[TD 599] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XX.] AN T-OCHDAMH MIOS, 1849. [R’A REIC AIR SON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. “Parable of the Labourers in the Vineyard”—Exposition of Matthew xx. 1—16, page 599. II. Sketch of the Life of Hugh M‘Leod who was Executed at Inverness in 1831, for the Murder of Murdo Grant, page 609. III. Biographical sketch of Dr Alex. Murray, late Professor of Languages in the University of Edinburgh, page 615. IV. Proceedings of the late General Assembly of the Church of Scotland (concluded), page 521. V. Public News—France and Rome—Surrender of the Hungarians—The Qeen’s Visit—state of the Crops, &c., pages 627—30. I. MINEACHADH AIR COSAMHLACHD AN LUCHD-OIBRE ’S A’ GHARADH-FHIONA. MATA xx. 1—16. 1. Oir is cosmhuil rìoghachd nèimh ri fear-tighe, a chaidh a mach moch air mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre d’a ghàradh fio na. 2. Agus an déigh dha cordadh ris an luchd-oibre air pheghinn Romhanaich san là, chuir e d’a ghàradh fiona iad 3. Agus an uair a chaidh e mach timchioll na treas uaire, chunnaic e dream eile ’nan seasamh dìomhanach sa’ mhargadh. 4. Agus thubhairt e riu, Imichibh-sa mar an ceudna do’n ghàradh fhìona, agus ge b’e ni a bhitheas ceart, bheir mi dhuibh e. Agus dh’imich iad. 5. An uair a chaidh e mach a rìs timchioll na seathadh agus na naothadh uaire, rinn e mar an ceudna. 6. Agus an uair a chaidh e mach mu thimchioll na h-aoin uaire deug, fhuair e dream eile ’nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, C’ar son a ta sibh ’nur seasamh an so feadh an là dìomhanach? 7. Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-sa mar an ceudna do’n ghàradh fhiona, agus ge b’e ni a ta ceart, gheibh sibh e. [TD 600] 8. Agus ’nuair thàinig am feasgar, thubhairt tighearn a ghàraidh fhiona sin r’a stiùbhard. Gairm an luchd-oibre, agus thoir dhoibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh o’n dream a thainig mu dheireadh gu ruig na ceud daoine. 9. Agus an uair a thàinig iadsan a thuarasdalaicheadh mu thimchioll na h-aoin uaire deug, fhuair gach duine dhiubh peghinn. 10. Ach an uair a thàinig an ceud dream, shaoil iadsan gu’m faigheadh iad ni bu mhò; ach fhuair gach aon diubh mar an ceudna peghinn 11. Agus air doibh fhaotainn, rinn iad gearan an aghaidh fhir-an-tighe. 12. Ag ràdh, An dream sin a thàinig mu dheireadh, cha d’rinn iad obair ach aon uair, agus rinn thu iad ionnan ruinne, a ghiùlain uallach agus teas an là. 13. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ri fear dhiubh, A charaid, cha ’n ’eil mi a’ deanamh eucoir ort: nach do choird thu rium air pheghinn? 14. Tog leat do chuid féin, agus imich romhad: is i mo thoil-sa a thabhairt do’n ti so a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhuit-sa 15. Nach ’eil e ceaduichte dhomh-sa an ni a’s toil leam a dheanamh ri mo chuid fèin? am bheil do shùil-sa olc, air son gu bheil mise maith? 16. Mar sin bithidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a ta air thoiseach air dheireadh: oir a ta mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh. GUS a’ chosamhlachd so a thuigsinn féumaidh sinn sealtuinn air ar n-ais ris an naoitheadh caibdeal déug. Chì sinn ’an sin o’n t-seathadh rann déug gus an t-seathadh rann thar an fhichead cunntas air an òganach sin a bha co ro ghealltanach, ach ’na dhéigh so gu léir a roghnaich a’ bheatha ’tha làthair roimh an bheatha mhaireannaich. ’N uair a chuala na h-Abstoil gu’n robh, a réir coslais, dorus rìoghachd nèimh co cumhann, tha iad mar gu’n gabhadh iad eagal a thaobh an cor féin—eagal gu’n d’rinn iad malairt amaideach ann n’an cuid de’n t-saoghal a thréigsinn, agus tha Peadar ’na ainm féin ’s an ainm chàich ag ràdh, “Thréig sinne na h-uile nithe, agus lean sinn thusa; air an aobhar sin ciod a gheibh sinn?” Tha seann fhear-mìneachaidh a’ toirt fainear gu maith mu chainnt Pheadair ann an so gur beag aobhair bòsd a bha aige; oir ciod a thug e suas air son Chriosd? Bàtachan-iasgaich agus badan lìon! ’us gu cinnteach na’n sealladhmaid air cha bhiodh a h-aon aguinn ullamh gu uaill a dheanamh as na bheil sinn a’ tréigsinn air son Chriosd. Ach ’s e bheireamaid fainear gu sònruichte ’thaobh cainnt Pheadair, gu’n robh a’ cheist a chuir e a’ leigeil ris intinn uailleil, fhéineil, agus amharusaich. Bha e a’ labhairt dìreach mar fhear-tuarasdail, a dheanadh an cùmhnant a bu tinnne ’s a b’ àirde ’b’ urrainn dha ris-san a bha ’g iarraidh muinntireas a chur air. “Tha mise ’deanamh an urrad so ’dh’ obair air do shonsa. Gu dé an tuarasdal a bheir thu dhomh?” Bha eagal air nach tugadh Criosd fiach a shaoithreach dha—saothair a bha e féin a’ meas ro àrd, agus cha robh ’bheag air bith de spiorad irisleachd, no gràidh, no earbsa ’na chainnt. A nis is ann ’an aghaidh a’ leithid so de dh’ intinn, ’s de chridhe a labhair Criosd a’ chosamhlachd f’ar comhair—cosamlachd a tha air [TD 601] a’ fàgail aguinne a theagasg so dhuinn gu sònruichte—am fad ’sa tha neach air bith ag altrum a’ bheag no mhòr de spiorad uailleil d’a thaobh féin (“ghiùlain sinne uallach agus teas an là,” xx. 12) agus an lorg so (mar a gheibhear daonnan) nàdur farmaid ’an aghaidh dhaoin’ eile, gu bheil e dìreach an fhad sin a’ fàs eucomasach air sonas a tharruing o Dhia; agus thugadh duin’ àite d’a leithid so de spiorad, mar a mùch e gu h-iomlan Spiorad Dhé gheibh e gur h-e ’s lugha ann an rìoghachd nèimh. Tha e nàdurra r’a ràdh ’an aghaidh a’ bheachd so, “Cha ’n urrainn gur fior Chriosduidhean a tha air an ciallachadh leosan a rinn an doichioll ’an aghaidh chàich; oir ciamar a theirear Criosduidh ris-san a tha ’farmadachadh maith a choimhearsnaich?” Fhreagramaid so le fheòraich, “mar Criosduidhean iad ciamar a fhuair iad an aon duais ri Criosduidhean?” Fhuair iad uile “a’ pheighinn”—’s e sin duais na beatha maireannaich, agus féumaidh sinn sealtuinn orr’ uile mar Chriosduidhean—mar chreidmhich, no gun ghin dhiubh idir aideachadh mar so. Ach ’s e so, tha sinn an dùil, am fuasgladh air an t-snaoim. Cha ’n ’eil e air a ràdh gu’n robh a’ mhuinntir so gu buileach, no daonnan, fo chumhachd uaill agus farmaid. ’N am bitheadh iad mar so tha e soilleir gu’m bitheadh iad as iùnais “spiorad Chriosd,” agus nach buineadh iad dha.” Ach bha tomhas de uaill annta, agus o bharail àrd orra féin, dh’éirich tàir air an fheadhain eile, agus uaithe so gearan air son nach robh letheachas air a dheanadh eatorra. A nis, nach faighear fuigheall a’ pheacaidh—fuigheall gach peacaidh—anns gach Criosduidh? Nach ’eil an fheòil a ghnàth a’ miannachadh, ’s a’ cath ’an aghaidh an Spiorad, agus an Spiorad ’an aghaidh na feòla? Tha Pòl ag ràdh gu’n robh a chùis mar so d’a thaobh féin. Gu cinnteach tha i ann a thaobh Chriosduidhean eile; agus dìreach anns an tomhas ’s a bheil an fheòil a’ buadhachadh là air bith, ’s a’ cheart tomhas tha ’n t-anam a’ tuiteam air ais ann an diadhachd. Ma thuigeas sinn so feudaidh sinn fhaicinn cionnas a tha iadsan a bha aon uair air thoiseach air càch, a’ sleamhnachadh fada air deireadh, agus ’an cunnart eadhoin air a bhi air an druideadh a mach gu buileadh. No gabhamaid sealladh eile air a chùis. Cha ’n ’eil na h-uile Chriosduidhean co-ionnan ann an irisleachd. Mar a h-eil féumaidh gu bheil tuille féin-uaill anns an dara h-aon na tha ’san t-aon eile. Cha ’n ’eil na h-uile a’ deanamh an aon tomhais gàirdeachais ann an soirbheachadh ’s ann an sonas chàich. Mar h-eil féumaidh gu bheil tuille de nàdur an fharmaid a’ marsuinn ann am feadhain na ann am feadhain eile. Agus a réir ’s mar a tha na h-aignidhean so a’ marsuinn annta tha iad a’ tuiteam air an ais. No seallamaid air a’ cheart aobhar mu’n do labhair Criosd na briathran so—air ceisd Pheadair mar a dh’ainmich sinn cheana.—xix. 27. Bha Peadar da rìreadh air iompachadh roimhe so (Mata xvi. 17.); ach air an àm so labhair e, cha ’n ann mar iompachan—cha ’n ann o ghràs, no o’n Spiorad, ach uaithe féin; agus tha ’n [TD 602] Slànuighfhear ag ràdh ris ’s a’ chosamhlachd so, fhad ’s a tha e ’toirt àite do’n intinn a tha aige ann an so, gu bheil e da rìreadh a’ a’ deanamh a choire féin—ga ghleidheil féin gun dol céum air aghaidh air slighe na beatha, agus mar so a’ lughdachadh a dhuais ’an àite bhi ga meudachadh mar a bha fiuthair aige le bhi deanamh bòsd á shaothair féin, Tha e ’gealltuinn duais àrd do Pheadar agus do gach aon a leanas e ’s an “ath-ghineamhuinn”—“a thréigeas tighean, no bràithrean, * * * * * air sgàth ainme-san”—cha’n ann air sgàth tuarasdail, no pàighidh; ach tha e ag innseadh dha (xix. 30.) gu’n robh mòran air thoiseach a bhiodh air dheireadh, agus is ann a shoilleireachadh—a dhearbhadh na firinn so, agus a thoirt fairbhein an aghaidh an spioraid o’n do labhair Peadar aig an àm a chuir e an céill a’ chosamhlachd so, oir chì sinn e (xx. 16.) a’ co-dhunadh leis na ceart bhriathran so le’n do thòisich e. Tha sinn a’ gabhail na cosamhlachd so matà, cha ’n ann mar ag innseadh gu’m bi gearan, no doichioll ’an aghaidh sonais ’us glòire a chéile am measg Chriosduidhean aig là a’ bhreitheanais. Tha e soilleir o’n Tiomnadh Nuadh gu léir nach bi ni air bith cosmhuil ri so ann aig an là mhòr; ach tha i a’ cur an céill gu’m feud mòran a bhi ann a bha fada ann an gàradh-fiona an Tighearna—a shaothraich gu dlùth ’na sheirbhis—a tha ré am beatha, agus aig uair am bàis a’ sealtuinn le tuille ’s a chòir a mheas air na rinn iad féin—le tuille ’s beag air na bheil muinntir eile a’ deanamh, a tha ’smaoineachadh, mar a bha clann Shebedee, gu’m bu chòir dhoibhsan àite ro àrd fhaghuinn ann an rìoghachd nèimh; agus fhad ’sa tha ’leithid so de bheachd air altrum leò, tha iad da rìreadh ga’n deanamh féin neo-iomchuidh air son oighreachd nan naomh ann an solus—an dream a tha ga’n àrdachadh féin tha iad da rìreadh air an ìsleachadh. Tha e furasda coire ’us coire fhaghuinn do’n mhìneachadh so. Tha e furasda fichead coire fhaghuinn do gach mìneachadh a chunnaic sinn air a’ chosamhlachd so riamh. Ach their sinn gur e am beachd so a thug sinn seachad is ’usa sheasamh, ’sa dhìon, a réir earrannan eile de’n fhirinn na aon air bith a chunnaic sinn; agus gu cinnteach tha e ’teagasg dhuinn firinnean féumail an uair a tha e ’gar cur ’an earalas ’an aghaidh féin-uaill agus farmad—an uair a tha e a’ moladh dhuinn irìsleachd agus seirc. Na biomaid matà a’ leanmhuinn eisiomplair Pheadair ann an so, ag ràdh, “Feuch thréig sinne ua h-uile nithe agus lean sinn thusa,” ach leanadhmaid eisiomplair Phòil far a bheil e a’ labhairt uime féin “mar nas lugha na an tì a’s lugha de na naoimh uile”—mar “cheann-feadhna na’m peacach.” Na biomaid ag éigheach “Ciod uime sin a gheibh sinn?” ach abramaid maille ri Daibhidh, “Ciod a dh ìocas mi do’n Tighearna air son na rinn e dhomh de mhaith?” Iarramaid maille ri Pòl gu’n robh gràdh Chriosd ga’r co-èigneachadh gu tighin beò dhàsan: agus ’an sin ’an àite bhi ’gearan an aghaidh soirbheachadh dhaoin’ eile, ni sin gàirdeachas ann; [TD 603] agus dìreach mar a bhios ar seirc—mar a bhios cridhe farsuing, gràdhach, earbsach aguinn, bithidh ar sonas ’us ar glòir. Seallamaid a nis nas mine air seadh na cosamhlachd chudthromaich so. Rannan 1—5. ’S e Criosd am “Fear-tighe.” ’S i Eaglais-san—an Eaglais spioradail agus fhior—rioghachd na diadhachd—an “Gàradh-fìona.” Tha e ’tuarasdalachadh luchd-oibre, ’n uair a tha e le ’fhreasdal, le ’fhocal, ’s le ’spiorad a’ gairm dhaoine o amaideachd, ’s o aingidheachd gu creidimh, gràdh, agus naomhachd. Chòrd fear-an-tighe ris a’ chéud bhuidhinn air son peighinn Ròmanaich. Bha a’ pheighinn mu ochd sgillinn ’s bonn a sea de’r n-airgid-ne. Tha an t-suim so air a h-ainmeachadh ’an so a chionn gu’m bi am paigheadh latha ’bu chleachdta thoirt seachad ’an Iudéa aig an àm ud. Ach ’s ion dhuinn a thoirt fainear gu bheil e air a radh gu’n do “chòrd” e ris a’ chéud fheadhain so air son na peighinn, agus nach ’eil e air a ràdh gu’n d’ rinn e cùmhnantan, no bargan mion air bith ris an fheadhain eile. Bha a’ cheud fheadhain a’ labhairt coltach ri Peadar, “Ciod a gheibh sinn?” Bha an fheadhain eile ’g an làn earbsa féin ri fialuidheachd am Maighstir; agus mar so bha dealachadh ’us diubhair mòr ann an spiorad, ’s an aigne nan daoine o thùs. Ghairm e’n fheadhain eile aig an treasa, an seathadh, ’us an naoitheadh uair—’s e sin aig naoi ’s a’ mhaduinn, dà uair dhéug, agus trì ’an déigh a’ mheadhoin-là, a réir ar cunntas-ne, agus chaidh iad uile ’hun an oibre ’an earbsa ri ’fhocal. Rannan 6, 7. Labhair e ri feadhain eile aig an aoin-uair-dhèug—’s e sin cuig uairean an déigh a’ mheadhoin-là—agus faiceamaid am freagairt-san. “Tha sinn dìomhanach a chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn—nach do chuir neach air bith muinntireas oirnn.” Bha leth-sgeul gu leòir aca, mo thruaighe! air son marsuinn dìomhanach ’n uair nach robh duin’ air bith ann a bheireadh obair, no àite dhoibh. Ach gabhamaid na briathran so ’an seadh spiordail agus cò a’s urrainn an labhairt? Cha ’n e aon duine ’s a’ Ghàedhealtachd, an Albuinn, no’n Sasunn. Cha ’n ’eil duine ann an dùthaich Chriosduidh far a bheil Sàbaidean, Searmoinean, ’us Bìobuill, is urrainn a ràdh nach ’eil esan air a ghairm gu obair Dhé—nach ’eil a bheatha mhaireannach air a tairgsinn dha mar shaor-thiodhlac Dhé ann an Criosd—nach ’eil e a’ cluinntinn gu minic guth Dhé a’ guidheadh air pilleadh o dhroch shlighean ri ’Athair agus a Dhia. Is iadsan matà a tha ann an dùthchannan Geintilich—is iadsan a tha car na ceud uair ’n am beatha a’ cluinntinn guth Chriosd a’s urrainn a ràdh le firinn gu bheil iad dìomhanach a chionn nach ’eil neach air bith a’ cur muinntireis orra. Tha e fior, glòir do ghràs Dhé air a shon, gu bheil daoine ann an dùthchannan Criosduidh a tha car ioma là ’us bliadhna a’ dùnadh an cluasan ’s an cridheachan ’an aghaidh an t-Soisgeil, a tha ’n an sean aois—aig an aoin uair déug de’m beatha air an iompachadh; [TD 604] agus am feadh a tha latha nan gràs air a shìneadh a mach cha bhuin do dhuin’ air bith a ràdh gu bheil e tuille ’s anmoch. Ach cha ’n ann an so a tha ’n fhìrinn so air a cur ’an céill. Cha ’n ann air seann daoine, no air aithreachas crìche a tha ’n Slànuighfhear a’ labhairt. ’S ann gu h-àraidh mu fhineachan ’s mu linntean an t-saoghail a tha ’chainnt so air a labhairt; agus cha’n ’eil barantas aig duin’ air bith a tha ann an dùthaich Chriosduidh dàil latha, no uaire a chur ann an aithreachas o na bheil air a ràdh ’s an earrainn so de’n fhìrinn. Mar h-urrainn thu a ràdh ri Dia nach cual thu riamh gus an diugh gu’n robh anam agad—gu’n robh ifrinn no nèamh ann—gu’n robh Slànuighfhear no Dia ann—gu’n robh cathair nan gràs fosgailte dhuit—gu’n robh an Spiorad Naomh air a thabhairt dhoibhsan a dh’ iarras e, cha ’n urrainn thu a ràdh nach do chuir neach air bith muinntireas ort—cha ’n ’eil thu anns an t-suidheachadh ’s an robh na daoine a tha ’n so, agus cha ’n ’eil an t-aobhar a’s lugh’ agad o na thachair dhoibhsan misneach a ghabhail, no sìth a labhairt riut féin am feadh ’s a tha thu ’diultadh sgur de’n pheacadh, agus thu féin a thoirt suas do Dhia tré Chriosd. Rannan 8—15. Thubhairt sinn urrad mu’n ni shònruichte a tha air a leigeil ris dhuinn anns na briathran so, gearan na ceud mhuinntreach air son nach d’ fhuair iad féin tuille na mhuinntir mu dheireadh ’s nach abair sinn mòran uime ’n so. Ach thugamaid fainear nach ’eil iad air son càch a dhruideadh a mach gu buileach. Cha ’n ’eil iad ann an so a’ doichioll na peighinn do’n fheadhain eile, ach a’ gearan a chionn nach d’ fhuair iad fhéin an tuille—a chionn gu’n do shaothraich iad na b’ fhaide. Agus an uair a theireamaid nach ann aig là mòr a’ bhreitheanais a chluinnear a’ leithid so de chainnt aig saor-shluagh Chriosd, their sinn gu bheil gu leòir—mòran tuille ’sa chòir dh’i r’a cluinntinn am measg a luchd-leanmhuinn a nis. Gabhamaid co-thional air bith fad na dùthcha, agus nach fhaic sinn gu bheil gu bitheanta ’n am measg daoine a tha smaoineachadh gu bheil iad féin airidh air na h-àiteachan-suidhe a’s àirde—air an onoir, ’s air an duais a’s mò. Ghiùlain iadsan teas agus uallach an là. Bha iad mu shuidheachadh a’ cho-thionail—ghabh iad saothair ann an gairm a’ mhinisteir—chruinnich iad mòran airgid—tha iad a’ feitheamh air gach coinneamh—eudmhor, oidhirpeach ’s gach gnothach maith, ’s cha’n ’eil e ceart, no iomchuidh gu’n tugtadh uiread urraim dhoibh-san a bha sàmhach, ach beag, ’s gach cùis—a tha ’gluasad ann am fionnaireachd an là, no idir dhoibhsan a tha air an ùr-iompachadh. Tha ’leithid so de chainnt ro thric ’n ar measg; agus far nach ’eil daoine a’ labhairt mu àiteachan àrda—mu urram no onoir o’n leth-muigh ann an Eaglais Chriosd tha iad gu minic ann am beachd gu bheil iadsan mòran nas faide air an aghaidh ann an gràs na tha ’m fear so, no’m fear ud eile; agus na’n innsteadh dhoibh gu’n robh an coimhearsnach bochd, agus ciùin, da rìreadh na bu diadhaidh—na b’ fhaide air aghaidh ann an gràs na bha iad féin, a bhiodh glé mhi-thoilichte—a bhiodh ann am beachd gu’m bu [TD 605] chòir gu’n robh an tuille gràis agus fàbhair air a bhuileachadh orra féin na bha orrasan m’an timchioll. A nis ciod e so ach gearan an aghaidh Dhé air son nach ’eil e a’ toirt tuille dhoibhsan na tha e ’toirt do mhuinntir eile? Tha ann an so a’ cheart spiorad a tha’n Slànuighfhear a’ dìteadh—spiorad ’an aghaidh am bu chòir do na h-uile a bhi air am faicill—a chionn gur spiorad peacach agus cronail e. Ach is spiorad e a tha ’g oibreachadh gu minic; oir is ainmic da rìreadh a ghebh sinn iad a “tha ’meas dhaoine eile nas fearr na iad féin,” a bhiodh toilichte na’n abairteadh riutha aig a’ cheart uair gur e an t-ionad is isle aig a’ bhòrd nèamhaidh a bha ’feitheamh orra—a dheanadh fior ghàirdeachas anns gach Criosduidh eile fhaicinn na b’ fhearr, ’s na b’ urramaiche na iad féin. Theireamaid aon fhocal gu’r dìon o bhi air ar togail ann am mearachd anns na thubhairt sinn an so. Cha ’n ’eil sinn a’ cur a sìos saothair, agus èud ann an obair Chriosd—fada uaithe. Bu bheannaichte an nì na’m biodh a’ mhìl’ uiread dhiubh ’n ar measg. Ach ’s e tha sinn a’ dìteadh an othail, ’s a mhoit, ’s am bòsd a tha aig daoine mu’n ro bheag saothair a tha iad a’ deanamh air son an Tighearna. ’S e bhi ’g éigheach cosmhuil ri Peadar, “Feuch thréig sinn na h-uile nithe agus lean sinn thusa,” no bhi ’glaodhaich gach là “Faic m’ èud-sa air son an Tighearna.” ’S e so a tha sinn a’ dìteadh—an fhéin uaill ’s am féin mholadh so; sgus tha sinn ga dheanamh so a chionn gu bheil Criosd ga ’n dìteadh. Tha dà cheisd ag éiridh o na bheil air a ràdh mu’n luchd-oibre anns na rannan so mu’n labhramaid beagan. An tòiseach, tha e air fheòraich ciamar a tha iad air an cur uile air an aon ruith—peighinn air a thoirt do’n dara h-aon, agus gu’n ach peighinn do’n t-aon eile? ’S i’n fhreagairt dha so, gu bheil slàinte—gu bheil a’ bheatha mhaireannach air a tabhairt do gach aon a tha leantuinn Chriosd ’s an ath-gheanmhuinn, ged a tha feadhain ga leanmhuinn le céumaibh glé thuisleach, lag; an uair a tha feadhain eile a’ ruith gun fhàs sgìth, a’ siubhal gun fhàs fann. Ris gach creidmheach tha Dia ag ràdh mar a thubhairt e ri Abraham o shean, “Is mise do dhuais ro mhòr.”—Gen. xv. 1. Tha e ag ràdh so riut co dhiubh tha do “chreidimh mar ghràine sìl mhustaird,” na tha e làidir eadhoin mar bha creidimh Abrahaim féin. Ma tha thu idir ag iarraidh Dhé ann an treibhdhireas, gheibh thu e; agus aig an naomh a’s àirde inbhe—aig an aingeal a’s mò glòir cha ’n ’eil duais, no seilbh, no sonas, a’s àirde na bhi ’mealtuinn Dhè: agus bu chòir dhuinn so a thuigsinn, ’sa chuimhneachadh, gur h-ann ann a bhi mealtuinn Dhé mar ar cuibhrionn a tha sonas an anama a’ co-sheasamh. 2 Ach ma tha so mar so, ciamar a tha Criosd ag ràdh gu bheil feadhain air thoiseach, ’s feadhain air dheireadh—seadh, agus feadhain a bha aon uair air thoiseach a’ tuiteam air dheireadh—’s màr so dealachadh mòr eatorra thaobh sonais? Tha so furasda fhreagairt ma chuimhnichear an nì a thubhairt sinn aig an àm. Tha Dia ga thabhairt féin mar chuibrinn do gach anam ath-nuadh- [TD 606] aichte. Ach ’s ann a réir ’s mar a tha càil, ’us cumhachd an anama gu Dia a mhealtuinn a bhios a shonas; agus is ni soilleir o’n fhìrinn, eadhoin mar tha caochladh eadar réult ’us réult ann an glòir, mar sin gu’m bi e thaobh anama ann an sìorruidheachd; agus tha ’n t-aobhar air a so ro fhurasda fhaicinn. Gabhamaid samhladh saoghalta air a’ chùis. Feudaidh tu fichead duine a thoirt a dh’ éisdeachd a chiùil a’s binne, agus ’n uair a bheir e toileachadh dhoibh uile, gheibh thu nach ’eil dithis, theagamh, a tha ’tarruing an aoin tomhais toilintinn uaithe. Tha aon a’ mealtuinn àrd-aoibhneas o’n cho-sheirm bhinn—aon eile nas lugha—aon eile nas lugha fathasd, dìreach a réir na cluais, agus na h-aigne tha aca. ’S an dòigh cheudna thoir fichead, no thoir dithis a dh’ fhaicinn an aoin seallaidh. Tha fear dhiubh air a thogail gu ro àrd ann a bhi ’faicinn mòrachd nam beann—àilleachd nan tullach uaine—siubhal nan sruth, agus bàrr ioma dhathach nan achaidhean, ’n uair a tha ’m fear eile toilichte, ach gun drùghadh idir co domhain. No thoir oighreachdan làn chosmhuil r’a chéile, no an aon suim airgid, do dhithis dhaoine; agus chì thu dìreach a réir an nàduir a tha aca fa leth, gu’m bi an sonas fa leth. Mar so a thaobh nèimh, agus Dhé. Tha Dia air a mhealtuinn leòsan uile a tha air an tabhairt do nèamh, agus ’an so tha sonas aca a réir an càile ’s an cumhachd. Ach an abair duin’ air bith aig a bheil tuigse gu bheil a’ cheart urrad—an aon tomhas sonais aig na h-uile? Bithidh gach soitheach gu dearbh air a lìonadh; ach cha ’n e an aona mheudachd a tha ’s na h-uile soitheach. Chì gach uile shùil an Rìgh ’na mhaise; ach dìreach a réir ’s mar a tha sealladh na sùla lag, no làidir, bithidh an t-aoibhneas o dhearcadh air a’ mhaise sin. Tha e air innseadh dhuinn gu’m bi caochladh inbhean ann an nèamh. Tha “uachdaranachdan, cumhachdan, neirt, agus tighearnais ’an sin.”—Ephes. i. 21. “Tha eadar-dhealachadh eadar réult agus réult ann an glòir, agus is ann mar sin a bhios aiseiridh nam marbh,” 1 Corint. xv. 41; ’us tha e furasda ’thuigsinn gu’m féum Eòin, an deisciobull gràdhach aig an robh gràdh co domhain, co caomh, do na h-uile, tuille sonais a tharruing o Dhia a’ ghràidh na tharruingeas an duine sin a tha coguiseach, trèibhdhireach, ’s mar so ’na Chriosduidh, gidheadh a tha frionasach, bìorruidh ris gach aon a thig a bheag ’na aghaidh. Féumaidh gu’m bi tuille sonais aig cridhe spioradail, diadhaidh Dhaibhidh, na aigesan a tha ’toirt sùil air ais air an t-saoghal gach là. Fèumaidh gu’m bi tuille sonais aig Isàiah, aig an robh a chridhe air a lìonadh co h-iomlan le glòir an Tighearna, na bhios aigesan nach d’ fhairich togail, no mosgladh mòr air féin riamh ann an sealltuinn air a’ ghlòir sin. Féumaidh gu’m bi tuille mòr sonais aig intinn chumhachdaich, ’us cridhe farsuing Phòil ann an co-chomunn ri Dia na mòrachd as a ghràs, na aige-san a tha mhàin a’ smèurachd a rathaid gu nèamh, agus air nach ’eil ach beag cùram co dhiubh a tha iad lìonmhor no ainneamh a tha ’dol gu nèamh no gu h-ifrinn. Tha daoine gu buileach ann am mear- [TD 607] achd a tha ’saoilsinn gu bheil duais na beatha maireannaich mar dhuais thalmhaidh a dh’ fheudar a chudthromachadh air a’ mheidh, no thomhas leis an t-sreing-riaghailt. Cha ’n e suim airgid no òir a bheirear dhuit—cha ’n e do chur ’an àite còmhnuidh fasgach, grianach far am bi pailteas agad de gach ni a thig ri d’ bhlas. Cha ’n e deiseadh rìomhach, agus crùn dealrach a bheirear do na h-uile, air dhòigh ’s nach bì dealachadh eatorra. Tha sonas nan nèamh a’ co-sheasamh, gu h-àraidh ann an làthaireachd, ann an càirdeas, ’s an gràdh an Dé shìorruith a mhealtuinn; agus is ann dìreach a réir ’s mar tha sinne ’n ar luchd-copairt de ’nàdur a nis—a réir ’s mar a tha aguinne an intinn sin a bha ann an Crosd—a réir ’s mar a tha aguinn cridheachan ’us caithe-beatha diadhaidh—a réir ’s mar tha aguinn creidimh, gràdh, agus naomhachd, a mhealas sinn co-chomunn ri Dia—a bhitheas ar sonas no ar glòir ann an nèamh. Biomaid air ar dlùth fhaicill matà an aghaidh gach rùin, aigne, ’us cleachduinn a bhacas sinn o fhàs ann an gràs’ ’s ann an naomhachd—o thighin air ar n-aghaidh gu làn àirde an duin’ iomlain ann an Criosd; agus gu h-àraidh ’an aghaidh barail àrd oirnn féin. Bha ’bharail so aig Peadar air féin—chronaich an Slànuighfhear e. Cha do ghabh e ris an fhairbhein mar bu chòir dha. Tha fios aguinn gu’n do mhair mòran de’n fhéin-uaill ud ann ’na dhèigh so, agus gu’n tug so leagadh ro ìosal, truagh dha. Thog Criosd a suas e; ach ’s cinnteach sinn nach ann aon uair ach gu minic “a ghuil e gu goirt” air son a pheecaidh. Gun teagamh thilg fhéin-earbsa-san gu minic e fad air dheireadh anns an réis Chriosduidh. Biodh i aguinne anns an tomhas cheudna—tilgidh i air deireadh sinne cuideachd. Biodh i aguinne ’na leithid de thomhas ’s gu bheil i a’ riaghladh annainn, agus gheibh sinn ged a dh’ fheudas sinn tòiseachduinn gu maith, gu bheil ar maitheas mar dhriùchd a mhochthra—nach ’eil aguinn ach ainm a bhi beò—gu bheil sinn da rìreadh marbh. Biomaid gach là ag altrum na h-irisleachd sin a mheasas daoine eile nas fearr na sinn féin, agus na seirc sin a ni gàirdeachas ann an soirbheachadh ’s ann an àrdachadh nan uile. Rann 16. Mhìnich sinn toiseach na rainne so cheana. Tha mòran a tha air thoiseach a thaobh cothroim agus shochairean, a tha, le leigeil do fhrèumh searbhadais fàs ’nan cridheachan, a bhitheas aig uair a’ bhàis air deireadh ann an gràs ’s ann an naomhachd—a bhios ré sìorruidheachd fad air deireadh ann an sonas ’s ann an glòir seach mar a bhitheadh iad na’n rachadh iad air an aghaidh air an t-slighe dhìrich, réith o’n cheud là ’s an do ghairmeadh iad. A thaobh an dara ni a tha ’s an rann so—“Tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh”—tha iomadai nach ’eil a’ faicinn ciod am buntannas a tha aige so ris na briathran ri’m bheil e an ceangal; ach tha iad air an labhairt mar an tuille fairbhein ’us rabhaidh do dhaoine gus an gairm agus an taghadh a dheanamh cinnteach—gu iad féin a ghleidheil ann an gràdh Dhé, agus a bhi pailt ann an oibribh na fireantachd. Tha mòran a tha ’g innd- [TD 608] reachdainn air beatha na diadhachd a tha ’tuiteam air deireadh—a tha ’searg, ’s a seachdadh, le leigeil do fhéin-uaill fàs ’n an cridheachan. Tha mòran eile a tha smaoineachadh gu bheil iad tearuinte a chionn gu bheil iad air an gairm—gu bheil iad ag éisdeachd an t-Soisgeil, ’s gu bheil seòrsa mosglaidh, ’us drùghaidh a’ tighin orra. Ach cha leòir so. Tha iad lìonmhor a tha air an gairm o’n leth-muigh nach ’eil a’ leigeil ris le’n ùmhlachd tré naomhachadh an Spiorad gu’n do thaghadh iad a réir roimh-eòlais Dhé an Athar. 1 Pead. i. 2. Cha ’n fhoghain a’ ghairm—féumaidh i bhi ’na gairm éifeachdaich gu ar cridhe ’s ar caithe-beatha atharrachadh—gu ar toil ath-nuadhachadh—mu’m bheil i ’na gairm shlàinteil. ’S ann mar so a labhradh na briathran, agus mar so bu chòir an gabhail—gu ar cur air ar faicill nach toilich sinn sinn féin le ainm, le sgàile na diadhachd, ach gu’m fairich, ’s gu’n taisbein sinn a fior chumhachd gach là. Tha ’chosamhlachd so matà air a labhairt gu h-àraidh a theagasg dhuinn irisleachd do’r taobh féin, earbsadh an-amharusach a thaobh gràis Dhé agus ar Slànuighfhir—cridhe farsuing, seirceil, gràdhach a thaobh ar coimhearsnach gu léir. Ach cha ’n urrainn dhuinn co-dhùnadh gun a ghuidhe air ar luchd-léughaidh iad a dh’ fheòraich dhiubh féin, cò ’n am measg a tha fathasd “dìomhanach” a thaobh an aoin ni fhèumail—a thaobh crìch agus aobhar mhòir am bith? Ciod air bith othail, no ùpraid a tha iad a’ deanamh mu nithean an t-saoghail so, tha iad dìomhanach mar ’eil iad le’n uile chridhe, agus neart, ag iarraidh slàinte an t-Soisgeil—mar h-eil iad a’ dlùth-leanmhuinn ri Criosd, agus ’na neart-san a’ cath ’an aghaidh gach droch cleachduinn—a’ strì ri naomhachd a choi-lìonadh. Tha an saothair ’na dìomhanas agus nas measa na dìomhanas. Agus theireamaid riutha le’r n-uile dhùrachd, C’arson a tha sibh ’n ar seasamh an so ré an là dìomhanach? Tha obair ro mhòr agaibh r’a deanamh. Tha sibh féin lag, agus tha ’n ùine ro ghoirid, agus neo-chinnteach thar tomhais. O! smuainichibh air luach do-labhairt an anama—air uamhainn na dòruinn shìorruidh—air glòir nan nèamh—air gràs ’us cumhachd Chriosd, agus air “an tomhas ghoirid, fhaoin, de làithean diombuan, an-shocrach” a tha agaibh gu dol as o’n bhàs—gu greim a dheanamh air beatha—gu dol a steach do ghàradh-fiona an Tighearna. Agus nach eagallach a thoirt fainear cia liutha tairgse a dhiùlt sibh cheana—cia liutha Sàbaid, searmoin, freasdal, guth cogais, agus tagradh spioraid a chuir sibh ann an dìmeas—cia liutha uair a chuala sibh guth caomh, agus gràdhach Chriosd ’ga’r gairm, ’us ga’r furan d’a ionnsuidh féin agus a chuir sibh ’an suarrachas e? Cha ’n urrainn a h-aon agaibh leth-sgéul a ghabhail. Dìtidh ur cridheachan féin sibh; agus cia mòr is mò Dia na ur cridheachan. O! thugaibh moladh mòr d’a ainm ro thròcaireach gu bheil sibh fathast air ur caomhnadh—fathasd air ur cuireadh, eadhoin ged a ràinig cuid agaibh an aon uair déug de’r beatha. Tha sibh fathasd air ur cuireadh. Tha ’n Spiorad ’s a’ [TD 609] bhean-nuadh-phòsda ag ràdh thig, * * agus thigeadh gach neach leis an àill agus gabhadh e uisge na beatha gu saor—“Ge b’e a thig cha tilgear air aon chor a mach e.” O! abradh an tì a chluinneas Thig, agus an diugh ’n uair a chluinneas sibh a ghuth na cruadhaichìbh ’us cridheachan mar ’an làithibh a’ bhrosnachaidh. Sguiribh de’r dìomhanas gu’n stà. Sguiribh de oibribh an diabhoil, agus ann an neart an Spiorad sin a tha air a thairgsinn dhuibh gu saor oibrichibh obair Dhé—oibrichibh a mach slàinte ur n-anama, agus gheibh sibh Dia ag oibreachadh annibh an toil agus an gnìomh. F. B. II. CUNNTAS AIR BEATHA ’S BAS EOGHAIN MHIC LEOID A CHAIDH A CHROCHADH ’AN INBHIRNIS ’S A’ BHLIADHNA 1831, “Bi cinnteach gu’m faigh do pheacadh a mach thu.” THA mòran de’r luchd-léughaidh aig a bheil cuimhn’ air an duine thruagh mu ’bheil sinn ag iomradh ’an so, ’s tha mòran eile, tha sinn cinnteach, a léugh ’eachdraidh bhrònach agus eagallach, mar a chuireadh a sìos i aig an àm le Mr Clark, fear de mhinistirean Inbhirnis. Rinn esan searmoin ro dhrùighteach mu’n chùis air an là air an do chrìochnaich Mac Leòid a bheatha air a’ chroich—searmoin a dh’ éisdeadh le dlùth aire le còrr ’us trì mìle pearsa. Chaidh an t-searmoin so a chlò-bhualadh ’s a chur a mach, agus is ann aisde-se ’tha sinne ’tarruing a’ chuid mhòr de na bheil sinn dol a chur a sìos. Ach ged a tha mòran a tha mar so eòlach air eachdraidh Mhic Leòid am mortair, tha mòran eile nach cuala ’bheag de dh’iomradh air a’ chùis; ’s gu h-àraidh tha mòran de òigridh na Gàedhealtachd do’m bheil na cùisean ud “mar sgéul air an aimsir a dh’ fhalbh,” ach a dh’ fheudas irisleachd, faicill, ’us stuaime fhòghlum o chunntas air duin’ òg a bha aon uair co gealltanach ’s a b’ urrainn duine ’na staid a bhi, gidheadh tré amaideachd ’us droch cuideachd a thug e féin ’hun na croiche—a thug tàmailt d’a dhùthaich agus cridhe briste, sgàinte do’n mhathair a rug e, ’s do n athair a dh’ àraich e. Rugadh Eoghain Mac Leòid ’an Sgìreachd Asaint (Assynt) ’s an taobh Tuath, mu’n bhliadhna 1808—’s e sin o cheann dà fhichead bliadhna ’s a h-aon. Bha ’athair ’na chroiteir air fearann Dhiùc Suthairlain, agus a réir gach cunntais ’na dhuine cùramach, diadhaidh. Thug e deagh fhòghlum ’us deagh chomhairle do Eoghan ’an tùs na h-òige, agus a réir coltais bha aobhar dòchais aige gu’m faigheadh e mòr chomhfhurtachd, ’us shòlas o ’mhac; oir bha ’n giullan tuigseach, tapaidh, teò-chridheach, caoimhneil, agus dh’fhàs e suas gu bhi na ghille ro eireachdail, foghainteach. ’N uair a thainig e gu neart chaidh e gu cìobaireachd ’s a’ choimhears- [TD 610] nachd car bliadhna no dha, agus ’an so cha chuala sinn gu’n robh ’bheag r’a ràdh ris, ach gu’n d’ fhàs e glé eutrom, guanach, agus gu’n do thionndaidh e coltach r’a chombanaich—dearmadach air an t-Sàbaid, ’s gu’n d’ ionnsaich e ainm naomha an Tighearn a mhi-naomhachadh le mionnaibh ’us mallachadh. Thréig e gach uile choslas cràbhaidh; ach cha d’ rinn e ni air bith air sòn an deanadh lagh an t-saoghail greim air. ’An déigh a bhi treis aig a’ chìobaireachd dh’ fhas e sgìth dh’i, agus ghabh e sgoil a bha dlùth-làimh; ged a bha e glè iongantach gu’n earbtadh sgoil ris. Thòisich e air teagasg na sgoile, ach cha b’ fhada bha e ’n sin an uair a nochd e gach là na b’ fhollaisiche gur ni olc, agus eagallach an Dia beò thréigsinn. Thréig esan Dia ’aithrichean air an d’ fhuair e eòlas ’na òige. Sguir e, urrad agus a ghairm air ’ainm, ’s a nis thréig Dia esan, ’s thug e suas e do anamiannaibh a chridhe thruaillidh fèin, agus ’an ùine ro ghoirid rinn na h-anamiannan sin tràill bhuileach dh’e. Thòisich e’n toiseach air òl, agus mar a rinn so air na mìltean rinn e airsan—tuil-dhorsan gach seirbhe, ’s gach gràinealachd fhosgaldh. Thug e e féin gu mòr a suas do chuideachd dhroch bhoirionnach, agus dh’ fhàs e thar tomhais faoin a thaobh eudaich rìomhaich agus chosdail. Chuir gach òl, gach mi-gheanmnuidheachd, ’s gach strò a bh’ann e ’an ùine ghoirid ann an ainmheach, ’us bha e air a losgadh nach b’ urrainn e an t-ainmheach a phàigheadh, no tuille airgid fhaotainn gu ’sgapadh mar a b’ àill leis. ’S an staid so rinn e mar a rinn iomad aon eile a thug iad féin thairis gu toil an diabhoil, ’s na feòla ’dheanamh. Bho nach faigheadh e airgiod air dhòigh onoraich chuir e roimhe a mhi-onoir a dheanamh, agus dol gu spùineadh air a mheadhon-oidhche. Bhris e stigh do bhùth a bha ’n sin ’us ghoid e eudach agus beagan thasdan. Bu choltach nach robh fear a’ bhùtha a’ gleidheil cunntais ro mhion, oir cha d’ ionndraich e eudach no airgiod. Cha deachaidh tòrachd air bith air Mac Leòid, ’s mar so fhuair e ’chùis leis mar a mhiann ’sa’ chéud ionnsuidh a thug e air a’ ghoid. Mar a dh’ fheudtadh smaoineachadh cha d’ fhan e fada ’na thàmh. Bha dà bhoirionnach bhochd a chòmhnuidh ann am bothan dlùth air tigh ’athar do’n robh ainm beagan airgid a bhi aca. Air latha Sàbaid, ’n uair a bha iadsan ag éisdeachd focal an Tighearna, chaidh esan a stigh do’n bhothan—bhris e a’ chiste ’s an robh am beagan ionmhais a bha aca, ’s gun athadh, gun eagal spùinn e ’n cuid an t-saoghal—da phunnd Shasunnach—’s e sin na fhuair e; ach bha an t-suim fhaoin so a thoirt o chréutairean bochd’ mar a bha iadsan, agus air a leitid de là, na bu ghràineile na ged a bheireadh e mòran tuille uathasan a b’ fhulangaiche air a chall. Cha ’n e gu bheil mòr chaochladh anns a’ pheacadh ’s an dara cùis seach a’ chùis eile. ’Si an àithne “Na dean gaduidheachd;” ’s ma tha sinn ga briseadh air dhòigh air bith tha sinn buailteach do’n bhàs shìorruith. Ach bha an-iochd mòr ann an seana chréutairean laga, aonaranach mar sud a chreacheadh; oir ’s ni e air an sealladh ioma fear-spùinnidh le tàir. Leag- [TD 611] adh amharus air Mac Leòid air son a’ ghnìomh so. Dh’ àichidh e gu cruaidh e; ach phàigh ’athair an t-airgiod, le cridhe goirt feudar a bhi cinnteach, agus chaidh guth thairis air a’ chùis car tamuill. Ach ’an àite so a thoirt Eoghain gu irisleachd, no aithreachas, ’s ann a chaidh e gach là na b’ fhaid’ air aghaidh ann an strò ’s an ruiteireachd, agus chuir e roimhe gu’m faigheadh e airgiod air dhòigh-eigin gu ’anamiannan a riarachadh. Smuainich e air dòigh ’no dhà gu so a thoirt mu’n cuairt: ach shocraich e mu dheireadh air làmh a thoirt air aon de na marsandan, no ceannaichean-falbhain a bha ’siubhal na dùthcha—air dha bhi’m beachd gu’m biodh an tuille airgid aca so na aig a bheag eile air am b’ urrainn dha aghaidh a thoirt. Cha b’ fhada gus an tug an diabhol dha an cothrom a bha e ag iarraidh. Air an 28mh là de’n mhìos Mhàirt, 1829, chaidh e gu baile nach robh ach beag astair uaithe, agus dh’ fheòraich e an robh gin de na marsandan a’ dol mu’n cuairt. Cha d’ fhuair e for’ais air aon diubh; ach air dha bhi ’na shuidhe ann an tigh a bha ’n sin, cò a chunnaic e ’dol seach an uinneag ach fear de’n t-seòrsa air an robh e ’n tòir—Murcha Grannd á Sgìreachd Loch-a-bhraoin. Chaidh e a mach ’s a’ mhionaid a bhruidhinn ris, agus dh’ fhalbh e ’na chuideachd gun ghuth a ghabhail air mu’n rùn dhorcha, mhallaichte a bha ’na chridhe, ach a’ còmhradh gu ciùin, càirdeil. Chaidh iad a stigh do thigh mnatha ’bha ’n sin, agus reic am marsanda beagan cotain rithe air son dà phaidhir stocainean a thug i dha; oir cha robh airgiod aice. Tha sinn ’ga ainmeachadh so a chionn gu’n robh na stocainean ud ’n am meadhon sònruichte gu esan a chur ’an sàs fa dheireadh. An déigh an tighe so fhàgail chaidh iad air an aghaidh car tachdain air an rathad, ’s rinn Mac Leòid a suas ròisgeul fada, dealbhach, ag ràdh gu’n robh e ri pòsadh ’an ùine ghoirid—gu’n robh na h-urrad a dh’ eudach ga dhìth—nach robh airgiod air a shiubhal aig an àm, ach ag ràdh nan rachadh am marsanda gu tigh ’athar air an là-’r-na-mhàireach gu’n ceannaicheadh, ’s gu’m pàigheadh e ’n t-eudach. Bha ’m marsanda ro thoilichte, agus dhealaich iad fo ghealladh gu’n coinnicheadh iad air an ath là aig lochan a bha ’n sin, a chum ’s gu’n seòladh Mac Leòid an rathad gu tigh ’athar. Chaidh e dhachaidh air an oidhche sin—choidil e—dh’éirich e ’sa’ mhaduinn, agus ni da rìreadh iongantach chaidh e air a’ mhaduinn sin gu ùrnuigh a dheanamh ri Dia! Ghuidh e gu’n tugadh Dia airgiod dha, agus gu’n tugadh e maitheanas dhà ’s a’ ghnìomh a bha air aire! Tha e féin ag ràdh ’s a’ phrìosan gu’n do chùir an diabhol ’na cheann ùrnuigh a dheanamh, agus gu cinnteach ’s ann o’n diabhol a thainig an an-dànachd, ’s an toibheum a bha ’na leithid a dh’ ùrnuigh air son leithid an aobhair. An déigh so rinn e làmh air òrd-chlach a bha ’s an t-sabhal ’s an robh e ris an uirigil ud, ghiorraich e cas an ùird los gu’m biodh e na bu sgiobalta—dh’ fholaich e fo ’chòt’ e, agus thog e ris a’ bhruthach gu còdhail a chumail ris a’ mharsanda. Chuir e roimhe nach fògh- [TD 612] nadh leis an duine bochd a spùinneadh, ach gu’n cuireadh e as da, los nach innseadh e sgéul, agus ghabh e air aghaidh. Dh’ fheith e fada ann an uaimh a bha dlùth do’n rathad, agus fa dheireadh thainig an Granndach air aghaidh mar a gheall e, gun eagal, gun amharus. Chuir Mac Leòid fàilt’ ’us furan air, agus ghabh iad an rathad taobh ri taobh. Bha Mac Leòid a’ sìor shealtuinn mu’n cuairt, agus cò a chunnaic e air mullach tuim mu astar mìl’ air falbh ach ’athair féin. Cha tug eadhoin an sealladh so tiomadh, no teòghadh air bith air a chridhe cruaidh, ach shuidh e taobh an rathaid gus an deach ’athair as an fhradharc, ’s an sin ghabh iad air an aghaidh. Bha cothrom aige air a Ghranndach a bhualadh uair ’us uair; ach thainig seòrsa tluis ’us iochd ann a ghleidh a làmh car tamuill air a h-ais. Fa dheireadh thainig iad gu taobh lochain uaigneach ri’n abrar “Loch-tor-na-h-éigin,” agus ann an so, ’n uair a bha ’m fear eile céum air thoiseach, tharruing e ’n t-òrd, ’s le aon bhuille trom ’sa’ cheann leag e gu làr e, ’us bhuail e rithis ’s a rithis e ’n uair a bha e ’na shìneadh!!! Bha ’n Granndach ’na dhuin’ òg, làidir. Cha d’ fhuair e cothrom air bith air e féin a dhìon, ach bha e treis ùine mu’n do thilg e ’n deò. Cha d’ fheith am mortair ris a’ so. Ghrad rinn e làmh air na bha aige dh’ airgiod—mu dheich puinnd Shasunnach—shlaod e ’n corp a sìos gu h-oir an loch’—thilg e am mach e, agus chuir e clach air a dhruim; oir bha eagal air sealtuinn ’an gnùis an duin’ a mhort e. Cha robh e fathasd glan mharbh—ghluais e ann an spàirn a’ bhàis—thuit a’ chlach dh’e, agus bha e car tachdain a’ tarruing ospagan trom, ’sa’ crathadh a làmh! Chaidh an spàirn seachad, agus an sin chuir Mac Leòid an corp na b’ fhaide mach ’s an loch, ’us dh’ fhag e e. Tha e ag ràdh ’n uair a bha ’n gnìomh deanta—’n uair a chunnaic e fuil an duine neò-chiontaich far an do thuit e—’n uair a d’ fhairich e e féin ’n a mhortair gu’n do lìon uamhunn ’us oillt a chridhe gu buileach car tamuill, ’s gu’n tugadh e na bh ’aige riamh air son na beatha thoirt air a h-ais. Ach cha b’ fhada mhair so. Chaidh e ’s dh’ fholuich e pac a’ mharsanda—thilg e ’n t-òrd ’s an loch ’us thill e gu tigh ’athar. Cha robh ’chadal ach bruailleanach air an oidhche sin, ach air an là-’r-na-mhàireach chaidh e dh’fhaicinn feadhain d’a luchd-eòlais—phàigh e cuid de’n ainmheach a bha air—’s an fheasgar chaidh e gus an càrn ’s an d fholuich e am pac—thug e as dòrlach nèapaicinnean sìoda ’us trì paidhrichean stocainean ’us thilg e ’n còrr ’s an loch. Chaidh e ’na dhéigh so air aghaidh ann an òl ’s ann am mi-ghnàthachadh mar a b’ àbhaist dha; oir cha robh smaoin aig duin’ air bith air a’ ghnìomh ogluidh a rinn e, ’s bha e bàthadh, ’s a’ mùchadh a choguise fhéin, leis an tuille ’s an tuille mi-bhéus gach là; ach fa dheireadh fhuair a pheacadh a mach e. Leis gu’n robh am marsanda cho falbhanach cha robh iondrainn air ’an àite seach àite car ùine. Ach aig crìoch shea seachduinean, ’n uair a bha “Loch-tor-na-h-éigin” air tràghadh le tiormachd ’an toiseach-shamhraidh thainig an corp ’am fradharc, agus dh’- [TD 613] aithnich a luchd-eòlais cò a bh’ ann; ach chaidh a thiodhlacadh gun amharus air Mac Leòid no air duin’ eile. Ach co luath ’s a chuala Siorram na dùthcha mu’n chùis chaidh e, mar a bha dleasnach dha, ’hun an àite. Fhuair e’n corp a thogail—thug e air lighichean sealtuinn gu mion air, agus chunnaic iadsan a thiota nach bu bhàthadh, no sgiorradh a thug a bhàs do’n duine, ach làmh a’ mhortair. Leagadh amharus a nis air Mac Leòid air son an airgid a fhuair e a dh’ aona mheall; agus o nach b’ urrainn e cunntas ceart a thoirt air an dòigh ’s an d’ fhuair e e chaidh a chur do’n phrìosan gus an cuirteadh air deuchainn e fa chomhair nam Morairean dearga ann an Inbhirnis. Bho nì no dhà a thàinig ’s an rathad bha e còrr beag ’us bliadhna mu’n tainig an deuchainn air a h-aghaidh; agus ré na h-ùine so bha e, cha ’n e mhàin ag àicheadh a chionta, ach a réir coltais gun eagal, gun uamhunn. Thàinig là na deuchainn fa dheireadh, ’s ged nach faca duin’ air bith e a’ deanamh a ghnìomh oillteil, ’n uair a chaidh gach ni mu ’thimchioll a chur ’an altaibh a chéile—gu sònruichte ’n uair a dhearbhadh gu’n robh aige an dà phaidhir stocainean a reic a’ bhean bhochd ris a’ mharsanda an latha roimh ’n mhort, cha robh teagamh mu’n chùis, agus fhuaradh ciontach e. Bha aon nì ro iongantach mu’n fhianuis a thainig ’na aghaidh, agus a’s fiù e ainmeachadh. Bha fear de chombanaich Mhic Leòid—Coinneach Friseal—a mhionnaich gu’m fac e ann am bruadar an t-àite ’s an robh feadhain de na nèapaicinnean a bhuineadh do’n mharsanda air am folach, agus ’n uair a chaidh an t-àite a rannsachadh fhuaradh iad mar a thubhairt e. Bha Mac Leòid féin gu là a bhàis ag ràdh nach d’ innis e do’n Fhrisealach, no do dhuin’ eile ’n t-àite an d’ fholuich e iad; agus feudaidh e bhi mar so. Cha’n ’eil nì air bith eu-comasach anns gu’m foillsicheadh Dia an nì so gus am mortair a thoirt gu peanas. Ach aig an àm cheudna tha e dearbhta gu’n robh Mac Leòid ’s am Frisealach ’n an combanaich mu òl co maith ’s mu nithean eile, ’s cha ’n ’eil e eu-coltach gu’n d’ innis Mac Leòd ann am meadhon na misg mu na nèapaicinnean rìomhach a bha aige am folach—gu’n do dhì-chuimhnich iad le chéile an gnothach gus an tainig an còmhradh air ais gu intinn an Fhrisealaich ann am bruadar na h-oidhche—cha ’n ’eil sinn a’ toirt breith air a’ chùis. Bha Mac Leòid a nis le lagh na dùthcha fo bhinn na croiche, ach ged a bha ’m bas co dlùth dha bha e fathasd dall ’an intinn agus rag ’an cridhe—ag àicheadh a chionta gu danarra, agus a’ smaoineachadh air a sheana pheacuidhean le déigh ’us cìocras. Bu ro cheart-bhreitheach do’n Tighearna fhàgail ’na dhoille, ’s na chruas-cridhe; ach cha ’n ’eil tlachd aigesan ann am bàs an aingidh. ’S i thoil gu’m pilleadh an t-aingidh ris féin ’s gu’m biodh e beò. Tha e ann an Criosd a’ tairgsinn gràis do cheann-feadhna nam peacach, agus tha dòchas aguinn gu’n do bhlais am peacach truagh so de a ghràs slàinteil. Bha Mr Clark Inbhirnis a’ searmonachadh do na prìosanaich [TD 614] uair ’s an t-seachduin, ga’n teagasg fa leth, ’s ag ùrnuigh leò a bhàrr air sin; ’s thug e aire shònruichte air Mac Leòid a theagasg ’s a chomhairleachadh. Bha so uile ioma latha gun drùghadh, ach fa dheireadh chur Mac Leòid fios air. Thòisich e mar a b’ abhaist dha air a ràdh gu’n robh e neo-chiontach, ’s ag iarraidh gu’n cuirteadh air deuchainn as ùr e. Thug Mr Clark, ’an àite bhi ga fhreagairt uime so, sparradh ro theann dha mu aithreachas domhain agus trèibhdhireach a thaobh Dhé—seòladh soilleir mu chreidimh ’s an Tighearn Iosa Criosd, agus rinn na briathran so drùghadh trom agus iongantach air an duine thruagh. Chrith ’us ghuil e, ’s dh’ éigh e a mach, “Is mi a mhort Murcha Grannd!” agus dh’ innis e gu mion gach nì mu’n chùis, mar a dh’ainmich sinn cheana. Dh’ aithris e a chuid mhòr de’n sgéul chéudna ’an làthair an t-Siorraim, agus aig a’ chroich, ri h-uchd a bhàis rinn e an aidmheil chéudna. Mar biodh aguinn r’a innseadh ach gu’n d’ aidich e a chionta bu ghlé shuarrach e. Dh’ aidich Iudas a chionta ach ’s ann an duibhre an eu-dòchais a chaidh e ’sìos gu dorchadas iomallach. Tha e taitneach r’a thoirt fainear mu’n duine thruagh mu’m bheil ar sgéul, gu’n tug e, eadar an là ’s an d’ aidich e a chionta agus là a bhàis, gach dearbhadh a b’ urrainn e ’na shuidheachadh a thoirt air gu’n robh e da rìreadh aithreachail—gu’n robh e a’ pilltinn ri Dia tré Iosa Criosd. Bha e, cha ’n e a mhàin a’ caoidh air son a pheacaidhean, agus ag ùrnuigh air son gràis; ach dh’ fhàs e iriosal, ciùin—dh’ fhàs e teò-chridheach, caoimhneil ris na h-uile, agus rinn e na bha ’na chomas gu aon eucoir a rinn e a leasachadh fhad agus a ghabhadh i leasachadh: gu sònruichte chuir e earailean dlùth dh’ ionnsuidh cuid de ’chombanaich amaideachd, a bha e féin na mheadhon gu tharruing a thaoibh. Nochd e an t-aithreachas a bu mhò a thobh ’athar ’s a mhàthar; ’s aig a’ chroich labhair e gu ro-dhrùighteach, agus mar Chriosduidh ris an t-sluagh uile ’bha a làthair. Tha Mr Clark ag ràdh gu’m bheil e’n deagh dhòchas gu’n robh Mac Leòid ’na fhior iompachan roimh uair a bhàis. Aig an àm cheudna, mar bhuineadh do dhiadhair tuigseach, eòlach air focal Dhé, agus air cridheachan dhaoine, tha e ag ràdh nach robh e dol na b’ fhaide na dòchas mu’n chùis—gu’n robh tuille ’s beag dearbhaidh no deuchainn air a chur air an duine gu ruigheachd air cinnte m’a chor. Mar so chrìochnaich an duine truagh so, aig aois trì bliadhna fichead, a chùrs’ air thalamh ann an tàmailt ’s ann an cràdh. Tha ioma nì cudthromach a tha ’eachdraidh eagallach a’ teagasg dhuinn, gu h-àraidh de’n òigridh, agus ma chaomhainear sinn bheir sinn iomradh air feadhain diubh ann an Aireamh eile. Lean sinn a’ chùis fada na leòr aig an àm, agus cho-dhùnamaid le beagan de na briathran a labhair e féin aig bonn na croiche.— “O! mo chàirdean (thuirt esan) tha mi ’labhairt ruibh mar dhuine o na mairbh; oir is ann marbh do’n t-saoghal so a tha mi. Ghuidhinn air an òigridh a tha làthair iad a chuimhneachadh an [TD 615] Cruithfhear ann an làithean an òige. Shaoil mise gu minic gu’m biodh ùine gu leòir air fàs cràbhaidh ’n uair a thigeadh an t-seann aois, no’n leaba-thinnis, no ’m bàs: ach O! is buileach a mheall mi mi fhéin. Tha mi ’g aideachadh ceartas na binne ’thugadh ’am aghaidh, ’s tha mi taingeil gu bheil de reachd ’s an rìoghachd na tha ’g iarraidh fola air son dòrtadh fola neo-chiontaich. * * * Mar neach o na mairbh tha mi ’guidhe oirbh sibh a sheachnadh an Uisge-bheatha! O! an t-Uisge-beatha. Ged a bhithinn beò ceud bliadhna cha chuirinn gloine dh ’e ri’m bhilean; agus na biodh cuideachd no còmhradh agaibh ri droch bhoirionnaich—ged a bhithinn beò ceud eile bliadhna cha labhrainn focal ri aon diubh. ’S iad na nithean sin a thug mise gus an cas truagh ’s a bheil mi. * * * * * Cha ’n abair mi ruibh gu bheil mì ‘ann an Criosd,’ ach air chor air bith cha ’n abair mi nach ’eil mi a’ faghail a’ bhàis ‘ann an Criosd;’ oir tha mo dhòigh ’s mo dhòchas annsan air son slàinte; agus o àm mo dhìtidh dh’ fhairich mi gu cinnteach gu bheil Dia gràsmhor agus tròcaireach.” Chuir e ’n sin a suas an ùrnuigh so:—“O! mo Thighearna ’s mo Dhia bi tròcaireach riusan uile ’tha làthair an so, agus deònaich gu’n robh iadsan ’s muinntir eile a’ gabhail fairbhein o’n dearbhadh eagalach a tha ac’ an so air toradh ’us crìoch beatha mì-bhéns ’us aingidheachd.” * * * “A nis mo chàirdean slàn leibh—slàn leibh gu bràth, ’s gu’n robh an Tighearna g’ur beannachadh ’s a’ nochdadh tròcair dhuibh gu léir.” B’ iad so briathran deireannach an duine thruaigh so ’s tha sinn ’an dòchas gu’m bi iadsan uile a bha mar a bha esan aon uair a’ cur ùigh ann an òl, ’an ceòl, ’s am baoth-shùgradh a beachd-smuaineachadh orra. G III. CUNNTAS AITH-GHEARR AIR BEATHA AN DR. ALASTAIR MHURRAI A BHA ’NA FHEAR-TEAGAISG CHANAINEAN ANN AN OILTHIGH DNUNEIDIN. THUG sinn o àm gu h-àm iomradh air daoine ’thog iad féin le tuigse ’us fòghlum o chor ìosal agus bochd, gu urram, agus cliù; agus tha’n duine ainmeil sin air a bheil sinn a nis ’dol a thoirt sgeòil, co toillteanach air aire ’us moladh ri aon dhiubhsan mu’n tug sinn eachdraidh fathasd. Rugadh Alasdair Murrai anns a’ bhliadhna 1775—o cheann a nis beagan ’us trì fichead bliadhna—ann an Sgìreachd ri’n abrar Minnigaff ann an Siorramachd Kirkcudbright. Bha ’athair mar a bha ’shean-athair agus a chàirdean ach beag gu gu léir, ’na chìobair, ’na bhuachaille chaorach, agus mar is minic a chunnaic sinn an seòrsa, ’na dhuine tuigseach, fiosrach, measail. Bha a chòmhnuidh [TD 616] ann an gleann leth-oireach, fada o sgoil; ach cha d’ rinn e air an aobhar so, mar a tha mòran a’ deanamh, dearmad air ionnsachadh a thoirt d’a chloinn. Theagaisg e fhéin léughadh do Alastair, agus is fiù an dòigh ’s an d’ rinn e so ainmeachadh, gu leigeil ris nì a tha ro shoilleir—“far a bheil an toil gu’m faighear dòigh.” Cha robh leabhraichean air son na h-òigridh co lìonmhor, no co saor ’s an là ud ’s a tha iad an diugh. ’S e “Leabhar aith-ghearr nan Ceisdean”—an Carraitch, mar is minic a theirear ris—leis an Aibideil air a’ cheud taobh-duilleig ’an aon leabhar a bha aig an t-seann duine gus na litrichean a theagasg d’a mhac. Bha e ’doichioll an leabhar so fhéin a mhilleadh, mar is bitheanta a tha air a dheanamh le cloinn air a cheud leabhar a gheibh iad, agus ’s e ’rinn e an Carraitch a chur seachad—cùl càird-chlòidhe (wool-card) a ghabhail—litrichean na h-Aibideil a chur a sìos, no tharruing air a so le bioran-fraoich air a dhubhadh ’s an teine, ’us bhàrr a’ chlàir so dh’ ionnsaich Alastair, cha ’n e mhàin na litrichean ainmeachadh, ach an cur r’a chéile—dh’ ionnsaich e ann an ùine ro ghoirid léughadh gu réidh. Co luath ’s a fhuair e an fhad so, chaidh an Carraitch earbsa ris; ach dh’ fhas e sgìth dh’e, agus cha b’ ioghnadh, oir tha na focail ro fhada, duilich do leanabh. Fhuair e an sin an Tiomnadh Nuadh a bha mòran na b’ usa, agus chaidh e gun a bheag cuideachaidh o ’athair troimh na h-uile earrann dh’i. Bha déigh mhòr aig’ air an t-Seann Tiomnadh a chionn gu’n robh an eachdraidh iongantach a bha e ’cluinntin ’athar aig àm an aoraidh a’ léughaidh as a sin a’ còrdadh ris gu ro mhaith. Ach bha ’m Bìobull as an robh ’athair a’ léughadh tuille ’s luachmhor gu chur ’na làmhan-san, ’s bha e ùine mu’n d’ fhuair e ’n toileachadh a bha e ag iarraidh. Mu dheireadh chunnaic e ann an cùil air chor-eigin de’n tigh seana Bhìobull a bha air dol as a chéile, agus a chaidh a chur seachad gus am faighteadh àird air a cheangal a rithis a suas. Ghabh e seilbh ’s an ulaidh so le mòr aoibhneas, agus ghoid e air falbh e a lìon duilleig ’us duilleig gus an d’ fhuair e chur ’an ionad tasgaidh dha fhéin. An sin an uaignidheas, agus gun chòmhnadh, gun seòladh o dhuine, léugh e gu mion ’s gu dlùth an t-Seann Tiomnadh, o cheann gu ceann, agus dh’ ionnsaich e eachdraidh nan Rìghrean ’s nam Fàidhean air dhòigh ’s nach do leig e as a chuimhne iad fhad ’s bu bheò e. Bha ’eòlas air a’ Bhìobull co mion ’s gu’n robh e ’cur mòr ioghnadh air na cìobairean mu’n cuairt ’n uair a thigeadh iad ’hun an tighe; ach cha robh rathad aig ’athair air a chur do’n sgoil, ’s mar so dh’ fhan e ré bhliadhnachan gun leabhar aige ach am Bìobull, gidheadh e ga ’shìor-léughadh. Chuireadh e uair ’us uair a shealtuinn an déigh nan caorach, no gleidheil nan uan ’an àm an tearbaidh; ach cha robh e riamh maith air an obair so. Bha e goirid ’s an t-sealladh air dhòigh ’s nach bu léur dha na caoraich a bheag a dh’ astar uaithe; agus a thuille air a sin bha ’aire ’us ùigh daonnan air ionnsachadh ged nach robh e ’faicinn ciamar a b’ urrainn dha ruigheachd air. Mu’n àm so thainig brathair-màthair dha mu’n cuairt. Bha [TD 617] beagan airgid aig an duine so, agus ghabh e os làimh pàigheadh air son Alastair ann an sgoil New Galloway. Bha an giullan làn aigheir ’n uair a chual’ e so. Chaidh e do’n sgoil gun dàil, ’s ged a bha chlann eile ’an toiseach a’ magadh air air son ioma cleachduinn iongantaich a bha aige mar “èun monaidh” cha b’ fhada gus an robh e air thoiseach air a’ chuid mhòr dhiubh le ’thuigse, agus gu sònruichte le fhìor dhìchioll ’s le ’nàsuinn. Ach mo thruaighe! fhuair e briseadh cridhe mòr ’an ùine glé ghoirid. Cha robh e thairis air trì mìosan ’s an sgoil ’n uair a dh’ fhàilnich a shlàinte—dh’ fhàs e co lag ’s gu’m b’ éigin a thoirt dhachaidh gu tigh ’athar, agus bha e ’n sin car chuig bliadhna gun chòmhnadh thaobh léughadh o dhuin’ air bith, agus gun chothrom air a bheag a leabhraichean fhaotainn ged a bha ’chridhe ’an sìor thòir orra. Ach mu’n àm so fhuair e greim air aon leabhar a thug mòr shòlas dha, agus a bha ’na mheadhon sònruichte gu a chéum a sdiùradh agus a shocrachadh ré na bha roimhe de ’shaoghal. B’ e so Salmon’s Geography—leabhar a bha ’toirt cunntais air dùthchannan an t-saoghail gu léir—air an luchd-àiteachaidh—an cor ’s an cleachduidhean fa leth—eòlas-cruinne no eòlas-cé mar a theirear ris. Tha an t-eòlas so a nis air a thoirt do chloinn feadh Sgoilean na dùthcha ’am bitheantas. Ach ’s ainmic iad a tha ’deanamh a leithid de bhuil dh’e ’s a rinn Murrai. Bha e ’smuaineachadh gu tric air caochlaidh coltais ’us dealbh nan dùthchannan, air am fonn, an sìon, ’s am barran fa leth; ach ’s e caochladh cànainean nam fineachean, ’s nan trèubhan fa leth a thog ionghnadh gu h-àraidh. Air a so bha e ’meòrachadh gu tric, agus ri ùine, mar a chì sinn an déigh dol air ar n-adhart, dh fhàs e féin ’na fhear-chàninean co ainmeil ’s a bha riamh ann an Albuinn. Bha e nis dà bhliadhn déug a dh’ aois, agus o na chunnaic ’athair nach deanadh e féum air a chìobaireachd thug e cead dha feuchainn ri aran chothachadh air an Sgoileireachd. ’S e ’chéud oidhirp a thug e dol a theagasg cloinne tuathanaich ’s a choimhearsnachd, agus ’s e na bha thuarasdal aige sea tasdain déug ’s an leth-bhliadhna. Bha so fhéin ’na bheairteas dhàsan nach do làimhsich ach gann peighinn riamh roimhe. Cheannaich e leabhar no dhà leis; agus dh’ ionnsaich e air an leth bhliadhna so, gun seòladh o dhuin’ air bith, a bhi ’na dheagh chunntair. Mu’n àm so chaidh ’athair gu bhi ’na chìobair air baile eile a bha na bu dlùithe air Sgoil na Sgìreachd, agus ’an so fhuair Alastair cothrom air dol do’n sgoil trì lathan ’s an t-seachduinn car mìos no dhà. ’S a’ gheamhradh chaidh e rithis a theagasg cloinne, agus air an ath shamhradh fhuair e tachdan eile s an sgoil; agus ’an so thionndaidh e ’aire gu sònruichte gu cànainean ionnsachadh. Bha e ’na bheachd dol do dh’ Innsean na h-àird an Iar, agus thòisich e air Fraingis ’an dùil gu’m biodh i féumail dha an sin, agus ’an ùine ro ghoirid léughadh e leabhar Fraingis air bith. Bha balachan eile ’s an sgoil aig an robh a’ cheud leabhar Laidinn; ach dh’fhàs e sgìth dh’e—thug e suas an oidhirp. Fhuair Murrai greim air an leabhar [TD 618] ’s cha b’ ann cosmhuil ris an lunndaire eile a bha esan. Dh’ oibrich e air ach beag a latha ’s a dh’ oidhche agus cha d’ fhuair e càs, no duilgheadas ’na ionnsachadh. Tha e ag innseadh sgeòil car ait mu’n mhaighstir-sgoil, ach nì a rinn mòr fhéum dhàsan aig a’ cheann mu dheireadh. Bha am maighstir ’na shàr sgoileir, ’s bha clann ’s an sgoil ag ionnsachadh Laidinn ’us Gréigis. Ach bha Murrai tuille ’s bochd gu pàigheadh air son fòghluim annta so, ’s cha robh fiuthair aige gu’m faigheadh e leasan annta am feasd o’n mhaighstir. Latha ’bha ’n sin thuit dha ann an dol do’n sgoil an leabhar Laidinn (an Grammar) a thoirt leis ’an àite an leabhair Fhraingis a bu chòir dha. Cha tug e an aire d’a mhearachd gus an d’ rainig e an sgoil, ’s bha eagal mòr air gu’m faigheadh e feuchainn ris air son a mhì-chùraim. Ach ciod an latha ’bh’ ann ach latha Féille. Bha aon ’us aon de ’luchd-eòlais a’ taghal air a’ mhaighstir-sgoile—feadhain diubh ’ga thoirt a mach ’s a’ gabhail a sgeòil ’s an tigh-òsda, agus mar is minic a thachair “bu luaithe deoch no sgéul.” Fhliuch am maighstir a bhile co bitheanta ’s an uair a chaidh e ’n sgoil gu’n robh sogan sunndach air. Bha fior ghean ’us aoidh air, ’s ’nuair a chunnaic e leabhar Laidinn Mhurrai ’an àite bhi crosda ris ’s ann a thubhairt e ’s a’ mhionaid, o na bha déigh aig’ air Laidinn gu’n tugadh e Laidinn dhà. Bha so na naigheachd aobhach do Mhurrai. Bha nis cothrom aige air a’ chainnt sin ionnsachadh o dheagh fhear-teagaisg agus cha d’ rinn e mi-bhuil de’n chothrom. ’An ùine ghoirid bha e ’na shàr sgoileir. Co luath ’sa fhuair e an uachdar air an Laidinn thug e aghaidh air Gréigis—beagan ’na dhéigh sin air Eabhra, agus le ro bheag cuideachaidh (oir dh’ fhéum e an sgoil fhàgail) dh’ ionnsaich e an dà chànain so cuideachd. An taobh a mach de’n chuideachadh a fhuair e o’n mhaighstir-sgoile ann an Laidinn, ’s am Fraingis ’s i thuigse ’s a threùntas fhéin a rinn gach nì eile air a shon am fad so. Ach mu’n àm so thòisich e air sgrìobhadh litrichean ’an Laidinn ’s an Gréigis gu ministeir na Sgìreachd—Mr Maitland. Nochd esan caoimhneas dha, ’us thug e dha na h-uiread de leabhraichean fòghluimte a bha ’nan taic mhòr dha. Shaoileadhmaid gu’n robh cànainean gu leòir aige nis, agus gu’m fásadh e sgìth de shìor ruagadh an ionnsachaidh. Ach far a bheil fior dhéigh air fòghlum mar is mò a gheibhear ’s ann is mo a dh’iarrar. Mar is àirde a dhìrear beinn an eòlais ’s ann is fearr a thuigear ciod an fharsuinngeachd ghlòrmhor a bhiodh f’a chomhair na sùl na’m faighteadh gu ’mullach, agus mar so tha ’n déigh air dìreadh nas àirde a’ sìor fhàs nas déine. ’S ann mar so a dh’fhairich Murrai, agus streap e air aghaidh gun urrad ach gann ’s anail a tharruing. Ann an léughadh na h-Eabhra thachair focail air de chànainean eile na h-àird an Ear, gu sònruichte de chànainean Phersia agus Arabia a tha ’n dlùth dhàimh ris an Eabhra, agus mar an ceudna de chànainean Abyssinia (seann Ethopia) agus ghabh e air aghaidh gus an d’ ionnsaich e iad so, agus mòran, mòran a bharrachd orra. [TD 619] Innsidh sinn ann an so sgéul mar dhearbhadh air na teangaibh so; ged is ann ioma bliadhna an déigh an ama mu’m bheil sinn a’ bruidhinn a thachair a’ chùis. Bha duin’-uasal Sasunnach do’m b’ ainm Mr Salt ’na theachdaire, no ’na fhear-gnothaich o rìgh Bhreatuinn anns an Eiphit, agus air feadh nna dùthchannan mu’n cuairt. Tha Abyssinia mar a tha fios aig air luchd-léughaidh dlùth air an Eiphit. Chuir fear de uachdarain na tìre sin litir air a sgrìobhadh ’an cainnt Ethopia le Mr Salt gu rìgh Bhreatuinn. Ach cha b’ urrainn Mr Salt, no duin’ eile mu’n chùirt a léughadh. Cha d’ fhuaras duine ’s an rìoghachd a léughadh i ach Dr Murrai. Léugh, agus dh’ eadar-theangaich esan i gu réidh ’s gu h-ealamh. Ach tha sinn a’ dol troimh ar naigheachd. An déigh dha tachdain a thoirt air teangaibh na h-àird an Ear thachair leabhar air ’s an robh focail Thuathach, agus chaidh e air aghaidh air an luirg so gus an robh e suas ri cànainean Lochluinn, na Suaine, agus nan cearnachan sin. Mu’n àm chéudna thuit leabhar Oidhealtach (Welsh) ’na làmhan. Thionndaidh e rithe so ’s ris na meòir eile de’n Ghàelic agus dh’ ionnsaich e tuille m’an déighin na, tha sinn a’ creidsinn, aon duine ’tha an diugh ’s a’ Ghàedhealtachd. Bha e nis naoi bliadhna déug. Bha tuille fòghluim aig na bha ach beag aig duine ’s an dùthaich; ach ’na dhéigh so gu léir cha robh ’ionnsachadh ro òrdughail, no riaghailteach—cha robh e freagarrach air son suidheachadh no dréuchd ach suidheachadh a bha tuille ’us ìosal air a shon, ’s bha e gun fhios aige ciod a dheanadh e. B’ e mhiann ’s a dhùrachd gu’m faigheadh e dol do’n Oilthigh (College) far am biodh an luchd-teagaisg a b’ fhearr aige, agus gach cothrom aige air làn ionnsachadh fhaotainn. Ach cha robh airgiod, no càirdean aige, ’s mar so cha robh e ’faicinn dòigh ’s am b’ urrainn dha ruigheachd air an nì air an robh urrad dhéigh aige. ’N uair a bha e ’s an staid so thòisich e air sgrìobhadh Bàrdachd, ann an dòchas le leabhar a chur a mach e féin gu’n deanadh e airgiod agus gu’n coisneadh e ccliù. Ach thachair air fear aig an robh deagh chòir air omhairle a thoirt m’a leithid de chùis—b’ e sin Burns ainmeil—dh’ innis esan dha nach robh mòr làmh aig’ air a’ Bhàrdachd, ’s gu’m b’ fhearr dha a leigeil seachad. Ghabh e a chomhairle, agus thug e oidhirp air leabhar eile. B’ e sin leabhar Laidinn air eadar-theangachadh gu Béurla; ach ged a bhuilich e mòr shaothair air a so cha ’n fhaigheadh e duine ’bheireadh sgillinn airgid dha air son oibre, ’s bha e far an robh e roimhe. Is minic a tha cobhair ag éiridh dhuinn far am beag ar fiuthair ris, agus is ann mar so a thachair dhasan a nis. Bha ceannaiche, no marsanda-falbhan do’m b’ ainm Mac Harg a bha ’siubhal mòran àiteachan. Fhuair e eòlas air Murrai. Ghabh e spéis mhòr dh’e, agus gach taobh a bha e ’dol bha e a’ sgaoileadh a chliù, ’sa’ caoidh gu’n robh gill’ òg aig an robh feartan co ro chomharraichte air a chuibhreachadh ’s air a ghleidheil fodha leis a’ bhochduinn [TD 620] air dhòigh ’s nach b’ urrainn e ruigheachd air an àite àrd air an robh e airidh. Bha e ga chur so ’an céill ann an Dunéidean, agus am measg na cuideachd bha fear d’am b’ ainm Kinnear a bha na fhear clò-bhualaidh (printer), agus ’na dhuine tuigseach mar a tha mòran d’a luchd-ceird. Rinn cunntas a’ mharsanda mòran drùghaidh airsan, agus cha do chlos e gus an d’ fhuair e ’chùis a chur air beul-thaobh an duine urramaich agus theò-chridhich sin a bha daonnan ’na charaid do’n bhochd, s do ’n fhéumach—a bha ’na FHIOR CHARAID do na Gàedheil ma bha caraid riamh ’aca—b’ e sin Principal Baird, àrd cheann-suidhe ’an Oilthigh Dhunéidin. Chuir esan mu’n cuairt Murrai a thoirt do Dhunéidean. Cheasnaich e féin ’s an luchd-teagaisg eil’ e, agus ’s ann le mòr ioghnadh a dh’ éisd iad ris; oir bha fhòghlum ro àrd—da rìreadh iongantach, ’n uair a bheir sinn fainear cia ro bheag cothroim a bha aige. Thug iadsan gun dàil dha dòigh bheathachaidh aig an Oilthigh, le aon de na Bursaries sin a tha fo’n sdiùradh a bhuileachadh air, agus a nis bha e taingeil, ’s bha e sona; oir fhuair e e féin far am b’e miann a chrìdhe bhi, agus sin air a thoirt mu’n cuairt tré mheadhonan as nach robh an earbsa ’bu lugha aige. Cha robh e fada ’s an Oilthigh ’n uair a thionndaidh e ’aire gu dreuchd cudthromach na ministreileachd. Chaidh e troimh na céuman a tha air an comharrachadh a mach le Eaglais na h-Alba chum ullmhachaidh air son an dreuchd so; agus a bhàrr air a sin bha e sìor thional fòghlum mu nithean eile, ’s gu h-àraidh mu na cànainean air an do shocraich e intinn os ceann nan uile. Dh’fhan e dlùth air dà bhliadhn-déug ’an Duneidin, ag èiridh gach là ann am meas ’s ann an cliù; ’s an sin ’s a’ bhliadhna 1806 fhuair e Sgìreachd Urr ann an Siorramachd Dhunfris. Dh’ fhan e ’n so sea bliadhna a’ toirt dlùth aire air a dhleasnas mar mhinisteir, agus a’ sìor léughadh ’s a’ sgrìobhadh mu’n nì air son an robh a leithid a thàland air a bhuileachadh air. Aig ceann shea bliadhna (1812) chaidh a thaghadh gu suidheachadh eile a bha ro thaitneach dha, ’s air son an robh e na b’ iomchuidh na aon duin’ eile ’an Albuinn—’s e sin gu bhi ’na fhear-teagaisg Eabhra ’us chànainean eile na h-àird an Ear ann an Oilthigh Dhunéidin. Bha e a nis ’s a’ cheart àite sin a bu mhiannaiche leis, agus car na h-ùine ghoirid a bha e ann rinn e mòr fhéum—chuir e mòr ionghnadh air na ceudan a bha ga éisdeachd leis an ro fharsuingeachd ’us shoilleireachd eòlais a bha aige air na nithean sin a bha ’coimhead dorcha, do-thuigsin do chàch. Ach cha b’ e toil an Tighearna fhàgail ach ré tamuill air an talamh. Air a’ cheart bhliadhna an deachaidh e do Dhunéidean rinn an caitheamh greim air. Bha e, mar tha mòran fo’n ghalar mhealltach agus bhàsmhor sin, a’ smaoineachadh nach robh air ach fuachd a thilgeadh e dh’ e a thiota, agus mar so cha do ghabh e ro chùram air bith dh’e féin. Chaidh e air aghaidh a’ teagasg, a’ léughadh, ’s a’ sgrìobhadh gach là; ach ann an deireadh earraich na bliadhna sin ghearradh as e gu h-obann. Chaochail e aig aois ochd bliadhna déug thar fhichead, agus b’ ainmic [TD 621] duine air an robh a leithid a dh’ iondrainn no chaoidh. Chaochail e aig aois òig; ach an uair a smuainicheas sinn air na rinn e chì sinn gu’n robh a bheatha fada agus buadhmhor seach beatha na cuid mhòir de mhuinntir an t-saoghail, a tha ’cur seachad an làithean ann an leisg ’s an lunnd—gun nì a dheanamh eadar am breith ’s am bàs a’s fiù ainm no cuimhne. Bha esan car mòran bhliadhnachan ag ullmhachadh eachdraidh air uile chànainean na Roinn-Eòrpa. Cha do chaomhaineadh e gus an obair so ’chrìochnachadh, agus cha tug e ach mar gu’m b’ eadh a’ cheud snaigheadh garbh do roinn air bith dh’e. Chaidh an leabhar so chur a mach ’an déigh a bhàis, agus neo-choilionta mar a tha e cha ’n ’eil leabhar air bith a’s aithne dhuinn ’s a bheil tuille de eòlas domhain agus soilleir air na poncan mu ’bheil e ’g iomradh. Sgrìobh e nì ’us nì eile a bhàrr air a so; ach ’s e eachdraidh nan cànainean gu h-àraidh air son a bheil cliù air; agus tha e ro airidh air gach cliù a fhuair e. Bha muinntir Dhunéidin—bha muinntir na h-Alba uile, agus daoine fòghluimte feadh na Roinn-Eòrp’ am bitheantas a’ caoidh gu’n deach’ a ghearradh as ann an tréin’ a neart, agus thug an Rìgh mar dhearbhadh air a’ mhiagh a bha aigesan air dubharai d’a bhanntraich fhad ’s bu bheò i. Cha ’n fheud sinn a bheag tuille a ràdh aig an àm. Ach nach ro mhòr a mhisneach a tha eachdraidh an duine ainmeil so a’ toirt de’n òigridh gu bhi oidheirpeach, dìchiollach ann an ruigheachd air eòlas; agus nach mòr an t-aobhar nàire a tha aig na mìltean cloinne do ’m bheil e fichead uair nas usa ruigheachd air fòghlum na bha e do’n Dr Mhurrai, ach nach gabh de dhragh urrad agus aon chànain fhéin ionnsachadh gu maith. Is ro mhòr an t-aobhar nàire agus eagail a tha aig iomadai pàrant do’m bheil e furasda ionnsachadh a thoirt do’n cloinn nach cuir iad féin gu sgillinn chosdais ann an leabhar a thoirt dhoibh—nach gabh a bheag no mhòr de chùram mu’n gleidheil anns an sgoil ged a gheibh iad a nasgaidh i. G. IV. CUNNTAS AIR COINNIMH ARD-SHEANADH EAGLAIS NA H.ALBA AIR A’ BHLIADHNA SO. (Air a leantuinn o’n Aireamh mu dheireadh.) Di’r-daoine.—Air an là so thug Dr Hunter, fear de mhinisteirean Dhunéidin, a stigh cunntas mu shaothair a’ Chomuinn a chuireadh air leth air son iompachadh nan Iudhach. Tha ceithrear mhinisteirean fo làimh Eaglais na h-Alba, a’ saoithreachadh anns an obair bheannaichte so—fear dhiubh fad air falbh ann an àird an Ear an t-saoghail ann an Cochin-China. ’S e Mr Laseron is ainm dha, agus a bhàrr air a bhi ’searmonachadh tha e ’seal- [TD 622] tuinn thairis air dà sgoil—té dhiubh air a teagasg le ’mhnaoi agus an té eile le Miss Young. Tha mòran de chloinn Iudhaich anns na sgoilean so, agus a bhàrr air a’ mhaith a tha air dheanadh dhoibhsan tha cuid de luchd an iodhoil-aoraidh mu’n cuairt, agus cuig no sea de Phàpanaich a tha air gabhail ris an t-Soisgeul fo shearmonachadh Mhr Laseron Bha fear eile de mhinisteirean (no Missionaries) ar n-Eaglais ’an Tùnis ann an Africa, a bha aon uair ’na Iudhach e féin, ach a thaig gu eòlas na firinn. ’S e Mr Davis is ainm dhàsan. Bha e o cheann bhliadhnachan ’s a’ bhaile mhòr ud, agus bha lìonmhoireachd de na h-Iudhaich ga éisdeachd; ach an uraidh an uair a bha mòr dhrùghadh ’ga dheanadh air aon ’us aon dhiubh dh’ éirich càch a suas ann am fior naimhdeas ’na aghaidh, agus cha do chlos iad gus an d’ fhuair iad fhògar air falbh as an dùthaich. Tha e a nis ann am Breatunn a’ feitheamh gus am fosgail an Tighearna dorus dha ann an àit-éigin eile. Tha Mr Little ann an Carlsmhe ’s a Ghearmailt. Tha mòran ga éisdeachd, agus tha aon ’us aon diubh ag ràdh ris gu bheil iad a’ creidsinn ann an Criosd, ged a tha eagal roimh thàir ’s roimh ghéur-leanmhuinn—oilbheum a’ chroinn-chéusaidh—ga’n gleidheil o ’aideachadh gu follaiseach. Tha Mr Douglas a’ searmonachadh am measg nan Iudhach ann an Lunnainn far a bheil na mìltean diubh—far a bheil iad a’ sìor thighin ’s a’ falbh—feadhain as gach cearna de’n t-saoghal. Tha coi-thional lìonmhor aigesan mar an ceudna, agus chaidh aon ’us aon diubh a ghabhail a steach gu follaiseach do’n Eaglais Chriosduidh. Tha na teachdairean so gu léir a’ saoithreachadh gu dlùth, agus gu trèibhdhireach anns an obair mhaith a ghabh iad os làimh. Tha iad a’ nochdadh fior ghràidh do Chriosd agus do’m bràithrean féin a réir na feòla, agus tha e gun teagamh na ghnothach taitneach gu’m biodh ar n-Eaglais a bha o cheann co beag ùine gu buileach caoin-shuarrach mu “chaoirich sgapta tighe Israeil,” a nis a deanamh urrad air an son—a nis a’ gleidheil a suas ceithrear mhinisteirean eudmhor, diadhaidh gu eòlas air an t-Slànuighfhear uile-chuamhachdach agus ghràsmhor a thoirt dhoibh. Cha ’n ’eil teagamh aguinn nach bi mòr shoirbheachadh leò, agus nach bi beannachd air a shealbhachadh leosan a tha ’g iarraidh maith Israeil. Tha e na nì glé iongantach a thaobh nan Iudhach aig a cheart àm, cha ’n e mhàin gu’m bheil mòr mhosgladh nam measg feadh an t-saoghail gu léir, a’ sealtuinn ri piltinn dò’n dùthaich féin mar nì a tha ’tarruing dlùth, ach gu’n d’ fhuair iad làn chead o’n Turcach a tha riaghladh os ceann Iudéa teampull dhoibh féin a thogail ann an Ierusalem. Fhuair iad an cead ’s a’ chòir so o cheann ghoirid, agus tha céudan mìle airgid air an cur cruinn leo air son toiseachduinn air an obair mhòir. Ciamar a theid a’ chùis leo, no ciod a thig as a so ’s a’ chéud dol a mach cha ’n urrainn [TD 623] duin’ air bith a ràdh; ach tha e ’na chomharra, maille ri mòran eile, gu bheil na làithean deireannach a’ tarruing dlùth oirnn. ’S gu cinnteach bu chòir do gach aon a bhi le uile chridhe a’ saoithreachadh gu slighe ullmhachadh air son an Tighearna. Thugadh a rìs fa chomhair an Ard-Sheanaidh le Mr Muir, ministear Dalmeny dlùth air Dunéidean, cunntas air na rinneadh leis a’ Chomunn sin a chaidh a chur air leith air son casg a chur air mì-stuaim a thaobh òil feadh na dùthcha. Tha iad so a’ cur ’an céill nì a tha tuille ’us soilleir gu bheil misg a sgrios na mìltean air feadh na dùthcha, agus gun teagamh air bith ’s i a’ mhisg an t-inneal is cumhachdaiche agus is marbhtaiche a tha aig Sàtan air feadh na tìre; ach tha mòran Sgìreachdan ’s a bheil atharrachadh chum na codach is fearr ga nochdadh féin. Tha iomad aon a’ sgur gn buileach de’n òl; agus tha eisiomplair na muinntir so a’ toirt air mòran eile fàs nas faicilliche—agus gu sònruichte tha daoine gu bitheanta ’sgur de òl gu buileach aig àm tiodhlacaidh, no tòraidh, agus baistidh. Tha iad a’ cur ’an céill gu’m feudta mòran maith a dheanadh le àireamh nan tighean-òsda a lughdachadh; ach ’s e an t-aon nì sònruichte daoine fa leith—gach aon air a shon féin—a’ smuaineachadh air a’ chùis, agus a’ léirsinn cia amaideach, cia cuthaich, cia ciontach ’s a tha e dhoibh a bhi ’caitheadh am maoin ann a bhi sgrios an anama agus an corp féin—a bhi ’toirt orra féin bochduinn, cràdh, agus dòruinn shìorruidh an uair a bha e ro fhurasda an seachnadh gu léir. Tha aobhar na measarrachd, agus na stuaim gun teagamh a’ soirbheachadh feadh an t-saoghail, ach is mòr, mòr a tha fathasd r’a dheanamh mu’n urrainnear a ràdh gu bheil daoine a’ tighin beò gu stuama mar a tha gràs Dhé, agus gliocas do’n taobh féin a’ teagasg dhoibh. Biodh gach duine a’ toirt an dlùth aire dha féin anns a’ chùis so, agus le ’eisiomplair agus le ’chomhairle a’ cur air aghaidh an aobhair sin a tha na h-uile ag aideachadh mar aobhar maith ged a tha iad co ainmic ag aontachadh gu ’leanmhuinn iad féin. Di-haoine.—Thig Mr Veitch, fear de mhinisteirean Dhunéidean, a stigh cunntas air saothair a’ Chomuinn a chuireadh air leth air son an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh ann an Innsean na h-àird an Ear; agus mar a bha sinn gu minic a’ cur ’an céill, tha e uile-dhleasnach dhuinn aire shònruichte a thoirt gu’m bi an Soisgeul air a shearmonachadh do na muilleinean a thugadh ann an sin air dhòigh co iongantach fo smachd na rìoghachd. Tha ’n Sgoil a tha aig ar n-Eaglais ann am baile mòr Chalcutta a’ soirbheachadh gach bliadhna—tha còrr ’us naoi ceud gu leth de chloinn a’ faghuinn fòghlum féumail agus Criosduidh ann an sin. Tha còrr ’us sea ceud ann an Sgoil Mhadras, agus tha àireamh mhòr mar an ceudna ann an Sgoilean Bhombay. Tha a’ chlann so uile a’ léughadh nan Sgriobtur. Tha moran diubh a’ leanmhuinn, ga aindeòin so, ris an iodhol-aoraidh ’s an deachaidh an àrach; ach tha feadhain diubh o bhliadhna gu bliadhna, a’ tighin [TD 624] gu Criosd aideachadh, agus tha mòran dhiubh nach tainig an fhad so a’ léirsinn gu soilleir amaideachd an iodhoil-aoraidh, ach cha ’n ’eil e coltach gu’m mair iad ’an ceangal ri nì a tha iad a’ faireachduinn a bhi falamh, fàs—a bhi amaideach agus mealltach. Tha na ministeirean agus na maighstirean-sgoile a tha aig ar n-Eaglais anns a’ chearna sin de’n t-saoghal a’ deanamh an dleasnais gu trèibhdhìreach, agus gu dìleas: ach is ion a chuimhneachadh gach àm nach ’eil ach àireamh ro shuarrach de luchd-teagaisg aguinn ann an sin—nach ’eil ar n-Eaglais; ’s e sin ar coi-thionail—ar teaghlaichean—ar daoine fa leth, a’ deanamh an fhicheadamh cuid a dh’ fheudadh iad a dheanamh, agus a bu chòir dhoibh a dheanamh air son an t-Soisgeil a dheanamh aithnichte air feadh na h-Iompaireachd fharsuing agus àillidh a tha aig Breatunn anns a’ chearn’ ud de’n t-saoghal. Cha deachaidh ach suim glé shuarrach a chruinneachadh air a’ bhliadhna so—mu thrì mìle ’us cuig ceud. Tha cosdas gach sgoil ’us eaglais an ceann a chéile a’ tighinn gu ceithir mìle ’us cuig ceud; agus gu cinnteach bithidh e ’na chùis nàrach, agus pheacaich do’r sluagh ma dh’ fhéumar feadhain de na sgoilean ud a dhùnadh, agus de na searmonaichean ud a chur ’nan tàmh. Tha sinn ’an dòchas nach leig ar coi-thionail a leithid so de thàmailt air ar n-Eaglais; ach gun toir iad seachad gu suilbhir air son aobhair co beannaichte, agus co glòrmhoir. Thainig a rìs cùis mhi-thaitneach fa chomhair an t-Seanaidh. Bha alladh air a thogail mu Mhr Hope ministear Lamington ann am Presbiteri Bhiggar, a’ cur an céill gun robh e ciontach ann am mi-stuaim. Chaidh an gnothach air bheulthaobh na Cléire; ach ’s coltach gu’n robh iad car màirnealach ann an rannsachadh mu’n chùis, agus bha a nis casaid air a dheanadh ’n an aghaidh a chionn gu’n robh iad a’ cur dàil ann. Chaidh òrduchadh dhoibh an gnothach a mhion-rannsachadh gun dearmad air bith, agus dol air an aghaidh a réir riaghailtean na h-Eaglaise. Di-Sathuirne.—Air an là so thugadh cunntas a stigh le cuideachd no Comunn de dhaoin’-uaisle a tha ’cruinneachadh airgid air son còmhnadh a dheanadh leis gach aobhar Criosduidh a tha’n Eaglais a’ giùlan air a h-aghaidh. Lay Association a theirear riuth, agus tha na daoin’-uaisle so toilteanach air mòr-chliù air son am fialuiddheach. Tha iad a’ crunneachadh cunntas mhìltean phunnd Sasunnach, agus tha so air a roinn leò mar a chì iad féum am measg nan aobhar Criosduidh sin anns a’ bheil ar n-Eaglais gu h-àraidh a’ saoithreachadh. Thainig a rìs cùis o Phresbiteri Pheairt, agus o Sheanadh Pheairt ’us Shruila, anns an robh casaid ’an aghaidh aon de mhinisteirean Pheairt, Mr Murdoch, air son e bhi ’togail mòran iorghuill ’us co-strì gun aobhar am measg nam foirfeach ’s na Cléire m’a thimchioll. Chaidh òrdachadh gu’n tugtadh achmhasan ’us cronachadh dha air son a ghnàthachaidh mhi-sheirceil, agus a thuille air a sin gu’m biodh e air a dhruideadh a mach o gach cùirt eaglais gu ath-choinneamh an Ard-Sheanaidh. [TD 625] ’Na dhéigh so thugadh gnothach fathasd na bu chràtaiche air aghaidh. Bha Mr Newlands, aon de mhinisteirean Abaireadhain air fhaotuinn ciontach ann am mòran misg agus mì-bhéus, le Cléir, no Presbiteri an àite. Thug e ’chùis gu Seanadh Abaireadhain, agus a rìs gus an t-Ard-Sheanadh: ach cha tainig e air aghaidh gu e féin a dhìon, agus chuir an t-Ard-Sheanadh air cùl e—’se sin, thug iad uaithe a dhreuchd ’us inbhe mar mhinisteir an t-Soisgeil, agus mar so tha e ’call a bheathachachaidh mar mhinisteir Sgìreachd. Di-luain.—B’e so latha mu dheireadh na coinnimh, agus thainig ioma gnothach fa’n comhair nach ’eil ùin’ aguinn air ainmeachadh. Ach theireamaid focal no dhà mu aon nì ro chudthromach a bha air am beul-thaobh air an là so, ’s e sin na Riaghailtean a tha r’an leanmhuinn ann am ministeirean a shocrachadh ann an Sgìreachdan, no a cheangal ri eaglaisibh. Chaidh beagan atharrachaidh a dheanadh air na riaghailtean so, ach ’s e ’n nì sònruichte mu’n déighin a dh’iarramaid air ar luchd-léughaidh a thoirt fainear, gu bheil gach ministeir r’a chur air dhéuchainn an làthair an t-sluaigh, agus na Cléire, agus ma dhearbhar nì air bith mearachdach ’na theagasg, no olc ’na ghnàthachadh, no eadhoin gu bheil e air dhòigh air bith mì-fhreagarrach air son an àite, gu bheil e ri bhi air a dhiùltadh; agus ma dhiùltar e air son mearachd, no meang de’n t-seòrsa so cha ’n ’eil lagh na reachd ’s an rìoghachd a chuireas a stigh e. Tha daoine gu minic ag éigheach nach ’eil comas aig coi-thionail Eaglais na h-Alba air ministear air bith a thairgear dhoibh a dhiùltadh. Ach tha làn chomas—ma tha urrad agus aon duine anns a’ choi-thional gu léir a tha ’dearbhadh nì air bith a tha olc ’na aghaidh féumar a chur air cùl; agus tha e iomchaidh gu’m biodh fios aig càirdean ar n-Eaglaise ciod an t-saorsa a tha aice anns a’ chùis so. Chaidh mòran a ràdh mu Sgòilean na h-Eaglaise air an là so; ach o na thug sinn sgéul air a’ chùis so roimhe cha bhi sinn a’ tighin thairis oirre a nis. Thug sinn iomradh an uraidh air an oidheirp a bha air a thabhairt leis a’ Phàrlamaid gu atharrachadh a dheanadh air lagh a phòsaidh ann an Albainn (cùis air leth gu buileach bho ’n nì a dh’ ainmich sinn a thaobh nam peathraichean-céile). ’S e bha ’m beachd na muinntir a bha air tì an atharrachaidh gu’m biodh e laghail do chàraidean pòsadh le dol ’an làthair cléirich àraidh a bha air a chur air leth air son an dréuchd; agus ’an déigh brath a thoirt dhàsan roimh an àm gu’n robh rùn pòsaidh eatorra, an ainmean a chur a sìos ’na leabhar-san mar chàraid phòsda—cha bhiodh féum air dol an làthair ministeir, no guth ùrnuigh no beannachaidh a bhi mu’n aobhar. Thugadh an oidheirp cheudna am bliadhna as ùr; ach chuir an t-Ard-Sheanadh a rìs litir-iarrtais a suas ’na aghaidh, agus tha sinn ro thoilichte fhaicinn gu’n deachaidh an gnothach a leigeil seachad bliadhna eile fathasd—no car tachdain aig a’ chuid is lugha, gu bheil an lagh a’ marsuinn mar a bha e. [TD 626] ’Na dhéigh so thugadh air an aghaidh cùisean Mhinisteirean o Eaglaisean us Comuinn eile a bha ’g iarraidh a steach do Eaglais na h-Alba. 1. Dr Craig á Cupar Fife a bhuineadh do’n Eaglais ri’n abrar an Relief Church. Bha ’chùis-san fa chomhair an Ard-Sheanaidh o’n uraidh, agus chaidh a ghabhail a steach. 2. Mr Adams, United Secession Church. Chaidh òrduchadh dhàsan a’ chùis a thoirt gu riaghailteach fa chomhair na Cléir ann am Peebles far an robh ’eòlas agus a dhachaidh. 3. Mr M‘Arthur, Independent. Tha so gill’ òg a tha ’dol troimh an Oilthigh (College) gu fòghlum fhaghuinn a réir riaghailtean ar n-Eaglais’ féin, agus tha e air a ghleidheil air ais a mhàin a chionn nach do sheirbhisich e an ùine dhligheach fathasd. 4. Mr M‘Intosh á Presbiteri Abernethy, a bha ’na mhinstear ’s an Eaglais Shaoir. Chaidh esan a ghleidheil air ais gus am faighear tuille eòlais m’a thimchioll. 5. Mr Munro á Inbhirnis—United Secession Church. Chaidh esan a dhiùltadh a chionn nach deach e troimh an fhòghlum sin a tha air iarraidh leis an Eaglais. 6. Mr Ireland á Paisley—an Eaglais Shaor. Chaidh esan a ghabhail a stigh air d’a chùis a bhi air a mion-rannsachadh o’n uraidh. Thug Mr M‘Leod ministear Dhalcè (Dalkeith), air an aghaidh ’na dhéigh so riaghailtean àraidh air son sdiùradh nas fearr a dheanadh a thaobh cruinneachadh agus buileachadh an airgid a tha air a chur cruinn air son nan aobhar Criosduidh air an tug sinn iomradh co minic; agus tha e ro iomchuidh gu’n gnàthaichteadh gach dòigh air na h-aobhair mhaithe so a chur air an aghaidh nas fearr ’s nas fearr. Thug Dr Paul, aon de mhinsteirean Dhunéidin, a stigh cunntas ath-ghoirid air cor na Gàedhealtachd, anns an d’ ainmich e gu’n robh an Comunn a chuireadh air leth air son sealtuinn as déigh na Gàedhealtachd a’ cur rompa “Fear-tathaich nam Beann” a ghleidheil a suas, air dhoibh ioma dearbhadh fhaotuinn air gu’n robh e ’deanamh mòran maith ann an caochladh chèarnan de’n dùthaich. ’Na dhéigh so labhair Dr Simpson, an ceann-suidhe (Moderator), mar a tha e cleachdta a dheanamh aig sgaoileadh an Ard-Sheanaidh, a’ comhairleachadh, agus ag earalachadh mhinisteirean agus fhoirfeach gu bhi dìleas, agus dùrachdach anns an obair mhòir a bha ’n earbsa riu. Labhair e gu deas-bhriathrach agus gu drùighteach, agus ’na dhéigh so sgaoil e an t-Ard-Sheanadh ann an ainm an Tighearn Iosa Criosd a’ gairm na h-ath Choinnimh gu bhi cruinn air an treas là fichead de’n mhìos Mhàigh 1850. Thug sinn mar so cunntas air na nithean a bu shònruichte a rinneadh le Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba air a bhliadhna so. Cha ’n ’eil teagamh aguinn nach bi e taitneach do mhòran de’r luchd-léughaidh eòlas fhaghuinn air na nithean so; agus tha sinn ’an dòchas gu’m faic iad uile, ’an àite Eaglais na h-Alba a bhi marbh—a bhi mi chùramach—a bhi truaillidh mar a tha a naimh- [TD 627] dean ag ràdh, gu bheil i a’ nochdadh an tuille beatha agus neairt gach bliadhna. Tha i a’ gleidheil teagaisg fhallain—Soisgeil an Tighearn’ Iosa Criosd ’na shaorsa agus ’na lànachd mar a bha i o thùs. Tha i a’ seasamh air na riaghailtean sdiùradh, agus riaghlaidh sin a bha aice o cheann nan céudan bliadhna. Tha i a’ cronachadh agus a’ tilgeadh a mach á ’comunn an luchd-dreuchd sin a tha ’g an gnàthachadh féin gu mi-iomchuidh. Air an làimh eile tha i a’ gabhail a steach o chomuinn eile, na muinntir sin a tha ’g an dearbhadh féin airidh air a comunn. Tha i a’ togail a guth gun athadh, gun eagal an aghaidh gach droch riaghailt a tha luchd-riaghlaidh na dùthcha a’ feuchainn r’a dheanamh a thaobh nì air bith a bhuineas do Sgoilean no do Eaglaisean—a bhuineas do chor spioradail a sluaigh, agus tha i ’saoithreachadh trèibhdhireach air son eòlas saoghalta agus eòlas slàinteil a sgaoileadh am fad ’s am fagus feadh na talmhainn. ’S e co beag ’s a tha i deanadh ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil athair is truma a chì sinn a’ luidhe oirre. Ach ’s e an tuille a tha i ’deanamh bliadhna ’an déigh bliadhna, agus tha dòchas aguinn, tré ghràs a h-Ard-chinn agus a Rìgh, gur h-ann nas eudmhoire ’na aobhar-san a bhios i a’ sìor-fhàs—gu’n dean i an tuille agus an tuille gu peacaich anns gach àite a thoirt gu eòlas slàinteil air-san. VI. NAIGHEACHDAN. THACHAIR gnothaichean mòra air feadh an t-saoghail bho na sgrìobh sinn mu dheireadh. Tréun ’s mar a bha muinntir na Roimhe b’ fheudar dhoibh strìochdadh. Bha na Frangaich tuille ’us làidir air ar son. Ghlac iad am baile. Tha làn sheilbh ac’ ann, agus tha iad ris a’ Phàpa chur air ais a dh’ aindeoin an t-sluaigh. Ach tha e fathasd ann an Gaeta, agus cha ’n ’eil fhios aguinn ciod na ceart chùmhnantan air a bheil e r’a chur air ais. “Bheir aon each gu h-uisge, ach cha toir a dhà-dheug air òl;” agus is ann mar sinn a thachair a thaobh cùisean a’ Phàpa. Tha comas aig na Frangaich esan a thoirt air ais, ach cha ’n ’eil e ’n an comas gràdh, dìsleachd, agus muinghin nan Ròmanach aiseag air ais dha. Chunnaic sinn o cheann latha no dhà litir a sgrìobh aon de na sagartan Pàpanach (Father Ventura), a tha chòmhnuidh ann am baile mòr na Roimhe, anns am bheil e ’caoidh gu cruaidh an dì-meas agus an tàir a thàtar a’ deanamh air an creidimh ro naomha. “Tha na h-eaglaisean (ars’ esan) air an tréigsinn, agus a dh’ easbhuidh luchd-éiseachd cha ’n ’eil neach air bith a’ searmonachadh annta; agus ni a’s iongantaiche gu léir nach ’eil mnathan nan daoine bochda a bha roimhe so co cràbhach, a’ tighin gu faosaid no gu peanas, ni mò a cheadaicheas iad do na sagartan [TD 628] dol d’an tighean mar a b’ àbhaist. ’S gann gu’m faighear deich ’s a’ cheud a lean dìleas do’r n-Eaglais. Cha ’n fhoghain leis an t-sluagh a nis ach creidimh an t-Soisgeil, agus tha fhios agad ciod a tha sinn a’ ciallachadh—tha muinntir a bhi air an saoradh le creidimh as eugmhais oibribh! Mar so tha ar saothair ré fichead bliadhna, a chum creidimh a bu bheothaile agus tuille graidh do’r n-Eaglais a dhùsgadh, air a tilgeil bun os ceann ann an ùine seachd mìosan!” Aon nì a dh’ fheumas sinn a ràdh—cha chuala sinn riamh iomradh air eadraiginn a bu mhì-chiataiche, no a b’ éucoraiche na eadraiginn nam Frangach anns a’ chùis a bha ’n so; agus cha ’n ’eil e coltach gu’m bi e chum buidhinn dhoibhsan no do’n Phàp’ aig a’ cheann mu dheireadh. ’S duilich leinn gu bheil na Hungarians air an cìosnachadh gu buileach leis na h-Austrians agus leis na Russianaich. Nam faigheadh na Hungarians “cothrom na Féine” cha ’n ’eil sinn an dùil gu’m biodh iad fuidhe fathasd; ach “’s olc an dithis nach foghainn do aon.” Bha mòran ar-a-mach air feadh earrannan de Phrussia o cheann ghoirid; ach a réir coltais chaidh muinntir na h-aisith a chur fodha car tamuill, agus tha e ’dual gu feud an Rìgh ’àite a ghabhail car tachdain fathasd. Tha ’n cogadh eadar Lochluinn agus a Ghearmailt gun làn shocrachadh fathasd; ach ’s ann rongach a bha e o thoiseach, agus tha shaod air gu’n tig e gu crìch gun mhòran tuille moille. Tha ’n Fhraing meadhonach sàmhach aig an àm; ach is ann le feachd làidir a tha ’n t-sàmhchair air a gleidheil. Thugadh o cheann beagan sheachduinean ionnsuidh ùr air gnothaichean a chur “turrach air h-earrach” a rithis, ach fhuaradh brath ’an àm air na bha ’m beachd luchd na h-aisith. Chaidh an glacadh no an sgapadh mu’n d’ fhuair iad mòran croin a dheanamh. Is anabarrach an t-aobhar taing do’n Tì uile-thòcaireach a tha aig muinntir Bhreatuinn air son na sìth ’s an t-suaimhneis a tha iadsan a’ mealtuinn seach cearn air bith eile de’n t-saoghal, agus is ro mhaith an dearbhadh a tha aguinn air an t-sàmhchair so anns gu bheil ar Bàn-righinn a’ siubhal o cheann gu ceann de’n rìoghachd: agus an àite duine a thogail a làimh no ’theangadh ’na h-aghaidh gur h-ann a tha gach aon a’ strì cò is mò a nochdas de dhìlseachd ’s de urram dh’i. Chaidh i do dh’ Eirinn aig toiseach a’ mhìos a dh’ fhalbh, ’s bha na h-Eirionnaich féin rìoghail, dìleas. As a sin thainig i a stigh a’ Chluaith gu Grianaig ’us Glascho, ’s an déigh dh’i mu dhà uair an uaireadar a chur seachad ann an Glascho, a’ sealtuinn air gach cuspair a’s sònruichte na chéile, chaidh i air a h-aghaidh gu Baile-Mòrail (Balmoral) ann an Siorramachd Abaireadhain, far an robh i an uraidh, agus far a bheil i féin, am Prionnsa, agus an teaghlach ri mìos no dhà a chur seachad. Bha ’n sealladh a bha ri fhaicinn air a’ Chluaith, agus mu Ghlascho gu sònruichte, air an là air an d’ thainig a Bhàn-righinn (August 14th), greadhnach [TD 629] agus mòralach thairis air aon nì a chunnaic i air a turas. Cha do chaomhain marsandan mòra Ghlascho cosdas a chum an s-slighe a bha ’n teaghlach rìoghal ri ghabhail troimh ’n bhaile a dheanamh co maiseach ’s a bha comasach a deanamh. Ach ’s e ’m Bogha Greadhnach (Triumphal Arch) a chuireadh a suas aig ceann mu Thuath na drochaid ùir ’bu mhò a dhùisg de ionghnadh na gach nì eile. Bha ’m Bogha so mu’n cuairt air ceithir fichead troidh air àirde! Do bhrigh nach miann leinn a bhi dad air dheireadh air Paipeirean Naigheachd ’s air Mìosachain eile ann an nochdadh ar dìlseachd ’s ar gràidh do’r n-uachdran saoghalta tha sinn a’ toirt seachad an dealbh a leanas air a’ Bhogha ro àillidh so. [Dealbh] Bha na ceudan soitheach ’us bàta de gach seòrsa a bha ’s an amhuinn, le’m brataichean ’s le’n sròl a’ crathadh ’s a’ ghaoith—na mìltean—na ficheadan mìle sluaigh, sean agus òg ’an sgeadach “Féill ’us Clachain”—cruinn gu sealladh de ’m Bàn-righinn fhaghuinn, agus a’ togail caithream ’us iolach aoibhneach co luath ’s a thainig i dlùth dhoibh. Is druighteach an nì a leithid de shluagh mòr fhaicinn comhladh aig àm air bith. Bu ro dhruighteach a leithid sud de shluagh a chluinntin ag éigheach, “Gu’m beannaicheadh Dia a’ Bhàn-righinn.” Tha dòchas aguinn gur h-amhuil sin a bhitheas; agus ’s e ar guidhe gu’m bi i air a fiosrachadh leis [TD 630] gach beannachd aimsireil agus spioradail a chì an t-Uile Ghlic chum a maith, ’s gu’n robh i ’na meadhon gu beannachd ’us gu maith do’n Iompaireachd ro fharsuing os ceann a bheil i a’ riaghladh. Tha na barran a’ sealtuinn gu maith ’am bitheantas air feadh na rìoghachd. Tha ’n cruithneachd ro ghealltanach ’s an taobh-deas, agus tha ’n coirce ’s an t-eòrna a’ coimhead gu maith feadh na Gàedhealtachd. Ach ’s ro dhuilich leinn a ràdh gu bheil a shaod air a’ Bhuntàta cùl a chinn a thuirt ruinn bliadhn’ eile fathasd. Tha ’n galar iongantach a rinn urrad sgath air ’s na bliadhnachan a chaidh seachad air e fèin a nochdadh a rithis. Cha ’n ann ’an aon chearnaidh no an aon seòrsa Buntàta ach ann am mòran chearnachan, agus anns gach seòrsa Buntàta. Co dhiubh a theid beag no mòr dh’e as, cha ’n urrainn dhuine no do dhuin’ eile a ràdh. Ach tha e soilleir gu bheil e ann an cunnart: agus dhlùth sparradhmaid air gach aon a tha faireachduinn coltas a’ ghalair so e ghrad ghearradh nam barran co lom ’s a ghabhas e deanadh, ’s e ’chomhdach thairis a bhuin le beagan ùrach. Tha dearbh-chinnt aguinn gu’n d’ rinn an dòigh so mòran féum ann an àite ’s an àite, agus bho ’n is nì e ’tha furasda dheanamh, is e ar n-earail air na h-uile iad ga fheuchainn—’s ga fheuchainn gun dàil. Is duilich leinn a ràdh gu bheil an Cholera ga nochdadh féin a rithis an ioma cearna de’r dùthaich. Ré an t-samhraidh rinn e sgrios mòr ’s an Fhraing. Aig a cheart àm so tha e ro bhàsmhor feadh America; agus ged a bheil e co trom ann am Breatunn, tha e ann an iomad àite feadh Albuinn, Shasuinn agus Eirinn a’ gearradh as nam ficheadan. Tha sin ’an dòchas gu’m bi na Gàedheil a’ toirt fainear co a tha ga’n caomhanadh, gu’m bi iad taingeil dha—ag iarraidh a bheannachd agus a sdiùraidh le cridheachan trèibhdhireach, agus a’ dearbhadh an taingealachd ’s an trèibhdhireis le caithe-beatha neo-lochdach, stuama, faicilleach, agus diadhaidh. N. B. All communications in future to be addressd to PATON & RITCHIE, 3, Hanover street, Edinburgh. Those Subscribers in arrears are requested to remit to the Publishers without delay. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS:—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D. Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.