[TD 1] AN TIODHLAC DO-LABHAIRT. A GAELIC SERMON PREACHED BY THE LATE REV. ARCHIBALD COOK, FREE CHURCH DAVIOT. GLASGOW: PRINTED BY A. SINCLAIR, 62 ARGYLE STREET. SOLD BY C. KEITH, BOOKSELLER, INVERNESS. MDCCCLXVIII. [TD 2] [Blank] [TD 3] AN ROIMH-RADH. A Chàirdean Ionmhuinn, Tha fios agaibh gu’n do chuir sinn a mach, ’s a’ bhliadhna chaidh seachad, searmoin ann an Gaelic le Mr. Cook, a bha ’n a mhinistear ann an Eaglais Shaoir Sgìre Dheimhidh, mar a sgrìobhadh i le aon d’a luchd-éisdeachd; agus gu’n do gheall sinn na’n gabhta rithe gu taitneach, leis na càirdibh a’ measg an robh i air a craobh-sgaoileadh, gu’m feuchadh sinn ri tuilleadh a thoirt dhoibh de’n “bhiadh-bhriste a dh’fhàgadh.” Nis air dhuinn iomadh dearbhadh fhaotainn gu ’n robh mòran a fhuair ùrachadh, comhfhurtachd, agus teagasg, tre ’n t-searmoin sin,—cha-n e mhàin iadsan a chual i an toiseach, blàth le ungadh an Spioraid, o bheul an ùghdair urramaich e féin; ach mar an ceudna mòran eile aig nach robh an t-sochair sin; ionnas gu bheil fadachd air iomadh gus an coimhlion sinn ar gealladh dhoibh: tha sinn, uime sin, a’ cur a mach na searmoin a leanas (a chaidh a shearmonachadh leis an neach cheudna ’n a eaglais féin, air là taingealachd air son an fhogharaidh) le làn dùrachd ar cridhe, gu-m bi i, tre bheannachadh Dhé, ’n a meadhon a chum a shluagh bochd féin ùrachadh, ann a bhi ’cur ’n an cuimhne an comain neo-chrìochnach fo’m bheil iad air son an “Tiodhlaic do-labhairt,” Iosa Criosd, a ghràdhaich iad ’s a thug e féin air an son. Agus mar an ceudna gu-m bi i feumail a chum muinntir eile, a bha thuige so caoin shuarrach mu ’thimchioll, a thoirt gu mothachadh air am feum air, agus an gluasad suas gus na h-uile dìchioll a dheanamh gu eòlas fhaighinn airsan, agus còir ann, as easbhuidh nach urrainn iad a bhi air an tearnadh. Slàn leibh aig an àm, an dòchas gu-n cluinn sibh uain fathast, ma chaomhnar sinn. Inverness, March 26, 1868, [TD 4] [Blank] [TD 5] SEARMOIN. 2 CORINT. ix. 15. “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” BHA tearc aig a’ Chruithfhear anns na h-uile linn de ’n t-saoghal a fhuair toradh ann am bàs Chriosd. Cha robh iad ach tearc ann an linn air bith,—cho tearc ’s gu ’m feudar a ràdh riù “treud bheag;” agus tha e soilleir gu ’m bi iad cho tearc sin de na h-uile linn a bhitheas air làimh dheas Chriosd aig là ’bhreitheanais. Bha ’n t-abstol anns a’ chaibdeil so, a’ comhairleachadh na h-eaglais a thaobh tionail air son nan naomh bochda bha ann an Ierusalem. Bha o thoiseach an t-saoghail, iomadh aon de chloinn Chriosd a bha glé bhochd anns an t-saoghal; cha b’ e an saoghal an cuibhrionn. Bha ’n Cruith-fhear ’n a Ard-uachdaranachd a’ toirt an t-saoghail do chuid diubh, a chum ’s gu ’n còmhnadh iad cuid eile; agus air do’n abstol a bhi ’faicinn aon a’ cabhair aon eile, agus ag amharc air sin mar thoradh saor-ghràis, cha-n’eil teagamh nach d’rinn ’anam gàirdeachas. Thusa bhitheas air an “làimh chlìth” cha ’n fhaigh thu gu là do bhàis cridhe gu mòran a dheanamh ri aobhar Chriosd, no ri cloinn Chriosd. Cha bhi uiread a dh’ fhosgladh beòil aig Nàbal ’an là ’bhreitheanais is gu ’n d’ ùraich e aon leanamh le Criosd. Ach air do ’n abstol a bhi a’ faicinn an cridhe-san air fhosgladh, cha-n ’eil teagamh nach robh ’anam air ùrachadh; oir tha e ag ràdh anns an aona rann deug, “ni a dh’ oibricheas leinne breith-buidheachais do Dhia,” agus anns an dara rann deug, “tha frithealadh na seirbhis so, cha-n e mhàin a’ leasachadh uireasbhuidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tré mhòran breith-buidheachais do Dhia;” dìreach mar gu ’m bitheadh e ’g altrum an t-srad gràis so ’n an anam. Agus nach bochd an t-anam anns nach ’eil anail taingealachd do Dhia air son ni air bith a tha e ’sealbhachadh? Chithear nach ann mar sin a bha bochdan Chriosd—chithear gu ’n robh iad ’nan creutairean [TD 6] tarbhach anns an t-saoghal; agus chithear mar a bha creutairean saoghalta na ’n geugan crìona ’dol troimh an t-saoghal. Anns a’ cheathramh rann deug, “Agus tré an ùrnuigh air ’ur son-sa aig am bheil mor-dhéidh oirbh air son gràis Dhé a tha ro phailt annaibh;” air son sin, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Bha e ’g amharc air sin mar thoradh an tiodhlaic so. An d’ fhuair thusa cridhe do phobull Dhé? Ma fhuair, ’s e sin toradh bàis Chriosd, agus tha aobhar agadsa ’bhi moladh Dhé air a shon; chosd sin mòran do Chriosd—do chridhe-sa ’bhi air fhosgladh, chosd sin dha-san a dhol troimh fhearg Dhé; agus an t-anam a fhuair e, tha aobhar aige ’bhi meòrachadh air na briathraibh sin, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Ann a bhi ’labhairt o ’n earrainn so; tha sinn a’ rùnachadh, rèir mar bhitheas comas air a thabhairt. I.—Bhi ’nochdadh ni éigin de ’n tiodhlac do-labhairt. II.—Tearc de na Beannachdan a tha ’sruthadh o ’n Tiodhlac so. III.—Gu bheil aig an anam a fhuair aithne air an Tiodhlac so, spiorad eile na tha anns an t-saoghal; spiorad taingealachd “do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.” Ciod e an t-aobhar taingealachd a ta ’n sin: a chrannchur a bhi aig neach anns an àit’ anns a’ bheil luaidh air bàs Chriosd? agus far nach ’eil an taingealachd so, cha-n iongantach ged a tha fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air an anam. Ach an uair a thig aithne air Criosd a steach, thig spiorad eile na tha anns an t-saoghal,—spiorad taingealachd bhitheas ag ràdh, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt,” Gu bhi fosgladh an Tiodhlac so,—I. Chaill an duine ’cho-chomunn ri Dia air son peacaidh, agus chaill e aithne air; mar sin cha-n ’eil a bheag aige mu ’n Tiodhlac so; cha-n ’eil iad ach tearc anns an aite so nach lùb an glùn, ach am bheil iad a’ faicinn am feum air bàs Chriosd? An creutair aig nach ’eil aithne air gu bheil e mach á fàbhar agus comunn Dhé, cha-n ’eil a’ bheag aige mu dhéibhinn Chriosd, no mu bhàs Chriosd. Ach ciod e sin a bhi mach á fàbhar Dhé? Direach a bhi rùisgte do bhuile a cheartais. Thuit an duine mach á fàbhar Dhé—cha-n ’eil comh-chomunn aig naomhachd ri peacadh—cha-n ’eil comunn aig [TD 7] solus ri dòrchadas; chaill an duine ’chomunn ri Dia cho cinnteach ’s a chaill na droch spioradan. Ciod e ’n t-eadar-dhealachadh a ta eadar anam gun ghràs, agus an droch-spiorad? Tha dìreach so, gu bheil an t-anam fa chomhair cathair tròcair. Thubhairt an Tighearn’, “anns an là dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu;” ’s e sin bithidh do chomunn air a bhriseadh. C’ arson nach ’eil an creutair a’ fadalachadh air son a, chomunn so? Dìreach gu ’n d’ thàinig e ’stigh do ’n t-saoghal aineolach air. Ach ’anaim bhochd! Cha chaith thu bith-bhuantachd mar sin. Tha glòir na mòrachd ag agairt gu ’m faiceadh an creutair ciod e ’chaill e; ach ’s bochd an t-anam nach fhaic sin gus am faic e ann am bith-bhuantachd e. Thoill am peacadh gu ’n cailleadh an duine ’chomunn ri Dia air a shon. Ach bha ni àraidh anns a’ cheud pheacadh a bha toilltinn sin thar na h-uile peacadh eile. Bha e ’an aghaidh foirfeachd soluis, agus b’ e freumh na h-uile peacadh eile e. “Tha cuid a pheacaidhean annta féin agus a thaobh iomadh gnè antromachaidh ni ’s uamhaire na ’chéile am fianuis Dé”—tha cuid a pheacaidhean ann a thàinig glé fhaisg air dùlan a thoirt do chumhachd Dhé. ’S ann an glòir a thàinig a cheist sin, “cionnas a chuireas mi thu a measg na cloinne?” Agus tha fearg Dhé ortsa nach fhac e mar ni cruaidh air Dia do chuir ann an sin. Bha ni anns a’ cheud pheacadh a bha toilltinn gu ’n cailleadh an creutair comunn Dhé air a shon; bha e ’an aghaidh foirfeachd soluis. Thoir thusa an aire nach téid thu thar solus do choguis, or ’s e sin suathadh ris a pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh; agus feudaidh gur e buanachadh ann am peacadh sin. ’Nis ’s e a bha anns a’ cheud pheacadh, dìreach peacachadh an aghaidh an t-soluis so; agus mar sin a’ toilltinn call comunn Dhé; agus air do ’n abstol a bhi ’faicinn mar bha sin, an iongantach ged a theireadh e ann an so, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?” Thusa ’tha an Tighearna ’lot do chogais le mothachadh air gu ’n do pheacaich thu, thoir taing do Dhia air son an lot sin; no rachadh tu troimh an t-saoghal aineolach air. Ach gu teachd a dh’ ionnsuidh nam briathra. Tha nàdur gloir Dhé ag agairt damnaidh a pheacaich. Bha gaol anns a’ Chruith-fhear do anamaibh, ach bha gaol ann d’ a ghlòir fèin cuideachd, agus cha robh ni a chuireadh dìon air a ghlòir, ach bàs a pheacaich; no eiric [TD 8] air son peacaidh. “As eugmhais dòrtaidh fola cha-u ’eil maitheanas r’ a fhaotainn.” ’Nis cha deanadh na bha dh’ fhuil air nèamh no air thalamh an éiric so a thabhairt. Agus an t-anam a chunnaic sin, an iongantach ged a bhitheadh aig a nis, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Thusa ’fhuair aithne air anam neo-bhàsmhor a bhi agad, agus a chunnaic na h-uile ni a ta anns a’ chruitheachd a’ glaodhaich ruit, “Cha-n’eil cabhair agam dhuit,” . . . Thusa nach d’ fhuair thu féin ’na do pheacach, ciod a chunnaic thu ann an Criosd? Tha e dhuit mar “fhreumh á talamh tioram,” ach thàinig binn a bhàis a mach air an duine an là a pheacaich e, agus cha bu chomasach Dia, comh-sheasmhach ri a ghlòir, sin atharrachadh, “as eugmhais dortaidh fola.” Ann an so, cha bu chomasach an t-anam ni air bith a dheanamh air a shon féin.—Anaim! thoir an aire, an ann ri bàs Chriosd, no ’n ann ri d’ ùrnuighean tha thu ag amharc; faic! cha deanadh ùrnuigh mhic Dhé a’ bhinn so a thogail, b’ éigin gu ’n doirteadh e mach anam gu bàs. “O! m’ Athair, ma ’s comasach e, rachadh an cupan so seachad orm.” O! cha-n fheudadh e bhi, gu ’m bitheadh aon anam air a thearnadh mar òladh se e; oir ged a bhitheadh an t-anam a’ fulang troimh an t-sìorruidheachd cha riaraicheadh e ceartas Dhé; ’s ann mar sin a theirear ris, “an slochd gun ghrunnd,” do bhrìgh nach riaraich an t-anam ceartas gu sìorruidh. O! an t-anam bhi troimh an t-siorruidheachd a’ bàsachadh, agus cha-n fhaigh e ’m bàs. O! ’s uamhasach bàs an anama! tha e uamhasach anns an t-saoghal fhéin. An d’ fhuair thusa anam, agus gun aon iarrtas anns an anam sin an déigh Dhé? Nach do chuir sin na h-uile trioblaid eile as do chuimhne? Thusa fhuair anam marbh ’na do bhroilleach, nach deanadh ni a thoirt beò ach cumhachd na h-ais-eirigh: . . . ach ciod e sin an coimeas ri bhi troimh an t-siorruidheachd marbh? ’s e so a thoill an creutair. ’Nis an t-abstol a fhuair aithne air sin, an iongantach ged a thubhairt e ann an so, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Ach gu dol air aghaidh. Bha call na h-uile ni air aghabhail a steach anns a’ chall so, agus mar bhith mar sheas Criosd a steach, cha bhitheadh aon chomhfhurtachd anns a’ chruitheachd do an duine—cha bhitheadh boinne drùchd o nèamh, agus ged a bhitheas [TD 9] an saoghal caillte gu sìorruidh, tha iad ann an so a’ sealbhachadh toradh bàis Chriosd; ach an uair a théid iad do bhith-bhuantachd cha ruig boinne de ’n uisg’ fhuar orra troimh an t-siorruidheachd, agus cha-n fhaigheadh iad sin ann an so mur bhith bàs Chriosd. O! ’s uamhasach a bhi troimh an t-siorruidheachd ceangailte anns na truaighean a tha comh-cheangailte ris a’ pheacadh! O, anaim! ged nach bitheadh anns an tearnadh ach a bhi mach á cuideachd dhroch spioradan agus anama caillte, cha bu bheag e. Cha bhitheadh a h-aon a mach as mur bhith bàs Chriosd, agus na h-uile anam a bhitheas air an saoradh o sin, ’s e bhitheas ann toradh an Eadar-mheadhonair—seadh, mar chi sinn fathasd, gu bheil na droch spioradan air an ceangal suas anns an t-saoghal, ’s e th’ ann toradh ’ùmhlachd agus a bhàis-san. Thubhairt e féin, “Thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh,” agus mar bhith sin bhitheadh daoine agus diabhuil a’ reubadh a shluaigh. Ach gu tighinn a dh’ ionnsuidh an “Tiodhlaic do-labhairt,” ’s e sin Criosd, “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gu ’n d’ thug e aon-ghin mhic féin, chum as ge b’ e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu ’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” Agus an “Ti nach do chaomhain a Mhac féin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithean?” Anns a cheud àit’ air so.—Gu ’m bitheadh Eadar-mheadhonair air a chomharachadh air son tearnadh pheacach, ’s ann o Dhia a shruth e—gu ’m biodh Fear-saoraidh air a chomharachadh air son pheacach, se ’bha ann ni a bha os cionn na b’ urrainn ainglean a ghabhail a steach. Tha mi a’ meas nan tigeadh smuain a steach air na h-ainglibh a’s àirde, gu ’m fulaingeadh Criosd, gu ’m bitheadh iad ullamh gu comh-dhunadh gu ’n do thuit iad anns an aon pheacadh ris na diabhuil, is ann ann féin a thòisich e; uime sin na briathran sin, “is aithne dhomh na smuaintean a smuainich mi do ’ur taobh, deir an Tighearn’, smuaintean sìth” &c., agus bha na smuaintean sin, àrd-uachdaranach, agus bha cuid a chreutairean air an cuir air leth o shiorruidheachd anns am bitheadh e a’ foillseachadh a mach ’Ard-uachdaranachd. Tha ’m Fear-saoraidh féin a labhairt air, “O shiorruidheachd, ’n uair a shuidhich e bunaitean na talmhainn, an sin bha mise aige mar neach a [TD 10] dh’ altrumadh maille ris agus bu mhi a thlachd gach là, a’ deanamh gàirdeachais ’n a fhianuis an còmhnuidh, a’ deanamh gairdeachais anns a’ chuid a dh’ àitichear d’ a thalamh agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.” Cionnas a bha tlachd aig annta? Dìreach b’ iad na meadhonan leis an robh e gu bhi a’ toirt mu ’n cuairt a rùn shìorruidh, a dh’ àrdaicheas a ghloir féin, mar sin bha e dìreach a’ deanamh gàirdeachais ag amharc air na h-àitean anns an robh iad gu bhi a’ gabhail còmhnuidh. Rìs,—Bha anns a Chruith-fhear ni ris an do bhean staid an anama. Tha e féin a labhairt air, “’n an uile amhghar bha esan fo amhghar.” Nis cha robh tòiseachadh aige so ann an Dia, cha b’ e truaigh a’ chreutar a chruthaich so ann an Dia, bha e ann o shiorruidheachd. Thu féin, an e tinneas do leinibh a ghin co-fhulangas annad? bha sin ’na do nàduir, agus bhean do leanabh ris. Ged a bha eadar-dhealachadh eadar peacadh an duine agus peacadh nan diabhul, a bha ’na naimhdeas soilleir an aghaidh Dhé; ach tha sinn a’ leughadh air an duine ’bhi air a mhealladh le “cuilbheartachd,” gi-dheadh bha peacadh an duine a’ toilltinn damnaidh. Ach bha ni ann an Dia ris an do bhean truaigh an anama; agus an t-abstol a chunnaic sin, an iongantach ged a thubhairt e, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?” Oir b’ esan foirfeachd tròcair—cha-n ’eil tròcair ann an Dia dhuit-sa dealaichte ’o Chriosd, agus thusa a ta diùltadh Chriosd, tha thu a’ diùltadh cumhachd Dhé gu tearnadh. Tiodhlac,—’S e sin ni saor; ma bheir thu féin tiodhlac air bith, cha-n ’eil thu ag amharc air son pàigheadh; cha robh ni aig an duine ’bheireadh e do Dhia. Thu féin, faic, ged a dheanadh sin do thearnadh, cha ’n fhaigh thu smuain mu do Chruith-fhear ’n a d’ inntinn, nach éigin dhuit aideachadh gu ’n do chuir ni-eigin ann an sin i; tha mi cinnteach gur minig a fhuair thu ’n a d’ inntinn gu ’m b’ fhearr leat nach robh Dia ann, a’s nach bitheadh bith-bhuantachd ann; tha bith naimhdeis ’an aghaidh Dhé anns an duine. Nis cha robh am bith so foluichte o Dhia, bha e soilleir dha mu’n robh an saoghal ann, gidheadh ’s e a chainnt ri peacaich, “seallaibh rium-sa agus bithibh air ’ur tearnadh, uile iomalla na talmhainn, oir is mise Dia.” “Feuch Uan Dhé a tha ’toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Chunnaic cuid e, agus seallaidh muinntir eile [TD 11] fathasd ris, agus ’anaim bhochd, ma rinn e peacach caillte dhiot-sa cha-n iongantach ged a bhitheadh an sealladh ud milis dhuit,—cha-n iongantach ged a bhriseadh tu a mach ann a’ leithid do chainnt as “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Rìs,—An tiodhlac so, tha e toilltineach air sonas siorruidh do ’n anam. Anns a’ cheud àite air so. Ghabh Dia ri ùmhlachd agus bàs Chriosd mar éiric air son ’anama, ’s e féin a thubhairt, “saor e o dhol sìos do ’n t-slochd; fhuair mi éiric.” Nochd Dia gu ’n do ghabh e ri ùmhlachd agus bàs Chriosd ’an àit’ an anama. Feudaidh thusa ’dhiùltadh, ach nochdaidh glòir gu ’n do ghabh Dia ri bàs Chriosd an àite pheacach; agus cha-n ’eil anam air fhuasgladh o chumhachd peacaidh nach ’eil na dhearbhachd air gu ’n do ghabh Dia ri bàs Chriosd air son an anama sin,—’s e ceartas a ta tearnadh, cha-n e tròcair,—’s e th’ ann “Dia ceart, agus Fear-saoraidh,”—ceart an uair a tha e ’fìreanachadh an duine mhi-dhiadhaidh a chreideas ann an Iosa; agus ’s e sud aoibhneas an anama troimh an t-siorruidheachd, gu bheil e ceart ’n uair tha e ga thearnadh, agus cha-n ’eil anam air fhuasgladh o pheacadh nach ’eil ’na dhearbhachd air gu ’n do ghabh Dia ri bàs Chriosd an àit’ an anama sin, “mharbhadh thu, agus shaor thu sinne do Dhia le d’ fhuil féin.” Rìs,—Bha oirdheirceas ann am bàs Chriosd, a fhreagair glòir Dhé air son peacaidh. Cha robh osna a thug e nach robh ceartas ag amharc air a chuan oirdheirceis o ’n robh sin a’ sruthadh. O! na h-ionmhasan a fhuair ceartas ann an sin! “Dh’ àrdaich e an lagh agus chuir e urram air;” tha sinn a’ faicinn a’ Chruith-fhear aig a bhaisteadh a’ labhairt le guth nèamh, ag ràdh “is e so mo Mhac gràdhach anns am bheil mo mhòr-thlachd.” Ris,—Bha ann am bàs Chriosd, ni anns an robh gaol do ’n Mhòrachd a’ dealradh,—gaol d’ a ghlòir; sheas Criosd sreing-thomhais ceartais,—sheas e cothromaichean an “ionaid naoimh;” chaidh peacaidhean an t-saoghail agus bàs Chriosd a chuir ann an sligibh, agus ’s e gu ’n do chothromaich toillteanas Chriosd iad a tha toirt maitheanas do ’n pheacach; ’s e an lagh naomh, an t-sreing-thomhais, agus ’n uair a chaill an duine a chumadh ris an lagh, chaill e a cho-chomunn ri Dia. Am bheil thusa an dùil gu ’n toir Dia maitheanas dhuit air son do chuid ùrnuighean? [TD 12] Gheibh thu sgriobhta orra, “tha thu air do thomhas air a mheidh, agus fhuaireadh easbhuidheach thu.” Agus thusa leis nach miann gu ’m bitheadh tu air t-fhaotainn air an làimh chlì, na diùlt Criosd. Sheas esan cothromaichean an “ionaid naoimh,” gus am bu chomasach Dia a ràdh, Saor e o dhol sios do ’n t-slochd; fhuair mi éiric.” Nis an t-abstol a fhuair e féin anns an t-saoradh sin, a’ beachdachadh air an éiric, an iongantach ged a thubhairt e “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?” Rìs,—Bha nithean ann an Criosd a dh’ fhosgail e anns an t-saoghal a bha iongantach milis do chuspairean a ghaoil. Theirear ris anns an so, an “tiodhlac do-labhairt.” Ni nach comasach a chuir ann an cainnt—tha e dearbhte nach comasach oirdheirceas a phearsa ’chuir ann an cainnt. Tha oirdheirceas neo-chruthaichte ’na nàduir a tha os cionn cainnt chreutairean. Tha oirdheirceas ann an nàdur nan aingeal, ach ’s e oirdheirceas cruthaichte tha sin, agus ’n a làthair-san tha iad a’ còmhdach an aghaidh, ’sa’ glaodhaich, “is naomh, naomh, naomh, Tighearn’ nan sluagh.” Rìs,—Na ’m beachdaicheamaid air mar tha gaol an Athar do ’n Fhear-Shaoraidh. Tha gaol eadar pearsachan na Trionaid, agus dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil dà ghaol ann an Dia do ’n Fhear-Shaoraidh,—gaol dha mar an t-eadar-mheadhonair, agus gaol dha á nàduir féin,—dha oirdheirceas; agus is ann mar sin a tha Dia ann am feirg ris an duine “gach là” air son nach ’eil gaol aig do Chriosd. Thu féin, bheir thu gràdh do ’n bhrùid ach cha smuainich thu air Criosd, cha ’n iongantach ged a gheibheadh tu ifrinn theth! tha an Tighearn’ faicinn an di-meas a ta thu a deanamh air fhéin air son nan nithe sin. O! an tiodhlac do-labhairt! Na’n toireadh Dia na h-uile ni air nèamh agns air thalamh air son aon anam, nach bitheadh sin iongantach? Ach ciod iad na nithean sin uile ann an coimeas ris a’ Mhac Shiorruidh? O! an ifrinn a tha feitheamh ort-sa nach dealaich ri aon pheacadh air a shon, ach a reiceadh e air son “aon ghreim bidh.” Rìs,—Mar a ta na sgriobtuirean a’ labhairt air an iomhaigh a chaill an duine; “is maisich thu na clann nan daoine,” ’s e sin an iomhaigh, agus an uair a pheacaich an duine chaill e an iomhaigh so, ach cha robh i caillte, bha i air a tional a steach anns an Eadar-mheadhonar, agus gheibh bochdan a’ chùmhnaint i ann an Criosd, ’s e esan an [TD 13] tobair—agus cha ’n e sin a mhàin ach compairtichidh e riu as na h-ionmhasan neo-chriochnaichte a bha ann féin o shiorruidheachd! O! ciod e bhitheas aig na naoimh ann an glòir? ach cha bhi ni aca, ach ni air an d’ fhuair iad blasad ann an so. Mar tig nèamh g’ a d’ ionnsuidh-sa anns an t-saoghal, cha ’n fhaigh thusa gu nèamh troimh an t-siorruidheachd. Nis is e so cuid de ’n “aoibhneas a chuireadh roimhe air son an d’ fhuiling e an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim,” gu ’m bitheadh e a’ toirt da mhuinntir fhéin, blasad air so anns an t-saoghal. Rìs,—Na buairidhean, agus na trioblaidean, do ’m bheil an duine fosgailte anns an t-saoghal. Se so cuid de ’n aobhar air son an do ghabh am Fear-Saoraidh an nàdur, chum ’s gu ’m faigheadh sin a bha ann fhéin o shiorruidheachd claghan a dh’ ionnsuidh an anama. ’N uair a sheallas sinn air mar ghiùlain e leis an duine—mar bha e bròn maille ris an duine; nis bha so ann fhéin o shiorruidheachd, ach ghabh e nàdur na daonnachd chum is gu ’m faigheadh e sruthadh a mach a dh’ ionnsuidh an duine. O! ’n iongantach ged a thubhairt an t-abstol, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.” Rìs,—’N uair a sheallas sinn air gur ann air son a thoillteannas fhéin a tha e a’ giùlan le cuspairean a ghaoil. Tha de thruaillidheachd ann an cuspairean a ghràidh, ann an so, gu ’m brosnaicheadh iad e gu ’n tréigsinn. An d’ fhuair thusa riamh bith monmhoir ann a d’ anam a bheireadh Dia dhe ’n a chathair? Chunnaic Dia sin, agus bha sin a toilltinn a bhi gu siorruidh sgaraichte o Dhia: ach tha Dia a’ gabhail ri ’fhoirfeachd fhéin ann an deanamh an anama réidh ris féin. ’N uair a bha am Fear-saoraidh a’ gabhail so os làimh, b’ aithne dha na doilbheachdan a bha ann, b’ aithne dha ciod a bha am peacadh a’ toilltinn. Ach b’ aithne dha mar an ceudna ’chosdus a bha ann féin gu coinneachadh ri sin. O! bheil thusa comasach air fearg Dhe a ghiùlan? Agus cuiridh e iad ann an lathair na Caithreach “gun smal, gun phreasadh, no ni air bith d’ an leithidibh sin;” agus iadsan a gheibh aithne air an Fhear-Shaoraidh cha ’n iongantach ged a theireadh iad “buidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.” Ach a rìs,—Gu bhi a’ labhairt air na beannachdan a choisinn Criosd. Agus lionaidh iad sin na nèamhan le iongantas. Anaim bhochd! a fhuair am blasad as lugha [TD 14] air, cha ’n ’eil fhios agad ciod e tha agad, na ’m b’ aithne dhuit e, cha bhitheadh mòran agad tuileadh mu chomunn an t-saoghal; fhuair Maois so agus’se bu chainnt d’a bheatha o ’n là sin, “Tha mi coma ciod a choinnicheas rium anns an t-saoghal, ma ruigeas mi air so mu dheireadh.” Anns a’ cheud àit’ air so—Thoill Criosd gu ’m bitheadh gloir na Diadhachd ann am pearsa an Athair air fhosgladh do chuspairean a ghaoil. Tha milseachd neo-chruthaichte—tha oirdheirceas anns a’ Mhòrachd, ach an là a pheacaich an duine thuit e o aithne air a’ mhilseachd sin, agus cha bhitheadh sin air fhosgladh dha gun réite air son an oilbheim; ach thubhairt am Fear-Saoraidh féin, “dh’ fhoillsich mise d’ ainm dhoibh, agus foillsichidh mi e, chum gu ’m bi an gràdh leis an do ghràdhaich thu mise annta.” O! nach iongantach sin? an t-aon ghràdh leis an do ghràdhaich an t-Athar am Mac, annt-san. ’N uair a chruthaich Dia an duine, thug e dha lagh a réir a nàduir, agus anns an rùn chomharaich e gu ’m bitheadh cumail ris an lagh sin air a dhuaiseachadh le glòir, agus anns an rùn chomharaich e gu ’m bitheadh tionndadh air falbh nan aignean uaithe air a pheanasach adh le peanas sìorruidh. “Is e tuarasdal a pheacaidh am bàs.” Ciod am bàs? Dìreach sgarachadh sìorruidh an anama o Dhia. ’Nis b’ éigin do ’n Fhear-Shaoraidh nàdur na daonnachd a ghabhail fo ’n lagh so mar riaghailt beatha, agus mar bha e ’coimhlionadh an lagha sin, bha e faotainn còir air sin a bha aig an duine an toiseach. Sheas am Fear-Saoraidh a steach mar an t-Adhamh deireannach, agus glòir shìorruidh ceangailte ri a chumachd ris an lagh, agus mar bha e ’deanamh so bha e dìreach a’ faotainn còir air Dia bhi air fhosgladh a rìs do ’n anam. O! ni Criosd cuspairean a ghràidh sona fathasd; ’s e so a’ chrìoch a bha aig ann an tighinn a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, agus b’ aithne dha nach deanadh ni an t-anam sona, ach Dia bhi rìs air fhosgladh dha; “is e so a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhi aca ortsa an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a chuir thu uait.” Is e so tòiseachadh sonais an anama, “is e so crioch sonais an anama, agus ged nach bu mhò ’n aithne sin na ceud charachadh an naoidhein, tha ann an sin na chuireas an t-anam ann an sealbh air glòir agus sonas sìorruidh. Rìs,—Ghabh am Fear-Saoraidh ainmean dha féin anns [TD 15] an bheil e tighinn dlùth do ’n anam, agus ga dheanamh féin lag air son an anama, oir cha bu chomasach sinne an aithne a bha aig Adhamh air Dia a ghiùlan mar biodh ar n-anam air a lionadh le gràs. Is iongantach na briathran sin, “mar so deir an Ti àrd agus uasal do ’n aite-còmhnuidh siorruidheachd, do ’n ainm an Ti Naomh, anns an ionad àrd agus naomh tha mise a’ gabhail còmhnuidh, maille ris-san a tha leònta agus iriosal ’na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònta.” “Nis is e so rinn Criosd le fhulangas agus a bhàs a chosnadh do chuspairean a ghràidh,” air chor ’s gu ’m feud iad a ràdh, gur e tha ann, toradh an ni a bha ann an sud, “Mo Dhia, Mo Dhia, c’ arson a thréig thu mi?” Bha an tréigsinn ud, dìreach a’ toilltinn, Dia ’thighinn a rìs dlù do ’n anam. Rìs—Tha buaidhean anns a’ Mhòrachd a ghlais ceartas suas o’n t-saoghal. Bha tròcair ann an Dia o shiorruidheachd, bha comh-fhulangas—bha gaol, ach ghlais ceartas iad sin suas o’n pheacach. Nis is e bàs Chriosd a dh’fhosgail na glasan sin. ’N uair a chunnaic an t-abstol an leabhar ’se air a sheulachadh, agus nach robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fuidh ’n talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltuinn air, tha sinn a’ leughadh gu ’n do ghuil e gu mòr! ach thubhairt aon ris, na guil; feuch, bhuadhaich an leomhan a tha de thrèibh Iudah, freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus air a sheachd seulachan fhuasgladh. Dh’ amhairc e, agus ciod a chunnaic e? feuch, ann am meadhon na rìgh-chaithreach Uan mar gu ’m bitheadh e air a mharbhadh. Is ann mar an t-àrd-shagart a dh’ fhuasgail e na seulachan; oir tha an t-Uan a’ ciallachadh oifig a shagartachd; agus na h-uile ni a bhitheas air fhosgladh do ’n anam troimh an t-siorruidheachd is ann le bàs Chriosd a bhitheas e air fhosgladh. O! is iongantach sin; buaidhean a’ fosgladh anns a’ Mhòrachd a bhitheas mar dheoch-neartachaidh do ’n anam; agus ciod a tha ’fosgladh sin? dìreach bàs Chriosd. Is iongantach na briathran sin, “bainne” agus “mil,” bainne air son naoidheanan, mil air an son-san a tha tinn; bainne cìochan a’ gheallaidh air a chur ann am beul an leinibh, agus e ’faicinn nach e ’ùrnuigh, a’s nach e ’bhròn, ach Criosd a tha toirt sin dha. O! an iongantach ged bhitheadh gaol aige do Chriosd! an iongantach [TD 16] ged theireadh e,“buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Tha thu ann an so agus is measa dhuit t-ùrnuighean na do pheacaidhean; cha ’n iad do pheacaidhean, ach t-ùrnuighean a tha toirt na sìth sin dhuit; agus bheir iad fathasd a dh’ ifrinn thu. O! na buadhan a tha ann an Dia a’ tighinn ann am bàs Chriosd gu bhi mar iocshlàinte do chuspairibh a ghràidh; a neo-chaochlaidheachd, a naomhachd, agus mar sin sios. Thusa a thug e beò gu spioradail, nach robh neo-chaochlaidheachd Dhé, mar theine dhuit? nach robh naomhachd Dhé, is nach robh firinn Dhé mar theine dhuit, ’s nach robh Uil-fhiosrachd Dhé mar theine caitheimh dhuit? Nis na buadhan sin, ann an toilltineas Chriosd a’ tighinn gu bhi ’n an comh-fhurtachd do ’n anam; oir choinnich iad sin ann am bàs Chriosd ann do théarnadh; agus gus an coinnich iad ann a d’ anam-sa, cha bhi an t-urram naomh a bhuineas do Dhia air fhaotainn ’an sin; ach ma ’s tu aon de chuspairibh a ghràidh, cho cinnteach ’s a choinnich buadhan na mòrachd ann am bàs Chriosd a’ “pogadh beul ri beul,” coinnichidh iad ann a d’ anam-sa; gu so cha bhi thu ach mar fhoirmealach bochd a’ dol tre an t-saoghal. Ach O! is iongantach buadhan Dhé a’ seinn anns an anam. Tha sinn a’ leughadh air a’ gabhail “fois ’n a ghràdh,” a’ deanamh “gàirdeachais os an ceann le seinn;” ’s e sud an t-seinn a bhitheas anns an anam troimh an t-siorruidheachd, agus tha sin a’ tòiseachadh anns an t-saoghal, agus an t-anam a gheibh e, cha ’n iongantach ged theireadh e, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” An d’ fhuair thusa an ceòl ud ann a d’ anam? ma thug e thu á ceanglaichibh as an do shaoil thu nach tigeadh tu tre an t-siorruidheachd fhuair thu an ceòl ud, agus is e sin toilltineas Chriosd; agus cha ghabh Dia ri iobairt eile, agus thusa a tha ’diùltadh Chriosd cha sheas thu cothromaichean ceartais. A. SINCLAIR, Printer, 62 Argyle Street, Glasgow.