[TD 1] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. Air. I.] A CHEUD MHIOS, 1848. [R’A REIC AIRSON CEITHIR SGILLINN. CONTENTS:—I. Address to our Readers, page 1. II. The Burning Bush (the Symbol of the Church of Scotland); its Spiritual Import, page 5. III. Scripture Illustration (“Casting bread upon the waters),” page 10. IV. The History of Israel, as illustrating the fulfilment of Prophecy, page 16. V. The Church of Christ a Missionary Church (brief Sketch of the Origin and Objects of the Five Schemes of the Church of Scotland), page 19. VI. Cottage Economy, No I. (Gardens.) page 24. VII. Public News (Meeting of Parliament, State of the Money Market as affecting Trade and Employment, Condition of Ireland), page 28. VIII. Chloroform, page 31. I. A CHAIRDEAN ’SA LUCHD-DUTHCHA IONMHUINN, FAILTE OIRBH. THA buidheann àraidh de dhaoine dealasach aig am bheil fìor ghràdh air ar dùthaich, an déigh gabhail os làimh, aig iarrtas àrd-sheanaidh Eaglais na h-Alba, sùil-choimhead chàirdeil a chumail air gach nì a tha’n Eaglais a deanamh, no rùnachadh a dheanamh, airson maith aimsireil, agus gu h-àraidh maith spioradail nan Gaidheal a chur air aghaidh. An déigh an comhairle a chur riusan a dhearbh iad féin nan càirdean seasmhach dhoibh anns an am a dh’fhalbh, chuir iad rompa, le comhnadh Dhé, agus le earbsa dhaingionn Annsan amhàin is urrainn soirbheachadh leo anns gach deagh chùis, leabhar Gaelic a chur amach uair s’a mhìos, airson eòlas féumail agus taitneach a thoirt do na Gaidheil, mu na nithibh sin mu’n cudthromaiche dhoibh eòlas fhaghail. Cha ruigear leas focal a labhairt gu ’leigeil ris cia co tarbhach, agus co taitneach sa dh’fheudar a leithid so de leabhar a dhean- [TD 2] amh ma chuireas iadsan an guailne ris aig am bheil an cridhe an tìr na’m Beann, aig am bheil tuigse agus fiosrachadh air na nithean a tha chum fior mhaith nan Gaidheal, agus a tha ealanta air sgrìobhadh na Gàelic. Ciod is prìseile na Eolas, no ciod is taitniche na e? Is fìor na thuirt an duine glic, “Tha eòlas thar an òir is taghta ann an luach.”—’Se eòlas a tha’g àrdachadh an duine os ceann ainmhidhean na machrach; agus is iongantach r’a thoirt fainear cionnas a tha’n fheadhain is buirbe, agus is fuileachdaiche dhiubh, air an toirt fo làn smachd dha. Ach ’s iongantaiche gu mòr an uachdranachd a thug eòlas do’n duine thairis air dùilean nàduir. Tha e iongantach, seadh, feudaidh sinn a ràdh, mìorbhuileach mar a thugadh an teine, agus an t-uisge féin gu bhi ann an càirdeas co dlù, ’s gum bheil iad a co-oibreachadh le chéile ann am malairt an t-shaoghail mhòir a chur air aghaidh, agus ann am freasdal do’n duine ’s na mìltean dòigh. Nach eil iad so ag iomain nan luingeis is mò a shnàmh riamh air sàile an aghaidh sumannaibh a chuain mhòir, agus doinionan nan àrd-spéur—’s air tìr mòr a giulan, o àite gu àite nam mìltean de’n t-shluagh le luathas, agus tearuinteachd a tha gach là a meudachadh? ’S mar gum biodh an dòigh imeachd so mall-chéumach, agus fadalach, nach do chuir mac an duine dealanach nan spéur féin an sàs, agus nach eil e nis aige mar theachdaire, ’s mar ghille-gnothaich chum naigheachd, agus fios a sgaoileadh o chearna gu cearna le luathas a’s gann is urrainn do’n inntin féin a leantuinn. Leis an innleachd so cuirear fios car na’n ceudan mìle—o Lunnuinn gu Glascho—ann am prioba na sula, ann an ùine ni’s lugha no ’s urrainnear a thomhas, no ainmeachadh. Tha eòlas air innleachdan ùra mar so a dol air aghaidh gu luath là gu là. Theid e air aghaidh gu cinnteach agus cò is urrainn a ràdh càit an stad e? Tha cunntas air dol-air-aghaidh an t-shaoghail air a thoirt do gach fine sa ’n Roinn-Eorpa na ’n cànainnean fein, ach do na Gaidheil nan aonar. Agus tha cunntas air na nithean so, cha ne mhàin taitneach, ach tha e a fosgladh, a géurachadh, a beothachadh na h-inntin air dhòigh ’s gu’m bheil sgéul mu gach innleachd ùr a treorachadh gu innleachdan eile, agus is fearr. Agus am bheil e ceart no iomchuidh gum biodh na Gaidheil air an gleidheil ann an doille a thaobh nan nithean mòr, agus iongantach a tha air am faotuinn amach air gach làimh dhiubh, agus a tha toirt an t-shaoghail air aghaidh co bras ann an cumhachd ’s ann am beairteas? Cha ’n ’eil. Agus ma’s urrainn dhuinne cha bhi an athais so nis faide air luchd labhairt na Gaelic. Ach prìseil agus taitneach mar a tha’ eòlas air na nithean so, cha’n ’eil e r’a chur an coimeas ris an eòlas is àirde agus is fearr, eòlas air Dia agus air an Tighearn’ Iosa Criosd. Se’n ni àraidh mata a bhios na’r beachd sa’n leabhar so, slighe na slàinte shiorruith a dheanamh soilleir do’r luchd-dùthcha, agus a bhi mìneach- [TD 3] adh teagasgan, aitheantan, geallaidhean, agus bagraidhean an fhocail naoimh—a bhi leigeil ris do dhaoine an dleasnais do Dhia, agus do’n coimhearsnaich, s’a bhi cur impidh orra le’r n’ uile dhùrachd, iad a dheanamh greim air a bheatha mhaireannaich, agus cùram a ghabhail do’n anama neo bhàsmhor o’s ceann gach uile nì eile. Dìonaidh, agus seasaidh sinn eaglais na h-Alba fhad sa sheasas ise air a bhonn air an do stéighicheadh i o cheann nan céudan bliadhna—bonn na fìrinn, agus na diadhachd, air an do dheònuicheadh dhi urrad de bheannachd a h-Ard Chinn. Ach an uair a sheasas sinn còir Eaglais ar n’ aithrichean agus ar dùthcha ni sinn so gun ghoimh, gun ghamhlas an aghaidh earrainn air bith eile de Eaglais Chriosd. Ni sinn so mar iadsan aig am bheil fios gur ann de thoradh na feòla, agus de bhrosnachadh an diabhuil a tha “naimhdeas, connsachadh, comh-stri, aimhreite, saobh-chreideamh, farmad, agus an leithide sin”—aig am bheil fios gur “e toradh an spioraid gràdh, aoibhneas, sìth fad-fhulangas, caomhalachd, agus maitheas.”—Faic Gal. v. 20—22. Ni sinn so a ghnàth ann an seirc, agus ann an sìth-chainnt, mar a bhuineas do luchd-leanmhuinn “Phrionnsa na sìthe.” Leis an rùn so aguinn, an àite ’bhi brosnachadh, sa séideadh suas a chonnsachaidh a tha measg dhaoin’ aig an àm mu thiomchioll Eagluisean, agus, aidmheilean, s’ ann a dh’iarramaid a bhi sealbhachadh dhuinn féin beannachd luchd-dheanaimh na sìthe (Mata v. 9,) le bhi ’g earalachadh réith-bheairt, seirc, agus gràidh bhràthaireil air na h-uile. Tha mòran nithe ga’n deanamh n’ar dùthaich aig an àm fo ainm diadhachd a tha rò mhì-dhiadhaidh. Tha gach gleann, gach baile, agus gu inbhe bhig gach teaghlach roinnte an aghaidh a chéile. Tha fuath, agus naimhdeas guineach, dìoghaltach air an nochdadh do chàch a chéile leòsan a bu chòir an gràdh agus an tairisneachd bu chaoimhe a nochdadh aig gach àm. A nis, gun a bhi cur buille air taobh seach taobh, theireamaid “nach bu chòir do na nithibh so a bhi mar so”—gu’m bheil na nithean so gu tur mearachdach. Ciod air bith aidmheil no seorsa air an sloinnear sibh nach eil sibh ainmichte air Criosd a tha ’g àithneadh do dheisciobuil uile iad a ghràdhachadh a cheile? Theireamaid ris na Gaidheil gu léir, “na bitheadh comh-stri eadarruibh; oir is bràithrean sibh.” Agus a bhàrr air a so theireamaid riu gu’m bheil an t-àm so gu sònruichte, agus gu solaimte ag àithneadh dhoibh gach uile mhìrun agus fharmad, agus anacainnt a chur dhiubh, agus iad fein irisleachadh fo làimh chumhachdaich Iehobhah. Rinn iad gu leòir de chonnsachadh agus de chàineadh bho cheann beagan bhliadhnachan. Agus ciod a thainig r’a linn? Thainig lomadh agus smachdachadh bho’n Tighearn. Thainig ganntar, agus gort a thug na mìltean teaghlach dlù air dorsaibh na h-ùaighe. Agus nach eil am fearann uile ’caoidh fathasd fo’n bhreitheanas so? Gu cinnteach tha, agus se ar guidhe ri Dia gu’n sealladh e ann [TD 4] an tròcair, agus ann an toirbheartas air ar dùthaich bhochd aig an àm. A bhàrr air a bhi feuchainn ri daoine theagasg anns an fhìor “dhìadhachd sin aig am bheil gealladh na beatha tha làthair agus na beatha tha rì teachd” bithidh sinn bho àm gu àm a toirt cunntais air soirbheachadh an t-shoisgeil ann an cearnaibh eile de’n t-shaoghal co maith as ann ar dùthaich féin. Agus bithidh sinn a labhairt mu nithibh aimsireil mar an ceudna—a toirt iomraidh air eachdruidh na’n làithean a dh’ fhalbh—a toirt fiosrachaidh mu dhùthchannan eile, agus gu h-àraidh mu na h-eileanan cìan sin a bhuineas do Bhreatunn, agus do’m bheil a liutha mìle do’r luchd dùthcha a dol air imrich bho àm gu àm—a toirt sgeòil mu mhargaidhean, mu chosnadh, mu naigheachdan an taoibh-deis. Bithidh sinn, ann an aon fhocal, a cur fa chomhair ar luchd-léughaidh gach nì a shaoileas sinn a bhios a chum fior bhuannachd dhoibh—gach ni a bheir solus, farsuingeachd agus neart do’n inntinnibh—a bheothaicheas agus a bhrosnaicheas iad gu oidhirp fhearail, fhoghaintich, a thoirt air an cor féin àrdachadh, s’a leasachadh. Ach tha dà nì a chum an iarr sinn aire na’n Gaidheal a thionndadh gu ro shonruichte, s’ iad sin oilein cloinne, agus àiteach fearainn. Na’m bitheadh iad cùramach mu fhoghlum agus mu oilean ceart a thoirt do’n cloinn, thigeadh grad atharrachadh air an dùthaich, agus bhitheadh àl an deigh àil a tighinn air an aghaidh an tuigse, am beairteas, agus am béus. ’S cha’n ’eil nì air bith ri’m mò am bheil cor dhaoine sa’n t-shaoghal, agus ré bithbhuantachd an earbsa nan t-àrach a tha iad a faghuinn an tùs na h-òige. A rithis, ann an cearnaibh eile de’n t-shaoghal, tha daoine aig am bheil a chearta co beag fearainn sa tha aig croiteirean na Gaidhealtachd am bitheantas, a tha toirt as an fhearann sin pailteas dhoibh fein s’ da’n teaghlaichean, aig am bheil min as bainne ’s gach àm de’n bhliadhna. Feuchaidh sinn matà ri leigeil ris do na Gaidheil ciamar a dh’fheudas iadsan an toradh ceudna a thoirt as an fhonn—agus bheir sinn cunntas dhoibh bho àm gu àm air an doigh ghiullaichd is fearr, agus air a phòr is freagarraiche airson ghàraidhean agus dhailean—ni a tha sinn an dòchas a ni mòran feum dhoibh. Tha e gu cinnteach féumail gu’m bitheadh seòlaidhean mu na nithibh so air an toirt do na Gaidheil aig an àm—oir tha e ro shoilleir gu’m féum iad tuille àitich a dheanamh na bha cleachdta ’s’na bliadhnaibh a chaidh seachad. Tha e iomchuidh gu’m bitheadh gach duine aig am bheil iochd, no tlus na chom a strì ri maith a dheanamh do na Gaidheil an uair a tha n’ cor co cunnartach agus co deuchainneach s’a tha e ’n tràs. ’Se ar ’n iarrtas dùrachadach a bhi, tre an leabhair so, a cuideachadh leo—cha ne a bhi ga’n tarruing bho’n chomunn so, no do’n chomunn ud eile am measg dhaoine, ach a bhi ga’n tarruing bho chomunn an aineolais, na droch-bheairt, na bochduinn, agus na truaighe, ga’n [TD 5] tàladh ri comunn an eòlais, na subhailc, an t-shoirbheachaidh, agus an t-shonais, ga’n tarruing gu co-chomunn ri Athair na soillse agus na naomhachd trìd Iosa Criosd. ’Se so ar ’n iarrtas, agus ma shoirbhicheas e leinn is suarrach leinn ciod an t-ainm air an sloinn daoine iad fein, no co an comunn ri ’n ceangail siad iad fein. ’Sa ’n rùn so tha sinn an dòchas ri deagh-dhùrachd agus deagh-ghniomh gach Gaidheil thuigsich agus sheirceil am feadh sa ghleidheas sinn ri ar gealluidhean; agus a guidhe gu’n robh Dia na ’n gràs a deanamh a suas ur n’ uireasbhuidhean uile amach as an lànachd a tha ann an Iosa Criosd, tha sinn aig an am a dol an dàil ar n’ oibre na ainm-san. F. B. II. SUAICHEANTAS EAGLAIS NA H-ALBA. “Bha ’m preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.”—Ecsod. iii. 3. BHA Maois na bhuachaille chaorach, a gleidheil tréud Iethro Athar-céile an uair a chunnaic e an sealladh iongantach air am bheil cunntas aguinn ’s na briathran so. Cha b’ann ri doilleireachd na h-oidhche, ach ri àird a mheadhoin là—cha b’ann ann an aisling, ach na làn fhaireachadh a chunnaic se e. Bha e ’n rùn Dhé Maois a chur mar theachdaire le àrd ùghdaras uaithe féin a dh’ionnsuidh Pharaoh righ uaibhreach na h-Eiphit a dh’iarraidh air saorsa ’thoirt do ’phobull taghta féin a bha esan a gleidheil nan ciomaich bhochd ann an daorsa chruaidh. Agus anis chum misnich a thoirt do Mhaois, agus aire a dhlù-thionndadh chum na bha Dia gu labhairt ris, dheònaicheadh dha an taisbeineadh so a bu mhìannach leinn a mhìneachadh gu h-athghoirid do’r luchd-léughaidh. Is ann air cùl na fàsaich a bha Maois a buachailleachd an tréud; agus thainig e gu “sliabh Dhé, eadhoin gu Horeb”—aite uaigneach, aonarach, cianail mar gu’m b’ann air cùl an t-shaoghail mhòir. Ach c’àit am bheil an t-uaigneas anns nach eil Dia r’a fhaotainn, no anns nach féud co-chomunn a bhi aig duine ris an Tì is Airde? Anns an àite so dh’fhoillsicheadh Aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine a meadhon pris. Cha ruig sinn leas a bheag no mhòr a radhuinn a leigeil ris co b’è Aingeal so an Tighearna. Cha b’ Aingeal cruthaichte a bh’ann ach “Aingeal a choi-cheangail”—Esan a ghabh do ionnsaidh féin an t-ainm glòrmhor “Dia Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib”, agus a rithist, anns a cheathramh rann déug de’n chaibdeal fa’r comhair a thubhairt “Is Mí an Tí is Mí”—gun amharus ’s é an dara Pearsa de’n Trìanaid shíorruidh, agus a tha co-ionnan ris an Athair anns gach buaidh, a choinnich Maois anns a phreas—Esan mu’n do labhair Maois agus na Fáidhean uile—Ard-cheann, agus Uachdaran Eaglais féin, anns [TD 6] gach línn, agus a mhaireas marsin gus an cuir é a naimhdean uile fo’ chosaibh. A nis mata feòraicheadhmaid ciod a bha’n sealladh mòr so a’ ciallachadh? oir cha tug Dia ríamh seachad taisbeanadh de’n t-sheòrsa gun cheann-fàth sònraichte a bhi air a fhreagairt leis. Dlùthaicheamaid mata air a phreas naomha so as am bheil an lasair, agus ma thubhairt Dia ri Maois “Cuir dhiot do bhrògan, oir an talamh air am bheil thu a’d sheasamh is àite naomh e,” nach maith a thig e dhuinn a chùis a rannsachadh le mòr irisleachd, agus le guidhe dhùrachdach gu’n deanadh a Spiorad ar sdiùradh chum beachd ceart a ghabhail air. Cha neil teagamh aguinn nach bu mhìannach le Dia staid, agus cor Eaglais Israeil—an aon Eaglais fhìor a bha aige ’san àm sin air aghaidh an t-shaoghail—a leigeil ris dhuinn ann an so; agus misneach mar an ceudna a thoirt do Mhaois anns an teachdaireachd ro chudthromaich air an robh e gu bhi air a chur—dearbhadh a thoirt dha gur e Dia da ríreadh a labhair ris. Bha Eaglais Israeil da rìreadh air an àm so, mar phreas r’a theine, ann an déuchainn mhóir, agus fo ghéur-leanmhuinn eagalaich—fo àmhghair theinntich anns an Eiphit; gidheadh cha robh í air a sgrios, do bhrìgh gu’n robh “Aingeal a chumhnaint” maille rithe, agus na ’meadhon. Is sàmhladh gràsmhor a tha’n so air làthaireachd Chriosd le Eaglas an àm a h-àmhghair, ’sa déuchainn air feadh gach linn de’n t-shaoghal—agus bha e na bharantas dhoibhsan a chum an robh Maois a dol, a dh’aindeoin de co teinnteach ’s a bha a ghéur-leanmhuinn, nach tréigeadh an Dia iad. B’ íosal, agus a réir nòs an t-shaoghail, bu tàireil staid Israeil aig an àm so, agus bu bhrònach bochd, an daorsa san robh iad. Ach bha Dia maille riu, ’s mar sin cha do bhuadhaich an naimhdean na ’n aghaidh. Gun teagamh air bith ’se so a bha air a chiallachadh sa cheud àite leis an taisbeanadh so mar a chi neach air bith a léughas an 7mh agus an 8mh rann de ’n chaibdeil so: agus a h-uile gealladh a bha sa bharantas so choi-lion Dia. Theasairg e a shluagh—shaor e iad, agus thug e iad fa-dheoidh gu seilbh a ghabhail ann an tìr a gheallaidh. Agus na rinn e airson Eaglais Israeil, rinn e airson Eaglais anns gach lìnn. Cuin’ a bha Eaglais Chriosd riamh ann an teinn, no an àmhghar nach robh Esan na ’meadhon gu a dìon? Is minic a bha ’n Eaglais da rìreadh mar phreas na lasair, agus a réir coslais an impis a bhi air a losgadh as—gidheadh bha ’n t-“Aingeal” maille rithe. Ri linn thruaigh Ahaib, bha seachd mìle air an tearnadh nach lùbadh an glùn do Bhaal; agus cha robh an t-àm sin ann s’nach robh corra dhuine dìleas, agus diadhaidh r’a fhaotainn an Israeil. Ann an laithibh dorcha Bhàbiloin, ’n uair a bu mhuladaiche cor Israeil—’n uair a bha iad ann am braighdeanas co cruaidh ’s gun do chroch iad an clàrsaichean air na géugaibh seilich, ’s nach dùraichdeadh iad leis a mhulad aon de laoidhean Shìoin a sheinn—’n uair a loisgeadh an Teampull ’sa bha iad na’m fògarraich o’n bhaile naomh cha do sgriosadh Eaglais Dhé. Thug Dia air ais [TD 7] braighdeanas a shluaigh féin. Chuir so iongantas mòr orra. Cha robh dùil aca r’a leithid. Bha ’m preas fada, fada r’a theine; ach fada mar bha e cha do thréig “Aingeal a chumhnaint” e. Dh’éirich an Eaglais as an luaithre theinntich. Fhuair sluagh Dhé air an ais do Shìon. Thogadh an Teampull a rìs. Cha do loisgeadh am preas. O’n àm sin a nuas gu linn Chriosd, bha cogadh ’s co-stri gun fhois, gun tàmh an aghaidh na fìrinn; ach cha do bhuaidhich na Cinnich uaibhreach air muinntir Dhé. Bho àm Chriosd air thalamh nach minic a bha ’m preas r’a theine! Is iomad géur-leanmhuinn loisgeach a rinneadh air an Eaglais. Ciod e eachdraidh na h-Eaglais, ach eachdraidh air géur-leanmhuinn? Anns an Roinn-Eòrpa, ann an Asia, agus an Africa, cia uamhasach na déuchainnean teinnteach ro’n d’thainig an Eaglais! Cia liuth’ comunn a bha aon uair ainmeil mar Eaglais air an t-shaoghal, a tha gu tur air an sguabadh air falbh! C’àit am bheil “seachd Eaglaisean na h-Asia”—ainmeil mar a bha iad—c’àit am bheil iad anis? Agus iomad Eaglais a tha nis a togail an cinn gu h-àrd—a tha cliùtach na’n là’ ’s na’n linn féin ma dhì-chuimhnicheas iadsan Criosd, ’s ma shleamhnuicheas iad bhàrr an aoin bhunnchair air an urrainn Eaglais seasamh—’s cinnteach gu’n tuit iadsan mar an céudna, ’s gu’n sguabar air falbh iad bhàrr aghaidh na talmhainn. Ach bithidh sluagh aig Dia gu seirbheis a dheanamh dha, agus gu Esan a ghlórachadh. Feudaidh Esan an coinnleir atharrachadh o àite gu àite, a thoirt air falbh o aon tìr, ’sa shuidheachadh ann an tìr eile; ach an solus prìseil—solus an àigh, cha mhùchar e a chaoidh. Bithidh seirbhisich dhealasach, luchd-teagaisg dìleas, agus luchd-éisdeachd chreidmheach, umhal, aig Dia ’s an t-shaoghal. ’S iad so iadsan a tha deanamh a suas fìor Eaglais Chriosd, agus nach dean geataichean ifrinn buadhachadh orra am feasd. “Tha Dia na ’meadhon innte ’stigh, Mar sin cha ghluaisear i; Oir cuideachadh a’s comhnadh leath’, ’S e Dia gu moch a ni.” Am bheil cuimhne agaibh air eachdraidh na’n trìuir òganach ann an linn Nebuchadnesair? Rinn an rìgh mòr agus uaibhreach sin ìomhaigh òir, agus dh’àithn e do na h-uile duine ’s an rìoghachd aoradh a dheanamh dh’i. Chruinnich an dùthaich uile air faichidh Dhùra, agus chuireadh an cèill le òrdugh an Rìgh, gach aon nach striochdadh gu aoradh a thoirt do’n dealbh, gu’m bitheadh e air a thilgeadh ann an àmhuinn theinntich, dhian-loisgich. Thòisich a chuirm ’s an t-sheirbhis mhalluichte—chualas fuaim nan trompaid, na’m feadan, nan clàrsach, ’s na h-uile seòrsa ciùil. Thuit an sluagh a sìos, agus rinn iad aoradh do’n ìomhaigh a chuir an Rìgh a suas. Ach bha triùir ann a sheas a mach—chual iad an àithn’ eagallach—chual iad an fhuaim a bha ’g éiridh o mhìle inneal ciùil—chunnaic iad an àmhuinn a dearg-lasadh—a smùid ag èiridh gu h-àrd chum nan spéur: ach cha do mheataich iadsan. Dh’innis iad gu dàna mis- [TD 8] neachail do’n Rìgh nach robh sgàth orra—gu’n seasadh Dia Israeil iad, ’s nam faiceadh esan so iomchuidh gu’n tearnadh e, eadhoin as na lasraichean iad. Bha ’n àmhuinn a nis air a teasachadh, seachd uairean ni bu mhò no b ’àbhaist dhi, agus bha an triuir òganach so air an tilgeadh a stigh ìnnte ceangailte eadar làmhan a’s chasan. Ach féuch an uair a dh’amhairc an Rìgh chunnaic e ceathrar a coiseachd am meadhon an teine, agus bha “coslas aoin diu mar Mhac Dhé.” Agus bha Mac Dhé—“Aingeal a chumhnaint”—’san àmhuinn a bha na samhladh comharraichte air a phreas. Tha Rìgh ann a’s àirde na Nebuchadnésar a’s urrainn na lasraichean a tha air an séideadh an aghaidh a phobuill féin a mhùchadh, ’s a dheanamh co neo-chronail ri solus àillidh, glan na h-òig-mhaidne. Mar so chunnaic sinn mar a tha ’m preas r’a theine gun losgadh na shamhladh air cùram Dhé do ’shluagh féin anns na h-amannaibh is déuchainiche. Am buin sibhse tha ga léughadh so do dh’Eaglais Chriosd? ’S iad fìor shluagh Chriosd amhàin, aig am bheil còir air na sochairean, agus air an dìon sin a tha air an comharrachadh leis a phreas air a ghleidheil gun chaitheadh as, an uair a tha e r’a theine. Cha’n fhoghuinn ainm a shluaigh a ghiulan mar ’eil cridhe agus gnàthachadh a shluaigh agaibh. Ciod am maith a rinn tairgse Chanàain dhoibhsan a fhuair am bàs ’san fhàsaich? Bha’m baideal ceò thairis orra sa’n latha, agus am meall teine sa’n oidhche, agus bha aca lagh Dhé, agus am pailliun naomha. Ach cha d’rinn so iadsan naomh, ’s mar sin cha robh cuid no pàirt acasan san oighreachd a ghealladh do mhuinntir dhìleas Dhé. Bha’n fhìor Eaglais air a dìon; ach chailleadh iadsan. Mar sin tha’n Eaglais dhuinne, an dara cuid na meadhon slàinte, no na culaidh-dhìtidh a dh’antromaicheas gu mòr ar sgrios. Thainig Ceannard na h-Eaglais g’ar tearnadh; ach am bheil sinne a gabhail tearuinnteachd uaithe? Am bheil sinn air ar saoradh bho chumhachd, bho ghràdh, agus bho chleachdadh a pheacaidh? Mar ’eil sinn n’ar buill bheò do chorp Chriosd, is coma ciod an Eaglais do’ m buin sinn—mar ’eil sinn na’r Criòsduidhean, cha tearuinn Eaglais air thalamh sinn. Na earbaibh ann an ainm; oir cha’n fhoghainn e ràdh “buinidh mise do Phòl, no do dh’ Apollos—buinidh mi do dh’ Eaglais Shasuinn—do dh’ Eaglais na h-Alba—do’n Eaglais Phàpanaich”, no do dh’aon seòrsa aidmheil a tha air uachdar an t-shaoghail. Feudaidh so daoine a riarachadh; ach cha riaraich e Dia. Am buin thus’ a dhuine do dh-Eaglais na h-Alba? seas i mata, cha’n ann le spleadhruich de chainnt, no le bòsd, no idir, idir le bhi càineadh Eaglaisean eile; ach le bhi deanamh teagaisg Dhé do Shlànuighfhir maiseach anns na h-uile nithibh. Faiceadh an saoghal treibhdhireas do chreidimh ann am feothas do ghiùlain. Taisbein spiorad Chriosd ’n a d’ cho-luadair, ’s na’d chleachduinn. Leig le’d dheagh ghnìomharaibh dealrachadh fa chomhair dhaoine, a chum ’s gu’n toir iadsan glòir do Dhia. ’So an doigh a chum an Eaglais a sheasamh. [TD 9] Ghabh ise mar a suaicheantas bho cheann linnean, am preas a bha r’a theine gun chaitheadh as. Agus dhearbh a h-eachdruidh gus an là ’n diugh gu’m bu ro fhreagarrach an suaicheantas so dhi. Is liònmhor trioblaid agus teinn a thainig na caramh—ach bha dìon, agus làthaireachd a h-Ard chinn a ghnàth maille rithe, agus eadhoin an diugh, mar aig gach àm eile, feudaidh ì rádh, “Am fad so rinn an Tighearna mo chuideachadh.” Ann an cuid de chearnaibh s’a Ghaidhealtachd, saoilear gu’m bheil am preas air a losgadh as; ach stad beag! Tha freumh a phris fathast beò, agus daingean anns an talamh. Tha iomad géug làidir, thorach, fathast a cinntinn o’n fhreumh so, agus tha iomad faillein, agus fiùran ùrar, dosrach, a togail an cinn gach là o’n fhreumh cheudna. Tha Dia a togail òigridh dhealasach gu àiteachan àrda a liònadh ’san Eaglais—buidhean co gealltanach ’sa dh-àraicheadh riamh airson Eaglais na h-Alba—agus tha seann laoich dhiadhaidh, dhìleas ann a sheas gu duineil ann an là na dèuchainn, agus a tha nis a tuigsinn, ’sa faireachdain, gu’n do mheal iadsan “deagh-ghean an Tì a bha chomhnuidh ’sa phreas”—agus tha’n deagh-ghean ceudna air a ghealltuinn do gach aon a dhlù-leanas ris an Tighearna. Is iomad creidmheach, agus dùile bhochd, ann am bothan neo-chuanda, math-dh’ fhaoidte gun éibhle bheò air lic an teinntein, gun ghreim arain na thigh, na shìneadh air a bhadan chonnlaich, ’san t-eudach leapach tana, gann—gun fhurtachd aicesa ’tha freasdal dha r’a thoirt seachad ach balgam de dh-uisge ’n fhùarain, ’s gun fhocal ach “Dia bhi maille riut;” agus lom, bochd mar a tha e, tha Dia maille ris. Tha ’m preas r’a theine ach cha loisgear e. Tha “Aingeal a chùmhnaint” dlù, ’s mar sin tha sìth na anamsa, mar is teogha tha an lasair a cinntinn, is ann is mò a tha ’shòlais air am meudachadh. Am meadhon na dèuchainn, agus ri taobh na leapach, tha aon cosmhail ri Mac Dhé; agus ann an guth ciùin, binn, nach cluinn an saoghal, ag ràdh ris a chreidmheach—“Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu—an uair a dh’ imicheas thu troimh an teine cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort; oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’Fhearsaoraidh.”—Isa. xliii. 2, 3. Agus tha so a dùsgadh na freagairt; “’Se Dia tha’n so, beannaichte gu’n robh ainm.” Seasa’ sibhse mata daingean ann an slighibh an Tighearna do ghnàth.—Dlù-leanaibh ris-san aig gach àm. An sin bithidh esan dlù dhuibhse; agus amhuil a rinn a làthaireachd am preas a ghleidheil gun losgadh ’san fhàsaich, ni an làthaireachd cheudna sibhse ’dhìon, a ghleidheadh, agus a bheannachadh anns gach càs. T. [TD 10] III. A TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN. “Tilg t-aran air aghaidh nan uisgeachan, oir an déigh mhoran do làithibh gheibh thu e.”—Ecles. xi. 1. CIOD is ciall do’n earail so, agus do’n ghealladh a tha aguinn anns na briathraibh so? Le “aran” tha air a chiallachadh an so, sìol-arain; sìol a phòir as am bheil an t-aran air a dheanamh: tilg do shìol-arain air aghaidh nan uisgeachan. Agus ciod a tha so a’ ciallachadh? An cualas riamh tuathanach a’ cur sìl air a leithid so do dh’àite? Nach smuainichimid gu robh an tuathanach sin air a bhrèth-as, a chitheamaid a deanamh a leithid so—a’ sgapadh pòr priseil air aghaidh nan uisgeachan? Nach bu dìomhan duit sùil a bhi agad ri bàrr, no ri sguaban tròm a ghiùlan dhachaidh le gairdeachas? Ach na’m biomaide ’tàmh ’san Eiphit, dlùth do’n amhuinn mhòir, ainmeil sin, a’ Nile, a tha ag uisgeachadh na dùthcha sin, agus a cur toraidh ’san fhearann, thuigeamaid a’ chainnt a tha’n duine glic a cleachdadh. ’S an tìr thioram thartmhor sin, ’s ainmic idir a tha uisge tuiteam a’m frasan as na spéuran, mar anns an dùthaich againne: tha cinneas, fàs, agus tarbhachd ag éiridh bho na tuiltibh a tha tighinn an àm an earraich air an tìr bho’n amhuinn mhòir so tha ruith thairis air an dùthaich uile. Tha àm cur an t-sìl a’ tòiseachadh ’nuair tha faochadh a tighinn air an tuil—’n uair tha’n amhuinn a traoghadh, agus na h-uisgeachan a’ sìoladh air falbh: ach mu’n traoigh iad gu buileach, agus, fhad sa tha’n dùthaich fhathasd air a còmhdach leis na h-uisgeachan, tha’n tuathanach a dol a mach a chur an t-sìl,—tha’n sìol a tuiteam ’san làthaich, no anns a chlàbur a tha’n tuil a’ fàgail—tha e gu luath a grùnndachadh, agus a fàs,—tha fochunn a tighinn, ’s an dias bhuidhe reachdmhor abuich, agus an déigh mhoran làithibh tha’n tuathanach a faotainn an t-sìl a rìs, agus a giùlan dhachaidh na’ sguaba troma le gairdeachas. So aguinn seadh nàdurra nam briathraibh a labhair an searmonaiche glic bho cheann a nis ioma’ linn,—Faiceamaid a nis an seadh spioradail a dh’fhaodar a tharruing uatha. 1d àite. Faodaidh an creidmheach iomganach, fiamhaidh, iriosal, an cosmhalachd so a thuigsinn—iadsan a dh’fhiosraich faoineas an t-saoghail dhiomhain so—uamhas agus truaighe ’pheacaidh, ach a bhlais gu’r math agus gu’r milis Dia—a fhuair eòlas air a ghràs—aig am bheil taice an anama air Slànui’ear nam buadh—a tha deanamh spàirn chruaidh gu dol a stigh air an dorus chumhann, ’sa deanamh na h-uile dhìchioll chum an gairm ’san taghadh a dheanamh cinnteach; nach bi iomada ni nan rathad a tha dùsgadh an eagail? an saoghal buaireasach air an leth-a-muigh, ’s an cridhe cealgach peacach air an leth-a-stigh—a’ nàmhaid sheòlta, a’ nathair lùbach, charach, nimheil a ghnà’ ga’n tàladh ’s ga’ mealladh—fuigheal a pheacaidh a dlù-leanntuinn riu: O! ’s minic a [TD 11] tha iad an impis air géill a thoirt,—tha iad gu tric air bharail gu bheil e ceart co math dhoibh toirt thairis gu buileach,—gu tric mar tha iad air an glùinibh ann an ùrnuigh, ag asluchadh le dùrachd an anamaibh co-chomunn àrd spioradail a shealbhachadh ri Dia—tha’n comas-cainnte, mar gu’m b’eadh, ’g am fàil’neachadh—tha’n cridheachan fùar—tha néul duaichneach dorcha ’tighinn eadar iad ’s gathanna sòlasach na gréine sin a b’ àbhaist dearsadh air an anamaibh, ’s tha iad air am fàgail an dorchadas brònach,—tha iad a teachd a chum nan òrdui’ean do dh’àros Dhé mar a b’ àbhaist, ach a nis tha iad mar thobair anns nach eile boinne de dh’uisge thoirt beothachadh—sòlas cha’n ’eil a nis r’a fhaotainn—ni mò sìth, no subhachas: tha smuaintean faoin, saoghalta, peacach, a goid a stigh, a dheòin no dhain-deòin, nuair bu mhiann leo bhi air a’ bheinn maille ri Dia amhàin; tha’n duine truagh air éigneachadh gu éigheach a mach an doilghios anama, “O! ’s duine truagh mi, co shaoras mi ’o chumhachd a bhàis so! ’S diomhan, ’s diomhan domhsa gach saothair, ’s gach dìchioll!” Ach ged fhuair e na h-òrdui’ean mar thobair thioram gun uisge roimhe so, tha e ga’n taghal a rìs,—ged bhàsaich an ùrnuigh roimhe so air a bhilibh, tha e ’g ùrnuigh a rìs; ’s ged bhuadhaich a’ nàmhaid thairis air roimhe so, tha e rìs air a bhonnaibh gu cò’rag a chur ris as ùr: seadh, dorcha, mi-choltach, brònach ’s mar tha chùis, cha do chaill e uile-gu-léir a dhòchas, agus c’arson? Tha gealladh Dhé aige, “Tilg do shìol-arain air aghaidh nan uisgeachan; agus an déigh mòran de làithibh gheibh thu e.” O! an fhìrinn shòlasach! Gealladh an àigh! Thusa tha fo’ iomguinn, dean greim daingean air a ghealladh so—na caill do mhisneach; idir, idir na toir géill, ’s na tuit gu ea-dòchas. Tha iomada ni mì-chinnteach ’s an t-saoghal-sa, ach cha’n ’eil mì-chinnteas air bith ann an gealladh Dhé. Am bheil thus’ am barail nach eil Dia ’gabhail sùim do gach cnead bhrònach, agus osna mhuladach a tha ’g éiridh bh’uait? Cha’n ’eil uiread san déur a tuiteam bho d’ shùil gun fhios da—cha’n ’eil an osna ’s ìsle tha ’g éiridh a’ t-uchd nach eil a ruigheachd cluasa’ Iehobha Mhòir! Cha’n ’eil ceum sgìth tha thu gabhail nach eil ga d’ ghiùlan nis dlùithe agus nis dlùithe air ceann-crìche do thurais. Ach, theagamh, gu bheil an creid’each iomguinneach ag ràdh, “Cuin a bhitheas an gealladh so air a choi’lionadh?” Dean faighidin a dhuine—fòil bheag, agus tuigidh tu co firinneach ’sa tha Dia. Am bu mhiann leat an coran rìoghail fhaotainn gun an réis a ruith?—an fhois fhaotainn a tha feitheamh air luchd-muinntir an Tighearna, gun an turas sgìth a chrìochnachadh? Am b’ àill leat do sguaba trom’ a bhuain ’s an fhoghar’? ’Nis an t-àm gu cur. Thig àm an fhoghair, fuirich thusa ris—bi thusa dìleas gu bàs, agus mar buain thu do sguaba’ le gairdeachas ’s an t-saoghal so, buainidh tu iad le gairdeachas ’s an t-saoghal bheannuichte ta ri teachd Mothaich; tha’n duine glic ag ràdh, “an déigh mòran de làithibh.” ’S dòcha gu bheil iomada ceum sgìth, [TD 12] iomcheisteach, agad fhathast ri dhol trìd—ioma’ déur goirt ri shileadh—ioma’ deuchainn ri fhulang air an taobh so de’n uaigh; ach coma co-dhiu, ann an àm iomchuidh buainidh tu, mar fannaich thu, agus ’s e’n t-àm iomchuidh àm Dhé. Gabh, mata, air t-aghaidh a chreid’ich—dean thusa do dhìchioll ’s earb a chùis ri Dia; ’s ged’ a tha thu, mar gu’m b’ ann, a cur an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, bithidh agad fhathast Deirea’-bhuan shòlasach. “Iadsan a chuir gu deurach sìol, Gu subhach ni iad buain: An neach gu cur a thig a mach, Le sìol ro phrìseil caoin, Air bhi dha gul gu muladach, Ga ghiùlan sud gu fonn, Le aiteas pillidh e gu dearbh, A’ giùlan sguaban trom.”—Salm cxxvi. 5, 6. Tha ministeir an t-soisgeil a faotainn cula-mhisnich ’o’n ghealladh so,—’s tuathanach esan a tha air a chur a mach a chur sìl,—aran prìseil na beatha maireannaich. ’S coltach esan da-rìreamh ri neach a tha sgapadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan: tha e gu tric mar neach a tha saoithreachadh an diomhanas; tha mòran de’n t-sìol mhath a ta air a chur, mar gu’m biodh e air a shaltairt fo chasaibh—mòran dheth air a thogail air falbh le eunlaith an adhair. Tha cuid a’ tuiteam mar air na creaga’ cruaidh—tha e, fo dhìobhail misnich, a togail gearain an fhàidh Isaiah, “Cò ’chreid ar teachdaireachd, agus cò do’n robh gàirdean an Tighearn’ air fhoillseachadh?” An urrainn do mhinistir dìleas gun bhi fo eagal, agus fo iomguinn mhòir? Tha e cur an t-sìl mhath, ach tha luibhean fiadhaich a cinntinn ’na mheasg,—tha iomada, iomada aobhar cùraim ’us eagail aige,—cha’n ’eil an obair naomh, ar leis, a cinneachadh, no soirbheachadh na laimh—cha léir dha toradh a shaoithreach—“Cò,” ars’ esan, “a tha comasach airson na nithe so?” Cha’n fhiosrach e gu bheil cinneas do’n t-sìol a tha e ’cur—cha léir dha am fochunn, no an dias—bu mhiann leis luidhe sìos—a làmhan a phasgadh an éu-dòchas: tha e tilgeadh an t-sìl mar an druim a chuain, cha’n ’eil fhios aige ciod a ni e; ach ’nuair tha e mar so an impis toirt thairis, tha guth Dhé ga ruigheachd, ag ràdh, “Tilg thusa do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh ghéibh thu e.” O! Gealladh an àigh! Cliu do Dhia air a shon. Tha e gabhail misnich—tha e ’g ath-ùrachadh gach saothair—tha e cuimhneachadh gur h-e ’dhleasnas-san an sìol a chur—am fonn àiteachadh mar is fearr is urrainn d’a, agus earbsa chur an Dia,—tha e toirt fainear gu faod Pòl suidheachadh, agus Apollus uisgeachadh, ach gur h-e Dia amhàin ’s urrainn toirt air an t-sìol fàs: ’nuair is muladaiche, iomguinniche ta e, tha e cuimhneachadh a gheallaidh a tha ’g ràdh, “An déigh mhòran laithibh ghéibh thu rìs e:” agus tha e smuaineachadh, an déigh [TD 13] do’n fhòid a bhi air a chàradh thairis air, ’s a chorp fo lic,—an déigh do’n t-saoghal a dhì-chuimhneachadh, ’s a theanga balbh, tosdach ’s an ùir, theagamh gu faod gu’m bi peacach bochd allabanach, a rinn tàir fad ioma’ latha air an t-sìol, air a dhùsgadh le cuimhne nam briathran a labhair e bho cheann iomada bliadhna. Ged nach d’ fhàs an sìol fad iomada bliadhna, cha do chaochail e; agus am ministir sin a chaidh sìos do’n uaigh le cridhe brònach, fo bharail gu’ robh e féin a saoithreachadh an dìomhan, coinnichidh cuid dhiu’ so e as na chaill e ’dhòchas—coinnichidh iad e ’s an t-saoghal eile,—cuiridh iad fàilte shòlasach air mar an tì bha air a bheannachadh le Dia chum an dùsgadh—an toirt a chum Chriosd, agus, fa-dheòigh, chum glòire; agus bithidh iad mar choran glòir’ agus gairdicheis d’a anam ann an rìoghachd nam flath,—thilg esan an sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh fhuair e rìs e. 2ra. A rìs,—Nach iomadh athair agus màthair a fhuair dearbhadh sòlasach air fìrinn a gheallaidh so, thaobh mic agus nigheana, m’ an do chaill iad car tamuill dòchas? A’ measg gach deuchuinn is urrainn teachd an caramh a’ chreid’ich ’s an t-saoghal-sa, cha’n ’eil a h-aon is truime, agus is deuchuinniche na mac, no nighean fhaicinn a siubhal air slighe shleomhainn a pheacaidh—air an toirt thairis do ghòraich’, agus do ain-diadhachd; agus, O! ’s iomada athair, agus màthair, a tha’n deuchainn uamhasach so ’toirt le ’n cinn liath fo bhròn a dh’ ionnsuidh na h-ùrach! Rinn iad so an dìchioll—thog, agus dh’àraich ’s iad iad ann an eagal an Tighearna—dh’oileinich siad iad ann an eòlas Dhé, agus an t-Slànui’eir—dh’oi’rpich iad eisimpleir chneasda, dhiadhaidh, agus chreideal a chur m’ an coinneamh—choisrig siad iad do Dhia—ghiùlan iad air an cridheachan ann an ùrnuigh iad; ach chaidh a chùis uile nan aghaidh; bhris iad an cridheachan, ’s le ’n osnaich-bàis, dh’earb siad iad ri Dia. Chaidh iad gu bàs an dùil gu robh a h-uile dìchioll agus saothair a chleachd iad gun stà—gu’n do thilg iad an sìol air aghaidh a’ chuain, agus a chaoidh nach faigheadh iad air ais a’ bheag no mhòr dheth: ach ma dh’ fhaoidte gur h-ann aig uaigh an Athar, no a’ giùlan ceann na Màthar do’n chìll a thig am briathraibh, ’s an comhairlean dhachaidh chum an cuimhne, ’s mar tha iad ag eisdeachd fuaim na h-ùrach a tuiteam air na clàraibh dubha—a chiste chaol chumhann anns am bheil corp an aoin nach maireann, ma’ dh’fhaoidte gur h-ann an sin a dh’fhosglas Spiorad Dhé tobair nan déur ’s an t-sùil, ma’ dh’fhaoidte gur h-ann a’ sin a dhéireas a chiad ghlaodh gu neamh, “O! Dhia thoir maitheanas dhomh,—” ma’ dh’ fhaoidte gur h-ann a’ sin a dh’fhairichear a chiad deadh rùn, ’s a nìtear ’s an anam a chiad ghealladh do Dhia; agus air maduinn na h-aiséiridh, theagamh, gur h-i ’chiad chainnt a chluinneas an t-athair, no a mhàthair, fàilte shòlasach an leinibh mic mu’n do chaill iad an dòchas, le dealas diadhaidh àrd a toirt glòir do Dhia gu robh an leithide sin de phàrantan aige ’thug achasan agus fòghlum, agus comhairlean, agus geall- [TD 14] anna-dòchais—a ghuidh air a shon le dùrachd nach d’fhàilnich, ’s le gaol nach d’fhàs fuar,—’Nis—nis tha dearbhadh follaiseach aig an athair ghràdhach, ’s aig a’ mhàthair chaoimh gu’r fìrinneach gealladh Dhé, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh ghéibh thu rìs e.” A phàranta do’n tug Dia clann, thugaibh so fainear: na tuga’ sibhse géill a thaobh ’ur mic, no ’ur nighinn, fhad ’sa tha’n deò annta; ged dh’fhàisg, ’s ged sgàin iad ’ur cridhe na toga’ sibhse d’ ar dleasnas féin, saoithrichibh an aghaidh dòchais—deana’ sibhse ’ur dìchioll, agus earbaibh a chùis ri Dia: fhad ’sa tha iad fo’n aon fhàrdaich leibh, labhraibh gu ciùin gràdhach riu mu Dhia, agus mu’n t-Slanui’ear ghlòrmhor,—teagaisgibh dhoibh ùrnuigh ’dheanamh, cluinneadh iad ùrnuigh ’uaibh. ’Nuair dh’fhàgas iad an tigh ’s an d’ fhuair iad an àrach òg, ’s a ghabhas iad an saoghal mòr fo’n ceann, leanamh iad le’r litriche gràdhach—le’r n’ ùrnuigh dhùrachdaich; guidhibh air Dia an stiuireadh, ’s an treòrachadh ’s an t-slighe cheart, agus ma tha sibh a mothachadh ’ur crìche ’dlùthachadh cuiribh fios orra, ’chum le’r briathra’ bàis gu’n earailich sibh iad; ’s mar urrainn dhoibh teachd g’ar n’ amharc, fàgaibh fios aca gu bheil dùil agaibh an coinneachadh ann an neamh, àite do nach urrainn ni ta neòghlan no mì-naomha teachd; agus ma ni sibh so gu tràthail, ann an earbs’ á comhnadh an Spioraid Naoimh, bithidh aobhar dòchais agaibh gu faigh sibh saibhireachd ghlòrmhor agus firinn a gheallaidh so—“Tilgibh ’ur sìol a’ nis air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh ìomada latha gheibh sibh a rìs e.” Aon uair eile—Tha cula-mhisnich mhòr againn anns a ghealladh so, ’chum buanachadh ann an seirc, ’s an trùacantas—’chum gnìomharra cathranais, agus fiallaidheachd—’chum iochd agus gràdh altrum ’n ar cridheachan. Tha cùnntas mion neo-mhearachdach air a chumail ann an leabhar-cuimhne Dhé, air na h-uile nithe ’rinneadh rìamh, no ’dhùraiceadh a dheanamh, airson glòir Dhé, agus math a chinne-daona. Feudaidh an creid’each fiallai’, gràdhach, a smuaineachadh air uairibh gu bheil e ’tilgeadh air falbh a chaoimhneis, ’sa sheirc, dìreach mar gu ’m b’ eadh, a’ sgapadh an t-sìl-chura air aghaidh nan uisgeachan; ach tha focal Dhé ag ràdh, nach tug rìamh deoch de dh’ uisge an fhuarain, do aon de dheisciobuil Chriosd, ann an ainm deisciobuil, nach d’ fhuair a dhuais. Cha ’n ’eil dìchioll a rinn an duine math riamh—cha ’n ’eil gnìomh creid’easach, seirceil, a rinn e riamh air a dhì-chuimhneachadh le Dia: seadh, cuid de na nithe a dhì-chuimhnich e féin—nithe ’bha cho suarrach ’s nach b’ urrainn da ’chreidsinn gu’ n gabhadh Dia aire, no suim dhiu’, tha iad air an cur sìos an leabhar cuimhne Dhé. Tha na nithe so príseil a’m beachd an Tighearna. Ma ’s ann air son an dìlleachdain laig, gun athair gun mhàthair—a bhàntrach thruagh—an coigreach brònach—an t-allabanach gun dachai’ gun leaba—déirceach na lùirich bhochd; mu rinn sinn gnìomh gràidh riu so, tha Criosd ga chunntas mar gu’n deanta ris féin e: chitear, [TD 15] ge d’ a shaoil sinne gu’n do thilg sinn ar sìol air aghaidh nan uisgeachan, ’s nach robh e coltach gu faigheamaid a rìs e—chitear gu faigh, air an latha sin air an can am Breitheamh glòrmhor, “Thigibh, sibhse a mhuinntir bheannuichte m’ Atharsa; a mheud ’s gu’n d’ rinn sibh e do aon de na bràithribh is lugha agamsa, rinn sibh dhomhs’ e.” Agus ma tha so mar so do thaobh caoimhneis aimsireil do’n cholainn, cia mò gu mòr a tha e fìor a thaobh caoimhneis, agus seirc Spioradail do ’n anam? Sin an sìol prìseil d’ an tig na sguaban tròm a stigh do shaibhlean Dhé! Thugaibh fainear Teachdairean an t-shoisgeil a’ dol a mach gu cearnaibh iomallach an domhain, a chur sìl prìseil na fìrinn a’ measg nan cinneach borba. Tha e dol a mach gu dubhach, déurach, le iomgainn, ’s le eagal, a’ tilgeadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, agus fhad ’s as urrainn dhasan léirsin, cha ’n ’eil cinneas no fàs; ach a dhaindeòin so, tha e ’cur ’sa ’g àiteach—tha e saoithreachadh ann an creidimh, agus ag earbsa cinneas an t-sìl ri Dia—na thrà’ féin ’s dòcha gu bheil e ’faicinn toradh a shaoithreach, ach ged nach ’eil, cha’n’eil so a cur smuairein air—tha làn chìnnt’ aige, oir thuirt Dia e, “Cha phill focal Dhé ’théid a mach as a bhéul, cha phill e gun tairbhe, ach coi’-lionaidh e a’ nì is àill leisan, agus bheir e gu buil a’ nì mu ’n do chuir Dia ’mach e.” Sibhse, ’chiad luchd-searmonaiche Chriosd a sheas rìamh air cladach ar dùcha,—sibhse, dhaoine dùrachdach, eudmhor, a thainig d’ ar tìr leis an t-sìol luachmhor—a chuir dòrlach sìl air mullach na’m beann, ’s ann duibhse ’choi’lionadh an gealladh so gu saibhir, a’s gu pailt!—Thusa ’Chaluim-Chille na ’m buadh, a thainig ann a d’ churach beag, le d’ dhà chompanach dhéug, a nall á Eirinn, gu eilean beag uaigneach Ii, ciod a choinnich thu, na chunna’ tu ann an Albuinn? An tìr uile fo chumhachd nan Drui’—saobh-chràbhadh co eagallach, co uamhasach ’sa b’ urrainn a bhi—an Roinn-Eòrpa ’s gach cearnn dhi aca fo dhaorsa—luchd saobh-chreidimh co seòlta, chumhachdach, innleachdach, ’s air am bheil eachdrai’ a toirt duinn cunntais. ’Bheil tìr mòr na eilean iomallach, anns nach ’eil fhathast clachan-nan-Drùineach, na h-àltaire air an robh iad a’ tairgse ’suas an ìobairtean eagallach do’n ghréin? Am bheil àite no cearn ’s an tìr, anns nach faighear fhathast na cùirn air an robh iad a’ lasadh an teine—Beultain? Ma ’s ann an h-Irta nan ian fionn, tha cnochd de ’n t-seòrsa ’s càrn ann. Cha robh Rìgh no ceann-feadhna—cha robh àrd no ìsiol, eadar dà chloich Bhreatuinn, nach robh aig an àrd-Dhrui fo dhaorsa:—Ach thainig Callum-Cille ’sa chàirdean—thoisich iad air cur an t-sìl—b’e sin da-rìreamh ’bhi ga thilgeadh air aghaidh nan uisgeachan, ach air Cnoc-nan-aingeal, dh’iarr e comhna’ Dhé, agus fhuair. Chuir e ’n sìol le déuraibh, ach ’na latha féin, bhuain e le gairdeachas—chunnaic e creidimh nan Draoi’neach air a thilgeadh bun os ceann. Chunnaic e Rìghrean na Roinn-Eòrpa ’gabhail ri Criosd—ag iarraidh an cuirp a chàradh ann an ùir an Eilean- [TD 16] naomha—thog e na ciadan Eaglais na lathaibh féin, ’s na lìnn—thilg e ’n sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an ,deigh mòran làithibh fhuair e rìs e. A’ mach á Ii, chaidh soisgeul nan gràs, agus co an diugh is urrainn àireamh, na mìltean, agus na deich uairean deich mìltean anam, a ghineadh ’uathasan a bha air an dùsgadh, ’s air an iompachadh leis an aon duine so? Agus mar so, gach searmonaiche ’chaidh a mach air feadh an t-shaoghail anns gach lìnn, a thilgeadh an t-sìl arain air aghaidh nan uisgeachan, cha bhi—gu deimhin, deimhin cha bhi ’n saothair an diomhan. Ciod a tha thusa ’tha ga leughadh so a’ deanamh ’chum sìol prìseil an t-soisgeil a sgapadh air feadh an t-saoghail? ’Bheil thu ’g ràdh, “Ciod is urra’ dhomhsa ’dheanamh?”—Cha ’n aithne dhomhsa, ach ’s aithne do Dhia, ciod e uiread ’sa tha thu ’caitheamh ann a’ faoineis, an deoch ’san rìomhadh, ’san uaill gun stà’? cuir ma choinneamh so na tha thu deanamh, ’sa cosd airson glòir Dhé, agus math spiriodail a chinne-daona, agus gabh nàire! Am bheil thu ’feoraich ciod is urra dhuit a dheanamh—tha thu bochd? Theagamh gu bheil,—bha Bhàntrach bochd a thilg an dara h-earrann-déug de ’n sgillinn ’san ionmhas, chliuthaich Criosd i, oir thug i na bha na comas: mar ’eil airgiod agadsa, nach ’eil cridhe agad? Nach ’eil teang’ agad? Nach ’eil glùn agad? Guidh air Dia—guidh gu dùrachdach air, gu ’n cuireadh esan a mach luchd-cur-an-t-sìl—gu ’n soirbhicheadh e leò, ’s gu ’n greasadh e féin an latha glòrmhor anns am bi a ghealladh féin air a choi’-lionadh:— “Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhuit, Na fineacha gu léir; ’S mar sheilbh ro dhìleas bheir mi dhuit, Fad iomal crìch gach tìr,” Amen. T. IV. EACHDRAIDH SPIORADAIL NAN IUDHACH. A CHEUD EARRANN. CHA’N’eil eachdraidh againn air fine, no sluagh a bhà, no tha air aghaidh an t-shaoghail co iongantach, agus feudaidh sinn a ràdh co miorbhuileach, agus air a h-uile doigh co mor an airidh air a rannsachadh leinn, ri eachdraidh nan Iudhach—pobull taghta Dhé. Mar shluagh cha’n ’eil aon eile ann co iomraiteach, co comharraichte, agus co sonruichte riu. Tha tùs, agus òg-mhaduinn riòghachdan eile air an folach uainn. Tha dubhar, agus dorchadas tiugh thairis orra. Tha e doirbh fiosrachadh poncail, no eòlas cinnteach, fhaotuinn mu’n deighinn. Ma theid sinn air ar n’ais ann an eachdruidh Bhreatuinn fad dà mhìle bliadhna ciod a tha r’a fhoghlum mu thimchioll na tìr’ anns am feudar earbs’ air bith a chàradh? Spleadhruich, agus sgeulachdan faoin gun bhunnchar, gun bhrìgh. Sgrìobhadh eachdraidh gach riogh- [TD 17] achd eile le daoine buailteach do mhearachdan; ach eachdraidh nan Iudhach tha i air a cur a sìos le peann nach deachaidh, ’s nach teid am mearachd: oir tha i air a deachdadh le Spiorad Dhé. Tha moran de dh’uaill sìnnsireachd am measg dhaoine. Ach ciod a deir sibh mu thimchioll sìnnsireachd nan Iudhach? Ann an coimeas riusan tha gach fine, agus teaghlach mar dhaoin ùr’ a thog an cinn bho cheann làth no dhà: ach ann an rannsachadh sìnnsireachd an t-shluaigh so c’àit’ an stad sinn? ’S’eiginn, dhuinn dol air ar n’ ais gu laithibh Therah a bha dlù do laithibh Sheim Mhic Noah, athair an t-shaoghail a chaomhnadh bho’n tuil. ’Se a cheud ni a tha comharrachadh amach nan Iudhach bho gach sluagh eile gu’n do thagh Dia iad amach bho mhuinntir an t-shaoghail uile gu bhi na’m pobull dha féin—gu’n d’ rinn se e féin aithnichte dhoibh mar an t-Aon Dia Beò Fìor—mar Iehobhah glòrmhor a chruthaich gach nì, agus a tha le cùram athaireil a faireadh thairis air gach ní do’n d’ thug e bith air tùs. Dh’earb esan ris an t-sluagh so an creideamh spioradail fìor, an uair a bha rioghachdan an t-shaoghail uile ach iad féin amhàin ann an tiugh dhorchadas, agus ann an tur aineolas. Bha muinntir an domhain uile ach iadsan nan luchd iodhol-aoraidh. Chaidh iad uile mar chaoraich air seacharan, agus chaill iad eòlas airsan a thubhairt, “Biodh Solus ann,” agus bha e ann air iarrtas. Ach thoilich Dia iadsan a chur air leth mar sholus ’s an dorchadas mhòr. Chuir e an ceill dhoibh a thoil. Thug e dhoibh a lagh. Dh’àithn’ e dhoibh ionad-comhnuidh a dheanamh dha féin anns an robh iad ri aoradh a thairgsinn dha; agus chuir se e féin air an ceann mar am fear-iùil, mar an Righ, agus mar an Dia. Is maith a dh’fheudadhmaid da rìreadh a ràdh “Co an cinneach co mor aig am bheil Dia am fagus doibh mar a tha ’n Tighearna ar Dia aguinne ’s na h-uile nithibh airson am bheil sinn a gairm air?” Tha fineachan, agus rioghachdan eile ainmeil ann an eachdraidh an t-shaoghail airson lìonmhoireachd an sluaigh, agus farsuinngeachd an crìoch—feadhain airson an saibhreis, agus an tréudan, am malairt, agus an cumhachd—feadhain airson an curantachd, agus an gaisge ann an iomairt arm. Ach ’s e cliù Israeil gur iadsan am Pobull ris an d’earb Dia gu moch eòlas na fìrinn—a thagh e dha féin mar chuspairean sonruichte a ghràidh,—a dhìon ’s a theasairg e car iomad linn le deas laimh a chumhachd, agus airson an d’oibrich e mìorbhuilean moralach—gur e so am pobull bho’n d’thaìnig anuas do’r n’ ionnsuidhne air tùs gach fíor chreidimh a tha air aghaidh an t-shaoghail. Is ann n’am measgsan a thoisich camhannaich an latha ghlormhoir sin a tha nis a dealradh oirnn an àirde a mheadhoin làth. Is ann uapasan a fhuair sinne briathran prìseil fìrinn Dhé; agus nam measg bha na daoine anns am bu shoilleire ’n robh cumhachd na fìrinn so r’a faicinn, na daoine a b’fhearr a’s bu chliutaiche bha riamh air [TD 18] an t-shaoghal, agus air nach robh an saoghal airidh. B’ ann diu’ Abraham, Isaac, Iacob, Maois, Iosua, agus Salmaire binn Israeil; ach gu h-àraidh ’s ann doibhsan a ghealladh air tùs am Mesìah. ’S ann dhiùsan a thaobh na feola a thainig e—eadhoin Iosa Criosd Slànuighfhear, agus Fear saoraidh an t-shaoghail—neach is e “Dia thar na’n uile beannaichte gu siorruidh.”—Agus d’a réir so is ann as am measgsan a ghairm esan Abstolan taghta agus gràdhach fein, a bha ri ainm san a dheanadh aithnichte do na fineachan—ri sgeul ait na slàinte a shearmonachadh do gach dùil a tòiseachduinn aig Ierusalem. So iadsan a bha air an sonrachadh gu daoine sdiùradh a chum tobar na beatha as an òl na’m mìltean agus mìltean gun àireamh re linntibh buan na siorruidheachd. Co mata is urrainn a chur an céill a chomain fo’m bheil sinne do’n t-shluagh a ghleidh co tearuinte an t-ionmhas prìseil a dh’earb Dia riu, agus gu h-àraidh do Dhia a chuir na ’n cridheachean an cùram airson an ionmhais so—ionmhas ris nach feudar ni air bith air uachdar an t-shaoghail a choimeas car tiota!—Ionmhas na firinn a ghleidheadh car nam milte bliadhna ’s a tha ’n diugh co luachmhor thaitneach ’sa bha e riamh. Buidheachas do Dhia, ciod air bith atharrachadh a thainig air an t-shaoghal gu’n d’ thainig fìrinn an fhocail anuas gun atharrachadh, gun truailleadh. Tha i aguinn ann an cainnt àird bhuadhmhoir reachdmhoir Esaiais—ann an Tuireadh brònach drùighteach Ieremiah—ann an oirdheirceas mhaisich Eseciel—ann an eireachdas chuirteil Dhàniel—ann an doimhne gliocais Sholaimh—gun tighinn air Hosea snasmhor blasda ’s na Fàidhean eile a bha uile air an teagasg le Spiorad Dhé. Ged nach tigeadh anuas do’r n’ ionnsuidh ach Sailm Dhàibhidh amhàin bhiodh ar comain ’s ar n’ aobhar taing ro mhòr. Tha iad so an diugh air an seinn ’s gach eaglais Chrìosduidh air feadh an t-shaoghail le cridheachan co fonnmhor, ’s le ceilearan co bhinn ’s a bha iad bho cheann mìle bliadhna. Air an deachdadh leisan a tha eòlach air cridhe an duine, agus do’m bheil gach nì a tha, no a bhitheas o linn, gu linn aithnichte; tha iad freagarrach do staid cridhe an duine ciod air bith an cor anns an urrainn e, a’m Freasdal Dhé a bhi air a chàradh. Ciod na leabhraichean eile a dh’fheudar a choimeas ris na leabhraichean naomha so? Na nithean is taitniche a sgrìobhadh riamh le daoine léugh iad uair, a’s uair; agus caillidh iad am blas. Tha iad mar bhlàithean an t-shaoghail so a searg ann a’d làimh, agus gu grad a call am faìle, ’s an aìlleachd. Ach tha iad so mar bhlaìthean Fhlaitheanais. Tha iad ùror àillidh do ghnàth. Mar is faide tha thu ga’n laimhsicheadh ’s ann is ciataiche, agus is taitniche tha iad a cinntinn. Mar is mò a bhlaisear de’m mìlseachd is ann is mò dh’iarrar dhiu’. “Tha iad ni’s milse no’mhil—no’mhil anns na cìribh-meala.” A rithis feoraichidh sinn a cheist co is urrainn innseadh a chomain fo’m bheil sinn, fo laimh Dhé, do na h-Iudhaich? Nach mòr a tha e [TD 19] mar fhiachaibh oirnne an eachdraidh a rannsachadh, agus nach feum e bhi araon taitneach, agus tarbhach dhuinn beachdachadh air an doigh anns an do choilionadh gach fàistneachd; gach gealladh, agus gach bagradh a labhair Dia do’n taobh. Tha iad an diugh nam miorbhuil shoilleir agus sheasmhaich a togail fianuis air firinn focail Dhé; agus cha’n ’eil e comasach dhuinne am Biobull a làn thuigsinn gun eòlas a bhi aguinn air an cor ’s air an gnàthachadh-san an uair a thugadh na geallaidhean dhoibh, no a labhradh na bagraidhean na’n aghaidh—gun sealladh a ghabhail air an staid an uair a shealbhaich iad beannachd nan geallaidhean mòr agus luachmhor, no an uair a dh’fhulaing iad gu goirt mar a tha iad a fulang aig an àm fo dhortadh orra cupan feirge na’m bagraidhean. Tha an eachdraidh iongantach innte féin. Tha i na mìneachadh air focal Dhé. Tha i féumail gu tuigse a thoirt dhuinn air moran de’n Tiomnadh Nuadh; oir bha na h-òrduighean a thugadh dhoibhsan nan, “sgàile air nithibh maith a bha ri teachd,”—bha am pàilliunnsan na “shamhladh air an fhior ionad naomh.” Tha n’ eachdraidh feumail gu fairbhean, agus faicill a thoirt dhuinne a thaobh iomad cunnart, agus ceap-tuislidh a tha fa’r comhair ann am fàsach an t-shaoghail so, gu misneach a thoirt dhuinn dol air ar n’ aghaidh ri uchd gach cruadail ag earbs á Dia do ghnàth. Agus chaidh an eachdraidh a sgrìobhadh airson ar teagaisgne.—1 Cor. x. Theid sinn air ar n’ adhart mata bho àireamh gu àireamh a thoirt do’r luchd-leughaidh earrann de’n eachdruidh so a thainig anuas troimh a liutha linn air arson, agus tha sinn an dòchas gu’n tarruing iad an dà chuid gliocas, agus toilintinn uaipe. T. V. CUNNTAS ATH-GHOIRID AIR NA MEADHONAN SONRUICHTE A THA EAGLAIS NA H-ALBA A CLEACHDADH GU MAITH SPIORADAIL AR DUTHCHA FEIN AGUS RIOGHACHDAN CEIN A CHUR AIR AGHAIDH. RE mòran ùine bha Eaglaisean Chriosd ’san Roinn-Eòrpa gu léir, ro dhearmadach mu’n dleasnas a thaobh craobh-sgaoilidh a shoisgeil-san air feadh an t-shaoghail. Thainig clò-codail, agus sùain orr’ uile: agus cha robh iad a deanamh nìth air bith a b’ fhiù ainmeachadh airson eòlas na slàinte a thabhairt do na cinnich. A nis bu mhiannach leinn ar luchd-lèughaidh a thabhairt fainear gu’m bheil e na dhleasnas cudthromach, agus sònruichte do gach Eaglais—do gach creidmheach fa leith—gach nìth a tha na chomas a dheanamh, gu eòlas air Criosd a thabhairt dhoibhsan uile a tha aineolach air. ’Se àithne fein do’ dheisciobuill, “Searmonaichibh an soisgeul do gach dùil”—’se a thoil ghràsmhor-san gu’n tigeadh na h-uile a chum eolas na fìrinn, ’s gu’m bitheadh iad mar-so air an tearnadh.—Ach cò a tha ris an obair bheannaichte so a ghabhail os laimh? Cò a tha ris an t-shoisgeul a shearmonachadh, [TD 20] agus mar so ris na peacaich a sdiùradh gu tearuinteachd agus gu sìth? Cha’n iad ainglean nèimh: oir is ann ri luchd-àitichidh na talmhainn a dh’earb e fein a chùis. Cò mata na’ m measgsan a theid a mach na ainm—a liubhras a theachdaireachd, agus a thagras air a shon? Gu cinnteach cha’n e daoine saoghalta, agus aingidh; oir tha iad so fuathach airsan, agus air aobhar. Tha iad so a deanamh tàir air slainte shìorruidh. Ma tha ’n obair ri ’deanamh mata, ’s ann le luchd-leanmhuinn, agus le càirdean Chriosd—le creidmhich—le daoine diadhaidh, a dh’fheumas i bhi air a deanamh. Ach their moran, “cha’n urrainn dòmhsa searmonachadh—cha’n urrainn dòmhsa dol amach a chum nan cinneach, no maith a dheanamh na’m measg ged a rachainn ann. Mar so cha’n ’eil an àithne so air a labhairt riumsa. Buinidh e do Mhinistirean ’s do dhaoine fòghluimte aire ’thoirt dhi; ach cha’n agrar mise airson a dearmaid.” Tha moran a labhairt mar so, agus a diùltadh nìth air bith a dheanamh airson aobhair Chriosd feadh an t-shaoghail. Ach thugamaid an aire dha so—ged nach urrainn dhuibh fein searmonachadh, is urrainn dhuibh moran a dheanamh gu searmonachadh an t-shoisgeil a chur air aghaidh: agus cha’n ann ri ministeirean a mhàin a tha àithne Chriosd air a labhairt—cha b’iad Aholiab agus Besaleel nan ònrachd air an d’ iarradh cuideachadh a dheanamh ann am pailliun an Tighearna ùllachadh ’san fhàsaich—cha b’ iad clachairean, agus luchd-togail a mhàin, a chuir a suas an Teampull air beinn Shìoin. Ghairmeadh air sluagh Israeil uile còmhnadh a dheanamh anns na nithibh mòr, agus naomha so, agus rinn iad còmhnadh—gach aon a réir na h-ealain, ’sa réir a chomais a thugadh dha le Dia. A nis mar so sinne—cha’n urrainn dhuinn uile searmonachadh; ach ’s urrainn dhuinn a thoirt seachad d ’ar teachdantìr na bheathaicheas an searmonaiche ’n uair a tha esan ga thoirt féin a suas gu h-iomlan do “mhinistreileachd na rèite.” ’S urrainn dhuinn a thoirt seachad d’ ar maoin na chuireas leabhar na Fìrinn agus na Beatha, do ’n ionnsaidhsan a tha dol am mugha a dhìbheil eòlais. Agus ged nach biodh an “dà fheòirling” féin agad, is urrainn dhuit gu cinnteach so a dheanamh—do ghlùn a lùbadh an lathair Dhé—do chridhe a thogail ri Dia, agus ùrnuigh a dheanamh gu’n cuireadh Dia a mach a sholus maille r’a fhìrinn bho neamh, a chum ’s gu’m bitheadh a shlighean air an deanamh aithnichte air thalamh, agus a shlainte do na h-uile chinnich—Is urrainn duit guidhidh gu’n robh e a soirbheachadh le teachdairean an t-shoisgeil ’o gach cearna. Is urrainn dhuit a rèir àithne fein a ghuidheadh, gu’n robh esan—Tighearn’ an fhoghairidh—a’ meudachadh àireamh an luchd-oibre. ’S urrainn dhuit a ghealladh fein a thagradh, a tha ’g ràdh, “Iarr, agus bheir mi dhuit na cinnich mar oighreachd, agus na h-Eileanan mar sheilbh”—agus gu cinnteach cha’n e ùrnuigh dhùrachdach airson rìoghachd Chriosd, agus slainte anama, an dleasnas is lugha a tha mar fhiachaibh air gach creidmheach. Theireamaid mata ma ’s urrainn dhuit nìth air bith a dheanamh gu a thoilsan a chur [TD 21] air aghaidh, gu’r e do dhleasnas so a dheanamh. ’Se a thoilsan gu ’m bitheadh soisgeul na rìoghachd, air a dheanamh aithnichte, bho éiridh gu dol fodha gréine. Faodaidh tusa le do mhaoin, le do chomhairle, no le d’ ùrnuigh, ciod air bith do chor, cuideachadh leis an aobhar so; agus ma tha thu a diùltadh, no ’dearmad an nìth so, tha thu eas-umhal do àithne san—tha thu a cur an aghaidh an aobhair mhòir airson an d’ fhuiling e am bàs air Calbhari, airson am bheil e nis a tagradh air neamh—an nìth anns am bheil e a “faicinn de shaothair anama, agus a deanamh gairdeachais.” Tionndaidh sinn aire ar léughadairean fathasd a chum an dleasnais ’sa chuis so. Ach aig an àm rachamaid air ar n’ aghaidh a thoirt cunntais dhoibh mu na h-oidhirpean a thug Eaglais na h-Alba, ’sa tha i a toirt, air toil Chriosd a choi-lionadh ’san nith so. Bha ise air dheireadh air mòran eaglaisean eile ann an dùsgadh ’san aobhar so. Ach fadheòidh, an uair a thainig amanan ùrachaidh oirrese mar an cèudna, dheasaich ise a lòchran mar chàch, agus chaidh i a mach a thoirt soluis iongantaich an t-shoisgeil dhoibhsan a bha ann an dorchadas ’s fo dhubhradh a bhàis. Bho cheann corr agus fichead bliadhna (1825), thugadh cor truagh na h-Aird-an-Ear fa chomhair Aird-sheanaidh na h-Eaglais, le duine urramach, agus cliùtach, Dr. Inglis. Spàrr e orra gu cumhachdach, agus gu dùrachdach cia iomchuidh ’sa bha e, ministirean, agus luchd-teagaisg a chur a dh’ionnsuidh nan daoine truagh a bha ’n sin a lùbadh an glùn do dh-ìodhalaibh balbh, agus nan tràillean do dh’anamiannaibh gràineil. Dh’eisd iad ris le mòr aire—dh’aidich gach aon gu’n robh iad tuille a’s fada dearmadach air na cùisean so; agus ghrad chuir iad air leith buidheann de Mhinistirean ’s de Fhoirfich, gu luchd searmonachaidh iomchuidh a thaghadh airson na cearna sin de na h-Innsibh a tha fo smachd Bhreatuinn—gu airgead a chruinneachadh airson an gleidheil a suas—gus gach riaghailt iomchuidh, agus fheumail a dheanamh mu’n ghnothach chudthromach so. Chuireadh an Dr. Inglis féin mar cheannard air a bhuidhinn, no air a chomunn so. Thagh iad daoine éudmhor, agus diadhaidh, a bha ullamh gus an dùthaich, agus an cairdean féin—gu eadhoin na h-uile nithe a thréigsinn air sgàth Chriosd. Chuireadh iad so do na h-Innsibh, fo sdiuradh ’s fo thearmunn ar n’ Eaglais; agus bheannaich an Tighearna an saothair gu mor. Thainig iomad deuchainn agus cruaidh-chàs, an caramh ar n’ Eaglais a thaobh an nìth so bho na ghabh i os laimh e air tùs. Ach an déigh sin gu léir, tha aice an diugh anns na h-Innsibh’ n Ear, a cheart urrad de luchd-obair, treibhdhireach agus diadhaidh, ’sa bha aice aig àm air bith de ’h-eachdraidh. Air a cheart là ’san do ghabh an t-Ard-sheanadh an obair mhòr so os laimh—latha nach dì-chuimhnichear an Eaglais na h-Alba—thugadh cor na Gaedhealtachd fa’n comhair, le dà charaid do’n dùthaich sin, co dileas dealasach ’sa sheas riamh air a taobh—an Dr. Baird, ard-cheann Oilthigh (College) Dhuneidinn, agus an Dr. Tormoid Macleoid a dhearbh e fein anns a chùis so, agus ann an [TD 22] iomad cùis, ’san iomad doigh uaithe sin, na fhìor chul-taic’ do a luchd-duthcha—a rinn tuille mòr air an son an làth na h-airc, a’s na cruaidh-dhèuchainn, na aon duin’ eile a tha ’n diugh beò, agus a choisinn gu ro mhaith an t-ainm fo ’m bheil iomradh am bitheantas air a dheanamh air—“Caraid nan Gaedheal.” Leig an dithis dhaoine urramach so ris cia mòr an t-ana-cothrom a bha ’Ghaedhealtachd ’s na h-Eileanan an taice rithe a fulang—bho ghainne sgoilean—bho e bhi eucomasach do mhoran de ’luchd-àiteachaidh foghlum a thoirt do ’n cloinn.—Chuir an Eaglais air leith buidheann eile gus an dìth mòr so a leasachadh—airson airgid a chruinneachadh gu Maighstirean-sgoil’ a phaigheadh—airson sgoilean a chur a suas anns gach cearnaidh iomalaich, leth-oirich, agus bhochd, air feadh na duthcha. Agus gu cinnteach tha mòr aobhar taing aig na Gaedheil do Dhia airson an làth anns an do chuir e an cridheachaibh nan daoine cairdeil, agus éudmhor ud, an cùis a thagradh air bheul-thaobh na h-Eaglais.—Is iomad mìle de dh’ òigridh na Gaedhealtachd, nach b’ urrainn dhiubh fein ruigheachd air ionnsachadh, no teagaisg, a fhuair ann an Sgoilean an Ard-sheanaidh fòghlum a thug iad gu tuigse, gu meas, agus gu soirbheachadh anns an t-shaoghal so—agus mar an ceudna an t-eolas is àirde, agus is fearr—eolas air an Tighearn’ Iosa Criosd. Agus tha e ro dhrùighteach r’a thoirt fainear, cia liutha pàrant’ aosda, do’n robh focal na beatha na leabhar séulta, a fhuair eolas air fhìrinnean prìseil bho mhuirichinn mhaoth fein a bhi ga leughadh dha, an uair a bha iadsan air an teagasg anns na sgoilean so. Aig an la ’n diugh tha naoi fichead (l80) sgoil, air an gleidheil a suas le Ard-sheanadh ar ’n Eaglais, agus tha cuig mile deug (15,000) cloinne, a faighinn foghlum fallain, agus feumail annta. Anns gach aon diubh, tha Gaelig, Beurla, sgriobhadh, agus cunntas, air an teagasg; agus ann am mòran diubh tha’ bhàrr air a so, Laidinn Gréigis, agus gach nìth eile a tha ra fhaotainn ’s na sgoilean is àirde anns an duthaich air a theagasg. Beagan bhliadhnachan na dheigh so, air do’n Eaglais fhaicinn cionnas a bha Dia a soirbheachadh leath’ anns na nithibh so a ghabh i os laimh, mar a ni seirbhisich éudmhor a ghnàth, chaidh i an dàil an tuille, agus an tuille—ag earbs’ a gealladh an Tì a tha ’g ràdh, gu’n coi-lion e a neart ann an laigse a shluaigh, agus gu’n toir e dhoibh gràs a reir am feuma.—Shonruich i air muinntir àraidh de h-àireamh a bha gu comhnadh a dheanamh ri ’r luchd-dùthcha a dh’ fhag an tìr féin, agus a dh’ iarr dachaidh an America, anns na h-Innsibh ’n Iar, agus an iomadh cearnaidh chéin eile a bhuineas do dh’ Impireachd fharsuing, mhoralaich Bhreatuinn. Chuireadh an Dr Macfarlan àrd-uachdran Oil-thigh (no College) Ghlascho, mar cheann-suidhe air a chomunn: agus ghabh e mòr shaothair anns a chuis. Leig esan, air do’n aois a bhi luidhe air, a nis dheth an dréuchd so, agus thaghadh Dr Clark—fear de Mhinistirean Dhunéidein—na àite. Chuireadh a mach mòran mhinistirean o àm, gu àm, leis a chomunn so; agus tha an fheadhain a tha dol a mach, a [TD 23] faicinn dearbhaidh ni’s leoir nach eil am fad astar a tha dealachadh ar luchd-duthcha bho thìr na ’m beann, a lagachadh an cuimhne, no ’lughdachadh an graidh air Eaglais an aithrichean, san sinnsireachd—agus bheireadh e sealladh ùr, do ’r luchd-leughaidh, air luach na ’n orduighean sin, a tha cuid diubhsan a meas glé shuarrach, a chluinntinn ciod an dealas, ’san deòghas, le’m bheil cuid de na fògaraich bhochd ud aig am bheil an comhnuidh am measg nan coilltean farsuing, agus fàs, ann an deigh air na searmoinean, agus air na Sàcramaintean sin a tha a nis, ach aig uair ainmic, do-ruigheachd dhoibh. Dh’fhairich an Eaglais “mar a bha a là gu’n robh a neart,” agus mar a bu mhò a mheudaich i a saothair ann an aobhar Chriosd, gur ann bu mhò a mheudaich esan a ghràs dh’ ise. Ghabh i obair eile os laimh mata air bheag dàil—eadhoin an tuille thighean aoraidh a thogail ’nar duthaich fein—meadhona’ nan gràs a thoirt dlù dhoibhsan a bha co fada o thigh an Tighearna ’s nach b’ urrainn doibh ruigheachd air: no, mar anns na bailtibh mòra, a bha an cuiltibh, ’s an caol-shraidibh cumhann, salach, dorcha, bochd; far nach robh neach air bith ach gann a gabhail cùraim dhiubh, agus far, mo thruaighe! nach robh iad a gabhail curaim idir dhiubh fein, ach a caitheadh an làithean ann an doille ’s ann an an-diadhachd, ro iòsal agus truàgh. B’ e an duine ro iomraideach, agus cumhachdach sin, Dr. Chalmers, a thug a chuis so fa chomhair na h-Eaglais—duine a bha na onair do ’n Eaglais, ’s do ’n duthaich a dh’ àraich e, agus aig am bheil cliù a mhaireas, anns na h-Eaglaisean uile. Chuireadh e fein air ceann a chomuinn a chaidh a thaghadh airson còmhnadh a dheanamh leis, agus le éud, fhoghuinnteachd, agus le dheas-chainnt anns an robh drùghadh, agus cumhachd air leith, dhuisg e an dùthaich uile gu làmh a ghabhail ’san obair so, agus fhuair e mòran thighean aoraidh, agus mòran de mhinistirean a shuidheachadh ann an àitibh a bha roimhe falamh, fàs.—Tha ’n Comunn so a nis a deanamh cuideachaidh leis na co-thionail sin, a tha tuille is bochd gu ’m Ministirean fein a chumail a suas. Tha iad mar an ceudna, a cuideachadh gu Eaglaisean a thogail far am bheil sin feumail, agus tha iad ri nith eile a tha chum mòr mhaith—a toirt air an aghaidh airson na ministrealachd daoine òga, gealltanach aig nach eil dòigh air iad fein a thoirt air an aghaidh. Fa dheireadh, thionndaidh ar n ’Eaglais a h-aire chum seann sluagh Dhe, a chum chaorach sgabta tighe Israeil, a dh’ fhàgadh car nan cèudan bliadhna, gun aon neach a ghabhail cùraim de n anama—agus ni bu mheasa, a bha air an saltairt a sìos, agus air an cur air cul leis gach uil’ fhine—Criosduidh no Geintileach. Bha daoine diadhaidh ann an caochladh chearnaibh, agus aig caochladh amanan, a “bha ’g iarraidh maith Shioin,” agus a gairm aire Israeil do ionnsuidh-san a b’e “freumh Iesse,” “an reul dhealrach agus mhaidne.” Ach mar Eaglais, ’si ar n-Eaglais fein a bu luaithe a ghabh a chuis so os laimh, agus gu follaiseach, agus gu [TD 24] h-aon-sgeulach a chaidh mu thiomchuill “Israeil a chruinneachadh, agus Sion a dheanamh glòrmhor.”—Tha i a’ saothaireachadh gu dlù gach bliadhna anns an obair bheannaichte so a chur air a h-aghaidh, ’s cha ’n eil teagamh aguinn nach sealbhaich i an gealladh a tha ’n Tighearn a toirt dhoibhsan a “ni maith do Israeil”—eadhoin “gu’n dean esan maith dhoibhsan.” Their mòran mu ar n’ Eaglais, gu‘n d’ fhalbh a mearsuinn, a neart, ’sa beatha; ach tha i air an là ’n diugh a dearbhadh nach eil ann ach tuaileas a luchd-fuath. Tha i ag éisdeachd ri guth Chriosd. Tha i a saoithreachadh gu dlù aig an tigh a’s ùaithe, gu a thoil-san a dheanamh—gu obair-san a chur air aghaidh—gu anama a thionndadh bho dhorchadas gu solus—bho aingidheachd gu fìreantachd; agus am feadh a bhuannaicheas i anns a chùrsa so, féudaidh i bhi air a smachdachadh; ach cha toirear thairis gu bàs i. Ni ’a h-Ard-cheann a dìon, agus a beannachadh. Cha lean sin a chuis ni’s faide aig an àm; ach theireamaid gu’m bheil ar n’ Eaglais a gairm air a sluagh uile, uair anns a bhliadhna, còmhnadh a dheanamh leis gach aon fa leith de na h-aobhair naomh, agus mhaith ud a réir ’s mar a shoirbhicheas an Tighearn leo, agus bheir sinn cunntas ni ’s mine air gach aobhar dhiubh bho àm gu h-àm. Tha sinn an dochas gu ’m bi e taitneach do ’r luchd-léughaidh a bhi cluinntinn cionnas a tha rùn an Tighearn a soirbheachadh na ’làmhan na’r tìr féin, ’san tìribh cìan—agus gu ’m bi iad a “sìor ghuidhidh do ’r Sìon, sìth-shaimh a’s sonas mòr,” a guidhidh,— “An taobh a stigh do’d bhallachaibh, Biodh sith a’s sonas maith; Dèadh shoirbheach’ fòs gu’n robh gu bràth, A’d chuirtibh àrd a stigh.”—Salm cxxii. 7. F. B. VI. GU FEAR-TATHAICH NAM BEANN. A CHARAID IONMHUINN, Chuala mi, bho cheann ghoirid, sgéul a thug mòr thoileachas-inntinn domh—gu’n robh thusa ’cur romhad togail ort ann an latha, no dhà, agus dol air chuairt do thìr nam Beann. Chuir e da-rìreadh aiteas air mo chridhe chluinntinn gu’n robh e ann a ’d bheachd a bhi, bho mhìos gu mìos, a tathaich nan cearnan sin a bha mise gu minic a taghal le subhachas, agus le dealas àrd. Falbh a mach a charaid le bratach na sìth a ’d dheas laimh, agus le gràdh do dhùthcha ann a ’d chridhe. Falbh a mach le gach gné de dh’eòlas féumail. Cuir an fhìrinn ghlan fa chomhair nan Gaedheal, ’s na biodh eagal ortsa nach fàiltich iad thu. Cuir an dleasnas mu’n coinneamh gu neo-sgàthach, agus gu bàigheil; a’s mo làmh sa dhuit nach téid thu gu tric air do chuairt gus an tuig,’s an aidich an sluagh gur a tù am fìor charaid. [TD 25] Gun teagamh tha ’sa Ghaedhealtachd, mar anns gach àit’ eile cuid de dhaoine gruamach, doichiollach—daoine crom-cheannach claon-inntinneach a labhras ann a ’d aghaidh, agus a dhi-molas do shaothair gu de air bith co maiseach no tarbhach sa bhitheas i. Tha anns gach àite feadhain a fhuair seòrsa de chumhachd neònach thairis air daoine, ’s gu h-araidh thairis air mnathan faoine a tha iad a tarruing nan déigh. Ma ni iad so tathunn a ’d aghaidh togaidh mòran eile an donnalaich maille riuth’ ach leig thusa leò. Faic gealach gheal nan tràth a tha tathaich gach glinn ’s gach beinne. Is iomad tathunn a tha ’g éiridh na deigh: ach tha ise’ snàmh gu buadhmhor air a h-adhart o linn gu linn ’s an t-shlighe ’chomharraicheadh a mach dhi. Air d’ adhart thusa mata agus soirbheachadh leat. Gu’n robh beannachd an Tì a bha ’chòmhnuidh ’s a phreas maille riut. Dean thusa do ghabhail air réull na maidne, agus mar sin cha téid thu air seachran am measg ceòran nam beann, no dh’aindeoin dall-eud, agus tuaileas d’ eascairdean. Tha mise min-eòlach s’a Ghaedhealtachd. Rugadh mi an tìr nam Beann. ’Si a cànainn a labhair mi air glùn mo mhàthar—agus ’s ann innte, ’s dòcha, a chuireas mi suas m’ ùrnuigh dheireannach s’ an t-shaoghal so. Tha mo chridhe ag innseadh dhomh gu’m bheil gràdh agam air mo luchd-dùthcha: agus tha teist deagh choguis agam gu’n d’ rinn mi a h-uile dìchioll a bha ’m chomas riamh a chum am maith aimsireil, agus spioradail a chur air an aghaidh. Is olc a thigeadh e dhomh, agus is dona ’chòrdadh e rium mo làmhan a phasgadh, mo chridhe ’dhùnadh, agus sealtuinn le neo-shuim ortsa ’n uair a tha thu dol a mach air thuras am measg mo shean chàirdean bho ’n d’ fhiosraich mise daonnan, ceanalas, a’s bàigh. Bheir mi oidhirp bho àm gu àm a leigeil ris dhoibh nach d’fhuaraich mo ghràdh dhoibh: agus do bhrìgh gu’m bheil iomad nìth nam measg a bu mhiann leam atharrachadh a chum na codach is fearr bheir mi dhoibh a h-uile comhairle, agus seòladh a shaoileas mi a bhitheas a chum fior bhuannachd dhoibh. Rinneadh mòran airson muinntir na Gaedhealtachd ’s a bhliadhna ’chaidh seachad. Dhùisgeadh gràdh, agus truacantas as an leth nach facas a shamhuil na’r linn. Bha’n déuchainnean mòr; ach rainig gaoir nam bochd clùasan Tighearna nan sluagh, agus dh’aom esan cridheachan dhaoine anns gach cearnaidh a chum còmhnadh, agus fuasgladh a thoirt dhoibh—a’ rìoghachdan céin, s’ a oiribh iomallach an t-shaoghail thainig furtachd do’n ionnsuidh. Anns na h-Innsibh ’n Ear a ’s ’n Iar chruinnicheadh òr agus airgiod air an son. Cha robh air luchd-dùthcha féin an America mu thuath air deireadh. Bu mhòr ’s bu chliùtach am fialuidheachd do na Gaedheil. Dh’ fhéudadh dùil a bhi aguinn ri ’so; oir buinidh iadsan do’n aon rioghachd mhòir ruinn féin. Ach gu’n deanadh Staidean America mar a rinn iad, se so a chulaidh iongantais, agus an t-aobhar taingealachd is mò. Iadsan a bha cath, s’ a comhrag ri ’r dùthaich bho cheann beag ùine, agus a bha ’bagradh, leth- [TD 26] bhliadhna roimhe so tighinn a rìs a chogadh ruinn—gu’n tigeadh an ceart luingeis-san, cha n’ ann le ’n gùnnacha mòra ’s le ’n armailt gu losgadh ’s gu léir-sgrios, ach luchdaichte co domhain ’s a b’ urrainn dhoibh snàmh le teachdantìr de gach seòrsa a b’ fhearr, ’s bu luachmhoire n’ a chéile airson nan Gaedheal. Bha so na aobhair iongnaidh, agus taing!! Agus bu ro thaitneach r’a fhaicinn an ùair a bha a Bhàn-righ air a turus gu tìr nam Beann air an fhoghar’ a chaidh seachad, ’sa bha na céudan luingeis ’s gach aon diubh lom-làn de a sluagh tairiseach féin, nach robh aon lòng o’n d’ éirich iolach a b’ àirde no uapasan aig an robh bratach rionnagach stiallach America a snàmh o bharraibh an crann—a bha aig an àm, anns a Chluaith, air teachdaireachd an iochd, agus na seirc a chum nan Gaedheal. Bha so uile gu léir na ghnothach co fada thar a bheachd no ’n fhiuthair a bha aig duin’ air bith beagan ùine mu’n do thachair e, ’s nach urrainn dhuinn gun a ràdh, “Se Dia rinn so ’s is iongantach Na’r sùilibhne an gnìomh.” Ach am feadh ’s a bheir sinn a h-uile cliù do choigrich, a’s dhoibhsan a tha chòmhnuidh fad’ air falbh, bu mhì-chubhaidh dhuinn, gu cinnteach, a dhì-chuimhneachadh na rinneadh an Albuinn ’s an Sasunn—cha’n ’eil baile mòr, no beag, sgìreachd, no Eaglais nach d’ rinn nithe mòr’ airson nan Gaedheal. Is eagal leinn, a réir gach coslais, nach bi cor nan croiteirean bochd ach glé bheag ni’s fearr air a bhliadhna so na bha e air a bhliadhna’ a dh’fhalbh, agus tha e ro thaitneach leinn ìnnseadh gu’m bheil e ’n comas Cilleadairean an airgid a thionaladh air an son, cuideachadh a dheanamh leo air a Gheamhradh so fathasd. Ach an uair a theirgeas na bheil an làimh is dearbh chinnt leinn nach ruig a leas na Gaedheil fiuthair a bhi aca gu’n dean daoin’ eile a leithid air an son a rithis. Feumaidh an earbsa bhi, fo laimh Dhé, gu buileach na’n saothair, na’n dìchioll, ’s na’m fearalas, féin. Féumaidh gach àrd, agus gach iosal—gach uachdaran, agus ìochdaran ’sa Ghaedhaltachd mata iad féin a chrioslachadh airson na’n déuchainnean a tha fa ’n comhair fo ’n atharrachadh mhòr a thainig air dòigh bheò-shlaint an t-shluaigh. Do réir coslais dh’fhalbh am Buntàta. Bha ’m pòr prìseil so, is eagal leinn, fo ghalar bàis o cheann bliadhna, no dhà: agus ’se barail mhòran dhaoine tuigseach nach faigh e an uachdar air. Uime sin féumar gach dòigh fheuchainn, gach seoltachd a chleachdadh; agus gach saothair a ghnàthachadh gu barran ùr’ a thogail a ni a suas, co fad ’sa dh’fhéudar, àite’ Bhunntàta, agus mar an ceudna gus na barran a thatar a togail a dheanamh ni ’s toraiche, agus ni ’s pailte. Féumar tuille pòir a thoirt as an fhonn. Agus bithidh sinne, bho àm gu àm a toirt cunntais air na dòighean ’s air na h-ìnnleachdan a tha aca ’n àitibh eile gu brìghmhoireachd an talaimh a mhéudachadh—gu teachdantìr do theaghlach a tharruing a mìr glé bheag de ghrunnd. [TD 27] Anns an aìreamh so cha’ n ’eil comas againn an aire a thionndadh ach gu aon nìth a bhuineas do na cùisean so, agus is ro bheag a dh’ fheudas sinn a ràdh mu ’n nìth sin féin, ’se sin, cia ro fhéumail, ’s cia ro bhuannachdail ’sa tha e do gach croitear, GARADH-CAIL a bhi aige dha féin. Cha ’n ’eil croitear feadh na Gaedhealtachd gu léir nach féudadh crioman fearainn a ghiullachd airson deagh gharadh-càil a dheanamh. ’Sa Ghalltachd, an Sasunn, agus anns gach dùthaich ’san Roinn-Eòrpa ach Eirinn a mhàin, chitear a lios beag, boidheach, brìghmor féin, am fochar gach bothain. Cha ’n e a mhàin gu ’m bheil so prìseil, agus tarbhach far am bheil teaghlach lìonmhor, ach tha e anabarrach taitneach r’a fhaicinn: agus cha’n ’eil cosnaiche no fear-ceaird anns an dùthaich a tha co dian an sàs ann an obair, nach feud ruigheachd air beagan ùine, moch no anamoch, gus a ghàradh a ruamhar ’sa chur: agus an ùair a tha so deanta, ni a bhean ’sa chlann a ghartalan ’sa ghleidheil an òrdugh. Ris gach croitear mata theireamaid, mar ’eil Gàradh cheana agad, grad-thòisich agus bitheadh e agad. Sònruich crioman de’n fhearann is dlùithe air do thigh, ma tha e idir freagarrach airson àitich. Agus ged a chosdas e saothair dhuit a thoirt gu àiteach, gheibh thu de ghoireas ’s de thlachd ann e bhi dlù do d’ dhoras, ’s gu ’m bith thu mòran ni ’s toilichte leis aig a cheann mu dheireadh, no bhitheadh tu le àite a b’ usa ’ghiullachd, ach a bhiodh ni b’ fhaid’ air falbh. Ma tha ’n grunnd car cruaidh, no creagach, is fiach dhuit talamh a ghiùlan ’o àit eile d’ a ionnsuidh: agus ma tha e àitidh, thoir an aire gu ’n tiormaich thu e gu buileach le claisean no draineachan gu leoir a chladhach ann: oir cha ’n ’eil ach call ùine agus saothair, agus froise, ann a bhi feuchainn ri pòr gàraidh a thogail ann an talamh fliuch. Feumaidh na claisean so a bhi, aig a chuid is lugha, dà throigh gu leith air doimhneachd: agus a thaobh leòid, tha moran an earbsa ri méud na cloiche le ’n lìon thu iad. Ma ghabhas thu clachan meanbh, gun aon ni ’s mò na ubh circe—agus ’se clach phronn mar so stuth-lionaidh is fearr air bith—foghnaidh ceithir òirlich de lèud aig grunnd na claise, agus bitheadh i ’dol ni ’s farsuing gu ’bràigh; ach ma tha chlach n’ is motha feumaidh tu an tuille leòid a thoirt do ’n drain. Lìon i bho throigh, gu troigh gu leith air doimhneachd leis a chloich phruinn so—an sin còmhdaich thairis iad le sgrathun a bhuaineas tu air a chàrr, no le pailteas connlaich air a dinneadh gu dlù, a ghleidheas an ùir gun dol eadar na clachan, an sin tilg a stigh an talamh a chladhaich thu as a chlais. A thaobh lìonmhoireachd na ’n claisean so, tha e an earbsa ri nadur a ghruinnd. Air uairibh foghnaidh aon anns na deich slataibh. Bi cinnteach as a so, gu ’n dean thu an gàradh làn thioram, seasgair air dhòigh is nach faicear lub no àiteachd ann là ’sa bhliadhna; agus an sin bithidh tu ceart.—’S an ath àireamh labhraidh sinn ni ’s mine mu chur a ghàraidh an òrdugh; ach aig an àm, dhlù-sparradhmaid air gach croiteir, e thoiseachadh gun dàil seachduinn no làth, air mìr fearainn a dhùnadh airson gàraidh. Ma tha clach goireasach, togadh e balla cloiche: oir is e so is saoire [TD 28] agus is fearr aig a cheann mu dheireadh. Ach mar ’eil clach r’a fhaotuinn gun mhòran cosdais, cladhaicheadh e dìg, no clais mhòr, ceithir thimchiull a ghruinnd de ’m bheil e dol a dheanamh gàraidh. Tilgeadh e an ùir, no ’mhointeach a bheir e as a chlais so, air an taobh a stigh dhi. Ma tha chlais leathan agus domhain ni ’s leoir, feudaidh so féin dìon, agus gleidheil a chur air a ghàradh; ach mar ’eil, togadh e dhà no trì ’throighean de bhalla tota aig oir a stigh agus ri aodann na claise, agus an sin, bithidh callaid ni ’s leòir aige. Cha mhair am balla tota mòran bhliadhnachan: ach féudar, air bheag costais, dùnadh seasmhach a dheanamh f’a sgàile, agus f’ a dhìon. Gabh puinneagan, no failleana de ’n t-sheileach, gearr iad mu throigh air fad, agus cuir iad mu throigh bho chéile ri cùl a bhallaidh thota—cha ’n ann air a mhullach. Cinnidh iad so gu bras, agus gu dosrach. Gearr am bàrr dhiubh gach bliadhna, gun fhàgail ach cuig na sea ’dh’òirlich de dh’fhàs na bliadhna agus ann an ùine ghoirid, bithidh agad callaid, dhlù, dhionach—agus callaid a mhaireas car na ’m ficheadan bliadhna. Co luath ’sa tha ’n gàradh dùinte, toisich gu duineil air a ruamhar. Bu choir gach gàradh a ruamhar car a cheud uair, dà throigh air doimhneachd, agus tha e a chum mòran féum do’n ghrunnd a thionndadh thairis tràth ’sa bhliadhna—oir tha, ’n reotha ro mhaith gu phronnadh, gu fhosgladh a suas—gu ’ullachadh air dhoigh ’s gu’n toir e leabadh mhìn agus chaoineil do’n t-shìol anns an Earrach. Slàn leat aig an àm—slighe réidh dhuit Fhir-thathaich: agus ma chaomhainear mise, ni mi mo dhìchioll gu gach nith a sheòladh dhuit tré an coimhlionar gealladh an Tighearna, a tha ’g ràdh (Gnàth. xiii. 2, 3.), “gu’m bi mòran bìdh ann an treabhadh na ’m bochd.” T-fhear-du’cha dìleas, CARAID A CHROITEAR. VII. NAIGHEACHDAN. CHA’N ’eil naigheachdan coitchionn na rìoghachd aig an àm ro thaitneach. Faodar a ràdh air chinnt gu’m bheil nèul dorch’ os ar ceann, agus breitheanais Dhé, an iomad dòigh, amach air ar tìr. Tha aon aobhar taingealachd gu’m bheil sìth eadar na rìoghachdan, a’s nach eil comh-strì, no cogadh eadar Breatunn a’s aon chearn’ eile de’n t-shaoghal. Cia co fhad ’sa bhitheas e mar so tha e doirbh a ràdh. Tha na Frangaich guineach mar a bha iad riàmh na’r n’ aghaidh, agus nam bitheadh an leithsgeul’ bu lugh’ aca bhitheadh iad n’ ar badaibh gun dàil. Ach tha ’n sean rìgh Louis Phillippe, a tha nis dlùth air ceithir fichead bliadhn’ a dh’aois, na dhuine sìthcheal, smachdail, agus ro sheòlta. Fhad ’sa chaomhainear esan tha dòchas nach teid briseadh air sìth na Roinn Eòrpa: [TD 29] ach an uair a thuiteas esan is mithich do Bhreatunn a bhi ’bogadh nan gad. Tha cogadh eadar Staidean America, agus dùthaich Mhecsico a tha luidhe ri taobh deas agus an Iar-dheas de na Staidean—dùthaich a bhuineadh aon uair do’n Spàinnd: ach a tha ’nis a seasamh air a buinn féin, agus anns am bheil dlùth air deich muilleinean sluaigh.—Se America a thòisich air an iorghuill so, agus tha buaidh nam blàr leatha. Chuir a h-armailtean an rùaig air muinntir Mhecsico anns gach cath; ach cha tug iad an dùthaich fathasd fo chìs: agus an déigh mòran dhaoine, agus maoin a chall cha’n fhaic sinn gu’n do bhuannaich i bheag de mhaith. Cia mar a chriochnaicheas an cogadh ro fhuileachdach agus mortail so cha’n urrainn duin’ air bith a ràdh. Cha robh malairt, a’s marsandachd riamh ann an staid a b’ ìlse n’ ar rìoghachd féin na tha i aig an àm. Thainig briseadh air na tighean marsandachd a b’ ainmeile bha anns an dùthaich. Dh’ fhàilnich cuid dhiubhsan aig an robh an creideas a b’ àirde: agus mòran diubh ann an suim airgid a tha spleaghach r’a ainmeachadh—cuid an trì, an ceithir, an cùig céud mìle—agus feadhain os a cheann so: agus tha mòran dhiubh nach dìol crùn, no leth-chrùn féin ’sa phunnd Shasunnach. Thug na marsandan mòra sgaoth de dh’ fheadhain eile gu làr leo: agus feudar a ràdh gu’m bheil leth nam bailte mòra gu léir mar gu’m b’eadh air an uilinn. Ghabh luchd malairt an airgid (Bankers) an t eagal, ’s an fheadhain aig an robh òr ghlais iad a suas e: agus cha robh airgiod r’a fhaotainn an iasad, no air chreideas gun àrdachadh ro mhòr air riadh, agus gun a leithid de dh’urras s’ nach b’ urrainn ach fior chorra dhuine ’thoirt seachad. Bha so deuchainneach air luchd malairt de gach seòrsa—air na dròbhairean am measg chàich. Thug e tilleadh mòr air margaidhean, agus air cosnadh. Dhùineadh a suas muillean Cotain, agus oibrichean Iaruinn. Is iomad simealar mòr as an robh smùid a chìte na mìltean air astar a tha nis air a smàladh as, agus gleadhraich am builg-shéididh nan tosd. Ach se cuid is truaighe gu’m bheil, an lorg so, anabarr de luchd-oibre air am paigheadh dheth agus iad féin ’s an teaghlaich a nis ann am bochduinn ’s ann an cruaidh-chàs. Tha eagal oirnn nach bi a chùis ni ’s fearr car ùine bhig: ach ’s eiginn dhuinn a bhi beò ann an deagh dhòchas. Tha Ard-chomhairle, no Parlamaid, na rìoghachd an déigh cruinneachadh, agus da rìreadh ’s ann gun tuisge ’s gun mhothachadh a tha ’n duine sin nach guidh air Dia an sdiùradh a chum nan nithean sin a tha gu fìor mhaith na dùthcha chur air aghaidh. ’S e ’n gearan mòr a tha ’m measg dhaoine gu’m bheil an t-òr gann; ’s da rìreadh cha n’ iongantach ged a robh. Chaidh anabarr dheth a mach as an dùthaich do rìoghachdan eile ’cheannach lòin, an lorg na gainne ’thainig air an dùthaich ’sa bhliadhna ’chaidh seachad. Ann an cuig mìosa déug thugadh an t-shuim so a tha duilich eadhon a chunntas £33,563,476—trì muillinean déug thar [TD 30] fhichead, cuig céud trì fichead ’sa trì mìle, ceithir chéud, trì fichead ’s ’a se-déug de phuinnd Shasunnach ann an òr le Breatunn do dhùthchannan eile airson lòin do’ sluagh—Cha’n ’eil rìoghachd eile air uachdar an t-shaoghail a b’ urrainn seasamh ri leithid so ach Breatunn na h-ònrachd. Bitheamaid taingeil do’n Tighearna a thug a leithid de shaoibhreas do’n rìoghachd anns am bheil ar còmhnuidh. Tha aobhar aguinn cliù a thoirt dhà air a shon so: oir tha Breatunn da rìreadh a suidhe mar Bhàn-rìghinn am measg nam fineachan; agus aon diubh gu léir cha’n ’eil cosmhuil rithe. Ach s’ eagal leinn nach eil daoine am bitheantas a toirt so fainear: agus gu’m bheil na mìltean a bha air a bhliadhna ’chaidh seachad—iad féin, ’s an teaghlaich—air an gleidheil o’n bhàs le cùram, agus le caoimhneas luchd-riaghlaidh na dùthcha nach tug buidheachas fathasd do Dhia airson an cobhair; agus nach do ghuidh riamh gu’m beannaicheadh e a Bhàn-rìghinn, no iadsan a tha fo a smachdsa a sdiùradh gnothuichean na rìoghachd mhòir, agus fharsuing so. Na bitheadh so mar so, ach guidhibh beannachd Dhé air ur Bàn-rìghinn, agus orrasan uile a tha ’n ùghdaras mar a tha e féin ag àithneadh dhuibh. Ach mòr mar a tha ’n t-òr a chaidh a mach as an rìoghachd, agus a thug lomadh, agus gainne air an dùthaich cha’n ’eil e ach suarrach an coimeas ris na chosd na slighean iarruinn sin (no railroads) a tha toirt a leithid de dh’atharrachadh mòr air aghaidh na tìre. Air a bhliadhn’ a chaidh seachad chosdadh còrr a’s ceithir fichead muillein ’s a deich de phuinnd Shasunnach £90,000,000—air na h-oibribh so. Agus ged nach eil an t-shùim so air a call cha’n’eil i aig an àm ach mar phòr fo ’n fhòid a bheir bàrr pailt seachad ri ùine, tha sinn an dòchas, ach cha n’ ann gus an téid an t-Earrach, ’s an Samhradh seachad. Chuireadh bacadh air mòran de na h-oibrichean so an tràs’—air do’n luchd-riaghlaidh a bhi ’m beachd nach deanadh an cur air an aghaidh ach tuille éiginn a’s brisidh a thogail air feadh na dùthcha. Is furasd fhaicinn gu’m féum mòran de na cosnaichean a bha ’g obair air na railroads so mata a nis an aran a chall. Tha na mìltean diubh air am pàigheadh dheth; agus is duilich leinn gu’m bheil mòran diubh a bha ann an làth a phailteis ri struighe ’s ri anacaitheadh am biadh, ’s an deoch, a dh’fhaireas a nis cia ro amaideach ’s a tha e an sùilean a dhùnadh air an la maireach, no a dhì-chuimhneachadh sa ’n làth gheal ghrianach gu’m bheil an latha fliuch fuar a feitheamh orra. Ann an aithris naigheachdan na rìoghachd cha tig dìchuimhn a dheanamh air an nìth sin mu’m bheil a Phàrlamaid a smaoineachadh ’s a labhairt gach aon làth bho’n a chaidh iad cruinn. ’Se sin cor na h-Eirionn. Tha’n cor so truagh, agus uamhasach thar cainnt, no smuaint. Tha ganntar, agus gort eagallach air feadh mòran de’n tìr; agus na céudan a dol bàs. Ni’s measa, tha mì-riaghalt, slaid, agus mort a dol air an aghaidh gach làth. Tha cuid de na daoin’ is fearr ann san dùthaich air an tilgeadh, mar [TD 31] na coilich dhubha, an geal an là sholuis, agus tha na mortairean a coiseachd air falbh gu socrach gun eagal, gun athadh: oir cha’n ’eil aon duine a bheir oidhirp air an cur an làimh, no eadhon a dh’innseas co iad ged a cheasnaichear iad. Tha aobhar taing aguinn do Dhia ged a tha muinntir na Gaedhealtachd a fulang, nach tugadh thairis gu bàs iad—gu’m bheil teachdantìr air ùllmhachadh dhoibh fathasd. Agus gu sonruichte tha aobhar taing aguinn do Dhia a ghleidh iad bho ar-a-mach, agus o mhì-ghnàthachadh. ’Se iad a bhi co sìobhalta, chiùin a thug air daoin’ eile sealtuinn orra le urrad chaoineis. Maireadh iad mar so—bitheadh iad mar an ceudna saoithreach, oidhirpeach ann an lòn a chosnadh dhoibh féin: agus a cur an earbs’ anns an Tighearn. Deanadh iad so agus cha’n ’eil eagal oirnn nach faigh iad fuasgladh—oir “Gu dearbh tha cobhair dlùth do’n dream, A dh’earbas as gu fior.” Bheir sinn cunntas nis mine air Eirinn san ath-àireamh. VIII. CHLOROFORM. Tha fiabhruis càil-eigin n ’is eutruime ann an Glascho na bha iad air a mhìos a chaidh seachad, ’nuair a bha barrachd air dà cheud deug anns na tighean fiabhruis a mhàin, a thuillidh air na bha tinn nan tighean féin. Fhuaradh innleachd chiatach a mach bho cheann bheagan sheachdainean, le Doctair Simson ann an Dùnéidean, ris an canar Chloroform. Tha e soilleir mar uisge, milis na bhlas, agus cùbhraidh na fhàile. Ma shilear mu leth làn spàine bhig (Spàine Thì), air neapaigin, agus ma chomhdaichear am béul, agus cuinneanan na sròine leis so air chor agus gu ’n tàirnear an anail troimhe, grad thuitidh an urradh ann am platha’ anns am fuirich e co fad’ agus a dh’ fhàgar an neapaigin air a bheul. Tha casan agus làmhan g’an gearradh do na h-euslain, ann an Tighean-eiridinn Rìoghail Ghlascho, agus Dhùnéidin, gach dara latha, gun phéin, agus gun fhios a bhi aca gu’n robh carbhaireachd sam bith ga dheanadh orra. Nach aidichear gu ’r mòr an t-sochair so, ’n uair a dh’ innsear dhuibh gun fhocal bréige, gu’r h-iomadh bean ri saothair cloinne a chuireadh ann am plagha’ leis a Chloroform, agus a thug a sliochd dhachaidh, gun phéin no gun fhios a bhi aice ciod a bha dol air aghaidh, gus an d’thugadh bho ’béul an naipigin, agus gus an cual i sgreachail an leinibh.—Rob Ruadh. Feuchaidh sinn tuille ’thoirt air aghaidh na dheoghain so, mu thimchioll a’ ghnothaich so. Cha’n aithne dhuinn gu ’n d’ fhuaradh a mach ’n ar latha no ri ’r linn, ìnnleachd, ma dh’fheudar ìnnleachd a ràdh ris, is iongantaiche na ’nì so air am bheil Rob Ruadh a labhairt, agus air an tug daoine mar ainm Chloroform! Tha dear- [TD 32] bhadh ùr air fhaotainn bho là gu là, air éifeachd a chungaidh-phlathaist so leis am bheil daoin’ air an cur ann an seòrsa de shuain, no staid neo-mhothachail, air chor ’s gu’m faod lighiche, lamh no cas a ghearradh dhiù gun an dùsgadh, no thoirt fainear gu’m bheil an sgìan, no ’n sàbh gan còir! Cha ’n ’eil cunnart air bith an lorg féum a dheanamh dh’ e; fhad ’sa chumar fàile an nì so ri sròin no ri anail an duine, tha e gun mhothachadh, agus ’nuair a bheirear air falbh e tha e ’dùsgadh mar gu’m b’ann a sùain, air chor ’s nach ’eil farraid no eòlas aig air nì ’rinneadh air. Nach mòr agus nach beannuicht’ a chùis so ’n àite na glaodhaich agus na sgriachail eagallaich, a bha ga fhàgail air uairibh ea-comasach do’n lighiche a dhleasnas a dheanamh, ’san duine bochd air a cheangal air bòrd, a’ fulang péin, agus dòruinn a bha uamhasach agus eagallach? Tha nis an obair leighis air a deanamh gu h-éifeachdach agus gu sàmhach; agus tha iomad ann a tha call coise agus laimhe, gun urrad agus bruadar gu bheil neach ga’n còir! Càit’ an stad daoine? OTAGO, NEW ZEALAND. BHO’N sheòl longaibh á Thames agus á Cluaidh chum na Tuinneachaidh Albannaich Otago, ann a’ New Zealand, le buidheana mora de luchd-imrich agus a bha iomadh nach d’ fhuair air falbh leò a chion rùim, a rinn deas airson falbh, tha e leis a’ so air innse gu’n teid longaibh eile ’chur air falbh cho luath sa theid na tha air iarraidh leis na riaghailtean de’n fhearann a chreic. Iadsan air am bheil a mhiann fearann a cheannach gheibh iad gu’m bi e na ’m fàbhar tighinn air an aghaidh gun dàil, agus an £12 10s a chur an lamhan a chomuinn airson gach Staid a tha ’mhiann orra ’cheannach; agus bho’n tha mòran de dh’ainmeanan a’ tighinn a stigh, agus muinntir ’cheana ’fastadh an leapaichean maraon ’sa Chabin agus ’sa Steerage, tha e air a dhìan mholadh gu’n tigeadh, araon muinntir shìngilte agus teaghlaichean, air am bheil a mhiann seòladh leis na ciad longaibh air an adhairt gu’n dàil, air eagal gu’n tachair a leithid de thapaig a rithis. Tha’m fearann a tha r’a chreic, de’n t-seòrs’ is fearr, air a thaghadh ’s air a thomhas le luchd sgile tha eolach agus cliùiteach. Do thaobh staid nan sìontaine (climate) ann a’ New Zealand cha’n ’eil n’ as falaine air an t-saoghal do neach a thogadh a’m Breatunn, agus tha arbhar agus luibhean-gàraidh na dù’cha ainmeil. Tha i, cuideachd, comharraicht’ airson cruibh ’us chaorach, agus tha ’mach ’sa stigh de chrìochaibh Otago farsuingeachd mhòr de raon toirteil airson ionaltraidh, a chuireas dheth, a réir beachd dhaoine, olainn co math ri olainn Australia ’féin. Tha na cothraman so, ’nuair a chumar, ’s an àm cheudna, ’s an amharc suidheachadh sonraicht’, agus biùthas na Tuinneachaidh, a tha ’gabhail a steach gu’n teid ministirean an t-soisgeul, agus maighistirean scoile ’chur leis an t-sluagh, ga fhàgail àrd-airidh air roghainn agus smaoin muinntir air am bheil a mhiann an dùthaich fhagail. Gheibhear gach fiosrachadh feumail mu na cùmhnantan air am faighear fearann, mu airgiod aisig, mu aiseag a’ nasgaidh, agus mu nithe mionaideach eile, aig seòmraichean comuinn Otago, Aireamh 5, George Street, Duneidin, J. M‘Glashan, Secretary; agus aig Aireamh 3, West Nile Street, Glascho, Dr Aldcorn, Secretary. A’ cheud mhìos, 1848. Printed and Published at 145 Argyle Street, Glasgow, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston.