[TD 343] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XII.] AN DARA MIOS DEUG, 1848. [R’A REIC ARSON’ CEITHIR SGILLINN CONTENTS:—I. Jacob’s Wrestling—An Exposition of Gen. xxxii. 24—29, page 343. II. Biographical Sketch of Dugald Buchanan, author of the well-known Gaelic Hymns, (concluded) page 350. III. An Account of the Inhabitants of Pitcairn’s Island, page 355. IV. Letter complaining of Extravagance in Dress, and other abuses in the Domestic Economy of the Highland Crofters, page 360. V. Minute Account of the Bible, page 364. VI. Interesting Account of the manner in which Instruction is communicated to the Royal Family, page 366. VII. Progress of Asiatic Cholera, page 368. VIII. Dialogue on Public News—Continental—Colonial, and Home, page 369. I. GLEAC IACOIB—MINEACHADH AIR GENESIS XXXII. 24—29. THA fìrinnean mòra air an toirt m’ar coinneamh anns an earrainn so de fhocal Dhé a tha airidh air an rannsachadh leinn gu mion agus air an tuigsinn leinn. Chuir sinn mu choinneamh ar luchd-dùthcha ’s an Aireamh mu dheireadh an aisling a chunnaic Iacob an oidhche ’chaidil e mach air raon Bhetel agus a’ chlach fo’cheann, agus anns an earrainn a th’ aguinn de eachdraidh an duine chéudna tha aguinn cunntas air na nithe a thachair dha mar a bha e ’tilleadh dhachaidh gu Padan-àram—eachdraidh a tha ann an tomhas mòr dorcha agus dìomhair, gidheadh a tha ’toirt aobhar mhisnich mhòir do luchd-muinntir an Tighearna bhi seasmhach agus dùrachdach aon an ùrnuigh. Tha sinn a léughadh anns an xxxi caibdeal de’n leabhar so agus anns an treas rann gu’n dubhairt an Tighearna ri Iacob “Pill gu dùthaich t-athraiche, agus a dh’ionnsuidh do dhìlsean; agus bithidh mise maille riut.” Agus dh’fhalbh [TD 344] Iacob air a thuras a dh’ ionnsuidh tìr Chanaain, agus mar a bha e ’gabhail air aghaidh b’ éigin da rìs oidhche chur seachad ’na aonar, agus tha sinn a’ léughadh (xxxii. 24—29.) gu’n do “ghleac duine ris gu ruig briseadh na faire. Agus ’nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shléisde; agus chaidh lag sléisde Iacoib as an alt ’nuair a bha e a’ gleac ris. Agus thubhairt e, Leig air falbh mi oir tha’n fhàir a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi ar falbh thu, mur beannaich thu mi. Agus thubhairt e ris ciod is ainm dhuit? agus thubhairt e, Iacob. Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iacob ni’s mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoinibh, agus thug thu buaidh. Agus dh’ fhiosraich Iacob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, t-ainm: agus thubhairt esan, C’arson a tha thu a’ farraid m’ ainme? Agus bheannaich e an sin e.” A nis le cùram, agus le irisleachd spioraid, ’s gu’n deanadh Dia Iacoib cuideachadh leinn anns an oidheirp, feòraichea’maid Anns a’ cheud àite, Co ris a bha Iacob a’ gleac air an oidhche so? Anns an dara àite, Cia mar a ghleac e? Anns an treas àite, C’arson a ghleac e? agus Anns a’ cheathramh àite, Thugamaid fainear am beannachd a choisinn e. Air tùs mata, Cò a thachair ri Iacob air an oidhche sin agus ris an do ghleac e? Bu neach e ann an cruth agus ann an coslas duine, ach tha sinn a’ léughadh ann an earrainn eile de fhocal Dé gur h-e Aingeal mòr a Chumhnaint a bh’ ann; oir tha e gu h-eignidh air a ràdh ann an leabhar Hosea (xii. 4.), “Bha cumhachd aig Iacob maille ris an aingeal agus thug e buaidh.” Agus ann an rann eile ’s a’ chaibdeal chéudna tha e air a ràdh, “Bha cumhachd aige maille ri Dia, eadhoin Iehobhah Dia nan sluagh.” Cha’n ’eil teagamh air an aobhar sin nach e ’n Tighearn Iosa Criosd a choinnich e oir tha e air a ràdh anns an 28 rann, “Cha ghoirear Iacob ni’s mò riut mar ainm ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdran ri Dia agus thug thu buaidh.” Agus anns an 30 rann tha e air innseadh dhuinn gu’n tug “Iacob Peniel Mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri h-aghaidh, agus thearnadh m’ anam.” Tha e uaithe so uile gu léir làn chinnteach gur h-e an aon neach a chunnaic Iacob air bàrr an fhàraidh aig Bethel an tì céudna a ghleac fo choslas duine ris gu briseadh na fàire—duine an coslas, aingil na oifig, agus Dia ’na nàdur. Cha’n ’eil Dia an t-Athair, no Dia an Spiorad air an ainmeachadh ’an àite air bith air feadh a’ Bhiobuill mar dhaoine, ni mò mar aingil. ’S e ’dara pearsa de’n Trianaid ghlòrmhor, bheannaichte a bha ’na Dhia air fhoillseachadh anns an fheòil—’na Dhia agus na dhuine ’s an aon phearsa, agus b’e aingeal a Chùmhnaint e, anns an oifig a ghabh e os làimh. ’S ann ris-san matà a thubhairt Iacob, “Cha leig mi air falbh thu mar beannaich thu mi.” Feòraich’amaid matà ’S an dara àite, Ciod an seòrsa gleac a bha ann? Mhothaich- [TD 345] ’amaid air tùs gur h-e gleac spioradail a bha ann, no còmhrag anns an spiorad eadar creideamh agus eagal. Bha eagal anabarrach air Iacob ro’ ’bhràthair Esau gu’n tigeadh e air gu feargach agus gu’n cuireadh e as da féin ’s da theaghlach uile. Fhuair e roimhe so gealladh gràsmhòr o Dhia gu’m biodh a shliochd co lìonmhor ri gainneamh na tràghad—agus gu’n tigeadh uaithe-san am Mesiah anns am biodh uile theaghlaichean na talmhuinn air am beannachadh. Ach a nis tha e fo eagal nach bi an gealladh so air a choilionadh; oir bha ’bhràthair feargach a’ teachd agus a’ bagradh e féin agus a theaghlach a sgrios, agus gheibhear e a’ glaodhaich ri Dia agus ag ràdh,—“Saor mi guidheam ort o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gu’n tig e agus gu ’m buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn. C’àit’ a nis am bheil an gealladh a fhuair mi, agus cia mar a choilionar na nithe mòr’ a labhair Dia?” Bha mar so cruaidh-ghleac spioradail ann an cridhe ’n duine so, eadar creideamh agus eagal. Agus a rìs, ghleac Iacob ’na spiorad fo mhothachadh mòr air a bheag luach féin; oir tha e ’g ràdh anns an iargain anama so ri Dia, “Cha ’n airidh mi air a’ chuid is lugha de na trocairean sin uile, no do ’n fhìrinn sin uile a nochd thu do d’ sheirbhiseach.” Tha sinn a’ faicinn uaithe so gu’n robh Iacob ’na ghleacair iriseal. Cha b’ ann le uabhar a bha ’anam a’ strì ri Dia, ach le irisleachd mhòir. Bha e bochd ’na spiorad, agus bha ’chridhe làn de thaingealachd—bha aige ’n aigne sin a tha taitneach do Dhia, agus do’m bheil geallanan mòra air an tabhairt. A rìs, ghleac e ann an earbsa ri geallanan Dhé. B’i bu chainnt da rìs agus a rìs ’na ùrnuigh, “Thubhairt thu a Thighearna so, gheall thu gu’n deanadh tu maith dhomh;” agus do bhrìgh gu’n do gheall Dia so bha e làn chinnteach gu’n tachradh e. ’S e creideamh agus earbsa làidir ann an Dia, spiorad na h-ùrnuigh. Thigeamaid uile leis an aigne so gu cathair nan gràs a’ tagradh geallannan an Tighearna, agus cha chuirear gu nàire sinn, ni mò a chuirear air falbh falamh sinn. Am bheil thusa ’tha ga léughadh so a’ gleac ann an ùrnuigh arson maitheanas peacaidh? Tagair an gealladh so, “Ged robh do pheacanna mar an scàrlaid nithear iad mar an sneachda.” An ann arson dìon agus tearuinteachd a tha thu ’gleac? Tagair gealladh Dhé—“Cha ’n fhàg, agus cha tréig mi thu.” Am bheil thu a’ guidhe gu’n gabhadh Dia riut? no am bheil sgàth ort nach gabh? Tagair ann a d’ ghleac spioradail gealladh an Tighearna, “An ti a thig am ionnsuidh-sa cha tilg mi air chor air bith a mach e.” A rìs, ghleac Iacob le mòr dhùrachd spioraid. Tha ’m faidhe Hosea ag innseadh dhuinn gu ’n do ghuil e agus gu ’n d’ rinn e guidhe ri Dia. Bha e ’gul fhad ’s a bha e ’gleac: cha b’ ann le h-eagal ach le dùrachd anama. ’S i ùrnuigh dhùrachdach, agus déuraibh goirt an aithreachais inneal cath a’ chreidmhich anns a’ chòmhrag spioradail. Cha ruig ùrnuigh mharbh agus fhuar, a’ teachd a mhàin o’n bhéul, gu bràth cluas an Tighearna. Thig- [TD 346] eadh do dhaoine ùrnuigh a dheanadh mar gu’m faiceadh iad le’n sùilean Dia gu h-àrd ’na ghlòir. Nèamh agus ifrinn—iad-san a tha air deas làimh Dhé, agus iad-san a th’ ann an ionad na dòruinn ’s an t-sealladh. Mar gu’m faiceadh iad Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe air an son air deas làimh Dhé. Oidheirpicheamaid a dheanamh ann an creideamh; oir tha na nithe sin co cinnteach ’s ged bu léir dhuinn iad leis an t-sùil chorparra. Ach ged a bha gleac spioradail anama eadar Iacob agus an t-aon àrd a choinnich e, tha sinn a’ creidsinn gu’n robh strì chorporra ann mar an céudna. Oir tha sinn a’ léughadh gu’n do bhean an tì a choinnich Iacob ri lag a shléisde agus gu’n deachaidh i as an alt ’nuair a bha e ’gleac ris. Agus tha e air a ràdh gu ’n robh e bacach air a shliasaid gu là a bhàis. Bu dàna dhuinne smaoineachadh air mar a thachair so, a mhìneachadh. Thoilich an Spiorad Naomh brat dìomhair a tharruing thairis air a’ chuid so de’n eachdraidh; agus bu dàna an làmh a dh’ fheuchadh ri ’thogail. Ach mothaicheamaid anns an àite mu dheireadh fo ’n cheann so, gu’n do ghleac Iacob le dùrachd daingean gu’m buadhaicheadh e air anns na dh’iarr e. “Cha dealaich mi riut (ars’ esan gu misneachail) mar beannaich thu mi.” Chuir e roimhe nach gabhadh e diùltadh. O! cia làidir a chreideamh. Ged a bha e bacach agus as an t-sliasaid cha do ghéill e. Fhuair e dlùth do Dhia; agus gun fhios am biodh an cothrom céudna aige gu bràth chuir e roimhe an gréim a fhuair e ’chumail; agus ged bu bhàs da aig casan an aingil gu’m bàsaicheadh e a’ guidhe, ’s a’ gul, ’s a’ gleac arson a’ gheallaidh. Mar so biodhmaide dùrachdach agus seasmhach ann an ùrnuigh. Na cailleamaid ar foighidinn aig cathair nan gràs cia air bith aobhar dìobhail misnich a th’ againn. Iarramaid gu tréun ag ràdh, “Cha ’n fhàg thu mi gus am beannaich thu mi.” Tha so g’ar toirt air ar n-aghaidh a dh’ ionnsuidh an treas ni a gheall sinn a thoirt fainear. Anns an treas àite, Ciod an t-aobhar arson an do ghleac e? ’Se an ni bha dhith air beannachd an Tì a choinnich e. Agus ciod am beannachd a bha mar so co prìseil ann am beachd Iacoib? Tha gun teagamh anns a’ cheud àite, am beannachd a ghealladh dhà aig Bethel an oidhche a chunnaic e ’n aisling a thug sinn ’s an Aireamh mu dheireadh, agus a tha air a h-innseadh dhuinn ann an Gen. xxviii. 13—15. ’S e sin gu’m biodh a shliochd mar dhuslach na talmhainn a thaobh lionmhoireachd, agus ann na shliochd gu’m biodh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh. ’So am beannachadh mòr a fhuair e an déigh tigh ’athar fhàgail—gealladh anns an robh gach beannachd a bu mhiann le anam Iacoib air am filleadh a stigh. Gheall Dia gu’m biodh e ’na Dhia dhàsan agus d’a shliochd. Thug so misneach d’a chridhe anns gach cruaidh-chàs anns an robh e. Bha ’n gealladh so mar lòn d’a anam, agus a nis tha e ’guidhe gu dùrachdach anns a’ ghleac so air am bheil sin an tràs’ a’ labhairt. Anns a’ bheannachd so a thug Dia do Iacob agus a tha e ’toirt [TD 347] do gach aon de chloinn Israel anns gach linn de’n t-saoghal, “Bithidh mise am Dhia dhuit—bithidh mi maille riut anns gach àit’ an téid thu, agus gleidhidh mi thu;” nach ’eil na h-uile nithe is urrainn sòlas a thoirt do anam a’ chreidmhich? Nach coma ciod an teinn anns am bheil e fhad ’s a tha Dia mar so a’ labhairt ris? Ma tha e ann an dorchadas nach ’eil solus ’s a’ ghealladh? Ma tha e ann an cunnart nach ’eil e mar sgiath g’a dhìon? Ma tha duilgheadais mhòra ’na shlighe, nach ’eil gealladh ’an so gu’m fosgail Dia an rathad roimhe? nach ’eil deich mìle, mìle dòigh aig Dia a chum freasdal d’a phobull féin? Ma tha fuilteanan ar cinn uile air an àireamh, ’s mar urrainn an t-eun is faoine ’s an ealtainn tuiteam a chum an làir gun a chead-san, an urrainn sgàth, no eagal a bhi oirnne gu’n dì-chuimhnich esan a dh’ éisdeas ùrnuigh gearan a phobuill féin a tha ’glaodhaich gu dùrachdach ris agus aig am bheil làn earbsa ’na mhaitheas. Dh’ fheuchamaid a nis a thoirt fainear fo’n cheann so, gu’m b’e cuid de n bheannachd a dh iarr Iacob gu’n saoradh Dia e o làimh a bhràthar. Tha so a’ leigeil ris duinne gur h-e ar dleasnas agus ar sochair dol a dh’ ionnsuidh Dhé anns gach teinn agus cunnart, agus fàth ar n-iomagain a sgaoileadh a mach m’a choinneamh. Bha eagal air Iacob nach biodh an gealladh mor a thug Dia dhà, eadhoin ann ’na shliochd-san gu m biodh uile chinnich na talmhainn air am beannachadh, a nis air a choilionadh. Feudaidh sinn so a thuigsinn o na bheil e ’g ràdh xxxii. 11, “tha eagal orm gu’n tig e agus gu’m buail e a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.” So matà ceann-fàth na gleac sin a chuir Iacob ris an urra’-àrd gun ainm a choinnich e an oidhche sin ’s a mhachair. Faiceadhmaid a nis, Anns a’ cheathramh àite, An dòigh anns an do bheannaich an t-aingeal Iacob mu’n do dhealaich e ris. Air tùs. Dh’ ath-ùraich e beannachd Bheteil dhà—beannachd anns am bheil geallanan na beatha ’ta lathair agus na beatha ta ri teachd fillte ’stigh, agus b’e so cul-taice ’anama ann an tigh a chuairt anns an t-saoghal so—gealladh a’ chumhnaint sin a rinneadh gu moch ri Abraham, agus ’s e so is suim dha, gu’m bitheadh Cruithfhear nèamh agus na talmhainn ’na Dhia dha-san agus d’a shliochd. “Na biodh eagal ort (arsa Dia ri Abraham) ’s mise is sgiath dhuit agus do dhuais ro mhòr,” agus na biodh a h-aon aguinn riaraichte le n is lugha. Iarramaid e le dùrachd ar n-anama mar a rinn esan. Thugamaid uile uireasbhuidh ar n-anama fa chomhair Dhé—sgaoileamaid gach easbhuidh agus gach dìth—na ceileamaid ni air bith—tagramaid gach gealladh a th’ anns a’ Bhiobull, o thoiseach gu deireadh, air sgàth agus ann an ainm an Tì sin a choisinn duinn iad, agus an déigh dhuinn na h-uile nithe a tha ar n-anama comasach air a mhiannachadh na chur an céill le ar briathran fhaotuinn, cuimhnicheamaid gu’m bheil Dia féin ag ràdh gum bi e féin gu ro fhial os ceann na’s urrainnear iarraidh, na smaoineachadh. A ris. Bheannaich an Tì àrd a’ chunnaic Iacob e le mothach- [TD 348] adh a thoirt da gu’n do ghabh Dia ris. Bha e nis fo neul dorcha, agus bha e ’gleac fo dhorchadas nadurra agus spioradail, mar a ghuidh Iosa e féin na dhéigh sin air a’ chrann. Bha tonn air muin tuine a’ bristeadh thairis air, agus a mach as an doimhne mhòir bha e ’glaodhaich ri Dia. ’S gann a fhuair e air falbh o Laban bràthair-a-mhàthar a bha ann am feirg ris na chaidh a bhràthair as a dhéigh le ceithir mìle fear ag iarraidh a sgrios. Bu nadurra dha fheòraich a nis le imcheist agus le cùram—“An do dh’ fhàilnich geallanan Dhé, agus an do dhi-chuimhnich e bhi gràsmhor?” Bha e gu’n teagamh fo uamhas mòr anama; ach “thig Dia ri airc ’s cha ’n airc an uair a thig e,” tha e ’ceadachadh dha gleac ’s tha e ’ceadachadh dha buaidh fhaotainn. Bheannaich Dia e agus thug e Peneil mar ainm air an àite, do bhrigh (ars’ esan) gu’m faca mi Dia ’s gu’n do thearnadh m’ anam. Bheannaich Dia e mar an céudna le gealladh Bheteil a dhaingneachadh dhà—gur ann uaithe-san a thigeadh am Mesiah. Fhuair e nis an sealladh a fhuair a sheanair Abraham. Chunnaic e là Chriosd fad as agus rinn e gàirdeachas—bha fàire na maidne a nis a’ briseadh, cha ’n e mhàin air an t-saoghal ach air anam an duine naoimh so. Dh’ fhuadaicheadh air falbh an neul dorcha bha thairis air a’ ghealladh. Dh’ amhairc e nis roimhe ’dh’ ionnsuidh linntean a bha ri teachd, agus bheannaicheadh e mar an tì o’n robh am Mesiah ri éiridh. Bheannaicheadh Iacob aig Peneil le earlais a thoirt dà air subhachas agus glòir nèimh. Thug e Peniel mar ainm air an àite; oir a deir esan “Chunnaic mi Dia aghaidh ri h-aghaidh, agus tha m’ anam air a thearnadh.” Ciod a bha ’n so ach plathadh beag de shubhachas nan naomh? “Chunnaic mi Dia!” Bha so car tamuil mar fhlaitheanas beag air thalamh. Fhuair e sealladh nach d’ fhuair e riamh roimhe. An oidhche a chaidil e aig Bethel chunnaic e aisling a thug sòlas dà; ach chunnaic e nis sealladh nach fac’ e leithid ni’s mò gus an do phill esan a ghleac ris air ais do rioghachd na glòir’ an déigh obair na saorsa choilionadh anns an fheòil. Chaidh Iacob a nis air aghaidh gu tìr Chanaain, agus a chridhe agus ’anam air am beothachadh le dòchas gu’n coinnicheadh e esan a bha maille ris air an oidhche sin an àite far nach dealaicheadh iad a chaoidh. Anns an àite mu dheireadh fo’n cheann so. Esan a choinnich Iacob aig Peniel bheannaich e e le ainm ùr agus àrd a thabhairt dà; oir thubhairt e ris, “Cha ghoirear Iacob ni’s mò riut mar ainm ach Israel: oir bha cumhachd agad mar phrionnsa ri Dia, agus ri daoinibh agus thug thu buaidh.” Prionnsa le Dia! Cia àrd agus cia cliùiteach an t-ainm! Cia urramaichte os ceann na bhuineas do oighreachan no do phrionnsaibh an t-saoghal so. Choilionadh dhà-san da rìreadh gealladh an t-Slànuigh-fhir, “Dhà-san a bhuadhaicheas bheir mi ainm nuadh agus cead suidhe maille riumsa aig deas-làimh Dhé.” Cia mòr an sòlas a dhùisgeadh an t-ainm ùr so ann an cridhe Iacoib gach uair a chluinneadh e e. Ciod e dhà-san ged a bha e air fhàgail bacach ’s a’ chòmhrag ’nuair a chuireadh a [TD 349] leithid so de dh’ onair air. Agus an uair a rainig e Canaan, agus a cheannaich e fearann dhà féin, thog e àltair do Dhia, agus mar chuimhneachan air na thachair dhà air an oidhche so, thug e Eel-Elohe-Israel mar ainm oirre, se sin ri ràdh, Dia, Dia Israel: mar gu’n abradh e, “’S e Dia mo Dhia, agus ’s mise Israel an Tighearna. Mar so bheannaicheadh Iacob aig Bethel Ann an co-dhùnadh. Air tùs, tha sinn a’ fòghlum dìomhaireachd buinteanas an Tighearna ’thaobh a phobuill féin. Bha caithe-beatha Iacob ’na ghleac, ’s na chòmhrag, o àm a bhreith gu àm a bhàis. ’S maith a thuirt an Salmadair, “’S ioma trioblaid agus teinn a thig air an fhìrean, ach asd’ uile saoraidh an Tighearna e.” “Cò iad sin (ars’ Eòin an Diadhair) a tha air an sgeadachadh le trusganaibh fada geala? agus cia as a thainig iad? Is iad so iadsan a thainig á h-àmhgharan mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.” A rìs, tha sinn a’ fòghlum o’n eachdraidh so gur bitheanta le Dia an taisbeanadh is gràsmhoire a thoirt air féin d’a phobull ann an àm na h-éigin, agus an uair is doirche ’n oidhche. Mar so thachair, cha ’n e mhàin do Iacob, ach do gach naomh air am bheil iomradh aguinn ann am focal Dé. Tha’n eachdraidh so mar an céudna ’teagasg dhuinn nach gleac a h-aon de shluagh Dhé gu dùrachdach, seasmhach ann an ùrnuigh nach beannaich Dia uair no uaireigin; oir thuirt Dia Iacob, “Cha ’n iarr a h-aon de shliochd Iacoib m’ aghaidh ann an dìomhain.” Feudaidh iad a bhi ’gleac ré na h-oidhche, agus faodaidh giorag agus dosguinn tachairt riù, ach thig fàire na maidne, agus beannaichidh Dia iad mar a bheannaich e Iacob. Sibhse ’luchd na h-ùrnuigh matà bithibh seasmhach ’s na tugaibh géill, ’s gu là bhràth na caillibh ur dòchas ann an Dia. Oir, Anns an àite mu dheireadh, tha ’n eachdraidh so a’ leigeil ris duinn cia mar a tha na gleacairean spioradail a’ faghuinn buaidh. Cha ’n ann ’n an neart féin—cha ’eil iadsan ni’s cumhachdaiche na Dia mòr Israel, ach do bhrigh gràs Dé tha e ’ceadachadh dhoibh buaidh fhaotuinn. Cha mhiann leis air àm air bith an diùltadh, ach ’s miann leis foighidinn a theagasg dhòibh; oir anns a’ ghleac spioradail so tha e leis an dàra laimh a’ toirt taice do ’n chreidmheach, agus tha e leis an làimh eile mar gu’m b’ eadh a’ cath ’nan aghaidh. “Leig leam,” ars’ esan ri Maois. “Leig as mi,” ars’ esan ri Iacob; ach ged a thuirt e so bhuadhaich creideamh nan daoine naomh agus bheannaich Dia Iacob ’s an àite sin féin. O! gu’n deanamh an Spiorad Naomha gach aon aguinn làidir ann an creideamh. T. [TD 350] II. CUNNTAS AITH-GHEARR AIR BEATHA DHUGHAILL BHOCHANAIN; UGHDAR NAN “LAOIDHEAN SPIORADAIL.” AN DARA H-EARRANN. ’S AN àireamh mu dheireadh dh’ ainmich sinn an drùghadh, agus an t-atharrachadh mòr a thainig air an duine so trìd ùrnuigh dhùrachdaich, agus iriosail. Thréig e a dhroch chleachduidhean gun dàil; agus bha e ro fhaicilleach cùramach na chaithe-beatha. Ach bha e còrr ’us bliadhna ’n a dhéigh so gu n fhois, no sìth-coguis. Oir thog e am beachd a tha aig ro mhòran gu’m féumadh e e féin a ghlanadh ’an tomhas àraidh mu’n gabhadh Crìosd ris—gu’n robh nì-eigin ann an “tighin chum Chrìosd’—ann an “teicheadh chum an dìdein” a bha aige r’a dheanamh ’na neart féin: agus gur ann an uair a dheanadh esan an urrad so de Fhìreantachd oibreachadh a mach dha féin a bha Crìosd a’ tighin a dheanadh a suas a’ chorra le ’Fhìreantachd féin. ’Am feadh ’s a bha e ’s a’ bharail so dh’ fhuiling e mòran. Bha e ’togail a thighe air a’ ghainich, ’s cha robh latha nach robh tuil, no doinionn air chor-eigin a’ leagadh gach cloich ’us croinn de’n togail gu làr. Cha robh latha nach robh e ’faghuinn a’ leithid de shealladh air a chionta ’s air a thruailleachd ’s a bha dearbhadh nach b’ urrainn dhàsan a chaoidh ni air bith a dheanamh a bhiodh làn thaitneach do’n Dia Uile-naomh. Bha e ann am mòr gheilt, agus ann an cruaidh-ghleachd anama gu minic; agus bha ’sheana chombanaich a’ nochdadh mòr ghamhlais agus mhì-rùin ’na aghaidh. ’N uair a dh’ fhartlaich orra a tharruinng air ais gu’n dòighean féin sgaoil iad naigheachd gu’n robh e air a chuthach, agus an uair nach d’ rinn so coire dha thog iad gach droch alla air, agus dh’ fheuch iad anns gach dòigh r’a chliù a dhubhadh, ’s a mhilleadh. O! ’s eagallach, ach ’s fior an dearbhadh a tha’n so air an fhìrinn gu’m bheil “truacantas nan aingidh an-iochdmhor.”—Gnàth. xii. 10. Ni iad brìodal gu mealladh, agus gu sgrios: ach cuireadh neach ’nan aghaidh—’s e fuath—’s e naimhdeas fuileachdach a nochdar dha—dìreach mar a ni an diabhal fa dheireadh air gach aon a dh’ éisdeas ris. Bha Dùghall Bochanan eadar buairinean o’n leth-stigh gu tric ’an iomàis e féin a thoirt a suas do éu-dòchas tur; ach tha e ag innseadh dhuinn gu’n d’ rinn an Sgriobtur so mòran féuma dha aig an àm sin. “Anns a’ mhaduinn cuir do shìol, agus ’s an fheasgar na toir air do làimh sgur; oir cha ’n ’eil fhios agad cia dhiubh a’s fearr a shoirbhicheas so, no sud.”—Eccles. xi. 6. Air a bhrosnachadh leis an earail so lean e gu dlùth air Dia iarraidh anns gach meadhon gràis a shònraich e féin. Bha e gach Sàbaid ’s an tigh-aoraidh—bha e gach làth le ’uile chridhe a’ rannsachadh nan Sgriobtuirean: agus os ceann nan uile bha e ’sìor-ùrnuigh ri Dia gu’n soilleiricheadh ’us gu’n sàbhaladh è è. Agus cha robh [TD 351] aon diubh so gun bheannachd dhà. Cha robh e ’faghuinn làn fhuasgladh air chor air bith; ach bha “focal ann an àm” air a labhairt ris. ’Nuair a bha ’anam gu mòr air a leagail sìos bha gath dòchais air a leigeil a stigh air, a bha ga bheothachadh. ’Nuair a bha e ’an cunnart o uabhar bha ’pheacuidhean air an cur an òrdugh f’a chomhair a shùl. ’N uair a bha e ’fàs mi-chùramach, no lunndach bha trompaid an lagha ’séideadh ’na chluasan; agus mar so bha e air a ghleidheil air ’adhart a ghnàth—a’ siubhal air slighe nach b’ aithne dha, gidheadh a’ dol gach làth na b’ fhaide o thìr na daorsa, agus na bu dlùithe air “fearann a’ gheallaidh.” ’An déigh a bhi còrr ’us bliadhna ’s an staid so chual’ e searmoin o ’n cheann-teagaisg ro bhrìghmhor ’s ro ghràsmhor sin—“Uaithe-san tha sibh snn an Iosa Criosd neach a rinneadh dhuinne le Dia ’na ghliocas, ’na fhireantachd, ’na naomhachd, agus ’na shaorsa,” (1. Cor i. 30.) agus bha i so air a beannachadh dha gu mòr. Mu’n àm chéudna choinnich e boirionnach cràbhaidh a thug mòran mìneachaidh dha air saor-ghràs Dhé ann an Criosd, sa dh’ innis dha gu soilleir gu’n robh esan air slighe mhearachdaich am fad ’s a bha e ’strì ri ’fhìreantachd féin a chur air bonn. Fhuair e a nis soilleireachadh o’n Spiorad air slighe na slàinte. Thuig e gu’n robh Crìosd a’ gabhail ri peacaich dìreach mar pheacaich—a’ gabhail riuth gun airgiod, agus gun luach, ga’m fìreanachadh ga’n glanadh ga’n naomhachadh o ’shaor ghràdh féin—gun sealtuinn air an toilteanas-san ’s a’ bheag no ’s a’ mhòr. Air dha so a thuigsinn dh’ iarr e le uile dhùrachd gu’n gabhadh Criosd seilbh ann dìreach mar a bha e, agus gu’n oibricheadh e ann uile “chomhairle a dheagh thoile fein.” Cha luaithe a chuir e suas an t-iarrtas so na fhuair e làn shuaimhneas anama ann a bhi ga earbsa féin gu buileach ris-san a tha uile-chumhachdach gu tearnadh, agus rinn e gàirdeachas ro mhòr. Ach cha robh a dheuchainnean uile thairis. Thoisich e ’an uine ghoirid air a bhi ann am mòr iomaguin a thaobh an robh, no nach robh esan air a thaghadh le Dia chum slàinte shìorruith. Ach fhuair e an uachdar air a’ bhuaireadh so le e bhi air a shoilleireachadh dha nach aithne do chreutair air bith rùn, no òrduighean sìorruith Dhé, agus gur e a th’air aithneadh dhoibh-san le’m b’ àill fios a bhi aca am bheil “iad ann an Criosd a bhi gluasad, ni h-e a réir na feòla ach a réir an Spioraid” (Rom. viii. 1.)—gur e dìchioll gu ar gairm agus ar tagha a dheanamh cinnteach—a h-uile dìchioll a dheanamh gu chur ri’r creidimh deadh-bhéus, eòlas, stuaim, foighidin, diadhachd, gràdh-bràthaireil. agus seirc.—Faic 2. Pead. i. 5—11. Bha e a nis a’ mealtuinn mòran de ghràs ’s de làthaireachd Dhé; ach tha e ag innseadh dhuinn gu’n d’ fhuair e leagadh goirt ’s a’ bhliadhna 1746. Air a’ bhliadhna roimhe sin—“Bliadhna Thèarlaich” mar a theirear rithe—dh’ éirich mòran d’a chàirdean-san leis a’ Phrionnsa, agus mar a thachair do na h-uile a thill o’n fheachd mhi-fhortanach a bha’n sin rinneadh tròm pheanas orra. ’N uair a bha esan a’ faicinn so a’ dol air aghaidh dhùisg a dhiomb [TD 352] ’an aghaidh an luchd-riaghlaidh a bha ga’m peanasachadh, agus thainig e gu fìor fhuath, agus naimhdeas altrum ’nan aghaidh. Ach thuig e ’an ùine ghoirid gur ann ’an coguis ghloin a dh’ fhéumar creidimh a choimhead.—1. Tim. iii. 9. Cha luaithe ’thug e àite do mhi-rùn na thainig ioma droch aigne eile a ghleidheil cuideachd rithe—dh’ fhàs a chridhe fuar ’s a thuigse dall, ’us ré dhà bhliadhna bha e ag imeachd ann an dorchadas, agus gun eòlas: cha robh co chomunn milis, no dlùth aige ri Dia ann an òrdugh air bith, no beothalas, no neart ’na anam. Bha e a’ searg ’s a seachdadh as, agus le mòr àmhghair a’ sìor ghuidhe “gu’n robh e mar anns na làithean a dh’ fhalbh.’ Fa dheireadh dh’ fhiosraich an Tighearna e as ùr le solus a ghnùise. Agus air dhà-san fhoghlum uaithe so “a chridhe a ghleidheil leis an uile dhìchioll,” agus a bhi ghnàth ri faire, agus ri ùrnuigh fhuair e gu’n robh an Tighearna dlùth dha gach uair. Dh imich e air slighe na fìreantachd, agus na naomhachd, agus bha sìth air a meudachadh dha gach làth, agus bha e ’mealtuinn mòran de shaorsa ghlòirmhor chloinne Dhé. Cha ’n ’eil ùine aguinn air a bheag a’ ràdh mu na bheil ’eachdraidh-san a’ teagasg do gach aon a tha fo chùram mu ’n anaman; ach thugadh ar luchd-léughaidh fainear gu’m bheil Sàtan gu ro mhinic a’ cur anaman air seachran mar a dh’ fheuch e ri dheanamh air-san le ’thoirt orra ’chreidsinn gu’m bheil tròcair Dhé air a nochdadh ann am maitheanas a thoirt air sgàth Chrìosd dhoibh-san ’sam bheil tomhàs maitheis iad féin, agus gur h-e an obair-san am maitheas so oibreachadh ’nan neart féin. Iarradh gach aon a thuigsinn gur ann o fhìor ghràs, agus iochd a tha Criosd a’ gabhail ri neach air bith—gur e féin a tha ’toirt gach maitheas do ’n anam—gur e féin “Ughdar agus Fear-crìochnachaidh a’ chreidimh”—“an céud neach agus an neach deireannach.”—“Na h-uile agus anns na h-ùile” do’n anam. Rachadh iad d’a ionnsuidh le’m peacuidhean, ’s le’n cionta gu léir. ’S e féin a mhàin a bheir air falbh iad, Ma dh’ fheitheas daoine gus an toir iad maitheas leò chum Chriosd feithidh iad gu là a’ bhàis—gu là a’ bhreitheanais, agus an dìtidh. A rithis a thaobh muinntir a bhi air an ro-òrduchadh. Iad-san a tha air an ro-òrduchadh ’s an a chum a bhi co-chosmhuil ri ìomhaigh Chriosd.—Rom. viii. 29. Biodh mata an aon intinn annainne a bha ann an Criosd. Biomaid a’ gluasad ’na cheumaibh, gu naomh, neo-lochdach, neo-choireach. Mar so, agus mar so a mhàin gheibh sinn fìor dhearbh-bheachd an dòchais. Cha ’n ’eil cunntas mion air bith aguinn air cor aimsireil Dhughaill Bhochanain ’s na bliadhnachan so. Dh fhàg e féin eachdraidh shoilleir air buntainneis an Tighearna r’a anam; ach cha robh an saoghal a’ cur mòr iomaguin air, ’s mar so cha do sgrìobh e bheag uime. Tha e coltach gu’n d’ fhag e Dun-Breatun goirid an déigh dha bhi air a tharruing dlùth do Dhia. Shocraich e car grathainn ann an Ardoch an t-àit’ ’an d’ rugadh e, agus ghabh e am muileann a bha aig ’athair. Tha ’n ath chunntas againn air mar [TD 353] Mhaighstir-sgoile ann an cearn’ iomallaich de Shiorramachd Pheairt far an robh a chrannchur glé bhochd. Ach thug daoine tuigseach, agus cràbhaidh a bha mu’n cuairt aire d’a thuigse ’s d’a chràbhadh-san, agus mhol iad e do ’n “Chuideachd Urramaich a tha chum eòlas Criosduidh a Chraobh-sgaoileadh air feadh Gàedhealtachd agus Eileanan na h-Alba.” Ghlac iad-san air làimh e co luath ’s a fhuair iad eòlas air; agus shuidhich iad e ann an Rannoch ’an Sgireachd Phartaingail, agus’ an Siorramachd Pheairt mar Mhaighstir-sgoile, agus mar Cheisdear ’s a’ bhliadhna 1755. Ann an so shaothraich e car aona bliadhna déug, ann an teagasg na h-òigridh, agus ann an ceasnachadh, ’s an comhairleachadh nan aosda, agus bheannaich Dia a shaothair air mhodh ro shònruichte. Bha muinntir an àite dall, borb—gun suim air bith de Chriosd, no de shìorruitheachd. Bha iad ro throm air òl, ’s air mionnan, agus b’i an t-Sàbaid latha-cluiche, ’us sùgraidh ’bu shònraichte ’bha aca. Cha rachadh a h-aon diubh ga éisdeachd-san ’an toiseach; ach chaidh esan far an robh iad-san, agus le ’chaomh chomhairlean thaobh am maith shìorruith féin bhuadhaich e orra co mòr ’us ’an ùine ghoirid nach gleidheadh an tigh na bha ’tighin ga éisdeachd air an t-Sàbaid—gu m b’ fheudar dhoibh dol a mach thun an raoin. Bha na briathran a labhair e riuth ’an sin air an naomhachadh chum dùsgadh ’us ath-gheanmhuinn mhòran. Thainig atharrachadh buileach air cleachduinean an t-sluaigh, agus gus an làth’ an diugh tha cuimhne chliùiteach air a’ mhaith a rinn e ann an Rannoch. Roimh an àm so phòs e agus bha a bhean anns gach ni “’na còmhnadh iomchuidh dha,” ceanalta ’na nàdur, agus diadhaidh ’na giùlan. ’S ann roimhe so mar an céudna a chuir e mach feadhain de na “Laoidhean Spioradail” sin a tha air an seinn co minic leis na Gàedheil anns gach dùthaich ’s am bheil iad, ’s a tha gu cinnteach airidh air an seinn, ’s air an cliuthachadh. Rinn cur a mach nan Laoidhean so ainmeil e mar dhuine ’bha mion-eòlach air fìrinnean an t-soisgeil, agus mar shàr sgoileir Gàelic. Air a shon so ghairmeadh do Dhun-éidean e ’s a’ bhliadhna 1766 gu cuideachadh anns an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh gu Gàelic. Thug e dlùth aire air an obair chudthromaich so car dà bhliadhna, agus bha e aig an àm chéudna ag éisdeachd gu dlùth ris an àrd-luchd-theagaisg sin ann an Oil-thigh Dhun-éidin a bha ’mineachadh oibrean iongantach an Tighearna ann an crùthachadh ’s an gleidheil suas an t-saoghail; agus thainig e air aghaidh gu mòr-fhòghlum a bhi aige. Ach b’e toil an Tighearna a ghairm o ’shaothair air thalamh gu fois shìorruidh ann an nèamh. Cha luaithe thill e á Dùn-éidean na bhuail fiabhras e, agus b’ e so dhà-san teachdaire ’bhàis. Bha e beagan sheachdainean ’na luidhe. Bha intinn gu minic, mar a tha ’tachairt ann am fiabhras ’am bitheantas, gu mòr troimhe ’chéile, ach an uair a b’ àirde ’bhruaillein ’s ann mu’n “Uan ’am meadhon na Rìgh-chathrach” a bhiodh e seinn—a’ seinn gu binn, agus gu buadhmhòr; ’s an uair a bha e ’faghuinn feith bha [TD 354] ’bheachd air Criosd co soilleir ’s a bha i riamh—bha sìth iomlan aige. Chaochail e air an dara là de dhara mìos an t-samhraidh 1768 aig aois dà bhliadhna dhéug thar an dà fhichead. Tha ’n so cunntas aith-ghearr air beatha agus bàs duine a bha air ioma dòigh na dhuine sònruichte, agus urramach. Bha tàlandan mòra aige thaobh nàduir, agus bha iad so an déigh an glanadh, an àrdachadh, agus an naomhachadh le Spiorad na naomhachd air an coisrigeadh do sheirbhis Dhé le làn rùn, agus trèibhdhireas cridhe. Cha ’n ’eil cunntas aguinn ach gann air duine air bith bu mhò a bha ann an da rìreadh a thaobh slàinte ’anama féin, agus anaman dhaoin’ eile na e. Bha e le ’uile dhùrachd agus le uile neart a’ strì riusan m’a thimchioll a sdiùradh chum an Fhir-shaoraidh: agus maille ris an éud so bha eòlas soilleir—bha tuigse ghramail—bha ciall, rian, ’us gliocas aige. Bha mòran aige-san de “spiorad a’ chumhachd, a’ ghraidh, agus na h-intinn fhallain”—2 Tim. i. 7; agus mar so bha mòr shoirbheachadh leis anns gach saothair spioradail a ghabh e os làimh. Tha na buaidhean so soilleir o na “Laoidhean” a dh’ fhag e a bhàrr air gu’m bheil dearbhaidhean eile aguinn orra. Tha na “Laoidhean” sin fada, fad’ air thoiseach air aon ni eile de’n t-seòrsa a chunnaic sinne ’s a’ Ghàelic—an taobh a mach de na Laoidhean a tha air an seinn ’n ar n-eaglaisean, agus air nach ’eil sinn a toirt coimeis a chionn gur ann air an eadar-theangachadh o’n Bheurla ’tha iad. Tha Laoidhean Dhùghaill Bhochanain—cha ’n e ’mhàin snasmhor ’an cainnt agus a’ nochdadh eòlais mhion, agus shoilleir air fìrinnean an Sgriobtuir; ach tha iad a’ leigeil ris farsuingeachd intinn a tha ’tarruinng soilleireachaidh, agus samhlachaidh air nithe spioradail bho eachdraidh agus o nithean saoghalta ’m bitheantas; agus gu h-àraidh tha iad brìghmhor, seadhail, purpail anns gach earrainn. Cha ’n ’eil mar is minic a tha ann am feadhain a chaidh a sgrìobhadh o latha-san, dad de rannaghail, ’s de ròiseil cainnt gun seadh, gun fhéum annta. Tha iad ’s gach focal a’ nochdadh intinn shoilleir, thùrail, ghramail a bha ’gabhail beachd ceart agus dlùth araon air nithe saoghalta agus spioradail. ’S i ’n té mu “Là a Bhreitheanais” a’s bitheanta air an cuala sinn moladh; ach ’n ar beachd-ne tha Laoidh a’ “Chlaiginn” a’ leigeil ris tuille tàland’. Tha iad uile maith; agus b’ fhearr leinn gu’n robh iad ’an làmhan, agus ’an cridheachan gach Gàedheil. Ann an co-dhùnadh, ma tha dhìth oirnne maith a dheanadh ’n ar latha, ’s ’n ar linn—no dol a steach do shuaimhneas an Tighearna fadheòidh biomaid mar a bha Dùghall Bochanan le’r n-uile chridhe ag iarraidh gràis Dhé, agus a’ deanamh bho ar cridhe mar do’n Tighearna gach nì a gheibh sinn r’a dheanamh. Bha esan ro thrèibhdhireach—gu buileach ’an da rìreadh ag iarraidh beannachd, agus bha e air a bheannachadh. F. B. [TD 355] III. CUNNTAS AITH-GHEARR AIR LUCHD-AITEACAIDH PITCAIRN’S ISLAND ANNS A’ CHUAN MU DHEAS. CHUNNAIC sinn bho cheann ghoirid anns na Paipearan-Naigheachd litir o dhuin-uasal a bha mu thoiseach na bliadhna so air tìr ’s an Eilein chian ud, far am bheil e ag innseadh gu’m fac’ e cuideachd co eireachdail, ’s co òrdughail de fhir ’s de mhnathan ’s a chìteadh ’an cearn’ air bith de’n t-saoghal. Bha iad a’ bruidhinn Béurla gu fileanta. Bha coltas Bhreatunnach orra; bha dòighean agus cleachduidhean Bhreatunnach aca: agus ’an aon nì bha iad fad air thoiseach air mòran Bhreatunnach. Bha iad ro stuama, measarra; agus a réir gach coslais ’nam fìor Chrìosduidhean. Tha e ag ràdh nach aithne dhà sluagh fo’n ghréin co béusach, no co sona riutha. A nis ’s iad daoine dubha mar a their sinn riutha a tha ’g àiteachadh nan Eileinean mu’n cuairt d’a so—daoine a tha anns gach ni fada, fad’ air dheireadh air muinntir na Roinn-Eòrpa: agus a bha uile gus bho cheann ghoirid, mar a tha mòran diubh fathasd, ann an doille an iodhoil-aoraidh—ann an aineolas ’s an truaillidheachd ro ìosal. Ciamar matà a thainig a’ leithid de sheilbh ’s de àgh air an Eilein ud seach càch gu léir? Tha sgéul fada air a sin: ach ’s eachdraidh e a tha co iongantach ri aon Sgéulachd a chuala sinn riamh ’an làithean ar n’ òige mu “Fhianntainnean,” mu “Fhamhairean,” no mu “Shìothaichean;” agus tha e, bhàrr air a bhi fìor, a’ teagasg ioma fìrinn fhéumail dhuinn. Feuchaidh sinn matà ri chur a sios co soilleir ’s a dh’ fheudas sinn ann an duilleig no dhá. Tha ann am feadhain de na h-Eileanan ud ’s a’ Chuan mu Dheas an aon chraobh a’s brìghmhoire, ’s a’s luachmhoire air uachdar an t-saoghail fhad ’s is aithne dhuinne—a’ Chraobh-arain, no Bread-fruit Tree mar a theirear rithe. Oirre so tha meas a’ cintinn a tha ro mhòr ann an tomad: a tha car coltach ri aran cruithneachd ’na bhlas, agus a ni biadh fallain, maith gun deasachadh, gun ghréidheadh ach a shliseagachadh leis an sgithinn ’us itheadh co luath ’s a sgathas tu bhàrr na craoibh’ e. Tha i a’ toirt seachad an toraidh so car ochd mìosan de’n bhliadhna, agus ni ’dha no ’trì ’chraobhan am paillteas lòin do theaghlach ré na bliadhna. Tha cairt na craoibh’ a’ deanamh éudaich; agus tha iomad féum eile innte bharrachd air so. Ach cha’n e eachdraidh na craoibh’ a tha sinn gu leantuinn ged a thubhairt sinn an urrad so m’a timchioll a chionn gur h-i ann an tomhas mòr a bu mhàthair aobhair do na nithean a leanas— Bha na Breatunnaich ann an Innsean na h-Aird an Iar—West Indies déigheil air a’ chraoibh ud fheuchainn ’n an Eileanan féin; agus aig an iarrtas-san chuir luchd-sdiùraidh na rìoghachd, anns a’ bhliadhna 1787—o cheann trì fichead bliadhna ’s a h-aon—a mach soitheach-rìgh do’n Chuan mu Dheas arson failleinean d i ’thoirt do Jamaica, ’s do na h-eileinean eile mu’n cuairt dha. ’S e ’m Boun- [TD 356] ty a b’ ainm do’n luing so, agus ’s e Captain Bligh ’bu Sgiobair, no Ceannard oirre. Bha ceithir ’s da fhichead de sgioba aige, agus bha ’n Soitheach air gach dòigh air a h-uidheamachadh co maith ’s is àbhaist aon de chabhlach mòr agus buadhmhor Bhreatuinn a’ bhi. Dh’ fhàg iad Breatunn deireadh bhliadhna 1787, agus toiseach an fhoghair ’s an ath bhliadhna rainig iad Otaheite—aon de na h-eileinean air an robh iad ’an tòir. Fhuair iad muinntir an Eilein sin ro chàirdeil, chost’ach: agus chuir iad air bòrd mòran de na craobhan-arain. Fhuair iad gach ni ’an òrdugh a réir am miann, agus dh’ fhàg iad an t-Eilein deireadh an earraich 1789. Ach cha b’ fhada chaidh iad air an aghaidh ’n uair a thainig atharrachadh mòr air an cor. Oidhche ’bha sin, beagan an déigh dhoibh seòladh, dh’ éirich a’ chuid mhòr de’n sgiobadh ’an ceannairc (mutiny) ’an aghaidh a’ Chaiptein. Cheangal iad a làmhan ’s a chosan mu’n robh fhios aige c’àit an robh e; agus anns a’ mhaduinn thilg iad e féin agus ochd-fir-dhéug eile ann an té de bhàtaichean na luinge, agus chuir iad mar sgaoil air aghaidh a’ chuain mhòir iad. Feumaidh sinn iad so a leantuinn car mionaid no dhà; oir rinn iad an t-aon turus-cuain a’s iongantaiche air an cuala sinn riamh iomradh. Cha robh am bàta ’s an do chuireadh iad ach tri-troighe-fichead air fad—sgoth chaol a bha fosgailte o thoiseach gu deireadh, gun oirleach dùnaidh, no deck oirre. Bha naoi-fir-dhéug innte. Cha robh de bhiadh aca ach na dh’ fhoghnadh gle ghann car naoi lathan le ceartas; ach air a’ bhochduinn, bhrònaich so thainig iad a suas car sheachd seachduinean. Anns a bhàtachan bheag so sheòl iad còrr agus trì mìle mhìltean—pailt co fada ’s a tha New York ’an America bho Bhreatunn, agus a’ chuid mhòr de’n astar, ’s de’n ùine sin bha doinionn gharbh a’ séideadh riuth’—bha’n lunn daonnan tròm—am bitheantas a latha ’s a dh’ oidhche bha bàrr nan tonnan mòr’ a’ dòrtadh a stigh orra, agus aca ri taomadh le’n uile neart. Cha robh teine—cha robh plaide, no dìon air bith aca o’n t-sìon, agus ’s e’n dòigh a b’ fhearr a fhuair iad gu iad féin a ghleidheil o mheileachadh, ’n uair a bhiodh an eudach bog, fliuch le uisge an adhair, a chur dhiubh ’sa thumadh anns an t-sàile, agus bha iad ag ràdh gu’n robh blàthas ann an so ’an coimeas ri fuarrachd àitidh uisge an adhair. Thug iad ionnsuidh no dhà air dol air tìr air feadhain de na h-eileinean nach robh fada uatha ’s a’ chuan mu Dheas, ach bha muinntir nan eileinean sin ro bhorb riutha; mharbh iad aon fhear de’n sgioba, agus is ann air éigin a fhuair càch as. Mar so cha robh aca ach gleidheil air an aghaidh fhad s a shnàthadh an eithear beag ’an earbsa ri tròcair an Tì a tha riaghladh os ceann onfha na fairge, agus a’ gleidheil nan gaothan na ’ghlaic: oir o’n co-chréutairean féin cha robh iochd no tròcair ri fhaotuinn. Fa dheireadh rainig iad Eilein ’s a’ Chuan an Ear (Indian Ocean) da’n ainm Timor far an robh tuineachas aig na Dùitsich; agus ’an so fhuair iad gach cneasdachd, ’s gach caoimhneas. Sheòl iad mar a thubhairt sinn còrr ’us trì mìle mhìltean troimh fhairge thruim, dhoinnion- [TD 357] aich. Bha iad fliuch, fuar, agus daonnan air an cràdh leis an ocras. Ach ’na dhéigh so gu léir cha do chailleadh a h-aon diubh ach am fear a chaidh a mharbhadh. Chaochail cuignear dhiubh ’na dhéigh so air tìr, agus fhuair an còrr dhachaidh air soithichean Breatunnach a bha tilleadh á Innsean na h-Aird-an-Ear. Ach tilleamaid ri luchd na ceannairc a ghabh seilbh ’s an t-soitheach mhòr—am Bounty. Cha robh fuath air bith aca so air an Sgiobair, Captain Bligh, agus cha robh ni air an aire anns an ionnsuidh uamhasaich a thug iad ach saors’ fhaghuinn gu fantuinn ann an Otaheite, no ’m fear eile de na h-Eileinean mu’n cuairt; oir bha iad a’ deanamh dheth gu’m biodh beatha shàsda, shòghmhor, ac’ an sin air bheag dragh’—gu’m biodh iad ’nan làn mhaighstirean air na daoine-dubha; agus bha feadhain dhiubh a ghabh spéis anabarrach de bhoirionnaich an àite. Bha ceithir thar fhichead ann de na Mutineers mar a theirear riutha. Co luath ’a a fhuair iad an soitheach dhoibh féin sheòl iad gu fear de na h-Eileanan a dh-fhàg iad as an déigh, agus ’an so chaidh iad air tìr gu tuineachas ann. Ach rinn muinntir an Eilein urrad ’s a b’ urrainn iad n an aghaidh. Chaidh iad féin thar a chéile gu mòr, agus ’an déigh ioma connsachadh, ’us iorghuill, ’s an déigh an soitheach a losgadh chum ’s nach faighteadh a mach iad ged a chuirteadh tòrachd orra dhealaich iad ’n an dà bhuidhinn. Chaidh sea deug dhiubh gu Otaheite; agus thog ochdnar orra gu eilein air chor-eigin eile, far nach cualas forghais orra car còrr ’us fichead bliadhna. Ach thainig an tòrachd air càch mar a bha eagal orra. Co luath ’s a ràinig Captain Bligh Breatunn chaidh soitheach cogaidh a ghrad chur—a h-uile céum—gu Otaheite as déigh nam Mutineers; oir rinn iad ni a bha tuille ’s an-dàna gu sealltuinn thairis air. Thainig ceithir-déug dhiubh so, agus strìochd iad iad féin do’n luing Bhreatunnaich—am Pandora; oir cha d’ fhuair iad an t-Eilein mar a bha fiuthair aca ris—bha iad sgìth dheth. Theich dithis dhiubh do na coilltean far an deachaidh cur as doibh le muinntir an àite. Rinn am Pandora gach rannsachadh arson an ochdnar eile, ach dh’ fhartluich oirre an lorgachadh; agus chuir i a’ h-aghaidh ri Breatunn leis an fheadhain a fhuair i. Cha d’ ràinig i riamh. Bhuail i air sgeir culthaobh Australia, agus chailleadh ceithir de na prìosanaich, agus àireamh mhòr de ’n sgioba ann an so. Fhuair an còrr dhachaidh air Soitheach eile. Chaidh na prìosanaich—no na Mutineers—a ghrad chur air dheuchainn. Leigeadh ceathrar dhiubh as. Chaidh seathnar a dhìteadh gu bàs; ach cha do chuireadh ach triùir gu bàs dhiubh. Chaidh guth-thairis air an ochdnar eile car ioma latha ’s bliadhna. Ach ’s a’ bhliadhna 1808, air do shoitheach Americanach taghal ann am Pitcairn’s Island chunnaic i ’an sin fuigheal nam Mutineers, agus cuid de’n sliochd. Cha do ghabh na h-Americanaich a’ bheag de ghnothach riuth; agus cha robh iomradh gu’n robh an leithidean ann gu sea bliadhna ’na dhéigh so—1814—an uair a thaghail dà shoitheach Bhreatunnach ’s an Eilein cheudna, agus ’s ann le mòr [TD 358] ionghnadh a chunnaic iad dithis ghillean ro fhoghainteach, eireachdail a’ tighin air bòrd—le aghaidh agus cumachd coltach ri Breatunnaich, ach nèul na bu doirche air an craicinn, agus iad a’ bruidhinn Beurla co deas spalparra ’s ged a b’ ann an Lunnainn a rachadh an àrach. Chaidh oifigich nan soithichean air tìr leo, agus fhuair iad an sin aon seann duine de mhuinntir na Bounty d’am b’ ainm Smith ’an toiseach, ach a thug Adams air féin ’an déigh tàmh ’s an eilein ud, agus comhla ris-san bha mu thrì fichead pear sa—mnathan, clann, ’us oghachan nan seòladairean. Thug esan an cunntas a leanas air na dh’ éirich dhoibh. An déigh do’n dà bhuidhinn dealachadh shocraich an ochdnar ann am Pitcairn’s Island, agus ghabh iad uile mnathan de mhuinntir an àite mu’n cuairt. Car tachdain chaidh gach cùis gu maith leo: ach fa dheireadh rinn iad de éucoir air muinntir an eilein anns gach dòigh, agus gu’n d’ éirich iad so ’nan aghaidh, ’s gu’n do mhort iad ceathrar dhiubh. Chaidh Adams agus fear eile do’m b’ ainm Young a chaomhnadh air iarrtas am mnathan, agus theich dithis eile—M‘ Koy, agus Quintal—do’n choille. Fhuair iad so cead tilleadh air an ais ri uine; ach cha b’ ann a’m maith a bha an ùigh. Bha M’ Koy ’an làithean òige cleachdta ri deanamh Uisge-beatha, agus cha do chlos e gus an d’ fhuair e dòigh air spiorad millteach de’n t-seòrsa cheudna a tharruinng á luibhean a bha ’fàs anns an Eilein. sin. Co luath ’s a fhuair e an t-innleachd truagh so a mach, bha e féin agus Quintal air mhisg o mhoch gu dubh. Chaidh eanchainn-san ’an ùine ghoirid troimhe chéile, agus ann an téum cuthaich thilg e e féin thar creige ’us chaidh as da. Lean Quintal air an òl; agus leis an òl mar is dual thainig gach droch-bheirt ’na cheann. Bha e ’feuchainn ris an dithis eile a spùinneadh, agus uair no dhà thug e làmh air am beatha. ’N uair a chunnaic iad so rug iad air, agus chuir iad as dhàsan mar an céudna. Cha robh a nis ach an dithis a làthair. Dh’ fhan iadsan stuama; agus uigh air n-uigh thainig iad gu smaoineachadh air an gnàthachadh—air Dia, agus air sìorruitheachd. Chaidh Adams a thogail ’an Sgoil-Shàbaid ann an làithean òige; agus fada mar a bha na teagasgan a fhuair e air an dì-chuimhneachadh, ’s air an saltairt fodha dh’ éirich iad a nis eadhoin mar as an uaigh, agus gach aon diubh ga ghairm gu aithreachas ’s gu pilltinn ri Dia. Bha Bìobull aige mar an céudna ri’n do lean e troimh gach allaban, ’s gach amaideachd troimh ’n deachaidh e; agus a nis dh’ fhosgail e ’dhuilleagan naomh’, agus gràsmhor. Léugh e mu thròcair Dhé ann an Crìosd, agus rinn e ùrnuigh dhùrachdach arson na tròcair sin. Lean Young an deadh eisimpleir, agus ’an ùine ghoirid fhuair iad le chéile soilleireachadh, agus sdiùradh uaithe-san “aig nach ’eil tlachd ann am bàs an aingidh,” agus a tha “ri fhaotuinn leoasn uile a ghairmeas air ann am fìrinn.” Chaochail Young beagan na dhéigh so; agus bha Adams ’na ònrachd air a chaomhanadh de ’chombanaich uile. Ach cha robh e neo-mhothachail air a’ ghràs iongantach a chaidh a nochdadh dhà. Thòisich e gun [TD 359] dàil air teagasg a chloinne féin, agus na cloinne a dh’ fhàg càch, ’us ged an robh e fòghlumta bha e dùrachdach; agus bha mòr bhuaidh leis. Bha e gach Sàbaid a’ cruinneachadh na cloinne ann an aon àite—a’ cur an céill dhoibh meud nan nithe rinn Dia air a shon-san—a’ teagasg dhoibh eòlas an Tighearna, agus ga’n cuireadh gu Crìosd. Thainig atharrachadh mòr orra gu léir fo chomhairleachadh an duine so, agus ’s a’ bhliadhna 1825 bha mu cheithir fichead fo ’sdiùradh de shliochd nan seòladairean—’s bha iad uile tuigseach, teòma air gach obair a bha féumail ’n an cor—uile le tighean glana, seasgair, òrdughail—uile stuama, riaghailteadh ’n an gnàthachadh, càirdeil, caoimhneil r’a chéile; agus a réir gach coslais na’m fìor Chrìosduidhean—a’ gleidheil aoraidh an Tighearna moch ’us anamoch, ’us anns gach nì a’ cur maise air teagasg Chrìosd. Chaochail Adams ’s a’ bhliadhnà 1829—aig aois cuig ’s tri fichead, bho cheann naoi-bliadhn’ déug a nis—agus cha ’n ’eil cunntas co mion aguinn ciamar a tha ’theaghlach a’ gluasad bho na dh-fhàg e iad. ’Sa’ bhliadhna 1830 chuir Rìgh Bhreatuinn soitheach ’g an coimhead le eudach, le àsuinn tuathanachais, agus mòran ghoireas eile air an son. Bha iad aig an àm sin gu sìoth-chail, sona; agus bho ’n litir a chunnaic sinn aig an àm ’s na Paipeirean-naigheachd tha sinn an dùil gu bheil iad fathast a’ marsuinn mar sin. B’ fhurasda an sgéul a tha’n so a dheanamh na b’ fhaide: ach féumaidh sinn stad aig an àm. Agus nach ioma smaoin a dhùisgeas e ann an intinn thuigsich air bith? Nach bu truagh an dìol-thuarasdal a thug a’ chuid mhòr de na seòladairean so as an ceannairc, ’us as am mì-bhéus? Nach bu dearbhta ’n an cùis gu’m faigh ar peacuidhean gu cinnteach a mach sinn—agus gu’m bheil slighean a pheacaidh doirbh, docair? Nach druighteach an dearbhadh a tha eachdraidh an Eilein bhig ud a’ toirt air an fhìrinn gu’m bheil an diadhachd tarbhach a chum nan uile nithe, a chum na beatha ’tha làthair, agus na beatha ’tha ri teachd? Ciod a tha ’toirt a leithid de shonas do n chomunn a tha’n sud? Tha diadhachd. Tha iad a bhi ann an da rìreadh a’ gluasad air slighean an Tighearna. Nach mòr a mhisneach a tha eachdraidh Adams agus Young a toirt do’n fhear a’s faide ’chaidh air seachran pilltinn ri Dia trìd Chrìosd? Agus gu sònruichte nach anabarrach drùighteach an dearbhadh a tha aguinn ’an eachdraidh Adams air a’ bhuaidh—air an àrd bheannachd a tha ann an teagasg diadhaidh ’an làithean na h-òige? Cha’n aithne dhuinn cò a b’ fhear-teagaisg dhàsan: ach co air bith e an saoil nach gabh e ioghnadh—nach dean e gàirdeachas an uair, ann an “là foillseachaidh nan uile nithean,” a chì e an toradh tròm, agus pailt a chinn ann an eilein cian, agus iomallach a’ chuain mhòir o’n t-sìol a chuir esan fada roimhe ann an cridhe a’ bhalachain ud ’s an Sgoil-Shàbaid? Theireamaid a rìs ’sa rìs le’r n-uile chridhe ris gach pàrant, “Teagaisg do leanabh air an t-slighe air an còir dha gluasad.” Teagaisg dhà eòlas air a Dhia, ’s air a Shlànuighfhear ’an làithean òige agus thig a bhuil. Bithidh do shaothair beannaichte a nis ’s a rìs. G. C. [TD 360] IV. LITIR O BHODACH AN FHEILIDH AN AGHAIDH STRO, AGUS COSDAIS NAM BAN. FHIR-THATHAICH. Tha thu ’gabhail os làimh deagh bhéusan a sheòladh do mhuinntir na Gaedhealtachd: agus féumaidh mi aideachadh gu’m bheil do chomhairlean glé mhaith na’n leant’ iad. Ach tha iad tuille ’s farsuinng. Tha thu ’fantuinn tuille ’s fad’ air falbh o dhaoine. Tha thu dìreach tuille ’s tais riutha; agus cha ’n ann gu bhi mì-mhodhail, ach ’s fhéudar a ràdh—tha trian amharuis orm gur duine thu féin nach ’eil a suas ri mòran de na droch dhòighean a tha aig sluagh; agus ’s dì-cheatach nach ’eil thu suas ris na cuireadan, ’s na cleasan a tha ’s na mnathan. Tha barail tuille ’s maith agad air fir, ’s air mnathan. ’Sin rud a tha mise ag ràdh riut. Agus tha mi ’g innseadh dhuit gu’m féum thu tighin nas tinne, ’s nas cruaidhe orra gu mòr—gu’m féum thu ’n “lath’cha féill’” innseadh orra gu soilleir—an droch chleasan a chur a mach air an ainm, ’s air an sloinne. ’S tu ’dh-fhéumas mu’n toir thu feachdaidh asda. Ach gun a bhi ’fantuinn tuille ’s fad air falbh mi féin theirinn gu’m bu chòir dhuit gun teagamh sgràilleadh searbh a thoirt do na boirionnaich, sean ’us òg, arson mar a tha iad a’ dol air am breith-h-as le strògh, ’us rìomhadh ’nan eudach. Tha’n cuthach fhéin orra ’s e tha mi ’gràdh, agus tha iad a’ dol nas miosa an ceann na h-uile gealaiche. Am fasan, mar a their iad ris, a dh-fhoghnas latha Bealtuinn cha ’n fhoghain e latha Lùnasdail, agus an rud a dh’ fhoghnas latha Lùnasdail féumaidh e atharrachadh mu ’n tig latha Nollaig. Tha e dìreach thairis air mì-chiat, gùnnaichean sìoda—sròl ’us ribinean cosdail—agus leth-dusan broineag eile air nach ’eil ainm agam a bhi air caileagan bochda aig nach ’eil peighinn mu seach de’n t-saoghal—an aon sgillinn a ghleidheadh a suas iad ’an àm tinneis, no deuchainn—agus tha e thar na h-uile ni, a bhi ’faicinn mnatha ’us nigheanan a’ chroiteir bhochd a’ caitheadh air an druim, ’s air an cinn, gach là Féille, ’us clachain fiach mòran tuille na tha de stoc air grunnd cinn an teaghlaich. Tha e dìreach truagh a bhi ’faicinn chréutairean a tha ’n aithrichean ’s am màithrichean ’an eisiomail min-nam-bochd air an éideadh co rìomhach ri bain-tighearnan; agus tha e ’na chulaidh fhochaid a bhi ’faicinn na feadhnach a tha ’n earbsa ris an dubh-chosnadh, le veils, sgàleagain ghréine—rudan leibideach, mosach, nach mò na ballagan-losguin, agus a tha cheart co beag féum’—le bòtainnean co tana buinn ri pàipeir, agus le fichead ni eile gun mhaith, gun stà. Ach cha ’n e’n rìomhadh ’tha cur urrad fharrain orm ris an dòigh ’s am bheil iad gu minic ga fhaotuinn. Agus ciod e so, an abair thu? Tha feadhain a theid do bhùth a’ cheannaiche, agus a dh- [TD 361] iarras sud, no so gu dàna air creideas an ’athar no’m fear; agus tha luchd nam bùthan gu minic tuille ’s ullamh gu thoirt dhoibh. Ach ged a dhiultas sinne a phaigheadh aig ceann na bliadhna ’s beag is feairrd sinn e mu dheireadh. Ged robh an sporan dùinte tha’n sabhal fosgailte, agus gheibhear tasdan ’am bitheantas air adaig mhaith choirce no eòrna. Sin agad cleas a tha aig mòran ’s an dùthaich so. Ma tha gnothach ùr air bith ga’n dìth, ’s fios aca nach faigh iad o fhear-an-tighe e bheir banag an sabhal orre, agus ’n uair a tha esan bho ’n bhaile, no theagamh ’n uair a tha e ’na shuidhe aig an teine, agus dùil aige gu’m bheil ise ’gabhail cùraim de’n mhart tha i a’ deanamh a suas na h-ealacha de ’n choirce, no de’n eòrna ’s fhearr a tha aige, agus ga reic ri biasdan salach, sanntach, a tha ullamh mar so gu ’cheannach ’nuair a gheibh iad air a’ leth-luach e, agus a gheibh iad os n-iosal e. Tha mise ’g innseadh dhuit gu’m bheil na bollachan coirce ’us eòrna mar so ga’n goid ’s ga’n slaid gach bliadhna. ’S cha ’n ’eil omhal ged a bhios a’ chlann air “fuine-thana,” no ged a bhios am mart air an togail bithidh an toil féin acasan ge b’ e cò chreanas air. Agus tha nas miosa na so fathasd agam r’a innseadh ge h-olc e. Cha ’n ann ’san eudach uile chuirear an t-airgiod a thatar a faghuinn air na sguaban. Tha mòran deth ga chur ’am buil a’s miosa fathasd. Tha ann an tea, ’s an tombaca, agus anns an dram cuideachd, ge sgreitidh r’a chlàirsinn e. Tha mi tulle ’s dearbhta as a’ ghnothach. Co cinnteach ’s a tha sgeul ùr a’ tighinn do’n dùthaich féumaidh Parlamaid a bhi aig na cailleachan uime. Bithidh coinneamh ann, ’s bithidh ròic ann gu minic. Na’m fanadh iad air na duilleagan dubha aca féin cha’n abrainn na h-urrad; ach ’s iad nach fan. Féumaidh iad drùbhag a’s làidire bhi aca, ’s cha ’n ’eil coinneamh a bhios ann—co dhiubh is ann mu bhreith, no bhaisteadh—mu luath éudaich, no mu chlàus faoin air gnothaichean dhaoin’ eile nach bi aca ’n deagh thaoim de’n uisge bheatha; agus is ioma té aig am bi “cagar bean a’ ghrùdaire”—an t-àrd ghlaigeil—’an déigh dol dachaidh, agus a bhriseas mias ’us truinnseir no dhà mu’n teid i luidhe, gun tighin air dòrtadh a’ bhaine, air losgadh an arain, ’us tubaisdean beag’ eile ’n t-seòrsa sin, co maith ri cnapadh cloinne ’us chon mar gu’m b’ iad-san a bhiodh “’an àite màthair fhir-an-tighe”—daonnan ’s an rathad. Is minic a tha deadh fhraoileadh orra mu ’n dealaich iad aig na coinneinean diùbhrais ud. ’Sin agad mar a tha mòran bhan a’ deanamh ’s an àite so—a’ goid an rud a bu chòir iad féin, am fir, ’s an teaghlach a bheathachadh—agus ga sgapadh ann an òisnichean a dheanamh dhiubh féin le luideagan riomhaidh nach tig dhoibh—’s nach dean mnathan uaisle dhiubh nas mò na rinn seiche na leòmhain leòmhan de ’n asail fhad-chluasaich ’nuair a dh’ fhalbh i do’n choille leatha; agus nas miosa na sin ann an grùdaireachd shalaich, ìosail, a bheireadh mì-mheas air bana-cheaird féin. ’Sin agad an dol a tha aca ’n so; agus mar toir thu “féile-gaisge” orra—mar sgiùrs thu iad air a [TD 362] shon, agus a dheanamh gu smachdail—cha dean thu ach beag maith ann a bhi tathaich nam Beann no nan gleann againne. Is mise do charaid ann an deadh-rùn, BODACH AN FHEILIDH. Cille-Mhoire ceud mhios a’ gheamhraidh, 1848. FREAGRADH. Hùg air “Bodach an Fhéilidh.” “B’ fhearr a’ chaoin no’n ascaoin dheth” gu dearbh. “Cha b’e chràdh a chnìotach’” theid sinn ’an urras. Thug sinn àite d’a litir agus feuchaidh sinn ri freagairt a thoirt dhith, ged a tha droch bharail againn “nach robh e a stigh ’nuair a chaidh am modh a roinn.” ’An toiseach—mu sinn’ a bhi tuille ’s farsuing ’n ar comhairlean. Bheireamaid samhladh do’n Bhodach air ciod a tha sin a’ deanamh. Nam biodh iomad “cnoimh, ’us cneadhna” air-san (agus tha e coltach ri bhi glé neasgaideach), ’s gu’n tigeadh e do’r n-ionnsuidh-ne arson leighis ’an àite bhi fàsgadh ceann gach guirein, ’s a’ cur plàsda ris gach goirt, ’se dheanamaid deagh steall de chungaidh mhaith a thoirt dha a ghlanadh ’fhuil ’sa neartachadh a chàile; agus, mar sin thigeadh craicionn slàn air a thiota, agus air bheag cràidh. Mar so tha sinn a’ feuchainn ri deadh riaghailtean-sdiùraidh a chur fa’ chomhair ar luchd-dùthcha, agus ma ghabhas iad riutha sin tréigidh iad an droch bheairt ’an ùine ghoirid. ’S e leigeil a stigh an t-soluis a chuireas a mach an dorchadas. ’S e leasachadh an talaimh a bheir neart, ’us reachdmhoireachd do’n bhàrr gus an luibheanach a chur fodha. Agus cha’n fhaca sinn maith ’s an sgràilleadh, no ’s an t-seirbhe riamh; ’s cha bu mhisd am Bodach féin, cò air bith e, a bhi na bu shìobhalta. Ach bho na thug e liutha comhairle oirnn bheireamaid aon té airsan, agus ’s i sin brigis—brigis ’s am bi deadh chlàr-cùil cuideachd—a chur an àite an Fhéilidh gun dàil; oir ged nach aithne dhuine “Pàrlamaid Chille-mhoire” mar a tha e ag ràdh riuth cha b’ ioghna leinn mar toir e an aire ged a bheireadh iad sgiursadh do cheithreamhnan eile ’nan fheadhain a tha dùil aige-san a sgiùrsadh. B’àill leis sinne dhol a sgràilleadh nam mnathan. Cha b’e ar caraid a dh’ iarr a leithid oirnn. B’ e sin dol “a thoirt cloich’ á càrn an turramain,” no dol “a ghluasad nid nam beachan;” agus ciod am maith a th’ann? An cual am Bodach riamh mar thubhairt an sean-fhocal? “An toil fhéin do na h-uile ’s an toil uile do na mnathan.” Tha ’m Bodach a’ toirt oibre dhuinn nach ’eil furasda dheanamh- Ach gu tighin ann an da rìreadh. Ged a bu mhiann leinn a’ chùis a thoirt fa’r comhair air caochladh dòigh na ghabh fear na litreach so tha deadh fhios aguinn gu’m bheil tuille ’s a’ chòir de na nithean air am bheil e ’gearan a’ dol air an aghaidh ’an ioma [TD 363] cearna de’n Ghàedhealtachd. A thaobh rìomhadh ann an eudach tha boirionnaich anns gach linn déigheil air. Chi sin o’n t-Seann-Tiomnaidh gu’n robh “nigheana Shìoin” a’ brosnachadh feirge ’n an aghaidh féin leis an amaideachd pheacach so.—Isa.. iii. 16—24. Chi sinn o’n Tiomnadh Nuadh gu’n d’ fheum na h-Abstoil ’n an linn féin labhairt mu’n ni cheudna. Chi sinn o eachdraidh na Roinn-Eòrpa gu’m b’ éiginn do Rìghrean, ’s do uachdrain gu minic reachdan cruaidh a dheanamh an aghaidh an stròigh, ’s an ana-caithidh so; ’s chì sinn ’n ar linn féin ro mhòran a tha dol air an aghaidh le glé bheag tuigse no gliocais ann a bhi strì ri ruigheachd air rìomhadh nach ’eil cothrom ac’ air, agus nach ’eil freagarrach do’n staid. Ach cha ’n ’eil fiuthair aguinn gu’n dean ni air bith drùghadh orra gus an tuig iad nach ’eil am maise no’m “breaghachd ann am figheadh an fhuilt ’an cur òir orra, agus dheadh thrusgan umpa; ach ann an nàisneachd, stuaim, agus dheadh oibribh, ann an spiorad macanta agus ciùin, ni a tha ro luachmhor ’an sealladh Dhé.”—1 Pead. iii. 3, 4.—1 Tim. ii. 9. Na ’m bu lèir dhoibh so. Na’m biodh fìor thuigse aca. Na’n tugtadh grunnd maith dhoibh ’na thràth ann an gliocas, ’s an diadhachd sheachnadh iad amaideachd fhaoin mar so. Bheireadh iad aire air nithean a b’ fhearr agus a bu luachmhoire. A rithis a thaobh an dara ni ’tha fear na litireach a’ casaid air. Tha e duilich leinn a ràdh gu’m bheil tuille ’s a’ chòir de fhios aguinn bho cheann fhada gu’m bheil a’ phlùchaireachd ’s a’ chùildeireachd ghrannda air am bheil e ’gearan a’ dol air an aghaidh ’a measg bhan ann an ioma cearna de’n Ghàedhealtachd. Agus cha’n urrainn duin’ air bith cainnt tuille ’s làidir a ghnàthachadh gus an amaideachd ’s am peacadh a tha ’n so a chur ’an céill. Mu amaideachd na cùise. Ciod e ach “rùsgadh na h-àtha gu tuthadh an t-sabhail?” no nas miosa na so, an àth ’s an sabhal a rùsgadh gus an tuthadh a losgadh?—oir is ann ri losgadh ’s ri sgrios a tha iad ’n uair a tha iad a’ sgapadh ’s a sgànradh ’s an dòigh ud an ni ’bu chòir iad féin ’s an teaghlaich a ghleidheil suas. A rithis mu’n pheacadh.—Tha’n dol air aghaidh so na mhèirle—na mhèirle co gràineil ’s co mi-nàdurra ’s a th’ann—a’ goid o’m fir, ’s o ’m pàisdean féin—a’ goid uathasan do’n do bhòidich iad a bhi dìleas, agus tairisneach. Mar teid aig ceannard an teaghlaich le deadh chomhairle, no le smachd a bhean a chur o’n spùineadh shalach so tha aon ni a dh’ fheudadh e dheanamh. ’S aithne dhàsan—’s aithne do mhuinntir a’ bhaile gu léir co iadsan a tha ’ceannach a’ choirce ’s an eòrna o’s n-iosal ’s an dòigh ud. Rachadh iad mata ann am boinn r’a chéile gu ’leithid sin de dhuine—co dhiubh is croiteir, ceannaiche, no fear-tàirgnidh e—iomain, ’us fhuadach as an dùthaich. Ma tha uachdaran ann ’s am bheil sgairt no spiorad smàlaidh e air falbh e co cinnteach ’us a nithear a chùis soilleir dha. Agus mar a dean e sin—nach feud na daoine féin an droch dhuine ’chur fo chàrn? Ma s’ a fear dhiubh féin e na bruidhneadh iad ris air an rathad, [TD 364] Na deanadh iad a’ bheag no mhòr de chombanas ris. Ma s’ fear-bùth’ e na ceannacheadh iad fiach na sgillinn’ uaith eadar dà cheann na bliadhna. Ma s’ fear tighe-òsd’ e na rachadh aon diubh a stigh air a dhorus, agus mar so bheir iad air ’an ùine ghoirid sgur de ’dhubh-chleasan; oir tuigidh e air a chosd gur i an onoir a’s fearr ’s a’s glioca dha air gach dòigh. Na’m biodh muinntir na dùthcha duineil, dìreach, dìleas d’a chéile dh’fheudadh iad sruthrairean de gach seòrsa fhuadach air falbh, no thoirt gu deadh-bhéus mar so. Ach ’s ann dìleas is ainmic leo bhi. Cuiridh iad casaid air a chéile fo làimh: ach ’n uair thig a’ chùis gu deuchainn fhollaisich giùgaidh, ’us géillidh gach dara fear dhiubh, ’s cha ’n ’eil “facal aigesan an aghaidh” an fhir sin a chàineas, ’s a bhéisdeas e ’an uaignidheas. A rithis tha ’n aon truaighe air mòran gu minic ann an teisteineis a thoirt seachad. Gheibh an duine ’s miosa ’s an dùthaich, no a’ bhean a’s tàireile “teisteineas nan coimhearsnach” mar a theirear ris. Gheibh co ealamh ’us iarraidh ann an ioma cearnaidh a’s aithne dhuinn. Agus am feadh s a bhios daoine co socharach, saidealta ’us so.—Am feadh a bhios co beag meas aca air am focal féin, no air cliù duin’ eile cha ruig iad leas fiuthair a bhi aca droch dhaoine ’ghartalan as an tìr. Ach féumaidh sinn a bhi stad aig an àm. Thaobh òil nam ban is gnothach truagh thar tomhais e. Fear no bean a tha ga’n toirt féin a suas do’n chleachduinn mhallaichte so feudaidh iad “cead dheireannach a ghabhail” de gach àgh, ’us sonas, ’us sìth a nis ’s a rithis: oir am feadh ’s a leanas iad i tha iad a’ dian ruith leis a’ bhruthach do ifrinn nam piann. Ri fir ’us mnathan theireamaid iad a chuimhneachadh ciod a bhòidich iad d’a chéile ’an làthair Dhé, ’us dhaoine ’n uair a dh’ aonadh iad r’ a chéile ’s a’ cheangal naomha sin a tha liutha h-aon a’ dì-chuimhneachadh co luath ’s a bheir iad an cùl ris a’ ,mhinisteir Gràdhaicheadh iad a chéile, agus biodh iad dìleas d’a chéile. Gheibh iad sìth, suaimhneas, ’us soirbheachadh ann. Ach co cinnteach ’s a dh’ fhalbhas an gràdh ’s an dìlseachd, thig doilgheas, dòlas, ’us dì-mhilleadh orra. F. B. V. NITHE IONGANTACH AIR AN LEIGEADH RIS MU’N BHIOBULL. THA eachdraidh an t-Seann Tiomnadh air a co’-dhunadh còrr beag agus ceithir chéud bliadhna roimh theachd an t-Slànuighir a stigh do’n t-saoghal. Chaidh am Biobull a roinn ’na chaibdeil agus ’na rannan ’sa’ bhliadhna 1253. Thainig a’ chéud Bhìobull a mach anns a’ Bhéurla ’s a’ bhliadhna 1536; ach cha tainig am Bìobull Béurla a ta nis air feadh na rìoghachd, ris an abrar Bìobull rìgh Séumas, a mach gus a’ bhliadhna 1611. Cha robh na Gàidheil air [TD 365] am beannachadh leis na Sgriobtuirean anns a’ Ghàelic Albannaich gu fad an déigh sin. ’S i ’n Tiomnadh Nuadh a chaidh ’eadar-theangachadh ’an toiseach chum Gàelic, agus thainig i ’mach ’s a’ bhliadhna 1765; ach cha tainig am Bìobull gu h-iomlan a mach ann an Gàelic gus a’ bhliadhna 1783. Dh’ eadar-theangaicheadh am Bìobull chum Gàelic air iarrtas na “Cuideachd urramaich a ta chum eòlas Criosduidh a chraobh-sgaoileadh air feadh Gàidhealtachd agus Eileana na h-Alba.” Bha ’m Bìobull gidheadh air eadar-theangachadh fada roimhe sin chum na Gàelic Oidhealtaich (Welsh), Mhanaineach (Manx), agus Eireannaich (Irish). Tha na Sgriobtuirean a nis air an cur a mach ann an còrr is dà fhichead cànain a bhuineas do’n Roinn-Eòrpa, agus is gann a gheibhear cunntas air gach cànain eile chum an deachaidh an eadar-theangachadh, a ta air an labhairt feadh na h-Asia, Africa, agus America. Mar so, “Am pobull a bha ’nan suidhe ’an dòrchadas, chunnaic iad solus mòr; agus a ta solus air éiridh do na daoinibh a bha ’nan suidhe ’an tìr agus ’an sgàil a’ bhàis.” Rinneadh an cunntas iongantach a leanas, a thaobh a’ Bhìobuill Bhéurla, suas le duine àraidh o cheann mòran bhliadhnachan. Thug e tri bliadhna gu cunbhalach, air a dheanamh; agus tha e ’féuchainn cia faoin na nithe air an toir saobh-chràbhadh air a’ chinne-daonna an inntinn a stéidheachadh. Tha àireamh nan Leabhar, nan Caibdeal, nan Rann, nam Focal, agus nan Litrichean, anns an dà Thiomnadh mar a leanas.— Tha ’san t-Seann Tiomnadh. 39 Leabhar. 929 Caibdeal. 23,214 Rann. 592,493 Focal. 2,728,100 Litir. Tha ’s an Tiomnadh Nuadh. 27 Leabhar 260 Caibdeal 7,959 Rann 181,253 Focal 838,380 Litir An t-iomlan. 66 1,189 31,173 773,746 3,566,480 ’S e ’n caibdeal meadhonach, agus caibdeal a’s lugha ’sa Bhìobull, an cxvii Salm. ’S e ’n rann meadhonach ’s a Bhìobull, an t-ochdamh rann de’n cxviii Salm. Tha ’m focal “IEHÒBHAH” air aithris 6855 uair anns na Sgriobtuiribh. Anns an t-Seann Tiomnaidh, ’se ’n leabhar meadhonach “Leabhar nan Gnàth-fhocal,”—’s e ’n caibdeal meadhonach, an naoidheamh thar an fhichead de Iob,—’s e ’n rann meadhonach, 2 Eachdraidh, xx, 18,—agus ’s e rann a’s lugha, 1 Eachdraidh, i, 1. A rìs, anns an Tiomnaidh Nuadh, ’s e ’n leabhar meadhonach, 2 Tesalonianach,—’s e ’n caibdeal meadhonach, eadar an treas, agus an ceathramh caibdeal déug, de’n litir chum nan Ròmanach,— [TD 366] ’s e ’n rann meadhonach, Gnìomhara nan Abstol xvii, 17,—agus ’se an rann a’s lugha, Eòin, xi, 35. Ann an Esra vii, 21, gheibhear gach litir ’s an aibideal Bhéurla. Tha 2 Righ, xix, agus Isaiah xxxvii, ach beag cosmhuil r’a chéile. Tha na nithe so mu thimchioll nan Sgriobtuiren Naomha, iongantach annta féin, agus ged nach ’eil an cunntas eagnuidh a rinneadh gu mòr bhuannachd, gidheadh aon uair ’s gu’n d’ rinneadh idir e, cha ’n ’eil teagamh aguinn nach bi e taitneach do luchd-léughaidh an “Fhir-thathaich.” SGIATHANACH. VI. SGEULA TAITNEACH AIR AN OILEIN A THA TEAGHLACH RIOGHAIL BHREATUINN A’ FAGHUINN AIG AN AM. Is ro mhinic a tha e ’tachairt mar is àird’ an inbhe ’s am bheil neach air a bhreith gur ann is lugha a thuiteamas air eòlas ceart fhaghuinn air na dleasnais a tha ’n ceangal r’a chor. Tha gu ro mhinic iadsan a tha mu theaghlaich dhaoine mòra ri sìor-mhiodal ris a’ chloinn. Gu h-àraidh tha seirbhisich, agus luchd-teagaisg an oighre gu ro mhinic a’ feuchainn, cha’n e ri maith a dheanamh dhàsan, ach maith a dheanamh dhoibh féin le a thoileachadh anns gach ni, a lochdan a cheiltinn agus a shìor-mholadh ciod air bith co fad ’sa tha e ’m mearachd. Ni iad so o’n rùn shalach fàbhar a ghleidheil dhoibh féin ’n uair a thig esan gu àite; agus marso o shim’leachd agus o fhéin-ghràdh na muinntir a tha mu’n timchioll tha clann dhaòine mòra gu minie a’ fàs a suas gun oilein, gun smachd direach mar a tha clann nan daoine bochda o aineolas ’s o mhi-churam ’am pàrantan. Ach ’nuair a tha so a’ tachairt gu minic—gu sònruicht’ ’an teaghlaich Rìghrean ’us Phrionnsachan—an fheadhain is feumaile teagasg ceart a thoirt dhoibh a chionn gu’m bheil urrad ’an earbsa riuth—tha e ro thaitneach leinn fhaicinn gu’m bheil a’ choltas air an teaghlach rìoghail againn féin a bhi air an togail air caochladh dòigh, agus rogha oilein fhaotainn. Chuala sinn uair ’us uair gu’n robh a’ Bhan-righinn, agus a Céile—Prionns Albert—a sealltuinn gu mion gach là as déigh an cloinne. Ach chunnaic sinn o cheann ghoirid sgéula beag mu’n chùis so a tha sinn cinnteach a bheir toilintinn do’r luchd-léughaidh, agus ’se so e. Bha ’bhean-uasal a tha ’toirt sgoile do’n chloinn rìoghail—Miss Hillyard is ainm dhi—o cheann seachdain no dhà ga’n teagasg mar a b’àbhaist; ach air an là so dh’fhàs am Prionnsa—Prince of Wales mar a theirear ri oighre a’ Chrùin Bhreatunnaich—sgìth de ’leabhar agus thilg e uaith e. Dh’ iarr Miss Hillyard air a leasan ionnsachadh. Cha n’eil e ach na seachd bhadhna dh’ aois agus shaoilteadh nach biodh e duilich smachd a chumail air. Ach mar a chunnaic sinn ann am feadhain a b’oige co maith ’s a bu [TD 367] shine cha robh e arson smachd a ghabhail. “Cha n’ ionnsaich mi” thuirt esan gu danarra. “Féumaidh tu ionnsachadh” thuirt ise. “Cha ’n fhéum mi” thuirt esan. “Is mise Prionnsa Wales ’s cha ruig mi leas leasan ionnsacahadh,” agus a leigeil fhaicinn a chumhachd gu dé rinn an gille ach ruith gu té de uinneagan an t-seòmair, (a bha mar a tha gu tric le uinneagan mòra a nuas gus an t-ùrlar) agus le breab de bhròig chuir e fear de ghloineachan na h-uinneige na sgealban. “Ged is tu Prionnsa Wales” thubhairt ise “ma dh’ fheuchas tu na cleasan sin cuiridh mise ’s a’ chùil thu ’s ni mi peanas ort.” “Sin agad” thubhairt mo laochan, agus le breab eile chuir e an dara gloine ’na phronnan. ’Nuair a thainig cùisean an fhad so chuir i fios air ’athair Prionns’ Albert. Thainig esan, agus co luath ’s a thuig e mar a bha’n gnothach thug e air a bhalachan ’an toiseach suidhe sìos gu sàmhach fa chomhair, agus thubhairt e ris ged a b’e Prionnsa Wales, agus oighre Crùin Bhreatunn gur h-ann le bhi ’na dhuine maith a bhiodh e iomchuidh arson na h-inbh’ àird so, agus gu fàs na dhuine maith gu’m féumadh e mar leanabh a bhi umhal do ’luchd-teagaisg. “Leughaidh mise dhuit” thubhairt esan “ciod a tha ’n t-Abstol Pòl ag ràdh, mu oighreachan ’am feadh ’s a tha iad fo chilleadairean, agus fo luchd sdìuraidh,” agus léugh e dha toiseach an dara caibdeil de’n litir chum nan Galatianach. “A nis léughaidh mi dhuit ciod a tha Solamh ag ràdh mu chloinn a bhios easumhal, agus mu dhleasnas am pàrantan ’n an smachdachadh.” Leugh e dha Gnàth. xxii. 15., xxiii. 13. 14. agus earrannan eil cosmhuil riuth. An sin thug e ’n deadh sgiùrsadh do ’n ghiullan. Agus an déigh a theagasg, a smachdachadh ’s a pheanasachadh mar so gu socrach, ciallach thubhairt e ris, “A nis seasaidh thu anns an oisein ’s an robh do bhan-mhaighstir-sgoile gad’ chur: agus fanaidh tu ’an sin gus an ionnsaich thu do leasan, agus an toir ise cead dhuit tighin as.” Ghéill am Prionnsa bochd gun tuille ar-a-mach, agus cha n’ eil teagamh aguinn nach féaird e, fhad ’s is beò e an t-achmhasan a fhuair e ann an so. Tha e gu cinnteach na ni taitneach do gach aon le’m miann maith na riòghachd fhaicinn gu’m bheil esan a bhios, ma chaomhainear e, ’s gu’m faigh e a dhlighe fein, na Bìgh air uachdranachd co ro fharsuing, a’ faotuinn àrach ’us oilein co maith ann an tùs ’oige. Ach a thuille air a so is fiù an naigheachd so innseadh gu eisempleir a thoirt do phàrantan anns gach inbh’ a thaobh oilein a thoirt do ’n cloinn. Teagaisgeadh iad ùmhlachd dhoibh. Cuireadh iad fa’n comhair briathran an Athar néamhaidh mar ag iarraidh ùmhlachd agus a’ beannachadh na h-umhlachd. Smachdaicheadh iad iad, ach deanadh iad e gu foighidneach, ciùin—mar mhuinntir a tha da rìreadh ag iarraidh maith an cloinne, ’s cha n’ann ann an corruich ’s ’am buirbe gun chiall, gun tuigse mar is minic a tha pàrantan a’ deanamh. Na’n deanadh iad a réir na h-eisemplair a a tha aca ’n so bhitheadh an clann n’an taic’ ’s ’nan toilintinn, ’n an cliù, ’s ’n an onair dhoibhsan ’an làithean na sean aois. G. C. [TD 368] VII. MU’N CHOLERA. THA’N galar so air deanamh fior ghreim air Dun-éidean, ’s air na bailtean beaga mu’n cuairt da; agus an uair nach ’eil e ’sgaoileadh co ealamh ’s a rinn e air an turas roimhe tha e pailt co bàsmhor fhad ’s a chaidh e. ’S e 793 an àireamh a bhuaileadh leis mu Dhun-éidean. Dhiubh so chaochail 384. Thainig 159 uaithe; agus tha 250 fathasd ’n an luidhe fodha. Chaidh Glascho as gu maith car tachdain; ach tha ’phlàigh a nis air a ruigheachd mar an céudna. Bhuaileadh anns na ceithir làithean mu dheireadh de’n mhìos a dh’fhalbh 38 leis. Dhiubh so chaochail 12 cheana; agus cha’n ’eil fhios co dhiubh a thig no nach tig càch uaithe. Ann an Sasunn ghearradh as mòran leis; agus is ann nas truma ’tha e fàs. Feadh Bhreatuinn gu léir fhad ’s a chaidh e tha e ’gearradh as mu thrì anns gach cuig a tha ga ghabhail; agus tha so a’ leigeil ris gur galar cunnartach, marbhtach e. Thaobh a sheachnadh, no a leigheas cha’n ’eil a bheag aguinn ri chur ris na thubhairt sinn ’s an Aireamh mu dheireadh. Tha blàths, seasgaireachd, stuaim, agus gloine aig a h-uile aon ri’n cleachduinn fhad ’s is urrainn dhoibh. Cha ’n ’eil e féumail gu ’n deanadh daoine diseachain no cait-ghrìosaich dhiubh féin; ach seachnadh iad gach anastachd, agus lobradh fhad ’s a dh’ fheudas iad; agus biodh iad stuama—biodh iad glan ’n am pearsaibh, agus ’n an tighean. Tha òrdugh air dol a mach feadh na rìoghachd gu léir gu’n gabhtadh cùram anns gach sgìreachd gu’m bi tighean air an glanadh, agus gach mosaiche air a chur air falbh o na dorsan; ’s tha dòchas aguinn gu’m bi gach duine, air a sgàth féin, agus air sgàth a choimhearsnach, a’ toirt aire air an ni so. A thaobh lòin tha lighichean ag ràdh ris gach duine iad a ghabhail a’ bhìdh a’s fearr a chòrdas riuth. ’S e dìreach a’ chàil’ a ghleidheil ann an deadh òrdugh—slàn, fallain fhad ’s a ghabhas e deanamh an dìon a’s fearr an aghaidh galair air bith—an aghaidh a’ Cholera mar an ceudna—agus mar so am biadh a tha toirt fallaineachd dhuit lean ris ciod air bith e. Tha’n galar so mar a thubhairt sinn a’ sgaoileadh ’s an taobh Deas, agus a’ gearradh as iomad aon ann an ùine ghoirid. Ach cha’n fhairich sinn gu’m bheil e a’ deanamh mòr dhrùghadh air cridheachan, no air caithe-beatha ’n t-sluaigh ’am bitheantas. Tha òl, tha mionnan, tha méirle, truaillidheachd, briseadh Sàbaid, ’us an-diadhachd de gach seòrsa co follaiseach, ’s co ladarna ’s a bha iad riamh. Nach brònach, ’s nach eagallach an cunntas so air creutairean do’n tug Dia tuigse, agus a tha ’seasamh air bruaich na sìorruidheachd? Is truagh an ni nach dean tròcair, no breitheanas drùghadh air daoine, ach gu’m bi iad a réir an cridheachan cruaidhe agus neo-aithreachail a’ càrnadh a suas sgrios agus dòruinn dhoibh fein fa chomhair latha an sgrios. Cha d’ ràinig a’ [TD 369] phlàigh a’ Ghàedhealtachd fathasd fhad ’s is aithne dhuinn. Ach cia fhad a chaomhainear i? Aig Dia a mhàin a ta brath. Oh! feucha’maid ’am feadh ’s a tha fad-fhulangas an Tighearna a’ strì ruinn gu’m meas sinn sin mar shlàinte, agus gu’n iarr sinn le’r n-uile chridhe réite ri Dia trìd Iosa Criosd. VIII. COMHRADH MU NAIGHEACHDAN AN T-SAOGHAIL—EOGHAN PENSIONER ’S AM MAIGHSTIR-SGOIL’. Eòghan. Fàilt oirbh a Mhaighstir. Am bheil gach ni ’us neach a bhuineas dhuibh gu maith? Maighstir-Sgoile. Tha sinn gun aobhar-gearain; agus ’n uair nach ’eil aobhar-gearain aguinn tha mòr aobhar taing aguinn Dhàsan a tha daonnan ’g ar dìon, ’s gar beannachadh. E. Matà ’s cinnteach gur fìor dhuibh, na’n tugadh daoine fainear e. Ach chi mi ’n Litir-Naigheachd agaibh ’n ar làimh. Am bheil ni ùr, no iongantach a’ tachairt feadh an t-saoghail aig an àm? M, Tha gu leòir de nithean ùra; ach chaill iad mòran de’n iongantas a nis: oir anns na h-amannan a th’ ann tha gnothaichean a’ tighin mu’n cuairt ann an latha nach tugtadh gu crìch ann am bliadhnachan roimhe so; agus gnothaichean co do-chreidsinn ’us gu’m bi an fheadhain a thig ’n ar déigh a’ cur an teagamh fìrinn ar luchd eachdraidh. E. “Thig ri latha nach tig ri linn” tha e air a ràdh. Ach innsibh so dhomh, am bheil sìneadh fathasd air tighin air an doinionn eagallaich sin a bhris air Tìr-mòr na Roinn-Eòrpa ’s an Fhaoilteach so ’chaidh, agus a rinn a leithid de sguabadh air rìghrean ’s air rìoghachdan? M. Cha ’n ’eil sineadh no lasachadh; ach a’ séideadh nas cruaidhe ’s nas milltiche gach latha, no ma tha seòrsa fèath a ’tighin cha ’n ’eil ann ach mar is minic a chunnaic thu ann an là na gaillinne—an stoirm a’ tarruinng a h-analach gu bualadh ort leis an tuille neairt.—Clos car tiotadh, agus an sin buadhadh na h-ath fhroise a tha tighin nas gairbhe ’s nas truma na bha i riamh. ’S ann air Tìr-mòr a bha ’n doinionn uamhasach—dealanach, ’us torruinn nan gunnachan marbhtach, agus frasan troma fola ann an iomad cearna. Buaireas ’us luasgan—eagal, ’us ball-chrith ’s a h-uile cearna dhi. E. Fhéudail! fhéudail! Ged a chuala mi nuallan na’n gunnachan mòra ’am latha tha mi taingeil nach ’eil mi’n éisdeachd an gàraich uamhasaich an tràs’. Nach ’eil aobhar taing aguinn ciod air bith tionndadh a thainig air a’ Ghàedhealtachd gu’m bheil sith—gu’m bheil fois, agus fèath aguinn—’s nach ’eil oiteag a lùbadh [TD 370] urrad na cuiseige ’g ar ruigheachd. Ach ciamar a tha na Frangaich a’ tighin air an aghaidh aig an àm? M. Tha mar a bha iad riamh, “mar ugh air greideil”—no “mar dhearguinn ’am plangaid” gun chlos, gun fhosadh. Tha ’n rìoghachd uile troimhe chéile ’an tràs’ le othail mu cò a chuireas iad na Cheann-suidhe, no na Cheann-stuic air an Ard-chomhairle, no ’Phàrlamaid ùir a rinn iad. E. Matà ’s cinnteach mi gur neo-shocrach a shuidhe co air bith e—gur corrach am binnein a chum am bheil e ’g iarraidh streapadh. Ach cò ’tha co amaideach ’s a bhi ’g iarraidh a leithid de dh’ àite? M. Tha gu leòir. Ach tha ’chùis a réir coslais, eadar dithis—Seanalair Cavaignac a chuir fodha an aisìth oilteil a bha aca ’s an t-samhradh—agus Louis Napoleon Bonaparte. E. Obh! Obh! Tha cinnt gur caraid esan do Bhonipart fhéin ’s ma theid e ri dhùthchas cuiridh e Cavaignac na chabhaig da rìreadh. Ach cò esan? Ciod an càirdeas a tha aige ri Bonipart? M. Mac bràthar dhà. Mac do’n bhràthair sin a chuireadh na Rìgh air Bavaria ’n uair a bha Bonipart ’na ghlòir. E. B’ e fhéin an gille—a’ deanamh Rìghrean, ’us Phrionnsachan, ’us Dhiùcan de ’chàirdean, ’s de chombanaich, co ullamh ’sa dheanadh daoin’ eile cìobairean, no sgalagan dhiubh. Ach cò a gheibh a’ bhuaidh? no am bheil féum anns an fhear òg so—ciod an seòrsa duine tha ann? M. Fhad ’s a nochd e e féin fathasd cha’n ’eil dad de bhràthair-athar ann ach an t-ainm. Cha’n ’eil a’ bheag de mhiagh air arson teangaireachd, no gliocais, no gaisge—duine a réir gach coslais a gheibhteadh trì fichead co maith ris air an rathad là air bith ’s an t-seachduinn. Ach tha de spagadaglig anns na Frangaich, ’s de bhòsd faoin á ainm ’s nach b’ ioghnadh leam ged a thaghadh iad e dìreach a chionn gur a h-e mac bràthar Bhonaparte. E. Ach am bheil a bheag de chòmhrag aca ’s an àm? M. Cha tainig iad gu buillean fathasd; ach tha ’h-uile coltas orra nach ’eil malairt, no cosnadh feadh na rìoghachd aca ach ro ìosal, truagh. E. Bha na biasdan maith air na buillean daonnan. ’S ioma sgailc ghoirt a fhuair sinn uatha ’s an Spàinn, ach chuir sinn an ruaig orra; ’s ged a tha nis mo chéum glé throm na’m faicinn bratach mo sheann Réiseamaid an crathadh, ’s gu’n cluinninn sgal na Pìoba rachainn tachdain an codhail Frangaich fathasd—cha robh iad maith riamh; ’s tha eagal orm nach bi. Ach chunnaic mi ’s an “Fhear-thathaich” mu dheireadh gu’n robh Austria a’ dol thar a chéile. Ciamar a tha iad an sin a nis? M. Tha mòran diubh gu dubh, dona. Tha fios agad gu n d’ fhuadaich muinntir a’ cheann-bhaile Vienna an t-Iompaire air falbh, ’s gu’n do chuir iad a suas uachdaran dhoibh féìn. Ach cha b’ fhada gus an do chaochail an sruth. Chaidh an t-Iompaire gu bail’ eile: chruinich mòran de uaislean na tìre m’a thimchioll, [TD 371] agus sheas a’ chuid a bu mhò de’n arm dìleas air a thaobh. Chuir e iad so le duine foghainteach do’m b ainm Windishcratz air an ceann gu Vienna; agus air taobh eile a’ bhaile thainig Seanalair eile do’m b’ ainm Jellachich le feachd làidir aige féin. E. Matà gu’m meal iad an ainmean ach gu dearbh cha’n ’eil iad blasda fo ’n teangaidh: ach gu dé rinn muinntir Vienna ’n uair a bha iad marso eadar dhà theine? M. Rinn cath gu cruaidh an toiseach, agus cùmhnantan réusanta ’dhiùltadh—an sin ’an ceann latha no dhà strìochdadh air an neo’r-thaing do chùmhnantan a bu chruaidhe. Ach gnothach a bu mhiosa gu léir, an déigh dhoibh gealltuinn strìochdadh, agus bratach gheal na sìth’ a chur a suas air gach tùr, ’us barr-bhalla chunnaic iad coltas armailt nan Hungarians a’ tighin gu’n còmhnadh; agus gun sanus, gun fhairbhein ghrad dh’éirich iad air saighdearan Windishcratz agus mharbh iad mòran diubh. E. Ud! Ud! Cha ’n fhiach an fhoill ’an cogadh no’n sìth. Bu chòir dhoibh cothrom na Féinne thoirt dhoibh gun teagamh. Ach ’s ionghnadh leamsa mar d fhuair iad làn dìoladh. M. Cha deachaidh iad as gun teagamh. Thionndaidh Jellachich ri muinntir Hungary. Ghabh e orra, ’s chuir e mòran diubh mach air an amhainn mhòr—an Dànube. Ghabh Windishcratz do mhuinntir Vienna gus ’am b’ éiginn dhoibh géilleachduinn mu dheireadh gun chùmhnant, gun ghealladh—ach iad féin a chur gu buileach ’na mhèinn, ’s na mheachainn. E. ’S gu dé rinn e orra? M. Cha ’n ’eil sgéul cinnteach air a sin fathasd. Chaidh cur as do’n fheadhain a ghlacadh le airm ’n an làmhan—feadhain eile air an cur am prìosan gu là na deuchainn—feadhain eile air teicheadh gach taobh a b’ urrainn iad an cinn a thabhairt. E. Ma fhuair iad an cinn leo dh’ fheudadh iad a bhi toilichte. Ach an deachaidh béud mòr a dheanamh air a’ bhaile? M. ’Sin rud nach ruig thusa—seann saighdear—leas fheòraich. “Tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt agus eudach dathta ann am fuil.” Far an robh gunnachan mòra a’ caitheadh ré laithean air baile ’s am bheil còrr ’us trì cheud mìle sluaigh, agus arm air togail le feirg gu ’ghlacadh, féumaidh gu’n deachaidh béud ’us sgaid a dheanamh. Chaidh a leagadh, ’s a losgadh—mòran a mharbhadh leis na peileirean; ach cha deachaidh am baile a thoirt a suas gu creachadh no spùinneadh. Cha d’ rinneadh co don’ air ’s a rinn sibhs’ air cuid de bhailtean na Spàinne, ’n uair a bha sibh ’g an toirt á làmhan nam Frangach, Eòghain. E. Dh’ fhalbh sin, ’s cha ’n ’eil a dhìth orm a’ leithid fhaicinn ri’m bheò tuille. Is uamhasach an ni na mìltean de shaighdearan a leigeil sgaoilte air baile-mòr, ’s am fuil teith le gamhlas, le sannt, ’us le iomad ana-miann. Ach ciamar a tha cearnan eile de Austria. Bha ’m “Fear-tathaich” ag ràdh, ma’s maith mo bheachd, gu’n robh iorghuill ’an àite no dhà de’n Iompaireachd. M. Bha ’us tha. Tha cuid de mhuinntir na h-Eadailt a’ cath [TD 372] gu dìorrasach fhathasd; agus fhuair iad buaidh uair no dhà air buidhnean de na h-Austrianaich: agus tha muinntir Hungary a’ seasamh a mach le armailt mhòr—’s ciamar a theid do ’n chùis fa dheireadh cha’n urrainn duin’ air bith a ràdh. E. Ach an innis sibh so dhomh, ciod a bha ’n fheadhain a dh’éirich ann an ceannairc ag iarraidh? No’n robh réusan aca arson deanamh mar a rinn iad? M. ’Sin ceistean a tha duilich a fhreagairt. Their iad féin gu’n robh gu leòir de aobhar aca. Their càch nach robh ach am brosgull, an sannt, agus a’ mhì-riaghailt. Dh fheudadh muinntir na h-Eadailt’, agus muinntir Hungary gearan air cuid de na riaghailtean fo’n robh iad. Ach mu mhuinntir Vienna ciod air bith a bha ’n am beachd cha d’ rinn iad iarrtas tuigseach, no soilleir air bith aithnichte. Cha robh iad ag éigheach Republic mar a bha na Frangaich. Bha iad a’ càineadh an Iompaire gu searbh a chionn nach fanadh e ’m Vienna gu bhi ’na bhall-camanachd aca dhoibh féin, agus ga shìor chuireadh air ais ged nach tugadh iad ach beag modh dha ’n uair a bha e ’n am measg. Cha ’n aithne dhomh, ’s cha n ’eil dùil agam gu’m b’ aithne dhoibh féin, ciod a thoilicheadh iad. Ach their mi so, na’m biodh daoine tuigseach, maith’ ann a bheireadh mu’n cuairt atharrachadh gu sàmhach, sìthchail air riaghailtean Austria, b’ fheaird a’ chùis e. ’S e Pàpanachd ro dhorcha, ’s ro theann a th’air feadh na h-Iompaireachd mar aidmheil chreidimh; ’s roimhe so cha robh ’chridh’ aig duine focal a labhairt an aghaidh na h-eaglaise sin. Bha féum air ath-leasachadh ’an ni no dhà: ach cha ’n iad na daoine ’tha ri ar-a-mach an tràs’ a ni e. Cha ’n ’eil ceann no cridhe aca air a shon. Is duilghe leam gu mòr cor Phrussia aig an àm. Tha n sin rìoghachd ’s am bheil an creidimh Ath-leasaichte—’s am bheil riaghailtean ro mhaith, agus far am bheil Rìgh a tha, mar is tuille ’s ainmic a chithear fo chrùn, stuama, cneasda, diadhaidh. Ach tha ’shaod orra gach ni a thilgeadh bun os ceann an sin cuideachd. E. Matà is doimhidh leam gu’n éireadh gu h-olc do na Prussianaich. Tha taobh blàth agam riutha riamh bho’n chòmhnadh a rinn iad leinn aig Waterloo. B ’e sin sealleadh an àigh dhuinne am brataichean dorcha fhaicinn a’ crathadh ’s a’ ghaoith air an fheasgar a bha ’n sud, agus sinne an déigh latha cruaidh, claoidhteach a chur. ’S iad a thug an sgapadh goirt air na Frangaich ’s a’ rinn le deòin e. ’S iad a bha leantach ’s an ruaig air an là ud. Innsibh dhomh mu’n timchioll. M. ’S gann gu’m bheil ùin’ agam an tràs’; ach tha sìor bhagradh aca air gnothaichean a thilgeadh bonn os ceann, agus tha eagal orm gur ann nas miosa théid iad. E. Leigeamaid leò matà. Ach am bheil naigheachd agaibh air mo sheann luchd-eòlais na Spàinntich. Is maith a b’ aithne dhomh na seòid, ’s ge h-ioma boinne fola ’dhòirt sinn air an son ’s beag taing a fhuair sinn uatha. M. Cha n ’eil naigheachd maith air bith agam orra, ’s cha cholt- [TD 373] ach gu’m bi an cabhaig. Is rìoghachd aineolach, thruagh a tha’n sin. Tha feadhain de chàirdean Dhon Càrlois a’ strì ris a’ chrùn a bhuadhachadh dhà-san, agus tha tabaidean mosach ’an cearn’an iomallach eadar iad féin ’us arm na Bàn-righin; ach cha ’n ’eil gnothach mòr no fiachail air aon taobh. E. ’S maith a dh’ fheudas sibh a ràdh nach ’eil fèath aca air Tìr-mòr; ’s ann aca tha’n stoirm eagallach. Ach cha ’n fhàg sibh mi gus an innis sibh dhomh mu ar rìoghachd fhoghainteach, agus bhuadhmhoir féin. Ach am bheil e fìor gu’m bheil cogadh aguinn ’an Innsean na h-Aird-an-Ear? M. Tha fìor gu leòir—tuille ’s fìor. Am bheil cuimhne agad bho cheann dà bhliadhna gu’n tugadh oidheirp shearbh oirnn ’an sin leis na Sikhs—daoine glé fhiadhaich a tha chòmhnaidh air an taobh an Iar de’n dùthaich aguinne ann an India—ach daoine foghainteach, curanda, a tha ’n an sàr luchd-cogaidh, agus aig am bheil airm ’us eich ach beag co maith ’s a tha air an t-saoghal. Fhuair na Breatunnaich buaidh orra fo Lord Hardinge, agus Sir Hugh Gough, ach cha b ann gun fhios c’arson. Bha na blàir a chuireadh co fuilteach ri bheag air am bheil cunntas aguinn; ’s cha d’ rinn na Frangaich aig Waterloo na bu dìorrasaiche na rinn na Sikhs ’am blàr ’s am blàr a sheas iad. Ach b’fheudar dhoibh géilleachduinn; agus ghabh na Breatunnaich seilbh ’n an dùthaich,—cha ’n ann air an son féìn, ach arson oighre dligheach a’ chrùin a bha ’thoil aca chur ’na aite féin. E. ’S iad na gillean na Breatunnaich féin. Ach ciod a tha dhith air na Sikhs sin a nis? Gu dearbh bu cho maith leam a bhi cagnadh nan ainmean cruaidh, cnàmhaeh aig na h-Austrianaich fhéin ’s a bhi ’g ràdh an ainm shleamhain, leibidich a tha’n sin. Is gann a gheibh mi greim air ’nuair a sgiolas e air falbh orm. M. Coma leat an t-ainm, ’s leig leamsa crìoch a chur air mo sgéul. Tha dhith air na Sikhs an dùthaich fhaghuinn fo ’n casan féin. Deireadh an t-samhraidh a chaidh seachad thog fear de na cinn-fheadhn’ aca arm gus na Breatunnaicb iomain as an dùthaich. Thug a’ cheud bhuidheann diubh so aghaidh air bannal beag Bhreatunnach fo chommand fear Lieutenant Edwards—duin’ òg mu ochd bliadhna fichead a dh’ aois, agus mac Ministeir ’s an Eaglais Shasunnaich. Ach cha d’ rinn Ceannard, no Réiseamaid Bhreatunnach riamh na bu ghaisgeile na rinn an còmhlan beag a bha’n so. Bha ceithir mu’n aon ’nan aghaidh, ach thug iad làn bhuaidh a mach—agus fhuair iad mar a thoill, cliùth mhòr—’s tha Edwards air a dheanadh na Mhàidsear a dh’ aon léum. Ach thog na Sikhs ceann ’an àit eile; agus aig a’ chunntas mu dheireadh a chunnaic mise bha fear dhiubh le cuig mìle fichead saighdear (25,000) air gabhail seilbh ann am baile làidir, daingnichte ri’n can iad Moultan, agus bha feachd mòr Breatunnach a’ cruinneachadh mu’n cuairt air gu a ghlacadh. E. Moultan. Tha mi creidsinn gur h-e Murtan a their iad ris mu ’m bi iad réidh dheth—oir ’s cinnteach mi gu ’m [TD 374] bi murt ’us marbhadh gu leòir ann mu ’n sguir an iomairt. M. Sguir thusa de d’ àbhachd gun fhéum. Gu dé ’n obair a th’ ort le bhi creim mar sin air a’ h-uile ainm a chluinneas tu? E. Leigibh dha matà. Ach ciamar a tha sinn ’an cearn’an eile? Is iomad innis a tha aguinn an Ear ’s an Iar—am bheil sìth air am feadh-san gu léir? M. Tha mi’n dùil gu’m bheil. Bha mòran iorghuill aguinn ’an Africa a làimh an ‘Cape of Good Hope,’ ach tha na daoine-dubha ’an sin air an cur fodha aig an àm. E. Aon fhocal eile, ged a tha mi gar gleidheil tuille ’s fada. Ciod mu Eirinn? ’S gu dé nithear ri O’Brien? ’S iomad ràidheadh a rinn e air càch; ’s maith nach robh “’adharc co cruaidh ’sa bha ’langan àrd.” M. Tha e féin ’s a chombanaich ri’n gleidheil o’n chroich; ach ri’m prìosanachadh fhad ’s is beò iad. ’S mu chor na dùthcha ’m bitheantas—gu b-àraidh taobh Deas na h-Eirionn far an duibhe ’Phàpanachd agus am mò gach olc—tha e dìreach oilteil fhéin. Tha ’n sluagh a’ feuchainn fathast ri aisìth a thogail, ’s tha mort a’ dol air aghaidh ’an geal an là-sholuis co maith agus anns an oidhche. Ach féumaidh mi stad. Rinn mi tuille ’s a chòir de sheanachas riut. Latha maith leat. E. Mar sin dhuibh fhéin, ’us ceud taing arson ur còmhraidh. Tha ’n t-urram aig an fhòghlum féin! B’ fhearr leam na trian de m’ phension gu’n d’ fhuair mi urrad sgoil ruibh. G. C. “Litir a’ Choigrich” o’n Eilein Sgiathanach ’s an ath Aireamh. Orders received by the following Agents:— ABERDEEN, J. A. Wilson, Bookseller. ABERFELDY, D. Cameron, do. CAMPBELTON, M‘Ewen, and Ralston, Booksellers. CORPACH, David M‘Duff, Schoolmaster. CRIEFF, A. M‘Donald, Bookseller, DINGWALL, James Keith, do. EDINBURGH, M‘ Lachlan & Stewart, Booksellers. FORTWILLIAM, Wilkinson, Steamboat Agent. GAIRLOCHY, D. Cameron. GREENOCK, Hislop, Innes, & R. Stewart, Booksellers. INVERNESS, James Smith, Bookseller. OBAN, James. Miller, do. ——— Dugald M‘Dougall, Jun., Merchant. PERTH, D. Wood, Bookseller. ROTHESAY, A. Anderson, do. STORNOWAY, Macpherson & Co. Booksellers. Subscriptions paid in advance. GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow.