[TD 279] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. X.] AN DEICHEAMH MIOS, 1848. [R’A REIC AIRSON CEITHIR SGILLINN’. CONTENTS:—I. The Spiritual First Born—an interesting narrative of the Conversion and death-bed experience of a little girl, (concluded) page 279. II. Exposition of Mathew xiii, 24—30, & 36—44, page 286. III. Familiar Dialogue—Explanatory of the workings of the Scottish Poor laws, page 291. IV. An ancient Eastern Tale, page, 298, V. The Excellencies of the Bible, page, 302. VI. The Fisherman’s Song—Welcome to “The Mountain Visitor,” a Poem. page 305. VII. Letter from Australia, page 307. VIII. Public News—the Nepolitans in Cicily—Disturbances in Germany—Progress & Mortality of the Cholera in Russia—Markets, page 309. I. AN CEUD-GHIN SPIORADAIL. AN DARA EARRAN. BHA Sìne Stiubhart fada gu bochd, agus gun chomas a leaba fhàgail. Chaidh mi gu tric ga coimhead, agus a sheanachas rithe. Bha anam na caileige so ag uidheamachadh o là gu là arson a’ chaochlaidh sin a’ bha nis a tarruing dlù. Cha ’n fhiosrach mi gu’n do thachair orm riamh a h-aon, sean no òg, a thaisbein barrachd dùrachd, agus tògraidhean uile gu léir co spioradail. Bha anabarr tlachd aice ’bhi léughadh leabhar nan Salm, agus laoidhean eile ’chuir a càirdean ga h-ionnsuidh. Bha mòran dhiubh so aice air a meodhair agus ’s minic a thug i buidheachas do Dhia gu ’n robh, oir le bhi ’gan aithris chuir i seachad an oidhche, gun fhadal agus gun sgìos. Latha de na làthean, air dhomh a bhi ’m shuidhe aig taobh a leapach, dh-fheòraich mi dh ’i an d’ ionnsaich i leabhar Cheisd na h-Eaglais. “’S mi ’dh-ionnsaich,” deir ise, “ach tha sin maille ri ioma cothrom maith eile a fhuair mi, ’n an culaidh [TD 280] dhìtidh am aghaidh; oir ged a bha iad agam air mo theangaidh gu deas, ealanta, is beag suim a ghabh mi dhiubh. Is ann o’n a luidh mi ’s an leabai’ so a thug mi fainear luach nam firinnean mòra sin a tha air an leigeil ris duinn ann an leabhar nan Ceisd. Is ann a nis a tha ioma ni ’chuala mi uaibh féin a’ tighin ’am aire, ged is beag suim a ghabh mi dhiubh air an àm. Is mise ’bu chòir a bhi taingeil arson na meodhair mhaith a thug an Tighearna dhomh. ’Bheil cuimhn’ agaibh-se an t-searmoin a thug sibh dhuinn mu’n fhìonan-fhìor agus mu na géugaibh? agus mar a shoilleirich sibh dhuinn uapa na comharaidhean leis am faigh sibh a mach co dhiubh a tha, no nach ’eil sibh air ar n-aonadh ri Criosd—’nar cloinn do Dhia ’s ’n ar n-oighreachan air a bheatha mhaireannaich? Nach ’eil cuimhn’ agaibh mar a thuirt sibh gur h-ann dìreach mar a bha ghéug do’n chraoibh—a chlach do’n aitribh—an làmh, no ’chos do’n choluinn—mar sin gu’n robh gach creidmheach ann an dàimh ri Criosd? ’Nis (arsa ’chaileag ghaolach) innsibh dhomh-sa cia mar a thuigeas mi co dhiubh a tha no nach ’eil mise air m’ aonadh ris an Fhear-shaoradh?” “Innis dhomhs’ (arsa mise) am bheil thusa ’gràdhachadh Chriosd air dhòigh nach b’ àbhaist duit?” “Da-rireadh tha.” “Agus c’arson a tha thu ga ghràdhachadh?” “Tha do bhrigh gu’n do ghràdhaich esan mis’ air tùs.” “Ciamar a tha fios agad gu’n d’ rinn e sin?” “O ’s ioma dearbhadh a tha agam air! Nach tug e mi gu mothachadh a bhi agam air peacaidhean mo chaithe-beatha, agus air truailleachd mo chridhe? Nach do tharruing e mi gu guidhe aig cathair nan gràs arson maitheanas peacaidh agus tròcair? Nach d’ aom e mi gu tlachd a ghabhail ann a bhi smaoineachadh air féin—a bhi meòrachadh air a chaoimhneas, agus air a chaomh chàirdeas féin? Nach do chuir e sibh-se air mo thòir chum mo theagasg agus slighe na saorsa ’chur mu’m choinneamh? Tha fios agaibh nach b’ àbhaist dhomh tlachd a ghabhail anns na nithe sin; agus ma tha aon ni eile anns am bheil mi làn chinnteach, ’s e so—mar biodh esan air mise ’ghràdhachadh air tùs, cha bhiodh e ’n comas domh-sa esan a ghràdhachadh.” “Am bheil thusa ’Shìne (dh-fheòraich mise) ’creidsinn ann ad’ chridhe gu’m bheìl Criosd làn-chomasach agus toileach air gabhail riut?” “Tha mi gu dearbh, gu dearbh tha. Ged a tha mi òg tha fios agam gu’m bheil mi ’m pheacach mòr; ach tha esan, glòir d’ a ainm, ’na Shlànuighear mòr.” “Am bheil fuath agad air a’ pheacadh, agus an e dùrachd t-anama a thréigsinn?” “Matà mar ’eil mo chridhe ga’m mhealladh gu mòr tha gràin agam air gach ni ’tha fuathach le Dia.” “Agus co (dh-fheòraich mi) a thug dhuit an spiorad sin; oir cha robh e agad do ghnà?” “’S e nach robh; ach Criosd a ghràdhaich mi agus a thug e féin air mo shon, thug e dhomh an spiorad nuadh so.” “’Nis a Shìne (arsa mise) nach ’eil so uile leigeil ris duit-sa an dlùth-cheangal, agus an càirdeas a tha eadar t-anam agus an Slànuighear? Tha creideamh agad ann an Iosa—so diomhaireachd na cùise uile gu léir, agus an lorg so tha thu tarruing do ghràis, agus do thògraidhean uile o n lànachd a [TD 281] ta ann-san. A nis (deir mi) innis domh a rìs ciod e bhi ann ad leanabh do Dhia?” “O! cha’n ’eil mise (deir i) a’ toiltinn a bhi ann am leanabh do Dhia.” “Cò ’tha, ’Shìne, cò ’tha ga thoiltinn?” “Tha sibh ceart (ars’ ise) cha’n ’eil a h-aon de chloinn nan daoine gu lèir.” “Cia mar matà (dh-fheòraich mi dh’i) a tha aon air bith air a dheanamh ’na leanabh do Dhia, a tha ’thaobh nàduir nan oighreachan air fheirg?” “Tha (deir ise, le dealas àrd na sùil) trid saor ghràs Dé ann an uchdmhacachd an Spioraid.” “Tha thu ceart a Shìne tha teaghlach Chriosd air an ainmeachadh air féin, agus ’s esan am brathair is sine, agus mo thruaghan gaolach, is e Criosd do bhràthair-sa agus cha bhi nàir’ air t-aideachadh an làthair an Athar air an là mhòr mar aon a cheannaich e le ’fhuil.” An déigh dh’i bhi sàmhach car tamuil, thog i suas a sùilean—phaisg i a dà laimh air a h-uchd, agus le mòr dhùrachd thuirt i, “O nach robh barrachd gràidh agams’ air m’ Athair agus air mo Bhràthair a ta air neamh! A Thighearna dean tròcair orm-sa ’ta ’m pheacach!” Dhealaich mi rithe air an fheasgar sin, agus an deigh dhomh seanachas fada ’bhi agam ri ’mathair, boirionnach bochd nach d’ fhiosraich riamh fathasd iomaguin spioradail, phill mi dhachàidh a meorachadh air na chunnaic ’s air na chuala mi. Ghuidh mi le dùrachd m’ anama gu’n deargadh an Spiorad Naomh air m’ anam féin na firinnean mòra ’bha mi teagasg agus air an robh mi ’tighinn thairis do’n chaileig ghaolaich so. An uair a thug mi fainear co òg ’s a bha ise—an cothrom a fhuair mise nach d’ fhuair ise, bha da rìreadh nàir’ orm—bha eadhoin eagal orm—a smaoineachadh co beag de spiorad agus de dhiadhachd Shìne a bha agam-sa ’n uair a bha mi co òg rithe-se. Ghairm Dia, arsa mise, an t-uainein beag so ’na h-òige gu bhi ’na samhladh dhuinne, agus tha e féin ag ràdh, “Gu deimhin, deimhin mar iompaichear sibh-se, agus mar bi sibh mar leanaba beaga chà’n fhaic sibh rioghachd Dhé. O! gu’n robh mise co iriosal, gràdhach, earbsach, ’s a tha ’chaileag ghaolach so. Chaidh latha no dhà seachad mu’n d’ fhuair mi rìs dol a choimhead Shìne Stiubhart. An ath uair a chaidh mi g’a faicinn ’n uair a rainig mi dorus an tighe, choinnich an t-seana bhean a bha ga m’ fheitheamh mi—bana-chriosduidh cheanalta, chàirdeil. “Gabhaibh mo leisgeul (ars’ ise), ach coisichibh gu sàmhach. Tha i ’na suain, agus cha d’ fhuair i mòran cadail bho na chunnaic sibh i.” Chaidh mi stigh do’n t-seòmar gu h-aithiseach, sàmhach. Bha i eadar a bhi na suidhe ’s na sìneadh—an dara làmh fo ’ceann, agus an làmh eile air a Bhiobull a bha fosgailte air a h-uchd, mar gu’m biodh i ga léughadh ’n uair a thuit i ’na cadal. Bha ciùineachd àillidh ’na gnùis—bha ’deòir a’ ruith a sìos air air a gruaidhean, agus gun fhios d’i thuit ioma aon diu’ air an duilleig naomha. Dh-amhairc mi car tamuill mu’n cuairt domh. O! bu bhochd agus neo-chuanda an seòmar anns an robh i. Bha’m balla fuar agus àitidh—an t-urlar salach—furm no dhà agus aona chathair taobh na leap- [TD 282] ach—glainne na h-uinneige briste, agus seana chlud salach air a chur ’na àite—seòrsa de bhord beag dlù dh’i air an robh an deoch agus a’ chungaidh leighis a bha iad a’ toirt d’i. Bu bhochd agus bu mhi-thaitneach da rìreadh an t-àite; “Gidheadh (arsa mise ann am’ chridhe féin) tha oighre glòir’ agus fhlaithinnis ann an so—tha leanabh Dhé ’an so, a’ feitheamh gus an gairmear air falbh i g’a ionnsuidh féin. Tha ’n tigh talmhaidh da rìreadh truagh, ach tha tigh a’ feitheamh oirre nach do thogadh le làmhan, sìorruidh anns na neamhan. Cha mhòr a th’ aice de nithe maithe na beatha so, ach tha tomhas mòr de ghlòir a feitheamh oirre—barrachd na’s urrainn inntinn an duine ’smuaineachadh, na ’thuigsinn. ’S bochd an seòmar—’s bochd an leaba; ach tre sùil a’ chreidimh chi mi leanabh Dhé ’s an àite so—aingil Dhé a’ frithealadh dh’i—agus Criosd gu h-àrd ag ullachadh àite air a son, agus a làmh sìnte chum a fàilteachadh.” Dhlùthaich mi air a’ leaba gu sàmhach, agus thug mi fainear gu’n robh i ’léughadh caibdeil de’n t-soisgeul do réir Lùcais. Bheachdaich mi gu dlùth agus chunnaic mi gu’u robh a mèur air ùrnuigh a ghaduiche a bha dlùth do Chriosd air a’ chrann-chéusaidh,—“A Thighearna cuimhnich orm-sa ’nuair a thug thu gu d’ rioghachd.” Ann an tiota’ beag dhùisg i o’n dùiseal anns an robh i—ach cha do mhothaich i dhòmh-sa; agus le guth fann, iosal, chuala mi i ’g ràdh, “A Thighearna cuimhnich orm-sa—cuimhnich mise—cuimhnich caileag-bhochd, bhrònach—O! Thighearna cuimhnich orm-sa.” Ghrad thog i ’sùilean agus chunnaic i mi; agus las ruidheadh, agus mar gu’m b’ ann plathadh nàire, air a gruaidh: ach chaidh i seachad ann an tiota’ beag, agus bha h-eudan co ciùin, àillidh ’s a bha e riamh. “’S maith leam (arsa mise) gu’n d’ fhuair thn beagan cadail. Feudaidh tusa ’ràdh le Sàlmaiche binn Israel, ‘Luidh mi ’sìos agus chaidil mi, dhùisg mi oir chum an Tighearna ’suas mi.’” “Ciod (arsa mise) ’bha thu léughadh?” “Bha mu chéusadh Mhic Dhé, agus mu’n ghadaiche ’bha dlùth dha air an àm. Bha mi smuaineachadh air an ùrnuigh sin—co freagarrach ’s a bha i dhomh, agus co sona ’sa bhithinn na’n cuimhnicheadh Criosd orm-sa. Thainig dùiseal cadail orm, agus bhruadair mi gu’m faca mi e féin air a’ chrann, ’s gu’n do ghuidh mi air mo chuimhneachadh.—O! bha bàigh agus gràs ’na shùil, tha mi cinnteach nach diùlt e mi—dhùisg mi anabarrach sona.” Bha Sìne ’nis a’ tarrruing dlùth air a crìch dheireannaich, ach bha comas aice o là gu là m’ fhaicinn agus a bhi ’seanachas rium. Chuir i fios air a combanaich òga, ’s air a co-aoisean mu ’n cuairt d’i, agus dh-earalaich i iad le mòran bàigh, is caoimhneis. ’S e là a bhreitheanais a mhàin a leigeas ris an toradh; ach tha fios aguinn gu’n robh a conaltradh air a bheannachadh a chum maith do mhòran. Aon là mar a bha mi dol ga coimhead, air dhomh ìochdar na staidhreach a ruigheachd, chuala mi Sìne ’s a màthair a’ seanachas. [TD 283] Sheas mi far an robh mi, anus chuala mi gu poncail Sìne ’g ràdh—“A mhàthair! a mhàthair! tha mise nis dlùth do ’n bhàs. Thainig crìoch mo làithean a bhos air thalamh; agus ’s éigin domh labhairt ann am firinn ruibhse a thug a dh-ionnsuidh an t-saoghail mi. O! mhàthair, tha anam neo-bhàsmhor—anam prìseil nach caochail gu dìlinn an earbsa ruibh. Ciod a dh-éireas do’n anam sin an déigh ur bàis? Tha iomaguinn mhòr air mo chridhe arson anama mo mhàthar! Tha sinn a nis a dol a dhealachadh”—“Cha ’n ’eil mo leanabh (thuirt a màthair). Ciod a ni mise ma chailleas mi mo chuilein gaolach—leanabh mo ghaoil!”—Ghrad ghuil i gu goirt agus thòsich i air glaodhaich gu h-àrd. “Na deanamh sin a mhàthair (arsa Sìne); sguiribh de’n ghlaodhaich sin. Cha dean sin féum air bith—na guilibh air mo shon-sa—tha mi sona. Ach éisdibh-se ri guidhe dhùrachdaich ur pàisde o ’leaba bhàis—bu mhiànn leatha ’màthair a choinneachadh ann an nèamh. Cuimhnichibh a mhàthair an t-anam air an d’ rinn sibh thuige so dearmad truagh.” “Tha sin fior (arsa’ màthair); tha mi ann am chreutair peacach agus fuath, ’us gràin, agam air gach ni ’ta maith. Ach ciod is urrainn domh ’dheanamh?” “A mhàthair, guidhibh air Dia—deanaibh ùrnuigh—iarraibh maitheanas bho Chriosd. ’S éigin duibh ùrnuigh a dheanamh.” “O! ghaoilein mo chridhe, cha ’n urrainn domh—cha d’ rinn mi ùrnuigh riamh—tha mi peacach, peacach—tuilleadh ’us peacach arson ùrnuigh a dheanamh.” “Is minic a bha toil agam labhairt ruibh a mhàthair mu na nithe sin; ach bha sgàth orm a dheanamh, agus tha fios agaibh féin co tric ’s a chuir sibh grabadh orm ’nuair a dh-fheuch mi ris; ach a nis ’am sheasamh air stairsnich na sìorruidheachd cha’n urrainn domh an cothrom mu dheireadh is dòcha ’bhios agam a leigeil seachad. Cha ’n urrainn domh dealachadh ri’m mhàthair gu dìlinn, agus gu bràth, gun aon oidheirp a thoirt. Thaisbein an Tighearna dhomh-sa mo thruailleachd féin. Ghràdhaich Mac Dhé mi ’s thug se e féin air mo shon—bhàsaich e agus dh-éirich e rithist; agus ’s e tògradh m’ anma ’bhi ga mholadh air a shon so gu siorruidh. Tha dòchas agam fhaicinn ann an nèamh, agus bu mhiann leam mo mhàthair fhaicinn ann mar an céudna. As uchd Chriosd, agus air sgàth ur n-anama togaibh de ’n pheacadh, agus pillibh ri Dia. Na seachnaibh n’is faide an Eaglais. Thugaibh urram do là, do thigh agus do mhuinntir an Tighearna. Na seachnaibh n’is faide a sheirbhiseach dìleas—an caraid is prìseile bha agam riamh air thalamh. Tha e bàigheil, ciùin, agus truacanta. ’S e fo làimh an Tighearna a stiùr mise ’s an t-slighe cheairt. Bha mi co di-chuimhneach air Dia ri neach air bith; ach thairn’eadh mi chum mo ghòraich, agus mo chunnart fhaicinn. Cosmhuil ri iomadh aon eile s an àite so bha mi ’triall air an t-slighe leathainn a chum truaighe—ach bheachdaich Dia orm—rinn e tròcair orm, agus spìon e mi mar àithine mach as an teine.” Chuala mi mòran seanachais de’n t-seòrsa so eadar Sìne agus a màthair. Mu dheireadh chaidh mi ’stigh do’n t-seòmar agus chuir [TD 284] mi stad air an t-seanachas, ach chunnaic mi gu’m b’ e bròn arson na caileige ’bu mhò bha cur de dhoilgheas air a bhoirionnach so na bròn arson a h-anama féin. Air an àm dh-fhairtlich orm-sa bheag no mhòr de thaiseachadh cridhe ’thoirt mu’n cuairt, ged a labhair mi le dùrachd m-anama. Thainig mi gu taobh na leapach, agus dh-fheòraich mi cia mar a bha i ga mothachainn féin? “Tha mi lag, fann (fhreagair i), oir labhair mi mòran; ach tha mi sona ann am’ inntinn—tha mi toileach falbh ’nuair is àill le m’ Athair neamhaidh.” Ghlac i rìs làmh a’ màthair le bàigh mhòr, agus thuirt i:—“A mhàthair, an geall sibh eòlas a bhi agaibh air an duine bheannaichte so, ’sa dhol g’a éisdeachd. Tha mise ’triall—tha mo bheatha ’traoghadh gu luath an taobh a stigh dhiom—tha mo cbridhe ’s m’ fheòil a’ fàilneachadh. Cha ’n urrainn domh mòran a labhairt, ach éisdibh rium. Tha ’m ministear ’na fhianuis gu’n tuirt ur leanabh le a’ briathraibh deireanach, nach ’eil tearuinteachd do pheacaich mar a ta sinne ach am fuil Chriosd. Tearnaidh esan a chum na cuid is faide na thig ga ionnsuidh. Tha e feitheamh gu bhi gràsmhor—O! tilgibh sibh féin air a thròcair.”—Thuit i thairis ann an laigse, agus bha greis mu’n d’ fhosgail i ’sùilean. An deigh dh’i teachd gu mothachadh dh-amhairc i orm ’n uair a bha mi fàgail an t-seòmair, agus chuala mi i ’g ràdh gu h-iosal:—“Thigibh aon uair eile ma chaomhainear sibh.” Moch air maduinn an ath là thainig an t-seana bhean a dh-ionnsuidh mo thighe, ’s dh-innis i dhomh gu’n robh Sìne ghaolach dlùth do’n bhàs. Ghrad dh-éirich mi. Bha réult na maidne fathasd ’s an t-sealladh—bha gealach nan tràth ’toirt solus fann; agus mar bha camhanaich an là ’nis ag òradh àirde nan spéur, bha na h-eoin a’ feitheamh gu fàilt’ a chur air teachd na gréine, agus a’ toiseachadh air òran na maidne. Bha’n drùchd tròm air bhàrr gach lùis, ’us feòirnein uaine. Bha ciùine, agus fèath nan èun a mach air feadh an t-saoghail; ach cha robh dearsadh réult na maidne a leth co àillidh am bheachd-sa ’s a bha dearsa’ spioradail na caileige gaolaich a bha mi nis a’ dol a choimhead. Bha h-oidhche fada seachad, ’s bha maduinn ghlòrmhor a’ là shìorruidh a’ tarruing dlùth. Rainig mi an tigh, ’s mar a bha mi gu h-athaiseach a’ dol a stigh do’n t-seòmar chuala mi guth ciùin ag ràdh,—“Am bheil dùil agaibh an tig e?” Shuidh mi air taobh na leapach, agus ghlac mi ’làmh fhuar—cha tuirt mi diog. Bheachdaich i orm gu dlùth; ’s cha tug i ’sùil anns an robh dealas àrd agus naomh, o’m ghnùis. Bha ’h-anail a’ falbh ’s a’ tighinn gu luath. Dh-fhèuch i labhairt, agus an uair a dhlùthaich mi oirre thuig mi gu’m bu laoidh àraidh a bha mhiann oirr’ aithris:— “Thainig an uair ’s tha mise ’triall,—” Ach cha b’ urrainn i dol roimpe. “Am bheil thu làn striochdta nis (arsa mise) do thoil Dé?” “Tha,—’s mi tha.’ “C’àit’ am bheil do dhòchas?” Thog i ’làmh gu nèamh, agus an sin chàirich [TD 285] i ’n làmh chéudna air a cridhe, agus le mòr strì thuirt i, “Criosd shuas, agus Criosd ’am chridhe.” Dh-amhairc i le bàigh air a’ màthair agus thuirt i, “Tha mi fuar, fuar; ach coma co dhiubh, cha ’n fhada gus am bi so seachad.” Thuit i seachad ann an laigse; ach tamull beag dh-fhosgail i a rìs a suilean ag ràdh, “Shaoil leam gu’n robh e seachad—a Thighearna teasairg mi.” “O! mo leanabh gaolach (arsa mise) feith thusa gu fòill ri Dia—tiota’ beag agus bithidh tu maille ris.” Thug i ’làmh an sin d’a màthair agus ghabh i ’cead d’i—ann an cainnt, agus le dùrachd nach dì-chuimhnich mi fhad ’s is beò mi. Thionndaidh i ’n sin rium-sa. “Fhir mo chridhe (ars’ ise) slàn leibh—coinnichidh sinn fathast. An t-Athair àrd agus caomh—Dia gar beannachadh!” Bha mi dlùth dh’i air an àm le’m cheann air a h-uchd a’ toirt misnich dh’i. Chuala mi i ’g ràdh, “Thugaibh glòir do Dhia air mo shon-sa—tha m’ anam-sa tearuinnte. Coinnichidh sinn ann an nèamh, agus an sin cha bhi ach sìth—sìth gu bràth!” Thuit i thairis—chuala mi aon osna lag—thuit i ’na suain ann an Criosd. An déigh dhomh beachdachadh car tamuill air a’ chorp as an d’ fhalbh an t-anam prìseil, ’s gann a b’ urrainn domh ’chreidsin gu’n do chaochail an dùile ghràdhach. ’S a’ cheart àm so thainig gathan gréine na maidne ’stigh do’n t-seòmar. Bheachdaich mi orra mar shamhladh air an atharrachadh ghlòrmhor a dhears air a h-anam air an àm so. Dhùisg e sòlas agus dochas ann am anam. Dh-fhàg mi seòmar a bhàis ’s phill mi dhachaidh. Cha cheil mi gu’n do shil mi mo dheòir, agus c’arson a cheileadh? Nach do shil Criosd e féin deòir aig uaigh a charaid? Ach da rìreadh cha robh mise ’gul mar neach gun dòchas. “O! (deir mise rium féin) nach ann an so a bha ’n t-atharrachadh glòrmhor? ’o sheòmar salach, fuar, agus àitidh, do luchairt Rìgh nan Rìgh—o leaba chonnlaich, o bhochduinn, o thinneas agus o phéin, gu ionmhas nèimh—gu slainte nach fàilnich, agus gu aoibhneas nach tràigh! Chaill mise (arsa ’n duine beannuichte o’n tug sinn an eachdraidh so—Leigh Richmond) uainean prìseil as mo thréud: ach an call na fhuair Dia? ’S ann da féin a bhuineadh i. Cha chluinn mise tuille ’s an t-saoghal so a guth; ach tha’n guth milis sin a nis ag aithris cliù an Uain. Chuireadh a chlàrsach air ghléus.— “C’arson mata bhios sibh ri bròn Mar dhream gun dòchas mòr, Am bheil ’sa bhàs ach teachdair sìth ’Gan gairm gu riogh’chd na glòir? Fòs tamull beag ’us ruigidh sinn An caladh ait fadheòidh, ’S an coinnich sinn na sgaradh uainn, ’S cha dealuich sinn n is mò.” T. [TD 286] II. COSAMHLACHD A’ CHRUITHNICHD AGUS A’ CHOGUIL. MATA xiii. 24—38, AGUS 36—43. 24 Chuir e cosamhlachd eile mach dhoibh, ag radh, Is cosmhuil rioghachd neimh ri duine a chuir siol maith ’na fhearann: 25 Agus an uair a bha daoine ’nan codal, thainig a namhaid agus chuir e cogal am measg a’ chruithneachd, agus dh’imich e roimhe. 26 Ach an uair a thainig an t-arbhar fuidh dheis, agus a thug e mach a thoradh, dh’fhoillsich an cogal e fein mar an ceudna. 27 Agus air teachd do sheirbhisich fhir-an-tighe thubhairt iad ris, A Thighearna, nach do chuir thusa siol maith ann ad fhearann? c’aite ma seadh as an d’fhuair e an cogal? 28 Thubhairt esan riu, Rinn namhaid eiginn so. Agus thubhairt na seirbhisich ris, An aill leat uime sin gu’n teid sinne agus gu’n cruinnich sinn ri cheile iad? 29 Ach thubhairt esan, Cha ’n aill; air eagal ’nuair a chruinnicheas sibh an cogal, gu spion sibh an cruithneachd maille ris. 30 Leigibh leo fas araon gus an tig am fogharadh: agus an am an fhogharaidh their mise ris an luchd-buanaidh, Cruinnichibh air tus an cogal, agus ceanglaibh e ’na cheanglachanaibh chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd do m’ shabhal. 36 An sin chuir Iosa am pobull air falbh, agus chaidh e steach do’n tigh: agus thainig a dheisciobuil d’a ionnsuidh, ag radh, Minich dhuinne cosamhlachd cogail an fhearainn. 37 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An ti a chuireas an siol maith is e Mac an duine e: 38 ’S e ’m fearann an domhan: agus is e an siol maith clann na rioghachd: ach is e an cogal clann an droch spioraid; 39 ’S e an namhaid a chuir iad an diabhul: ’s e am fogharadh deireadh an t-saoghail: agus is iad na buanaichean na h-aingil. 40 Agus amhuil mar a chruinnichear an cogal, agus a loisgear le teine e, is ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail so. 41 Cuiridh Mac an duine ’aingil uaith, agus tionailidh iad as a rioghachd na h-uile nithe a bheir oilbheum, agus iadsan a ta deanamh aingidheachd; 42 Agus tilgidh siad iad anns an amhuin air dearg lasadh: an sin bithidh gul agus giosgan fhiacal. 43 An sin dealraichidh na fireana mar a’ ghrian, ann an rioghachd an Athar fein. Ge b’e aig am bheil cluasa chum eisdeachd, eisdeadh e. THUG ar Slanuighfhear féin mìneachadh air a’ chosamhlachd so mar a rinn e air té an t-sìoladair, agus is ion dhuinn a thoirt fainear gur ann ’n uair a dh’ iarr a dheisciobuill air e a rinn e marso (Rann 36.) “Mìnich dhuinn cosamhlachd cogail an fhearainn.” Ma tha dhìth oirnne gu ’n tuigeamaid air mhodh slàinteil fìrinn Chriosd co dhiùbh a tha sinn ga léughadh no ga h-eisdeachd, féumaidh sinn dol do ’ionnsuidh féin, agus a ghuidheadh air gu ’m mìnich e dhuinn i. Ach is liònmhor iadsan nach d’ rinn ùrnuigh dhùrachdach riamh air son gu ’n tuigeadh iad searmoin, no Bìobull, agus gu cinnteach cha ruig iad sin leas fiuthair a bhi aca gu ’n “dean am focal buannachd dhoibh. ’S a’ chosamhlachd roimhe tha Crìosd a’ labhairt mu ’n t-sìol mhaith mar “fhocal Dhé,” agus ’an so (Rann 38) tha e ag ràdh [TD 287] gur e ’n “sìol maith clann ’na rìoghachd.” Am bheil na nithean so an aghaidh a chéile? Cha ’n ’eil air chor air bith. Tha e ’an sud a’ labhairt mu ’n fhocal mar a tha e ann fein. Tha e ’n so a labhairt uime mar a tha e air “gabhail còmhnuidh ’s a’ chridhe anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail”—air a dheanamh da rìreadh ’n a “spiorad ’us na bheatha” do ’n anam, agus air aonadh ris air dhòigh ’s nach gabh dealachadh cur eatorra. ’An toiseach tha e ’labhairt mu ’n t-sìol a mhàin. A rithis tha e labhairt mu’n t-sìol, a’ toirt a mach toraidh agus e coimhead air an t-sìol air an fhonn, ’s air a’ bhàrr fo ’n aon sealladh. Tha ’n dà chosamhlachd matà ’an ceangal r ’a chéile, agus an dara té a’ leanmhuinn céum nas faide air a h-aghaidh na fìrinne ’tha aguinn anns a’ cheud té. Faodaidh sinn a thoirt fainear mu ’n ainm a tha Criosd a’ toirt air féin ann an so, agus gu bitheanta ’an àitean eile “Mac an duine” nach eil aon de na soisgeulaich, no de na h-Abstoil ga ghnàthachadh ’n uair a tha iad a’ labhairt uime. ’S ann ’an Gnìomh. vii. 56, amhàin a tha ’n t-ainm so aguinn air a chleachdadh d’ a thaobh-san le neach air bith ach leis féin. Ach is ro shòlasach da rìreadh dhuinne thoirt fainear gu ’n do ghabh esan urrad thlachd anns an ainm ro thlusmhor, theòisneach, bhàigheil, chàirdeil so. B’ e mac sìorruith Dhé; ach cha bu nàr leis bràithrean a ghairm dhinne—ìosal ’s mar a bha ar cor agus a chionn gu ’n do ghabh e comhroinn de ’r fuil, ’s de ’r feòil tha e na àrd-shagart tròcaireach co maith agus dìleas Eabh ii. 11—15. Ach gu tighin chum na cosamhlachd so. Bha anabarr connsachaidh mu a seadh bho cheann linntean. Dh’ éirich seòrsa dhaoine ’an Africa anns a’ cheathramh lìnn ri ’n abairteadh Donatists a rinn anabàrr iorghuill ’s an Eaglais, agus a rinn fa dheireadh mòran cogaidh, spùinnidh, agus moirt a chur am barailean féin air bonn. ’S e beachdan sònruichte ’bha aca, gu ’n robh éifeachd nan òrduighean ’an earbsa ann an tomhas mòr ris-san a bha ga ’m frithealadh—mar robh ministear, no Easbuig air a thaghadh, ’s air a chur air leth ’s an dòigh a bha iadsan a’ meas iomchuidh cha rachadh iad ga éisdeachd, no ’ghabhail Sàcramaint uaithe, agus a ’mhuinntir a bha air am Baisteadh le ministeirean eile bha iadsan ga ’n athbhaisteadh mu ’n gabhadh iad a stigh do ’n comunn féin iad. A rithis bha iad a’ meas gu ’n robh na Sàcramaintean gun éifeachd na ’m biodh duin’ air bith a bha iadsan a’ meas neo-iompaichte a co-pàirteachadh dhiùbh; marso cha suidheadh iad aig bòrd an Tighearna na ’m biodh duin’ air bith a làthair nach robh iad ’am beachd a bhi na chreidmheach, agus theireadh iad gu follaiseach nach b’ Eaglais le Criosd Eaglais air bith ’s an robh aon duine neo-iompaichte a’ suidhe aig a’ Bhòrd naomh. Ach gu sònruichte bha iad a’ gleidheil amach nach robh duin’ air bith a thuiteadh ann am peacadh follaiseach ri ’ghabhail air ais do chomunn Criosduidh ciod air bith aidmheil, no aithreachas a thaisbeineadh e—gu ’n robh e ri chur air cùl agus ri mairsinn fo chàrn fhad ’s bu bheò e; bha iad thar tomhais mi-sheirceil ris gach aon nach còrdadh riuth ’s a’ phùinc a bu mhine, ag ràdh gu ’m bu naimhdean [TD 288] Chriosd iad, agus bha an cuid shaighdearan a’ buntuinn riuth mar naimhdean gun teagamh. Chaidh mòran a ràdh ’s a dheanamh ’an aghaidh na muinntir so le Ard-chomhairlean na h-Eaglais, ’us le Iompairean na Ròimh aig an àm; ach ’am measg lìonmhoireachd nan argumaidean as an Sgriobtur a thugadh nan aghaidh ’s i a’ chosamhlachd so gu sònraichte a chuireadh fa ’n comhair mar earrainn ’s an robh an Slànughfhear féin ag innseadh gu soilleir gu ’m biodh daoine iompaichte, agus neo-iompaichte anns an Eaglais fhaicsinnich; ach nach robh an dara muinntir a’ sgrios na muinntir eile—gu ’n robh an cogal ri fàs maille rìs a’ chruithneachd eadhoin gu là an fhogharaidh—gur e Criosd féin mar bhreitheamh, agus nach b’ iad daoine ’bha ris an leathachas a dheanamh. ’S e fhreagair na Donatists na aghaidh so, nach ann mu ’n Eaglais, ach mu ’n t-shaoghal a labhair Criosd a’ chosamhlachd so, agus uime sin nach robh nì thall, no bhos ri tharruing uaipe a thaobh ciod a bhà, no nach robh a’ deanamh a suas Eaglais fhìor. Thubhairt càch gu ’m bheil an Slànuighfhear gu soilleir a’ labhairt (Rann 24), mu “rioghachd nèimh” ’s e sin frithealadh an t-soisgeil, ’s cha n’ ann mu ’n t-saoghal; agus an uair a tha e ag ràdh (Rann 38). “Is e am fearann an domhan” tha e labhairt mu ’n “domhan” cha ’n ann mar a’ luidhe ’an dorchadas na Geintileachd, ach fo fhrithealadh an t-soisgeil—tha e ’labhairt mu ’n Eaglais fhaicsinnich air thalamh, agus d’ a réir so tha cosamhlachd an lìn-sgrìobaidh, no thàirgne anns a’ chaibdeal so féin (Rann 47) agus tha iomad earrann eile de ’n Sgriobtur. Gun a bhi a leantuinn na cùise so tuille ’s fada faodaidh sinn a ràdh gu ’m bheìl diadhairean, agus luchd-mìneachaidh ’am bitheantas a nis a’ cur an céill gur ann mu ’n Eaglais a tha Criosd ann an so a’ labhairt. Gu h-àraidh tha aon duine ainmeil air am bheil mòran de ’r luchd leughaidh eòlach Matthew Henry ro làidir ’s a’ bheachd so. Tha, mar is aithne ach beag do gach neach, an Eaglais phàpanach anns gach linn bho na dh’ éirich i a’ dlùth leantuinn ri baràilean agus dòighean nan Donatists. Tha ise ag ràdh gu follaiseach nach Criosduidhean iadsan a tha ’n taobh amach de ’n ghàradh chrìch’ aice-sa—gu ’m bheil éifeachd nan Sàcramaintean ’an earbsa gu buileach ri taghadh ’us cur air leth iomchuidh a bhi air a dheanamh air-san a tha ’g am frithealadh—ri e bhi ’na Shagart dligheach; ach tha i ’dol mòran nas faide na so—ag ràdh gur còir an cogal a spìonadh as a’ chruithneachd a nis féin, agus a losgadh gun dàil, agus is ioma mìle naomh a loisg ’us a mharbh i fo ainm a choguil—fo ainm eiriceach ’us shaobh-chreidmheach. Tha aobhar taing aguinn do Dhia nach eil a’ bheag de ’n losgadh no de ’n mharbhadh a dol air aghaidh n’ ar dùthaich no ’nar làth-ne; ach tha mòran de spiorad na mì-sheirc, agus a’ mhì-rùin fathasd ’n ar measg—spiorad a bheireadh air daoine am bràithrean a losgadh ’sa mhilleadh mar o shean n’ am biodh comas aca ’dheanamh. Tha ’chosamhlachd so a’ toirt achmhasain dhoibh-san uile aig [TD 289] am bheil an intinn so, agus a’ cur an céill ar dleasnais do dhaoin’ eile. Gu cinnteach cha’n ’eil na briathran so, ’us cha ’n ’eil earrann air bith eile de’n Bhìobull ag iarraidh air muinntir eaglais a bhi mi-chùramach mu cò a ghabhas iad do’n comunn. Tha e air àithneadh dhoibh gu cinnteach “dealachadh ris-san a tha ’gluasad gu mì-riaghailteach.” Duin’ air bith a tha ciontach ann am peacuidhean follaiseach bu chòir a dhruideadh o chomunn Eaglais Chriosduidh, gus an nochd e aithreachas, agus atharrachadh giùlain, ach cha chòir a chur air cùl gu buileach mar neach a tha air a chomharrachadh chum sgrios. Bu chòir do gach Eaglais a chuimhneachadh gu’n tugadh “cumhachd dh’i chum togail, agus cha’n ann chum sgrios.” 2 Cor. x. 8. xiii. 10. Bu chòir do gach Eaglais, agus do gach Criosduidh àithn’ an Abstoil (Gàla. vi. 1, 2.) a chuimhneachadh:—“A bhràithre ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h-obainn, sibh-se a ta spioradail togaibh a suas a shamhuil sin de dhuine ann an spiorad na macantachd, a’ toirt aire dhuit féin nach buairear thu mar an céudna.” Bu chòir lagh na seirc, agus a’ chaoimhneis a chuimhneachadh a thaobh gach neach, agus eaglais; agus thugamaid fainear ann a bhi co ullamh air breith a thoirt air rùintean, agus cridheachan dhaoin’ eile gu’m bheil sinn a’ glacadh do ’r n-ionnsuidh féin cumhachd a bhuineas do ’n Tì uil’-fhiosrach a mhàin “Is esan an Tì a sgrùdas na cridheachan, agus a rannsaicheas na h-àirnean.” Cha ’n urrainn aon de ’chreutairean so a dheanamh, agus an uair a tha iad a’ teannadh ris tha iad a’ toirt na glòire uaithe-san—ni nach ceadaich e dhoibh; agus an uair a tha sinn a’ toirt breith chruaidh, agus mhi-sheirceil air ar coimhearsnaich tha sinn a’ càrnadh a suas breitheanais dhuinn féin, “oir a réir na breith a bheir sinn bheirear breith oirnn.” Mata, vii. 2. Faic rannan 25, 26. Chuir an namhaid cogal, ach cha d’ fhoillsich so e féin gus an tainig an t-arbhar fo dhéis. Tha cunntais mhion aguinn o luchd-turais a tha eòlach ’s an Aird-an-Ear gu’m bheil cleachduinn olc aig daoine gamhlasach an sin gus an là ’n diugh a tha soilleireachadh nam briathran so dhuinn. ’Nuair a tha diomb aig fear dhiubh so ri duine, agus nach urrainn e aichmheil a thoirt a mach gu follaiseach tha e ’feitheamh gus an tig an t-earrach, agus co luath ’sa tha ’n tuathanach a’ cur an t-sìl tha esan a’ dol gu sloighteil anns an dorcha, agus a’ sgapadh frois luibheanaich air feadh na dalach, ach luibheanach a tha co coltach ris a’ chruithneachd ’us nach ’eil e furasda dealachadh a chur eatorra gus an tig e fo dhéis.—Tha mòran de sheadh na cosamhlachd an earbsa ri ciod am beachd a ghabhas sinn air an fhocal cogal. Is duilich leinn a ràdh nach aithne dhuinn gu ro mhaith ciod an seòrsa luibh a tha air a ciallachadh leis a’ chogal anns a’ Ghaedhealtachd. Gheibh sinn ’an caochladh àitean caochladh bharailean mu ’n chùis. Ach tha fios aguinn gu’m bheil am focal a tha Criosd a’ gnàthachadh ’an so a’ ciallachadh luibh a tha ro chosmhuil ris a’ chruithneachd ach a tha gun mhaith, gun bhrìgh. Is e fiadh-ghart eadar-theangachadh is freagarraiche is aithne dhuinn air an fhocal, agus is e [TD 290] gon-fheur, no cuiseag mhòr de’n t-seòrsa so a tha fàs dosrach gorm cosmhuil ris an fhochunn, agus nach ’eil e furasda dhealachadh uaithe gus an tig e fo dhéis an luibh is coltaiche ’chì sinn anns an dùthaich so gu freagairt do’n fhocal a tha aguinn an so. Na ’m b’ e foghnan, feanndagach, copagach, no luibheanach mar so a bhiodh ’am measg an arbhair bhiodh e furasda an gart-ghlanadh a mach; ach cha n iad. Is i luibh ro chosmhuil ris a’ bhàrr mhaith a tha ann, agus is i sùil ro ghéur agus làmh ro eòlach a dh-fhéumar gu’n dealachadh. Cha ’n ann mu luchd a’ mhì-bhéus ghràineil mu mhortairean, s mu mheirlich a tha’n teagamh, ach umpa-san aig am bheil sgàile na diadhachd, gidheadh a tha as eugais a cumhachd—umpa-san aig am bheil gnàthachadh faicilleach gidheadh aig nach eil gràdh, no creideamh ’n an cridheachan. Is iad so am fiadh-ghart a tha ri fàs maille ris an arbhar gu là an fhogharaidh. Tha seirbhisich an fhir-thighe—tha iad-san a tha eudmhor arson Chriosd a gabhail ionghnaidh ciamar, ’an déigh dhà-san sìol maith a chur a dh-fhàs an cogal a suas; agus tha e iongantach ciamar fo a theagasg naomha-san a tha, agus a bha a liutha mì-naomhachd air a chur air aghaidh. Tha e féin ag innseadh gur e an diabhol a rinn so, agus nach ion e gu ar cur air ar faicill an aghaidh an nàmhuid gu m bheil e mar so ga chur féin an cruth aingil soillse—gu’m bheil e mar so ag aithris air obair Dhé, gu’n toir e cleòca do Iudas a dh-fholuicheas e gu dlùth o chombanaich—do Ananias, Sapphira, Démas agus muinntir eile le’m meall iad na h-Abstoil féin. Tha iad-san a tha eudmhor ag iarraidh gach aon a tha iad a’ meas neo-airidh a ghrad ghearradh as—“A Thighearna an àill leat gu n òrduicheamaid teine ’theachd a nuas o neamh agus an losgadh eadhoin mar a rinn Elias?” Lùcas, ix. 54. “Thigibh faicibh m’ eud-sa arson an Tighearna,” deir Iehu fuileachdach. Cha ’n àill le Criosd a sheirbhisich a dheanamh mar so nan luchd-dioghaltais. Tha iomad aobhar glic, agus gràsmhor aige-san nach aithne dhuinn arson giùlan le neo-iomlanachd ’na Eaglais, agus le aingidheachd s an t-saoghal. Thugamaid an aire gu’m bheil e ag ràdh gu soilleir nach feud a sheirbhisich dol a spìonadh a’ chogail; agus tha e toirt mar aobhar air a so nach b’ urrainn doibh leathachas a dheanamh. Spìonadh iad an cruithneachd maille ris a’ chogal (Rann 29). Oh! is ioma duine diadhaidh a bha, agus a tha air a dhìteadh le daoine aig am bheil “eud gun eòlas;” agus bu truagh da rìreadh cor anama na’m biodh crannchur na dara Eaglais’ air a chur fo bhinn Eaglais’ eile air thalamh. Cha’n ’eil. Tha e na aobhar mulaid gu’m biodh an cogal ’s an aon dail ris an arbhar, ach cha dean a làthaireachd-san grian nan spéur, no drùchd nan nèamh a ghleidheil bho’n arbhar.—Fàsaidh esan cuideachd. Fàsaidh, agus abuichidh arson glòir gach aon aig am bheil sìol neo-thruaillidh an fhocail ’na chridhe, agus a tha ’toirt a mach toradh na naomhachd, fàsaidh co air bith a’ tha an aona bhaile ris, no aig an aona bhòrd cuideachd ris: agus iad-san nach toir a mach an toradh so [TD 291] —ciod air bith coslas gealltanach a tha orra ’nis—ciod air bith co àrd ’s a thogas iad an cinn—’s tha fios agaibh gur àrd, dìreach, seallail a’ chuiseag fhalamh, fhàs, seach an dias torach, tarbhach—bithidh iad air an dealachadh o na fireanaibh aig an là mhòr leis-san a tha uile-léirsinneach, agus air an tilgeil do’n teine shìorruidh. Cuimhnicheamaid matà gu’m buin breitheanas do’n Tighearna ’mhàin. Leanamaide seirc a thaobh nan uile dhaoine. Biomaid gu h-àraidh cùramach mu gach fréumh shearbhadais a spìonadh as ar cridheachan féin, mu bhi ’toirt a mach toradh an spioraid, ni is e “maitheas, ionracas, agus firinn,” (Ephes. v. 9.) gach là ’n ar caithe-beatha féin. An sin dealraidh sinn mar a ghrian ann an rìoghachd ar n-Athar féin. F. B. III. COMHRADH EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONNLADH PIOBAIRE. Caraid Gallda. Buaidh ’us piseach leat Fhionnlaidh. Gu ma fada ’chluicheas tu’ phìob. ’S ioma latha o’n a chuala mi ’m port sin. Mar ’eil mi ’mearachd ’sin a cheart chumha a chluich t-athair ’s tu féin an là ’chuireadh do sheana mhaighstir fo’n fhòid ’an “Cnoc Mhìcheil.” Fionnladh Pìobaire. Tha sibh ceart. ’Bheil cuimhn’ agaibh-se air an latha sin? Nach ann air an dùthaich a thainig an t-atharrachadh bho’n àm sin? C’àit’ an cruinnicheadh sibh-se cuideachd an diugh cosmhuil riù-san a bha air an tòrradh? Shuidh còrr ’us ceithir fichead aig an aon bhòrd do dh’aoine fiachail—sàr uaislean. Thainig a’ h-uile fear dhiubh ’na Bhìrlinn féin le ’ghillean ’s le ’phìobaire. Ach thainig sgrios air tighearnan na Gàedhealtachd—dh-fhalbh iad mar shneachd a’ gheamhraidh a chaidh seachad, agus o’n là ’dh-fhalbh iad-san dh-fhalbh an tuath chothromach, agus a cheatharna fhoghainteach a bha ’s an tìr. Agus ged a bhios cuid de dhaoin’ a’ di-moladh tighearnan mòra, cha ’n fhaic mi féin mòran rath, no sonais o’n a thainig na tighearnan beaga, ’s na daoin’ ùra ’nan àite. Bha fasgadh fodh-pa, ’s bha cinneadas, bàigh, ’us càirdeas, agus cuimhne nan làithean a dh-fhalbh a’ ceangal bochd ’us beairteach r’a chéile; ach thainig froiseadh orra nach ’eil mi féin a’ tuigsinn. Cha ’n ’eil tighean na teaghlaichean aig na h-uaislean a tha ’nar measg a nis, a dh-fhaodar a choimeas ri tighean fialuidh, pailt, nan daoine chaidh rompa. Cha’ n ’eil ach spìocaireachd, agus mìodhaireachd ann an coimeas ris na bha ’n am measg ann am linn-sa; agus a h-uile aon diùbh ’nan cabhaig. ’Saoil sibhse gu dé ’s ciall da so? C. Matà cha’n ’eil fhios ’am féin gu ro mhaith; ach mhothaich mi o’n àm a thòisich iad air dol le’n teaghlaichean do bhailtean mòra ’an Albuinn, ’s an Sasunn, ’s an dùthaich féin fhàgail, ’s an [TD 292] gnothaichean earbsa ri cilleadairean Gallda nach robh mòran pisich ’n am measg. Ach cha’n fhaodar àicheadh gu’m bheil iomad atharrachadh maith, ’s an àm chéudna ’teachd air an dùthaich. Tha tuathanachas agus giullachd fearainn air atharrachadh gu mòr a chum maith. ’Bheil cuimhn’ agad-sa an t-seisreach anns am biodh a chuid is lugha ceithir ghearrain—an ceann-airea ’coiseachd an coimhir a chùil le spéuclair air a shròin—slat co fada ri slat-iasgaich ’na làimh, a’ glaodhaich ’s a’ bagradh ’s a’ sgiùrsadh nan each, ’s duin’ eile aig sàil an treabhaiche a’ leagail an fhòid le chois; ’s na h-iomairean cròm, crotach, a null ’sa nall mar a chithear fathasd air achaidhean a tha air an leigeadh a mach; ach a nis tha na Gaedheil air fàs co teoma ri feadhain eile. F. Teòma! ’S iad a bha teòm ’am linn-sa seach mar a tha iad. Cròm no dìreach mar a bha na h-iomairean bha barrachd ’s an iolainn an sin na tha innte ’nis. Dheanadh iad ’an sin a’ h-uile goireas air an son féin—an crann-treabhaidh, ’sa chliath-chliataidh—gach acfhuinn a dh-fhéumadh iad—an t-sumag ’sa bhràid—an càrn ’s an cliabh-spidrich; ach cha ’n ’eil daoin’ òg ’s an dùthaich a nis a laimhsicheas tuagh no tàl. Dheanadh iad am brògan ’s an osain féin ’s an àm sin. Agus arson na’m mnathan tha’n tubaisd air tighinn orra uile gu léir. Cha ’n fhaicear cuigeal, no fearsaid—cha chluinnear crònan taitneach na cuibhle-bige; no srann na cuibhle-mòire—cha ’n ’eil càrdadh no calanas; ’s tha ’bhuil—cha ’n fhaicear drògaid, no clòdh, no breacan dùthcha air a’ h-aon diubh; agus cha ’n ’eil cailleach ’s an dùthaich a rachadh do’n eaglais leis a chòmhdach chinn thlachdmhor sin ris an abra’maid “am Bréid;” ach a h-uile guanag eutrom leis a chalico luideagach—miotagan Frangach, agus stiallan fada de riobainean n’is rìomhaiche na bha riamh air sionnsair mòr mo phìob’; agus sgàileagan beag eadar iad ’s gathan na gréine ’nuair nach ’eil aon ghath gréine ri ’fhaicinn. Falbh, togamaid dheth. C. Stad tiota beag agus innis domh do bharail mu ’n lagh ùr so ’thugadh a stigh mu na bochdan. Nach mòr am beannachadh so do’n dùthaich seach mar a bha na gnothaichean ri linn do cheud chuimhne-sa? Nach ’eil cuid diubh a nis a’ faghuinn crùn, cuid ochd tasdain ’sa mhìos, an àite math a dh-fhéudta na sgillinn Shasunnaich a b’ àbhaist doibh; agus nach aidich thu gur maith an ni gu’m faodar so a thoirt a mach dhoibh le lagh? F. Matà cha ’n aidich mi. An lagh grannda, spìocach, Gallda, cha’n e lagh a cheanaltais ’s a’ ghràidh e, ach lagh a tha ’deanamh na feadhnach a tha ’pàigheadh gruamch, doicheallach; agus an fheadhain a tha ’ga fhaotainn gearanach, mì-thaingeil. Cha ’n fhaodar a ràdh gur seirc, no carantas idir e, a dh-fhàisgeas mar so o dhaoin’ a dh-aindeoin an sròine: agus cha chòmhdaich duine beò orm-sa gu’m bheil bochdan na dùthcha n’is fearr dheth na bha iad fo’n t-sean dòigh; agus ’s i mo bharail féin gu ’m bheil iad a’ cumail smachd air bochdan nach ’eil ceart, no cneasda. C. Nach neònach a nis Fhionnlaidh gu ’n labhradh duine tuig- [TD 293] seach cosmhail riut-sa mar sin? Ciod a mhì-chneasdachd air am bheil thu ’gearan? F. Am bheil e ceart a nis, ’saoil sibh féin, spalpaire de bhalach làidir ris an abair iad policeman, le ’chasaig ghuirm, le ’putainn gheala, le crios leathair m’a mheadhon, ’s le cuaille mòr bata ’na làimh a bhi mar mhaor ’an déigh nam bochdan ’g an cumail o iarraidh na déirce far an togair iad, air chor ’s nach ’eil comas an rathaid mhòir aca? Agus a nis anns an dùthaich so féin far an robh a h-uile còmhla fosgailte ri m’ linn-sa, agus am faigheadh a h-uile dìobrach bochd de’n t-seòrsa leaba, far an rachadh a’ ghrian fodha air, tha ’chòmhla air a druideadh air a shròin, agus fliuch, fuar g’am bi’n latha cha chluinn e ach, “air falbh ort”—“thoir an t-Inspector ort.” C. Agus nach ’eil sin ceart ma tha ’n t-Inspector a’ toirt dhoibh na dh-fhòghnas? Tha mi rìs ag ràdh riut gu’m bheil iad a’ faghuinn barrachd na fhuair iad riamh. F. Tha mise ag ràdh ruibh-se nach ’eil. Cha’n ’eil mi ’g ràdh gu’m faigheadh iad mòran airgid roimhe; ach gu dé dheth sin? bha iad a’ faighinn nith nach ceannaicheadh airgiod, bàigh, blàthas, ’us càirdeas, agus beagan de na h-uile ni bhiodh feumail dhoibh—min, feòil, clòidh, eudach agus ioma treallach eile nach urrainn domh ainmeachadh, gun tighinn air buntàta barrachd ’sa b’ urrainn doibh a ghiùlan deth. Nach ’eil cuimhn’ agaibh féin air Cailleach-nam-mogan? ’S ann oirre féin a bhiodh an dronnag chòir. Chruinnicheadh i le siubhal na dùthcha ’thrì uiread ’s is urrainn doibh a cheannach leis an airgiod a tha iad a’ faotuinn. C. Faic thus’ a nis tha tighean air am faotuinn do na bochdan so, agus am màl air a phàigheadh air an son. F. Air ur n-athais a nis. Co as a tha ’màl sin a’ tiginn ach as an allowance a tha iad a’ toirt dòibh agus as am bheil iad co bòsdail. Cha robh duin’-uasal no tuathanach maith ’s an dùthaich ri m linn-sa aig nach robh banntrach, na dùile bhochd a thaobh eigin a’ faotuinn fasgaidh fuidhe. Bha bothain aca gun mhàl—bha iad air an tugha’ dhòibh gu seasgair—bha chruach bheag mhònadh ’ceann an tighe—an gead beag buntàta—an coileach ’s an dà chirc—cead na coille arson connaidh, agus cead a mhonaidh arson rainnich. Cuireadh sibh-se màl mu choinneamh gach nì dhiubh sin, agus innsibh an sin domh co dhuibh ’s e lagh ùr na h-éigin na seann lagh a ghràidh is fearr. C. Stad thus’ Fhionnlaidh, cha’n ’eil an gnothach so ach ’na thoiseach fhathast. Tha ’mhiann orra tighean mòra ’thògail anns gach sgìreachd arson nam bochd anns am faigh a h-uile aon a tha aonarach, lag, bochd, còmhnuidh—anns an cruinnichear a h-uile aon air am bheil dìth, agus anns am faigh iad fasgadh agus dìon. Seòmar seasgair, leaba mhaith, agus a h-uile riaghailt eile ’tha feumail arson an comhfhurtachd. ’Nuair a thachras so tha mi ’deanamr dheth nach bi thu féin a talach. F. Chi sin mu’n tuirt an dall. Ach innsibh so dhomh. Am [TD 294] bi iad air an cumail a stigh o cheann gu ceann na bliadhna ’s an aitreabh mhòir so ris an abair sibh Tigh-nam-bochd—gun chomas aca dòl a mach, no aig an càirdean tighin a stigh ach mar a cheadaicheas am Policeman dòibh? C. Tha mi ’creidsin gur h-ann mar sin a bhitheas; agus bithidh obair de na h-uile seòrsa a réir ’s mar a tha comas aca ’deanamh air a toirt dòibh. F. Cha’n ’eil teagamh nach bi; ciod an seòrs’ oibre a chuireas sibh mu’n coinneamh? C. Tha ’h-uile seòrs’ oibre is urrainn dòibh a réir an aòis, ’s an comais a dheanamh. Bidh cìreadh clòidhe, càrdadh, snìomh, deanamh stocainean, ’us mhiotagan aig na mnathan; agus bidh an obair féin aig na fir: agus cha’n fhaic mise c’arson nach biodh iad uile riaraichte, agus toilichte. F. Toilichte ann am prìosan! matà tha mis’ ag ràdh ruibh gu ’n sgàineadh e cridheachan mhnathan bochda ar dùthcha an cur fo ghlais ’s fo iuchair mar sin: agus cha’n urrainn domh féin a thuigsinn cia mar a smaointich iad riamh air an olc ’s air a mhaith a ghlasadh a stigh ’s an aon àite—am boirionnach ceanalta, ciallach, diadhaidh a thoilich an Tighearn’ a leigeil gu bochduinn—le gràisg na dùthcha a’ thug a bhochdainn orra féin le misg, ’us béisdealachd. C. Ach nach aidich thu gu’m b’ olc an nì leigeil le gach neo-dhuine bochd ris an abair sinn amadain, agus feadhain air bheag céille dlùth air a bhi as am beachd, a bhi ’siubhal na dùthcha? Nach fearr gu mòr an cur a stigh d’a leithid so de thighean far an gabhar cùram dhiubh? F. Còmhla ris gach atharrachadh a thainig air an dùthaich, chaidh as do na daoine bochda sin coltach ris na tighearnan mòra, cha mhòr gu’m bheil a nis amadan a’ falbh ris an fhiach do dhuine seanachas a chumail. Na daoine bochda—co nach tugadh aoidheachd dhoibh? Co nach roinneadh an greim mu dheireadh de’n aran riu? B’ aithne dhomh cuid diubh so leis am b’ fhearr leam suidhe cùl gaoithe ’s air aodan greine, no leis an sgoileir is àirde ’s an dùthaich. Is minic a shil mi mo dheòir ag éisdeachd ri Iain amadan gaolach ag aithris Laoidh Mhic Ealair, ’s ag innseadh a sgéula neo-lochdach féin—an glagaire bochd. Agus b’ fhearr leam gu mòr an duine bochd sin air an robh sibh-se eolach, Ailean-nan-con ’leam a dol ro ’n mhonadh, ’s a bhi ’ga éisdeachd a seanachas r’a abhagan beaga, no cuid de na daoine mòr-chuiseach, tròm-cheannach a dheanamh tàir air. Nach bu bhrònach leibh féin a nis nam faiceadh sibh am policeman a sparradh nan daoine bochda sin do’n phrìosan air an robh sibh a labhairt. Togamaid dheth—tha Ghàedhealtachd dìreach mar a tha i, ’s cha tig an t-aon latha bhios i mar a bha i. Ach gheall sibh an là mu dheireadh a dhealaich sinn ’s an àite so, barrachd de naigheachd an t-saoghail a thoirt domh. Am bheil gach cùis socraichte a nis an Eirinn? Am bheil na h-Eirionnaich sàmhach? C. Tha iad dìreach sàmhach mar a tha ’n luch fo spòig a’ chait. [TD 295] Tha leth-cheud mile de’n arm-dhearg thall, ’s cha ’n ’eil a chridh’ aca ’n cinn a thogail. Ghlacadh an fheadhain a bha thairis orra; ach tha eagal orm gu’m bheil mòran de mhuinntir na h-Eirionn co togarrach gu aimhreit a thogail ’s a bha iad riamh. Thainig anabar dhiubh nall am bliadhna do dh-Albuinn ’s do Shasunn arson buanadh ’us cosnaidh. Mìle, agus air uairean dà mhìle dhiubh ’san aon luing! F. Sin agaibh far am b’ fheairde sinn lagh ùr a chum na béisdean sin a chumail nan dùthaich féin. Nach ’eil a’ h-uile cearna de ’n rìoghachd a ruith thairis leò? A h-uile mortair, mèirleach, ’us ceannairciche dhiùbh a theicheas á Eirinn, a’ ruith a nall a’ thoirt cosnaidh o dhaoine bochda ’n àite. Tha mise ’g ràdh ruibh mar amhairc iad an déigh nan Eirionnach gu’m bi ’bhuil. C. Cha ’n ’eil an sin ach amaideachd. Nach buin iad do’n aon rìoghachd, nach ’eil iad fo’ na h-aon laghanan ruinn féin? Ciamar a chordadh e riut nan cuireadh iad-san sa Gàedheal a mach á Eirinn. F. Gabhaibh mo leth-sgeul: sin agaibh-se ’n amaideachd. Cha’n ’eil na Gàedheal a’ togairt dol do dh-Eirinn; agus nan rachadh iad ann, spadadh na trusdair iad air an rathad mhòr. Tha mise ’g innseadh dhuibh gu’m bheil iad so a’ toirt cleachdainean ùra, agus barailean ùra ’measg dhaoine ’tha oillteil ri ’n éisdeachd. .C Cha ’n ’eil a h-aon ’s an àite so co dhiubh. F. Tha ’s gu leòir dhiubh. Cha’n ’eil duin’ air an rathad mhòr ùr ach Eirionnaich: agus gu dearbh ged nach biodh ann ach an aon duine, Paddy Bowls e féin, tha n’is leòir ann gu mòran croin a dheanamh a’m measg dhaoine bochda. Fìor réubal dubh; am bheil focal as a cheann ann an cuideachd air bith, ach Revolution, Revolution: agus a nis m’an dealaich sinn leigibh dhomh ceisd no dhà chur mu’n ghnothach sin. Tha mise tairisneach do ’n Bhan-righinn mhòir mar a bha na daoine bho’n tainig mi, agus bu mhaith leam a ghlas-ghuib a chur air an trusdar an ath-uair a thachras sinn. Ciod matà da rìreadh is ciall de Revolution? C. Tha ni de’n d’ fhuair na Frangaich blasad beag agus a tha nis a dhi air na h-Eirionnaich. Riaghailtean, laghanan, ’s gnàthanan na rìoghachd uile ’thilgeil bun os cionn—léir-sgrios ’us atharrachadh a thoirt air gach nì a tà. F. Agus ciod a tha duil ac’ fhaotainn leis a sin an àite na’ nithean a tà? C. Tha dùil aca ri nithibh nach bi ’s nach urrainn a bhi. F. Ro mhaith; ach ciod an seòrsa dhaoine ’s freagarraiche chum so uile ’thoirt mu’n cuairt? C. Tha sgaomairean aig nach ’eil a bheag ri’ chall—daoine diomhain, leisg, carach, seòlta, a dh-fheudas éiridh ’s an aimhreit, ach nach urrainnn tuiteam n’is isle na tha iad—feadhain air nach ’eil eagal Dé ’s aig nach ’eil suim do dhaoine—gun sgàth ro’ nì air bith ach an t-arm dearg agus a’ chroich—làn de ainneart, ’s de fhoill—nach dùraichdeadh riamh saoithreachadh le fallas an [TD 296] gruaidhe—gun sgillinn ruadh ’n am pòca—gun a’ bheag de ’n t-saoghal a bhuineas doibh féin ach teanga shleamhain, lùbach, bhréugach; agus casan eutrom gu teicheadh bho na saighdeirean? F. Ro mhaith. Tha mi ’gur làn thuigsin agus ’gur làn chreidsin. Ach co a bhuannaichdeas an lorg na h-ubraid, ma thachras gu’m bi buannachd ann? C. Tha gràisg na tìre—leisgeirean lunndach—meirlich bhradach, agus slaodairean dubha nam bailtean mòra. F. Agus co ’nis a chailleas air an ùbraid? C. A h-uile aon aig am bheil a bheag ri ’chall. F. ’Saoil mi féin ciod is ciall de “ghlòir an Revolution” air am bheil Paddy Bowls so ’tighinn thairis co tric? C. Tha ùbraid agus aimlisg—losgadh ’us milleadh—dì-lagh, dì-uachdranachd, dì-cosnaidh, agus dì-creideis. Làmh gach aon an aghaidh an fhir eile—“h-uile aon a’ toirt sgarbh á creagan dà féin”—a h-uile aon aig am bheil beartas ’na chlosaich fo na béisdean so a tha mar eòin lonach ’g an riasladh mar a thogras iad: mar a thuirt esan a bha ’spùinneadh an t-Sasunnaich air blàr “Shliabh-a-chlamhain,” ’nuair a thainig fear eile ’nall gu bhi ’n combanas ris, “Bi falbh (ars’ esan), thoirt ort, agus marbh duin’ uasal dhuit féin.” F- An i so glòir an Revolution air an d’ fhuair na Frangaich blasad, ’s a tha na h-Eirionnaich a nis ag iarraidh! Tha mi ga thuigsin ’s ga làn chreidsin. Agus ciod a tha sluagh na dùthcha ’buannachadh le atharrachadh mòr de’n t-seòrsa so? C. Tha iad a’ tighin fo mhaighstirean ùra, agus fo chuing ùr a tha deich uairean n’is tinne, agus n’is cruaidhe no na thilg iad diubh. F. Agus ciod a tha ’g éiridh dhoibh-san a thug so mu’n cuairt? C. Tha mòran diubh air an cur a dhì leis an arm dhearg—mòran air an crochadh—cuid air am mort leis na combanaich a bhrath iad—mòran diubh air am fògradh thar chuantan do ’n tràillealachd is eagalaiche; agus na gheibh as le’m beatha ’n am baigeirean bochd, a mallachadh na muinntir a mheall iad, leis an do chaill iad am bothain anns an d’ fhuair iad fasgadh, agus am fearann air an do thog iad suas am muirichin. F. Ro mhaith—Revolution! Agus ciod i ceann criche na cùise uile? C. Tha eachdraidh an t-saoghail ag innse dhuinn, an deigh gach call ’us aimlisg, us truaighe a thachair, gu’m bheil daoine ’dùsgadh a chum an amaideachd fhaicinn. Tha na seann laghanan ’s na seann chleachdainean, ’s na seann riaghailtean air an daingneachadh n’is diongmhalta na bha iad riamh. Tha gach seanna ghàradh crìche air a’ chur suas, ’s gach bealach air a’ chàramh. Tha’n t-arm dearg air a’ dhublachadh—tha cìs ùr air a togail chum cosdas na h-aimhreit a dhìol—tha malairt agus cinneas na rioghachd air an cur air an ais, theagamh leth-cheud bliadhna; agus cha’n fhaic an t-àl a ta ’lathair a h-uile cùis air socrachadh mar air tùs. Sin agad smior na firinn. ’Sin na nithe air an d’ fhuair muinntir na Frainge blasad, agus sin na tha dhì air na h-Eirionnaich. [TD 297] F. Gu dìreach glan. Aon cheist eile m’an dealaich sinn. Ciod a chulaidh dhìon is fearr an aghaidh a leithid so? C. Tha eagal Dhé; oir mar a tha’n t-Abstol Peadar ag ràdh, “Thugaibh urram do na h-uile dhaoine, gràdhaichibh na bràithrean, biodh eagal Dé oirbh, thugaibh urram do’n Rìgh.” A bhi tairisneach dìleas do ar Ban-righinn agus do laghanan ar dùthcha, bhi dìleas do ar geallaidhean, deanadach, saoithreachail, onarach ’n ar gnothaichean saoghalta, ’s a chuimhneachadh do ghnàth gur e ceann crìche mhic an duine Dia ghlòrachadh ’sa mhealtuinn gu sìorruidh. F. Matà mo bheannachd oirbh. Nach ’eil a’ Bhan-righinn an tràs ’nar dùthaich—cha b’ urrainn i dol do dh-Eirinn, agus tha làn fhios aice nach ’eil àite ’nar rìoghachd uile anns an coinnich i ri uiread de dh-urram, ’s de dhìlseachd ’s a choinnich i ann an tìr nam beann. Cha’n ’eil feum aice air saighdeirean dearga ’n sin; oir cha’n ’eil Gàedheal nach dòirteadh fuil a chridhe air a son nam biodh feum air. Ciod e so ’n teaghlach a th’ aice ’nis? C. Tha duil ’am féin gu’m bheil seisear aice. F. Mo ghalad! nach saoil mi gur ann an dé ’rugadh i. Buaidh ’us piseach leatha matà, oir comhla ris gach béus maith eile tha iad ag ràdh gu’m bheil gaol mor aic’ air a phìob. C. ’S ann aice tha! cha’n iarr i ceòl air bith a roghainn air nuallan na Pìob-mhòir. F. Bha latha féin aig a’ phìob, agus is iadsan a mhàin a bha eòlach air a nuallaich cheòlmhor ann an làthaibh an òige ’s urrainn a thuigsin an cumhachd mòr a tha aice thairis air an inntinn. Chleachdadh ceòl na pìob ann an talla an aoibhneis ann an àm an aidheir; ’s chualas a cumha tiamhaidh ann an tighibh a’ chianalais air oi’che ’bhròin. Bheothaich i laoich ghaisgeil na h-Alba gus an cath a chur le buaidh air latha ’bhlàir; agus dh’fhàiltich i iad air an ais gu beanntan an dùthcha, ’s do ghlinn an gaoil! ’S e ceòl na pìob’ a chualas leò gu togarrach ann an òg mhaduinn an làithean; agus so an ceòl mu dheireadh a dhì-chuimhnichear ann an alaban na h-aoise. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh gur h-e so an ceòl is millse r’a éisdeachd ann an seòmar: cha’n ann arson an t-seòmair a rinneadh an innleachd chiul so; ach ann an dùthaich aineol, fada o thìr ar n-eòlais, c’àit’ am bheil an ceòl a dh-fhaodar a choimeas ris? C’áit’ am bheil an fhuaim cheòlmhor a dh-iadhas mu chridhe nan Gaedheal mar a ni pìob nam feadan mòra? Tha i ’dùsgadh cuimhne nan làithean a dh-fhalbh—a’ càramh dachaidh ar n-òige, tigh ar n-athar, cruth nan co-aoisean gaolach a dh-fhalbh mu choinneamh ar sùl. ’S coma c’àit’ an tachair do na Gàedheil a bhith, co dhiubh ’s ann air machraichean loisgeach nan Innsean, feadh choiltibh fàs America, no air uchd a chuain mhòir, bheir sgal dhruighteach na pìoba ’nan cuimhne tìr nam beann ’s nam breacan—coiltean agus aimhnichean is creagan àrda an dùthcha féin—na càirdean a tha ’smaoineachadh orra, na h-òighean àillidh a tha ga’n caoidh—’s a mhàthair chràbhach a tha ’guidhe air an son. Cha [TD 298] ruig mi leas a ràdh co liutha latha ainmeil, agus blàr nach teid air dì-chuimhn’ anns an cualas a ceòl uaibhreach a brosnachadh nan Gaedheal gu gniomharan tréun, ’s gu buaidh. Am bheil blàr a bha riamh cliùiteach do Bhreatunn anns nach cualas a tartarachd àrd. Seadh, ’nuair a bha gach inneal-ciùil eile air an cur gu tosd ’s an àr, chunnacas am pìobaire ’na éideadh dùchasach ann am brollach nan gaisgeach gus an do chailleadh a’ cheòl ann an caithream àrd na buaidh; agus is minic an déigh dha bhi air a leònadh gu tròm, a shuidh e air a lic fhad ’s a bha chridhe ’bualadh a’ cur le cheòl misneach ann an uchd na feadhnach a bha fathasd air mhaireann, agus a’ seinn cumha a bhàis féin an uair a thuit e! Tha dòchas agam gu’n tig sibh sgrìob eil’ an rathad so m’am fàg sibh an dùthaich. Slàn leibh fhir mo chridhe. “An là chi ’s nach fhaic.” T. IV. FATH IOGHNAIDH A’ CHOIGRICH AIR THALAMH.—SEANN SGEULACHD. ANNS na linntean a dh’ fhalbh, ’n uair a bha sgéulachdan a’ faotuinn tuille creideis na tha iad a nis, bha e air aithris gu ’m facas coigreach àraidh a’ sràid-imeachd troimh aon de bhailtean mòra na h-Aird-an-ear, agus e ’beachdachadh le àrd ionghnadh air gach uile ni mu’n cuairt da. Air do shluagh cruinneachadh m’a thimchioll dh’fheòraich iad dheth mu dhéighinn a dhùthcha, agus mu fhàth a thuruis. Ach ghrad thuig iad gu’n robh e aineolach air an cainnt, agus chunnaic esan gu’n robh e féin aineolach air an cainnt ’s air an cleachduidhean-san. Ach chunnaic iad gu soilleir bho ’choslas ’s bho ghiùlan a bha flathail, uasal, an àite gu ’m bu duine cuthaich no almhara e, mar a bha feadhain ’an toiseach ag ràdh, gu’m bu duine àrd-inbheach, urramach e. ’Nuair a thuig esan fa dheireadh leis an smèideadh, ’s na comharan a bha iad a’ deanamh gu’n robh iad a’ feòraich cia as a thainig e, sheall e le mòr dhùrachd a suas ris na spéuran. Air do ’n t-sluagh so a thoirt fainear, ghabh iad ’n am beachd gu’m b’ aon de na dée aca ’bh’ ann, agus chrom iad sìos gu aoradh a thoirt dhà. Cha luaithe ’chunnaic e so na ’sheall e le mòr uamhann air an oidheirp, agus thilg se e féin air a ghluinean ’us thog e ’làmhan ri nèamh a leigeil ris gu soilleir gu’n robh esan e féin a’ deanamh aoraidh do na h-Ard-chumhachdan. Bha aon ’us aon de na bha làthair a nochd mòr chaoimhneas dha a nis, agus a dh’ iarr a tharruinng chum an tighean gu aoidheachd a thoirt do neach co sònruichte. Chaidh e le fear de dh’ uaislean an àite, agus ’na chuideachd-san thainig e air aghaidh ann an ionnsachadh cànainn na dùthcha co ealamh ’us an uine fìor ghoirid gu’n rachadh aig air còmhradh réidh ghleidheil ris gach aon a thachair ’na chuideachd. [TD 299] Bha mòr dhéigh aig fear an tighe air cunntas cinnteach fhaghuinn mu ’dhùthaich, ’s mu inbh a’ choigrich ro iongantaich, agus fa dheireadh shocraich iad air feasgar àraidh ’s an robh an dìomhaireachd so r’a leigeil ris. ’Nuair a thainig am feasgar dhìrich iad a suas gu aon de àrd shràidean a bhaile fharsuing, shaibhir agus mhòr-shluaghaich so. Agus b’ àillidh an sealladh a bha f’ an comhair. Bha na mìltean lòchran a’ dealradh ’am measg nan sràidean greadhnach sin. Bha na céudan lùchairt rìomhach, agus mhaiseach o’n uinneagan àrda ’taomadh soillse air an amhainn mhòir a bha ’siubhal gu ciùin, sàmhach troimh an bhaile, agus a’ giùlan air a h-uchd nan luingeis mhòra luchdaichte le bathar luachmhor—le rìomhadh ’s le àilleachd as gach cearna de’n t-saoghal. Bha téis na clàrsaich, agus binn fhuaim na cruit-chùil ri’n cluinntinn air gach làimh. Bha caithream ait an fhir nuadh-phosda, agus guth binn, tlàth na mnà nuadh-phòsda r’an cluinntinn mar an céudna. Bha ceòl, ’us aighear, ’us aoibhneas, ga ’n cuartachadh air gach taobh. Sheall an coigreach car tamuill air na bha f’a chomhair, agus dh’ éisd e ri torman, ri fuaim ’s ri farum a’ bhaile-mhòir. Ach gu h-obann thog e ’aghaidh ris na spéuran rionnagach, agus shocraich e ’shùil gu ro dhlùth air réull àillidh an fheasgair. “Na gabh ionghnadh,” thuirt e ris an duin’ uasal “mise bhi ’dearcadh le urrad dheòthais air an réull ghloin, dhealraich ud. B’ i sud mo dhùthaich ’us mo dhachaidh. Oh! b’ i. Bho cheann beag ùine bha mo chòmhnaidh anns an rionnaig àillidh ud gus an do tharruing an t-annas, ’s an neònachas mi gu tighin an so air astar ’s air allaban. Is tric a sheall mi le mòr ionghnadh air an t-saoghal so a bha ri ’fhaicinn mar nèamhnaid ro dhearsaich ’n ar n-iarmailt-ne, agus bha miann ro làidir agam air fiosrachadh fhaghuinn mu thimchioll. Fhuair mi mo mhiann. Thug an t-Ard-chumhachd làn chead, agus comas dhomh imeachd troimh fharsuingeaehd an athair thun an ionaid chéin so; ach bha aon chùmhnant ceangailte ris a’ chead so—gu’m féumainn dachaidh o sin suas a dheanamh de’n ionad so, agus cur a suas le cor a luchd-àitich’, socair, no docair ga’m bitheadh e. Dh’ aontaich mi leis a chùmhnant so. Tha mi a nis fo’n aona chor ri clanna nan daoine, agus soilleirich dhomh nas mine na rinn thu fathasd, tha mi ’guidhe ort, seadh ’us brìgh gach ni tha mi ’faicinn ’s a cluinntinn mu’n cuairt domh.” “Gu deimhin a Shàir,” fhreagair an duin’-uasal “ged tha mi aineolach air nòs, ’s air sochairean na dùthch’ a dh’ fhàg thu, tha mi ro thoilichte gu’n d’ rinn thu roghainn co tuigseach ’s a rinn thu, ’s tha mòr aobhar gàirdeachais agad arson gu’n robh thu co sealbhach agus tachairt air cearnaidh de’n t-soghal ’s am bheil urrad shubhachais, ’us shonais ri’m mealtuinn ’s a tha ri’m faotuinn ’s a’ bhaile shaibhir, shòghmhor, ghreadhnach so. Agus bi cinnteach gu’n toir e fior tholintinn dhòmh-sa do sheòladh gus gach ni taitneach, agus luachmhor a tha ’n taobh a stigh de ’bhallachan.” ’An cois na tairgse shuairce so bha’n Coigreach air a thoirt gus gach fleagh, ’us cuirm—a choimhead gach cluich’ ’us coinnimh [TD 300] àbhaich—air a dheanamh eòlach air gach aoibhneas, gach rìomhadh ’s gach àilghios o’n robh muinntir an àite ’g iarraidh an àrd-shonais; agus bha e ann an tomhas mòr air e féin a dheanamh ri an cleachdaidhean, ’s ri ’n dòighean ’n uair a thachair ni àraidh a thug atharrachadh buileach air ’intinn, ’s air a bheachdan. Air dha bhi ’coiseachd ’am fionn-fhuaireachd an là mu oir-iomall a’ bhaile thug e fainear àite farsuing air a chuartachadh le balla àrd, dorcha. Dh-fheòraich e c’arson a bha ’n t-àite so air a dhruideadh a suas? “’S e sin (fhreagair an duin’-uasal) an t-àit-adhlacaidh.” Cha ’n ’eil mi ga d’ thuigsinn gu ro mhaith (ars’ an coigreach), ciod an t-àite?” “Tha àite-tiodhlacaidh, no tòrraidh nam marbh—an clagh—ionad tasgaidh nan corp,” thuirt an duin’-uasal. “Gabh mo leth-sgeul (ars a chombanach, ’s e fo bheagan imcheist); feumaidh tu bhi co maith ’s a’ chùis a dheanamh nas soilleire dhomh fathasd. Cha ’n ’eil fhios agam-sa cò iad na mairbh, no ciod e tìodhlacadh.” Mhìnich am fear eile a’ chùis dha mar a b’ fhearr a dh-fhaod e. Fhreagair an coigreach, ’s e muthadh neòil le uamhunn—“Tha ’n so ni nach robh fios, no smuain agam a bhi ’s an t-saoghal, agus ma tha mi ’tuigsin a’ bheag no mhòr idir mu’n ghnothach eagalach agus iongantach—is cùis e nas cudthromaiche mìl’ uair na aon ni eile air an d’ rinn thu fathasd iomradh. Innis dhomh matà gun dàil, guidheam ort gach ni ’s aithne dhuit mu’n ni bhrònach, agus uamhasach so am bàs.” “Gu cinnteach tha thu d’ choigreach da rìreadh (ars an duin’-uasal) ’n uair nach ’eil fios agad gu’m féum sinn uile, luath, no mall, strìochdadh do’n bhàs. Agus ged am bheil e ’cur urrad uamhainn oirne ’s a tha e ort-sa, ’s e ’m bàs gun teagamh, crois is mò ’n ar slighe, agus an ni is seirbhe ’s is muladaiche ’n ar crannchur; uime sin is ni e nach ’eil ach ro ainmic air iomradh ann an cuideachd uasail, no mhodhail air bith. ’S ann mar so a thachair e nach cual thu fathasd uime ’n ar measg. Ach mar ’eil muinntir do dhùthcha-sa buailteach do’n bhàs chomhairlichinn duit tilleadh rithe co luath ’s a tha ’d chomas—oir bi cinnteach nach ’eil dol as dhuit ’an so: agus a dh-innseadh na firinn’ cha’ n urrainn dhomh-sa, no do dhuin’ eil dol ’an urras gu’n tearuinn thu car latha, no uaire.” “Mo thruaighe! s mo chreach léir! (thuirt an coigreach) féumaidh mi strìochdadh do’n bhinn eagalaich; oir chuir mi mi féin fo’n aon chor ri clanna nan daoine ’s gun fhios agam ciod a bha mi ’gabhail orm fèin, Tha mi naisgte, ceangailte. Cha ’n urrainn mi dol air m’ ais; ach Oh! soilleirich dhomh nas mine mu n chaochladh uamhasach so, agus innis dhomh, guidheam ort, gach uile ni a tha ’tighin ’na lorg.” Thuirt e so le guth air chrith—nèul na crèadha tighin air a ghnùis, agus fallas fuar ’na bhoinneachan mòr air clar-eudainn. Air d’a chompanach fhaireachduinn gu’n robh an còmhradh a’ fàs mòran na bu tùirsiche, ’s na b’ eagalaiche na bha idir taitneach leis, thuirt e gu m féumadh am fear eile dol thun nan Sagartan ar- [TD 301] son an eòlais a bha ga dhìth—nach buineadh mìneachadh na cùise d’a dhreuchd-san ann. “Cionnas! Ciod! (thuirt an Coigreach) cha ’n urrainn gu’n do thuig mi gu ceart thu. Am bheil ri bàsachadh ach na Sagartan? Nach ’eil thusa ri bàsachadh mar an céudna?” Sheachainn am fear eile freagairt do na ceisdean so; agus co luath ’sa b’ urrainn e threòraich se e gu aon de na Teampuill sgiamhach a bha ’s a’ bhaile, agus dh-fhàg e ’an sin e fo theagasg nan Sagartan. Chual e uatha-san mu neo-bhàsmhorachd an anama, agus gu’m biodh gach aon ann an sonas àghmhor, àrd, no ann an truaighe, ’s am pian-dhòruinn ré uile linntean na sìorruidheachd—gu cian nan cian. Rinn so gach aigne ’na chridhe ioma-ghluasad bho ’n ghrunnd, agus bha e fo imcheist thruagh. Ach thionndaidh a theinn-chràdh gu àrd-aoibhneas co luath ’s a chual e gu ’m feudtadh còir fhaghuinn air an t-sonas shuthainn, shìor le coilionadh chùmhnantan àraidh roimh àm a’ bhàis. Nochd e a’ leithid de dhian dhéigh air mion-eòlas fhaghuinn air gach focal ’us lide de na cùmhnantan so ’s gu’n do chuir e ionghnadh, ’us f’a dheireadh diomb air a luchd-teagaisg; oir cha robh iad arson a bhi air an ceasnachadh co dlùth, ’s co teann. Dh-iarr iad air a bhi toilichte leis na chual e aig an àm, agus e ’chur dàil ’an tuille còmhraidh gus an là maireach. “Ciamar a ni mi sin? (ghlaodh an t-ùr-chreidmheach) nach ’eil sibh ag innseadh dhomh gu’m féud am bàs tighinn roimh an là màireach—gu’m féud e tighin air an uair so féin—Oh! ma thig e mu’n urrainn mi cùmhnantan na beatha shìorruidh a choi-lionadh ciod a ni mi? Na cumaibh uam an t-eòlas ro phrìseil car aon mhionaid.” Chaidh na Sagartan air an aghaidh a mhìneachndh am poncan-creidimh dha, agus b’ ann thar tomhais a bha ’aoibhneas ’nuair a chual e gu’n robh na cùmhnantan a bha ga’n iarraidh air, ’am bitheantas, furasda agus taitneach; agus nam biodh e dìleas gu n tugadh am bàs dha làn fhuasgladh bho gach cunnart, gach déuchainn, ’s gach truaighe. Bho’n àm sin a mach thug an Coigreach air thalamh e féin a suas le ’uile chridhe ’s le uile neart do choilionadh nan cùmhnantan ri ’n robh a chor sìorruidh ’an earbsa. Ma bha e uair air bith air a bhuaireadh gu aon diubh a dhì-chuimhneachadh bha e gu grad air a lionadh le mòr àmhghar, ’us aithreachas arson a bhi co cuthaich; agus an uair a bha càch ga tharruing gu amaideachd, no gu dearmad air a dhleasnnas, cha robh ach an aon fhreagairt aige dhoibh a ghnàth—“Tha mi ri bàsachadh! Tha mi ri bàsachadh!” D. M‘F. CORRAN, AIRDGHOBHAR. [’Am fad so an sgéulachd brìghmhor. A luchd-léughaidh féuchaibh an toir sibh brìgh as, agus an dean sibh buil dheth. Is aithne dhuibh-se uile “gu ’m bheil e air òrduchadh do dhaoine am bàs [TD 302] fhaotainn aon uair”—cha ’n ’eil ach an aon uair—cha ’n urrainn thu tighin air t-ais gus a’ chùis ath-dheanamh, no leasachadh: agus is aithne dhuibh ni is eagalaiche, “’an déigh a bhàis gu’n tig breitheanas.” Eabh. ix. 27. Is aithne dhuibh gur e “tuarasdal a pheacaidh am bàs, ach gur e saor thiodhlac Dhé a’ bheatha mhaireannach trid Iosa Criosd ar Tighearna.” Rom. vi. 23. Is aithne dhuibh nach ’eil ni fo’n ghréin gu léir co neo-chinnteach ri’r beatha bhos. “Oh! gu’n robh sibh glic, gu’n tuigeadh sibh so, gun tugadh sibh fa’near ur crìoch dheireannach!” Deut. xxxii. 29. Deanaibh greim air a’ bheatha mhaireannaich. Teichibh o’n dara bàs. “’Se nis an t-àm bhi réidh ri Dia ’Se nis an t àm thoirt géill do’n Triath; Am feadh a mhaireas lá nan gràs: Feudaidh gach neach dol as o’n bhàs. ’S i so an uair a sheachna’ truaigh’, ’S a thabhairt nèimh a mach le buaidh; So cothrom àigh, ta dian dhol seach, Deanar deagh bhuil dheth leis gach neach.” F. B.] V. AM BIOBULL. IS e am Biobull Leàbhar is naomha, is sine, agus is luachmhoire ’s an t-saoghal uile. Is Leabhar miorbhuileach, agus beannuichte e, aig am bheil Dia féin ’na ùghdar. Is Leabhar e ’ta ’foillseachadh toil an Tighearna Iehobhah, agus a ta ’leigeadh firinnean ris duinn a ta glòrmhor ’nan nàdur agus ’nan crioch. Is Leabhar e ’ta gu h-iomlan airidh air Dia, agus gu neo-chriochnach luachmhor do’n duine. Is Leabhar e ’ta toirt beatha agus neo-bhàsmhorachd gu solus. Is e, uime, sin gliocas nan uile an Leabhar so a’ ranni schadh—an teagasg aig’ a chnùasachadh, agus na firinnean aig’ a-thasgadh suas gu cùramach ’nan cridhe. Is Leabhar e a ta gu h-iomlan freagarrach chum an stiùireadh anns gach dèuchainn agus gach trioblaid, agus chum an toirt ann an tearuinteachd a dh-ionnsuidh saoghal n’is fearr. Creideadh na h-uile e—gràdhaicheadh na h-uile e—rannsaicheadh na h-uile e, agus nithear na h-uile a ni so, sona gu siorruidh! Is solus ’nan anam e—is ceud aobhar gach aoibhneis e—is stéidh chinnteach gach dochais e—agus is tobar fìor-glan agus glormhor e, as am bheil uisgeacha’ na beatha maireannaich a’ sruthadh! Uime sin, gabhadh na h-uìle comhairle Chriosd, a deir, “Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir is iad sin a ta toirt fianuis mu m’ thimchioll-sa.” Bha diadhair urramach ann roimhe so, a thug cunntas goirid, agus eagnaidh dhuinn air a’ Bhiobull; agus tha sinn ’sa bharail nach comasach dhuinn oisinn beag de’n “Fhear-tathaich,” a lìonadh le ni sam bith eile n’is freagarraiche, na na tha air chuimhne aguinn [TD 303] de’n chunntas sin eadar-theangachadh, agus a chur sios mar a leanas.— “Féumaidh gu cinnteach,” deir an diadhair so, “an cinneach sin a bhi beannuichte a ta air a riaghladh a mhàin le laghannaibh an Leabhair bheannuichte so. Tha e co iomlan ann féin ’s nach comasach do ni air bith a bhi air a chur ris, no bhi air a thoirt uaithe. Tha e a’ filleadh a stigh ann féin gach ni a ta féumail gu bhi air fhiosrachadh, no gu bhi air a dheanamh. Tha e ’toirt eiseimpleir do gach righ, agus riaghailt-sdiùiridh do gach ìochdran. Tha e ’toirt teagaisg agus seòlaidh do gach àrd-chomhairle, agus àithne agus ùghdarras do gach uachdaran. Tha e ’toirt rabhaidh do fhianuis, ag iarraidh breith chothramach o’n luchd-déuchainn, agus a’ nochdadh na binne do’n bhreitheamh. Tha e sònrachadh an fhir gu bhi ’na uachdaran air an teaghlach; agus na mnà gu bhi ’riaghladh a’ bhuird—ag innseadh dhà-san cionnas a riaghaileas e, agus dh-ise am modh air an cuir i nithe ’an òrdugh. Tha e ’toirt urraim do phàrantaibh, agus ag iarraidh ùmhlachd o’n sliochd. Tha e ’cur smachd air cumhachd an rìgh—air àithne an uachdarain—agus air ughdarras a’ mhaighstir. Tha e ’toirt earail do gach ìochdaran a bhi dìleas, agus do gach seirbhiseach a bhi umhal. Tha e ’gealltuinn gu’m beannaich, agus gu’n dìon an Tì is Ughdar da, gach neach a ghluaiseas a réir a riaghailtean. Tha e ’nochdadh cionnas bu chòir do bhainnsibh, agus do àdhlacaibh a bhi air an deanamh. Tha e ’gealltuinn araon lòin agus éudaich, agus a’ féuchainn ciamar a ghnathaichear iad gu h-iomchuidh. Tha e ’comharrachadh a mach Fir-dìonaidh dìleas agus sìorruidh do’n athair, agus do’n fhear-phòsda a ta ’fàgail an t-saoghal—ag innseadh dha cò maille ris am fàg e a dhìlleachdain, agus cò anns an cuir a’ bhànntrach a dòchas. Tha e’ gealtuinn athair do na dìlleachdanaibh, agus fear pòsda do’n bhànntraich. Tha e ’teagasg do dhuine cionnas a chuireas e a thigh an òrdugh, agus ciamar a ni e ’thiomnadh. Tha e ’sònrachadh cuibhrinn arson na mnà—a’ suidheachadh còire a cheud-ghin—agus a’ feuchainn an dòigh ’san deanar solar arson nam ball is òige de’n teaghlach. Tha e ’dìonadh dlighe nan uile; agus a’ foillseachadh dìoghaltais an aghaidh gach mealltair, cealgair, agus fir-sàrachaidh. Is e a’ cheud Leabhar e—an Leabhar is fearr—agus an Leabhar is sine ’s an t-saoghal. Tha e làn do na nithibh is luachmhoire, agus is maisiche—a’ sparradh an teagaisg is cudthromaiche, agus is cinntiche; agus a’ toirt an t-sòlais is mò, agus is iomlaine a dh-fhoillsicheadh riamh. Ann-san gheibhear na laghannan is fearr, agus an dìomhaireachd is doimhne a sgrìobhadh riamh! Tha e ’toirt sgéil aoibhneich air na nithibh is glòrmhoire, agus a’ toirt na comhfhurtachd is mò do gach neach a ta fo àmhghar. Tha e ’foillseachadh beatha agus neo-bhàsmhorachd, agus a’ nochdadh na slighe chum glòir shìorruidh. Is ro mhìorbhuileach an Leabhar e! Tha e ’na aithris ghoirid air gach ni a chaidh seachad, agus ’na fhàisneachd chinntich air gach ni a ta chum teachd! Tha e ’socrachadh tagradh mu’m bheil cònnspaid [TD 304] —a’ cur as do gach teagamh, agus a’ saoradh na h-inntinn agus na coguis o gach imcheist agus agartas. Tha e ’foillseachadh an aoin Dé bheò agus fhior—a’ nochdadh na slighe d’a ionnsuidh—a’ cur nan uile dhiathan eile air cùl, agus a’ feuchainn gur dìomhanas araon iad féin, agus gach neach a chuireas a dhòchas annta. ’N aon fhocal, is Leabhar reachdan e, a ta ’cur eadar-dhealachaidh eadar maith agus olc; leabhar gliocais, a ta dìteadh gach amaideachd, agus a ta ’deanamh nan amaideach glic. Is Leabhar firinn e, a gheibh a mach gach bréug, agus a chuireas as do gach mearachd. Is Leabhar beatha e, a ta ’comharrachadh a mach na slighe chum beatha shìorruidh a shealbhachadh. Is e an Leabhar is coimhlionta air an talamh—an Leabhar is firinniche, agus an eachdraidh is taitniche a rinneadh riamh aithnichte. Gheibhear anns an Leabhar so iomradh air na nithibh is sine—air cuisibh iongantach—air teagmhailibh miorbhuileach—air gniomharaibh gaisgeil—agus air cogannaibh gun choimeas éuchdach! Tha e a’ leigeadh ris duinn nan saoghal neamhaidh, talmhaidh, agus ifrinneach! Tha e ’nochdadh céud-thùs nam mìltean aingeal—gach tréibh sluaigh—agus feachdan duaichnidh ionaid na dòruinn! Bheir e fòghlum do’n fhear-ceaird is innleachdaiche agus is ealanta. Teagaisgidh e snas-labhairt do’n teangair is urramaiche—agus cuiridh e feartan a chunntair is teòma gu’n dùlan. Cuiridh e an léigh is seòlta fo imcheist—agus teagaisgidh e do’n bhreitheamh cionnas a chuireas e rogha caoin air a chòmhradh! Tha e a’ cronachadh an fheallsanaich uaibhrich, agus a’ stiùireadh an réuladair ghlic! Tha e ’cur as do’n deasbair chuilbheartach, agus a’ cur a’ gheasadair aingidh air boile! Is Leabhar do laghannaibh iomlan e—is clàr foirfe air diadhachd e—is eachdraidh luachmhor thar tomhas e. Is riaghailt-stiùiridh na beatha e—agus is meòrachan e air cuairtibh, turasaibh, agus seòladaireachd. ’S e ’n comh-cheangal is fearr e a rinneadh riamh—am bann is fearr ris an deachaidh riamh ainm—an fhianuis is fearr a thugadh riamh a mach—an cumhnant is fearr a shéulaicheadh riamh—agus an tiomnadh is fearr a dhealbhadh riamh! Is fior ghliocas an Leabhar so a thuigsinn, agus is fior amaideachd a bhi aineolach air. Tha e ’toirt an eiseimpleir is fearr do’n righ—’na riaghailt is fearr do’n uachdaran—’na chomhairle is fearr do’n bhean-tighe—an sparradh is fearr do’n t-seirbhiseach—agus a’ chompanaich is fearr do’n òganach. Do’n sgoileir tha e ’na Leabhar-fòghlum—do’n oileanta ’na rola dìomhair—do’n aineolach ’na fholaiche—agus do’n duine ghlic ’na riaghailt-seòlaidh. Bheir e eòlas air gach tionnsgnadh éugsamhuil do na daonaibh innleachdach, agus air gnath-fhoclaibh doilleir do na daoinibh innleachdach, agus air gnath-fhoclaibh doilleir do na daoinibh suidhichte—agus dha féin is fear-mìneachaidh e! Tha e ’toirt misnich do ’n duine ghlic a ta ’ruith a réis gu foighidneach, agus do’n ghaisgeach a ta gu fearail a’ cur a’ chatha as leith anama féin, oir gheibh iad fa dheireadh duais gràis a bhios siorruidh.” Ach do gach buaidh urramach a ta air an Leabhar so, is e an ni is sòlasaiche gu léir, gu’m bheil e a’ toirt foillseachadh soilleir [TD 305] dhuinn air nàdur, agus buaidhean an Ti ghlòrmhor ri’m bheil ar cor gu buileach au earbsa—’ga leigeil ris dhuinn “mar Dhia ceart” gidheadh “mar Shlànuigh-fhear—mar an Tì uile Naomh, gidheadh mar an Dia is e gràdh, gu ’m bheil e a toirt dearbh-chinnt dhuinn gu’m bheil “Dia ann an Criosd a’ deanamh an t-saoghail réidh ris féin,” agus a’ tairgsinn dhuinn na beatha maireanaich mar a shaor thiodhlac-san trìd Iosa Criosd. SGIATHANACH. VI. ORAN AN IASGAIR. [Tha sinn fad’ ’an comain an deagh charaid a chuir do’r n-ionnsuidh an t-òran a leanas. Cha robh mòr fhiuthair aguinn àit’ a thoirt ’s an “Fhear-thathaich” do dh-òrain; ach tha “Oran an Iasgair” co ro shnasmhor ann an cainnt. Tha gach rann dheth, coltach ris a “bhàta” co “cuimir cruinn.” Tha gach focal dheth co snaighte, sgiulta—co fìor fhreagarrach ’s gu’n tugamaid àite dha gu toileach air sgà na deagh Ghàelic, ged a b’ ann mu ni gun fhéum air bith a bhiodh e ’seinn. Ach tha sinn an dùil gu’m feud Iasgairean “taobh Loch-fìne” féin nì-eigin ionnsachadh uaith a thaobh togail bhàtaichean; agus b’ fhéumail do Iasgairean air gach cladach aire thoirt gu’m biodh am bàtaichean co maith air “fuaradh,” ’s air “tilleadh” ris an té air am bheil cunntas aca an so. F. B.] LUINNEAG. Hò mo bhàta laghach ’s tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach ’s tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach ’s tu mo bhàta grinn, Mo bhàta boidheach, lurach ’thogadh taobh Loch-fìn’. ’Sud a’ chungaidh ’chàireadh ’m bàta ’choisinn buaidh, Druim de’n leamhan ruighin ’n sàs ’s an darach chruaidh, Fiùghanan, ’us ùrlar sùghta, fallain buan, Giubhas glan na Lochluinn fuaight’ le copar ruadh. Hò mo bhàta laghach, &c. B’ àluinn air an tràigh i mu’n deach’ i air sàil’— A leagail co bòidheach air gach dòigh a’m b’ àill, Urlar glan gun chaise—saibhir, làn m’a bràigh— Suighean dlùth ga dùnadh—cuimir cruinn gu h-àrd. B’ àluinn i ’na h-uidheam mach ’s a’ chalamh chiùin. Fèath nan èun mar sgàthan d’a croinn àrd ’s d’a siùil, [TD 306] Eòin na mara aoibhinn, ’s mar le farum ciùil, ’G itealaich mu’n cuairt dh i ’cur an céill a cliùth. Bu thogarach mo bhàta ’mach air aghaidh cuain ’N uair thigeadh oirnn le caitein a’ ghaoth sgaiteach, chruaidh; ’S ann a’ sin air thoiseach choisneadh tusa buaidh, ’G iarraidh suas ri fuaradh, ’s cronan binn fo d’ chluais. ’N uair dh’ éireadh i ’na meallaibh, ’s thigeadh oirnn le gàir, Na cnapan àrda geala, ’s cìrein air am bàrr, ’S tusa ’thilleadh uait na stuaghan ribeach, àrd, Rathad aca, ’s agad, ’s cha fhliuchadh tu clàr. ’N uair thigeadh i na grìosaich ’nuas o shliabh nam beann, Sìobain gheal’ ag éiridh suas mu bhàrr nan crann, ’S tusa ’sin nach géilleadh; ach ga h-iarraidh gann, ’Shadadh i bho chéil’ ’n a caoirean dearg mu d’ cheann. Sud an té nach diùltadh tilleadh ’nuair a b’ fhéum; ’S tu ’thigeadh le sìnteig ’nuair a dh-iarrainn féin, Do sheòl-cinn mu d’ chluais—mu’n cuairt bhiodh tus’ a’d léum, Cliathach eile fodhad, ’s cuartag chruinn a’ d’ dhéigh. Fhad ’s is maireann dòmhs’ mo bhàta boidheach, grinn, ’S fhad ’s a chaomhainear slàn na gillean gléusd ’tha innt’, Ged a tha mo dhachaidh air a chladach luim Gheibh mi lòn, ’us stòr á grinneal gorm Loch-fìn’. M. FAILTE DO “FHEAR-TATHAICH NAM BEANN,” LE D. MAC C’AN, CEANN-LOCH IU. Cuiream soruidh ’s an àm gu “Fear-tathaich nam Beann,” Fìor Ghaedheal, deas-theangach, glan-bhriathrach— ’S e sgrìobhas ’na deann a’ Ghàelic gun mheang— Cànainn bhlasda—réith, teann, agus rianail. ’S i ’n fhirinn ghlan, cheart, a ghnàth ’tha ’na bheachd, Mar ri caomhalachd, seirc, agus béusan; ’S e teagasg chum maith ’tha e sìor chuir a mach— Sàr-charaid a’ bhochd, ’us an fhéumaich. Mu fhearann ’s mu phòr—mu bhàrr de gach seòrs’, Bheir e dhuinn gach aon seòladh féumail. Mu fhòghlum do r cloinn, ’s an togail le loinn, Tha a chomhairlean dhuinn làn léirsinn. [TD 307] Cha ’n ’eil ceannach no nì—cha ’n ’eil cogadh on sìth, Mu nach faigh sinn uaith fior sgéula; Agus, fada nas fearr, mu Chriosd ’us mu shlàint’, Bheir e cunntas làn gràidh, agus éifeachd. Slighe réidh dhuit ’s gach uair—saoghal fad ’an deagh bhuaidh! Radh ’us piseach mu’n cuairt air do chéumaibh! Do shiubhal bhi buan mar na réultau ’tha shuas, ’Geal-imeachd gu buadhmhor ’s na spéuran. VII. LITIR O PHORT PHILIP ’AN AUSTRALIA. THA ’N litir a leanas air a cur amach ’s na Paipeirean-naigheachd Béurla, ’s tha e air a radh gur Gaedheal de mhuinntir taobh Loch-Nis a sgriobh gu ’athair i. Cha ’n aithne dhuinn an duine, agus uime sin cha ’n ’eil sinn air chor air bith a’ cur air làimh féin ris gach focal a tha innte. Ach is duine measail, agus duine glé eolach air Australia a chur do ’r n’ ionnsuidh i gu àite ’thoirt dhi ’s an “Fhear-thathaich.” Tha sinn mata a’ toirt àite dhi, a’ fagail gach duine gu ’bheachd féin a ghabhail orra. “Dh’ fhàg mi Van Diemen’s Land (deir e) bho cheann dà bhliadhna, agus thainig mi gu Port Philip ’an Australia. Fhuair mi àite mar fhear-sdiùraidh (air gabhail chaorach) agus leth-cheud Punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna de thuarasdal. Dh’ fhag mi sud, agus fhuair mi àit’ eile de ’n t-seòrsa chéudna far am bheil sea fichead (£120) agam ’s a’ bhliadhna. Tha mu ochd mìle caora fo ’m sdiùradh air gabhail a bhuineas do dhuin-nasal ann an Lunnainn. Tha i so na dùthaich mhaith do dhuine bochd. Gheibh Ciòbairean bho dheich thar fhichead gu dà fhichead Punnd Sasunnach ’s a bhliadhna (£30—£40) agus am biadh, agus luchd-oibre bho dhusan gu cuig tasdain dheug ’s an t-seachduinn le ’m biadh (12s.—15s.) Tha na daoine dubha—nàisinn na tìre féin—fìor shiobhalta an so, agus feadhainn diubh nan luchd-oibre ro mhaith. ’S e so talamh féuraich is fearr a chunnaic mi riamh. Tha ’m pailteas ann dhe—bho chuig mìle deug ’na àilein uaine, réith gun phreas, gun chraobh. B’ fhearr leam gu ’n tigeadh Tòmas, Dòmhnal, ’s Iseabal amach an so cha b’ eagal nach deanamaìd gu maith agus ghleidheamaid sibhse ’s mo mhathair gu socair ’s gu maith aig an tigh. An fheadhain a thainig an so bho cheann cuig, no sea ’bhliadhnachan is fiach iad na mìltean. Tha aon duine ’bhuineas do Dhun-eidean—Benjamin Boyd—aig am bheil cuig ceud mìle caora, seachd mìle cruidh, agus ceithir mìle each ged am bheil e ach cuig bliadhna ’s an dùthaich so. Tha iomad aon aig am bheil dà fhichead mìle caora, agus cha ’n ’eil de mhàl orra ach deich Puinnd Shasunnach ’s a’ bhliadhna. Biodh [TD 308] beag no mòr pearainn fodhpa ’s e so a’ chàin a tha iad a’ paigheadh do’n luchd-riaghlaidh ’s a’ bhliadhna. ’S e Camshronach á Lochabar is coimhearsnach dhomh. Tha e ’n so bho cheann sheachd bliadhna fichead, agus tha e fior bheartach. Is minic a thig e gu m’ choimhead a chonaltradh anns a Ghàelic. ’S e coimhearsnach is fearr a chunnaic mi riamh. Tha e ’bruidhinn air dol a h-uile céum do dh-Albainn am bliadhna a dh’ fhaicinn nan slighean iarruinn (Rail-roads). Cha ’n ’eil aguinn ach droch eich ’s an dùthaich so fathasd, agus fior dhroch rathaidean mòra; ach cha’n ionghnadh sin ’us nach eil ach deich bliadhna bho na rinneadh a’ bheag de thuineachas ann am Port Philip. Tha mi anabarrach toilichte leis an dùthaich.” Sin brìgh na litireach, ’s tha dearbh-chinnt aguinn gu’m bheil mòran di fior. Cha ’n urrainn dhuinn aig an àm chéudna gun a ràdh gu’m bheil amharus aguinn nach do chunnt am fear a sgrìobh i caoirich Bhenjamin Boyd gu ro mhion. Tha cuig ceud mìle caora ’coimhead car spleaghach, agus is ainneamh buaile bhò ’s am bheil seachd mìle, no greigh each ’s am bheil ceithir mìle. Ach is ni cinnteach gu’n téid crodh ’us caoirich an ’lìonmhoireachd ann an ùine ro ghoirid ’s an dùthaich fhallain, fhéuraich, nòsmhoir ud, agus gu’m bheil tréudan, ’us buar aig mòran a dh’ fhàg an dùthaich so gu glé lom bho cheann beag aimsir. Tha na cunntais a leanas aguinn air tuarasdail ’us prìsean ann am Port Philip bho urrainn chinntich, agus feudaidh ar luchd-léughaidh earbsa asda. Ciòbairean bha £26 gu £32 ’s a’ bhliadhna le ’m biadh. Sgalagan, no oireanan mu ’n nì chéudna, ach far am bheil càraid phosda gun teaghlach, agus a’ bhean ag obair còmhla ris an fhear £44 gu £55—far am bheil teaghlaich aca £35 gu £45—ach tha ’n teaghlach a’ faghuinn bìdh co maith ri ’m pàrantan. Luchd-oibre singilte (gun phòsadh) £52 gu £60, ach am biadh orra fhéin. Searbhandan—far am bheil sàr the mhaith £26 gu £35—’an ruìth a chéile £20 gu £28. Gàradairean £35 gu £45 le ’m biadh. Goibhnean, ’us clachairean 7s. gu 8s. ’s an latha. Tàilleirean, Gréusaichean, Saoir-bhàtaichean, us Saoir gheala 6s. gu 7s. ’s an latha; ach am biadh ’s an leaba orra féin. Gheibh duine bòrd, mar a theirear ris ’se sin a bhiadh ’s a leaba air deich tasdain ’s an t-seachdain. Tha buileann nan ceithir puinnd air sheachd sgillinn’—muilt-fheoil no mairt-fheoil dà sgillinn, am punnd. Tea fichead sgìllinn, agus Siùcar trì sgillinn am punnd. Tha cosnadh gu leòir do mhìltean de luchd-oibre ’am Port Philip féin, agus tha iad a sìor eigheach air an son ’an cearnaibh eile mar an céudna. F. B. [TD 309] VIII. NAIGHEACHDAN. Cha ’n ’eil gnothaichean an t-saoghail ach gle aimhreiteach fhathasd, ged nach ’eil mòran fola ga dòrtadh air an àm. Tha ’n iorghuil a bha eadar muinntir Shicily agus na Neapolitans an deigh briseadh a mach le coig oilteil. Thainig na h-Eadailtich mu thoiseach a mhios a chaidh seachad gu ceann-bhaile an Eilein (Sicily) chum a ghlacadh. ’N uair chunnaic an t-oifigeach a bha thairis orra nach striochdadh am baile thoisich e air seisdeadh air agus b’e sin an casgradh bha deistneach, gach slige theinnteach (bomb-shell) a bha air a tilgeadh a steach do’n bhaile a’ sgàineadh ’sa spreadadh feadh gach sràid, ’s a’ losgadh thighean ’us dhaoine. Mar so fhuair na Nepolitans buaidh air an naimhdean; ach cha b’ ann gun diubhail dhobh féin: oir ’nuair a thug an t-arm ionnsuidh air seilbh a ghabhil air a bhaile, dh-fhosgail an talamh fo’m buinn, agus chaidh àireamh mòr dhiubh ’smùideadh anns na spéuran. Thachair so bho shluichd a bha air an cladhach le muinntir a bhaile agus a lìon iad le fudar a chum an naimhdean a smàladh ’nuair a gheibheadh iad an cothrom. Cha chuala sinn àireamh na thuit, ach tha sinn cinnteach nach lugha e na dà mhìle. Tha Ghearmailte car luaineach fathasd. Dh-éirich an là roimhe cuid de’n luchd-réubain lunndach sin a tha ’nis co coitchionn anns gach dùthaich, a’ faotuinn coire do ’n luchd-riaghlaidh gun fhios c’arson; agus is beag nach robh cor a bhaile sin Fankfort, co searbh ri cor Phàris; mar a bha’m Freasdal fabharach fhuaradh grabadh a chur air na trusdair. Ann an ùine ghoirid bha barricades air an togail an sud ’s an so, agus b’ éigin an t-arm a tharruing a mach mu’n deach sganradh a chur annta; ach cha b’ ann gus an deachaidh mòran a mharbhadh air gach taobh. Tha ’n Cholera co bàsmhor ann an Russia ’s a bha e. Bha dùil aig muinntir an àite sin gu’n d’ fhàg e iad; ach thòisich e rìs ann an St. Petersburgh mar air tùs, ’s cha lugha na eadar ceithir fichead agus céud a tha ’bàsachadh leis gach latha. Ach ’s e gnothach is miosa, am measg nan daoine aineolach a tha faicinn an sgrios a tha’n galar sin a’ toirt air an dùthaich, gu’m bheil iad a’ gabhail nan cinn gur e coire nan lighichean a tha’n so uile gu léir. Anns a’ bharail so thionndaidh mòran de’n t-sluagh a mach, a’ diùltadh nan lighichean a leigeadh ga’n còir—seadh, eadhoin a’ diùltadh géilleadh do’n Iompaire féin; agus ge gòrach e ri innseadh, thòisich iad air barricades a chur suas gus an Cholera ’chumail air ais. Chaidh an t-Iompaire ’n sin d’an ionnsuidh agus réusanaich e riù, ’s chuir e iompaidh orra ’bhi riaghailteach agus foighidneach fo’n déuchainean—a’ cur an céill doibh gu’m bu smachdachadh e thainig o Dhia féin, agus nach b’ urrainn lighichean no Iompairean cur na aghaidh, agus gu m bu chòir dhoibh a bhi strìochdta fo ’laimh. An déigh sin sgaoil an sluagh gu riaghailteach. [TD 310] Cha’n ’eil cor na h-Eirionn fathasd ach ro bhrònach. Tha na Réubalaich a gabhail gach fàth air losgadh, ’s air creachadh, agus ged nach ’eil a chridh’ aca ’n aghaidh a thoirt air an arm dhearg, gedheadh tha iad a’ deanamh mòran coire. Tha Bhan-righinn, ’s a chuid eile de’n teaghlach Rìoghal an dràsd aig Balmoral fagus do Abar-eadhain, far am bheil iad ri bhi car tacain. MARGAIDHEAN. Tha sinn toilichte nach ’eil gnothaichean ag amharc uile gu leir co gruamach an dràsd ’sa bha iad ’n uair a chuir sinn a mach an t-Aireamh mu dheireadh. Tha chuid mhòr de’n bhàrr cruinn air feadh na Galldachd, gu sònruichte anns na h-àitean is isle; ach anns na cearnan àrd, agus fuaraidh, tha mòran de ’n bhuain gun deanamh fathasd. Tha sinn taingeil nach do lean prìsean lòin air éiridh mar a bha choslas orra aon uair. Cha ’n urrainn duinn a ràdh gu’m bheil lòn a bheag n’is saoire na bha e air a mhìos a dh-fhalbh, ach ma bhuanaicheas iad mar a tha iad cha bhi aobhar a bhi ’gearan. Tha mhin ùr choirce a reic bho 19s gu 20s am bolla: an t-seana mhin choirce 18s. Min chruithneachd 24s. Min eòrna 1s 4d a chlach. Min sheagail 1s 6d. Min Inneanach 12s am bolla. Buntàta 6d a chlach: Currainn 8d: Tùirneap 3d. Im ùr 11d am punnd; im sailte 9d: im Eirionnach 9d. Uighean chearc 7d an dusan. Cloidh thearrta Ghaedhealach 6s a chlach: geal 8s. Cloidh thearrta nan Cheviots 10s. geal 18s. LINE OF PACKETS—SUCCEEDS THE “MARTIN LUTHER.” AT GLASGOW, for PORT-PHILIP and SYDNEY, NEW SOUTH WALES. The Splendid Greenock-built Ship, “QUINTIN LEITCH,” 643 Tons Register, A 1 at Lloyd’s for 12 Years, LEWIS POTTER, Commander, will have quick despatch. This fine Ship is well known as a very fast Sailer, has a full Poop, with splendid and spacious Accommodation, fitted up with everything conducive to the comfort of Cabin Passengers. The Accommodation for Intermediate and Steerage Passengers is of the first description, the ’tween Decks being upwards of Seven Feet, are commodious, well ventilated with Patent Air Ports and will be fitted up in a superior manner for a limited number.—“Carries an Experienced Surgeon.” The Scale of Victualling is as appointed by Government, and the Ship will be fitted out under the inspection of their Agent. For Freight or Passage, apply to POTTER, WILSON, & CO., St. Enoch Square; or, BELL & ORR, 107 Buchanan Street. Glasgow, Sept. 30, 1848. GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow.