[TD 375] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XIII.] AN CEUD MHIOS, 1849. [R’A REIC ARSON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. Exhortations Suitable to the New Year, page 375. II. Exposition of the Parables of the Mustard-seed, and of the Leaven. Mat. xiii. 31—33, page 383, III. Exposition of Hebrews, vii, 1—4, page 389. IV. Questions on Spiritual Experience, page 395. Answer by Editor, page 398. V. The Christian’s Hope—A Poem, page 402. VI. Public News—Abdication of the Pope—France—Austria & Prussia—The late disasters at Sea—Progress & Mortality of Cholera, page 403-5, I. EARAILEAN FREAGARACH DO’N BHLIADHN’ UIR. “Teagaisg dhuinn ar làithean àireamh chum gu’n socraich sinn ar cridhe air gliocas.” Salm xc. 12. “Tha crìoch nan uile nithean am fagus, uime sin bithibh measarra, agus deanaibh faire chum ùrnuigh, agus roimh na h-uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh d’a chéile.” 1 Pead. iv. 28 “Chum gu’m gluaiseamaid ann an nuadhachd beatha.” Ròm. vi. 4. A CHAIRDEAN IONMHUINN. Tha e cleachdta aig càirdean ’na leithid so de dh’àm a chéile fhàilteachadh, agus “bliadhna mhaith ùr” a ghuidhe d’a chéile. Gu cinnteach is ann le làn dùrachd cridhe a ghuidheamaide “bliadhna mhaith ùr” do’r càirdean gu léir—ag ùrnuigh gu’n robh gràs, agus sìth air am meudachadh dhuibh gu pailt—gu’n robh an Tìghearna g’ur beannachadh ’n ur maoin agus ’n ur teagh [TD 376] lach—anns a’ bhaile, agus anns a’ mhach-thir; agus os ceann nan uile “g’ ur daingneachadh ’n ur sluagh naomha dha féin” (Deut. xxxiii.)—gu’n robh e ga’r fiosrachadh le beannachdan aimsireil, ’us le beannachdan spioradail as na h-ionadan nèamhaidh anns an Tighearn Iosa Crìosd. Thug Dia ’na mhaitheas sinn gu crìch aon eile de na cuairtean sin le’m bheil sinn a’ tomhas ar n-aimsir air thalamh, agus tha e ro dhleasnach dhuinn stad car tamuill ann an so, agus beachd-smaoineachadh air buntainneis an Tighearna ruinne, agus ar gnàthachadh-ne do ’thaobh-san. “Cuimhnichidh tu an t-slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu ré an dà fhichead bliadhna so anns an fhàsach,” deir Maois ri clann Israel mar a bha e gu dealachadh riuth (Deut. viii. 2); agus ghuidheamaid air gach aon do’r luchd-léughaidh iad a “dheanamh aig an àm ath-chuimhne air an aimsir a chaidh seachad”—iad a smaoineachadh air gach céum air an do threòraich an Tighearna iad, co dhiubh is fichead, ’dha no trì dh’fhicheadan bliadhna, a tha iad air an turus ann am fàsach an t-saoghail so. Tha e iomchuidh—tha e feumail gu’m bitheamaid aig crìch gach là a’ beachdachadh air tròcairean ar Dé agus da rìreadh ag iarraidh co-chomunn spioraid ris: oir tha crìoch gach là ag innseadh dhuinn mu chrìochnachadh ar cuairt-ne air thalamh. Ach tha amannan a’s sònruichte na chéile tha ’g ar gairm gu beachd smaoineachadh, gu féin cheasnachadh, gu tarruing dlùth do’r Dia; agus is ann dhiubh so gu cinnteach an t-àm ’s am bheil sinn a’ ruigheachd an uilt-chrìche eadar dhà bhliadhna—anns am bheil sinn a’ seasamh air an fhaobhar sin a tha dealachadh a’ ghlinn troimh ’n tàinig sinn o gach gleann agus glaic a tha fathasd air thoiseach oirnn. Is ann dhiubh so gu cinnteach an t-àm anns am bheil a’ bhliadhna a bh’ann air iteig a ghabhail—air an t-saoghal fhàgail—air dìreadh gu àirde na sìorruidheachd a thoirt sgeòil air ar n-uile ghnìomharan, agus ar n-uile smaointean, ré a còmhnuidh-se air thalamh. Tha’n cunntas so a nis air a chur a sìos a thaobh gach aon aguinn ann an Leabhar-cuimhne an Tì uile-chumhachdaich ’us uile-naoimh, agus cha dean ar deòir, no ar n-achdain, no ar n-uile shaothair aon lide dheth dhubhadh a mach a chaoidh. “Chuir thu ar n-eu-ceartan a’ d’ fhianuis, ar peacannan dhìomhair ’an solus do ghnuise.” Tha iad a nis ’na fhianuis-san, agus ’an ceann beagan bhliadhnachan diombuain mar i sin a chaidh thar ar cinn—no’n ceann beagan làithean goirid mar am fear is giorra ’s a’ gheamhradh, bithidh iad air an cur n-ar fianuis féin—’am fianuis an t-saoghaìl gu léir, agus a réir teisteas ar gnìomharan do’r taobh bithidh sinn air ar fàilteachadh mar shluagh beannuichte an Athar gu sonas ’us gu glòir, no air ar n-iomain do ’n teine shìorruidh a dh’ ullaicheadh do’n diabhol agus da chuid ainglean. “O! gu’n robh sinn glic, gu’n tuigeamaid na nithean so, gu’n tugadh-maid fainear ar crìoch dheireannach.” A Dhé teagaisg thusa dhuinn ar làithean aireamh air dhòigh ’s gu’n tionndaidh sinn ar cridheachan gu gliocas. [TD 377] Tha’n t-àm so a’ gairm oirnn—seadh ag éigheach ruinn mosgladh as ar codal—dùsgadh gu fìreantachd—ullachadh gu còdhail a chumail ri’r Dia—gréim a dheanamh air a’ bheatha mhaireannaich; agus an diugh ’n uair a chluinneas sibh guth ur Dé, agus ur Slànuighfhir ga’r gairm a chum nan nithean mòra so O! na cruadhaichibh ur cridheachan—na bithibh le fàth a ghabhail air fad-fhulangas Dhé a’ càrnadh a suas feirge fa chomhair là na feirge. Dùisgibh matà as ur cadal—smaoinichibh mar dhaoine tuigseach—mar dhaoine aig am bheil anama neo-bhàsmhor, agus seallaibh air an t-slighe air an do threòraich an Tighearna sibh; agus gléusadh gach aon agaibh ’anam agus a chridhe gu moladh, seadh gu àrd-mholadh a thoirt do Dhia arson a chaoimhneas-gràidh, agus a chaomh-thròcairean. “Ciod! an e mise ’bha ré na bliadhna a’ fulang o ghanntar ’s o ghort, agus gun fhios agam an diugh féin c’àit am faigh mi greim bìdh dhomh féin no do m’ theaghlach arson an là maireach?” “An e mise ’tha air mo chiùradh le galar cràiteach nach leig fois dhomh a là no dh’ oidhche?” “An e mise a chunnaic aighear mo shùl—mo leanabh caomh, gràdhach air a sgaradh ’uam leis a’ bhàs, agus aig am bheil cridhe trom fo sprochd gach là?” “An e mis an aghaidh am bheil an Tighearna ’sgrìobhadh nithean searbha gach là, agus a tha air chrith roimh uamhuinn a lagha gach uair? Bu fhreagaraiche mo chlàrsach a chrochadh air a’ ghéig, agus suidhe ri taobh na h-aimhne a mheasgadh mo dhéur le a sruth.” Mar so feudaidh iomad aon labhairt. Ach their sinn, cha’n e mhàin “gu’m b’ fhearr gu’m moladh daoine Dia arson a mhaitheis mhòir,” ach gu’m bheil aig gach aon duine an diùgh air thalamh “deadh aobhar òrain naoimh ’us ciùil,” agus gu’m bu chòir dha laoidh mholaidh d’a Dhia a sheinn air an oidhche so. Oir ciod e do chor? Ciod e cor d’anama? Am bheil thu air d’ fhìreanachadh gu saor le gràs Dhé tré’n t-saorsa a dh’ oibricheadh a mach le Crìosd? Am bheil thu a’ d’ chreidmheach? a’ d’ Chrìosduidh? Ma tha tha do chor beannaichte, agus glòrmhor os ceann cainnt no smaoin—tha thu a’ d’ oighre air na h-uile nithean—a’ d’ oighre air nèamh agus air Dia féin air dhuit a bhi a’ d’ chomh-oighre maille ri Crìosd—agus a nis féin “tha na h-uile nithean a’ comh-oibreachadh chum do mhaith.” Agus ma tha na nithean so mar so an tig dhuit a bhi ’gearan no ’caoidh? Nach tig dhuit a bhi ’moladh an Tì ghràsmhoir a rinn nithean co mòra arson d’ anama? “Do na h-ionracain tha cliùth ciatach.” Do gach Criosduidh tha e iomchuidh an Tighearna a mholadh am feadh a tha bith aige. Am bhéil thu bochd? Dean gàirdeachas gu’m bheil thu bliadhna eile nas dluithe air an àm anns an làn shealbhaich thu saibhreas do-rannsachaidh Chrìosd. Am bheil thu tinn? Dean gàirdeachas gu’m bheil thu nas dlùithe air an ionad sin far nach ’eil achdain no cràdh, agus nach abair an luchd-còmhnuidh “tha mi tinn”—far am bheil slàinte shìorruidh. Am bheil thu caoidh do sgarachdainn o d’ chàirdean ’s o d’ theagh- [TD 378] lach? Dean gàirdeachas anns gu’m bheil thu a’ teannadh ris an àite ’s nach ’eil dealachadh, no sgarachdainn nas mò. Am bheil thu fo thùrsadh tré ioma buaireadh? Dean gàirdeachas anns gu’m bheil thu a’ dlùthachadh air an àm anns an ruig thu Sìon le caithream agus aobhneas sìorruidh air do cheann, anns am faigh thu aoibhneas agus anns an teich bròn agus osnaich air falbh. Ciod air bith do chor a thaobh an t-saoghail—ged a robh tonn ’an déigh tuinn de dh’ àmhghar a’ dol tharad dean gàirdeachas anns gu’m bheil trioblaidean na beatha so ag oibreachadh a mach dhuit trom thomhas de ghlòir a tha sìor mhaireannach—anns gu’m bheil do shlàinte nas dlùithe na’n uair a chreid thu. Air an làimh eile am bheil thu, mar gu truagh a tha na mìltean, gun ghràdh do Dhia—gun aonadh ri Crìosd—gun sdiùradh o Spiorad na naomhachd? Am bheil thu saoghalta, neo-iompaichte a’ d’ chridhe ’s a’ d’ chaithe-beatha? Ma tha ’chùis mar so do d’ thaobh tha thu dearbh-thoilteanach air ifrinn na dòruinn—air pianntaibh sìorruidh. ’Se tuarasdal a’ peacaidh am bàs, agus tha gach aon pheacadh a’ toiltinn feirg agus mallachd Dhé a nis agus a rithis. Tha thusa ’dhuine mhi-chreidmhich, agus shaoghalta ’ga thoiltinn so. Ach ’an àite thu bhi air do thilgeadh ’s a’ mhionaid do dh’ ionad na dòruinn tha thu chòmhnuidh ann an tìr nam beò—’us cha’n e sin uile—tha thu chòmhnuidh ann am fearann nan gràs. Tha thu air do ghleidheil bliadhna ’n déigh bliadhna far am bheil Dia ann an Crìosd a’ deanamh réidh an t-saoghail ris féin, agus a’ tairgsinn maitheanais—a’ tairgsinn na beatha maireannaich dhuit mar shaor thiodhlac. Tha sonas sìorruidh air a thairgsinn—tha nèamh nan neamhan fosgailte le dorsa farsuing fial eadhoin do cheann-feadhna nam peacach. Agus ’n uair a tha chùis mar so—’n uair a tha gràs, agus glòir air an tairgsinn gu saor dhuit-sa—dhuit-sa ’tha toillteanach gach là air ifrinn am buin dhuit a bhi monbhur ’s a’ gearan? Nach buin dhuit a bhi ’moladh, agus a’ cliuthachadh an Tì sin a tha co foighidneach, fad-fhulangach—a tha co pailt ann an caoimhneas-gràidh, ’s ann an caomh-thròcairean? Tha e iomchuidh do gach aon ’n uair a sheallas e air an t-slighe air an do threòraich an Tighearna e ré na bliadhna ’chaidh seachad a bhi ’toirt molaidh, agus taing dhà: agus am fear nach dcan mar so tha e ’nochdadh cridhe cruaidh neo-mothachail agus mi-thaingeil. II. Ach seallamaid mar an ceudna air ar gnàthach-ne ’thaobh Dhé. Tha ’chaoimhneas-gràidh-san ùr dhuinne gach maduinn agus gach feasgar; agus bu chòir gu’m b’i a’ cheud cheist a chuirea’maid oirnn féin gach là, “Ciod a dh’ ìocas mi do Dhia arson na rinn e dhomh de mhaith?” Ach ’na àite so tha sinn gach là ga dhì-chuimhneachadh, agus ga aicheadh. Anns na h-uile nithean tha sinn a’ tighin gearr, agus cha’n ’eil aon de ’aitheantan nach do bhris sinn. O! smaoinichibh air ur dòighean. Seallaibh air ur gnàthachadh ré na bliadhna ’chaidh seachad. Cuiribh gach peacadh a rinn sibh fa chomhair ur sùl, agus beachdaichibh orra ’n an [TD 379] làn ogluidheachd agus ’n an uile an-tromachadh, agus deanaibh aithreachas annta. Seallaibh airsan a lot sìbh le’r n-aingidheachd, agus guilibh arson ur mi-dhìlseachd. Seallaibh air a liutha cothrom prìseil a leig sibh seachad, agus nach glac sibh a chaoidh tuille, agus aidichibh ur n-amaideachd—irislichibh sibh féin ’na làthair-san, agus O! guidhibh air-san gu m fidireadh ’s gu’n rannsaicheadh e féin, agus gu’n leigeadh e ris dhiubh aon slighe olc, no aingidh a tha annaibh. Ceasnaichibh sibh féin gu mion. Cuiribh cùl gu buileach ’s gu bràth ris na peacuidhean sin ’s an robh sibh ciontach ’s a’ bhliadhna chaidh seachad, agus seachnaibh na nithean sin a tharruing chum peacaidh, agus amaideachd sibh. Feuchaibh an glan sibh air falbh an taois ghoirt gu buileach as ur cridheachan. Ach an duine sin a theid a steach air bliadhn’ ùir le frèumh shearbhadais ’na chridhe feudaidh e làn chinnt a bhi aige nach fàs i ro shean gus am buain esan toradh goirt agus searbh bhàrr na frèumh sin. Esan a dh’ iarradh cleachduinn mhearachdach, no aigne thruaillidh a thoirt leis tha e coltach ri duine a rachadh air thurus le bior ’na chois—le teine ’na bhrollach. Agus an duine sin a theid a steach air bliadhn’ ùir gun mhion-rannsachadh air a chridhe, ’s air a chleachduidhean féin tha e co amaideach ris-san a chuireadh mar sgaoil air cuan dorcha, doinionnach gun sùil a thoirt air seòl no tarruiug stiùir—air aon bhall de acfhuinn a’ bhàta. Iarraibh matà eòlas fhaghuinn oirbh féin. Cuiribh thar a’ chlàir gun dàil, gun eisiomail gach droch cleachduinn agus aigne—daingnichibh gach buaidh, agus béus a tha maith—neartaichibh an ni a tha lag, agus O! cuiribh roimhibh ré na h-aimsir a dh’fheudas a bhi fa’r comhair gu’n gluais sibh ann an “nuadhachd beatha”—gu’n gluais sibh leis an tuille faicill, faire, agus irisleachd—gu n iarr sibh gach là ur creideamh a mhèudachadh, agus gu’n cuir sibh ri ur creideamh, eòlas, diadhachd, agus seirc. Cuiribh roimhibh ann an neart agus ann an gràs an t-Slànuighfhir gu’m bi sibh gach là ’g ar toirt féin a suas nas builiche d’a sheirbhis naomh-san. Theireamaid mar so riùsan a tha ’nan Crìosduidhean. Ach ciod a their sinn riùsan a tha “gun Dia gun dòchas” anns an t-saoghal—riùsan aig nach ’eil smaoìn mu bhàs, mu bhreitheanas, no mu bhithbhuantachd, a tha ’g iarraidh an sòlais ’am peacadh ’s an truaillidheachd. O! gu’n robh air a’ bhliadhna—air an là so féin briathran sin Chrìosd, “Tha ’n t-àm a’ teachd, agus tha e ’nis ann ’s an cluinn na mairbh guth Mhic Dhé agus iadsan a chluinneas bithidh iad beò”—gu’n robh na briathran so air an coimhlionadh do’n taobh-san. Is leòir gu cinnteach, cinnteach an aimsir a chaidh seachad arson toil na feòla, arson amaideachd agus aingidheachd; agus is mithich dhoibh a nis dùsgadh as an codal. Theireamaid riutha mar a thubhairt Maighstir na luinge ri Iònah, “Ciod is ciall dhuit O! thusa ’tha a’ d’ chodal, éirich agus gairm air do Dhia?” Theireamaid riutha teicheadh o’n fheirg a tha ri teachd, a tha teachd nas dlùithe, ’s nas dlùithe, agus a tha nis—ma mhair- [TD 380] eas iad mar a tha iad—mòran nas tinne orra na bha i mu’n àm so an uraidh. ’S ann acasan a tha’m feum air aithreachas, air creideamh, air nuadhachd beatha. Oir cuimhnicheadh iad ged a tha Dia fad-fhulangach nach deanar magadh air. Tha ’fhearg air a nochdadh ’an aghaidh gach uile mhi-dhiadhachd, agus aingidheachd dhaoine; agus gu ro chinnteach thig breitheamhnas ’s cha dean e moille. Gheibh am peacuidhean a mach iad, agus ciamar air bith a mheallas iad iad féin a nis chi iad gur e crìoch nan nithean ’s am bheil iadsan a’ gluasad gu cinnteach cinnteach am bàs. Is eagallach ri smaoineachadh gu’m biodhmaid ré gach là—ré gach Sàbaid fad bliadhna o cheann gu ceann a’ dol air ar n-aghaidh ann an naimhdeas an aghaidh an Tì uile-chumhachdaich agus ghràsmhoir. Is ro eagallach ri smaoineachadh gu’m bheil iad ann a tha aig ceann na bliadhna a’ bàthadh gach cuimhne air peacadh ’s air sìorruidheachd ann am misg, ’s ann an truaillidheachd; agus aig toiseach na bliadhna a tha ’gabhail aonta ùir air amaideachd ’s air an-diadhachd—a tha ’gabhail muinntireas as ùr aig Sàtan gu ’thoil a dheanamh—a tha ’gabhail a’ chothroim a thugadh dhoibh arson greim a dheanamh air slàinte gus an tuille dìtidh ’us damnaidh a chàrnadh a suas dhoibh féin. Tha mòran—ro mhòran a tha ’deanamh mar so—a tha ’gabhail cothroim aig a bhliadhn’ ùir seach àm air bith eile gus gach anabarr aingidheachd a chur ’an gnìomh—gus gach cuthach ’us mì-chéill a nochdadh. Cha ’n ’eil oidhche eadar dhà cheann na bliadhna ’tha leithid de thoibheum ’s de dhùlan air a thoirt do Dhia—air am bheil a leithid de mhisg, de mhionnan, ’s de ruiteireachd a’ dol air an aghaidh—air am bheil a liutha duine a’ deanamh glòir ’na nàire agus ga leigeil féin ris gu follaiseach mar sheirbhiseach—mar shaighdear dìleas Shàtain, ri oidhche na bliadhn’ ùire. Agus an saoil nach dlùth esan agus ainglean eile an dorchadais air feadh chuideachdan na mì-chéill ’s a’ mhi-bhéus air an oidhche sin; agus nach ’eil e ’cur fàilte chridheil orrasan a’s mò a tha ’deanamh air a shon—a’ toirt furain, agus misnich dhoibh? Gun teagamh tha esan air an oidhche sin a’ siubhal air ais agus air aghaidh air feadh an t-saoghail a’ cur fastaidh ùir air a sheirbhisich féin, agus a’ fèuchainn ris an tuille, ’s an tuille a tharruing gu ’sheirbhis. Tha e gu cinnteach a’ toirt mòr-chliù dhoibhsan a tha ’cuideachadh leis anns an obair so—dhoibhsan a tharruingeas combanach no bana-chombanach gu olc agus mi-bheus—dhoibhsan mar an ceudna a tha misneachail, catharra, colgarra—nach géill ’s nach giùg, roimh Dhia, no roimh shìorruidheachd ach a thionndaidheas gu àbhachd gach creideamh agus cràbhadh mar sgéulachdan mhinisteirean agus shagartan—a ni gàire mu’n bhàs agus mu’n bhreitheamhnas mar bhòchdan sheana chailleach. Tha e ’toirt mòran cliùth, agus taing do mhuinntir nan tighean-òsda—na tighean-fastaidh a’s fearr a tha aige air uachdar an t-saoghail—dhoibhsan uile tha làidir a dh’ òl fiona, agus ’nan daoine neartmhor a mheasgadh dibhe làdir. Isa. v. 22. Tha e a’ toirt moladh, agus duais dhoibhsan a tha fileanta air na [TD 381] mionnan agus air a’ chainnt shalaich—dhoibhsan a tha ’dealbh na carachd, agus nam breugan—dhoibhsan a ni goid, agus slaid. Tha e ’toirt molaidh do gach pàrant mi-chùramach a tha ’togail a chloinne ’an an-diadhachd a chionn gu’m bheil ’an so teaghlach air an togail dhàsan cearta còmhla nach cuir mòr dhragh air bith air ’g an glacadh mar a dh’fhàsas iad a suas. Tha é gu seachd-sònruichte ’toirt taing do gach ministeir mì-dhìleas a tha ’cur an t-sluaigh ’nan codal le bhi ’g éigheach sìth, sìth riu ’n uair nach ’eil Dia ann an sìth riu—oir ann an so tha ’shaothair-san air a caomhanadh—tha obair-san air a deanamh gu ’làimh. Tha e ’toirt cliuth, agus a’ gealtuinn mòr-dhuais dhoibhsan a tha ’brosnachadh Iùdah ’an aghaidh Ephraim, agus a’ stuigeadh Ephraim ’an aghaidh Iudah—a tha ’togail aisith, agus iorghuill am measg Chrìosduidhean: oir ’n uair a tha sgioba ’bhàta a’ tòiseachduinn ri còmhrag an aghaidh a chéile cha ’n ’eil sùil air gaoith, no air gabhail; agus ’s ann fodha ’bhios iad gu léir tha e uile choltach. Agus an saoil nach ’eil e toirt àrd-mholaidh dhoibhsan a tha aig an àm a’ deanamh a leithid de chasgradh, de dh’ àr ’s de mhort air feadh an t saoghail: oir nach ann an sin a tha ’m foghara pailt air a thional d’a shaibhlean-san a dh’ aona mheall? Tha Sàtan gu cinnteach ag oibreachadh gu dlùth aig a’ bhliadhn’ ùir; agus cha ’n ann an dìomhain. Is earrach agus fogharadh dhàsan an t-àm sin. Tha e ’cur mòran sìl air an là sin; agus tha e ’faicinn mòran de na chuir e roimhe a’ toirt a mach toraidh phailt. Ach cha n ’eil teagamh aguinn nach ’eil aig an àm chéudna gàirdeachas an làthair ainglean nèamh os ceann ioma peacaich a tha air an là sin air a threòrachadh le maitheas Dhé gu aithreachas domhain, agus dùrachdach; agus is i ar n-ùrnuigh thrèibh-dhireach a thaobh gach aon de’r luchd-léughaidh a tha fathasd fad as o Dhia gu’n robh e air an là sin air a tharruing dlùth dha tré fhuil na réite—gu’n robh Crìosd a’ faicinn annsan de shaothair ’anama agus a’ deanamh gàirdeachais ann. Tha a’ chrìoch eadar dha bhliadhna ’na àm soleimte. Tha a’ bhliadhn’ ùr mar chomharra arson tuiteam, no togail suas mhòran. Ach tha ’bhliadhna ’chaidh thar ar ceann a’ labhairt ri muinntir an t-saoghail le guth nas àirde, le gnìomharan nas mò, nas drùightiche, agus nas eagallaiche na mòran a chaidh seachad. Cha tàinig bliadhna o cheann linntean a’s soilleire tha ’cur an céill dìomhanas—tur dhìomhanas nan nithean a’s seasmhaiche, a’s urramaiche agus a’s ion-mhiannaichte ’am beachd chlanna nan daoine. Feadh Bhreatuinn tha na marsantan a bha beagan roimhe sin nam Prionnsachan air an toirt gu bhi cho bochd ris na dìolan-déirce. Feadh chearnan eile de’n Roinn-Eòrpa tha Rìghrean, ’us Iompairean a’ teicheadh le’m beatha, agus ga’m folach féin uapa-san a b’àbhaist criothnachadh roimh ’n guth, no sléuchdadh ’nan làthair. Tha cinneach air éiridh an aghaidh cinnich, agus sluagh ’an aghaidh sluaigh. Tha bruaillean, agus buaireas air feadh an t-saoghail, agus cridheachan dhaoine a’ fàilneachadh le h-eagal. Agus ann ar [TD 382] dùthaich féin ged nach tàinig an claidheamh dluth dhuinn b’fhéudar a tharruing ann an Eirinn; agus anns na cearnan sin a bhuineas dhuinn ’s an Aird-an-Ear tha e ’nis féin ga dhath ann am fuil. Ach thainig ni oirnn a tha co marbhtach ris a’ chlaidheamh—a’ phlàigh a ghluaiseas ’s an dorchadas, agus a mhilleas aig a’ mheadhon-là. Tha i so ’nar dùthaich a’ gearradh as nan ceudan, agus air ro bheag fairbhein. Tha i so a’ tighin gu dlùth air céumaibh na gorta sin a rinn uiread chlaoidh air ar sluagh o cheann bliadhna no dhà. A mhuinntir na Gäeltachd, tha ’ghort ’n ar measg o cheann dà bhliadhna. Tha a’ phlàigh ’g ar bagradh aig an àm. O! nach iomchuidh dhuibh-se smaoineachadh air briathran an Tighearna ri ’shluagh o shean. “Thug mi dhuibh glaine fhiaclan—gainne arain—gidheadh cha do phill sibh riumsa, deir an Tighearna. Bhuail mi sibh le seargadh, ’us le crith-reothadh, gidheadh cha do phill sibh riumsa deir an Tighearna. Chuir mi ’n ur measg a’ phlàigh a réir nòis na h-Eiphit, gidheadh cha do phill sibh riumsa deir an Tighearna. Air an aobhar sin mar so ni mi riut, agus a chionn gu’n dean mi mar so riut ulluich thu féin gu còdhail a chumail ri d’ Dhia O! Israeil.”—Amos iv. Tha gainne arain—tha gainne an fhocail mar an ceudna air mòran de’n Ghäeltachd a ruigheachd, agus tha ’phlàigh ag itealaich m’ a timchioll. Nach ro iomchuidh dhuibh matà a chàirdean ullachadh gu còdhail a ghleidheil ri’r Dia. Is iomad—O! s iomad aon dhiubhsan a bha làidir, fallain mu’n àm so an uraidh, a ghairmeadh chum na còdhail uaithe sin. Is iomad, iomad aon a tha ’n diugh slàn, fallain a ghairmear thun a’ mhòid mu’n tig a’ bhliadhna so gu crìch. Féumar a chòdhail a ghleidheil, ullaichte, no neo-ullaichte g’am bi sinne. O! ’s eagallach an ni dol neo-ullaichte gu breitheanas. Is ro uamhasach an ni tuiteam ann an làmhan an Dé bheò, agus a bhi air ur tilgeadh do’n ionad ’s am bi gul agus gìosgan fhiacal. O! smaoinichibh air na nithean so, agus am feadh ’s a tha fad-fhulangas Dhé a’ strì ruibh-se deanaibh-se strì agus spàirn gu dol a steach air a’ gheata chumhan. Deanaibh greim air Crìosd. Iarraibh an Spiorad Naomh. Tréigeadh an t-aingidh a shlighe agus an duine eucorach a smaointe. “Gluaisibh ann an nuadhachd beatha”—gluaisibh ann an gràdh eadhoin mar a ghràdhaich Crìosd sibhse, agus a thug e e féin air ur son. An sin co dhiubh is beatha, no bàs duibh air a’ bhliadhna so gheibh sibh beatha mhaireannach—beatha ghlòrmhor maille ri Dia. Ach labhair Dia ruibh aon, seadh fòs dà uair; agus thubhairt e, “Am fear a chronaichear gu minic gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal sgriosar e gu h-obann agus sin gun leigheas.” Gu’n robh Dia a’ deònachadh bliadhna mhaith ùir dhuibhse uile a chàirdean le bhi ’g ur beannachadh anns gach aon agaibh iompachadh o ’pheacaidhean, agus le r n-anama ùrachadh gach là le ’ghràs. F. B. [TD 383] II. COSAMHLACADAN AN T-SIL-MHUSTAIRD, AGUS NA TAOIS’-GHOIRT. “Chuir e mach cosamhlachd eile dhoibh ag ràdh. A ta rioghachd nèimh cosmhuil ri gràinne de shìol mustaird. a ghabh neach agus a chuir e ’na fhearann. Ni gun amharus a’s lugha do gach uile phòr: gidheadh air fàs da is e a’s mò de na luibheanaibh, agus fàsaidh e ’na chrann: ionnus gu’n tig eunlaith an athair, agus gu’n dean iad nid ’na gheugaibh. Cosamhalchd eile labhair e riu; Is cosmhuil rioghachd nèimh ri taois ghoirt a ghabh bean agus a dh’fholaich i ann an trì tomhasaibh mine, gus an do ghoirticheadh an t-iomlan.”—Mat. xiii. 31—33. Faic cuideachd Marc, iv. 30—32, agus Lùc. xiii. 18, 19. THA’N dà chosamhlachd so a’ tighin gu ro fhreagarach ’an déigh na dithis air an tug sinn cheana mìneachadh. Tha ’cheud aon diubh sin—cosamhlachd an t sìoladair—ag innseadh gu’n robh trì earrannan de’n t-sìol mhaith ri fàilneachadh ann an droch ghrunnd an t-saoghail. Tha’n dara aon—cosamhlachd a’ choguill—a rithis ag innseadh gu’n rachadh mòran a dheanamh chum millidh na h-aoin earrainn a bha ri toradh a ghiùlan—gu’n rachadh am fiadh-ghart cronail a chur ’na mheasg leis an nàmhaìd gu brìgh an fhuinn a dheothal air falbh uaithe, agus ’an dùil gu’n spìonadh seirbhisich an tuthanaich mòran de ’n chruithneachd maille ris a’ chogul. Bha na nithean so ro bhagarach, agus ullamh gu luchd-leanmhuinn Chrìosd a lìonadh le eu-dòchas; oir ciod ann maith a bhi ’saoithreachadh ann an rioghachd nèimh a chur air bonn ma ’s ann mar so a bha gach oidhirp ri tionndadh a mach? Ach tha Crìosd a nis a cur an céill ged a bha naimhdean “na rìoghachd” lìonmhor, làidir, cuilbheartach ’us ged a bhiodh ceud-fhàs na rìoghachd sin beag, agus a réir coslais suarrach—gidheadh gu’m buadhaicheadh i, ’s gu’n tugadh i buaidh—gu’n sgaoileadh agus gu’n cinneadh i air gach taobh gus, coltach ris a’ chraobh mhustaird an tugadh a geugan fasgadh do gach aon a dh’ iarradh fasgadh uaipe—gus, cosmhuil ris an taois-ghoirt an drùigheadh i air a’ mheall uile ’s am bheil i air a càradh, agus an atharraicheadh i a nàdur gu buileach. Mar so ’n uair a tha na déuchainnean a tha air thoiseach air seirbhisich Chrìosd air an comharrachadh a mach dhoibh chum ’s gu’m biodh iad faicilleach, faireil tha aobhar misnich air a toirt doibh gu saoithreachadh ann am foighidin, ’s ann an dòchas; oir tha e air innseadh dhoibh gu soilleir agus gu cinnteach gu ’n soirbhich rùn an Tighearna ’n an làmhan. Bha na briathran an uair a labhradh iad féumail gu comh-fhurtachd a thoirt do’n “tréud bhig,” agus biodhmaide ’toirt comh-fhurtachd d’a chéile leis ’n ar là fein. Tha féum againn air sealtuinn ’os ceann nan cùisean, ’s nan deuchainnean a tha ’bacadh na fìrinn air gach làimh—air sealtuinn air [TD 384] “focal cinnteach na fàistneachd” a tha ’g innseadh mu a buaidh agus a soirbheachadh iomlan aig a’ cheann mu dheireadh. Tha’m focal so aguinn mar lòchran ’am meadhon dorchadais. Seallamaid ris, agus deanamaid ar gabhail air le dòchas, agus le misnich. Tha’n dà chosamhlachd so cosmhuil r’a chéile ann a bhi ’g innseadh mu shoirbheachadh rioghachd nan gràs, agus sin o thoiseach ro bheag, ’us mi-ghealtanach: ach tha dealachadh eatorra anns gu’m bheil iad a’ leigeil ris na fìrinne so bho chaochladh seallaidh. Tha “’chraobh-mhustaird” a’ leigeil ris Eaglais Chriosd gu sònruichte mar a tha i a’ coimhead ann am fianuis an t-saoghail—ann an sealladh nan uile—na craoibh mhoir, mhaisich, iongantaich, o shìol ro mheanbh—agus nan ceadaicheadh an ùine dhuinn dh’fheudadh-maid a leigeil ris gu’m bheil e ann an so air a chomharradh a mach dhuinn amhuil a tha aig an t-sìol beatha agus fàs ann féin—agus a tha gach earrann de’n luibh, no de’n chraoibh, ann an tomhas, air a ghabhail a steach ann o thùs—air dhòigh ’s nach ’eil nì ùr air bith air a chur ris gus am bheil a’ chraobh a’ tighin gu ’làn fhàs—gu’m bheil a mhàin am beag a’ fàs ’na mhòr—na buaidhean agus na feartan sin a bha anns an t-sìlein a’ sgaoileadh, agus a’ cinntin—mar so ann an Criosd—sìol agus frèumh na h-Eaglaise—gu’m bheil a h-uile bhuaidhean-sa air an gabhail a stigh o thoiseach. Is esan fìor bheatha na h-Eaglaise, agus an uair a tha e ’cur ann an lìonmhoireachd àireamh nan naomh, tha e dìreach a’ foillseachadh—a’ sgaoileadh a mach nam buaidhean, agus nam feartan sin a bha o thùs air an tasgadh ann féin mar Shlànuighfhear. Air an làimh eile tha cosamhlachd na taoise a’ coimhead air gràs Dhé—air cumhachd na fìrinn mar a tha e ’deanamh greim air an anam sin a tha truaillidh, agus uigh air n-uigh ag atharrachadh nàduir an anama sin—ga dheanamh cosmhuil ris féin; agus mar so a’ naomhachadh anama ’an déigh anama, gus fa dheireadh am bi an saoghal gu léir air ath-nuadhachadh. Agus a nis theireamaid focal no dhà mu gach cosamhlachd dhiubh fa leth. 1. Cosamhlachd an t-sìl-mhustaird. ’N uair a tha Crìosd a coimeas fàs a rioghachd féin ri cinneas craoibhe tha e gnàthachadh samhlaidh air an robh a’ luchd-éisdeachd sàr eòlach: oir anns an t-Sean Tiomnaidh tha rioghachdan an t-saoghail so air an leigeil ris fo shamhladh chraobh (Dàn. iv. 10—12. Esec. xxxi. 1—9) agus mar an ceudna rioghachd Dhé.—Esec. xvii. 22—24. Salm lxxxiv. 8. Ach c’arson a shònruich e air a’ Mhustard nach ’eil sinn a’ faicinn ach na luibh ro bheag agus suarrach? Is ann mar so a tha sinne a’ faicinn ann an dùthchannan fuara: ach ann an dùthchannan blàtha tha e, cha’n e ’mhàin na ’phreas làidir, ach ’na chraoibh mhòir. Their feadhain nach e sìol a’ Mhustaird “a’s lugha de na h-uile phòraibh:” ach cha’n ’eil an so ach crosdanachd gun bhrìgh. Tha sìol a’ Mhustaird ro mheanbh ann féin. Bha e ’na ghnàth-fhocal ’s an àird an Ear, “Co beag ri sìol Mustaird;” agus d’a [TD 385] réir so chi sinn an Slànuighfhear ’an àit’ eile ag ràdh r’a dheisciobuill, “Na’m biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol-Mustaird.” Ach ann an coimeas ris an fhàs anabarrach a bha ’tighin uaithe tha e air leth o gach pòr eile. Is ann mar so a tha sinn ri briathran Chrìosd a thuigsinn. Is ann fo’n t-sealladh so—ro lughad an t-sìlein, agus ro mheud a’ chinneis—a bha e ’coimeas Eaglaise féin ris a’ chraoibh-Mhustaird; agus is cinnteach sinn nach faigheadh aon de luchd-éisdeachd coire dha arson a chainnt a bhi mi-fhreagarrach. Is ann ’am briathran aith-ghearr a dh’ fhéumas sinn an còrr mìneachaidh air a’ chosamhlachd so a thoirt seachad. Faicibh an Eaglais, mar a bha i aig àm foillseachaidh ar Slànuighfhir anns an fheòil. Bha i air a’ gabhail a stigh annsan—annsan, naoidhein bochd air a ruagadh o àite gu àite. Faicibh e car dheich bliadhna fichead a’ gabhail còmhnuidh ann an cearn’ iomallaich, leth-oirich de’n dùthaich, agus gun iomradh air ach mar “mhac Ioseph-an-saor.” Faicibh e air a shìneadh anns an uaigh, agus a’ luchd-leanmhuinn air tilleadh gach aon gu ’àite féin—agus nach ann mar an sìol a’s lugha de na h-uile phòran a bha a rìoghachd, agus aobhar-san air thalamh. No coimhidibh air an ‘treud bheag ’ a dh’fhàg e ’an déigh dìreadh gu nèamh. Gu cinnteach bha iad ann am meadhon mhìltean agus mhuilleinean an t-saoghail mar aon ghràinne de shìol mustaird ’an coimeas ri duslach na talmhainn gu léir. Ach faicibh cia mòr an cinneas, agus am fàs a thug a’ chraobh so cheana seachad. Tha na mìltean do-àireamh ’an diugh ann an glòir a dh’ith de ’toradh, agus a fhuair i na “Craoibh na beatha” do’n anam. Tha na mìltean air thalamh a tha ’suidhe le sìth fo a sgàile agus ag itheadh de ’meas le aoibhneas; agus tha ’n t-àm a’ teachd anns an tig na slòigh sin uile a tha nis ga’n cur féin bàs le ùbhlan Shodoim gu leigheas iarraidh o a duileach—anns an sgaoil i a géugan àghmhor os ceann na talmhuinn uile gu léir. Tha e air ainmeachadh ’an so gu’n gabh èunlaith an athair fasgadh ann an géugan na craoibhe so: agus tha sinn ’an dùil gur e is seadh dha so gu’m faigh iadsan nach buin gu slàinteil do Eaglais Chrìosd sochairean aimsireil na bun—seadh a tha ’toirt fasgaidh dhoibh o dhoininn an léir-sgrios. Tha eachdraidh an t-saoghail a’ dearbhadh a’ cheud ni dhiubh so. Cha ’n ’eil dùthaich ’s an deachaidh rìoghachd Chrìosd riamh a shuidheachadh anns nach d’ fhuair uile mhuinntir na dùthcha sin àrd-bheannachdan uaithe—ann an riaghailtean cothromach, ceart a theagasg do no h-uachdarain—ann an seirc agus iochd a theagasg ’an tomhas do na h-uile; agus ’s ann le sealtuinn air an doinionn chruaidh de éuceart, fhòirneirt agus an-iochd de gach gnè a tha ’séideadh thar dhùthchannan Geintileach a chi sinn ciod am fasgadh a th ’air a mhealtuinn leòsan a tha ’chòmhnuidh ann an dùthchannan a tha da-rìreadh Crìosduidh, ’us gu’n teagamh is ann a chionn gu ’m bheil craobh so an t-soisgeil—mèur de’n Eaglais fhìor ann ar duthaich-ne a tha fasgadh air a dheònachadh dhuinn o’n stoirm sgriosaich [TD 386] sin a tha ’lomadh ’s a rusgadh earrannan eile de’n t-saoghal aig an àm. A rithis. Is ann gu cinnteach trìd na h-Eaglaise a tha’n saoghal aingidh gu léir air a ghleidheil gun a bhi air a thur-sgrios le ioma-ghaoith feirge Iehòbhah. Is ann a chionn gu ’m bheil an cruithneachd a’ fàs anns an dail nach ’eil an cogal air a ghrad-spìonadh gu a losgadh. Agus bu chòir do gach duine an fhìrinn so a thoirt fainear, II Theireamaid a nis beagan mu ’n dara cosamhlachd. Tha “taois-ghoirt” (laibhinn, no beirm, mar a theirear rithe ’an cearnan de ’r dùthaich) gu minic air a’ ghnàthachadh ann an droch sheadh ’s a’ Bhìobull—a’ ciallachadh truaillidheachd nàduir mhic an duine.—1 Cor. v. 7. Lùc. xii. 1. Galat. v. 9. Ach feudaidh ni aig am bheil caochladh bhuaidhean a bhi air a ghnàthachadh mar choimeas do chaochladh nithean. Tha’n nathair—’na nimh ’s na cuilbheart—’na samhladh air Sàtan. Ach tha Crìosd ag àithneadh d’a dheisciobuill a bhi cosmhuill ris an nathair ann an gliocas. Tha an Leòmhan anns gu’m bheil e’n sìor thòir air cobhartach na shamhladh air Sàtan mar an ceudna—ach anns gu ’m bheil e gaisgeil, buadhmhor, ’na shamhladh air Crìosd—“an Leòmhan de thréubh Iudah.” Mar so tha’n “taois-ghoirt” gu minic ’na samhladh air nàdur truaillidh mhic an duine a chionn gu ’m bheil i innte féin searbh, neo-bhlasda. Ach tha i ’na samhladh air gràs Dhé—air an Spiorad anns a’ chridhe a chionn gu’m bheil i a’ sìor-sgaoileadh air feadh a’ mhill thaois anns an cuirear i, ag atharrachadh a nàduir, a’ toirt a buaidhean fein dhà ann an tomhas, agus ga dheanamh fallainn, caoin, air dhòigh ’s gu’m bheil e maith gu lòn, ’s gu ’n gleidh e ùine fhada gun dolaidh seach mar a dheanamh e na thaois-mhine gun nì air bith anns an robh nàdur ùr—nàdur nach robh aige roimhe—a chur ’n a cheann. Tha “trì tomhasan mine” air an ainmeachadh ’an so, tha e coltach, a chionn gu’ robh ’an so tomhas co mòr s a bha ’m bitheantas air fhuinneadh aig aon àm, agus chi sinn gur h-e ’cheart urrad so a dh’ àithn Abraham do Shàra a dheasachadh ’n uair thainig na coigrich ro urramach ’ga choimhead ann an còmhnard Mhamre.—Gen. xviii. 6. Ach tha feadhain a tha ’faicinn ann an so iomradh air na trì earrannan sin a bha gu minic, o shean, air an deanamh de’n duine—anam, corp, agus spiorad. Ciamar air bith a tha so, ’s i ’n fhìrinn shònruichte a tha air a’ teagasg dhuinn ’s na briathran so—gu’m bheil rioghachd—no gràs—no spiorad Dhé anns gach anam ’s am bheil e a’ gabhail còmhnuidh ag atharrachadh, ’s ag ath-nuadhachadh a’ chridhe ’s a’ chaithe-beatha gu h-iomlan—gu’m bheil creidimh, cràbhadh, no diadhachd a’ cur seann nithean air cùl, agus a deanamh nan uile nithean nuadh ’s an duine sin ’s am bheil e. Agus an ceangal ris a’ cheud fhìrinn so tha e air innseadh dhuinn a thaobh na dòigh ’s am bheil an t-atharrachadh mòr so air a thoirt mu’n cuairt gur ann uigh air n-uigh a tha e air a choimhlionadh—gu’m bheil e ’sìor dhol air aghaidh gus am [TD 387] bheil an duine air a dheanamh “foirfe ann an naomhachd.” Tha’n taois-ghoirt a’ sìor oibreachadh—a’ sìor bheirmeadh gus am bheil i a’ drùghadh, agus a’ toirt atharrachaidh air a’ h-uile smùirnein de ’n mheall ’s an càirear i. Nach ro fhéumail do gach aon le’m miann dol a steach do rìoghachd Dhé na fìrinnean so ’thoirt fainear? Tha iad lìonmhor nach ’eil a’ toirt feairt air bith orra. Tha iad bitheanta a their Criosduidhean riutha féin nach leig leis an t-Soisgeul drùghadh ach air cuibhrinn glé bheag de’n inntinn, no de’n coluinn. Chithear iad aig am bheil an teangan a mhàin air an atharrachadh—a labhras gu leòir mu chreideamh, ach nach dean aon ghnìomh naomh no seirceil. Tha iad ann a rithis a tha ’gleidheil na laibhinn ’n an cridheachan mar a their iad: ach a’ toirt an ro aire nach bean i do an gnìomharan nas mò. Tha iad a’ sìor osnaich, a’ sìor achdain; ach cha dealaich iad car mionaid ri’n sannt, no ri’n éuceart. Tha iad ann mar an ceudna a ghleidheas ’n an làmhan i, ach a tha cùramach nach ruig i an cridheachan. Is iad so iadsan a ghlanas taobh a muigh a’ chupa; ach an taobh a stigh a tha làn truaillidheachd—iadsan a tha ’g earbsa as an gnìomharan féin arson fìreanachaidh, agus aig nach ’eil gràdh do Dhia, no creidimh ann an Crìosd. O! tha tha iad ro mhinic a leigeas le cumhachd, agus feartan na fìrinn drùghadh air earrannan de’n nàdur ’s de’n caithe-beatha ach a tha ’cur rompa gu n gleidh iad earrann no dha fo ghlais ’us iuchair dhoibh féin ’s nach toir iad an làn-mhaighstireachd air chor air bith do Chrìosd os an ceann. Chì sibh iad a sguireas de iomad droch cleachduinn ach a ghleidheas gu dlùth an t-aon a’s gràdhaiche leò—chì sibh iad air an tainig atharrachadh mòr ach a lean ri sannt, ’us saoghaltachd—feadhain eile a’ leantuinn ri fuath, farmad, agus cùl-chàineadh—feadhain eile ri breugan, ’s ri eusonoir—feadhain ri truaillidheachd na feòla—feadhain ri leisg, agus lunnd. A nis smaoinichibh air a so car mionaid—ciod ur barail air “duine spioradail” a tha saoghalta, talmhaidh, sanntach?—air “cloinn gràidh,” “sìth’,” agus “tròcair,” a tha fuathachadh am bràithrean, ga’m farmadachadh, ’us ga’n cùl-chàineadh?—air “cloinn fìrinn” a ghràdhaicheas ’s a dh’ innseas bréug?—air “ionracan” carach, sleamhain, cuilbheartach?—air “naomh” truaillidh, mi-gheanmnuidh?—air fear-leanmhuinn an “Tì iriosail, mhacanta, chiùin” a tha làn uaill, bòilich, ’us meud-mhòir?—no airsan air an do bhuilicheadh an “gràdh sin a tha thar gach tuigse agus eòlas” a tha co caoin-shuarrach, fuar, com-air-a-shon agus ged nach deantadh ni riamh air a shon—’s ged nach biodh e fo ’n chomain a bu lugha do neach beò—’s ged nach biodh nì fo’n ghréin aige r’a dheanamh ach itheadh, ’s codal? Tha e eagalach—tha e sgreataidh smaoineachadh air an leithidean so. Ach tha iad bitheanta. Thugamaid an dlùth aire nach faighear aon againne ’an àireamh chréutairean co mì-nàdurra. Thugamaid an aire gu’m bi “naomhachd do’n Tighearna” sgrìobhta air gach aigne, agus rùn—air gach smaoin, briathar, agus gnìomh—gu’m bi sinn [TD 388] naomh ann an cridhe ’s ann an caithe-beatha—gu’n glòraich sinn an Tighearna le r cuirp ’s le’r spioraid a bhuineas faraon dhàsan oir gun so cha dìlinn a theid sinn a steach do’n ionad naomh. Tha iad ann a rìthis a tha ’leigeil le cumhachd na fìrinn’ drùghadh orra car grathuinn de’n aimsir—theagamh bliadhna no dhà; ach a tha ’n sin a’ cur casg oirre ’s nach ceadaich dh’i an t-atharrachadh a’s lugha thoirt orra ’na dhéigh sin. Chunnaic sinn iad a bheireadh ’n ar cuimhne daoine a bha aon uair ’n an cloinn a’ coimhead slàn, fàs-mhoir, gealtanach gu leòir, agus car ùine a bha sineadh ’s a’ fàs mar an co-aoisean ach bha grad stad a’ dol air an cinneas—bha iad a’ tiormachadh ’s a’ cruadhachadh, agus a’ marsuinn ’n an troichean—nan tàchrain leibideach ré an làithean. Mar so tha iad ann a tha réir coltais a’ gabhail ris an t-soisgeul, agus a’ tighinn air an aghaidh car ùine ann an eòlas ’s ann am maitheas, ach tha iad a’ gabhail eagail gn’n teid iad tuille us fada air an aghaidh. Tha iad a’ stad far am bheil iad agus cha ’n fhaic thu iad ré am beatha a’ tighin air aghaidh ann an aon subhailc, no gràs—a’ dol a bheag no mhòr nas fearr na bha iad fichead bliadhna roimhe. A nis tha iad so ’an làn-bheachd gur Crìosduidhean iad—gu’m buin iad do “rìoghachd Dhé” gun teagamh sam bith. Ach am bheil an cor-san a’ freagairt do’n chunntas a tha aguinn ann an so o bhéul an Fhir-shaoraidh orrasan anns am bheil “rìoghachd Dhé” air a cur a suas? Cha’n ’eil gu cinnteach; ’s cha’n ’eil e co-fhreagairt do aon chunntas, no samhladh a tha aguinn ré na fìrinn air fìor iompachain—air fìreanan. Tha iad so, cha’n e a’ stad nam fàs aig meudachd cloinne, ach a’ tighin gu làn-àirde an duin’ iomlain ann an Crìosd. Tha gach ball agus alt de’n chorp uile a’ tarruing beatha o Chrìosd an ceann, agus a’ fàs le fàs Dhé. Col. ii. 19. Tha iad, cha’n ann mar rionnaig fhuair sheasmhaich na h-oidhche a chì thu mar chùirnein soluis aig a’ cheud sealladh, agus nach toir lèus tuille dhuit ged a choimhideas tu orra gu meadhon-oidhche, ach mar sholus blàth, boillsgeach na gréine, a thu o cheud chaoin-ghath caomh na maidne a’ dealradh air a h-aghaidh ann an solus, ’s ann am blàthas gus an tig i gu làn dhearsadh glòrmhor, ait, a mheadhon-là. Tha iadsan, cha’n mar chraoibh-chrìonaich—mar chrogan ’s a’ chruadhalach nach sìn faillein, nach sgaoil géug ri linn, ach mar ùr-chrann uaine ri taobh na h-aimhne a tha fàs gu dosrach, reachdmhor, ’s a bheir ’na aimsir toradh trom. Na mealladh-maid sinn féin. Far am bheil “rìoghachd Dhé”—focal na fìrinn—fìor-ghràs, no creidimh idir air a chàradh anns a’ chridhe tha e ’sìor bhuadhachadh air na h-aignidhean, air na smaointean, air a’ chainnt, air a’ chaithe-beatha. Cha’n ’eil e ’marsuinn fuar, no marbh. Cha’n ’eil e ’stad aig crìochan àraidh, agus a’ fàgail a’ chòrr de’n fhearann ’an làmhan an nàmhaid. Tha e ’gabhail seilbh ’s an iomlan, agus bheir e e fo làn smachd do’n Rìgh dhligheach. Tha e ’gabhail greim de’n duine gu léir, agus a choisrigeadh do Dhia trìd Chrìosd. [TD 389] Biomaid air ar ro fhaicill matà nach tionndaidh sinn gràs Dhé gu neo-brigh—nach cuir sinn ann an aghaidh na fìrinn—nach mùch sinn Spiorad Dhé. O! thugamaid sinn féin gu h-iomlan a suas do Dhia a’ guidhe gu’m fìreanaicheadh e sinn ann an ainm an Tighearn’ Iosa, gu’n glanadh, agus gu’n naomhaicheadh e sinn le ’Spiorad féin; agus biomaid gach là a’ fàs ann an gràs—a’ dol air ar n-aghaidh o neart gu neart. Mar so a mhàin taisbeanar sinn foirfe ann an Sìon—mar so taisbeanar sinn naomh agus neo-lochdach ’na làthair-san le aoibhneas; oir biodh fìor chreideamh againn eadhoin mar ghràinne de shìol mustaird—caitheamaid ar beatha da rìreadh fo chumhachd a’ chreidimh so, agus gheibh sinn buaidh, seadh tuille agus buaidh. Leanamaid da rìreadh rùn, agus aobhar Chrìosd do’r taobh féin agus a thaobh dhaoin’ eile ’s cha’n ’eil air thalamh no ’an ifrinn na bhacas sinn. F. B. III. MINEACHADH AIR BRIATHRAN AN ABSTOIL PHOIL MU MHELCISIDIC. “Oir b’e am Melchisidec so rìgh Shàleim, Sagart an Dé a’s ro àirde neach a choinnich Abraham a’ pilltinn o àr nan ríghrean, agus a bheannaich e; da’n tug Abraham eadhoin deachamh de’n uile: neach a’s e air tùs air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus ’na dhéigh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, ’s e sin rìgh na sìthe; gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dheanamh cosmhuil ri Mac Dhé, tha e fantuinn ’na Shagart gu sìorruidh.—Eabh. viii. 1—4. Leugh an caibdeal gu leir. THA aguinn ann an so cunntas a tha da rìreadh iongantach; agus a thog, ’s a tha a’ togail mòr ionghnaidh ’am measg luchd-léughaidh a’ Bhìobuill. Chaidh iomadh leabhar a sgrìobhadh ann am mìneachadh nam briathran so, agus tha lìutha barail mu ’n seadh ’s gu’n lìonadh e Aireamh de’n “Fhear-thathaich” an ainmeachadh fa leth. Tha lìònmhoireachd dhiubh co fad’ o thuigse ’s o chéill—co buileach gun bhun, gun bhàrr, agus nach fiù iad iomradh a thoirt orra. Ach tha aon bheachd a dh’ainmicheas sinn a chionn gu’m bheil e coitchionn gus an là ’n diugh—’s e sin gu’m b’e Melchisedec dara pearsa na Trianaid bheannaichte—a’ gabhail còmhnuidh anns an fheòil—’ga fhoillseachadh féin mar dhuine anns na làithean o shean mar a rinn e anns na làithean deireannach. A nis cha ’n abair sinn ’an aghaidh a’ bheachd so ach gu ’m bheil làn dearbhadh anns an treasa rann de’n chaibdeal far comhair nach urrainn dha bhi fìor. Tha e air a ràdh ’n sin gu ’n d’ rinneadh Melchisedec “cosmhuil ri Mac Dhé,” agus cha’n urrainn e bhi air a ràdh gu’n robh Mac Dhé air a dheanamh cosmhuil ri Mac Dhé. Far am bheil coimeas air a ghnàthachadh féumaidh e bhi gu ’m bheil dà nì air an cur fa chomhair a’ chéile gu bhi air an co-mheas [TD 390] —air an samhlachadh ri chéile; agus an uair a tha Pòl ann a so a’ coimeas sagartachd Mhelchisedec ri sagartachd Chrìosd féumaidh e bhi gu’m bheil dà nì agus dà phearsa aige ’s an amharc; oir mar aidich sinn so tha sinn a’ deanamh a bhriathran gun seadh, gun bhrìgh air bith. Ach cò ’b’e Melchisedec matà? Tionndaibh gus an ceathramh caibdeal deug de leabhar Ghenesis, agus léughaibh rannan 18, 19, 20. Ann an sin tha cunntas soilleir, so-thuigsinn aguinn; gun choltas dìomhaireachd, no diùbhrais air bith. Bha ann an so duine urramach a bha ’na rìgh os ceann earrainn bhig de Chanàan—’na rìgh air Sàlem an t-àite air an an tugadh Ierusalem mar ainm fada ’na dhéigh so, agus air dhà cluinntinn mu ’n ghnìomh ghaisgeil a rinn Abraham—agus gnìomh a bha ro fhéumail do’n dùthaich—ann an smachdachadh goirt a thoirt air buidhinn de na cinn-chinnidh sin mu’n cuairt a bha ri creachadh ’s ri spùinneadh air an comhearsnaich chaidh e ’mach o thigh a dh’fhàilteachadh Abrahaim a thoirt aoidheachd dha féin ’s d’a dhaoine—ann an aon fhocal a nochdadh caoimhneis dha. Ach bha’n duine so ’na Shagart co maith agus na Rìgh, ni a bha bitheanta ann an céud linnean an t-saoghail, agus thug Abraham dhasan mar Shagart an deicheamh cuid de’n chreich a ghlac e air ais á lamhan nan creachadairean ud. Rinn e so mar ghnìomh cràbhaidh, agus taingealachd do Dhia, agus ghabh Melchisedec ris an deachamh, agus bheannaich e Abraham. Ann an so tha gach ni soilleir gu leòir; agus a nis tionnda’-maid gus an deicheamh Salm thar a’ cheud (cx. 4.). Ann a’ sin tha Dàibhidh air dha bhi fo theagasg an Spioraid a’ deanamh fàidheadarachd mu Chrìosd ag ràdh, “Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is Sagart thu gu bràth a réir orduigh Mhelchisedec.” Ann an so cha’n ’eil e air a chur an céill ach gu’m biodh sagartachd Chrìosd ann an cuid de nithean cosmhuil ri sagartachd Mhelchisedec. Cha’n fhaigh sinn an t-iomradh a’s lugha air an duin’ urramach so fad a’ Bhìobuill tuille gus an tig sinn gu litir nan Eabhruidheach; agus is iad na briathran ’s an t-seachdamh caibdeal a mhàin a tha duilich a thuigsinn an sin. Tha ’n cunntas so aig a’ cheud sealladh gun teagamh air bith duilich a thuigsinn; ach sealladh-maid air ciod mu’m bheil an t-Abstol an so gu h-àraidh a’ labhairt, ciod a tha e feuchainn ri dhearbhadh, agus ni so cuideachadh leinn ’n a bhriathran a thuigsinn. Is ann gu Eabhruidhich, no Iudhaich a bha Pòl a’ sgrìobhadh, agus ’s e ni sònruichte a tha e strì ri leigeil ris dhoibh, gu’m bheil an Soisgeul—“am frithealadh nuadh” a thugadh a steach le Crìosd fada nas luachmhoire na’n Lagh, no an seann fhrithealadh. Tha e ga dhearbhadh so gu sònruichte le àrd-urram agus glòir Chrìosd, “Eadar-mheadhoinear a’ Chumhnainte nuaidh” a chur an céill dhoibh. Bha iadsan a’ deanamh uaill as an Lagh a thugadh dhoibh tre fhrithealadh nan Ainglean—Galat. iii. 19,—Eabh. ii. 2. Tha Pòl a’ dearbhadh gu’n robh Crìosd fada os ceann nan Ainglean [TD 391] “anns a’ mheud ’s gu’n d’ fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro fhearr na iadsan, oir co de na h-aingil ris an dubhairt e Is tu mo Mhac.” &c.—Eabh. i. 1—9. Bha na h-Iudhaich a rìs a’ deanamh mòr uaill á Maois neach a shònruicheadh le urrad de fhàbhar ’s de chàirdeas Iehòbhah. Tha Pòl a’ dearbhadh gu’n robh Crìosd ann an urram, ’s ann an cumhachd fada os ceann Mhaois a chionn nach robh ann am Maois ach seirbhiseach ’an tigh Dhé, agus gu’m b’ e Crìosd, mar a dhearbh e cheana, Mac Dhé.—Faic an treasa caibdeal o’n toiseach gus an t-seachdamh rann. Bha na h-Iudhaich a’ deanamh mòr earbsa as an t-sagartachd sin a chuireadh a suas air an son le Dia, agus gu h-àraidh as an àrd-Shagart a bha ’dol a stigh uair ’s a’ bhliadhna gu làthaireachd Dhé anns an ionad a bu ro naoimhe. Tha Pòl ann an iomad dòigh a’ leigeil ris gu’n robh Ard-Shagart na h-aidmheil Chrìosduidh gun choimeas air thoiseach air àrd-Shagart an Lagha—anns gu’n robh e naomh agus gun fhéum air iobairt air a shon féin—anns gun tug e suas aon ìobairt a bha deanmh foirfe na muinntir a bha cur an dòchais innte—gu’n tug e mar so sìth coguis agus sochairean àrd, agus maireannach dhoibh—anns gu’n deachaidh e ’steach do’n fhìor ionad naomh—do nèamh nan nèamhan—anns gu’m bheil e beò an sin a’ deanamh eadar-ghuidhe arson a shluaigh, agus an lorg nan nithean so uile gu’m bheil e comasach air tèarnadh chum na cuid a’s faide gach aon a thig a chum Dhé trìd-san. Ach tha sinn ann an so a’ dol thairis air an t-seachdamh caibdeal, agus air na briathran fa’r comhair. Tillidh sinn riuth matà, agus cuimhnicheamaid gur h-ann a’ dearbhadh gu’n robh Sagartachd Chrìosd na b’fhearr, na bu bhuadhmhoire, ’s na b’ urramaiche na bha ’n t Sagartachd laghail—Sagartachd nan Léibhiteach a tha Pòl ann an so. Thòisich e air so a leigeil ris aig a cheathramh rann deug de’n cheathramh caibdeal. Tha e a’ leantuinn na cùise co fhada agus an deicheamh rann de’n chuigeadh caibdeal. Tha e an sin, mar is cleachdta leis, a’ tionndadh a thaoibh car tiota a thoirt seachad earailean, agus theagasgan féumail a tha a’ sruthadh o’n fhìrinn a tha e a’ dearbhadh. Tha e a’ leantuinn nan earailean gus an fhicheadamh rann do’n t-seathadh caibdeal, ’an sin tha e ’tilleadh air ais ris an argumaid a dh’fhàg e, agus ga giùlan air a h-aghaidh gus an treasa rann thar an fhichead de’n deicheamh caibdeal. ’S i an fhìrinn a tha fa chomhair òirdheirceas Sagartachd Chrìosd thar sagartachd nan Lébhiteach. Agus ciamar a tha e ga dhearbhadh? Tha ’n toiseach leis na briathran a labhair Dia fada fada roimhe so, “Is Sagart thu gu sìorruidh a réir òrduigh Mhelchisedec.”—Salm cx. 4. Bha na briathran so air an labhairt mu’n Mhessiah—mu aon Ungta Dhé—mu Shlànuighfhear a’ chinne-daonna; agus annta so tha Dia ag ràdh gu’m biodh ’aon Ungta-san na Shagart, cha’n ann a réir òrduigh nan Lébhiteach—’s e sin riaghailtean, laghannan, agus cleachduidhean nan Lébhiteach—ach a réir òrduigh—a réir riaghailtean agus cleachdaidhean Mhel- [TD 392] chisedeic. A nis gun dol nas faide, bha Pòl ann an so a’ dearbhadh do na h-Iudhaich o’n Sgriobtur sin do’n robh iad a’ toirt urraim nach b’ e rùn Dhé riamh gu’m biodh frithealadh an lagha sìor-mhaireannach, no gu’m biodh luchd-aoraidh air an deanamh foirfe leis—gu’n d’innis e féin le béul fhàidhe gu’n “robh an t-Sagartachd ri bhi air h-atharrachadh,” “agus Sagart eile ri éiridh suas.”—Eabh. vii. 12. Bha sagartachd na b’ fhearr air a gealtuinn le Dia féin, agus mar so bha iadsan ’am mearachd mòr, agus buileach ann a bhi leantuinn ris an fhrithealadh sin a chuir Dia air cùl. Ach a thuille air a so tha Pòl a’ leigeil ris o bhriathraibh Dhé gu’n robh Sagart a b’ àirde ’s a b’ fhearr na aon de shliochd Lébhi ri tighin a chum sluaigh Dhé, ach tha e a bhàrr air a so a’ toirt soilleireachadh air cuid de nithean mu ’thaobh le a choimeas ri aon a bha “’na shagart do’n Dia ’bu ro àirde,” fada mu’n deachaidh aon de shliochd Lébhi a chur air leth arson an dréuchd so, le ràdh gu’n robh e a réir òrduigh Mhelchisedeic—’s e sin cosmhuil ris-san ’na thaghadh a chum an dréuchd, cosmhuil ris-san ann am marsuinn ’s an dréuchd ré a bheatha. Agus tha so ’g ar toirt gus na nithean a tha air an ainmeachadh mu Mhelchisedec mar nithean anns an robh e air leth o na Lébhitich. Bha e gun athair, gun mhàthair, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha. Cuimhnicheamaid gur h-ann mar Shagart a mhàin—nach ann mar dhuine a tha Melchisedec ’an so air ainmeachadh. Cha ’n ’eil e fìor mu dhuine ’bha, no bhitheas—cha’n ’eil e fìor mu aingeal ann an nèamh—mu chreutair sam bith gu’m bheil e “gun toiseach làithean ’s gun deireadh beatha” ann an làn sheadh nam briathran sin. Uime sin cha’n urrainn gu’m bheil iad air an labhairt mu Mhelchisedec mar dhuine, ach feudaidh iad a bhi air an labhairt uime mar Shagart, agus is ann mu a Shagartachd a mhàin a tha Pòl ann an so a’ reusonachadh. A nis gu seadh na cainnte so thuigsinn sealla’maid car tiota air “òrdugh,” air riaghailtean-taghaidh agus seirbhis nan Sagartan Lébhiteach. 1. An toiseach, bha iadsan gun teagamh air bith air an taghadh ’s air an cur air leth chum na Sagartachd air sgàth “an aithrichean ’s am màthraichean”—air sgàth an “sinnsireachd.” Bha iad air an deanamh nan Sagartan, cha’n ann a chionn gu’n robh iad naomh, agus iomchuidh annta féin, ach a chionn gu’m buineadh iad do’n trèubh sin a chuir Dia air leth arson an dreuchd; agus cha b’ urrainn aon neach dhiubh dol a steach gu dreuchd na Sagartachd gun a dhearbhadh gu’n robh a shinnsireachd a’ ruigheachd gu Lébhi.—’S e ’n sinnsireachd matà tre ’n robh iadsan a’ faghuinn na Sagartachd. 2. A rithis, cha robh na Lébhitich ri tòiseachduinn air frithealadh aig a’ phàilliun gus an robh iad deich bhliadhn’ thar fhichead a dh’ aois; agus bha iad ri sgur dh’e co luath ’sa ruigeadh iad leth-cheud bliadhna.—Air. iv. 3, 23, 35, 43, 47. Chi sinn a rithis (Air. viii. 24, 25.) gu’n robh iad ri inndrinn air an t-seirbhis aig cuig [TD 393] bliadhna fichead a dh’aois, ach ri sgur dh’i aig leth-cheud. Chi sinn ri linn Dhaibhidh gu’n robh iad air an gabhail a steach aig aois fichead bliadhna (1 Eachd. xxiii. 24, 27.—2 Eachd. xxxi. 17); ach o gach earrainn dhiubh so chi sinn gu’n robh “toiseach làithean, agus deireadh beatha aca” mar Shagartan. Cha robh e air a cheadachadh dhoibh dol a steach air an t-seirbhis gus an d’ rainig iad “làithean” àraidh, agus ’nuair a rainig iad aois àraidh eile bha iad air an cur a mach as an t-seirbheis. A nis anns an dà nì so bha Melchisedec eu-coltach ris na Lébhitich, agus na b’ urramaiche na iad. (1) Cha ’n ann air sgàth ’athar no ’mhàthar ach air a sgàth féin a bha e air a chur air leith. Cha ’n ’eil cunntas cò ’b’ athair dha, agus mar so mar shagart (an t-aon sealladh a tha ’n so air a ghabhail air) bha e “gun athair gun mhàthair.” (2) Nas faide—cha ’n ’eil e air innseadh dhuinne gu’n robh e air a dhruideadh a mach o’n t-sagartachd gus an tainig e gu aois àraidh, agus a rìs air a chur air cùl a chionn gu ’n robh e air fàs fann, agus mì-iomchuidh arson a dhreuchd. Bha e na Shagart fhad s bu bheò e. Fhad ’sa tha cunntas aguinn air mhair e ’na Shagart. Cha ’n ’eil guth air e ’sgur dh’i. Tha Melchisedec anns na nithean so nas urramaiche na bha aon de thrèubh Lébhi. Agus ’s ann ’s an dà nì so a bha e ’na shamhladh air Ard-Shagart ar n-aidmheil-ne—air Crìosd. Bha Crìosd air a thaghadh, cha ’n ann air sgàth a shinnsireachd thalmhaidh—cha ’n ann a chionn gu’m buineadh e do thrèubh Lébhi; oir is ann do Iudah a bhuineadh e a reir na feòla.—Eabh. vii. 14. Bha e air a thaghadh a chionn gu’n robh e iomchuidh—gu’n robh esan a mhàin iomchuidh arson na h-oibre mòir ud—réite ’dheanamh eadar Dia agus daoine. Agus bha e “gun toiseach làithean” mar Shagart—oir b’ e “Uan Dhé air a mharbhadh o leagadh bunaitean an domhain.”—Taisb. xiii. 8. Gu cinnteach tha e “gun deireadh beatha,” oir “tha e beò gu sìorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh.”—Eabh. vii. 25. Feudaidh sinn matà a chùis a chur gu h-aith-ghearr mar so:—“Tha ’n t-sagartachd as am bheil sibhse Iudhacha a’ deanamh earbsa diombuain, caochlaideach, agus bàs-mhor. Bha sagartachd ann air thoiseach oirre nach robh neo-fhoirfe mar so. Bha Melchisedec a’ seasamh ann am fianuis Dhé mar Shagart taitneach dha—cha’n ann air sgàth a thrèubh, no a shinnsireachd, ach ann féin; agus mhair e ’na Shagart fhad ’s bu bheò e. Bha Ard-Shagart air a ghealtuinn le Dia a bhiodh cosmhuil ris anns na nithean so—a bhiodh freagarach arson a dhreuchd, agus a mhaireadh anns an dreuchd ré a bheatha. ’S e Crìosd an t-Ard-Shagart so. Tha esan beò gu sìorruidh. Tha e mar sin gu neo-chaochlaideach na Shagart, agus air dha bhi mar so tha e ‘comasach air tèarnadh gu h-iomlan;’ ’s bu chòir dhuibhse gabhail ris, agus dol a chum Dhé trìd.” Tha sinn ann an dòchas gu’m bheil ann an so mìneachadh air na briathran so a tha a réir na fìrinn agus a thuigeas ar luchd-léugh- [TD 394] aidh. Ach feudaidh sinn sealladh eile thoirt air a’ chùis, ged theagamh a bhios cuid cheana sgìth de na thubhairt sinn. Tha trì linnean mòra, no trì dòighean ‘frithealaidh’ ann an Eaglais Dhé air thalamh. 1 Linn nam Prìomh-aithrichean. 2 Linn an Lagha. 3 Linn an t-Soisgeil. Bha na nithean a bha Dia a’ foillseachadh ré na dà cheud linn nan samhlaidhean, agus nan sgàile air na nithean riochdail a bha e ri ’dheanamh aithnichte ann an lànachd—ann an coimhlionadh—na h-aimsir. Tha aguinn anns a’ cheud linn dhiubh so duine ’bha na shamhladh ro shoilleir air Chrìosd. Bha e na Rìgh Fìreantachd agus Sìthe. B e ainm féin Rìgh (Melek) na Fìreantachd (Tsedec); agus b’ ainm a rìoghachd Sìth (Sàlem): agus bha e na Shagart taitneach do Dhia ré a bheatha. Bha ré na dara linn samhlaidhean na bu mhine air an toirt “airsan a bha ri teachd;” ach cha robh annta sin—mion ’s mar a bha iad—ach sgàilean mar an ceudna. Agus dh’ innis Dia ’n uair a gheall e gu’n togadh e suas Sagart cosmhuil ri Melchisedec nach robh ann an ìobairtean an Lagha ach sgàile. Thainig an Tì a bha air a ghealtuinn—Crìosd a tha na Rìgh Fìreantachd agus Sìthe—a bha na Shagart o thùs, agus a mhaireas na Shagart gu bràth. No aon mhìneachadh eile. Tha na h-Iudhaich a’ diùltadh gabhail ri Sagart air bith gu réite dheanamh ri Dia air an son ach Sagart a tha anns gach nì a’ co-fhreagairt do na riaghailtean a thugadh seachad le Maois—a tha o shinnsireachd dhligheach, agus a tha aig an aois dhlighich. Ach chi sinn gu’n robh Sagart ann nach robh a’ co-fhreagairt do aon diubh sin—aig nach robh a shinnsireachd nan sagartan, agus nach d’ fheith gu aois àraidh ’na gabhail d’a ionnsuidh, no ga leigeil dh’e. Ach tha Dia ag ràdh gur h-ann mar so—a réir an òrduigh so—a bhiodh Ard-Shagart na slàinte. Uime sin tha e amaideach dhoibhsan, a réir nan nithean a tha iad féin ag aideachadh, a bhi leanmhuinn ri deas-ghnàthan an dara frithealaidh, agus a bhi diùltadh an Tì sin a tha làn fhoghainteach gu’n tèarnadh. Tha sinn a’ cur an dà sheallaidh so mu dheireadh fa chomhair ar luchd-léughaidh; ach ’s e ar beachd gur e a’ cheud mhìneachadh a thug sinn seachad am mìneachadh ceart. Tha fios aguinn gu’m bheil e furasda coireannan fhaotuinn dha: oir tha’n earrann so de’n Sgriobtur gun teagamh duilich a làn shoilleireachadh. Cha ’n ’eil aguinn ri ràdh ach gu’n tug sinn seachad am mìneachadh a’s fearr a’s aithne dhuinn. Ma chuireas aon de’r luchd-léughaidh tuille soluis air a’ chùis bithidh sinn ’n an comain. A chum ’s nach togar ’am mearachd sinn theireamaid ’an uair a tha sinn ag ràdh gu’n robh “Melchisedec ann féin taitneach do Dhia,” gu’m bheil sinn a’ ciallachadh gu’n robh e, cha ’n e maith, no naomh a thaobh nàduir, ach gu’n robh e air a sgeadachadh le gràsan o Dhia—gu’n robh e air a dheanamh “taitneach anns an Aon ghràdhach,” agus air a naomhachadh le Spiorad Dhé. Mar so gu’n robh e mar tha air a ràdh mu Noah, Iob, agus mòran eile, ’na fhìrean agus ’na ionracan. [TD 395] ’S ann ’an coimeas ris na Sagartan Lébhiteach a tha sinn a’ labhairt uime; agus ’s e tha sinn ag ràdh gu’n robh Dia a’ gabhail riusan mar Shagartan—cha’n ann mar anama fa leth—air sgàth an “sinnsireachd”—air sgàth an teaghlaich de’n robh iad—ach gu’n robh e ’gabhail ri Melchisedec air sgàth nan gràsan ’s nam buadhan a thug e féin dha. A rithis, theireamaid nach ’eil sinn a toirt làn, no leth-mhìneachadh air na caibdeil sin air an tug sinn tarruing ann an so. Tha sinn a’ mìneachadh aona chuibhrinn dhiubh a mhàin—toiseach an t-seachdamh chaibdeil—agus cha’n ’eil sinn a’ gabhail gnothaich ri earrannan eile ach fhad ’s a tha iad a’ tilgeadh soluis air a so. Tha sinn dìreach a’ leanmhuinn aon snaithne feadh an iarna—cha’n ann a’ réiteach an iarna gu léir, agus snaomeannan eile cha ’n ’eil sinn a’ feuchainn ri fuasgladh ach fhad ’s a tha sin feumail gus an snaithne tha ’nar làimh a leigeil mar sgaoil. Cha bhuin dhuinn co-dhùnadh gun ghuidhe air ar luchd-léughaidh an aire, agus an uile chridhe a thionndadh ris an Ard Shagart ghlòrmhor, agus ghràsmhor a tha so air a dheanamh aithnichte dhòibh. ’S e an t-aon Eadar-mheadhoinear eadar Dia agus daoine. Ainm eile cha toirear fo nèamh tre an urrainn peacach a bhi air a thèarnadh ach ’ainm-san a mhàin. Cha teid neach gu dìlinn a chum an Athar ach trìd-san. Ach tha e comasach, agus tha e toileach air tèarnadh chum na codach a’s faide gach aon a theid a chum Dhé trìdsan; oir tha e beò gu sìorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air arson. Rachamaid matà le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs a chum ’s gu’m faigh sinn tròcair, ’s gu’n amais sinn air gràs chum cobhair ann an àm an fhéuma. F. B. IV. LITIR O CHOIGREACH ’S AN EILEIN SGIATHANACH. FHIR-THATHAICH. Tha mi’n dòchas gu’m feud an cunntas beag a leanas a bhi féumail ’an tomhas beag, no mòr do neach-eigin d’ur luchd-léughaidh, agus bho na tha sibh a ghnàth ’cur a sìos nithean a tha féumail cha’n ’eil teagamh agam nach toir sibh àite dhà. Tha e fada, fad’ o m’ rùn aobhar oilbheum a thoirt do sheòrsa, no do neach air bith; agus uime sin fanaidh mi co fada o gach fàth strì, no connsachaidh ’s a cheadaicheas an fhìrinn domh. Bha mi car mòran de’m làithean mar a bha, ’s mar a tha, na mìltean éutrom, amaideach, aingidh; agus ged a bheireadh mo choguis air uairibh breab fhann aisde cha robh feairt ga thoirt oirre ach ré ùine ghoirid, agus bha’n nàdur truaillidh a’ sìor-philleadh gu ’sheana chleachdaidhean féin. Mar so mhair mi car ioma bliadhna; ach mu dheireadh “fhuair mo pheacaidhean a mach mi.” [TD 396] B’e toil an Tighearna mo leagadh air leabaidh na h-easlainte le tinneas a bha ro chunnartach, agus a’ bagradh mo ghearradh as ’am beag ùine. Dh’ éirich mo chleachdaidhean peacach a suas fa chomhair mo shùl ’n an làn chionta—fhuair mi sealladh soilleir mar an ceudna air naomhachd, ’s air ceartas neo-chrìochnach Iehòbhah; agus lìon iad le uamhas, agus ball-chrith mì. Cha robh ach duibhre, agus gàbhadh, agus oillt ga m’ chuartachadh air gach taobh, agus bha feartan m’ anama gu léir, feumaidh mi ràdh, cosmhuil ri sgiobai bàta a bhuaileadh air sgeir ’s an oidhche dhorcha, ghaillionnaich. ’An déigh dhomh bhi car seachdainn, no tuille, ’s an staid thruaigh so, agus mi ’feuchainn a ghnàth ri tagradh ri mo Dhia mar a b’fhearr a leigeadh mo laigse agus mo gheilt leam thainig fa dheireadh a steach air m’ anam tuil de shòlas nach dì-chuimhnich mi am feadh a bhios bith agam. Thaisich mo chridhe—shil mo shuilean mar thobar uisge ann am cheann, agus bha mi saoilsinn gu’n robh mi làn thoileach a bhi maille ri’m Fhear-saoraidh air ball. Anns an t-suidheachadh so eadar eagal, ’us sòlas mhair mi latha no dhà, agus bha m’ ùrnuighean na bu choltaiche ri laoidhean molaidh na ri ùrnuighean gnàthaichte. B’iad na Sailm, Dàn Sholaimh, agus caibdeil shònruichte eile na h-earrannan de’n fhocal a bha ’tarruing m’ aire gu h-àraidh aig an àm, agus a’ toirt mòr chomhfhurtachd dhomh. B’ e nis toil an Tìghearna mo thinneas a lughdachadh, agus thòisich mi ri dòchas altrum gu’m biodh mo làithean air an sìneadh. B’ i ùrnuigh mo cheòl, agus mo chuideachd; ’s bha mi air mo lìonadh le dian iarrtas gu’m bithinn air m’aonadh ri Crìosd. Aig amannan gidheadh mhothaichinn dorchadas, mòr-eagal, agus as-creideamh air chor is gu’m bithinn a’ saoilsinn nach robh ach mealladh anns na bha mi ’faireachduinn o thoiseach, agus bha mi’n sin truagh thar tomhais. Ach chuireadh e gu’m ghlùinean mi, ’us gu spàirn na bu déine, air dhòigh ’s gu’m faghuinn aig iomad àm mo bheul air a lìonadh le h-argumadain gu tagradh, agus mu dheireadh am fairichinn gràdh ga’m chuartachadh—comhfhurtachd, agus sìth air an toirt domh. Cha b’fhada gus an tigeadh dorchadas, agus teagamh a rìs; ach a h-uile fuasgladh riamh a fhuair mi ’s ann o ùrnuigh a fhuair mi e. Tha beachd agam air coimeasgadh mòr de aoibhneas ’s de bhròn fhaghuinn uair ’us uair bho Ieremiah, xxxi. 18—20; agus o’n t-seathadh Sailm. Ach mu’n àm so thachair nì sònruichte dhomh nach urrainn dhomh dhi-chuimhneachadh ’am feasd. Air dhomh bhi ’g ùrnuigh ’an àite dìomhair ’an déigh do dhaoine ’m bitheantas gabhail mu thàmh thainig a leithid de dh’ eagal ’us de uamhunn air m’intinn ’us gu’m b’ fheudar dhomh sgur de ùrnuigh, agus an t-àite fhàgail air bàll. Dh’fhairich mi fallas fuar a’ tighinn troimh m’ chraiceann, agus m’ fhalt coltach ri bhi ’g éiridh air mo cheann: ’us sin mar gu ’m b’ eadh o mhothachadh gu’n robh an nàmhaid mòr na sheasamh ri m’ thaobh. Co dhiùbh ’bha so ’na innleachd uaithe-san, no dh’ éirich e o laigse mo chàileachd, ’s mo nerves féin cha’n urrainn dhomh a ràdh. ’Na dhéigh so thachair [TD 397] e gu minic ’n uair a bhithinn eadar mo chadal ’us m’ fhaireachadh air mo leabaidh gu’n tigeadh focal suarrach, eas-urramach mu thimchioll Chrìosd mar shaighead aig luthas troimh m’ intinn. Dhùisginn a suas le clisge, ’us bhiodh bròn ’us cadal luaineach agam ré na bhiodh romham de’n oidhche. Ri ùine bha m’ eagal a’ dol na bu lugha; ach thòisich mi ri cruadhas mo chridhe fhaireachduinn gu trom. Bha mi ’m beachd gu’n robh e na bu mheasa na bha e roimhe agus mòran na bu mheasa na cridhe duin’ air bith eile, agus is iomad osna throm a tharruing so o m’ chliabh. Ach glòir do Dhia! gheibhinn daonnan lasachadh agus tomhas de shìth ann an ùrnuigh. A dh’ aindeoin so bha mo smuaintean gu minic a’ cur mòr chùram orm, oir bha iad gu tric a’ ruith air tòir diomhanais shaoghalta mar a b’àbhaist dhoibh. Ach tha mi ’gabhail gnè de mhisnich o bhi faireachduinn nach b’e mo mhiann aontachadh leò ann a bhi mar so a’ tionndadh ri amaideachd. Ghabh mi aig an àm so stigh am beachd, ma bha mi air m’ iompachadh gu’m féumadh naomhachd air am bithinn féin mothachail tòiseachdainn annam air ball. Ach fhuair mi pàirt sholuis air a’ phuinnc so o Ephesians, ii. 3. “Am measg an robh aguinn uile mar an ceudna ar caithe-beatha roimhe so, ann an anamiannan ar feòla a’ deanamh toil na feòla, agus nan smuainte;” oir thuig mi gu’m robh dealachadh mòr eadar na smaointe ’bhi a làthair, agus a bhi ’deanamh toil’ nan smuainte, agus air dhomh a bhi ’léirsinn nach robh mise ’géilleachduinn do ’n toil, ghlac mi misneach uaithe so. Dh’fhairich mi dìth mòr ré nan deuchainnean so uile anns nach robh comhairliche, no caraid dlùth dhomh ri’m b’ urrainn dhomh m’ intinn fhosgladh gu saor. Ach bha anns a’ choimhearsnachd aon duine a bha na fhear-aidmheil na diadhachd, agus a thuille air a so a bha na fhear-teagaisg do chàch—duine, bha mi ’creidsinn, agus bu mhiannach leam fathasd a chreidsinn, a tha na dhuine maith; ach cha bhuineadh e do’n eaglais a bha mise ’leantuinn. Ris-san chuir mi mo chomhairle; agus is ann le mòr-ioghnadh a chunnaic mi nach searmonaicheadh esan a mach as a chùbaid féin! ’s nach robh ’bheag de chmhairle aige r’a thoirt seachad do neach a bha’n taobh-a-muigh de bhallachan an tigh-eiridinn do’m buineadh e féin, agus ’s ann a bha fuaim ’analach mar nach biodh tigh-eiridinn eil ann éifeachdach, no freagarach arson mo ghalair. Bha mi beagan air mo ghluasad leis a so; ach thug mi fainear a cheart duine so féin gur ann an taobh a stigh de ’n tigh ’s an robh mise a bha e féin ’n uair a fhuair e cungaidh-leighis do ’ghalar. Mar an ceudna thug mi fainear gu’m bheil Eaglais ann a rinn aon uair géur-leanmhuinn air an Eaglais againne gidheadh anns an robh aig gach àm luchd-dreuchd, agus leanmhuinn a bha, cha’n e mhàin ’nan daoine diadhaidh, agus urramach, ach ’nan lòchrain shoilseach ’nan latha féin, agus a dh’ fhàg oibrean ’nan déigh a tha gus an làth ’n diugh a’ toirt soluis, agus sdiùraidh do na mìltean Crìosduidh. Bha an Eaglais sin, agus tha i air an là ’n diugh air a beannachadh [TD 398] gu mòr leis an Tighearna ged nach tainig atharrachadh air bith air a Créud, no a teagasgan; agus uaithe so bha mi ’deanamh a mach far am bheil teagasg fallain, Scrioptural aig Eaglais gu’m bheil Dia a’ toirt a’ ghràis shlàinteil dhi ged a dh’fheudas chuid de mhearachdan a bhi fuaighte ri ’riaghailtean sdiùraidh mar a tha theagamh ris gach Eaglais. Ni eile ’thug smuaint’ orm mar an ceudna. Chunnaic mi boirionnach a bha ’s a’ choimhearsnachd air a dùsgadh gu mòr-chùram mu ’h-anam, agus a réir gach coslais a ghabh ris an fhìrinn ann an trèibh-dhireas. Bha na céuman air an do threòraicheadh ise ro choltach anns gach nì ris an fheadhain air an deachaidh mi féin a sdiùradh; ach is ann do’n chomunn ud de’n robh am fear a dhiult a chomhairle dhomhsa a bhuineadh ise; agus o bhi faicinn ’s a smaoineachadh nan nithean so gu léir ’s e ’bha mi a’ deanamh dheth nach ’eil an Tighearna ceangailte ri aon aidmheil air bith air a leithid de dhòigh ’s gu’n diùlt e a ghràs do neach ann an aidmheil, no’n comunn eile a tha ga iarraidh ann an treibh-dhireas cridhe—’us a thaobh a’ bhoirionnaich ud a bhi ioma latha ann an dorchadas ’s an imcheist dìreach mar a bha mise cha b’ urrainn e gun a thoirt orm a chreidsinn nach robh éifeachd, no buaidh-leighis aig a’ chomunn do’m buineadh ise na’s mò na bha aig comunn eile. Tha mi mar so an dòchas gu’m feud mi beannachd Dhé a shealbhachadh anns an Eaglais ’s am bheil mi co maith agus ged a rachainn air imrich do thé eile. Ach tha ioma eagal ga m’ chuartachadh. Tha luchd-aideachaidh uaibhreach a’ deanamh tàir orm, agus tha ’mhuinntir shaoghalta, amaideach mu’m thimchioll a’ nochdadh mòr mhì-ruin dhomh a chionn nach teid mi leò ’n an cleachdaidhean, ’s na’m beachdan an-diadhaidh, ’s ag ràdh, “cha ’n ’eil ann ach duine lag-chuiseach, nervous, neònach.” A nis “Fhir-thathaich” ionmhuinn, ged tha mi aig iomad àm làn dòchais gu’m bheil làmh an Tighearna ann am chùis, tha mi aig amannan eile ’an eagal nach ’eil nì ann ach mealladh; agus na’m b’e ar toil-sa air ar cuairt ni-eigin a ràdh ann an rathad comhairle thaobh mo staid’ bhithinn-sa gu mòr ’n ur comainn. Agus ’s dòcha nach cailleadh sibh ur duais: oir tha mise de’n bheachd gu’n d’ fhuair sibh focal ann an deadh àm a ràdh ri anam sgìth. Is mi &c. COIGREACH ’S AN EILEIN. An t-Eilean Sgiathanach, ceud mhios a’ gheamhraidh 1848. FREAGRADH. Thug sinn àite do litir a’ “Choigrich” a chionn gu’m bheil i a’ labhairt mu ghnothach a tha cudthromach thar tomhais—slàinte phrìseil an anama. ’Be ar miann, agus ar dùrachd comhairle [TD 399] thoirt dha chum a mhaith na’m b’ urrainn dhuinn sin a dheanamh; ach feumaidh e thar gach ni a bhi ’g iarraidh gu’n robh teisteis an Tighearna—air an soilleireachadh le Spiorad na Fìrinn—n’an “comhairlichean” dha, Salm cxix. 24. Is ann a mhàin an uair a chithear an céum air am bheil sinn a’ gluasad air a shoillseachadh le solus Dhé féin a bhios dearbh chinnt aig an anam gur i an “t-slighe shiorruidh,” an t-slighe thearuinte, agus chinnteach air am bheil e ag imeachd. Aig an àm chéudna is minic a bha buannachd air a sealbhachadh leòsan a bha ’g iarraidh an Tighearna o iad a bhi còmhradh r’a chéile: agus dh’ fheuchamaide ri focal no dha a ràdh ris a’ “Choigreach” le guidhe dùrachdach gu’n robh iad gu maith dha. A thaobh an nì a’s ’usa fhreagairt—an iomaguin a tha air mu’n Eaglais ri’m bu chòir dha e féin a cheangal—cha ’n ’eil e ag ràdh ciod an té do’m buin e, no ciod an té tha deanamh tàir air. Ach theireamaid ris-san, agus ris gach aon a tha fo chùram mu’n cheist cheudna iad a shealtuinn air ciod a thubhairt Peadar o cheann fhada mu’n chùis an uair a shoilleiricheadh dhàsan car a’ cheud uair nach ann do aon chinneach, no aidmheil a mhàin a bha slàinte air a tairgsinn. “Gu fìrinneach tha mi ’g aithneachadh nach ’eil Dia a’ sealtuinn air pearsaibh seach a chéile, ach anns gach uile chinneach tha an neach air am bheil eagal-san agus a tha ’g oibreachadh fìreantachd taitneach aige.—Gnìomh x 34, 35. Sealladh iad ciod a tha Pòl ag ràdh, “oir ann an Iosa Crìosd cha ’n ’eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ’an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’ oibricheas tré ghràdh.”—Galàt. v. 6. Gu h-àraidh sealladh iad air ciod a tha Crìosd féin ag ràdh, “Thigibh do’m ionnsuidh-sa sibhs’ uile ’tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.”—Mat. xi. 28. agus a rìs “An tì a thig am ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e.”—Eòin vi. 37. Sealladh daoine air cuirinnean saor, farsuing, gràsmhor an t-soisgeil, agus chì iad gu soilleir gu m bheil a’ mhuinntir sin a tha ’g radh gu’m féum duine dol troimh an Eaglais so, no’n Eaglais ud eile mu’n urrainn e dol chum Chrìosd a’ cunglachadh slighe na slàinte, a’ cur a suas balla eadar an t-anam agus Crìosd—a’ cur an t-soisgeil ann an neo-bhrigh, agus a’ cur an aghaidh toil Dhé, agus an t-Slànuighfhir. Tha e ’na ni ro an-dàna do dhuin’ air bith a’bhi ’g ràdh gu’m féum neach e féin a che ngal ris a’ chomunn so, no ris an t-seòrs’ ud mu’n urrainn e ’bhi air aonadh ri Criosd. Iarradh neach le ’uile chridhe bhi air aonadh ris-san tré bheò-chreideamh air tùs agus os ceann nan uile. An sin leanadh e ris a’ chomunn a’s soilleire a tha ’cur an céill teagasgan, agus aitheantan Chrìosd. Ach iadsan co air bith iad a theannas ri’m beachdan no’n dòighean féin a chur mar stairsnich eadar an t-anam agus Crìosd, agus mar so a tha ’g àrdachadh an comuinn féin os ceann Chrìosd tha iad gu cinnteach ann am mearachd truagh, cunnartach, agus eagallach. B’e so aon de pheacaidhean nan Iudhach o shean. ’S e so aon fhollaiseach, agus [TD 400] shònruichte de pheacaidhean na Pàpanachd ’an diugh, agus ’s eagal leinn gu’m bheil iomad buidheann a their Protestanaich riùth féin a tha ciontach anns a’ pheacadh chéudna. A thaobh an dara ni mu’m bheil an “Coigreach” ag iarraidh comhairle cha’n ’eil e co furasda labhairt uime—se sin co dhiubh is e no nach e obair shlàinteil an Spiorad Naoimh a tha ’dol air aghaidh ’na anam anns an dùsgadh, agus ’s an atharrachadh a thainig air. Ach gu bhi labhairt a réir soluis na firinn theireamaid ris a thaobh an aoibhneis, agus an uamhuinn air am bheil e ’toirt iomraidh nach ’eil iad annta féin na’n comharra, no nan dearbhadh air chor air bith air iompachadh no gràs slàinteil. Chithear gu leòir—mo thruaighe! tuille mòr ’s a chòir—a tha fo gheilt, no tha ri gàirdeachas—air am bheil gluasad mòr a’ teachd, agus a tha ri spleadhraich àrd aidmheil car tamuill, agus ’na dhéigh so gu léir a tha pilltinn ri’n seana pheacaidhean le cìocras. Agus nach ’eil an fhirinn gu soilleir ag innseadh dhuinn mu’n timchioll?—Mata, xiii. 2. Tha e ag innseadh gu’m feudar gàirdeachas a dheanamh ’s an fhocal agus gidheadh tuiteam air falbh. Faic eachdraidh eagallach Iudais agus leigidh i ris gu’m feud uamhunn agus ball-chrith a bhi air an anam bho shealladh air cionta agus peanas a’ pheacaidh gun aithreachas, gun chreideamh, gun naomhachd. Faic 2 Corinth. vii. 10; agus leigidh e ris gu’m bheil “doilghios” ann “a tha chum bàis;” agus faic toiseach an t-seathadh caibdeil de Litir Phòil a chum nan Eabhruidheach, agus chithear gu’m feud soilleireachadh, drùghadh, agus atharrachadh mòr tighin air neach agus ’na dhéigh so gu léir ’anam a bhi caillte. Cha ’n ’eil aoibhneas, no eagal annta féin matà, theireamaid ris gach aon nan dearbhadh air iompachadh, agus féumar breith a thoirt orra a réir an aobhair, agus gu sònruichte a réir an toraidh. Tha so gar toirt gu labhairt mu dhà nì ann an litir a’ “Choigrich.” ’Nuair a tha e ’g innseadh a’ cheud fhaochadh a fhuair e ’n uair a thionndaidh a chaoidh gu òran-molaidh, cha’n ’eil e ’cur an céill ciod a thug an t-aoibhneas so dhà. ’Nis ma bha an gàirdeachas so ag éiridh o earrainn de fhocal seasmhach agus cinnteach Dhé a bhi air a shoilleireachadh do’n anam, agus air a càradh ris le drùghadh bha gun teagamh a chùis gu maith, ach mur robh ann ach plathadh sòlais gun fhios c’arson cha ’n fhaic sinn ciod a mhòr bhuannachd a bh’ann. ’So ni air an labhair sinn gun sgàth a chionn gu’m bheil an Fhìrinn a’ labhairt gu soilleir uime. Tha ’n Spiorad Naomh na Spiorad comhfhurtachd tre e bhi ’na Spiorad na Firinn.—Eòin, xiv. 16, 17, 26. Tha Pòl (Ròm. xv. 13.) a’ guidhe gu’n robh Dia a lìonadh nan Crìosduidhean a chum an robh e a sgrìobhadh “leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn.” Is ann tre bhi “creidsinn” a tha iad ri “sìth” agus “aoibhneas” a mhealtuinn: agus ciod a tha iad ri chreidsinn? Tha gun teagamh fianuis Dhé mu thimchioll Chrìosd—focal nan gràs—soisgeul na slànte. A rithis ’s a chaibdeal cheudna aig a’ cheathramh rann tha e ag ràdh gur ann “tré chomhfhurtachd nan “Sgriobtur” a bha [TD 401] dòchas aige-san, agus aig muinntir eile. Agus tha ’n Salmadair ag ràdh (Salm cxix. 50, 93.) gur e focal Dhé a bheothaich esan, agus gu n do bheothaich Dia e le ’reachdan. ’S e focal Dhé air a thuigsinn ’s air a chreidsinn stéigh gach fìor aoibhneis do’n anam. A rìs, a thaobh an uamhuinn a bha ’n “Coigreach” a’ faireachduinn cha ’n ’eil teagamh nach ’eil so ann féin na chomharra air lag-chùis, agus air a bhi nervous mar a tha e ag ràdh. ’S e spiorad cumhachd, gràdh, agus intinn’ fhallan ’s cha n e spiorad geilt a tha Dia a’ toirt do ’shluagh.—2 Tim. i. 7. ’S e ùrachadh neairt a tha air a ghealltuinn dhoibhsan a dh’fheitheas air (Isa. xl. 31.); agus ’s e aoibhneas a dheanadh a ghnàth ’s an Tighearna a tha air àithneadh d’a shluagh.—Phil. iii. 1. Ach tha feadhain ann a tha ’deanamh mòr uaill á critheannan ’us clisgeinnean a bha tighinn orra, agus a tha ’g an sìor chur an céill, dìreach mar is minic a chithear am baigeir a’ leigeil ris a chnoimhean ’s a chréuchdan gus an tuille déirce fhaghuinn air an son. Tha so uile fada fad’ am mearachd. Tha gach ball-chrith ’us oillt anama nan dearbhadh air as creideamh, agus air laigse intinn; agus mar so ’an àite bhi g an eiridinn, agus a’ deanamh a’ mhòr dhiubh, bu chòir a bhi ghnàth a strì agus a’ cath nan aghaidh. Ach aig an àm chéudna bhiodh e fad am mearachd, agus a’ nochdadh mòr aineolais a ràdh nach feud fìor ghràs a bhi s an anam a tha air uairibh air a chrathadh ’s air a luasgadh le eagal. Bhiodh e co aineolach ri ràdh, nach eil a’ ghrian ’san spéur ’n uair a tha duibhre, agus smallan na doininn air feadh an adhair. Mar so feudaidh e bhi a thaobh an anama anns am bheil fìor chreideamh—neòil aineolais, agus na truaillidheachd a bhi aig àmannan a’ falach Chriosd uaithe; ach buannaicheadh e ann an sealltuinn ris-san agus fa dheireadh fuadaichear gach duibhre, agus doilghios air falbh, agus chithear solus ann an solus àghmhor Dhé gu soilleir. Tha eadhoin Pòl ag innseadh mu dhéìghinn féin gu ’n robh e air uairibh fo eagal—“An leth am muigh bha còmhraig—’an leth a stigh bha eagal.”—2 Corint. vii. 5. Agus chi sinn an Salmadair ’an cunnart a bhi gu buileach air a shlugadh a suas le eu-dòchas.—Salm, lxxvii. 9. “An do dhearmaid Dia a bhi gràsmhor?” Ach anns an ath rann tha e féin ag ràdh, “Is e so m’ anmhuinneachd.” Is ann o anmhuinneachd a tha na nithe so a’ teachd; ach feudaidh beatha agus fad shaoghal a bhi aig an duine sin a tha gu minic a’ fulang o anmhuinneachd. Fa dheireadh anns a mheud ’s a tha ’n “Coigreach” a’ cur an céill gu’m bheil e ag iarraidh Dhé ann an Crìosd le tuille dùrachd, gu’m bheil e ’tréigsinn amaideachd, agus an-diadhachd, a’ cur faire air a chridhe, agus a’ gluasad ann an naomhachd tha e a’ cur an céill “nithean a bhuineas do shlàinte,” agus nithean anns an deanamaid gàirdeachas maille ris: oir buannaicheadh e annta so, agus gu cinnteach tèarnar e—oir annta so tha toradh an Spioraid r’a fhaicinn.—Galat. v. 22, 23. Iarradh esan an tuille de’n chreideamh sin a dh’ oibricheas tré ghràdh (Galat. v. 6.)—de’n dòchas a ghlanas an t-anam mar a ta Crìosd féin glan (1 Eòin, iii. 3.)—de’n [TD 402] ghràs sin a tha teagasg do dhaoine teachd beò gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghal a tha lathair.—Tìt. ii. 11, 12. Iarradh e na nithean so agus cha ’n fhàilnich e am feasd—oir ìs e crìoch na h-àithne gràdh á cridhe glan, agus á coguis mhaith, agus á creideamh neò-chealgach (1 Tim. i. 5,); agus is ann a chum ’s gu’n taisbeineadh Crìosd a shluagh, naomh, neo-lochdach, agus neo-choireach an làthair an Athar a dh’ fhuiling e am bàs (Colos. i. 20, 22.); agus ’nuair a dh’ iarras sinne na nithean a tha réir toile Dhé, agus Chrìosd gu cinnteach gheibh sinn iad; oir ’nan toirt so seachad tha Crìosd air a ghlòrachadh. Theireamaid ris a “Choigreach” matà, e dh’ fheuchainn ri ’chridhe ’shocrachadh air a bhi air fhìreanachadh ’an ainm an Tighearn Iosa, air a ghlanadh ’s air a naomhachadh le Spiorad ar Dé, agus ma ni e so gheibh e gràs a réir fhéuma, agus mar a bhios a làth bithidh a neart. Ma tha dhìth air a ghairm agus a thaghadh a dheanadh cinnteach biodh e pailt ann an “toradh an Spioraid”—“ann an oibribh na fìreantachd,” biodh e ’na “fhear-leanmhuinn air Dia agus a’ gluasad ann an gràdh.” Feudaidh ioma laigse ’bhi an ceangal ris—ioma deuchainn a bhi fa chomhair agus mu’n cuairt dha; ach iarradh e a ghnàth “dol air aghaidh” air slighe na diadhachd, agus fosglar eadhoin a’ mhuir air thoiseach air—bheir a’ charraig deoch dha—gheibh e ’aran o nèamh—nithear slighe réidh dha troimh ’n fhàsaich sheachranaich; agus fadheòidh ruigidh e “suaimhneas Dhé”—oir is fìrinneach an Tì a gheall. Tha Esan comasach air teàrnadh chum na codach a’s faide, agus tha a ghràdh co domhain ’s a tha a chumhachd mòr. Tha e mìl’ uair nas toiliche gu anam a shàbhaladh na tha anam gu bhi air a shàbhaladh leis. Agus cha tilg e air aon chor a mach aon neach a théid d’a ionnsuidh. F. B. ORAN AN EUSLAINTICH—NO DOCHAS A’ CHRIOSDUIDH. “Thoir fa’near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic; oir is i sìth a’s crìoch do’n duine sin.”—Salm xxxvii. 37. Tha mise ’m laidhe ’n tràs’ le dìth slàint’ air mo chràdh gu géur— M’ fheòil ’s mo chridhe ’fàilneach’, ’s mo chàileachd air dol o fhéum; Am bàs a’ bagradh làitheil mo phàilliun ’chur as a chéil’; Gidheadh mo spionnadh làidir, ’s mo shlàint’ tha ’s an Iobairt-réit’. O n’ tha ’m “Fhear-saoraidh beò” tha mi sòlasach fo a sgàil’— Anns gach trioblaid mhòir their e’n còmhnuidh “Is leòir mo ghràs;” ’S ged a chnàmhas m’ fheòil fo na fòidean ’an gleann a’ bhàis; Gidheadh tha mo dhòchas ’an glòir gu’m bi m’ aoibhneas làn. ’S gu’m faic mi gnùis an Tì sin ’chaidh ìobradh air mo sgàth— Gun sgàil’ eadar mi ’s e—’na fhior-ghloine mar a ta: [TD 403] Cruth-atharruicht’ gu ’ìomhaigh, ge’ dìblidh a tha mi ’n tràs’— ’S motha so na mìorbhuil, gu sìorruidh ’bhi ’n sonas àrd. A’ seinn le ’naoimh chaidh ’shaoradh mu’n ghaol tha gun choimeas dà —Gaol a rinn an saoradh o shaoghal am bheil am bàs; ’S o gach plàigh ’us daorsa a sgaoil oirnn a nuas o Adhamh— Far nach gearain aon de na daoin’ ud ’bhi dh’ easbhuidh slàint’. VI. NAIGHEACHDAN. THA gach latha ’toirt bàrr air a’ chéile ann an gnothaichean mòr’ agus iongantach a thoirt mu’n cuairt aig an am; agus bithidh a’ bhliadhna ’chaidh seachad—1848—’na bliadhna iomraiteach air feadh an t-saoghail fhad ’s a mhaireas eachdraidh. Tha ’n Roinn-Eòrpa gu léir a’ labhairt mu aon nì an tràs—’s e sin aisith, agus tionndadh bonn os ceann uachdranachd aimsireil na Ròimhe dìreach mar a rinneadh ’s an Fhraing ’s an cearnan eile. ’An aon sealladh is gnothach glé shuarrach ciod an dòigh sdiùraidh a th’air baile na Ròimhe, no air na “Staidean Pàpanach” ’an ceangal rithe; oir cha’n ’eil anns na “Staidean” so ach dùthaich air bheag sluaigh, air bheag beairteis, no cumhachd; agus rachadh iad a sìos, no suas is beag drùghaidh a ni iad air cor an t-saoghail. Ach an uair a chì sinn gur e am Pàpa—Ceann-Eaglais na Ròimhe—Ceann na h-Eaglaise Crìosduidh gu léir, mar a their e ris féin—a tha na Rìgh air an Ròimh chì sin gur gnothach ro chudthromach da rìreadh esan a bhi air a thilgeadh bhàrr a chathrach, ’s a bhi air iomain air falbh o fhearann. Tha esan mar tha fios aig ar luchd-léughaidh a’ gabbail àrd-ùghdaras air féin—a’ gleidheil a mach gu’m bheil da rìreadh iuchraichean nèimh, agus ifrinn aige; agus ’ga àrdachadh féin eadhoin os ceann Dhé. Tha e gu toibheumach a’ gabhail air féin cumhachd a bhi aige nach urrainn gu sìorruidh buntainn do chréutair air bith; agus shaoileamaid ged am biodh an Tiomnadh Nuadh co soilleir ga chomharrachadh a mach mar “Ana-Crìosd,” agus “Duine a’ Pheacaidh,” gu’n deanadh na nithean a tha tachairt dha aig an àm an sùilean a thoirt do dhaoine a thaobh cia amaideach ’s a tha uile-bhòsd a Phàpa mu ’àrd-chumhachd. Cha’n ’eil dùthaich air an t-saoghal is measa riaghladh ’us gnàthadh na’n dùthaich a bha fo ’smachd-san; agus air a’ mhìos a chaidh seachad dh’ éirich an sluagh na aghaidh, ’us dhiult iad gu buileach gabhail r a smachd na b’fhaide. ’S ann air éigin a fhuair e as le ’bheatha: ach chaidh e as; agus tha e aig an àm ’an cearn’ eile de’n Eadailt ri’n abrar Gaeta. Rinn iadsan a bha fo ’smachd, araon ann an nithean aimsireil, agus spioradail mar sud air-san; ’sna dhéigh sin gu léir cha’n ’eil cumhachd aige breitheanas a thoirt [TD 404] nuas orra o nèamh, no a nìos o ifrinn. Cha ’n urrainn e ni a dheanamh orra nas mò na’s urrainn an duine a’s suarraiche ’s an rìoghachd. Ciamar a chrìochnaicheas an gnothach; no co dhiubh a gheibh e fathasd air ais gu a Rìgh-chathair cha ’n urrainn duin’ air bith a ràdh. Ach gu cinnteach is ro iongantach agus riochdail an coimhlionadh a tha’m mìneachadh Fàidheadaireachd o leabhar Fleming a thug sin seachad anns an VII. Aireamh a’ faghuinn aig an àm. Tha na Fràngaich an déigh Louis Napoleon a thaghadh mar Cheann-suidhe, no President, na h-Ard chomhairle; agus ’s iongantach an dearbhadh a tha ann an so air cia mòr a tha ann an ainm. Cha’n aithne dhuinn buaidh, no feart a bhuineas do’n duine so ann féin. Cha’n ’eil ni air bith arson am bheil e sònruichte ach gur h-e mac brathar Bhonaparte. Tha iad sàmhach aig an àm—ciod co fada ’s a dh’fhanas iad mar sin tha e duilich a ràdh. Tha Austria agus Prussia car mar a bha iad ’n uair a sgrìobh sinn air a’ mhìos a chaidh seachad: ach a mhàin gu’n tug Iompaire Austria thairis a Chrùn ’s a chumhachd gu léir do mhac a bhràthar—duin’ òg air am bheil deadh iomradh. Cha tàinig sgéul ùr á Innsean na h-Aird-an Ear, ach gu’m bheil armailt mhòr a’ cruinneachadh mu’n cuairt baile Mhoultan, agus cha ’n ’eil teagamh aguinn nach glacar e ’an ùine ghoirid. Tha Eirinn na h-Eirinn fathasd—bochdainn ’us buaireas air gach làimh. Tha malairt a’ dol beagan nas fearr ’an Albuinn ’s ’an Sasunn, agus tha min de gach seòrsa anabarrach saor; agus cha ’n ioghnadh sin, oir an taobh a stigh de bheagan sheachduinnean ràinig ceithir agus dà fhichead soitheach Breatunn á America a mhàin, uile luchdaichte le lòn de chaochladh sheòrsachan! Is duilich leinn a bhi cluinntinn o gach Port, ach beag, air còrsa na h-Aird-an-Iar de dh’ Albuinn gu’n tàinig calldach anabarrach air luingeis de gach seòrsa bho’n stoirm eagallaich a bha aguinn air Di-haoine an seatha-là-deug de’n mhios a chaidh seachad. Chaidh na ficheadan soitheach ’us bàta a bhriseadh, no chur fodha, agus na ceudan maraiche a chall. Mu thoiseach a’ mhìos a chaidh seachad thachair sgiorradh co brònach agus co déistinneach ’s a chuala sinn riamh air bàta Eirionnach (Steam-boat) do’n àinm an “London-derry,” a tha ruith eadar Sligo, Port a tha air taobh na h-Aird-an-Iar de dh’ Eirinn, agus Sasunn. Bha mòran sluaigh air bòrd. Chinn an oidhche salach, stoirmeil; agus gus am bàta fhaghuinn ’an uidheam ni b’ fhearr chuir an Sgiobair dlùth air ceud dhiubh so a sìos do’n Toll (Hold), agus dhùin e ’n Clàr-uachdair (Hatch) gu daingean. Dh’fhairich na créutairean truagh iad féin a’ tachdadh a chion àile: [TD 405] ach cha robh de dh’ ìnnleachd aca na dh’ fhuasgail orra féin, agus ged a bha iad ag éigheach ’s a’ sgreadail cha tug an sgioba feairt orra. ’S e thachair gu’n do chaill deich ’us trì fichead dhiubh am beatha—air am mùchadh ’s air ar saltairt fo chasan a chéile anns an toll oillteil a bha ’n sud!! Chaidh an Sgiobair agus am fear a b’ fhaisge dha ann an cumhachd (Mate) a dheuchainn arson a chall eagallaich a rinn iad, agus tha iad air am faotuinn ciontach de mhort; ach cha tugadh am binn a mach fathasd. Chuir an luchd-dèuchainn an céill mar an céudna an diomba de’n chuid eile de’n sgioba arson an dòigh chruaidh-chridhich anns an do ghnàthaich iad an luchd-turus, mar a chaidh a dhearbhadh leis na fianuisean; agus nan giùlaineadh an lagh e cha’n ’eil teagamh nach rachadh peanas goirt a dheanamh orrasan cuideachd. Bha cuid am beachd gu’m faigheadh an Sgiobair as le dhearbhadh nach b’ urrainn dha an soitheach oibreachadh no beatha duin’ idir a shàbhaladh mar biodh iad sud air an cur bhàrr bòrd-uachdair na luinge; agus a thuille air so gu’n robh iad féin coireach anns a’ mhùchadh. Ach ma bha e féumail an cur bhàrr bòrd-uachdair na luinge, b’ e dleasnas an Sgiobair fhaicinn an robh pailteas àile air a leigeil do’n ionnsuidh far an robh iad air an cur. Tha e da rireadh cianail r’a thoirt fainear a liugha dòigh anns an deach casgradh a dheanamh air a’ chinneach thruagh so, gu sònruichte o cheann dà bhliadhna. Anns an treas Aireamh thug sinn mion chunntas araon mu’n ghort agus mu’n phlàigh a chuir as de na h-urrad dhiubh. Thug sinn ’s an naoidheamh Aireamh cunntas mu losgadh na luinge “The Ocean Monarch” far an deach’ sea fichead Eirionnach a chall; agus feudaidh cuimhne a bhi aig ar luchd-dùthcha air an luing da’m b’ ainm an “Exmouth,” a chaidh a bhriseadh air taobh na b-Aird-an-Iar de’n eilein Ileach mu dheireadh an earraich 1847 far an deach 240 a chall. Nas miosa na so gu léir tha iad a’ mort, s a marbhadh a chéile gun tàmh—co déigheil air fuil a chéile ’s a tha ’n Sionnach air fuil an uain. Tha’n Cholera a’ sgaoileadh gu h-eagallach ’an Glascho agus anns na cearnan mu’n cuairt da. Tha thairis air ceud ’s an latha ga’m bualadh leis ’an Glascho aig an àm; agus dhiubh so tha mu thrì fichead air an gearradh as; agus tha iad am bitheantas air an tiolacadh co luath ’s theid an deò asda. ’S ann mar is trice mu mheadhon-oidhche a tha e ga’m bualadh. O! nach mithich do dhaoine anns gach cearn’ de’n rìoghachd ullachadh arson an fhiosrachaidh so—ullachadh air mhodh aimsireil le gach cùram a ghabhail dhiubh féin—le bhi stuama, geanmnaidh, faicilleach air gach dòigh—air mhodh spioradail, le bhi ’deanamh greim air Crìosd, agus a’ tréigsinn gach aingidheachd. [TD 406] Advertisment. GAELIC BOOKS PUBLISHED BY MACLACHLAN, STEWART, & CO., EDINBURGH: [Beurla] GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH; MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow.