile. Tha uabhar anns a’ chridhe nàdurra—“an cridhe a tha cealgach thar nan uile nithe agus anabarrach aingidh”—a tha toirt air muinntir earbsa mhòr a chur ’n an tuigse ’s nam barailean féin; agus mar is eal’acha ’tha sinn a’ toirt na binn a mach ’s ann, mar is bitheanta, is déine ’tha sinn ’g a seasamh, ’s a’ leantuinn rithe. Anns a’ chearn sin de’n dùthaich ’s an do chaith mise maduinn mo bheatha, bha duine ro thuigseach, diadhaidh a chòmhnuidh; agus a thaobh gu’n robh e tearuinte, foighidneach, faicilleach, ’na ghiùlan, ’s gu’n robh an saoghal a’ soirbheachadh leis, theireadh luchd-mi-rùin ris mar fhar-ainm, “Callum Faicilleach.” Ach ’an àit’ athadh a ghabhail de’n innisg so, mar a shaoil a luchd-fuath a dheanadh e ’s ann a rinn e mòr uaill as; agus bu tric a thubhairt e, nach d’ thugadh e urrad riarachaidh dha ged a bheireadh Bàn-righinn Bhreatuinn, an t-urram ’s an tiodal a’s àirde tha ’na comas da, ’s a bha e gu’n do mheas, eadhoin a naimhdean, gu ’m b’ aithrdih e air ainm co òirdhearc. Air dhomh coinneachadh ris air latha àraidh, agus a bhi ’bruidhinn mu chaochladh nithean, dh’ fheòraich mi dh’ e, ciod an dòigh air an d fhuair e ’leithid de thùr, ’s de ghliocas ’s a bha aige, ’s gu’n e riamh a dh’ fhàgail an eilein ’s an do rugadh e? “’S e ’n t-aon duine (fhreagair esan le fiamh-ghàire), mach o m’ Shlànuighfhear beannuichte, ’s o na sgrìobhairean sin a bha air an gluasad le Spiorad Iehòbhah gus an Leabhar Naomha ’chur ri chéile, do ’m mò a bheil mi fo chomainn, Cléireach baile Ephesus. B’ e fear-comhairleachaidh m’ athar romham; agus ’s e m’ fhear-comhairleachaidh-sa e ré iomad bliadhna. ’S iomadh iomradh a tha mi ’cluinntinn mu dhaoine glice na Gréig, ’s na Ròimh, ach ’s i mo bharail nach ’eil urrad gliocais anns na dh’ fhàg iad uile de sgrìobhannan ’n an déigh ’s a th’ anns na th’ aguinn air mhaireann de na labhair an duine so; agus ma’s miann leatsa, mo charaid gaolach, faotuinn roimh ’n t-saoghal gu seimh, socrach, gabhaidh tu e mar t-fhear-comhairle mar an céudna.” Air dha m’ fhaicinn fo mhòr ionghnadh leis an fhreagairt a thug e orm, dh’ aithris e an sgéul a leanas.— [TD 701] “Tha fios agad (deir esan) nach robh aon duine cloinne aig mo phàrantan ach mi féin; agus air an aobhar sin bha iad araon ro thoigheach umam, agus iarrtach air m’ fhaicinn suidhichte ’s an t-saoghal ann an dòigh co socrach ’s a fhreagradh d’an staid. An uair a bha mi mu cheithir bliadhna déug a dh’ aois, dh’ fheòraich m’ athair dhiom aon là, an robh dréuchd no oifig air bith a bu roghnaiche leam na chéile? Bha sinn ’s an àm sin a chòmhnuidh air an leitir sin a tha “—— ——fagusg do chaolas a’ bharraich, Far am faicte air maduinn ’s air feasgar gach là Ioma eithear ’us bàta ’dol seachad.” Agus ’n uair a chithinn soithichean de gach mèudachd—o’n gheola bhig gus an luing a’s mò ann an càbhlach Bhreatuinn—a’ seòladh seachad, bu trìc a mhiannaich mi ’bhi air bòrd; agus mar sin ’s e ’thuirt mi ri m’ athair gu’m bi ’n t-seòladaireachd oifig a b’ fhearr leam na aon air bith eile. ’An àite, an dara cuid, aontachadh leam, no cur gu tur am aghadh, ’s e thubhairt e; ‘Ro mhaith, mo ghiulan gaolach, tha ’mharachd araon measail agus féumail, ’s cha ’n ’eil ni ’s am bith agamsa na h-aghaidh ma tha thu féin ’g a roghnachadh. Ach air tùs cuirea’maid ar comhairle ri Cléireach baile Ephesus.’ Mar so chuir e dàil mìos no dhà ’s a’ chùis, agus ré na h-ùine so nochd e dhomh gach cunnart agus cruadail d’am bheil maraichean buailteach—a’ chuideachd mhi-chiallach am measg am bithinn, agus a’ bhuaidh dhochaireach a bha e coltach a bhiodh aig eisimpleir na muinntir so air mo ghiùlan-sa. ’S e thainig as an dàil a bha ’n so, gu bheil mise ’nis a’m thuathanach, ’an àite bhi’m sheòladair, mar a tha e coltach a bhithinn mar cuirinn mo chomhairle ri Cléireach baile Ephesus. ’N uair a tha mi ’labhairt mar so cha ’n ’eil mi idir ann am beachd gu bheil tuathnachas nas measaile na seòladaireachd; ach tha fios aig gach neach gu bheil cothrom aig an tuathanach air a leanabaibh a thogail ann an eagal ’s ann an oilein an Tighearna, agus a làithean a chaithcadh ann an caidreamh gràidh a theaghlach, an uair a tha ’n seòladair bochd a’ cur seachad a bheatha ’na fhògarrach o ’chéile ghràdhach, ’s o ’chlann ghaolach, agus a tha iadsan as eugmhais a chùram athaireil-san. “Chaochail m’ athair mu’n robh mi ach cuig bliadhna fichead a dh’ aois, agus dh’ fhàg e ’mhaoin uile agam-sa. Do bhrìgh gu’n do chaochail mo mhàthair bliadhna no dhà roimh m’ athair, bha mo dhachaidh, mar a dh’ fheudas tu thuigsinn glé aonaranach; agus air an aobhar sin chomhairlich mo chàirdean dhomh pòsadh. Bha gruagaichean anns a’ chomhearsnachd a bha da rìreadh eireachdail, ’s aig an robh nì ’us earras, agus tha mi ’creidsinn nach diùltadh aon diubh an làmh dhomh, ’s mar sin cha robh mo chàirdean a’ faicinn aobhar gu dàil a chur ’s a’ chùis. Ach thuirt mi riù gu ’n cuirinn air tùs mo chomhairle ri Cléireach baile Ephesus. Mu’n àm so chunnaic Dia iomchuidh gràinealachd agus olcas a’ pheacaidh a nochdadh dhomh, agus ann an àm iomchuidh dh’ fhoills- [TD 702] ich e dhomh mar a tha e ann an Iosa Crìosd a’ deanamh an t-saoghail réidh ris féin, gun bhi ’meas an cionta dhoibhsan a chreideas. Bha mi nis ag imeachd le m’ aghaidh gu Sìon; agus b’ e ’n nì sònruichte a bha ’cur cùram orm gu’m biodh ise a gheibhinn mar bhan-chombanaich de’n aon intinn rium féin; agus mar sin an àite bhi ’na ceap-tuislidh ’s nan bacadh, gur an a bhiodh i ’na còmhnadh dhomh air mo thuras. Chaidh bliadhnachan seachad mu’m faca mi aon a fhreagradh dhomh, air chor agus an àite pòsadh aig cuig bliadhna fichead, gu’n robh mi cuig bliadhn’ déug thar fhichead mu’n do phòs mi. Mu dheireadh chunnaic an Tighearn iomchuidh aon freagarrach a chur ann am rathad; agus ged nach robh aon chuid maise, no stòras aice anns an tomhas anns an robh iad aig cuid eile air an robh mi eòlach, gidheadh bha aice nì air an do chuir mise tuille fiach na air ‘neamhnuidhean luachmhor.’ Bha ’cridhe air a lîonadh le gràdh Dhé, agus bha ciùineachd agus caoimhneas a nàduir da rìreadh comharraichte. Maille r’a làimh thug i dhomh a mhèud d’a cridhe ’s d’a h-aignidhean ’s a cheadaicheadh a dleasnas d’a Cruithfhear dh’i a dheanamh; agus mheal sinn ioma latha sona còmhla, ‘a’ brosnachadh a chéile gu gràdh ’s gu deadh-oibribh,’ agus a’ còmhnadh le aon a chéile anns gach dleasnas a bha fiachaichte oirnn mar luchd-leanmhuinn air Criosd agus mar oighreachan air a’ bheatha mhaireannaich. Ach chunnaic Dia a tha ’deanamh gach nì gu ro mhaith, ceart ise ’ghairm as an t-saoghal so gu bhi air a h-aonadh ri ‘coimh-thional agus eaglais nan céud-ghin.’ Tha fios aig Dia d’an léur an cridhe nach iarrainn-sa mo chrannchur a bhi air atharrach; oir ged a tha ’n dealachadh so ’na chall domhsa car seal, tha e dh’ise ’na bhuannachd do-labhairt, agus tha mi ’caitheadh fuigheal mo bheatha ’s an t-saoghal so ann an làn dòchas gu’n ‘téid mise ga h-ionnsuidh-se, ged nach tig ise gu bràth ’am ionnsuidh-sa.’” Ann an so thainig tioma air Callum còir, thionndaidh e ’chulthaobh rium agus mhothaich mi dha ’siabadh nan déur o ’ghruaidhean; ach ann am beagan ùine chaidh e air aghaidh le a sgéul. “Tha mi ann am bhall agus mar an ceudna ’am fhear-dréuchd ann an eaglais a tha ’s a’ choimhearsnachd. Bho cheann ochd no naoi ’bhliadhnachan chaochail ar ministeir gaolach, agus bha càil-eigin de chonspaid a’m measg a’ chomh-thionail ’an àm taghaidh an aodhair a chaidh ’na àite. Thachair dhomh-sa gu’n robh mi air an taobh a bu laige. Tha eadhoin Criosduidhean ullamh aig a leithid so a dh’ àm gu ruith a leigeil le ’m faireachduinnean nàdurra, agus mar sin, cha toilicheadh ni air bith, an toiseach, iadsan a bha ’dh’ aon bheachd riumsa ach gun dealaicheadh-maid sinn féin o chàch gu buileach; ach thubhairt mi riu, gu’n cuirinn féin air tùs mo chomhairle ri Cléireach baile Ephesus, agus ’s e ’bh’ann gu’n do lean iad uile m’ eiseimpleir. Cha b’ urrainn domh féin coire air bith fhaotuinn do theagasg no do bhuaidhean-intinn an neach de’n d’ rinn càch roghain, ach a mhàin gu’n robh mi ’saoilsinn gu’m faighinn an tuilleadh fòghlum agus buannachd o theag- [TD 703] asg aon eile ’bha ’n ar tairgse. Chunnaic mi gu’m b’ e mo dhleasnas strìochdadh do bheachd an àireamh a bu lìonmhoire; oir b’i mo bharail gu’n robh an nì da rìreadh o’n Tighearna. Bha mi air mo lìonadh gu mòr leis a’ chéud teagasg a chuala mi uaithe ’an déigh dha bhi air a thaghadh, o bhriathran an Abstoil Phòil ris na Corintianaich, ‘cha’n e ur cuid a tha mi ’g iarraidh, ach sibh féin;’ agus nochd e gu’n robh cridhe aige ’bha ’cur thairis le gràdh agus le tairisneachd, ’s gu n robh e mar an céudna làn mhothachail air cudthrom an dréuchd ’s an robh e. Bho ’n àm so mach bha mo mheas air ar n-aodhair gaolach a’ dol a’m mèud gach latha. Ged nach robh e ’na ‘dhuine deas-bhriathrach’ mar bha Apollos, gidheadh bha e, coltach ris-san, ‘cumhachdach anns na Sgriobtuiribh;’ agus bha ’leithid a dhòigh aig’ air a theagasg a thoirt dachaidh a dh’ ionnsuidh na h-intinn a bu doilleire, ’s gu’n d’ fhàs e ro ainmeil mar fhear-teagasg ann an glé bheagan ùine. ’An déigh dha bhi beagan mhìosan ’s an dréuchd ghairm e an Seisean uile cruinn, agus chuir e f’an comhair meadhonan a bha ’na bheachd a chur air bonn a chum maith spioradail a choimh-thionail a chur air aghaidh, agus gu sònruichte chum buannachd na muinntir òig. Chunnaic mi gu’n robh gach nì a thug e far comhair da rìreadh féumail, agus thairg mi fèin mo chòmhnadh dha a chum na nithean sin a ghiùlan air an aghaidh, nì a ghabh e gu toileach. Leis a so bha sinn gu tric air ar toirt còmhla; agus b’ ann an sin a chunnaic mise ni bu shoilleire a dhiadhachd agus a luach. ’S e nis caraid is dilse agus is toighiche leam a tha agam anns an t-saoghal so; agus tha mi ’n dòchas gu bheil Dia a’ faicinn iomchuidh a chaomhnadh iomadh bliadhna gu bhi ’faire thairis, agus a’ beathachadh an tréud air an d’rinn a Spiorad naomha féin fear-coimhead dh’e, agus tha e ’na chulaidh shòlais dhomh gu’m feud e ’bhi ’na fhear-iùil do m’ shliochd ’n uair a bhios mise am luidhe ann an suain a’ bhàis, leatha-sa nach maireann, ann an uaigneas na Cille-mòire. “An déigh Mullach-buidhe fhàgail agus tighin a chòmhnuidh do’n ghabhaltas ’s a bheil mi, thug mi fainear gu’n robh an gàradh crìche eadar Donachadh Bàn ’s mi féin leagta gu làr. Nochd mi do Dhonachadh co féumail ’s a bha e gu’m biodh an gàradh air a thogail; agus an déigh dhomh seòrsa de chunntas a dheanamh suas air ciod an cosdas gus an tigeadh e, ’s a chur fa chomhair, dh’ aontaich e air ball leis gach ni ’bha mi ’g iarraidh. Fhuair mise fear-togail, ’s chuireadh an gàradh a suas; ach gu tubaisteach thainig an cosdas, mar is minic a thachair, gu tuille mòr ’s a shaoil mise, agus ’s e thachair gu’n do dhiùlt Donachadh Bàn aon sgillinn ruadh a phàigheadh de’n chosdas throm a bha ’n so. Cha robh comas air; agus o ’n bu mhise ghabh an obair os làimh b’ éigin domh na h-uile peighinn a phàigheadh. Chomhairlich mo chàirdean uile mi gu Donachadh a shumanachadh gu cùirt an t-Siorram; ach thuirt mi riù gu’n cuirinn mo chomhairle air tùs ri Cléireach baile Ephesus. An ceann beagan sheachduinnean, ’n uair a bha ùin’ aig fearg Dhonachaidh air traoghadh ’s air sìoladh, sgrìobh mi litir d’a ionns- [TD 704] uidh anns an do chuir mi’n céill co duilich ’sa bha mi gu’n d’ thainig easaonachd air bith eadar ruinn; nochd mi dha am féum a dheanadh an gàradh d’ar cuid fearainn araon; thuirt mi ris nam pàigheadh e a roinn de’n chosdas mar a dh’aontaich e dheanamh an toiseach gu’m pàighinn-sa mo roinn féin, a thuille air na thainig an obair ga ionnsuidh thairis air na shaoil sinn; agus cho-dhùin mi le dòchas, a dh’ aindeoin gach ni a thainig eadar ruinn, gu’m biodhmaid fathasd co càirdeach, ’s co coimhearsnachail ’s a bha sinn riamh. Do bhrìgh gu’n robh mi fiosrach gu’n robh Donachadh ro dhian ’s an nàdur cha robh dad fiughair agam gu’m biodh mòran buaidh aig mo litir air. Air an ath latha fhuair mi fios-freagairt a thug mòr thoileachadh dhomh, agus a chuir da rìreadh iongantas orm. Cha ’n e mhàin gu’n tug e mòran taing dhomh air son an dragh a ghabh mi, ’s gu’n do rinn e cinnteach mi á càirdeas ’s á deagh choimhearsnachd; ach chuir e dara leth a’ chosdais am ionnsuidh, eadhoin gus an fheòirling! Mar so, le m’ chomhairle ’chur ri m’ sheana charaid an Clèireach, chaidh mi as o’n imcheist, ’s o ’n an-tlachd, gun ghuth air a’ chosdas, a tha ’n déigh tagradh an lagha; agus ghléidh mi càirdeas neach, a tha coltach nan cuirinn a mach air, a bhiodh ’na nàmhaid domh ré a bheatha, agus aig an robh làn chomas air ioma mi-thlachd a chur orm nan gabhadh e ’na cheann sin a dheanamh.” Cha ’n ’eil teagamh nan ceadaicheadh ùine dhomh nach tugadh “Callum Faicilleach” iomadh eiseimpleir de’n nàdur chéudna dhomh. Mheas mi na dh’ aithris e co féumail ’s an uair a phill mi dhachaidh gu’n do ghabh mi mo pheann ’s gu ’n do chuir mi sìos gach facal a thuirt e rium air eagal gu’n di-chuimhnichinn iad; agus uaithe sin gus a so cha d’ thainig nì cudthromach air bith fa m’ chomhair nach do chuimhnich mi air comhairle luachmhor Cléireach baile Ephesus. Tha mi ’m beachd nach bi e neo-fhreagarrach an cur ’am màlaid an Fhir-thathaich; agus tha mi ’n dòchas gu’m féud iad a bhi ’n am meadhon gu iomadh aon de’m luchd-dùthcha ’choimhead o na trioblaidean a tha gu minic a’ teachd orra ’an lorg an dalmachd ’s an cion-faicill. “Mu’n tòisich thu nì air bith, smuainich ciod a’ chrìoch a dh’ fhéudas tighin air.” S. III. IOMPACHADH NAN CINNEACH—AN AIREAMH MHOR A THA AIG AN AM A’ GABHAIL RIS AN T-SOISGEUL. THA luchd-aidmheil a’ chreidimh Chriosduidh ’am bitheantas a’ sealtuinn le déidh, agus le dòchas ris an là anns an tig “lànachd nan Cinneach” a steach do Eaglais Chriosd, agus ’am bi aon tréud air thalamh gu léir, eadhoin mar a tha aon Bhuachaille ann. Tha iad a’ creidsinn gu bheil àm a’ teachd anns an tig na h-uile gu eòl- [TD 705] as air an fhìrinn—anns am bi iad da rìreadh air an saoradh o aingidheachd, ’s air an deanadh naomh’ agus glan. Ach cha ’n ’eil ann an so ach fann dhòchas nach ’eil fiuthair air bith aig mòran dhiubh fhaicinn air a choi-lionadh. Cha ’n ’eil an creideamh mu’n chùis so a’ deanamh drùghadh air bith air an gnàthachadh. Cha ’n ’eil iad a’ faireachduinn gu bheil gnothach air bith aca-san làmh a ghabhail anns an obair ud a chur air a h-aghaidh nas faide na tha ùrnuigh fharsuing, fhann, fhuar an tràs ’s a rithis a thaobh “luathachadh glòir nan làithean deireannach” a’ dol. Agus tha daoine marso a’ gabhail ’ealladh ris an obair mhòir so, agus neo-shuimeil m’a déighin a chionn nach ’eil iad da rìreadh a’ gabhail thuca féin gu’m bheil iompachadh nan Cinneach, no ath-philleadh nan Iudhach ’n an nithean a thachras ri’n linn-san. “Thig na gnothaichean mòra so mu’n cuairt aig an àm a shònruich an Tì Uile chumhachdach, agus ’s e ’n nì briagha e ’n uair a thig e; ach ’s iomad atharrachadh a dh’ fhéumas tighin air an t-saoghal mu’n taghair a leithid. Cha ’n ’eil mòran de choslas r’a fhaicinn aig an àm.” Mar so tha daoine ’faireachduinn ’s a’ labhairt gu ro mhinic. Tha iad a’ smaoineachadh air ath-nuadhachadh a chinne-daonna mar nì a tha ri tighin uair-eigin roimh dheireadh an t-saoghail. Agus o na tha deireadh an t-saoghail, a réir am beachd-san, fada fad air falbh cha ’n ’eil féum do dhuine beò ’bhi ’cur mòr dhragh air féin ’sa’ chùis. A nis cha ’n abair sinn aig an àm a bheag gu ’leigeil ris co mi-réusanta ’s a tha ’chainnt ’s an gnàthachadh so. Ma tha na Cinnich ri bhi air an iompachadh ’s ann trìd nan Criosduidhean a chur na firinn d’an ionnsuidh. Cha ’n ’eil Dia ag òrduchadh na crìche as eugais nam meadhonan. ’S ni mò a their sinn a’ bheag mu àrd-dhleasnas gach Criosduidh ann an eòlas a Shlànuighfhir féin a thoirt do gach neach a tha aineolach air. ’S cha ’n abair sinn, aig an àm, focal mu’n fhàidheadaireachd ro shòlasaich a tha ’g innseadh air mhodh co riochdail gu’n tig an là anns am bi uile rioghachdan na talmhuinn ’n an rioghachdan do’n Tighearna agus d’a Aon ungta: ’s cha mhò ’their sinn a bheag mu na comharran soilleir a tha gach bliadhna a’ leigeil ris air gu bheil an t-àm ait, agus beannaichte ud a’ tarruing dlùth. Ach cuiridh sinn f’a chomhair ar luchd-léughaidh cunntas air ciod an tional a steach—ciod an obair mhòr—ciod an t iompachadh, agus an soilleireachadh a tha ’dol air an aghaidh aig a’ cheart uair a’m measg nan Cinneach, agus tha sinn a’ guidhe orra dlùth-aire a thoirt dha. Tha e iomchuidh ainmeachadh gur ann o Shearmoin a chuireadh a mach o cheann ghoirid le ministeir ainmeil, agus diadhaidh a th’ann an Lunnainn—Henry Venn (agus feudaidh sinn a ràdh mac ministeir ro ainmeil mar an ceudna) na tha sinn a’ tarruing a’ chunntais. Cha ’n eil mòran as fearr cothrom air fios fhaghuinn air na cùisean na esan, o’n t-suidheachadh ’s a bheil e; agus cha ’n ’eil duine air bith nas firinniche na e. Feudar gabhail ris na bheil e ag ràdh mata gun amharus, agus gun teagamh. Tha esan ag ràdh gu bheil air a bhliadhna so an àireamh a lean- [TD 706] as dhiubhsan a bha ’n an Cinnich ag éisdeachd ri teagasg nan Soisgeulach (Missionaries) a chuireadh d’an ionnsuidh le cuideachdan diadhaidh o chaochladh chèarnachan de’n Eaglais Chriosduidh: Ann an Innsean na h-Aird-an-Ear, agus ann an Eilein Ceylon dlùth dhoibh, tha àireamh còrr agus ceud ’s a ceithir mìle, 104,133 Ann an ceann ’n Iar Africa, còrr ’us aona mìle déug thar fhichead, 31,796 ’An ceann deas Africa, deich ’us ceithir fichead mìle, 90,041 Ann an Eilein New Zealand, còrr ’us sea mìle déug ’s dà fhichead, 56,696 Ann an Eileanan a’ Chuain mu dheas (South Sea Islands) còrr ’us sea fichead ’s a sea déug mìle, 156,480 Am measg Innseanaich America mu Thuath, còrr ’us ochd mìle déug, 18,578 De chaochladh sheòrsachan, còrr ’us sea mìle, 6,150 De dhaoine-dubha nan Innsean ’n Iar a’ dlùthachadh air trì cheud mìle, 287,656 Uile gu léir, seachd ceud, aon déug ’s dà fhichead mìle, cuig céud ’us deich thar fhichead sluaigh, 751,530 Dhiubh so tha còrr ’us naoi fichead ’s a deich mìle (190,495) de luchd-comunnachaidh, agus an fheadhain eile ’n an luchd-éisdeachd. Tha ’n t-Ughdar ag ràdh nas faide, a réir nan tuairmeas a’s fearr air an urrainnear ruigheachd a nis mu sgaoileadh an t-Soisgeil ann an céud linnean na h-Eaglaise, nach robh thar cuig ceud mìle (500,000) a ghabh ris a’ chreidimh Chriosduidh aig deireadh na ceud linne—aig ceann cheud bliadhna. A nis cha ’n ’eil ach eadar ceithir fichead ’us ceud bhliadhna o rinn Eaglaisean Criosduidh—’s e sin Protestanaich—(oir cha ’n ’eil sinn ann an so a’ toirt iomradh air na Pàpanaich) a’ bheag a b’ fhiù ainmeachadh anns an t-Soisgeul a chur a dh’ ionnsuidh nan Cinneach; agus bu ghlé shuarrach na chaidh a dheanadh gus o cheann eadar leth-cheud ’us trì fichead bliadhna. Nach mòr—nach iongantach an gnothach matà, ma ’s e ’s gu bheil a’ cheart urrad àirimh de dh’ anama neo-bhàsmhor air am beothachadh—air an iompachadh—air an aonadh ri Criosd le Spiorad Dhé anns an linn so ’s a bheil sinne beò ’s a bha anns an linn ’s an do dhealraich solus glòrmhor an t-Soisgeil air an t-saoghal dhorcha air tùs—ann an linn nan abstol ’s nam mìorbhuilean—ann an linn an t-Slànuighfhir féin! Ach cia mar air bith a tha so, tha dearbhadh cinnteach aguinn gu bheil an àireamh ro mhòr ud—còrr ’us seachd ceud gu leth mìle dhiubhsan a bha ’n an Cinnich aineolach, iodhol-aorach, a nis—aig an àm so—fo éisdeachd ’s fo theagasg na firinn mar a tha i ann an Criosd, agus na ficheadan mìle dhiubh a’ toirt gach dearbh- [TD 707] adh air gu bheil an fhìrinn so a’ drùghadh orra gu buadhmhor ’us gu cumhachdach. Nach ’eil ann an sin aobhar taing agus molaidh “Dhasan a ghràdhaich anama dhaoin’, ’S a dhoirt gach braon d’a fhuil, A chum ar ciont’ a ghlanadh uainn, ’S ar deanamh nuadh gu tur.” Gu cinnteach tha aobhar aguinn briathran fonnmhor, dealasach an t-Salmadair a thogail o’r cridheachan, “O! seinnibh do’n Tighearna laoidh nuadh; oir rinn e nithe iongantach; dh’ oibrich a dheas-làmh agus a ghàirdein naomh slàinte dha. Thaisbein an Tighearna a shlàinte; an sealladh nan cinneach dh’ fhoillsich e ’fhìreantachd, * * * chunnaic uile chrìocha na talmhainn slàinte ar Dé.”—Salm xcviii. 1—3. Gu sònruichte tha aobhar aig gach aon a tha ’g altrum gràidh do Chriosd, no do anama dhaoine, mosgladh as a chodal, ’airm-chatha ’chrioslachadh uime; agus dol a mach gu còmhnadh leis an Tighearna anns an obair mhòir agus ghràsmhoir a tha e aig an àm a’ giùlan air aghaidh. Tha e dleasnach do gach duine a bhi le ’ùrnuigh, agus le ’mhaoin a’ cuideachadh a réir a chomais ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil air feadh an t-saoghail aig an àm; agus feudaidh eagal a bhi orrasan a tha ’fantuinn air an ais—a tha ’pasgadh an làmhan ’s ag ràdh, “Feithidh sinn beagan fhathasd gus am faic sinn ciod gus an tig na nithe mòra so gu léir”—gu’n tig orra mallachd Mherois—agus sin ann an ùine nas giorra na tha dùil aca. Aon fhocal eile theireamaid aig an àm. Tha iad lìonmhor ann a their fo ainm mòrain gliocais, Gur fuathasach an t-airgiod a thàtar a’ cosd anns a h-uile gnothach de’n t-seòrsa so, agus gur ro bheal buil a tha tighin uaith. A nis dh’ ainmich sinn ann an Aireamh roimhe gur còrr beag agus seachd ceud mìle punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna na bheil air a thoirt do gach cuideachd Shoisgeulach air uachdar an t-Saoghail. Tha Geintileach air a thoirt fo éisdeachd an t-Soisgeil mu choinneamh gach Punnd dhiubh so, agus cunntas maith mhìltean thairis. Cha ’n ’eil sinn ’an dùil matà gu bheil mòran a their nach fiù anam neo-bhàsmhor a bhi air a sdiùradh air slighe na slàinte Punnd Sasunnach ’s a bhliadhna. F. B. IV. NA SEUDAN—SEANN SGEUL IUDHACH. BHA fear-teagaisg ainmeil ann roimhe so d’am b’ ainm Rabbi Mèir a bha comharaichte air son a dheadh ghiulain—air son a bhàighealachd agus a chaoimhneis. Cha robh de theaghlach aige ach dà mhac a bha àluinn, eireachdail. Ghràdhaich Rabbi Mèir iad le gràdh ro mhòr: cha bhiodh e sona ach ’n uair a bhiodh e ’n an cuideachd. Bha iad cho ionnsuichte anns an lagh ’s gu’m b’ e iarrtas gach àrd agus ìosal a bhi ’n an cuideachd. [TD 708] Air là Sàbaid, am feadh a bha an Sgrìobhaiche, Rabbi Mèir, a’ teagasg ann an aon de na Sionagoguibh, fhuair a dhà mhac bàs. Dh’ iarr neach éigin a bha ’s an làthair rabhadh a thoirt do ’n Rabbi mu’n nì bhrònach a thachair. Ach thubhairt a bhean, a bha ri caoidh agus ri bròn air son a cloinne, “Na rachadh neach sam bith a dh’ innseadh an sgeòil mhuladaich so do’m fhear-pòsda. Mo thruaighe! ’s tuilleadh ’us luath a dh’ fheumas mi an sgéul brònach so innseadh mi féin. O! shaoil mi gu’m b’ iad a shiabadh fallas fuar a’ bhàis bhàrr clàr m’ eudainn an uair a bhithinn a’ tilgeadh an deò! Shaoil mi gu’m b iad a dhùineadh mo shùilean air an t-saoghal so, ’an déigh do m’ spiorad a thuras a ghabhail troimh ghleann dorcha sgàil a’ bhàis. O! nach mise a bhiodh ’am luidhe fuar marbh ’n an àite an uair a thig m’ fhear-pòsda dhachaidh.” Air dh’i so a ràdh, dh’ éirich i, agus chuir i an dà chorp taobh ri taobh air an eislinn a leag iad air an leabaidh phòsaidh, agus sgaoil i plaith-lin thairis orra. Shiab i an sin na deòir bhàrr a sùilean, agus dheasaich i biadh do’n fhear-theagaisg a bha ’tighin dhachaidh anns an fheasgar, fuar, sgìth, agus ocrach. Cho luath ’s a thainig an Rabbi dhachaidh, b’ e ’cheud fhocal a thubhairt e, “C’àit’ a bheil mo dhà mhac gus am beannaich mi iad? Bha mi mì-shuaimhneach fad an là do bhrìgh ’s nach robh mi ’g am faicinn fa m’ chomhair mar bu nòs.” Air dha am biadh a chuir a bhean air a bheulthaobh a bheannachadh, dh’ fheòraich e a rithist, “C’ àit’ a bheil mo dhà mhac gus an òl iad maille rium de’n chopan so a bheannaich mi?” “Cha ’n ’eil iad fad air falbh (fhreagair ise), cha ’n fhada gus am faic thu iad.” Air dha itheadh do’n aran a chuir a bhean f’a chomhair, bha e ann an suidheachadh càirdeil mar bu ghnàthas leis an déigh dha obair an latha ’chur seachad. Bha e ’nis a’ feitheamh gus an d’ thigeadh a dhà mhac a stigh a chur seachad an fheasgair ann an conaltradh càirdeil agus fòghluimte. An uair a bha e mar so ’na aonar, labhair a bhean ris anns na briathran a leanas:—“Tha ceist chudthromach agam r’a fheòraich, agus o nach ’eil neach sam bith a làthair tha ’mhiann orm a cur ort aig an àm so. Thainig (ars ise) Flath eireachdail ’an rathad o cheann beagan làithean, agus thug e dhomh séudan luachmhor gu cùram a ghabhail diubh gus an d’ thigeadh e air an tòir. Bho na fhuair mise na séudan dh’fhàs iad mòran ni bu luachmhoire ’n a m’ sheilbh. An uair a chunnaic mise iad air tùs cha b’ fhiach iad ach ro bheag; ach an diugh cha ’n ’eil a dh’ airgiod, no dh’ òr air an t-saoghal mu’n iadh a’ ghrian na cheannaicheadh iad. Thainig am Flath air an tòir: innis dhomh a nis an toir mi dha air an ais iad?” “Is ceist sin (ars esan) nach bu chòir imcheist a chur ort. C’ ar son a shòradh tusa a chud féin a thoirt air ais do neach sam bith? B’ fhearr leam an nathair shligneach, le ’gath gòbhlach, fhaicinn suainte mu d’ bhràighe no nì sam bith fhaicinn ann a d’ sheilbh nach bu leat féin, agus neach eile ’ga thòrachd.” “Ro cheart (ars ise); ach gidheadh, cha robh a mhiann òrm an tabhairt air an ais gus am faiceadh tu iad.” [TD 709] Air dh’i so a ràdh thug i an Rabbi do’n t-seòmar anns an robh an dà bhràthair sìnte taobh ri taobh air an eislinn. Sheas i aig taobh na leapach, agus thog i a’ phlaith-lìn o’n dà chorp.—“Mo chlann! mo chlann! Mo mhic! O! mo mhic!” ghlaodh Rabbi Mèir le tuireadh géur, “O! mo dhà mhac. Solus mo shùl! soillse m’ intinn. Bu mhise ar n-athair, ach O! bu sibhse mo luchd-teagaisg anns an lagh. O! nach do bhàsaich mise mu’m faca mi mo dhà mhac sìnte air na clàraibh!” An uair a bha Rabbi Mèir a’ dol air aghaidh mar so le tuireadh brònach, thionndaidh a bhean a culthaobh agus ghuil i gu goirt. Cho luath ’s a thug a deòìr faochadh dh’i thionndaidh i agus rug i air làimh air a fear-pòsda, agus labhair i mar so:—“A Rabbi, nach do theagaisg thu dhomh nach bu chòir dhuinn a bhi ann an imcheist air son na séudan sin, a thugadh dhuinn ri ghleidheadh, a thoirt seachad air an ais. Tha thu a’ faicinn ’an sin nan séudan prìseil. Nach e Dia a thug dhuinn iad ri’n gleidheadh? Thainig Dia an diugh féin air an tòir. Beannaichte matà gu robh ainm an Tighearna.” “Agus beannaichte gu robh ainm an Tighearna air do shonsa mar an céudna; oir is fior an sgrìobhadh a thubhairt, ‘Cò ’gheibh bean shubhailceach? oir tha a luach gu mòr os ceann chlach uasal. Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi féum aige air creich. Fosglaidh i a béul le gliocas, agus tha lagh a’ chaoimhneis air a teangaidh. Amen.’” Sguir an Rabbi d’a thuireadh—thug e taing do Dhia—agus cha deachaidh oidhche riamh thairis air, nach do chuimhnich e air na séudan prìseil le urrad de shubhachas agus de dhubhachas. Tha aguinn ann an so firinn ro fhéumail chudthromach air a cur an céill, mar a tha e cleachdta le muinntir na h-Aird-an-Ear a dheanadh, ann an sgéul, no ann an cosamhlachd. Tha aguinn dìreach soilleireachadh air na briathran sin, “’S e ’n Tighearna ’thug seachad—’s e ’n Tighearna ’thug air falbh;” agus na’n tugamaid so fainear, theireamaid mar a thubhairt am prìomh-athair diadhaidh o shean, “Beannaichte gu’n robh ainm an Tighearna.” Cuimhnicheamaid “Gach ni ri ’n canar leinn gu faoin Ar maoin ’s ar stòras féin, Is iasad goirid aon-la e, ’S grad-dhiolar e gu lèir.” Cuimhnicheamaid gur h-iasad no coin’eal a mhàin a tha aguinne de dh’ aon sochair thalmhaidh, agus nach ion dhuinn a bhi ’gearan an uair a tha ’n t-iasad air a ghairm dhachaidh. Beachd-smuainicheamaid air a so, agus bu chòir dha a thoirt oirnn taing agus buidheachas ìocadh do Dhia air son gu’n d’ fhuair sinn an seilbh, ’s an toilintinn co fada. Tha so fior; ach co a bheir fainear e ’n uair a tha iad a’ caoidh air son céile ghràdhaich—air son leanaibh ghaolaich—air son mic air a ghearradh as ann an tréine a neirt? Bheir iadsan aig a bheil tuigse, gliocas, ’us cràbhadh. Ach nach féum sinn caoidh air [TD 710] son an leithidean so de sgarachdainn chràitich? Tha sinn mi-nàdurra mur dean sinn caoidh; ach tha sinn mi-dhiadhaidh, agus mi-chéilidh ma ni sinn gearan agus monbhur, no ma tha sinn a’ géilleachduinn do dhubh-bhròn ’s do eu-dòchas. Ge b’ e sòlas, no aoibhneas a thug ar clann, no ar càirdean dhuinn riamh, ’s tìodhlac—saor-thiodhlac e o Dhia a chaoimhneis air nach robh còir, no toilteanas aguinne. Thugamaid moladh dha matà air son a liutha latha geal grianach ’s a mheal sinn. Ach a thuille air a so cha ’n ’eil e ’toirt uainn an iasaid féin gun seilbh bhuain agus mhaireannaich ann an nì a’s àirde agus a’s fearr a thairgsin dhuinn—gun e féin féin a thairgsin dhuinn mar ar cuibhrionn shìorruith. Tha e ’g ar smachdachadh a chum ar maith—chum ’s gu’m bitheamaid ’n ar luchd-co-pairt de ’naomhachd-san. “’S e Dia bheir dhuinn gach co-fhurtachd No ghearras iad air falbh; Ma thug e leis, ’s e fein thug uaidh; Beannuicht’ gach nair biodh ainm! Beannaicht’ gu siorruidh gu robh Dia! Cha ghearain sinn ni ’s mò; Docrach no socrach biodh ar cor, Dhuits’ Athair gu robh glòir!” D. Mc F. V. GRADH MATHAR D’A LEANABH—SGEUL FIOR. BHO cheann a nis còrr ’s dà fhichead bliadhna, bha bantrach bhochd ’na còmhnuidh ri taobh aon de na lochan sin a tha co lìonmhor anns a’ Ghàedhealtachd. ’N uair a dh’ fhalbh a fear-taice bha ’bhochduinn a’ feuchainn glé chruaidh rithe, ’us bha ’m màl a’ dol thairis oirre a dh’ aindeoin a caomhnaidh agus a dìchill. Bha e mar bheagan làithean de’n Chuingeis (Féill-Brèanuinn), agus bha fios aice mar cuireadh i beagan cruinn roimh an là sin gu’m biodh a’ Bhàirlinn a’ feitheamh oirre, agus bha e ro chràiteach leatha smuaineachadh air an imrich le a dìleachdan lag. Bha aona charaid aice air taobh eile na dùthcha a dh’ iarr oirre nan tigeadh cruaidh-chàs ’na caramh dol d’a ionnsuidh agus gu ’n deanadh e na dh’ fheudadh e air a son. ’N uair a dh’ fhartluich cùisean oirre féin chuir i roimpe dol gus an duine cneasda ’bha ’n sud, agus moch air maduinn toiseach samhraidh thog i a leanabh—aois dà bhliadhna—air a gualainn, agus dh’ fhalbh i a chur a comhairle ris a’ charaid a bha co caoimhneil rithe. Bha ’n t-astar fada; agus a thuille air a so, ’an déigh deich mìle no mar sin de chòmhnard air srath a’ ghlinne bha am frì-cheum a’ ri uchdaich chais, agus fa dheireadh a’ dol troimh bhealach cumhann, creagach, doirbh a bha ’fosgladh air mullach an aonaich. Bha ’mhaduinn ciùin, àillidh, mar is nàdurra do mhaduinn Chéitin; ach goirid ’an déigh a’ [TD 711] mheadhon là thainig smal throm air an spéur, agus ’an ùine ghoirid dh’ éirich gaillionn mhòr shneachda, air a bheil iomradh fathasd anns an dùthaich sin mar a’ ghailionn shamhraidh a bu truma ’chunnaiceas riamh. Bha ’n cur ’s an cathadh deuchainneach air a’ bhantraich ’s air an leanabh; ach chothaich i air a h-aghaidh gus an d’ ràinig i am bealach anns an sgàirn. Choinnich doinionn co ro chruaidh i ann an so ’s nach b’ urrainn i le ’h-uile neart dol air a h-aghaidh; agus air son tilleadh air a h-ais mo thruaighe! cha robh tigh no fasgadh ’ga còir, ’s bha ’n sneachd cheana domhain air an làr. Dh’ fheith i tachdan ri taobh aon de na clachan mòra a bha anns a’ bhealach; ach feith no sìneadh cha tainig air an doininn. Bha i a’ sìor éiridh—a’ sìor fhàs na bu ghàbhaidh. Bu ghoirt, thar innsidh, cridhe na bantraich anns a’ chàs so; ach air dh’i fhaicinn nach b’ urrainn i dol air a h-aghaidh—gu’m meilicheadh am fuachd i far an robh i, agus nach robh de neart aice na ghiùlaineadh an leanabh air ais—chuir i roimpe na dh’fheudadh i ’dheanamh gu esan a thèarnadh, ciod air bith a thigeadh rithe féin. Chuir i dh’i a’ chuid bu mhò de ’h-aodach tana, gann féin—phaisg i a balachan gràidh gu dlùth annta so—chàirich i e ann an còs creige ’am measg ghasan fraoich ’us rainich, agus co luath ’s a thug an cadal esan thairis, air dh’i ’earbsa le ’h-uile dhùrachd ri Dia, thill i air a h-ais le dòchas gu’n ruigeadh i a bothan féin, agus gu’n cuireadh i na coimhearsnaich gu cobhair a dheanamh air-san. Chaidh an oidhche dhò-bhi a bha ’n sin thairis. Dh’ éirich grian an latha maireach gu dèarsach, ait. Chaidh an doinionn seachad; agus air feadh a’ ghlinne sin chìteadh cunntas dhaoine air gach taobh de’n rathad a’ mion rannsachadh, ’s ag iarraidh feadh an t-sneachda. Mu dheireadh, air do fhear dhiubh tighin gu torran beag a b’ àirde na chéile, thug e glaodh bròin as. Chruinnich càch gu grad m’a thimchioll, agus ’an so fhuair iad a’ bhantrach bhochd fuar marbh. Dh’ innis a h-éideadh gann ciod an oidhirp a thug i gu ’leanabh a thèarnadh; agus ghabh an sluagh air an aghaidh le dòchas gu’m faigheadh iad tèaruint’ e. ’N uair a rainig iad ìochdar a’ bhealaich chual iad goirt chaoirean naoidhein os an ceann, agus fhuair iad am bròinein gu fallain, slàn, air a dhlùth shuaineadh ann an eudach na màthar a mheas a beatha féin suarrach ann an coimeas ri a bheatha-san. Is ioma déur a chaidh a shileadh air son na bantraich bhochd, agus air an t-Sàbaid ’na dhéigh b’ ioma cridhe air an d’ rinneadh trom dhrùghadh an uair a labhair ministeir na Sgìreachd—duin’ aosmhor, urramach—duine deas-chainnteach, agus blàth-chridheach r’a shluagh mu’n ghràdh a bha ’n sud—agus a bha ’na shamhladh air gràdh a bu doimhne a chaidh a nochdadh do gach peacach. Chaidh deagh chùram a ghabhail de ’n dìlleachdan. Thainig e gu àite duine, dh’ fhàg e a thìr-dhùthchais, agus cha robh sgéul air car mòran ùine. Ach còrr ’us dà fhichead bliadhna an déigh toiseach ar n’ aithris, bha mac ministeir na Sgìreachd ud a’ searmon- [TD 712] achadh ann am baile Ghlascho, agus aig là frithealaidh Sàcramaint shoileimte na Suipeir’, air dha bhi ’làbhairt ri co-thional lìonmhor d a luchd-dùthcha mu ghràdh do-labhairt an t-Slànuighfhir, dh innis e dhoibh sgéula na banntraich agus a mic—agus thbhairt e,—“Na’m biodh am mac ud beò, ciod a’ bharail a bhiodh agaibh air—ciod an cridhe a dh’ fhéumadh a bhi aige na’m biodh e gun taing gun ghràdh do’n mhàthair a thug a beatha féin air son a bheatha-san—mur deanadh sealladh air an earradh—air an trusgan sin ’s an do phaisg i e ’s a’ ghaillinn, mòr dhrùghadh air? Agus ciod na cridheachan a dh’ fhéumas a bhi agaibhse mur dean sealladh air cuimhneachain gràidh, agus bàis Chriosd air ur son-se mòr dhrùghadh oirbh—ma bhios sibh gun ghràdh dhà-san a rùisg e féin gu sibhse ’chòmhdach le trusgan fìreantachd—a thug a bheatha féin air son ur beatha-sa?” Là no dhà ’na dhéigh so, thainig fios ’hun a’ mhinisteir gu’n robh duine tinn a bha ro dhéigheil air fhaicinn. Chaidh e ’g a amharc, agus air dhà-san a bha ’s an leabaidh breith air làimh a’ mhinisteir sheall e gu ro dhlùth ’na eudann, ’us thubhairt e ris. “Cha ’n ’eil sibh ga’m aithneachadh, ’s cha ’n urrainn gu ’m bitheadh. Ach ’s maith a tha mise ’g ar n-aithneachadh-se, ’s bu ro mhaith a b aithne dhomh ur n-athair caomh agus urramach. Bha mise air allaban an ioma tìr chéin—an cath ’s an cogadh air son mo rìgh ’s mo dhùthcha. Thainig mi do’n bhaile so o cheann latha no dhà ’s mi’n droch shlàinte. Air an t-Sàbaid chaidh mi mar bu dù chomh do’n eaglais far an cluinninn firinn Dhé ann an cànain m’ òige—anns a’ Ghàelic bhlasda, bhinn. Chuala mi sibh ag innseadh mu’n bhanntraich, Is mise (thuirt an seann saighdear, agus an reachd a’ tighin ’na mhuineal) Is mise mac ud na bantraich. Cha do dhì-chuimhnich mi gràdh mo mhàthar. Cha deachaidh e riamh as mo bheachd, agus anns a’ chearna ’b’ fhaid as de’n t-saoghal anns an robh mi b’e mo shìor dhùrachd gu’m biodh mo chnàmhan air an càradh ri ’taobh anns a’ chnoc ’s a bheil ise ’s mo dhàimhich gu léir. Ach ’s e so a tha ’ga m’ ruigheachd ’s ’ga m’ chràdh. Cha tug mi riamh gu so fainear gràdh iongantach an t-Slànuighfhir ann e féin a thoirt air mo shonsa, peacach truagh, gràineil, ifrinn-thoillteanach mar a ta mi. Tha mi ’g aideachadh mo dhoille, agus cruas mo chridhe. O! ’s e Dia féin a thug oirbh an sgéul ud innseadh. Cliù d a ainm nach robh bàs mo mhàthar caomh gu buileach ann an diomhain: oir tha ’n gràdh a nochd i dhomhs’ an sin air a bheannachadh leis an Spiorad gu solus a thoirt domh seach mar bha agam riamh roimhe air gràdh Iosa do m’ anam. Tha mi ’ga léirsinn—tha mi ’ga chreidsinn—tha mi ’ga fhaireachduinn ’am chridhe. Fhuair mi fasgadh ’us dìon ’am sheann aois far an d’ fhuair mi e ’an tùs mo làithean—an nan sgoltadh na creige—ach ’s i ‘Carraig nan àl;’” agus an sin le ’shùil togta an àird, agus le dealas mòr dh’ aithris e na briathran drùighteach sin, “An dì-chuimhnich màthair a leanabh-cìche gun iochd a dheanamh air mac a cùim? Feudaidh eadhoin iadsan dì-chuimhn- [TD 713] eachadh, ach cha dì-chuimhnich mise thusa,” deir an Tighearna.—Isa. xlix. 15. Gu’n robh an Tighearna a’ beannachadh léughadh an sgeòil so gu taiseachadh chridheachan nan uile a bheachdaicheas air. G. C. VI. MAC AN OSDAIR—SGEULA FIOR. FHIR-THATHAICH Ionmhuinn. Thug mi fainear anns an xix. Aireamh an cunntas a thug sibh dhuinn mu’n “Or-cheard;” agus anns an xx. Aireamh “Beatha Eoghain ’Ic Leòid,” eachdraidhean tha mi creidsinn a ni mòr dhrùghadh air cridheachan ur léughadairean, agus a bhios ’n am fianuisean buadhmhor do bhriathran an abstoil, ’s e sin, “An dream le’n àill a bhi beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh anamiann amaideach agus ciurrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios.”—1 Tim. vi. 9. Ach mo thruaighe! cha ruig sinn leas dol co fad air ar n-ais, no ar rìoghachd féin fhàgail air son sgéulan de’n t-seòrs’ ud; oir tha eadhoin anns na ceart làithean so, nithean a’ tachairt co sgreamhail ’s air an cuala sinn riamh iomradh. Cha ’n ’eil ach seachduinn no dhà o’n a chrochadh uile-bheist dhuine ann an Sasunn, air son bean, triùir chloinne agus searbhanta sgiobair luinge, a bha ’s an àm ann an Innsean na h-aird an Ear, a mhort! Ann an làtha no dhà tha fear ’us bean ri’n crochadh ’s an dùthaich cheudna air son fior chombanach dhoibh féin a mhort! B’e “gaol an airgid” bu choireach ris gach nì dhiubh so. Chuala mi’n sgéul a leanas air aithris o cheann ghoirid; agus ma bheir sibhse àite dha ann ur duilleagan cuiridh sibh mor chomain air ur seirbhiseach dìleas agus umhal, G. Mc C. Dlùth air baile àradh anns a’ Ghearmailte bha tigh-òsda air a chur ’suas a chum féum an luchd-turais a bha ’gabhaìl an rathaid. Air latha àraidh thachair gu ’n deach’ fear-an-tighe, a bhean, s a’ sheirbhisich gu Féill a bha ’s a’ choimhearsnachd, agus dh’ fhàg iad am mac a bu shine, gil’ òg stròthail, a’ gabhail cùram de’n tigh. Anns an dùthaich ud, mar ann an cearnan eile de thìr-mòr na h-Eòrpa, tha na h-Iudhaich ro lìonmhor. Air an là so thachair do fhìor sheann duine dhiubh a bhi gabhail an rathaid, agus gu grad bha e air a bhualadh le tinneas claoidhteach. Dh’ iarr e fasgadh ’s an tigh-òsda, agus fhuair e sin gu suilbhir. Tha na h-Iudhaich, mar tha fios aig gach neach, ro ghléusda, sheòlta gu stòras a chur cruinn. Thug an t-òganach fainear fàine ro luachmhor a bha air laodag an Iudhaich. Shanntaich se e, agus chuir [TD 714] Sàtan ’na chridhe an seann duine mharbhadh, agus mar sin gu’m faigheadh e féin sealbh air gach beairteas a bha aige. Ghabh e fàth air an duine thinn a bha, gun eagal gun amharus, ’na luidhe ann an aon de na seòmraichean; agus le sgian mhòr bhùird réub, ’us mhill se e, gus mu dheireadh an do chuir e gu tur as da. Thug e ’n sin deth gach nì luachmhor a bha aige, agus mu dheireadh thilg e ’n corp air an dùnan ann an rùn adhlacadh as an t-sealladh. Mu’n deach’ aig air so a dheanadh bhuail a leithid a dh’ uamhas e air son a’ ghnìomh a rinn e ’s gu’n tugadh e ’n saoghal gu léir ged bu leis e, air son gu’m b’ urrainn e ’bheatha sin a thug e air falbh aiseag air a h-ais; ach fhuair Sàtan na bha ’na bheachd a thoirt gu buil, agus cha robh ’nis de chomhfhurtachd aige r’a thoirt da ach mar a thug na h-àrd-shagartaibh agus na seanairean do Iudas, “Ciod e sin domhsa, amhairc thusa air sin.” Gun feitheamh ris a’ chorp adhlacadh, thug e ’chasan as a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-puirt a b’ fhàisge dha, ann an rùn an dùthaich fhàgail. Bha ’n t-slighe a ghabh e ’dol troimh choille dhomhail, agus aig taobh an rathad bha duin’ òg ’na chadal. Dh’ aithnich am mortair air a dhreach ’s air ’éideadh gu’m b’ Iudhach esan mar an céudna. Bha ’n sgian leis an d’ rinn e ’n cron fathasd ’na chuideachd, agus ciod a bhuail ’na cheann ach gu’n cuireadh e ’sgian ann am pòc’ an neach ud, ann an dòchas ’n uair a thigeadh an tòir ’na dhéigh gu’n deanta gréim air an Iudhach, ’s mar so gu’n caileadh iad a lorg fein car tacain. Rainig e ’m baile-puirt; ach o nach robh soitheach deas gu seòladh dh’ atharraich e’ ainm agus ghabh e cairtealan ann an tigh-òsda ’bha aig iomall a’ bhaile, gus a faigheadh e cothrom air an dùthaich fhàgail. Bha e ’na òganach flathail, eireachdail; agus ’s e bh’ ann gu’n do ghabh nighean fhir-an-tighe, gruagach chéutach mu’n aon aois ris féin, mòr thlachd dh’e. A thaobh gu’n robh e tapaidh, sgiobalta, agus eòlach air dréuchd òsdair, thug fear-an-tighe dha ’nighean r a pòsadh; agus mar sin bha e air a ghabhail a stigh do’n teaghlach: ach gu tilleadh ris a’ chuid eile de’r sgéul. Mu’n do dhùisg an t-Iudhach a bha ’na chadal ri taobh an rathaid thainig dà shaighdear air, agus ’n uair a chunnaic iad bàrr na sgi’ne a bha dearg le fuil, a mach as a phòca, rinn iad greim air; agus a dh’ aindeoin gach iompaidh a dh’ fheuch e ri chur orra, tharruing iad leò e gus a’ bhaile-mhòr a b’ fhaisge, agus ’an sin bha e air a thilgeadh ’am prìosun. Ré a’ cheud mhìos bha e ro fhadalach, agus bha e ’g amharc air aghaidh le mòr fhiughair ri latha na deuchainn; oir bha e earbsach as a neo-chiontas féin. Air aon là dh’ fheòraich e do fhear-coimhead a’ phrìosuin an robh leabhar dlùth air a bheireadh e dha a léughadh gu ’chianalas a chur dh’e? “Tha leabhar an so (fhreagair esan) a bha air fhàgail an dì-chuimhn’ le prìosanach a bha aon uair fo’m chùramsa; agus faodaidh thusa fhaotuinn mas miann leat fhad ’s a’ bhios tu ’n so.” “Ciod an seòrsa leabhair a ta ann?” dh’fheòraich an t-Iudhach. “Matà cha ’n urrainn mi sin innseadh [TD 715] dhuit (fhreagair esan), cha do léugh mi riamh e; ach air dhomh sealtuinn thairis air aon uair thug mi fainear gu bheil e air a dheanamh suas araon de dh’ eachdraidh agus de litrichean.” Thug e ’n leabhar a làthair, agus ciod a bh’ ann ach Tiomnadh Nuadh! Bha ’n t-Iudhach air tùs ’s an ag co dhiubh a léughadh no nach léughadh e e. Ach mu dheireadh thuirt e ris féin,—“Ciod a’ choire ni e dhomh fhaicinn le m’ shùilean féin na nithean meallta ’tha air an cur a sìos ann mu mhac Iòseph agus Mhuire? Ma léughas mi e bidh mi’n sin nas comasaiche air mearachd a’ chreidimh Chriosduidh a leigeil ris, agus air cur an aghaidh an luchd-teagaisg.” Thòisich e air a léughadh le suarraicheas agus le tàir. Ach cha deach’ e fad air aghaidh gus an robh ’chogais air a dùsgadh. Bho aois a leanabuidheachd bha e air a theagasg gu sealtuinn air Ios’ o Nasaret mar mhealltair agus mar fhear mi-ghnìomh; ach ’nuair a léugh e ’n t-Searmoin a thug Iosa seachad air a’ bheinn, dh’ éigh e mach, coltach ris a’ cheannard-ceud, “Gu firinneach b’e so Mac Dhé.” Léugh e air aghaidh gus an tainig e gu fulangas agus bàs Chrìosd; ach ’n uair a thainig e gus an ùrnuigh sin a chuir e suas air a’ chrann, “Athair thoir maitheanas dhoibh,” shil a dheòir gu frasach agus ghuil e gu goirt. Chaidh e ’n sin air aghaidh gu Gnìomhara nan Abstol; agus chuir na thachair air latha na Cuingeis mòr ioghnadh air; ach dhrùigh iompachadh Shauil air na bu mhò na gach nì eile. ’An so ghlaodh e mach, “Co cinnteach ’s a tha Dia Abrahaim anns na nèamhan, is e Ios’ o Nasaret am Mesiah, Mac an Dé bheò! Agus co cinnteach agus is tusa, O Ios’ o Nasaret, am Fàidhe fior agus am Messiah, bidh mise ann am dheisciobull agad! Nochd dhomhsa tròcair mar a rinn thu do’n ghaduiche air a’ chrann! Guidh air mo shonsa mar a rinn thu air son do chéusadairean, ag ràdh, ‘Athair, maith dha, oir cha robh fios aige ciod a bha e ’deanamh!’” Bha mac so Abrahaim a nis ’na fhìor chreidmheach, agus bha e ’guidhe gu dùrachdach air son greasad latha na deuchainn, anns an robh e ’làn chreidsinn am biodh e air a chur fa sgaoil: oir bha fadal air gus an tigeadh an t-àm anns am biodh e air aonadh ri luchd-leanmhuinn Iosa, agus anns am biodh cothrom aige air a chur an céill d’a chàirdean ’s d’a luchd-dàimh a thaobh na feòla mèud nan nithe a rinn Dia air a shon, agus gu ’n do rinn e tròcair air. Chaith e ùine uile ’léughadh na Tiomnaidh Nuaidh, air an do chuir e mòr luach; oir gach uair a bha e ’g a léughadh bha ’thlachd dh’i a’ dol ni bu mhò. Mu dheireadh thainig latha na deuchainn. Dhìon se e fein mar a b’ fhearr a dh’ fheud e; ach a dh’ aindeon na rinn e bha e air a dhìteadh. Chaidh a bhinn a thoirt a mach; b’ e sin gu’m biodh e air a sgiùrsadh gu follaiseach aig trì caochladh amannan, agus ’na dhéigh sin gu’m biodh e air a phrìosanachadh ré bliadhna. An uair a chual e ’bhinn shil a dheòir gu frasach; gidheadh cha d’ rinn e gearan, no monbhur; agus ghabh e ’m peanas so mar bhuile caomh smachdachaidh o làimh Iehòhbah ag creidsinn gu ’n oibrich [TD 716] gach nì chum maith an dream aig a bheil gradh do Dhia. Ré na h-ùìne so bha’m mortair a’ caitheadh a bheatha gu socrach ann am fochar an teaghlaich a dh’ ainmicheadh. Air aon là, ’s an àm an deach binn an Iudhaich a thoirt a mach, thainig dithis choigreach rathad an tigh-òsda ’s an robh am mortair; agus air dhoibh a a bhi bruidhinn mu’n mhort, agus mu ’n dòigh iongantaich anns an deach mac an òsdair as an t-sealladh, thurt aon diubh ’s e ’sealtuinn air a’ mhortair, a thainig a steach do’n t-seòmar aig an àm, “Cha chreid mi féin, a réir an innseadh a tha mi ’cluinntinn uime nach ’eil e ro choltach ’na chruth, ’s na dhealbh ris an òganach so.” Cho luath ’s a chual am mòrtair na briathran so chaochail a ghnùis, agus chaidh e air chrith: dh’ fheuch e ri labhairt ach cha b’ urrainn e. Air ball thuit amhuras air, agus chuireadh an làimh e. An tòiseach dh’ àicheidh e na chuireadh as a leth; agus thug se e féin as air an luchd-ceasnachaidh gu ro ghléusda; ach ’n uair a thainig iad gus an fhàine a fhuaradh aige, chaidh e ’na chabhaig. Mu dheireadh rinn a chogais féin an ni nach b’ urrainn d’a luchd-dìtidh a dheanamh. “Cionnus (ars’ aon de na breitheamhna ris) is urrainn duit buanachadh ag cur sùil uile-léirsinneach Iehòbhah g’a dùlan? Tha thu a’ d’ sheasamh air bruach an t-sluichd gu’n ìochdar; agus mu’m bi thu air do shlugadh suas ann aidich do chionta.” Le uamhas ’s le oillt dh’ aidich e ’chionta, o thoiseach gu deireadh. Thugadh a bhinn a mach: b’e sin a bhi air a sgiùrsadh ochd uairean, aig caochladh amannan, agus a bhi air a phrìosanachadh fad shea bliadhna. Fhuair an t-Iudhach a nis fa sgaoil, agus bha gach aon a’ nochdadh mòran caoimhneis dha, agus a’ gabhail truais dh’e air son na tàmailt agus a challdaich a dh’ fhuiling e. “Tha mi fada ’n ur comain air son ur caoimhneis (deir esan); ach cha ’n urrainn mi ur truas a ghabhail: oir an nì sin a tha sibhse ’meas na chall, bha e na bhuannachd do chur an céill dhomhsa.” An uair a bha am mortair a’ fulang a’ pheanais a leagadh air, cha do mhothaich an t-Iudhach iarrtas air bith gu dìoghaltas a dheanamh air, no buaidh-chaithream a dheanamh os a chionn. Bha e nis na Chriosduidh, agus dh’ òl e gu domhain de spiorad an Tì sin “an uair a chàineadh e nach do chàin a rìs; ’n uair a dh’ fuiling nach do bhagair.” Lean e eiseimpleir Ioseph a thaobh a bhràithrean; oir chreid e gu’n robh an nì iongantach so o’n Tighearna. Chunnaic e ann an so, mar ann an ioma nì eile, gu’n toir an t-Uile-chumhachdach, eadhoin, air cuilbheairtean Shàtain, agus air aingidheachd a chinne-daonna a chliù agus a ghlòir a chur air aghaidh, agus mar an ceudna maith a’ phobuill. [TD 717] VII. TEAGASGAN GLIOCAIS. THA e ceart co fior gu bheil dorchadas ’na sholus ’s gu bheil duine aingidh ’na Chrìosduidh. 2 Nochd Criosd le ’bhàs gu’m bu Mhac an duin’ e, agus le ’aiseiridh gu’m bu Mhac Dhia e 3 Ma tha sinn toileach cuidichidh Dia leinn: agus ma tha sinn trèibhdhireach gabhaidh Dia ruinn. 4 Tha e cosmhuil ri Dia a bhi ’g ìocadh maith air son uilc—tha e cosmhuil ri duine a bhi ’g ìocadh maith air son maith—tha e cosmhuill ri ainmhidh a bhi ’g ìocadh uilc air son uilc; agus tha e cosmhuil ri deamhan a bhi ’g ìocadh uilc air son maith. 5 Giùlainibh sibh féin gu h-umhal d’an taobh-san a ta os bhur ceann; gu càirdeil d’an taobh-san a ta ’n coimeas inbhe ruibh féin; gu h-iriosal d’an taobh-san a ta an inbhe iosal; gu tròcaireach d’an taobh-san a ta ’nan naimhdean; agus gu gràdhach a thaobh nan uile. 6 Tha Dia a’ gabhail cùraim de gach duine mar nach biodh ann ach e féin; agus de na h-uile dhaoine mar nach biodh ann ach aon duine. 7 Ma tha na daoine maithe fo bhròn cha ’n ann do bhrìgh gu bheil iad co maith, ach do bhrìgh nach ’eil iad ni’s fearr. 8 Biodh eagal Dé oirbh air son a chumhachd; earbaibh as air son a ghliocais; gràdhaichibh e air son a mhaitheis; molaibh e air son a mhòrachd; creidibh e air son ’fhìreantachd; agus deanaibh aoradh dha air son a naomhachd. 9 Is neoni gach créutair an coimeas ri Dia; ach is neoni da rìreadh iad as eug’ais Dé. 10 Feudaidh gach fior Chrìosduidh buaidh-chaithream a dheanamh ann am bàs Chriosd, ag ràdh, “O! bhàis c’ àit am bheil do ghath? O! uaigh c’ àit am bheil do bhuaidh? O! ifrinn c’ àit am bheil t-uamhunn? O! a shaoghail c’ àit am bheil do ghàmhlas? O! a pheacaidh, c’ àit a bheil do neart? O! m’ anam, c’ àit am bheil do luchd-dìtidh?” 11 Aidich Criosd—gràdhaich ’ainm—thoir géill d’a aitheantan—bi umhal d’a chrann-céusaidh. Tha Criosd gràdhach—tha ’ainm milis—tha ’theagasg fior-ghlan—tha ’aitheantan réusanta—tha ’chrann-céusaidh urramach. Tha e ’na mhìorbhuil do na h-ainglibh—biodh e do dhaoinibh mar sin mar an céudna. 12 Cia mar a tha e comasach dhuit a bhi ann a d’ bhreitheamh air cridhe duin’ eile, an uair nach aithne dhuit do chridhe féin? 13 Mar is mò an creideamh is ann is mò an irisleachd. 14 Tha aithreachas a’ toiseachadh ann an irioslachadh a’ chridhe, agus a’ crìochnachadh ann an ath-leasachadh na beatha. 15 Tha sinn a cuimhneachadh nithe lìonmhor a bu chòir dhuinn a dhì-chuimhneachadh, agus a’ dì-chuimhneachadh nan nithe a bu chòir dhuinn a chuimhneachadh. [TD 718] 16 Bi aoibhneach gun bhi amaideach, agus bi stòlda gun bhi dubhach. 17 Mar nach urrainn sinn a bhi beo gu nàdurra gun Dia, ni mò is urrainn sinn a bhi beò gu sona gun Dia. 18 Mar is mò tha eagal Dé oirnn, is ann a’s lugha a bhios eagal dhaoine. 19 Tha làthaireachd glòire Dhé ann am flaitheas—tha làthaireachd a chumhachd air thalamh—tha làthaireachd a cheartais ann an ifrinn; agus tha làthaireachd a ghràis maille r’a phobull féin. Ma dhiùltas e dhuinn a làthaireachd chumhachdach tuitidh sinn gu neoni—ma dhiùltas e dhuinn a làthaireachd ghràsmhor tuitidh sinn ’sa pheacadh—ma dhiùltas e dhuinn a làthaireachd thròcaireach tuitidh sinn gu h-ifrinn! 20 Iadsan nach éisd ri Criosd ann an là a ghràis, ag ràdh, “Thigibh a’m’ ionnsuidh,” cluinnidh iad e ag ràdh, “Imichibh uam,” ann an là a bhreitheanais. 21 Labhrar mòran mu chreideamh, ach cha tuigear a’ bheag mu thimchioll gus am bi a’ choguis air a dùsgadh; an sin chi duine luach an anama, agus fheum air Slànuighear. 22 Tha gach uile pheacadh a’ sruthadh o mhì-chréidimh. 23 Mar a ta an sneachd ann féin fuar, gidheadh tha e a’ blàthachadh agus ag ath-ùrachadh na talmhainn; mar sin tha àmhghairean an t-saoghail so, oir ged a tha iad annta féin searbh, gidheadh tha iad a chum buannachd do anam a’ Chrìosduidh. 24 Is nì cianail agus muladach, àmhghar siorruidh a chosnadh le suaimhneas meallta. 25 Ma tha e ’na thoil-inntinn duit fior aoradh a dheanamh do Dhia air an talamh, arduichidh e thu chum aoradh a dheanamh dha ann am flaitheanas. Mar so atharraichidh t-àite, ach cha ’n atharraich thu t-obair. 26 Cha ’n ’eil nì eagallach ’sa bhàs ach na rinneadh le’r caithe-beatha féin. 27 Cha ’n ’eil ùrnuigh a’ co-sheasamh ann an oirdhearcas cainnte, ach ann an neart gràidh, agus trèibhdhireas creidimh. 28 Trid an Lagha tha eòlas air a’ pheacadh, ach trìd an t-Soisgeil tha eòlas air Criosd. 29 Trìd àmhghair, tha Dia a’ cur dealachaidh eadar an duine a ta e ’gràdhachadh agus am peacadh a ta e ’fuathachadh. 30 Tha flaitheanas ’na là a ta gun nèul a chum a dheanamh dorcha; agus gun oidhche chum crìoch a chur air. 31 Cha ’n ’eil gràs agus glòir ach mar a’ ghucag agus am blàth: oir ciod e gràs ach glòir air tòiseachadh? agus ciod e glòir ach gràs air a dheanamh iomlan? 32 “Eisdibh ri teagasg agus bithibh glic, agus na diùltaibh e. Is beannaichte an duine sin (deir Criosd) a dh’ éisdeas rium, a’ deanamh faire aig mo gheataibh gach là a’ feitheamh ag ursainnibh mo dhorsa.”—Gnàth. viii. 33, 34. SGIATHANACH. [TD 719] VIII. GNATH-FHOCAIL. Cha deanar banas-tighe air na fraithean falamh. Cnaimh mòr do dhuine gionach. Cha suaicheantas Còrr air cladach. Cha ’n ’eil di-chuimhn ann a’s boidhche na’n di-chuimhn ghléidhteach. Cha ’n ’eil airc ann gu airc na h-ainnis. Cha dean thusa toll ’s nach cuir mise cnag. Cha toir duine rath air éigin ’s gheibhear e gun éigin idir. Cha deanar buannachd gun chall. Cha ghléidh an dall an ràthad-mòr. Cha ’n ìoghnadh duine dall a dhol le h-alld no thar creig’. Cha ’n ’eil do dhuine sona ach a bhreith, ach bithidh duine dona na lom ruith. Cha ’n ’eil ann ach fear ri caomhnadh ’s fear ri caitheadh. Cha chòir an t-each glan a chur thuige. Cha ’n eil an cuid ’s an onoir aca. Cha d’ théid ardan nam ban fo’n ùir. Cha mhisde cùil ghlan a rannsachadh. Cha d’ rinn uisge glan riamh leann maith. Codal nam con ’s a’ mhuillean ’s na mnaith a’ criathradh. Cha ’n e cruadhach na h-àtha sealltuinn foipe. Cha ’n ’eil dearbhadh gun déuchainn. Cha seas a’ bhréug ach air a leth-chois. Cha lugha ’n fhoill no na freiceadain. Cha ’n ann gun fhios coma ’ni an croman fead. Cha ’n fhac’ thu bò do d’ chrodh féin an diugh. Cha ’n ’eil e beag boidheach no mòr grannda. Cha d’ fhuair sùil ghionach riamh cùnradh maith. Cha robh bolg falamh riamh sàthach. Cho corrach ri ubh air droll. Cha leig neach d’a dheòin a chòir-bhreith le duine beò air bith. Cha teich earb le ’faicinn. ’Chaileach an gabh thu’n rìgh? Cha ghabh ’s nach gabh e mi. Cha ’n fhaigheadh tu so ged b’e ’n rìgh brath’ir do mhàthar. Cha robh do chuid riamh air chall. Cho geal ri sneachd na h-aon oidhche. Cnò o uachdar a’ mhogail. Cha bhi ath sgeul air droch sgeul. Cluinnidh tu air a’ chluais is buidhr’ e. Cha chluinn e ach nas binn leis. Cha ’n ’eil dorus gun laib, ’s tha cuid aig a bheil a dhà. Cha tuit guidheachan air clach no air crann. Cha ’n fhaighear an dé air ais an diugh. Cha teich ach cladhaire ’s cha ’n fhuirich ach sèapaire. [TD 720] Cha d’ thig á soitheach ach an deoch a bhios ann—no, Cha tig as a’ phoit ach an toit a bhios innte. Ciod a dh’ iarradh tu air bò ach gnòsd? Cha ’n fhaighear maith gun dragh. Cha b’ e ’n cù mu chnàimh e. Cha ’n fhuiling onoir clùd. Cluich a’ chuilein ris a’ mhial-chù. Cha d’ ith na coin an aimsir. Cridhe circ an gob na h-airc. Cho umhal ri luch fo spòg a’ chait, Cha choisin balbhan earasaid, ’s cha’n fhaigh amadan oighreachd. Cha do thréig Fionn riamh caraid a làimhe deise. Cha bhi ’m bochd sòghail saibhir. Cha ’n ’eil cleith air an olc ach gun a dheanamh. Cha ’n ’eil saoi gun choimeas—no, Gheibh Gàedheal féin a leth-bhreac. Cha tig smuainte maith á cridhe salach. Cha do bhris fear riamh a bhogha nach d’ fheum neach eile ’n t-sreang. Cha d’ fhuair Conan riamh dorn gun dorn a thoirt ’na éiric. Cinnidh a’ chriontachd, ach théid an ro-chriontachd a dholaidh. Cha tig air a’ choluinn nach fhéumar fhulang. Cha d’ dhùin dorus nach d’ fhosgail dorus da. Cha bhi cuimhn’ air a’ mhaith a bha, ach bidh cuimhne gu bràth air a’ mhaith a bhitheas. Cha ’n fhaigh fear mabach modh. Cleachdadh a ni teòma. Còrdadh a réubas reachd. Ceilidh seirc aineamh, no gaoid. Co-dhaltas gu céud ’s càirdeas gu fichead—no, ’S caomh le fear a charaid, ach ’s e smior a chridhe ’cho-dhalta. Co-dhalta nach dearbh àite, ’s mairg a dh’ àraich duine riamh. Cha chinn feur air an rathad mhòr, na còinneach air a’ chloich a bhithear a’ sìor ghluasad. Cha chreid thu ’n t-aog gus am faic thh ’n t-adhlacadh. Cha d’ théid plàsd’ air bagairt. Cha bhi dàil air aran fuinte no air fodar buailte. Cha d’ thainig eun glan riamh á nead a’ chlamhain. Cha tabhair thu an aire gus an teid am bior a d’ shùil. Cha ’n iad na ro chléirich a’s fearr. Cha bhi luathas agus grinneas. Cha ’n ’eil eadar an t-amadan ’s an duine glic ach tairgse mhaith a ghabhail ’n uair a gheibh e i. Cha tuig òig’ aimbeairt, ’s cha tuig amadan aimhleas. Cha ’n ann do’n ghuin an gàire. Cha ’n ’eil eadar duine agus tuille fhaotuinn ach na tha aig’ a chaitheadh. Cha ’n ionnan iùl do dhithis, no slighe do thriùir. [TD 721] Coidilidh duine air gach cneidh ach a chneidh féin. Claidheamh an làimh amadain, ’us slachdan ’an làimh òisich. ’Chuid nach ’eil air an t-slinnein tha e air a’ chliathaich. Codal a’ mhuileir ’s an t uisge ’dol seachad. Cha ’n olc a’ chreach as an gleidhear a leith. C’ àit am bithidh na puirt, nach faigheadh na fidhleirean. Cha dean cas làidir nach ith brù mhòr. Cha dean aon smeòrach samhradh. Cha do thilg le ’aon làmh nach do chruinnich le dhà làimh. Ciod is misde duine ’chreach mar lughaid a phòr e. Chuir e ’bhàt air acair. Cha d’ fhàg e cladh gun tionndaidh. Cho eòlach ’s a tha ’n ladar air a’ phoit. Cha ’n e mo charaid a ni m’ aimhleas. Cha d’ rinn “theab” riamh sealg. Cha bhi seasamh aig droch bheairt. Cha d’ theid an sionnach nas faide ’na bheir a chasan e. Cha ’n ’eil beairt ’an aghaidh na h-éigin. Cha ’n fhiach sgéul gun urrainn. Cha toir a’ bhò do’n laogh ach na th’aice. Cha bhris mallachd cnàimh. Cha lìon beannachd brù. Cha d’ fhuair neach riamh a thuarasdal gus an do choisin e e. Cinnidh mac o mhi altrum ach cha chinn e o’n aog. Cha d’ òrduich Dia do’n duine bhochd an dà làtha cho olc. Cha robh brù mhòr riamh ’na seise mhaith do neach eile. Cha ’n urrainn mi ulag ithe ’s an teine ’sheideadh. Cosmhuil ri mo sheana bhrògan, gach latha ’dol am miosad. Cha ’n fhacas air neach eile nach bu chòir dhuinn a ghabhail thugainn féin. Cha duine glic a théid gu tric do’n bhaile-mhòr. Cha ’n ’eil ann ach an gad air an robh ’n t-iasg. Cha robh coille riamh gun chrìonach. Cha ’n fhaod an ciontach a bhi reachdach. Cha bhuadhaich am meata. Comhfhurtachd an duine dhona, duin’ eile co dona ris féin. Cù ’n dà fhéidh ’s minic a bha fhiadh air chall. Cha ’n e ’m muilean nach bleith ach an t-uisge nach ruith. Cha nigh na tha dh’ uisge ’s a’ mhuir ar càirdeas. Cha ’n fhacas fear-fàighe riamh gun tombaca. Cha do mhilleadh maith ri h-olc dhiubh. Cha dean “thugain” céum, ’s cha do chailleadh “theab.” Cha ’n ioghnadh boladh nan sgadan a bhi air an t-soitheach ’s am bi iad. Cha ’n ’eil eadar an t-amadan ’s an duine glic, ach gu’n ceil an duine glic a riùn agus gu’n innis an t-amadan e. Cha reic e ’chearc ’s an latha fhliuch. Cha stad na tràithean, ’s cha ’n ’eil bàgh aig seòl-mara. [TD 722] Cha b’e ’n clò ciar nach b’ fhiach fhùcadh. Cha sgéul rùin a ’s fios aig triùir air. Cha ’n fhiosrach mur feòraich. Cha ’n e ’m bròd a theirig air ach am beagan fearainn. Cha d’ fhuair droch bhuanaiche riamh coran maith. Cha ’n ’eil gach iuchair ’s an tìr crochta ri aon chrios. Cha dean am balbh bréug. Cha dìol “toileach” fiach. Cha dlighe do pheighin fois. Cha ’n e rogha nam muc a gheibh fear-na-fàighe. Cha ’n fhaigh cù gortach cnàimh. Cha ’n e ’n tochra mòr a ni ’n tiomna’ beairteach. Cha tug thu do long féin gu cala fathasd. Cha diùld peann bréug. Cha tuigear féum an tobair gus an traoigh e. Cha d’ thug thu rib’ as fheusaig. Cha chuimhnich fear-gionach a chù gus am bi ’bhrù làn. Cha chat mi nach aithnich blàthach. Cha ’n fhearr an t-sàill a lobhadh na ’toirt do na coin. Cha ’n i ’bhò a’s àirde géum is mò bainne. Cha ’n fhuiling am broc ’s an t-slochd ach e féin. Cadal na caorach ’s an dris. Cha do bhuidhinn thu air na cairtean nach do chaill thu air na dìsnean. Cumaidh an gearr-phoc urrad ris a’ chora-phoc. Cha sgain màthair leinibh. Cha ’n fheud duine fàs beairteach mar leig a bhean leis. Cha bhi each iasaid a chaoidh sgìth. Cha bhi aon duine crionna am measg mìle amadan. Chì duin’ acrach fada uaithe. Cumhachd do charaid agus tràillealachd do nàmhaid a dhù’cha. CLANNA NAN GAEDHEAL ri guailean a chéile. CUMA AN TRIUBHAIS. Cromadh gun ghainne ’s a’ chaol; aon eanga deug ’s an osan; seachad eang am beul a theach, is tearc an neach do nach foghsinn; air a cuma gu dìreach, agus trì na gobhall. + Cha chòrd amadan ’us airgiod. + Cha chàirdeas càirdeas ceannaichte. + Cha toir tìom urram do ghnùis duine. + Cha ’n ’eil carraig air nach caochail sruth. + Cha ’n ’eil cridhe nach ’eil cealgach ’s cha ’n ’eil teanga nach ’eil bréugach. + Cha chuir an t-uisge chaidh seachad air falbh am muillean. + Cuir an diollaid air an each cheart. + Cha ’n fhearr an t-urras n’an t-earras. + Cha chailear na theid ’an cunnart. + Cha leagar craobh le buille. [TD 723] + Cha ’n fhuirich tìom na seòl-mara ri neach air thalamh. + Cha ’n òr a h-uile rud buidhe. + Cha toir bòichead goil air a’ phoit. + Cha bhi fios agad co do charaid gus am bi thu ’san eisiomail. + Cha ’n ’eil casan aig bréugan, ach tha sgiathan aig tuaileas. + Cas air creidheil ’s làmh an cuigeil comharra air deadh bhean-tighe. + Cha ’n fheud thu bhò riadh ’s am bain’ òl. + Cha dean sealbh air bith beairteach esan aig a bheil cridhe bochd. + Cha tig an còta fada co maith do na h-uile fear. + Cha ’n e idir “Cò i?” ach “Ciod a th’aice?” + Cha bhuannachd dad air bith ach na gheibhear le h-onoir. + Cluinnidh am bodhar fuaim an airgid. + Cha bhi fear feargach gun truaighe. + Cha ’n airidh air socair an neach nach fhuiling docair. + Cha dean a’ ghlòir bhòidheach an t-amadan sàitheach. + Cha d’ amais air deagh iarrtaiche na b’ fhearr na deagh dhiùltaiche. (R’a leantuinn.) IX. GEARR-SGEULAN. THA ’N sgéul a leanas air aithris mu bhalachan beag a bhuineadh do aon de eileinean a Chuain Deis. Bha ’m balachan so a bha mu cheithir bliadhn’ déug a dh’ aois, air a chur air bòrd air luing, maille ri triùir eile, chum a bhi air an toirt do dh’ America, far an robh ceairdean ’us ealadhain ri bhi air am fòghlum dhoibh. Thug an sgiobair peiteag ro eireachdail de eudach uaine do Hoopoo (oir b’e sin ainm a’ ghiullain), agus bha i anabarrach luachmhor ’na bheachd. Air aon latha, goirid an déigh dhoibh seòladh, le tuiteamas éigin thuit Hoopoo thar an taobh. Thilg aon de na seòladairean seana chliabh a bha air bòrd airson eunlaith a ghleidheadh, ’na dhéigh. Bha ’n soitheach aig an àm fo làn a h-eudaich, agus mu’n deach aig an sgiobadh air a h-astar a thoirt uaipe bha Hoopoo fada ’n an déigh. ’N uair a thainig e ’n uachdar ’s a fhuair e sealladh air an luing dh’ oidhirpich e snàmh ’na déigh; ach ’nuair a chunnaic e, an àite ’bhi buidhinn oirre gur h-ann a bha e ’call, thuit a mhisneach. Chuir e ’n sin suas ùrnuigh dhùrachdach ri Acooa, an dia bréige d’an robh e deanamh seirbhis, agus bhòidich e dha, nan saoradh se e o’n ghàbhadh ’s an robh e gu’n tugadh e dha a’ pheiteag uaine mar thabhartas ’n uair a philleadh e air ais. Thug e ’n sin fainear do’n chliabh, agus ’n uair a fhuair e greim air theasraig se e féin gus an d’ thugadh air bòrd e. Ré na bha [TD 724] roimhe de’n turas cha ’n fhacas a’ pheiteag uaine uime; agus nan iarradh aon de’n sgiobhadh air a cur air, ’s e ’theireadh e, “Cha bhuin i dhomhsa—choisrig mi i do Acooa. Nan tugadh ueach air bith làimhseachadh suarrach do’n pheiteig mheasadh Hoopoo e mar thàmailt do Acooa, agus bhiodh e ro dhuilich. Fad’ an déigh dha America a ruigheachd cha ’n fhuilingeadh e do neach air bith meur a chur air a’ pheiteig; agus cha ’n fhaca se e féin fa sgaoil o ’bhòid gus an d’ fhoillsich an Dia fior dha nach “dée iadsan a nithear le làmhan.” ’Bheil thusa ’léughadair a’ deanamh tàir ann ad chridhe air a’ ghiullan so air son a leithid de dh’ aineolas a nochdadh. Feudaidh e bhi gu’n d’ fhiosraich an Tighearna thusa le trioblaid éigin, agus am feadh a bha thu ann an sàrachadh gu’n do gheall thu, nan deanadh e fuasgladh ort, gu’n tugadh tu thu “féin suas da mar bheò ìobairt naomha, thaitneach;” ach mo thruaighe! co luath ’sa chaidh an cunnart seachad dhi-chuimhnich thusa do bhòidean agus phill thu rìs ri t-amaideachd. Ma tha thu mothachail gur h-e so do chor, dean, eadhoin a nis, deifir gu d’ bhòidean ìocadh do’n Tigheaana mu’m bi e tuille ’us anamoch. “THA DIA ’G AM FHAICINN.” Tha meirlich ’am beachd ma theid ac’ air a bhraid a chleith o’n co-chréutairean gu bheil iad sàbhailte. Bho cheann beagan bhliadhnachan bha duine sanntach, éucorach ann an cearn àraidh de’n Ghàedhealtachd, nach ’eil sinn a’ dol a dh’ ainmeachadh aig an àm, a bha cleachdta ri goid an arbhair á achaidhean a choimhearsnach. Air aon oidhche thug e leis a mhac, balachan beag mu aois ochd bliadhna dh’ aois. ’N uair a bha eallach trom ceangailt’ aige, dh’ amhairc e mu’u cuairt air gach rathad, air eagal gu’n robh neach air bith ’ga fhaicinn. ’N uair a rug e air an eallach a chur air a dhruim, thuirt a mhac, “Tha aon rathad nach d’ amhairc sibh.” “Ciod an rathad a tha ’n sin?” d’ fheòraich ’athair, a’ clisgeadh le h-eagal; oir shaoil e gu’m fac’ am balachan ni-eigin. “Dhì-chuimhnich sibh amharc suas gu nèamh air eagal gu bheil Dia ’g ar faicnn,” ars’ am ballachan. Bhuin an t-achmhasan so co géur ri coguis a’ mheirlich ’s gu’n d’ fhàg e ’n t-eallach arbhair ’an sud; agus cha do dhì-chuimhnich e fhad ’s bu bheò e, an fhìrinn a theagaisg a mhac dha, ’s e sin, gu bheil Esan leis an co-ionnan “——————dorchadas ’Us solus glan nan trà” a ghnàth a’ sealtuinn air. Cia sona ’bhitheamaid nan cumamaid so ’s gach àm f’ar comhair. [TD 725] X. NAIGHEACHDAN. Tha mòran gluasaid ’an Canada, araon Iochdrach, agus Uachdrach, aig an àm so. Tha còrr ’us trì cheud de na daoine a’s comasaiche ’am Montreal, a thuille air mòran eile ’an caochladh àitean, ’an déigh dol an co-bhoinn gu Canada a chur fa sgaoil bho riaghaladh Bhreatuinn, agus gu ’aonadh ri Staidean America! Tha e coltach gur h-e na cìsean troma ’bha air an leagail air cinneas Chanada mu’m feudta ’reic anns na Staidean is aobhar do ’n nì so. Tha sluagh nan Staidean a’ dol gu mòr an lìonmhoireachd gach bliadhna; agus do bhrìgh gu bheil ceairdean, ’us ealadhain de gach seòrsa ’g an cur air an aghaidh gu beothail, ’s gu’m bheil iad a’ faotuinn cruithneachd Chanada co achdarra, cha ’n ’eil iad a’ deanamh na h-urrad air àiteach fearainn ’s a b’ àbhaist doibh. Cha lugha na ceithir tasdain de chìs a tha tuath Chanada a’ pàigheadh air son gach baraille de mhin chruithneachd a tha iad a’ reic anns na Staidean; agus ’s e ’tha ’n am beachd, mu gheibh iad an dà dhùthaich aonadh r’a chéile, ’s a bhi fo ’n aon riaghaladh, gu’m faigh iad prìsean nas àirde air cinneas an cuid fearainn. Ach tha ioma nì eile ’bhiodh, gun teagamh, co féumail a thoirt fainear mu’n iarradh iad iad féin aonadh ri America, ri prìsean a’ chruithneachd. Tha sinn ’am barail gu’n do nochd sinn cheana gu soilleir d’ar léughadairean, co ceart, agus co iochdmhor ’s a tha laghannan Bhreatuinn ’an comeas ri laghannan eucorach, agus an-iochdmhor America. Ged nach biodh aobhar air bith aguinn ach a mhàin air son nan tràillean bochda a tha ’n tràs’ a’ mealtuinn an saorsa ’an Canada, tha sinn an dòchas gu’n teid na bheil iad ag iarraidh ’n an aghàidh. Tha tuineachas ann an Canada Uachdrach ris an abrar Wilberforce Settlement, anns nach ’eil duine ach tràillean a theich o n daorsa chruaidh ’s an robh iad ’s na Staidain; agus ma gheibh muinntir Chanada na bheil ’n am beachd, bidh na daoine-dubha so gun tearmunn, gun dìdein; agus feudaidh an sealbhadairean an spìonadh leò, agus iad féin ’s an sliochd a chumail ann an daorsa mar a bha iad roimh. A mach o na dh’ ainmich sinn, tha gach nì a’ dol air an aghaidh gu ro mhaith ’àn Canada; agus tha ceaird ’us cosnadh sònruichte beothail; ach tha mòran diubh nach ’eil ’s nach bi toilichte leis an Achd mhi-shealbhail ud air an d’ rinn sinn iomradh roimhe, agus a thog urrad dhiomb’ n am measg. Tha ’n cunntas mu dheireach a fhuaradh á Innsean na h-àird an Ear ag ràdh gu bheil mòran dolaidh air a dheanamh mu dhaingneach Mhooltan le tuiltean a thainig anns a’ chearn sin. ’S an àm an do sgrìobhadh, bha ’n còmhnard ud uile air a chòmhdach le uisgeachan. Tha gach nì eile ’dol air an aghaidh gu socrach, sàmhach. [TD 726] Tha Kossuth ’s a’ chuid eile de na Hungarianich fathasd anns an Tuirc, agus tha sinn ’am barail nach do chuir na Russianaich no na h-Austrianaich tòir air bith orra o’n a chunnaic iad gu’n deach Breatunn ’s an eadraiginn. Cha mhò ’tha na Turcaich a’ cur dragh orra. Tha Prussia air tighin gu fois. Tha ’n Fhraing a’ marsuinn sàmhach. Tha ’n Spàinn ’us Portugal gun chogadh; ach air bheag loinn. Tha mòran mì-riaghailt a’ dol air aghaidh ’an Eirinnn mar is àbhaist. Cha ’n ’eil seachduinn a tha ’dol seachad anns nach ’eil dithis no triùir air am mort. Nach ann duinne ’thigeadh a bhi taingeil air son na fois agus na tearuinteachd a tha sinn a’ mealtuinn. Tha sinn duilich gu’n tainig briseadh beag air slàinte na Bàn-righinn o’n a chaidh i air a h-ais do Shasunn: ach tha i rìs air ghluasad. Tha ’n t-seana Bhà-righinn—bantrach Righ Uilleam IV.,—ann am fior dhroch shlàinte, agus cha ’n ’eil mòran fiughair gu’n tig i uaithe. Mar so tha sinn a’ faicinn nach “—’eil neach o thrioblaid saor ’Am measg a’ chinne-daonn’ air fad” Tha ’n Cholera, taing do Dhia, an déigh ar rìoghachd fhàgail aon uair eile. Tha e air a ràdh gu bheil luchd-riaghlaidh na rìoghachd gu latha Traisg a ghairm, a chum buidheachas a thoirt do’n Tì uile-thròcaireach a chunnaic iomchuidh a shlat-smachdachaidh a thoirt air falbh. Tha prìsean na féudalach a’ marsuinn co ìosàl ’s a bha iad. Tha lòn ro phailt agus achdarra gu leòir. Cha ’n ’eil e coltach gu’m faighear mòran de mhaith a Bhuntàta air a’ bhliadhna so. Tha sinn a’ cluinntinn an aona ghearan air anns gach àite. A’ chuid a bha anamoch gun chur dh’e cha d’ fhuaras dad idir d’a mhaith. Fhuaradh a’ chuid eile de’n bhàrr cruinn air a’ bhliadhna co sàbhailte ’sa fhuaradh riamh e. N. B. All communications in future to be addressd to PATON & RITCHIE, 3, Hanover street, Edinburgh. Those Subscribers in arrears are requested to remit to the Publishers without delay. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS:—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D. Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.