[TD 1] CUMHA DO DH’IAIN DOMHNULLACH, Fear a’ Gharbha-mhoir ann am Baideanach, a chaochail s a’ Bhliadhna 1830, LE CAIPTEAN MAC-A-PHEARSAIN, BHIALAID. GLASGOW: PRINTED BY A. SINCLAIR, 62 ARGYLE STREET. MDCCCLV. [TD 2] CUMHA, &C. A RIGH! gur diomain an saoghal, ’S ioma mealladh a’s faoineis a th’ann, Mar neul tana ’s e ’caochladh, Theid fhuadach ’s a sgaoileadh ’na dheann, Mar cheathach an aonaich Air a sgapadh le gaoith bharr nam beann; ’S ionann sin a’s clann daoine, Gun fhios thig an t-aog aig gach àm. Fhuair mi sgeula ’s bu shearbh e, Chaidh mo léirsinn gu anannachd le bròn, Gu’n d’eug fear a’ Gharbha, Mo chreach leir! tha e dearbhta gu leoir; Ach ma chaidh thu air falbh uainn, Ged a shiubhlainn leth Alb’ agus corr, Cha’n fhaic mi’n coinneamh n’an armailt Fear do bheusan, do dhealbh, a’s do neoil. Dhomhsa b’aithne do bheusan, Bha thu ciùin mar ghath greine tré cheò; Bha thu ascaoin na’m b’ fheudar, ’S ann a’d’ aodann a dh’eireadh an colg, ’S tu chaisgeadh an eucoir ’Sa sheasadh gu treun leis a’ chòir, [TD 3] A’s cha ghabhadh tu déis-laimh Bho fhear a thug ceum ann am bròig. Bu tu deadh fhear-an-tighe, ’S ann a bhitheadh an caitheadh mu d’ bhòrd; Bu tu pòitear na dibhe, ’Nuair a thàrladh dhuit suidhe ’s tigh-òsd’. Bha thu fialaidh—’s bu dligheach, Bha thu shiolach nan cridheachan mòr, A’d’ cheann riaghailt air buidheann, ’S ann bha chiall ann am bruidhinn do bheòil. Bu tu sealgair a mhunaidh, ’S ro mhaith dhìreadh tu mullach nan sròn; Le do chuilbheir ’s maith cuma’, ’S tric a leag thu air uilinn fear-cròic’; ’S an àm dol air thuras, B’e do mhiann paidhir chuileanan borb; Bu tu’n t-iasgair air buinne, Le do mhorbha géur, guineach a’d’ dhorn. Faodaidh ’n eilid ’s an ruadh-bhoc, ’S an damh mullaich, bhi uallach ’san fhrìth, Tha’m bradan tarra-gheal a’ cluaineis Feadh shruthaibh a’s chuartag gun sgìos; Tha do mhial-choin a’ bruadar Bhi sa’ gharbhlach a’ ruagadh an fhéidh, Tha na h-armaibh fo ruadh-mheirg, ’S lamh g’an dearbhadh ’san uaigh ’o cheann tìom. [TD 4] ’S ann bha’n aoidh ann a’d’ aodann, ’S tric a rinn thu rium faoilte, fhir-mhòir— ’S tric a ghlac thu air laimh mi, ’S bhiodh t’ fhuran a’s t’ fhàilte ’na lorg. ’S tric a rùisg mi mo bheachd riut ’N uair bhiodh smuairean no airtneal ga m’ leòn, ’S chuireadh sùgradh do chnacais Air chùl gach aon acaid bhiodh orm. Gur a cruaidh leam do chlann, a Bhi fo mhulad, fo champar, ’s fo bhròn; Dh’ fhalbh an taice ’s iad fann deth O’n chaireadh do cheann-sa fo’n fhòid. Nam biodh éiridh sa’ Cheapaich, ’S gu’n éighte na gaisgich fo’n t-sròl; Gu’n robh leus air a’ bhrataich Fear cho treun ’sa bha ac’ bhi fo’n fhòid. Ach ’se tha mi ag acain Thu bhi nis anns an Lagan a’ tàmh; Air do dhùnadh fo leacan, ’S nach dùisg thu ’sa’mhaduin bho d’ phràmh. ’S e mo dhiubhail mar thachair Thu bhi ’san ùir an tasgaidh a’ cnàmh; Fhir mo rùin a bha smachdail, Nach do chuir cùl’aobh ri caraid no nàmh. CRIOCH.