[TD 1] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] TREAS MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. [49 AIR. LITREACHAS NAN GAIDHEAL. I. NA LAOIDHEAN. CHA’N fhiosrach mi gun d’thugadh fathasd oidhearp ’n ar canain fein air cunntas a thoirt seachad mu Litreachas nan Gaidheal an Albainn. Ged nach ’eil aireamh nan Ughdar a ghleidh seanachas air chuimhne ’n ar measg ro lionmhor, agus ged nach ’eil saothair nan Ughdar an comhnuidh ionmholta, tha mi meas gur airidh am bannal so air an Eachdraidh innseadh ’n an cainnt fein. Cha’n ’eil an tùrn air aon chor soirbh a dheanamh. Is ann ’s a’ Bheurla a rinneadh na chaidh a dheanadh ’s an rathad so; agus eadhon anns a’ Bheurla cha ’n ’eil cunntas coimhlionta againn mu Litreachas ar Sluaigh. Cha’n e mo rùn an t-àite falamh a lionadh. Ma thig aon air aghaidh a ghabhas os laimh an obair so a thoirt gu crich shoirbheachail, bhithinn taingeil na ’m faigheadh e anns na leanas cuideachadh ’n a shaothair; agus chuirinn an cuimhne mo Luchd-duthcha an Sean-fhocal fior: “Is trian obair toiseachadh.” Toisicheamaid, ma ta, leis na LAOIDHEAN. Tha mi ’n dochas gu’n gleidh an Leughadair air chuimhne nach e mo rùn a bhi toirt breth air a’ ghnè theagaisg a gheibhear ann an Laoidhean no, mar theirear, Dàin spioradail ar Duthcha. Co-dhiu tha ’n teagasg fallain no mi-fhallain; co-dhiu ghabhas na beachdan a tha air an toirt f’ar comhair anns na Dàin so cothromachadh ris na Sgriobturaibh Naomha, ri Aidmheil a’ Chreidimh, ri Leabhar Aithghearr nan Ceist, no nach gabh; cha ’n e so an t-àm no ’n t-àite gu bhi fiosrachadh. Air tìm iomchuidh agus ann an àite freagarrach, is e dleasdanas gach neach againn a bhi “ullamh chum freagradh a thoirt do gach uile dhuine dh’ iarras oirnn reusan an dochais a ta annainn”; agus cha nach ’eil teagamh agam nach biodh Ughdair nan Dàn so ullamh gu leoir a dhion am beachdan fein; ach cha ’n ’eil mi meas gu’n d’thainig fathasd an t-àm, no gur e so an t-àite, airson a bhi ’g an ceasnachadh anns an rathad so. A ris, ge b’e air bith mo bharail mu thimchioll Bardachd ar Laoidhean, agus mu thimchioll nam buaidhean a bhuineadh do Ughdair nan Laoidh, is ann le mor urram agus le mor mheas a bu mhaith leam luaidh a dheanamh air na daoine so, agus air an rùn leis an d’thug iad an smuaintean fa chomhair an t-Sluaigh. Cha’n e mo thoil, agus cha b’e mo chomain, a bhi labhairt suarach mu na sgriobhaidhean so. Cha chuis fharmaid esan, saoilidh mi, a ni dimeas air Dàin a tha co-cheangailte ’n a inntinn ri cuimhne air dachaidh a chaidh ma sgaoil, cairdean sgapte’ feadh an t-saoghail, parantan ’s an t-siorruidheachd;—Dàin a neartaich gu tric creidimh ’s a ruaig eu-dochas Aithrichean ri àm trioblaid ’us amhghair, ’s a chuidich [TD 2] solus, fann feudaidh e bhi, a thilgeadh air an t-slighe dhuaichnidh sin a tha suibhal trid “gleann dorcha sgail a’ bhàis”; ged, ma dh’ fhaodte, an uair a chuireas e gloine-amhairc a’ Sgrudaire ri shuil, a shaoileas e gu bheil smuain nan Dàn air uairean lag, ’s gu bheil an rann air uairean mearachdach. ’S e mo rùn, an traths, a bhi ’g amhairc air na Laoidhean mar Bhardachd agus air an Ughdair mar Bhaird, agus cha’n ann aon chuid mar theagasg no mar eisempleir; a bhi feuchainn ri shonruchadh ciod an t-àite a bhuineas do Laoidhean na Gaidhealtachd agus d’an Ughdair am measg Bardachd agus Baird nan Gaidheal; agus a bhi cur mo bharail fein gu saor, agus cho soilleir ’s is aithne dhomh, fa chomhair an Leughadair. Tha e air aithris gu tric mar ni iongantach, ged nach ’eil dream am Breatunn no, ma dh’ fhaodte, ’s an Roinn-Eorpa cho crabhach ri Gaidheil na h-Alba agus cho toigheach air ceol riu, gidheadh nach ’eil an Laoidhean ach gann ann an aireamh agus anmhunn ann an cumhachd. A’ bheil an radh so uile gu leir fior? Cha tig e dhuinne bhi ’g aicheadh gu bheil na Gaidheil crabhach, agus tha fios againn gu bheil iad ceolmhor; ach cha ’n eil mi cho dearbhta gu bheil ar Dàin Spioradail aon chuid cho gann no cho anmhunn ’s a theirear gu tric a tha iad. Ach ’n a dheigh so uile is e mo bheachd nach ’eil ar Laoidhean cho lionmhor ann an aireamh agus gu sonruichte nach ’eil iad cho urramach ann am buaidh, ’s a dh’earbamaid á crabhadh ’s á ceol nan Gaidheal. Feudar aobhar no dhà fhaotainn airson gainne agus gu sonruichte airson laige nan Laoidhean Gaidhealach. Cluinnidh sinn air uairean nach ’eil an creidimh Protestanach, mar theirear, agus gu h-araid a’ mheur de’n chreidimh sin a tha sinne ’g aideachadh, fabharach airson eiridinn spiorad na Bardachd am measg an t-Sluaigh. Theirear gu minic ged nach ’eil na’s fearr na Leabhar Aithghearr nan Ceist airson cuimhne gheurachadh ’s inntinn a neartachadh gu bhi giulan eolas spioradail air a dheagh chur an ordugh, gu bheil an t-iunnsachadh so a tha neartachadh comas reusonachaidh na h-inntinn a’ claoidh nam buaidhean a tha feumail do’n Bhàrd. Cha ’n ’eil mi meas gu bheil moran firinn ’s a’ bheachd so; agus ged bhitheadh tuillidh coire ri chur air an Leahhar uraamach so na shaoileas mi a thoilleas e, cha’n ann air Gaidhealtachd ach air Galldachd na h-Alba a bu choir dol a shireadh toradh teagaisg Leabhar nan Ceist. Tha mi meas gu’m bitheadh e na b’usa a dhearbhadh o Eachdraidh na h-Eorpa gur e ’n t-atharrach tha fior. Is ann, tha mi meas, anns na rioghachdan Protestanach is mo a gheibhear de Bhardachd, agus gu sonruichte de Bhardachd Spioradail. Ann am Breatunn ’s e gun teagamh Milton is airde buaidhean, is farsuinge eolas, ’s is doimhne faireachduin d’ar Baird Spioradail. Rugadh ’us thogadh ’us chaith esan a’ bheatha am measg an aon dream a bha riamh an Sanunn a bu choltaiche ’n an aidmheil ’s ’n an caithe-beatha spioradail ri Gaidhheil Phrotestanach na h-Alba. Ach tha aobhar eile ann a tha mi meas is cudthromaiche gu sonruichte air son laigead nan Laoidhean Gaidhealach, agus ’s e sin am beachd a th’aig na Gaidheil agus aig na Baird fein, anns na linnibh deireannach so co-dhiu, air oifig no dreuchd a’ Bhaird. Tha fios aig gach neach a rinn a bheag no mhor de rannsachadh mu thimchioll eachdraidh na Gaidhealtachd, ged tha moran de’n eachd- [TD 3] raidh sin ’s an dorcha oirnn, gu’n robh na Baird o shean ann an inbhe àrd am measg an t-sluaigh. Bha àite urramach aig a’ Bhard am measg mhaithean na rioghachd, cha’n ann a mhain air son nam feartan Bardail a bhuineadh dha, ach air son a ghliocais, fhoghluim, ’s a ghluasaid. Bu dreuchd a’ Bhardachd ris an amhairceadh an t-oganach Gaidhealach air aghaidh mar dhreuchd air son am b’ fhiach a bhi stri, cia air bith cho urramach a staid no cho ard a bhuaidhean. Cha ’n ’eil neach nar measg-ne a nis a choimeasar ann an cumhachd ris a’ Bhard anns “na linnibh a dh’aom.” Fear-teagaisg anns an t-seadh a b’ airde, fear-eachdraidh, comhairliche, breitheamh;—bha gach dreuchd dhiu so co-cheangailte ri dreuchd a’ Bhaird. Cha robh e farasda an t-ainm a bhuannachd. Dh’fheumadh an t-oganach leis am bu mhiann an t-urram a chosnadh dearbhadh a thoirt air na feartan inntinn a tha freagarrach do’n dreuchd, agus dh’ fheumadh e na buaidhean so a ghiullachd ’s a neartachadh le iunnsachadh dian a bha leantuinn roimh mhoran bhliadhnachan. Do bhrigh ’s gu’n robh, mar gum b’eadh, eanachainn na rioghachd gu leir ’s an dreuchd, ’s gu’n robh an sluagh o là gu là ’n am fianuisean air comasan gach ball de’n dreuchd, feudar fhaicinn gu soilleir gur ann le cumhachd, stri, ’us faicill a ghleidhte ’aite-toisich am measg nam Bard. Bha ’m Bard a lathair aig gach cruinneachadh, a’ dol a mach ’s a steach o là gu là am measg uaislean ’us mhaithean na rioghachd. An comhnuidh aig cuirt an righ, bha ’inntinn air a fosgladh ’s air a neartachadh le bhi coinneachadh dhaoine urramach o rioghachdan eile. An comhnuidh an cuideachd an airm, bu duine am Bard, a reir a latha, “a chunnaic moran dhaoine ’s moran bhailtean.” Ach an uair a bhriseadh aonachd na Gaidhealtachd, ’s a dh’fhàs gach Ceann-cinnidh na Righ thairis air na b’urrainn dha cheannsachadh, dh’islicheadh gu mor fior chumhachd nam Bard. Cha do lughdaich an aireamh, oir bha nis Bard a’ leantuinn gach Ceann-cinnidh, ach dh’ islich am meas mar dhreuchd. Cha bu rioghachd ach cinneadh am measg a robh urram a nis ri fhaotainn. Gu h-iosal an diugh ’s an uachdar a maireach, bha ’n Ceann-cinnidh a ghnath ’n a namhaid d’a choimhearsnach, ’s bha ’m Bard ’n a namhaid do Bhard namhaid a Chinn-cinnidh. An aite a bhi seirm cliù na gaisge, an treuntais, ’s nan deadh-bheus, ge b’e àite am faighteadh iad, b’e nis fior-dhleasdanas a’ Bhaird a bhi moladh a Cheann-cinnidh ’s a chairdean, ’s a’ di-moladh gach neach eile fo’n ghrein. Agus an lorg, so, gheibhear a nis gu minic an àite nam buaidhean àrd, na h-inntinn fharsuing ’s a ghiùlain uasail, criontachd, cuingeachd, brosgul. Thainig gun teagamh àm anns an d’ eirich moran de na fineachan Gaidhealach mar aon duine a sheasamh còir nan Stuibhartach, anns an do leig iad dhiu, rè tamuill, an naimhdeas do chach a chèile, agus gheibh sinn ’s an àm so a’ Bhardachd a’ togail a cinn. Ach ma gheibh, ’s ann le sgàil na gloire chaidh seachad a dh’ eirich na Baird. Leugh thairis saothair an dithis is ainmeile a sheinn ’s an àm so—Mac Mhaighstir Alastair agus Donnachadh Ban Mac-an-t-Saoir—agus chi thu an dealachadh mor a tha eadar an Orain-san agus a’ Bhardachd a chaidh a ghiulan a nuas o chéin air meodhair an t-sluaigh, ’s a tha nis air a h-ainmeachadh air Oisean. Gheibh thu ann an Oisean inntinn mhòr, fharsuing, ag amharc os cionn fuath ’us farmad ’us mi-rùn an t-saoghail, ag eirigh gu buadhmhor os cionn gach ni beag [TD 4] agus faoin, ’s ’g a ceangal féin ri gaisge ’s ri luach, co-dhiu a gheibhear iad am measg chairdean no naimhdean. Fior fear-teagaisg cha ’n ann a mhain d’a dhream ’s d’a linn fein, ach do’n t-saoghal gu ruig a chrioch. Mac righ gun teagamh—ach mac a choisinn dha fein còir nach aich’ear air righ-chathair na’s urramaiche na bhuannaichdeadh an fhuil is gloine ’s am feachd is cumhachdaiche ’s an Roinn-Eorpa dha. Fior Bhard a dh’ amhairc le sùil gheur ’s a ghlac le greim teann laghannan a chruthachaidh mu’n cuairt d’a, ’us nadur an duine an taobh a stigh dheth; a sheall air ais agus air thoiseach air, mu’n cuairt d’a ’us os a chionn, ’s a shleuchd anam le h-ioghnadh ’us le h-umhas an lathair nan cumhachdan a bha do-thuigsinn dha-san;—Bard a fhuair urram uapa-san d’an deanadh righrean umhlachd, ’s a th’air a leughadh anns gach cearn de’n Roinn-Eorpa ach an Gaidhealtachd na h-Alba a mhain. Ma thiunndas tu o’n Bhardachd so gus a’ Bhardachd Ghaidhealaich, mar gheibhear i ann an “Sàr obair nam Bard Gaidhealach,” agus, ann an tomhas mor, ann an cruinneachadh an Ridire Mhic-Griogair, Deadhan Lis-mhòir, mar theirear gu cumanta ris, saoilidh tu gu bheil thu ann an saoghal eile. Cha ’n fhaigh mi doigh air an dealachadh a chur an ceill na’s fearr na radh gu bheil Oisean mor, agus gu bheil na Baird eile beag. ’S e steigh Oisean cliù, cùis, ’us còir a’ Shluaigh; ’s e steigh nam Bard eile, anns a’ chuid is mò, an cùis ’s an còir, ’s an cliù fein, no co-dhiu an cairdean ’s am fine fein. Gheibh sinn air gach taobh-duilleig de Oisein morachd, greadhnachas, ’us oirdhearcas cho maith ri maise; ann an saothair nam Bard eile gheibhear maise gu tric, ach gheibhear ceart cho tric fuath ’us farmad, agus na’s trice criontachd ’us beagadas. A chum ar n-eolas ar inntinn an duine a mheudachadh, tha ’n obair buannachdail; ach a chum teagaisg is eigin aideachadh gu bheil beatha agus saothair a mhor chuid diu na’s feumaile airson rabhaidh na tha iad airson eisempleir. An aite bhi “chum dioghaltais do luchd deanamh an uile, ach a chum cliù dhoibhsan a ni maith,” nach faighear moran d’ar Baird ’n an gràisg chunnartach le teangadh sgallaiseach,—’n am madaidh thabhannach air am feumadh daoine còire cnaimh a thilgeadh mu’n siubhladh iad rathad-mor an t-saoghail le sàiltean slàn. Cha b’iongantach, ma ta, ged shealladh an Eaglais le sùil chlaon, amhurusach air an leithidibh so de dhaoine, ’s ged thigeadh na Baird fein gu bhi creidsinn gu’n robh iadsan neo-airidh air laoidh mholaidh a sheinn. ’S i mo bharail gu’n robh am beachd tha againn o chionn moran bhliadhnachan ’s a’ Ghaidhealtachd air dleasdanas luchd-aideachaidh a cuideachadh na Baird a chumail a mach á fion-lios nan Laoidh. Cha ’n ’eil aon ’n ar measg aig nach ’eil fios gu soilleir gu bheil na Gaidheil, ’n ar latha-ne co-dhiu, moran na’s curamaiche na na Goill gu bhi cumail an dleasdanais spioradail tur-dhealaichte o’n dleasdanais ’s an toilinntinnean aimsireil; agus gu bheilear ag agairt bho luchd-aideachaidh ’s an Airde-tuath gluasad moran na’s faicilliche na thàtar ’s an Airde-deas. Cha tig e dhomhsa dol a thoirt breth co tha ceart no co tha cearr, no, mar bu choir a radh, co is ceirte de’n dhà; ach cha’n ’eil neach a chomhnuidh ’s an dà àite nach ’eil làn-fhiosrach gu bheil a’ chuis mar so. A thuillidh air so, agus ma dh’ fhaodte do bhrigh so, bha cleachduin Ughdair nan Laoidh a’ cumail nam Bard air an ais o bhi seinn [TD 5] Dhàn Spioradail. Mur deanadh Fear-nan-oran Laoidh cha deanadh Fear-nan-laoidh Oran. Chaidh mar so an caolas a tha dealachadh fearann nan Oran agus fearann nan Laoidh a leudachadh ’s a dhoimhneachadh leis an luchd-aiteachaidh o’n dà thaobh. Cha’n fhaighear, do bhrigh so, ’s a’ Ghaidhlig, mar a gheibhear ’s a’ Bheurla ’s ann an Canainean eile na Roinn-Eorpa, Laoidhean cho binn ’s cho miaghail ’s a tha air an seinn, air an cur ri cheile leis na Baird. Tha na h-aobhair so, saoilidh mi, làn-chumhachdach air son ar Laoidhean a bhi na’s gainne agus gu sonruichte na’s laige na dh’ earbadh coigreach á crabhadh ’s á ceol nan Gaidheal. Ach tha ’n t-àm a bhi ’g amharc air na Dàin fein; is mithich an tìr a rannsachadh, ’s a lomnochd fhaicinn ma’s e ’s gur ann lomnochd a tha i. Anns na Laoidhean Gaìdhealach, chithear dealachadh mor ann an cumhachd Bardachd, ’s ann am foghlum ’s an inbhe nan Ughdar. Am measg Ughdar nan Dàn so gheibhear am bochd ’s am beairteach, an t-àrd ’s an t-iosal, an sean ’s an t-òg; an t-eolach ’s an t-aineolach, an deoraidh ’s an gaisgeach, agus, nach feud mi radh, am Bard ’s am Burraidh. Gheibhear a’ bhantrach do nach aithne a Biobull a leughadh, ’n a bothan falamh, a’ taomadh a mach a gearain ann an rann, a’ tilgeadh a h-uallaich Airsan a gheall a bhi ’n a Athair d’a dilleachdain, ’s a briseadh a mach le buaidh-chaithream an sealladh tonnan buaireasach Iordain a’ bhàis; gheibhear an Diadhair cho àrd buaidhean ’s cho farsuing eolas ’s a chunnacas de’n fhuil Ghaidhealaich ’n ar latha-ne, a’ caoidh nan Laoch treun nach maireann, ’s a’ cur earail, achmhasan,’us aobhar-dochais fa chomhair a cho-pheacaich ann an Dàn. Tha triuir nithean gu sonruichte, a reir mo bheachd, anns a’ bheil Bardachd Spioradail na Gaidhealtachd easbhuidheach. Aon diu so dh’ ainmich mi cheana, agus ’s e sin nach do sheinn ar Baird is ainmeile Laoidhean. Is gann a gheibhear anns a’ Bheurla Bard ainmeil nach do chuir ri cheile a bheag no mhòr de Laoidhean. Tha fios aig gach neach gu’n robh cuid de na Dàin Spioradail cho miaghail ’s a th’ againn anns a’ Bheurla air an deanamh le Scott, Addison agus eadhon le Byron. Ach anns a’ Ghaidhealtachd cha’n fhaighear Bard fior ainmeil a sheinn Dàn spioradail a mach o na Baird Spioradail fein. A ris cha’n fhaighear am Bardachd Spioradail na Gaidhealtachd Dàn mòr no Epic, mar theirear ’s a’ Bheurla. Gheibhear gun teagamh Laoidhean a tha glè fhada mar tha “Latha Bhreathanais” Dhughaill Buchanain agus aon no dha de Laoidhean an Ollamh Dhomhnallaich; ach ged a fhreagradh an steigh a roghnaich Dughall Buchanan air son a leithid so de Dhàn, agus ged is ionmholta air gach doigh a dh’oibrich Dughall a mach a rùn fein, cha’n abair neach gu bheil an Laoidh urramach so a lionadh an àite tha fathasd falamh ’n ar Bardachd Spioradail. A mach o Oisean cha’n ’eil Epic ’s a’ Ghaidhlig idir againn; agus tha e comharraichte mu thimchioil na Bardachd sin, cho beag ’s a tha d’a fior chumhachd an crochadh ri saoghal nan Spiorad. Ma sheallas sinn a stigh anns a’ Bhardachd is glòirmhòire a chuala an Saoghal riamh, chi sinn gu bheil i ann an tomhas mor ’n a Bardachd Spioradail. Sgrùd a mach á Daibhidh, á Homer, á Virgil, ’s á Milton oibreachadh nan cumhachdan a tha riaghladh ’s an t-saoghal neo-fhaicsinneach agus cha mhor is fiach na theid fhagail; ach ged bheir thu [TD 6] air falbh a Bardachd Oisein na tha ’n crochadh ri oibreachadh nan dè cha bhi air aon chor a’ chuis mar so. Tha gun teagamh Oisean a feoraich mu thimchioll nan ceistean cudthromach a tha cuairteachadh beatha an duine ’n so ’bhos; ach is ann le lamh chritheach a tha e tarruing a thaobh a’ bhrat tha comhdachadh na diomhaireachd so, is an le sùil fo sgleò tha e sealltuinn roimh ’n tiugh dhorchadas a tha mu’n cuairt d’a:— Cia as tha sruthan na bha ann? C’uin’ a thaomas an t-am ’tha ’falbh? Cath-Loduinn, Duan iii. 1-2. “Tha astar nan taibhs’ air neòil,” Thuirt Conall ’bu mhor ciall, “Air gaoith chithear suinn nach beò; Tha ’n tuineadh ’an còs nan sliabh; ’N am fios bi’dh an sanas ri ’cheile, ’S an labhairt mu bhàs nam fear.” Fionnaghal, Duan ii. 89-94. Ach ged is ait leinn gu’n robh na smuaintean soluimte so a lionadh inntinn priomh-Bhard ar duthcha mar a lion iad inntinn gach fior Bhard o thoiseach an t-saoghail, cha’n urrainn duinn a radh gur Bard Spioradail Oisean. Cha ’n eil “ciod a bha sinn” no “ciod a bhitheas sinn,” “cia ás” no “c’àite”—ar tùs no air triall—a’ dearbhadh ciod is coir dhuinn a dheanamh:— “Lean-sa cliu na dh’ aom a chaoidh, Mar d’ aithraichean bi-sa fein; * * * * ’N an oige bhuail iad am blàr An duanaibh ’nam Bàrd tha ’n cliù” Fionnaghal, Duan iii., 430 435. ’S e so an comhnuidh am priomh-aobhar gu deadh dheanadas. Tha aon ni eile ’tha mi ’g iunndrain á Laoidhean na Gaidhealtachd, agus ’s e sin, nach eil a bheag dhiu, ma tha aon idir ann, a ni greim air inntinn cheolmhor le fior-mhaise agus le ceolmhoireachd na roinne. Tha gun teagamh cuid d’ar Laoidhean binn, ach cha ’n ’eil e ’m chomas aon ainmeachadh a thig a nios ann a fior mhilseachd ciuil ri moran de na h-Orain a chluinnear anns na h-Eileanan an Iar. Cha ’n aidich mi idir gur e mo chridhe cealgach is coireach gur e so mo bheachd; oir tha mi meas gu’n aontaicheadh na Baird Spioradail fein leam anns a’ chuis. Cha ’n eil neach a shiubhlas an t-Eilean Sgiathanach no Eileanan Mhuile ’s Thirithe ’s na cearnan sin, ’s a chi an oigridh cruinn aig banais no aig feill, ’s a chumas a chluas fosgailte, nach cluinn Orain, gun fhios co ’n Ughdair, anns a’ bheil barrachd ciuil na ’s urrainn domhsa fhaotainn anns an aon is binne d’ar Laoidhean. Cha ’n ’eil teagamh nach bi maise na nighinn duinn a sheinneas an t-Oran a’ cuideachadh ceol na duanaig ’us toilinntinn an luchd-eisdeachd a mheudachadh; ach as eugmhais a chul-taice thaitneach so, tha e fathasd fior nach tig ar Laoidhean a nios r’ar n-Orain anns a’ cheum so. Feudaidh e bhi gur ann leis an oigridh is mo tha de na duanagan so air an deanamh (oir co nach d’ fheuch ri duanag a dheanamh mu’n robh e fichead bliadhna a dh’aois); agus gur ann leis an aosda is mo tha de na Laoidhean air an deanamh, agus tha fios gur i n-oige is ceolmhoire; ach cia air bith an t-aobhar tha chuis mar so. Cluinn mar a their an t-òganach ris a’ mhaighdinn a tha car moiteil ri bhriodal:— “A nionag a’ chuil duinn neach fan thu, ’S fios ’s an tir gur mi do leannan,” agus faigh ann an Laoidh aobhar ’n a àite fein cho freagarrach agus fonn cho ceolmhor. D. M‘K. [TD 7] RANN DO CHOMUNN NAM FIOR GHAIDHEAL. ’AN Inbhear Lochaidh nam mùr, Chunncas an t-Ur-Ghaisreadh cruinn; Thaisbean iad an cliù bu bheus: Sud an sgéul a b’ éibhinn leinn, B’ioma Ceann-Tighe’s Fear feachd, B’ioma Gaisgeach meamnach mór, B’ioma Flath agus Triath sluaigh, A thuinich ’n Stuaigh nan còrn. Gaidheil, an Comunn gun fheall, Lan uidheam Ghaidheal m’an Dream; Ghléusadh sud teanga gu fonn, N’am b’eòlach air dheilbh nan rann. Sealladh cha’n fhacas air blàr A dh’ardaicheadh càil do chléibh, Mar thriall nan Cath-Laoch nach clith, An earradh an sinnsridh féin. Boineid ghorm, an t-éideadh cinn, Ite riomhach nan dos trom, Air iom’-chrith ’n a babaibh grinn, Thair ùrlainn mheachair nan sonn. Trast mu ghuaillibh gach fir thréin, Féileadh ball-bhreac nan céud cuach, Mar bhogha frois ann ’s a’n Spéur, ’S grian ag éiridh air feur-chluain. Lann chosgruidh ’s ’an truaill air bhoinn, Loinntreach le h-airgiod ’s le h-òr; Mar bheithir dhealain ’n a suain, Mu’n duisg a bhruaidlein ’s na neòil! Fuaighte ri feileadh nam pleat, Tha sporan iallach a’ bhruic; ’S tric a dhioladh as do’n bhochd, Bho làimh phailt, le gnùis gun stuirt. Geal us Corcur a comh-ghleachd ’San Osan ghearr, beairt nan cos; Bròg bhileach dhubh bu ghrinn snas M’an troidh nach dean féur a lot. Ingeal nan srann-dhos a seinn Caismeachd a b’àrd-ghloireach pong, Pronnduil lùth’or nam mean roinn, ’Chur aigneadh air ghoil gu glonn. A’ tuil-dhortadh as gach taobh, Faicibh Uaislean nan Saor Chlann! Sud coille nam mile miagh Nach d’aitreabh a’ chrionach cham. Dòmhnullaich rioghail nan sròl; Stiùbhartaich da’n còirbhreith Buaidh; Clann-Cham’roin ’an stréup nan arm Cho teann ris an ailbhinn chruaidh; Lachannaich chlis nan gléus dlùth; Leodaich nam béum drùidhte trom; Leathainich bu luaithe lamh ’Am boile-chath gàir nan sonn: Granntaich is tric a fhuair cis, Sliochd nam milidh bho thaobh Spéith; Clann-Choinnich bu phronntach àr ’Nuair dh’ éireadh àrd Cròc an Fhéidh: Ionmhuinnich euchdach bho’n t-Srath: Sliochd Mhic Rath Dhuibh bu gheal gniomh; Aitim Ghriogair nan colg cruaidh, Romh bhorb-shluagh nach gabhadh sniomh; Siol Diarmaid nam faobhar nochd, A mharbh an Torc ’an Gleann-Sith; Fraisealaich bhras bho’n Taobh-Tuath, A dhruin-leanadh ruaig ’s a’n strith; Clann t-Sola bho’n Apuinn ghuirm; Siosalaich nach fuilgeadh tàir; Sliochd an Toisich * bu mhor luaidh Fo Chalum iol-bhuadhach àigh. Ceann-Suidhe Comuinn gun mheang, Mac-Oighre Righ Innse-Gall, Ard-Fhlath an t-Slòigh ud Siol Chuinn, Alastair uasal nan Gleann. Tha ’n caidreamh Comuinn nam buadh, Gach Subhailc luach’or bu chòir, Firinn mhor-aigneach nach striochd Air mhuillein do mhiltibh òir. Dearbhaidh na Feumaich am bàigh Mar Ghrein àigh ’s a cheitein chiùin, Madainn òg a’ sileadh bhraon, ’S Gach raon a’ dealradh fo dhriuchd. Eaglach do’n Bhiubhaidh tha’n gruaim, Mar chaonnaig uaimhrich nan Spéur Braghadaich an toruinn chruaidh ’Cur luasgain fo’n chruinne-ché! ’S ni nach iongnadh gloir mo dhàin; ’S dualchuis do’n bhàrr gnàths an t-sil; A freumhaich abhaill nan seud Cha bhrisd Geug á Crithinn chrìn. Bho gharg leoghunn nan tosg fiar, ’Choidhch cha shiolaich am meann tais, ’S cha bheir làir pheallach a’ chléibh Cruith-each àluinn nan leum bras. Rannsuichear gach sgeul bho shean: Bha’n deagh Ghaidheal riamh gun chron, An Fhionain dhearc-thoireach ghlan, Do’n aon-bhrigh bho bhàrr gu bun. Sliochd Chuchulainn, Chaoilt’, us Fhinn, Oscair, us Oisein, us Ghuill, ’S Righ nan ceud cath gam b’ainm Conn; ’S cian a bhios luaidh air na suinn. Ge b’ard na Roimhich ’an Gléus, ’S a’ Mhagh-thir gu leir fo’n ceann; Thug Saorsa buaidh ann ’s a’ strith, ’S ghleidh i dhi féin Tir nam Beann. Cha shnaoidh an Gàidheal an teinn; Treuntas a dhaingneach, ’s cha’n fhoill; • The Progenitor of this valiant Clan was Shaw, who obtained an extensive property in Moray, for his active services in suppressing a Rebellion that had broken out in that County. He was a son of Duncan Thane of Fife, and flourished in the reign of Malcolm IV., about the middle of the Twelfth Century. Toiseach signifies General. [TD 8] Cha mheal am fior-Ghaisgeach tàir, ’S annsa leis am Bas na ’Chuing. ’S tric thug Lochlann ionnsuidh chlith Gu siol Mhili ’chuàr fo smaig; Fhuair i ’n Albainn éug is uaigh, Seilbh is buan dith gu la bhrà. Na criochan Eorpach gu leir, Innsidh sgeul air Laoich nan Sliabh, Am buillsgein gach deannail chruaidh Mar chuireadh iad ro dian. ’S mairionn an alladh ’s gur cian, Fad ’s a shiùbhlar fonn us cuan, Bho’n Tir ’s am mosgail a’ Ghrian, Gu ’tamh niar air chul nan stuadh. ’Stiuir Napoleon am mor-chath, Aig bruaich Niluis nan seachd sruth, Sheall e, ’s ’intinn fo throm cheal, Air reang nam Fear bu chaoin cruth. “’S Gaidheil iad sud,” os an sonn, “Gaisgich chliuiteach nan Tuath-Bheann; Dearbhaidh torunn an geur lann Mar chogadh Oscar us Fionn.” B’fhior a bhriathar.—Las am Blar; Thionnaguinn Spairn nam brocladh searbh: Dh’fhas na Do-cheannsuich gun chlith; Cho-chaill iad an ni ’s an t-ainm. Fhuair iad ath-dhiachainn a chraidh Aig Bhatarlàidh† nan àr trom, Cho dluth ’s ga’n robh mheatailt aigh Ga’n comhdach bho bharr gu bonn. Bhéuchd Leoghunn Bhreatann le sgairt:— “As oirbh, a Chuileinean graidh! Gheibh sibh thall ud sealg gu pailt, Glacuibh us casgruibh bhur sath.” Sin for an robh spoltadh truagh! Lannan luatha ’bruanadh chnamh, Closaichean pronn, plod-fhuil ruadh A’ dearg-dhath gach cluain do’n bhlar. ’Leagh a meall cruadhach gu léir, Romh mhaoim theinntidh nan Treun mòr, Amhuil baideal do cheò ciar A sgapas a’ ghrian mu nòin! ’Na lorg sud, tha meas us agh Air Clann-Ghaidheal nan colg geur; Bidh cliù gach linn air an gniomh, Fhad ’s a dh’iathas Grian mu’n spéur. Mile beannachd, mile buaidh Air Comunn Uaislean mo ruin: Cha shnisnich Breatann le fiamh ’S sibhse mar dhian air a cùl. Thog Albainn a ceann le h-uaill: Dh’fhuasgladh a’ Ghailig á snuim; Tha coir gach saorsainn gu feum Aig Sliochd Ghaidheal nam beus grinn. Thig Sonas, us Bliochd, us Maoin, Fialachd us Tlus, Faoilt, us Baigh; Sgaoilidh ’n am miltibh bhur siol, Mar rainich nam fiadh-ghleann fas. †Waterloo. Eiridh Gaisreadh Ghallan ùr A dhian Bhreatann mar mhùr prais; ’S ’an Ifrinn loisgich nam pian Taisgear Folachd fo chiad glas. Bidh Eolus us creideamh fior A’ stiùradh nan gniomh le beachd; ’S tionnsgnaidh an Aois Oir ’an sith, Mar a dh’orduich Righ nam feart. Thus’ a las an aidhbheis chian Le saoghaluibh ’s le grianuibh iùil! Didinn Ban-Iompair’ a Chuain, Gu la luain, mar chloich do shùl. Coisrig i deas agus tuath, Coisrig gach sluagh tha fo reachd; Am boilich nan deubhadh garg, Treoruich-sa’ gu sealbh a Feachd. Deonuich d’ar Prionns’ oirdheirc aigh, Saoghal aoibhinn ’s gach ard bhuaidh; Deonuich sar-ghliocas d’a chuirt, Chum ’s gu’n dearbh iad iùil do’d shluagh. Naomhaich ar lagh, gleidh ar coir, Gun cham-fhoirneart ga buin d’inn ’S aig Morachd Bhreatann biodh barr Fo d’shaor-ghras, bho linn gu linn! EOBHON MACLACHUINN, Rùnaire Comuinn nam Fior Ghaidheal. ’An Sean-Bhaile Obair-readhain, La Samhn’ ur, 1815. DONULL-NAN-IALL. GED nach robh móran de ’n saoghal aig Dònull-nan-iall bha e gu math sicir ’n a dhòigh fhein. Bha e dichiollach gun teagamh, ach a chionn nach robh a làmh ro ghrinn, snasmhar, cha robh a thighinn a stigh ro mhòr. Chuireadh e breabainean, us sàiltean, us ceireinean, air brògan mar nach b’ olc; ach duine a bheireadh tomhas a choise dha aon uair cha tugadh e dà uair dha e, air fheobhas ’s g’ an dùraigeadh e Dònull air a chothrom. Mar a thuirt mi, ma ta, cha robh tighinn-a-stigh Dhònuill ro mhór. Dichiollach ’s mar a bhà e cha robh a phàidheadh ris a’ ghnothuch ach éigneach. Bha a bhean stuama, caomhantach, ach bha e ionann ’s a’ fairtleachadh oirre iomfhuasgladh a ghleidheadh dhaibh fhein le cheile agus dh’ an triùir chloinne. Cha’n fhaodar àicheadh ge ta, mur biodh [TD 9] Dònull cho trom air a’ phìob ’s air an òl nach biodh fuigheall us foghnadh aca. Ach bha e ag obair goirt, agus cha b’ fhuilear dha ‘rud beag’ ’n a uaireannan a chumail spéirid ’s na seann uilt. Is e sin beachd a bh’ aige fhein co dhiubh. Ach bha an ‘rud beag’ ag cost trì sgillinnean Sasunnach a’s t-seachdain da, agus cha bu bheag an cuideachadh a dhianadh sin ris a’ mhuirichinn. Am pàisde bu shine—Maireag, bha i nise mu dheich bliadhna dh’ aois. Bha i ’n a caileig ro lurach, caoimhneil, ach bha i riamh anfhann, breòite. B’i àilleagan an tighe i, agus cha robh an dealachadh eadar i fhein ’s a h-athair. Rachadh Màireag a h-uile latha do cheann eile an tighe far am biodh e ris a’ ghriasachd a chumail cuideachdais ris, agus dh’ fhanadh i fhios cuine comhla ris ag cnacas cho seanagarra ri seann duine. ’N a uaireannan thigeadh greis thinnis oirre, agus shineadh i i fhein air an ùrlar, agus bu bhuidhe leatha bhi ’sealltainn ’n a aodunn. Cha bhiodh i toilichte ach an uair a bhiodh i comhla ris, agus cha bu chualag an obair airsan fhad ’s a bhiodh i mu ’choinneamh. Bha mìos us mìos a’ dol seachad, ’s bha Màireag uidh ’n uidh a’ snaidheadh as. A gruaidhean a’ dol an tainead ’s an glaisead, ’s a sùilean a’ dol am miad ’s am mairbhead, agus a casan ag call an lùis. Thàinig oirre mu dheireadh nach b’ urrainn d’i urad ’s dol do cheann eile an tighe gun taice; an sin rinn a h-athair àrd-leaba dh’i. Bhiodh i nise ’s an leabaidh greis a’ bruidhinn ris, agus greis ag amharc ’n a aodunn. Mar so bha an uine dol seachad, ach a dh-aindeoin a’ ghaoil a bh’ aig air Màireig agus air a theaghlach uile, cha do leig Dònull dh’ e an t-òl ’s an tombaca. Agus mar sin cha robh annas no àilleis aca, agus ciamar a bhitheadh; cha robh, aig Màireig fhein ged a bha i cho beadrach ri ubhal òir aige. Bha tuilleadh ’s a b’ urrainn d’ i mharachadh aig a mhnaoi ri dhianamh buntàta-gun-dad us cearban aodaich fhaighinn daibh gun tighinn air annas no àilleas. Beag no mór g’ an coisneadh Dònull dh’ fheumteadh an aon suim a chur air leth gach Sathurna mu choinneamh an òil ’s an tombaca, agus cho cinnteach ’us sin rachadh gach bonn annta dh’e. Bha Donull làn chinnteach ’n a bheachd fhein mur fhaigheadh e an ‘rud beag’ nach rachadh aige air an obair dhianamh—cha do smaoinich e riamh ciamar a bha a bhean ris a’ghnothuch gun chupa tì—agus mur fhaigheadh e toth de ’n phìob an deaghaidh gach tràth bìdh bha e an duil nach b’ ion da bhi strìth ris an t-saoghal; air chor ’s gu ’n robh na sgillinnean Sasunnach gu riaghailteach a’ dol ’s a’ cheathra’-bhodach agus ’s a’ phìob. Na ’n tuiteadh do na tìmeannan a bhi na b’ fhearr air uair, bu tricid Dònull an tigh-an-ribidh ’s cha bu ghoinnid a spliucan e. Ach an uair a chuireadh e a làmh ’n a phòca ’s a gheobhadh e a’ chorra-pheighinn ri falach-fead innte, dh’ fheumadh e àill air n-àill an stuaim a chleachdadh. Mar so bha beairtean ’g an cur an gnìomh bho sheachdain gu seachdain ’s bho mhìos gu mìos—Donull ’s an ‘rud beag’ ’s a’ phìob cho muirneach mu ’chéile ’s a dh’ fhaodadh iad, agus an lorg sin, a’ mhuirichinn ’g an cuaradh fo éire na h-aimbeirt. Bha Màireag a’ dol an laigead ’s an laigead. Cha b’ urrainn d’ i fios ciod è de ’n bhuntàta-gun-dad a ghabhail, agus na ghabhadh i dh’ e is ann a bhiodh e tighinn ’n a h-aghaidh. Is gann a bha i ag iche na bha cumail na beatha innte. “Mo ghaol beag i,” os a màthair madainn a bha ’sin, “cha bhi i beo [TD 10] gun bhiadh. Is ann a tha na maoirneinean boga buntàta sin a’ toirt a’ chridhe aiste. Ochoin mise, nach ann agam a bha beagan de na th’ aig na h-uaislean thair a’ choir ’s ag cur an domail.” “Tha mollachd a’ ruith na bochdainn co-dhiù,” osa Dònull le gribheig nach bu chleachdadh leis, ’s e sealltainn air Màireig ag cur bhuaipe a’ bhìdh, ’s a tuar ag ìnnse tuilleadh s’ a b’ urrainn d’i a chur an céill. “Mollachd aice” os esan a rithist, “mo phàisdein beadrach a’ dol bàs leis an dubheireachd ’s gach ni gu’n àilleas aig clann nan uaislean.” Rinn Dònulll bho chian inntinn leagte ris a’ ghriasachd, ’s leis an aon shurdan a bhi aige leis a’ mhinidh ’s leis an éill bho mhoch gu dubh, cha robh gnothuch righ no righeachd ag cur iomagain air, air chor ’s gu ’n robh socair-inntinn nach bu bheag aige. Bha e làn thoilichte leis a’ bhuntàta-gun-dad, no le salunn na ’m biodh e ann, agus cha dianadh e tàrmas air bog no cruaidh a chuirteadh ’n a thairgse. Ach bu docha leis Màireag na ni fo ’n ghréin, agus a bhi ’g a faicinn ag cur cuil ris an rud a b’ annasaich a b’ urrainn da chur ’n a tairgse, thug e snìomh air a chridhe, ’s cha bu lugha leis na tòiseachadh monmhur an aghaidh a chrannchuir. Ach ’s an àm cha robh e faicinn gu’n robh dòigh aige air a’ chuis a leasachadh. “Nach urrainn dut dad idir is fhearr na so fhaotainn do Mhàireig?” os esan ri mhnaoi, ’s e ag cur bhuaithe a mhiodair mu’n robh e leth-bhuidheach. “Cha’n eil dòigh air” os ise le h-osna. “Air cho saor ’s g’an ceannaich mi, ’s air cho caomhantach, grunndail, ’s g’am beil mi, is gann is urrainn domh an éiginn bhochd so fhein a chur cruinn.” Dh’ eirich Dònull bho ’n bhòrd ’s thug e ceann eile an tighe air ’s chaidh e air seilbh na h-oibre. Thuit a chridhe gu tur. Cha do chuir e a’ phiob air ghleus ann, theirig an tombaca dha an raoir, mar gu’m b’eadh. Bha aon pheighinn de dh-airgiod-odhar aige, agus chuir e roimhe, cho luath ’s a chàireadh e na brògan, tombaca cheannach ’s an tigh-òsda, air a dhol seachad a’ dol dachaidh leotha. Ach cha do chuir e ach greim no dhà tra a dh’ fhairich e Màireag ag glaodhaich air. Dh’ éirich e g’ a h-iarraidh agus thog e gu muirneach air a ghualainn i—b’i sin an ulaidh bu luachmhaire a bh’ aige ris an t-saoghal, agus bu ghoirt a chridhe ag cuimhneachagh nach b’ fhada gus am biodh “leac us uir eatarra.” Chuir e ’n a sìneadh ’s an leabaidh làmh ris i agus thòisich e leis a’ mhinidh. Chuir uireas us easlainte na caileige luasgan fo shocair-inntinn Dhonuill. Thoisich a smaointean car tiota air co-ghleachd amhuil ’s ian an sàs fo cheis a’ sgiathais ri aisnean a’ chléibh an tí air teicheadh, iadsan ’n a chliabh-san a’ bualadh ri daor-aisnean na h-éiginn. Mu dheireadh chàirich e na brògan, agus le ìotadh na pioba ghreas e air dhachaidh leotha. Air an rathad faicear buth-mhilseinean, agus cuimhnichear air Màireig. “Nach truagh nach b’ urrainn duinn ruighinn air roinn de so dh’i,” os esan ris fhein, “bu bhiadh ’s bu leigheas e. Ach, o, nach gòrach mo cheann—tha sinn bochd! bochd! Cha ruig clann na dubh-bhochduinn a leas duil a bhi aca ri àilleas no annas de ’n t-seorsa so, cha ruig, cha ruig.” Chum e air ’s ràinig e an tigh-osda a cheannach an tombaca. Sheas e aig an dorus, mar a chuir e a làmh ’n a phoca a rurach na peighinn mu dheireadh, thàinig fotha—a chiad uair bho’n a rugadh e, srian a chur ri an-mhiann. [TD 11] Os esan ris fhein “Gheobhadh so mìlsein do Mhàireig, ach chuireadh sin gun tombaca mi an diugh ’s am màireach, cha’n fhaigh mi pàidheadh nam bròg so gu oidhche Disathurna an uair a gheobh Eobhan Aonghais a thuarasdal.” Thug e greis ’s an iolraig mar sin air an dalla làimh e faicinn ìomhaigh Màireig us tuar a’ bhàis oirre, ’s air an làimh eile ’g a fhaicinn fhein gu tromsanach, domh, gun toth pìoba fad dá latha. Shaoileadh duine na ’m biodh fior-ghaol aige air a leanabh, nach leigeadh a chridhe leis a bhi urad ’s leth tiota an iom-chomhairle mu’n chuis. Shaoileadh gun teagamh, agus bha sin aige oirre; ach, “an car a bhios ’s an t-seana-mhaide, is duilich a thoirt as.” Duine a ni droch-cleachdadh sa bith dha fhein, mar a rinn Dònull, cha mhor nach ’eil e cho duilich dha sheachnadh no a leigeadh dh’e ri ball sa bith dh’ a choluinn; oir tha e ionann ’s a’ talmhannachadh ’n a nàdur. Bha a’ sgillinn aige eadar a dha mhiar ’s thug e ceum thun an tigh-òsda; ach thàinig ìomhaigh Màireige cho riochdail eadar e ’s an dorus agus gu’n do stad e. Ged nach robh aige ach an aon pheighinn ri chost, dh’èirich spairn nach bu bheag ’n a inntinn. Gaol Màireig air an dalla làimh agus an droch-cleachdadh air an làimh eile ’g a theumadh ionann’s nach gabhadh e diult. B’ i pheighinn mu dheireadh a bh’ aig Dònull eadar a mheòir. Na ’m biodh dithis aige cha bhiodh an diachainn cho ro chruaidh, cheannaicheadh e mìlsein leis an dalla tè, agus tombaca leis an tè eile. Ach cha robh; agus cha robh aige air, ach e fhein a bhi gun tombaca, no Màireig a bhi gun mhìlsein. Gun a’ chuis a shocruchadh ’s an àm sin, thuirt e ris fhein, “Chì mi tra a thilleas mi air m’ ais,” agus togar air dhachaidh leis na brògan. COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. M.—“C’àit am bheil thu, a Bhean-an-tighe, c’àit am bheil thu.” Tiuguinn gu h-ealamh, oir tha litir agam an so, o d’ charaid caomh Coinneach Ciobair. Thig-sa gu grad gus an cluinn thu ciod a deir do ghoistidh. So agad mata, a bhriathrar càirdeil.— An GOIRTEAN-FRAOICH, an 16 la déug de cheud mhios a’ gheamhraidh, 1875. A Mhurachaidh ionmhuinn, Choisinn Sir Seumas an lagh ann an Ardchuirt na rioghachd, far an d’ thug na Morairean Mòr a dh’aon inntinn, bìnn a mach an aghaidh an t-Sasunnaich, agus anns gach puing air taobh Shir Séumas. Ràinig an naigheachd thaitneach sinn air feasgair an dé, agus ochan! cha chluinnear an so ach eigheach agus aoibhneas air gach cnoc. Tha’n caisteal a’ fuaim le ceòl agus aighear, agus shaoileadh neach gu’m bheil eadhon na h-ainmhidhean fein air na raointibh ri luath-ghair. Tha na beannta mu’n cuairt a’ lasadh air an oidhche le teineachaibh-aoibhneis, agus tha na cnuic air gach taobh a’ boisgeadh soluis anns an dorchadas. Thaoghail Sir Séumas air a chosaibh fein ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich o cheann tiota beag, agus thubhairt e, “A Choinnich, tha ’mhiann ormsa an ath-sheachdain a chur seachad le bhi ’deanamh sùgraidh agus gàirdeachais aig a’ chaisteal, agus chum na criche sin, tha mi ’cur romham gach mac màthar agus nighean athar air an oighreachd a chruinneachadh cuideachd mar aon teaghlach mòr, agus cuirmean freagarrach a dheanamh air an son. Feuch gu’n cuir thu fios air do chàirdibh agus do luchd-dàimh as gach àite chum na mòr- [TD 12] chuideachd a mheudachadh, agus na dean dearmad.” Uime sin, a Mhurachaidh, tha mi ’cur na litreach so ad ionnsuidh le Alasdair Mac Aonghais Mhic Uilleim, agus féuch gu’n tig thu fein agus mo bhan-ghoistidh, agus a’ mheud dhe ’n òigridh ’s is urrainn am baile fhàgail, agus sin le rùn fantuinn rè na h-ath-sheachdain, chum co’-roinn a ghabhail anns gach sùgradh a bhios anns na criochaibh so. Cha ghabh mi diùltadh uait, uime sin, dean deas, oir cha bheag an sòlas a nithear le Seònaid agus leamsa, an uair a chìth sinn ar càirdean aon uair eile ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich. Le mile beannachd, is mi do charaid dìleas. COINNEACH CIOBAIR. “Ciod i do bharail mu’n litir sin, a Bhean-an-tighe? Cha’n ’eil maith Coinneach Ciobair a dhiùltadh, oir tha e ’g ràdh nach gabh e diùltadh, uime sin, cuiridh mi fios, le focal-beòil d’a ionnsuidh le Alasdair Mac Aonghais Mhic Uileim, gu’n ruig sinn e co tràth ’s a bhios ’nar comas air Diluain.” “Glé mhaith, a Mhurachaidh, deir Bean-an-tighe, ach ciamar fo’n t-saoghal a nithear deisealachd air son sin ann an tri làithibh goirid? Is fhurasda duit-sa, agus do d’ leithid sud agus so a dheanamh, agus a shuidheachadh, oir tha gach ni air a dheasachadh chum do làimh; ach cha’n ionann sin ’s mise, agus na nigheannan, oir tha fichead ni a dhìth oirnne. Cha’n ’eil brògan aig Seònaid agus Isiobail, agus cha’n ’eil na gùintean agus na bonaitean aca ’s an fhasain. Air an làimh eile, cha’n ’eil deiseachan freagarrach aca chum iad fein a nochdadh ann an leithid sin do chuideachd, agus cha’n ’eil ùine ann chum an deanamh suas.” M.—“Eisd rium, a Bhean mo ghràidh, tha thusa ceart direach air do thoirt gu taobh le cleachdannaibh amaideach an t-saoghail, cosmhuil ris na miltibh mu’n cuart duit. Tha thu ’g iarraidh a bhi an tòir air an fhasan, uair nach comus duit idir ruigheachd, agus bu mhiann leat do chuid nighean a bhi cosmhuil ris na dealana-dé, air an càireamh suas ann an sgeudachadh de gach dreach agus cumadh gogaideach fo’n ghréin. Cha fhreagair sin idir do nigheannaibh Mhurachaidh Bhàin, agus cha’ n fheudar a cheadachadh. Nach leoir giulan amaideach na h-òigridh aig Fear Bhaile-na-Cille, chum sùilean gach tuathanaich fhosgladh gu bhi stuama, measarra, agus glic? Tha cleachdanna mòran sluaigh anns an àm a ta làthair, a thaobh sgeudachaidh agus greadhnachais o’n leth a muigh, ni’s leòir chum cianalas a dhùsgadh ann an cridhe duine chiallaich sam bith. Air an là an diùgh, cha’n fhàgar caileag òg anns a’ chumachd a dheònaich an Cruithear Beannaichte air a son, ach o bhàrr gu bonn, tha i air a sniomh, agus air a teannachadh le h-uchd-éididh chruaidh o’n leth a stigh, agus o’n leth a muigh, tha i air a gramachadh, air a pacadh, agus air a ceangladh suas le piollagaibh agus cluasagaibh-gaoisde, leis an nochdar i mar dhealbh an t seangain. Agus cha’n e so a mhàin, ach tha a folt, air a chasadh agus air a thoinneamh suas le bian ròineach a bhuic, no le cruaidh-bhadanaibh gaoisid, gus am faicear e mar thuraid air a ceann, agns gu-h-àrd air mullach nan uile tha carraigeag bheag bhonaid air a ceangladh le géill-chriosaibh a ta foluichte ’san fholt! Ochan! cha b’i an ribhinn ghlan òg, mu’n do sheinn am bàrd an uair a thubhairt e:— “Tha do leadan ’na dhualaibh, ’Folach màillean do chluasaibh, ’S a’ tearnadh mu d’ ghuaillibh, Mar thuairnean de ’n òr. [TD 13] ’S òigh uasal air chinnte, An ribhinn ghlàn òg; Cha’n urrainn domh luaidh dhuibh, Gach buaidh th’air an òigh.” Tha i so ann am maise agus an dreach, a réir mar a dhealbhadh i, agus cha’n ’eil i air a truailleadh ’n a pearsadh le laimh sgaitich an fhasain. Agus cha’n e mhain, mar a thubhairt mi, gu’m bheil a’ choluinn agus an ceann air an cur as a’ chumadh nàdurra, ach mar an ceudna na casan. Tha iad sin air an sniomhadh a stigh ann am brògaibh biorach, aimhleathan, caol, air am bheil sàiltean corrach, àrda, nach ’eil co mòr ann am meud ri bonn sgillinne. Air domh a bhi ’dol seachad an là roimh air Baile-na-Cille, rug Bran air seann bhroig, a bha ’n a luidh ri taobh gàraidh, agus, gun teagamh, bha iongantas air a’ chù fein an uair a chunnaic e an t-sàil a bha mar chrioman air a ghearradh de dhos na piob-mòire, agus air a shuidheachadh aig deireadh na bròige. Chuir an sealladh mulad orm, a’ cuimhneachadh air amaideachd nan nighean aig Fear Bhaile-na cille, oir gun teagamh bu bhròg le té dhiubh a thogadh o’n lar leis a’ chù. Cha’n abrainn na h-uiread mu’n chùis so na’m b’ iad na fior bhantighearnan a mhàin a bhiodh a’ gnàthachadh nan cleachdannan mi-chiatach so; ach cha’n iad, oir tha iad sin ni’s stòldta gu mòr ’n an éididh na tha na ban-sheirbhisich aca. Chithear na searbhantan, caileagan gòrach, aig nach ’eil feudaidh e bhi léine m’an drùim, a’ dol a mach air an t-Sàbaid a’ marcachd air a chnàimh a’s àirde de’n fhasan. Ach is i a’ cheist, c’àit no ciamar a ta iad ’g a fhaotuinn? Cha’n fhad a théid an tuarasdal aca chum an riomhachas sin a cheannachadh, agus an déigh sin tha iad ’g a fhaotuinn. Ach leis na nithibh so uile a ta fad os ceann an staid, tha iad co àrdanach, uaibhreach, eas-ùmhal, ’us nach ’eil a chridhe aig na ban-mhaighstirean aca iarraidh orra ni sam bith a dheanamh ach mar a thogaireas iad fein. Is iad fein na ban-mhaighstirean a nis, agus dh’ fhalbh an dàimhealas, agus an dillseachd a bha roimh so a’ co-sheasamh eadar na maighstirean agus an cuid sheirbhiseach. Uime sin, a bhean mo rùin, éisd rium, agus cuimhnich, fhad ’s a bhios Murachadh Bàn beo air ceann a’ theaghlaich fein, cha cheadaich e d’a chuid-nighean iad fein a nochdadh ach gu stòlda, stuama ’n an éididh, agus ’nan giùlan aig gach àm, agus anns gach comunn. Air an aobhar sin, deanamaid uile deas gu dol leis a’ chàrn agus an gearran dubh, air maduinn Diluain, le beannachd ’na thoiseach, dh’ ionnsuidh a’ Ghoirtean-Fhraoich, a dh’ fhaicinn Choinnich agus a’ theaghlaich. Mar so thàinig cùisean gu crich; aig cromadh an anmoich air an là sin, ràinig Murachadh Bàn agus a bhean, maille ri dithis nighean, agus dithis mhac, an Goirtean Fraoich, agus air doibh a dhol a steach rinneadh mòr-ghàirdeachas ri’m faicinn. M.—“Fair do làmh, a Sheonaid, fair do dha làimh, agus innis domh, a Bhan-ghoistidh, ciamar tha Coinneach agus na paisdean air fad?” Fhreagair Seonaid gu’n robh iad gu léir ’nan slàinte, ach gu’n tigeadh e air ball. C.—“Fhir-mo chridhe, a ghràidh nam fear, cha’n ’eil e ’n am chomas solas mo chridhe a chur an céill, an uair tha mi ’faicinn teaghlach eireachdail mo charaid ionmhuinn fo m’ chleith an nochd. Greas ort, a Sheonaid, agus faigh ni eigin a thogas an cridhe an déigh an turais fhada. Tha fuachd, acras, agus sgios orra gu léir, ach taing do’n Fhreasdal, gheibhear leigheas air ball air son [TD 14] nan galar sin. Cuir car dhiot, a bhean, agus feuch ciod a’s fearr a th’agad.” M.—“Dean foighidinn, a Choinnich, dean foighidinn, dh’ fhuirich do mhàthair r id’ bhreith, agus cha’n i bu lugha cabhag,—tha Seònaid tràth ni’s leòir, cia dhiu cha’n ’eil aobhar a bhi ’tilgeadh an tighe bun os ceann. Ach ciod na cùisean mòr a ta ’dol air an aghaidh aig a’ Chaisteal an diugh? Chunnaic mi réultan a’ sguabadh nan spéur, agus a’ boisgeadh mar dhealanaich a thall ’sa bhos, an uair a bha mi ’dluthachadh ris a’ Ghoirtean-Fhraoich a chianamh, agus chuala mi ceòl, éigheach, agus luath-ghair air na raointibh.” C.—“Cha’n ’eil teagamh agam, oir bu mhòr an là a bh’ ann an diugh. Rinn corr is tri chéud suidh sios aig an dinneir ’s an talla mhòr, agus Sir Seumas fein air an ceann; agus b’i sin an dinneir! Cha’n fhac mise a leithid riamh, agus cha’n fhaic. Mar a thubhairt am filidh:— ’N talla ’n fhir fhéil, Bha piob is dàn; Lasair de’n chéir, Sithionn beinne, ’S deochan an céin, O thìr ro bhlàth, ’N aròs an t-saoidh, Cha robh gainne. M.—“Ach ciod a bha iad’ deanamh rè an latha?” C.—“Ciod nach robh iad a’ deanamh? A’ ruith air na cnocaibh; a’ leumadh, a’ tilgeadh na cloich-neart, a’ cur a’ chabair, agus ag iomairt gach cleas eile. Bha òighean agus òganaich, mnathan agus clann, aithrichean agus màthairichean, gach inbh agus aois a’ ruith air feadh a’ chéile, agus Sir Séumas, le ’bhreacan an fhéile, ’sa bhonaid bhinnich, ’gam brosnachadh chum iad fein a dheanamh toilichte. Rè an latha bha gach goireas air a sgaoileadh a mach ann an clàraibh air an raon, aran de gach gnè,—caise,—deochan milis,—gach seòrsa fiona,—togsaidean leanna,—buidealan de ’n uisge bheatha,—agus lionmhorachd nithe air nach do chuir mi sùil riamh,—agus an deigh sin, cha’n aithnichte air neach gu’n d’ òl e boinne. An uair a thuit an oidhche thòisich iad air oibrichean-teine a bha da rireadh ro mhiorbhuileach, a rinneadh le cuideachd a thainig á baile Ghlaschu; ach, a ghràidh mo chridhe, chith thu fein na nithe sin uile am maireach, agus uile laithean na seachdain. Cosdaidh iad na mìltean do Shir Séumas, ach is comadh leis sin, air da buaidh a thoirt air an t-Sasunnach, olc air mhaith leis e.” M.—“Is cinnteach mi gu’m bheil sgios ort, a Choinnich, an déigh co’-roinn a bhi agad dheth na nithe sin uile, agus cha’n e sin a mhain, ach bha thu gun teagamh ’nam measgsan a bha ’riaghladh nan cùise, agus ’gan cur ann an òrdugh.” C.—“Labhair Sir Seumas ri corr is fichead ’nar measg, chum sùil a bhi againn gu’m biodh gach ni ceart, agus gu’m biodh pailteas aig na h-uile, gun dearmad air an aon as lugha. Ach rinn an t-òganach so, am ballach bàn so, cuideachadh mòr leinn. Is Granndach á Srathspé e,—caraide dhomhsa, a thàinig gun fhios gun aire a shealltuinn oirnne an dé, agus cha’n fhag e sinn re na seachdain. Ma tha déigh agad, a Mhurachaidh, air oran Gaidhealach, tha deagh chàil aige, agus mar an céudna, deagh aireamh de dh’ òranaibh ro thaitneach.” M.—“Bhiodh oran laghach gle thaitneach agus gun dolaidh sam bith, ma’s i toil an òganaich aon a shéinn duinn.” C.—“Cuir ruit, a Sheumais, agus thoir duinn,— ‘Cumhadh an òigfhir air son a’ leannain’. [TD 15] SGIALACHD. BHA ròcas ann roimhe so a bha air tòir cobhartaich dha fhein, agus air a thurus goidear mulchag-chàise á uinneig tigh-àiridh; agus càite an deach e ’g a h-iche ach do bharr craoibhe. Rinn e gurach air spìc; agus sùil g’ an d’ thug e, ciod a chunnaic e shìos fotha ach gurarlach mor losgainn ’g a bhlianadh fhein an lub. Bha sùilean an losgainn ’n am faoban éitidh a’ sginneadh romh ’chlaigeann—bha e ’n a shealladh, air leis, cho ro ait ’s gu’n do chuir e, ri faicinn an spliutaire shliomaich, thruaigh, spliug de bhraoisg-ghàire air—an seòrsa spliug sin nach tig ach do ’n ròcas ’s e thoradh a ghean. Goirid bho ’n losgann bha soidearlach de dhamh còir, sultmhar, ag ionaltradh; baidnein uan ag cluaineis mu ’n àilein, agus greis mu seach aca air snodadh bhileagan feòir agus bhlàithean. Co a bhuail a stigh do cheann shìos na cuithe ach gu ’m b’ e madadh-alluidh. Sgeadaich e e fhein cho seòlta an deise de chulaidh-chaorach, ’s nach d’ aithnich na h-uain cò a bh’ aca; cha’n e mhàin sin, ach fear dhiubh a bha an uilebheist tiotan beag roimhe sin an deaghaidh a mhàthair iche agus a craiceann a shuaineadh mu a ghuailnean, ruith e gu soganach, neochiontach, ’n a choinnimh an dùil gu ’m b’è a mhàthair. “Hi-hì!” os an sionnach ’s e ag ialadh timchioll a’ ghàraidh an ionad a bha fo sgàil na craoibhe air an robh an ròcas ’n a ghurach ag gabhail beachd air an losgann ag coimhead air an damh le dà spliachd-shùil a bha an impis sgàineadh le farmad ’s gu bhi tachdte le ròcuil sglamhrainn. “Nach baoth na h-uain fhein. Seall thus’ air a’ bhalcaire fhaoin, mhèalanach ud nach eil ag aithneachadh a’ mhadaidh-allaidh fo chraiceann na caora! An seann chealgaire sin a dh’ ich màthair ciorraidh an dé ’s a dh’ icheas e fhein an nochd—hi-hì!” Bha comhachag am falach ’n a suain an còs an stoc craoibhe, agus ’s na cuir a bh’ ann dùisgear. “Pu-u-hù, fhir a th’ ann, ged nach eil mi g’ ad léirsinn tha mi ’g ad fhaireachdainn! Ma ’s toigh le cuid de dh-fheadhainn na h-uain, tha feadhainn ann air nach beag na geòidh,” os a’ chomhachag. “Agus, a ghràidh nam ban, is toigh leatsa an luch,” os an sionnach. “Bidh muinntir China ’g an iche, tha iad ag ràdh,” os a’ chomhachag, “agus leugh mi an leabhar air choireiginn gu’m beil iad fuathasach déigheil air feòil chon,” os an t-seana bhean chòir a rithist. “O, tra nach do sgrios iad gach mac madaidh dhiubh bharr aghaidh an talmhainn!” os an sionnach. “Agus leugh mi cuideachd an àiteiginn, gu ’m bi na Frangaich ag iche nan losgann, os a’ chomhachag. “Am beil thu ’sid, a ghoistidh? Nach ann againn a bha cho-sheirm bhinn cheileiridh an raoir!” “Ma bhios na Frangaich ag iche mo chineil-sa, bidh na Sasunnaich ag iche mairt fheoil,” os an losgann le ròchd—“bithidh daimh mhòra, mhosach, dhreallach, Ghallda.” “Pu-u-hù!” os a’ chomhachag, “air leam gu ’n cuala mi sin, gu dearbh, agus nach beag orra bonnach-an-t-soduil.” “Ach cò riamh a chuala gu ’m biodh iad ag iche nan comhachag, no nan sionnach, a bhean chòir?” osa gille-nan-car. “No idir gu ’n suidheadh iad sìos a chreim ròcais,” os an t-uasal a rithist ’s e ri beic do ’n t-seann ròcas a bha ’n a ghurach ’s a’ chraoibh ’s an càise aige ’n a ghob. “Is triuir sinne nach cuirear am poit a leasachadh ruidht no ròic dhaoine—tha sinn os cionn sin.” [TD 16] “Is mise ian a’ ghliocais,” os a’ chomhachag, “bha mi fhein ’s an Seana-Ghàidheal ’n ar companaich; gheobhar gu tric mo dhealbh air a ghearradh air cùirn ’s air tùir na h-Eiphid.” “Gu dearbh chunnaic mi gu tric e air a ghearradh air àrd-dhorsan shaibhlean air a’ Ghalldachd,” os an sionnach ’s e cur braoisg air fhein. “Tha thu ’d dheagh bhan-sgoileir, a bhan-ghoistidh. Is aithne dhòmhsa rud no dhà mi fhein, ach is eudar dhomh aideach nach eil mi ’m sgoileir—is gnothaichean an t-saoghail is mò tha tighinn fosnear dhomh—is fear mi a tha tighinn suas air mo luim fhein—duine-uasal bhàrr na dùthcha, mar gu’n abradh tu.” “Is ann a’ fochaid air a’ sgoileireachd,” os a’ chomhachag, ’s fàite-fanaid air a h-aodann àidh. “Bidh mise ri mòran leughaidh a’s t-oidhche.” “Bithidh, a cheist, an uair a bhios mise ri sgoileireachd air feadh nan cearc ’s nan coileach air an spiris,” os an sionnach. “Ach coma, is bochd nach ’eil sgoil agad: na ’m bitheadh bheireadh an déile so os mo chionn beagan fiosrachaidh dhut.” “Dé tha i ’g ràdh,” os an sionnach. “Cha’n urrainn domh leughadh ri solus an latha,” os a’ chomhachag, ’s chaidh i ’s a’ mhiananaich air a h-ais do chòs na craoibhe a chadal gu feasgar. “Plumbas buntàta air a dubh-fhacail, b’e sin è,” os an sionnach ’s e sealltainn suas ris an ròcas. “Saoil, nach ann a tha phròis ’n ar ban-choimhearsnaich! cha b’ ìoghnadh leam ach ì—ag gabhail oirre gliocas an t-saoghail a bhi aice—clod-cheann dall na caillich-oidhche—gu dearbh na ’n abradh i na ròcais.” An uair a bha an conaltradh so a’ dol air adhart eadar na càirdean ud, bha an damh gu soimeach ag iche an fheòir ’s an losgann a’ dùr-bheachdachadh air le leithid de dh-eud ri ’mhiadachd ’s gu ’n spùtadh e nimh air na ’m b’ urrainn da, agus gu’n sgàineadh e le neart farmaid mur-bhith nach robh sin ’n a chomas. Bha ’n t-uainein gun fhiamh, gun amharus, ’n a shìneadh ri taobh a’ mhadaidh-allaidh; a thaobh gu ’n do ghabh esan a shàth dhe mhàthair cha do ghabh e fhathast gnothach ris. Ach coma, bha laiseadh a’ tighinn ’n a shùilean ’s toiseach aige air ’fhiaclan a chasadh agus dh’ éirich gurt us greann air ri cuimhneachachadh gu ’m b’fhèairrde e uain-fheoil gu ’shuipeir. “A! nach mòr na sùilean a th’ agaibh,” os an t-uan ’s e ’s a’ mhèilich. “Is ann is fhèarr a chì mi thu, éudail.” “A! nach mòr na tuisg a th’ agaibh.” “Is ann is fhearr a dh’ ich——.” Mu’n robh am facal uile mach as a bhial, thainig an ràn déistinneach ud air feadh na cuithe, ’s chlisg gach beò a bh’ innte leis an eagal. Ciod a bha ’n so ach asal a fhuair fàth le tubaist air choir-eiginn, air boiceann leóghainn a chur uimpe, agus a’ tighinn ’n a still a stigh air bealach a bh’ air a’ ghàradh, us daoine ’s clann ag cur rithe le maidean ’s le gunnaichean. An uair a chuala am madadh-allaidh an raoic a rinn an asal a bha ’m boiceann an leóghainn, shaoil leis gur h-e righ mór an fhàsaich e fhein a bh’ ann, ’s thug e as cho luath ’s a leigeadh a dheise leis. An uair a chual an damh an fhuaim thug e le clisgeadh cuibhleadh romh ’n lub, agus saltrar air an losgann, a bha ’g a dhubh-chàineadh, ’s cuirear a chnaimhean air a chéile. An uair a chunnaic an ròcas daoine a’ tighinn le gunnaichean, ghrad-leig e as a’ [TD 18] mhulchag ’s ghabh e na sgiathan. An uair a chunnaic an sionnach a’ mhulchag a’ tuitean, thug e g’ a h-ionnsuidh—dh’ aithnich e raoic na h-asaile—agus, ’s an leum a thug e tuitear an gòisinn, agus caillear an t-earrball ris. B’ eudar dha riamh tuille an saoghal imeachd as ’aonais, ag gabhail air, a’s droch-uair, gu’n deachaidh na h-earrbaill as an fhasan, agus gur h-ann bu mhisde na sionnaich orra iad. Anns na cuir a bh’ ann thàinig balchan ’s leadair e an asal le bata gus an robh i ’s an raoicil aige. Cha b’ urrainn am madadh-allaidh mòr-chabhag a dhianamh leis gu ’n deach craiceann na caora mu chasan, agus ’s e bh’ ann gu’n d’ thug fearr de na daoine an aire dha ’s gu’n do thilg e e. An uair a dh’ fhairich a’ chomhachag a’ bhodhar-fhuaim a bh’ ann chaidh i ’n a breitheall, ’s leis a’ bhoile leum i á còs na craoibhe ’s buailear i am buachaille an clàr an aodainn, agus mharbh e i le cuaille bata. Thàinig ’n a àm fhein am feoladair agus thug e leis an damh ’s an t-uan; agus fhuair an tuathanach an t-earraball ’s a’ ghòisinn, agus chuir e am bràigh an teintein e, ’s cha robh duine thigeadh air chéilidh air, nach innseadh e dha am mìomhadh a fhuair e ag cur gu bàs an t-sionnaich. MU THUARASDAL. CHA ’n e an t-aon thuarasdal a gheobh a h-uile seòrsa cosnaiche. Gheobh saor tuilleadh ri sgalaig, agus gheobh òrcheard tuilleadh ri saor; agus cha ’n e fear a bhi ’g oibreachadh na’s goirte na fear eile dhiubh is coireach ris a’ chaochladh-thuarasdail. Tha obair na h-inntinn air an aon chur-h-uige ri obair a’ chuirp. Cléireach a’ phinn, air cho goirt ’s g’an oibrich e, cha ’n eil a thuarasdal cho mór ri pàidheadh fir-lagha no lighiche. Uime sin tha e soilleir nach ann a réir goirtead na h-oibre, ach a réir a luach, a tha tuarasdal a’ chosnaiche. Ciamar ma ta a mheasar luach oibre? Tha luach oibre mar luach badhair no rud sa bith eile; tha e mór no beag a réir a’ mhiagh no na foighneachd a bhios oirre; is e sin a réir cho duilich ’s a thà e a faotainn. Na ’m b’ e ’s gu ’m faighteadh punnd òir air cho beag dragh us costuis ri punnd luaidhe bhiodh an luaidhe cho luachmhor ris an òr. Ach ciod is coireach òrcheird us lighichean a bhi na ’s goinne na saoir us sgalagan? Am briathran eile; carson a tha e na ’s dorra do dhuine faotainn a bhi ’n a òrcheard na ’n a sgalaig? Is e bonn a’ ghnothuich gu ’m beil an t-ionnsachadh a’ tighinn gu tuilleadh costuis. Cha ’n fhuilear do dhuine ùine mhór a thoirt ag ionnsachadh a bhi ’n a òrcheard no ’n a lighiche mu ’m bi a’ chèaird no an ealaidh aige air a làimh. Air chor ’s mur bi gu leòir aig duine gu cost air fhein ré na h-ùine sin, agus a thuilleadh air sin gu ’oid’-ionnsuich a phàidheadh, nach dian e an gnothuch. Agus cha chostadh duine sa bith air a mhac ag ionnsachadh a bhi ’n a òrcheard no ’n a lighiche, ged a bhiodh e ’n a chomas, mur biodh dùil aige, an lorg sin, gu’n coisneadh e tuilleadh ri saor—nach d’fhimir idir uibhir a chost ris ag ionnsachadh na saorsainneachd. ’N a uaireannan air a shon sin meallar air duine ’n a dhùil. Mur bi togail aig gille, no ma bhios e gun dìcheall, gun suim, cha ’n ionnsuich e cèaird no ealaidh, co dhiu ach lethchearbach; air dhòigh ’s [TD 18] gur call gun bhuannachd na chostar ris ’g a h-ionnsachadh. Ach cha ’n e na chostar ri lighiche ionnsachadh is coireach gu ’m pàidhear tuilleadh dha air son duine chur ’s a’ ghlun, na a phàidhear do shaor air son cas a chur am bòrd-bìdh, ach na lighichean a bhi gann. Leis an ionnsachadh a bhi costail, cha ’n eil ach àireamh chuibheasach a’ dol a dh-ionnsachadh na h-ealaidhe. Tha sin a’ fàgail nan lighichean gann: uime sin is e goinnead nan lighichean a tha a’ togail am pàidhidh. Bho na thuirt mi, ma ta, tha e soilleir gur h-ann a réir pailtead no goinnead na h-oibre a tha a luach, cleas gach rud eile. Còrr-uair tha tàlann a’ seasamh do dhuine an àite costuis. Mar shamhladh air sin, Pìobaire no fear-ciùil sa bith nach eil Nàdur lombais ris mu ’n alt a bhuileachadh air, bidh a dheich urad foighneachd air ris an dreangan a fhuair a’ cheart uibhir ionnsachaidh ris agus a tha an ealaidh ag cur mòran tuillidh de spàirn air. Ach cleas gach oibre eile, is e goinnead luchd nan tàlann is coireach an tuarasdal a bhi na ’s motha. Tha luchd nan tàlann gann: uime sin tha an obair am barrachd miagh. Ach a thuilleadh air na dh’ ainmich mi tha oibrichean ann nach e costus-ionnsachaidh no tàlann a tha togail an tuarasdail. Is ann diubh sin obair sa bith a tha cunnartach, no nèo-fhallain, no mì-thaitneach. Mur biodh an tuarasdal math, cha’n fhaighteadh duine idir a ghabhadh os làimh iad. Tha feadhain ann a tha ’n duil, ma thuiteas dhainh a bhi ag obair na ’s goirte na feadhain eile, gur h-ana-ceartas e mur fhaigh iad tuilleadh tuarasdail riutha. Agus cha ’n eil teagamh nach anaceartas e, agus nach eileas ri ainneart orra, ma thathas a’ toirt orra, gun an coire fhein, oibreachadh air thuarasdal a thograr a thoirt daibh, amhuil ’s na traillean a tha aca ri oibreachadh a bhidh ’s aodach. B’ ainneart e mar so na’n tugainnsa, mar gu’m b’ eadh, air urra sa bith, rud sa bith—obair, badhar, barr, no spréidh, a reic rium ge b’ oil leis, air a’ phris a thograinn fhein. Ach cha ’n ana-ceartas e, agus cha ’n ainneart, a thoil fhein a thoirt do dhuine a tha reic no ceannach; ma ’s ann a’ reic, iarradh e a’ phris a thogras e; ma ’s ann ag ceannach tairgeadh e na chi e iomchuidh. Is reiceadair oibre an cosnaiche; is ceannachadair a’ fear a tha cur muinntiris air; uime sin is ceartas gu’m bi an toil-shaor aca le chéile. Bho shean bha lagh ann a shocruchadh an tuarasdail. Chuirteadh ubhla air duine sa bith a thairgeadh no a dh’ iarradh tuarasdal nach robh an lagh sin ag giulan. Ach is ann a bha lagh mar so ri tuilleadh croin no math. Bliadhnaichean bhiodh an tuarasdal cho mór ’s nach b’ fhiach do thuathanach, mar gu’m b’ eadh, a chuid sgalag uile chumail; cha chumadh e ach an fheadhain a b’ fhearr, ’s leigeadh e mach an talamh; an sin bhiodh am barr gann agus moran sluaigh a chion oibre. Air an laimh eile an uair a bhiodh an tuarasdal ìosal, bhiodh tuathanach ann a dhianadh luim air muinntireas a chur air rogha nan sgalag le sineadh-na-làimhe a thoirt daibh, agus neothar-thaing do ’n lagh. Bheireadh sin air tuathanaich eil’ an cleas ciadna a dhianamh; air chor ’s nach robh stàth sa bith ’s an lagh. Is i an doigh is fhearr sa bith a thoil fhein a thoirt do gach duine—reiceadh e no ceannaicheadh e air a’ phris a chi e iomchuidh. Tha feadhain eile ann a tha ’n duil gur h-ann a réir prìs a’ bhidh a a tha ’n tuarasdal ag èiridh ’s a’ [TD 19] tuiteam; tha iad a’ saoilsinn, an uair a dh’ éireas am biadh gur còir do ’n tuarasdal amhuil sin éirigh; air an làimh eile an uair a thuiteas am biadh gu’n tuit a réir sin an tuarasdal; air chor’s gur coma do ’n chosnaiche co-dhiu bhios am biadh saor no daor. Ach duine sa bith a ghabhas beachd air a’ chuis, tha e soilleir dha nach ann am meinn pris a’ bhìdh a tha éirigh no tuiteam an tuarasdail. Dh’ fhiach sinn muthrà gur h-e goinnead luchd-cèird’ ealanta is coireach ri tuille tuarasdail a bhi aca na th’ aig na dubh-chosnaichean. Amhuil sin tra bhios an luchd-oibre gann éiridh an tuarasdal. An fheadhain a bhios a dh-easbhuidh chosnaichean, theid iad gu’n dùlan gu ’m faotainn, theid, a thairgsinn air a cheile, mar a bha iad a’ dianamh an toiseach an Astrailia. Air cho saor’s g’am bi am biadh cha ghabh duine sa bith tuarasdal beag, an là ’s gu ’m faigh e tuarasdal mòr. Uime sin cha’n ann am meinn prìs a’ bhìdh a tha eirigh no tuiteam an tuarasdail, ach a reir na foighneachd a th’ air obair. Tra a bhios na cosnaichean lìonmhar bidh an tuarasdal ìosal. Cha d’ fhàg an sean-fhacal fhein urad sin gun an aire thoirt da: “Is misde na bochdan a bhi lìonmhar.” Air an làimh eile, an uair a bhios mòran am feum luchd-oibre, éiridh an tuarasdal. Tha cosnaichean gu minig an teinn nach ruigeadh iad a leas, le cion a bhi sealltainneach rompa. Bidh iad ag cur na coire air an atharrach, ach gu tric is iad fhein ceann na coire. An uair a bhios tuarasdal math aig duine, agus nach cuir e peighinn mu seach a dh-fheitheamh an latha fhliuich, ach a chaitheas an òl ’s an eile, a’ tighinn suas bho ’n làimh gus an fhiacail, ciamar a bhitheas e ach ’n a éiginn tra a thig là nan cuileagan bàna, ’s a ghannaicheas an obair ’s a thuiteas an tuarasdal.—Gliocas bho ’n t-seillein:— Bha fannan-feoir ann roimhe so, ’s bha e toiseach geamhraidh a bha ’sid an impis a bhi marbh leis an fhuachd ’s leis an acras, agus b’ eudar dha falbh air an tuath. Ràinig e an seillein ’s fhuair e ’n a shuidhe gu soimeach a stigh e, gun dìth, gun deireas, agus dh’ iarr e, air ghaol an iochd, an déirc air. Thuirt an seillein ris gu ’m b’ iongantach leis uireas a bhi air cho tràth de ’n bhliadhna ’s an samhradh a bhi cho math, agus dh’ fharraid e ciamar a chuir seachad teas na bliadhna. “O,” os am fannan, “chuir ag òl, ’s a’ seinn, ’s a’ dannsa, ’s cha do smaoinich mi riamh air gaillinn a’ gheamhraidh.” “Cha ’n e sin mo dhòigh-sa idir,” os an seillein, “tha mi saoithreachadh gu goirt ré an t-samhraidh a’ tional lòin air son a’ gheamhraidh, agus an fheadhain nach dian mar sin, air leam gur geal an airidh iad air a bhi ’n an teinn ’s a’ gheamhradh.” AM PIOBAIR AOSDA AGUS A PHIOB. THA eachdraidh ar dùthcha a’ leigeadh ris duinn iomadh ni iongantach a thachair an uair a bha na fineachan ag eiridh an aghaidh a’ cheile, agus an uair a b’ iad na claidhean, mar bu trice, a dheanadh suas an reit eatorra. Bha na h-amanna sin gun teagamh, fuasgailte, lasach, agus buaireasach; agus cha b’ urrainn neach e fein fhacinn tearuinte a là no dh’ oidhche, a thaobh nan aimhreitean a tha do ghnàth mu’n cuairt da. Cha robh na cùisean gu mòr air an ath-leasachadh ri linn cogannan nan Stiùbhartach. Nach mòr [TD 20] an odhail agus an upraid a bha air feadh gach cearnaidh dhe’n Ghaidhealtachd ann am bliadhna Thearlaich, an uair a bha fineachan tréun air a thaobh, agus fineachan ceart cho tréun ’na aghaidh? Bha’n dùthaich air a roinn agus air a buaireadh agus bha cairdean agus luchd-dàimh air an tarruing gu bhi nàimhdeil ri chéile. Rinneadh spàirn ro chruaidh chum na Stiubhhartaich a shuidheachadh air an rìgh-chaithir, ach dheònaich am Freasdal a chaochladh, agus tha aobhar againn a bhi taingeil a thaobh sin. O na h-amanna fuilteach sin thàinig iomadh caochladh mu’n cuairt chum na cumhachdan a ta ’riaghladh os ar ceann a chomh-dhaingneachadh air an righ-chaithir, agus chum dòchas nan ceannairceach a smàladh as gu bràth. Cha’n ’eil teagamh nach robh càirdean Thearlaich lionmhor, dìleas, agus cumhachdach. Am measg chàich bha am piobair aosda, air an toirear a nis gearr-iomradh. Bha e ’na charaid dian, agus dileas do’n Phrionnsa. Bha e ’na là agus ’na lìnn fein comharraichte, cha’n e mhàin air son a neart, agus a thréubhantais, ach mar an céudna air son an fheabhais leis an cluicheadh e a’ phiob-mhòr. B’ aon de chloinn Sgéulaich e, Iain MacGriogair, a rugadh ’sa bhliadhna 1720, ann an Fartrichill, ann an siorramachd Pheirt, far an robh a shinnsear cliùiteach rè iomadh linn, mar na piobairean a’s fearr ’san dùthaich air fad. Bha clann Sgeulaich ceart co iomraiteach ’sna lìnntibh a dh’ fhalbh ri cloinn Mhic Criomain Dhùnbheagain, no ri cloinn Mhic Artair, piobairean Mhic Dhomhnuill nan Eilean. Bha Ian MacGriogair ’na dhuine tapaidh, tréun, agus bu tearc e r’a fhaotuinn a chuireadh a dhruim ri talamh. Bha spéis gun tomhas aige do’n Phrionnsa, agus ceart cho luath ’sa chàraich e a chos air mòr-thìr na h-Alba, ghrad thug Ian leis a’ phiòb-mhòir do Glheann Fhionghain air agus chuir se e fein fo bhrataich Thearlaich Oig. Cha b’ fhad air an laimh eile, gus an robh mòr-thlachd aig a’ Phrionnsa dha, agus cha dealaicheadh e ris ’na chuairtibh anns gach àite. Chumadh e còmhradh càirdeil ris a’ phiobair bhochd, agus dh’ iarradh e a chomhairle anns gach cùis. Cha robh, gidheadh, ach eòlas ro bheag aig Iain còir air a’ Bhéurla, agus cha b’ urrainn da comhradh freagarrach a dheanamh ris a’ Phrionnsa. Ach cha b’ fhad gu’s an d’ rinn Tearlach gréim air earrannaibh sònraichte dhe’n Ghäelig, agus an trà ’sa rìs, ghlaodhadh e ris a’ phiobair,—“Séid suas do phiob, Iain.” An uair a chaidh Tearlach a steach do Dhùnedin, agus an uair a theich Cope agus a mharc-shluagh aig Prestonpans, ghlaodh am Prionnsa gu cruaidh, cabhagach, “Séid suas, séid suas do phiob, Iain.” Chaidh am piobair bochd anns an ruaig gu Derbi,—bha e ’lathair ’san Eaglais-Bhric, agus aig séisd Chaisteil Shrìghlaidh,—agus mu dheireadh aig faiche mhi-shealbhaich Chùilfhodair, far an d’fhuair e an sealladh mu dheireadh de ghnùis thlà a’ Phrionnsa. An deigh iomadh déuchainn agus cruaidh chàs, phìll MacGriogair air ais gu sgìreachd a bhreith, far an robh e gu là a’ bhàis. Bha ceathrar mhac aige, agus ochdnar oghaichean, agus bu phiobairean air fad iad. Ach dhe ’n àireamh so gu léir cha bheò an diugh ach a h-aon. Bha ’phiob chéudna leis an do dheachd MacGriogair misneach agus spiorad a chuid companach anns a’ chath, aig ogha dha, Iain MacGriogair eile, a chaochail ann an Druimcharaidh, ann an sgireachd Fhartrichill o cheann beagan bhliadhnaichean air ais, mu cheithir fichead a dh’ aois. Bha e ’na dhuine stuama, measail, agus cliùiteach, d’on robh [TD 21] mòr-spèis aig a luchd-eòlais gu léir. Bha ’n t-seann phiob ann an deagh-ghléus agus òrdugh, an uair a chaochail MacGriogair, agus goirid o là a’ bhàis, bha e ’na shòlas da’ chridhe a bhi ’ga séideadh suas, an uair a bha eadhon an anail goirid. Ach tha i fathast a làthair aig Diùc Athol ’na chaisteal fein ann am Blàr. Cha robh aice riamh ach da dhos, de bhrigh nach robh an treas dos air a chleachdadh anns na h-amannaibh o shean. Bha ’n sionnsair air a chòmhdachadh le bannaibh airgid, làn sgriobhaidh ann am Beurla ’san Gäelig. Chuir an Ridir Iain Athol MacGriogair nach maireann, clàr leathann airgid air, leis an sgriobhadh a leanas anns an dà chàinnt:—“Bha ’phiòb so, a bhuineas do Iain MacGriogair, piobair Dhiùc Athoil, air a cluicheadh le ’shean-athair Ian MacGriogair, ann an cogannaibh Phrionns’ Teàrlaich Stiùbhart ’sa bhliadhna 1745-6; agus chuireadh an sgriobhadh so oirre le ’Cheann-cinnidh fein, an Ridir Iain Athol MacGriogair, ’sa bhliadhna 1846, mar chùimhneachan air obair urramuich na piòba.” Bha Iain MacGriogair so mu dheireadh aig an robh a’ phiob ’na fhear-cluiche ro eireachdail gu deireadh a làithean. Choisinn e a’ phiob-mhòr mar dhuais-cluiche ann an Dùnedin, ann am mios mu dheireadh an t-sàmhraidh 1811. Bha e rè iomadh bliadhna ’na phiobair aig Diùc Athol, agus a rìs aig Mac Fhionnlaidh, Mhonaltri, agus an déigh sin aig Mac Fhionnlaidh, Finghein. Chluich e ’s a bhliadhna 1813 aig co’-chruinneachadh nan uachdaran ’san Eilean Mhanainneach, aig Ceinn Thinbhailt. Bha e a’ cluicheadh air ceann nan Griogaireach ann an Dùnedin, an uair a thàinig an righ ’sa bhliadhna 1822. Bha e ’na phiobair aig Gaidheil Dhiuc Athol aig Faoin-chòmhrag Eglinton ann an 1839, agus chuireadh an t-urram air cliucheadh an làthair na Banrighinn aig Caisteal Bheallaich. Ach mu dheireadh luidh an aois gu tròm air Iain còir. Dh’ fhàs e diblidh, fann le luchd nam bliadhnaichean a chaidh thairis air a cheann. Agus a thuilleadh air sin, dh’ fhàs e glé ghann ’na chuid, ’na laithibh deireannach. Chuir e litir o làimh fein dh’ ionnsuidh an Sgiathanaich, air da a bhi ’na fhear-cinnidh dha, dh’ fhéuchuinn an gabhadh duin’-uasal éigin tlachd dhe’n t-seann phiob, chum gu’m biodh i air a gleidheadh re linntean ri teachd mar chuimhneachan air a seirbhis ’s an àr-fhaich. Chuir an Sgiathanach eachdraidh Chloinn-sgéuluich agus na piòb anns na litrichibh naigheachd mar a rinneadh eadhon a nis, agus thàinig na h-uiread dhaoin’-uailse air an aghaidh a bha deònach gréim fhaotuinn air a’ phiob, agus a bheireadh suim airgid do’n t-seann duine chòir air a son, ach am measg chàich chuir Diùc Athol nach maireann fios gu’n suidhicheadh e uiread ’sa bhliadhna, fhad s’ bu bheò e, air a’ phiobair aosda air son na piob. Gheall e uiread ’sa dh’ fhàgadh an seann duine còir soimeach, socaireach rè uile làithean a’ bheatha. Rinn an Diùc mar a gheall, agus shìneadh laithean a’ piobaire gu beagan bhliadhnaichean an déigh sin, a’ sealbhachadh le taingealachd teirbheartais an Diùc. Ach mu dheireadh fhuair e am bàs, agus fhuair an Diùc a’ phiob,—agus cha’n eagal nach gleidhear tearuinte i leis an teaghlach àrd-uasal sin re linnte ri teachd. SGIATHANACH. [TD 22] AN T-AILLEAGAN. [Ceòl] O SOIRIDH slàn do ’n Ailleagan ’Bha ’n so mu ’n tràth so ’n dé; Gu ’n d’ lot thu dh’ ionnsuidh m’ àirnean mi, ’S mi cràiteach as do dhéigh: Ma ’s teachdair ’tha bho ’n bhàs thu, ’S nach slànaich mi gun léigh, Gu ’n tug mi gaol bho m’ chridhe do Dh’ òg-nighinn nan rosg réidh. Bho dh’ fhalbh thu ’n dé mu ’n tràth so uainn Tha mi fodh chràdh ’s fodh leòn; ’S e ’n gaol a thug mi ’n céud là dhut A dhrùidh air m’ fhuil ’s air m’ fheòil; Ach chì mi ’n diugh nach d’ thàinig thu, ’S air nàile cha b’ i ’chòir, Tha m’ osna tròm an uaignidheas A’ smuain air bean do neòil. Och! tha mo smuaintean cairiseach Bho dhealaich sinn Di-luain, ’Gheug ùr nan glaca mìn-bhasach, A leannain chaoimh gun ghruaim; Ma tha buaidh mu ’n t-sùgradh ort, ’S nach lùb thu le meud stuaim, ’S e do ghaol a leasaich m’ iomguin dhomh, ’S a chuir an giorrad m’ uair. ’S e ’chuir, an uair, an taice rium Gu ’n d’ ghlac thu cleachdadh ùr: Gu ’n d’ rinn thu gniomh nach b’ àbhaist dhut, Mo ghràdh-sa ’chur air chùl. Cha d’ aìthnich mi riamh fàiling ort, Bho chàirich mi ort m’ iùl,— Gu h-uasal, banail, bàiraigeach, Gu tairis, càirdeil, ciùin. ’S mìn, tairis, ciùin a labhradh tu, ’Gheug ùr nach mall ’n a d’ chéill, Air Machthir no air Gàidhealtachd ’S tearc samhail bean do bheus, Cha ’n ionghnadh cliù ’bhi fuaighte riut, ’S gu ’n d’ fhuaradh thu gun bheud, ’S tu ’shiol na fala connspuillich Le suaineas ceann an fhéidh. ’S mìn, soitheamh, sèimhidh, suaimhneasach An rìbhinn uasal òg, Gur lionmhor cìs a bhuannaich thu Nach d’ fhuaradh riamh cho mòr. Do dhà ghruaidh dhearg cho taitneach Do shlios mar shneachd’ an lòin, Do shùilean mealla, mìogach, Mar ghrian air tionntadh neòil. [TD 23-32] THE GAEL, ENGLISH DEAPARTMENT. [Beurla] [TD 33] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1876. [50 AIR. LITREACHAS NAN GAIDHEAL. II. NA LAOIDHEAN. THA e coltach gu’n abairteadh o shean Laoidh ris a’ Bhardachd ris an abair sinne Oran no Dàn. Gheibh sinn mar so “Dàn an Deirg,” agus “Laoidh an Amadain Mhoir.” Cho fad ’s is léir dhomh, dh’fheudteadh na h-ainmean atharrachadh—“Laoidh an Deirg” agus “Dan an Amadain Mhoir”—gun brigh na cainnt a mhùthadh. Ach o chionn iomadh bliadhna their sinne Laoidhean ris a’ ghne Bhardachd sin a tha buntainn ri firinnean ar Creidimh ro naomha. Is co-ionann, tha mi meas, am focal Gaidhlig Laoidh agus am focal Beurla Lay. Co a’ chanain d’am buin am focal, cha ro mhaith is aithne dhomh. Tha e againn ’s a’ Ghaidhealtachd o chionn iomadh bliadhna. Ach a rìs, gheibhear e anns a’ Bheurla o chionn iomadh ceud bliadhna. B ’e so an t-ainm a bha aig na Baird ’s a chanain sin airson naigheachd air a cur ann an rann. Sheinneadh am Bard, mar bu trice, an Lay, agus bhiodh guth na clarsaich a co-fhreagradh ri ’ghuth féin. Cha ’n ’eil e idir eu-coltach nach ann o’n Bheurla a thug sinne am focal, agus creididh mi gu’m b’ ionann ciall o shean do’n fhocal anns a’ Ghaidhlig agus anns a’ Bheurla; ach, mar thuirt mi cheana, ’s e ciall cumanta an fhocail Laoidh, ’n ar latha-ne, Dàn Spioradail a tha air a chumadh ri fonn, ’s a tha freagarrach gu bhi air a sheinn a chum cliù Dhè. Cha ’n fhiosrach mi gu bheil a bheag a nis ri fhaotainn de na Laoidhean Gaidhealach a rinneadh roimh linn an Ath-leasachaidh. Agus cho fad ’s is aithne dhomh, cha ’n ’eil rann idir ri fhaotainn de Laoidhean nan Druidhean. Is call mor so; oir ged bha creidimh nan Druidhean mearachdach, feallsa, bu daoine crabhach iad agus, a reir soluis an latha fein, daoine foghluimte. B’ ann an rann a bha ’m beachdan air an gleidheadh air chuimhne; agus cha ’n ’eil teagamh nach b’e seinn Laoidhean roinn mhor de’n aoradh. Bu thiodhlac luachmhor dhuinne an aidmheil agus an riaghailt-aoraidh ’n an cainnt fein. Ach is call air gach doigh moran na’s mò, nach do rainig a bheag is fiach iomradh sinn de Laoidhean na seann Eaglais Ghaidhealaich. Tha seanachas creideasach air cho teom ’s a bha Calum Cille ’s a luchd leanmhuinn air seinn Laoidhean. Cha ’n ’eil mi cho earbsach gu bheil an seanchas cho creideasach gur e Calum Cille is ughdar de’n aon rann Ghaidhlig a tha nis air a luaidh air ainm:— “I mo chridhe! I mo ghraidh! An aite guth Manaich bi’dh géum bà; Ach mu’n tig an Saoghal gu crìch, Bi’dh I mar a bha.” Ma bheirear creideas do’n fhaistneachd, is dòcha gu bheil crioch an [TD 34] t-saoghail na’s faide uainn na’s maith leis an Ollamh Cumming aideachadh. An uair a bha “coigrich a’ chuain” a’ seideadh thùrlach, a’ creachadh àiridhean, ’s a’ spuilleadh theampull anns na h-Eileanan a Tuath ’s an Iar, cha’n ’eil teagamh nach iomadh Laoidh mholaidh cho maith ri iomadh Brosnachadh gaisgeil a chaidh gu brath a dhìth anns an leir-sgrios eagalaich a thainig air a’ Ghaidhealtachd anns na linntibh an-iochdmhor sin. Anns a’ chruinneachadh de Bhardachd Ghaidhealaich a rinn Sir Seumas MacGriogair, Deadhan Lis-mhoir, o chionn corr agus trì cheud bliadhna, gheibhear a mhor chuid de na tha nis a lathair de’n t-seana Bhardachd, a mach o Oisein. Ann an cruinnachadh MhicGriogair gheibhear Bardachd chrabhach; ach cha ’n fhaighear a bheag agus cha’n ’eil am beagan ro mhaith. Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gur airidh na “comhraidhean” eadar Oisean agus Padruig a bha cho siubhlach ’s an àm sin am measg an t-sluaigh a bhi air an ainmeachadh ’n ar Laoidhean. Tha iad luachmhor ’n an aite fein; ach cha Laoidh connsachadh eadar Oisean ’us Padruig co-dhiu b’fhearr cleachduin nam Fiann na’n creidimh Criosduidh—Parras na talla Fhinn. De na Baird Spioradail a gheibhear an cruinneachadh MhicGriogair, ’s e Muireach Albannach—a réir coslais a cheud aon de Chlann Mhuirich, Baird Chlann-Raghaill—gu mor is àirde cliu. So eisempleir d’a Bhardachd:— “A bhi an cridhe Mhic Dhe, Peacach mar mi mòr an sgeul, Mise d’a gun d’fhuair a nis, Crois Iosa Criosd air mo bheul; A Iosa Criosd sean de d’ mhos, Mo dha chos ’us mo da làmh, Agus sean-sa mise de d’dheòin, Eadar fhuil, ’us shal, ’us chnàmh.” —Book of the Dean of Lismore, p. 121 (Gaelic text). Cha ’n fhaighear cunntas mion mu leabhraichean Gaidhlig ’s mu’n Ughdair, ged nach ’eil an aireamh ro mhòr. Rinneadh a cheud oidheirp ’s an oidheirp mu dheireadh ’s an rathad so le Reid* anns a’ bhliadhna 1832. Chaidh moran de leabhraichean Gaidhlig de gach seorsa a chur a mach o’n àm sin; agus bha iomadh leabhar clo-bhuailte ’s an àm sin fein air nach d’amais Reid ged rannsuich e gu ro churamach. Thachair air Reid naoi deug agus dà fhichead leabhar Bardachd ann an Gaidhlig; agus ’n am measg so tha aon deug de leabhraichean Laoidhean. Anns a’ bhliadhna 1841 chuir Iain MacCoinnich a mach an leabhar luachmhor sin “Sàr Obair nam Bard Gaidhealach;” ach am measg saothair dà Bhard dhéug thar fhichead, cha d’ thug e aite ach do thriuir de na sgriobh ’s a chuir a mach Laoidhean. Ann am beachd Mhic Coinnich bha ochd de na leabhraichean Laoidhean a dh’ainmich Reid, a thuillidh air na leabhraichean nach b’aithne do’n duine sin, nach robh airidh air cuimhne bhuan airson am Bardachd. Tha mi meas nach robh barail Mhic Coinnich ro chlì anns a’ cheum so. Anns na chlo-bhualadh de Bhardachd Ghaidhealaich bho 1841, tha roinn mhòr—dlù air an dara leth, tha mi meas—’n an Laoidhean. Thachair orm fein, uile gu leir, mu fhichead leabhar Laoidh; agus tha fios agam gu’n deachaidh leabhar Laoidh no dhà a chlo-bhualadh nach faca mise. Cha bhiodh e freagarrach, ann an cunntas aithghearr mu’r Laoidhean, dol a dh’ ainmeachadh gach leabhar dhiu so air leth. A chum a’ mheur so d’ar Bardachd a * Bibliotheca Scoto-Celtica. John Reid. 1832. Glasgow, John Reid & Co.; Edinburgh, Oliver & Boyd; London, Whittaker, Treacher, & Arnot. [TD 35] thoirt fa chomhair an Leughadair, feudaidh sinn ar Laoidhean Gaidhhealach a roinn ’n an ceithir Buidhnean no Earannan. I. Laoidhean eadar-theangaichte. II. Laoidhean a gheibhear sgaoilte feadh na tìre gun fhios co leis iad, agus leabhrain bheaga a chaidh a chlo-bhualadh o àm gu àm. III. Laoidhean a tha ’n Ughdair fathasd maireann. IV. Laoidhean ’us Ughdair a tha airidh air aite urramach fhaotainn am measg ar Bardachd. I. Laoidhean eadar-theangaichte. Is ann ’s a’ bhuidheann so a dheanta’ luaidh air Sailm Dhaibhidh, na Laoidhean ’s na Dain Spioradail a gheibhear le ughdarras na h-Eaglais ’n ar Biobuill; agus cha’n urrainnear, tha mi meas, cus cliù a thoirt do na daoine foghluimte a thug gu crìch cho ordheirc an obair chudthromach so, agus gu h-araid do’n Ollamh Smith a rinn, ma dh’ fhaodte, na bu mho na neach eile. A thuilleadh air na Sailm ’s na Laoidhean a tha ri’m faotainn ’n ar Biobuill, tha moran do Laoidhean eadar-theangaichte ’s a’ Ghaidhlig. Gu bhi g’ an gabhail thar cheann, is eigin dhomh aideachadh nach eil mor mheas agam air na Laoidhean so. Gheibhear gun amhurus, a nis ’s a rìs ’n ar Cuairtearan, Laoidh no Dàn air dheagh eadar-theangachadh, agus chaidh dà Leabhar a chur a mach le Mac-na-Ceardadh, ann an Glascho, o chionn beagan bhliadhnachan—a mhor chuid de Dhàin Spioradail eadar-theangaichte—a tha uile gu leir ionmholta; ach seachad air na dh’ ainmich mi, cha ’n e mo bheachd gu’n robh an roghainn a chaidh a dheanamh da na Laoidhean Beurla uile gu leir fortanach, no gu’n robh oidhearp an Eadar-theangair an comhnuidh soirbheachail. Ged tha ’Ghaidhlig ’s a’ Bheurla ’n an coimhearsnaich o’n a rugadh a’ Bheurla cha robh riamh moran companais eatarra. Creididh mi nach ’eil Bardachd ’s an Roinn-Eorpa is duilghe chur gu Gaidhlig na ’Bhardachd Shasunnach. Tha so fior gu sonruichte, a reir mo bheachdsa, mu thimchioll nan Laoidhean sin is trice a gheibhear air an Eadar-theangachadh—Laoidhean Beothachaidh no Dusgaidh, mar theirear rin. Mar a dh’ ainmich mi cheana tha dealachadh mor eadar ar beachdan agus eadhoin ar faireachduinean Spioradail anns a’ Ghaidhealtachd agus beachdan nan Gall, agus gu sonruichte nan Americanach; agus cha ’n ’eil e idir farasda oidhearp shoirbheachail a thoirt ar eadar-theangachadh an t-seorsa Bhardachd so. Chunnaic mi Dain Mhr. Weaver a bha ro shiubhlach ’n ar measg beagan bhliadhnachan roimhe so, anns a’ Ghaidhlig; ach b’e mo bharail gu’m faigheadh an t-eadar-theangair obair a b’fheumaile agus a dheanamh e na b’ fhearr. Dh’ eadar-theangaich Mr. MacRath gu Gaidhlig cuid de Laoidhean an Americanaich Mr. Sankey a bha ’s a tha cho tairbeartach ’n ar measg. Rinneadh an obair so le tuigse, le foghlum, agus le saothair; ach saoilidh mi gu’n aidich a mhor chuid de dhaoine nach faighear a bheag de Bhardachd an Laoidhean Mhr. Sankey ’s a’ Bheurla, agus nach ’eil e comasach am beagan sin fein a thoirt gu leir do’n Ghaidhlig. II. Anns an dara buidheann tha mi cruinneachadh cuideachd Laoidhean—gun fhios co rinn iad—a chluinnear a nis ’s a rìs a measg an t-sluaigh; Laoidhean a chithear am Paipearan Naigheachd ’s an Cuairtearan le ainm an Ughdair no gun ainm; agus Leabhrain bheaga Laoidhean a gheibhear air uairean anns na bùthan. Tha gun teagamh dealachadh [TD 36] mor ann am buaidh eadar cuid de na Laoidhean so agus cuid eile; agus tha iad moran na’s lionmhoire ann an aireamh na bhiodh an t-aineolach a’ saoilsinn. Tha cuid diu binn, ceolmhor: ach tha moran diu, ged is duilich leam a radh, anns nach faic mi a bheag ach dearbhadh follaiseach air cion tuisge, fein-speis agus aineolas an Ughdair. Bheirear air uairean cliù Baird seachad air son beagan de rannan; ach is eigin gu’m bi am beagan de ghnè fior-mhaith mu’n cunntar an t-Ughdar airidh air an urram. Tha e air aithris nach do sgriobh Wolfe de rann ach “Tòrradh Shir Iain Moore” ach gleidhidh an Duan bheag so cuimhne Wolfe agus Shir Iain maireann ’s an tìr. Am measg na bheil de oidhearpan beaga againn ’n ar Laoidhean Gaidhealach cha saoil mi gur airidh air cuimhne mhaireannach ach aon—Laoidh Mhic-Ealair. Chaidh tuillidh ’us aon de Laoidhean MhicEalar a chur an clo—’s e Daibhidh nan Laoidh a theirteadh ris ’n a ghinealach fein ach bha aon diu cho measail os cionn chaich ’us gu’n abrar, rithe fathasd “Laoidh Mhic-Ealair” mar nach sgriobhadh an t-Ughdar ach i so a mhain. Gheibhear an Laoidh so ann an Cruinneachadh MhicCoinnich—ach as eugmhais so gheibhear i ann an cuimhne na cuid mhor a tha cleachduin a bhi ’g eisdeachd no seinn Laoidhean Gaidhealach. Choiseadh i ainm Baird d’a h-Ughdar ann an canain fo’n ghréin. III. Laoidhean a tha ’n Ughdair fathasd maireann. Am measg nan Ughdar a sgriobh Laoidhean ’s a tha fathast maireann, tha cuid nach aithne dhomhsa; oir tha ’chleachduin cumanta ’n ar measg a bhi ’sgriobhadh gu’n ainm, no le ceud litrichean an ainm. Ach thainig aireamh nach bu bheag fa m’ chomhair air aon doigh no doigh eile. Theirteadh o shean “Na labhair ach maith mu na mairbh;” agus am measg iomadh dearbhadh eile a th’ againn air a’ bhuaidh a tha ’n saoghal a ta lathair a’ faotainn thairis oirnn fein, tha ’n doigh air a’ bheil sinne a’ leantainn na comhairle so a thainig a nuas o chéin. An àite a radh “Na labhair ach maith mu na mairbh,” sinne “Na labhair mu na beothaibh aon chuid maith no olc;” agus, ma dh’ fhaodte, air son an reusain cheudna. Bha ar n-aithrichean a’ creidsinn gu’n tugadh Spiorad nam Marbh dioladh a mach; tha dearbhadh gun taing cho laidir againne nach ni faoin a bhi ’n eisemeil teangadh nam Beò. Cha ’n ’eil mi ’dol a dh’ atharrachadh na cleachduin so. An uair a theid thusa agus mise a ghiulan do’n tigh a tha air orduchadh do na h-uile bheò, feudar barail neo-chlaon a thoirt air Sgriobhaidhean ar latha-ne; agus cha ’n ’eil mi gun amhurus nach e breith an dream a thig ’n ar deigh, cia air bith cho torach ’s a tha an linn so ann an Ranntachd, nach ’eil a’ Bhardachd ach tearc. IV. Laoidhean a tha iad fein agus an Ughdair airidh air aite Urramach fhaotainn am measg ar Bardachd. An uair a chuir Mr. Mac-Illeathain, Ghlinn-Urchaidh, a mach a chuid Laoidhean féin, seachd bliadhna roimhe so, sgriobh e ’s an Roimh-radh air an doigh so: “Nach lionmhor iad a tha fathast beò agus nach lionmhoire iad a tha marbh, a mheal mor-bhuannachd agus toileachas-inntinn o Laoidhean Spioradail a sgriobhadh le aireamh nach beag de Bhardaibh Diadhaidh ar duthcha fein, mar a bha Dughall Buchannan, an t-Urramach Seumas MacGriogair, an t-Olla Domhnullach, agus Iain Moristan—Gobhainn na h-Earadh—agus moran eile a bharrachd orra a dh’ fhaodainn ainmeachadh.” Ach chaochail MacIlleathain; agus cha [TD 37] d’ fhag e, a reir mo bheachdsa, anns a’ Ghaidhealtachd Bard cho ard cliù, no ach gann Breitheamh air Bardachd cho comasach, ris fein. Leis a cheathrar Bhard a dh’ ainmich esan, bu mhaith leam triuir eile a chur a tha airidh air aite urramach fhaotainn am measg nam Bard Gaidhealach a sheinn Laoidhean—’s e sin Donnachadh Dughallach, Padruig Grannd, agus Mr. Mac-Illeathain e fein. Tha againn mar so seachdnar a tha comharraichte am measg ar Baird Spioradail araon airson airde am buaidhean agus meud an obair. Cunntar MacEalair ’n am measg air son nam feartan bardail a dhearbh e anns an laoidh a’ dh’ ainmich mi cheana. Cha ’n fhiosrach mi aon tuilleadh is airidh a bhi air ainmeachadh am measg na buidhne so. Theirinn, ma ta, gu bheil ochdnar Ghaidheal a sgriobh Laoidhean ò linn an Ath-leasachaidh is airidh air urram mar Bhaird. Ach tha aon diu so, a reir mo bheachdsa, a tha ’g eirigh cho ard os cionn chaich gu leir—Dughall Buchannan—agus gu bheil e airidh, air a ghleidheadh air leth ann an cunntas nam Bard Spioradail. De ’n t-seisear eile—oir tha mi ’gabhail seachad air MacEalair—bha triuir de’n Eaglais Shaoir agus triuir de ’n Eaglais Bhaistich; agus anns gach buidheann bha dà mhinisteir agus aon searmonaiche. Feudar, tha mi meas, an t-Olla Domhnulluch agus Iain Moristan a chur cuideachd. Mar Bhaird, bha iad coltach ri cheile, agus mar Dhiadhairean cha robh iad, tha mi meas, tha mi meas, mi-choltach. A mach o’n tìr anns an cualas an guth ’us anns am facas an gluasad, cha ’n ’eil an Laoidhean, cho fad ’s is aithne dhomh, moran air an leughadh. C’arson so? Cha ’n ann ’s an Leabhar so, tha mi saoilsinn, a ruigear a leas dol a sheirm cliu an Ollaimh Dhomhnullaich. Aidichear anns gach àite gur ann fior ainmig a chunnacas duine cho tréun ann an cubaid Ghaidhealaich o linn Chaluim Chille. Agus air son buaidhean nadurra saoilidh mi, a réir gach cunntais a th’ againn, nach robh Gobhainn na h-Earadh a bheag air deireadh air Abstol na h-airde Tuath. Ciod is aobhar, ma ta, an uair a bu Bhaird le cheile iad, nach ’eil an Dàin na’s miaghaile na tha iad? Thagh iad steighean, mar bu trice, a bha cumanta gu leoir am measg nam Bard Gaidhealach—Marbh-rannan. Feudaidh mi bhi mearachd; ach ’s e mo bharail gun faighear an t-aobhar ann an tomhas mor ann an so;—gu’n do lean iad an steigh tuillidh ’us fada eadhon a réir an tomhais Ghaidhealaich; nach do chleachd iad fuinn a bha cumanta am measg an t-sluaigh; gu bheil iad mar a dh’ fhaodas sinn a’ radh an comhnuidh a’ searmonachadh ’n an Dàin; agus gu bheil na faireachduinean ’s na beachdan a tha iad a’ toirt fa’r comhair do-thuigsinn do mhoran, agus luachmhor ’n an suilibh-san a mhain a dh’àraicheadh ’s a dh’ iunnsachadh o’n òige anns na criochaibh anns an do theagaisg na daoine urramach so. Bha Mr. MacIlleathain, a reir mo bharailsa, ann am buaidhean nadurra, air deireadh air an aon is laige de’n dha; ach saoilidh mi nach faighear o aon diu rannan is binne na iad so: ’S mairg a dh’ earbadh as an oige Ged is boidheach i r’ a faicinn Neart ’us cuma, ’s faoin iad comhladh, ’S i ghoraich a dh’ earbadh asda. Bha thusa, Mhairearad, òg am bliadhnaibh Bha thu ciatach am measg òg-bhan Og mar bhean thu, òg mar mhàthair Og ’n uair ghairm am bàs sibh comhladh. Mu’n triuir Bhaisteach a dh’ ainmich mi tha e mar an ceudna [TD 38] fior gur e an t-aon is isle buaidhean is airde cliù mar Ughdar Laoidhean—’s e sin Padruig Grannd a chaith a bheatha fhada gu h-urramach an Strath-Spè. Gun teagamh am measg nan Soisgeulaichean a dh’ fhag an rioghachd so o àm gu h-àm, ’s a chaith am beatha a’ saoithreachadh an duthchannaibh céin, cha ’n aithne dhomh aon is airidh air cliu na’s airde na’n Dr. Séumas MacGriogair ach a mhain Peairteach mar bha e fein a tha fathast maille ruinn, Dr. Duff; ach cho robh MacGriogair cho buadhmhor mar Bhard ’s a bha e mar dhuine ’s mar Shoisgeulaiche. Bu duilich leam ni searbh a’ radh mu ’n duine urramach so; ach tha aon ni gu sonruichte a tha ’diteadh nan Laoidhean aige ann am bheachdsa—’s e sin mar tha moran de ’n chainnt ’s de’n smuain air an tarruing o Bhaird eile agus gu sonruichte o Dhonnachadh Bàn Mac-an-t-Saoir. Tha a cheart rann agus moran de’n chainnt anns an do sheinn Donnachadh Bàn cliù Mhairi Bhàn Og aig MacGriogair a’ cur an ceill a ghraidh d’a Fhear Saoraidh. Cha ’n e mhain so. Chuir Donnachadh bochd an “Cumha” a’ rinn e do Choire-cheathaich ri fonn port-damhsa cho iullagach ’s a th’ againn—Flowers of Edinburgh; agas mar gum biodh gach ni ceart a thigeadh o Mhac-an-t-saoir ghabh MacGriogair an rann agus cuid de’n chainnt ann an Laoidh d’ an d’ thug e mar ainm An Gearan! Chaoin Donnachadh Bàn Coire Cheathaich mar so:— “Is duilich leam an càradh Th’ air coire gorm an fhàsaich ’S an d’ fhuair mi greis g’ am àrach ’Sa bhraighe ud thall,” &c. agus ghearain MacGriogair a staid spioradail fein mar a leanas:— “Is duilich leam mar tha mi, A’ siubhal le mo namhaid, Gun umhail do na h-aintibh, ’S mo ghradh dhoibh cho fann; ’S iomadh fear a bharr orm, Tha siubhal reir a naduir, ’S e ’n lagh tha fulang tamailt, ’Us taire nach gann,” &c. Chuala mi iomradh air bantrach Piobaire a chaidh, beagan laithean as deigh bàis a fir, a dh’ fhaicinn na h-uaighe. Ghuil a bhantrach bhochd gu goirt, phòg i ’m fòid fo’n robh fear a graidh ’n a luidhe, agus dh’ eirich i gu dubhach a dhol dachaidh. Cha robh e soirbh dh’i a cùl a thoirt ri “leabadh chaol” a fir; agus fathast ’n a seasamh air an uaigh, chaidh a cuimhne air a h-ais gu laithean a h-oige, an uair a chuir i eolas air a’ Phiobaire. Bha na cuimhneachan taitneach, oir “gheibhear gairdeachas ’s a’ bhròn.” Thog smuain na bantraich gu nadurra a dh’ ionnsaidh nam port a bu toigh leis a’ Phiobaire bhi cluich air a’ phiob. Bha aon phort gu sonruichte air an do shocruich a h-inntinn. “Bha do speis do’n phort so, a rùin,” arsa bhantrach, “riamh ro mhòr, agus is maith tha fios agam c’arson, ’s e am port a bhithinn fein an comhnuidh ag iarraidh ort a chluich an uair a bha sinn a’ suiridh. Cha leig mi am port sin air di-chuimhne gu brath.” Leig a’ bhantrach bhochd air di-chuimhne aobhair a turuis. Chaidh a giulan air a h-ais, le cumhachd na smuain, gu bliadhnachan a h-òige ’s a sunnd; agus, mu’n d’thug i ’n aire c’ àite an robh i, sheinn ’us dhanns’ i ’m port air uaigh a fir nach robh seachduin marbh. Saoilidh mi gu bheil Donnachadh Bàn a’ caoidh Choire-Cheathaich, agus Seumas MacGriogair a’ gearan a pheacanna, ri fonn Flowers of Edinburgh, cho fada air seacharan ris a’ bhantraich agus nach ’eil leth-sgeul na bantraich aca. Cha d’thug MacCoinnich àite do Dhonnachadh Dughallach ann an [TD 39] “Sar obair nam Bard Gaidhealach,” agus cha d’ainmich MacIlleathain e am measg nam Bard Diadhaidh. Bha’n Dughallach ’n a Shearmonaiche an Eilean Thirithe. Cha’n fhaighear a leabhar ach tearc; ach ’s e mo bharail gu’n do thaomadh Spiorad na Bardachd ann an tomhas air an duine so. Cha do thagh e ro thric fuinn thaitneach; agus cha ’n ’eil a rann ach ainmig reidh no ceolmhor; ach tha inntinn laidir mhisneachail aige, agus tha ’smuain torach, brighmhor. Feudaidh e bhi nach ’eil ann ach neonachas, ach duisgidh laoidhean an Dughallaich agus dealbhan Mhic-an-t-Sagairt (Earra-Ghaidhealach eile) co-ionann faireachduin a m’ inntinn. Bheir iad le cheile air m’ais mi gu h-Eileanan na h-Airde-n-Iar; saoilidh mi gu bheil fead na gaoithe ro’n mhuran ’us gaoir a’ chladaich an comhnuidh a m’ chluais. Le na bu lugha de smior a’ Bhaird na Donnachadh Dughallach agus le buaidhean moran na b’ isle na Seumas MacGriogair, choisinn Padruig Grannd barrachd cliù le cuid de ’Laoidhean (ged tha cuid eile dhiu air bheag luach mar Bhardachd) na choisinn an dithis eile ged chuirteadh comhla iad. Bhuidhinn e ’n cliù so, ann an tomhas mor, tha mi meas, le bhi ’cur smuain shoilleir ann an roinn reidh, air a’ cumadh ri fonn freagarrach, farasda thogail. Tha moran de “Ghloir an Uain” agus de “Bhas an Fhirein” fior mhaiseach agus fior cheolmhor. Chunnaic mi dearbhadh nach di-chuimhnich mi air a’ ghreim a rinn an rann a leanas air inntinn cheolmhor. Ged dh’fhag sibh sinne brònach An gleann nan deòir ’n ar deigh, Cha ’n ann mar dhream gun dòchas Nach còmhlaich sinn a cheil’; Tha sibhse an diugh cho sgiamhach, ’S cho geal ri grian nan speur, ’S ’n uair bhios an obair criochnaicht’ Bidh sinne triall ’n ar deigh. D. M‘K. ORAN DO THOBAR A CHUNNAIC MI ANN AN TRAIGH LOCH ERIBOL. (Song to a Spring in the Beach of Loch Eribol.) CIOD e chuir thu, Thobair fhior-uisg’, Dh’iarraidh anns an tràigh do chuaich’, Far nach tig an t-eun a dh’òl dhiot, ’S nach cinn feoirnein air do bhruaich? Gur milis ’s gur grinn thu, Fhuarain, ’S air leam fhein gur cruaidh do dhàn, Am folach am broilleach na mara, Fhad ’s a mhaireas am muir-làn. B’fhearr leam d’fhaicinn anns an fhireach, No an innis ghuirm nan craobh, Far an òilt’ thu moch us feasgar, Leis an Eilid is a laogh. Far an tigeadh an Damh cabrach, O ’leabaidh ’s a’ chreachunn fhuar, ’Dh’òl gu deòthasach de ’n fhior-uisg, ’Rinn fhalluinn co sgiamhach tuar. Far an iarrt’ thu leis an t-sealgair, Sgith ’s an anmoch tighinn o’n bheinn, ’S ’n uair a dh’òladh e a leòir dhiot, Cha lùbadh e ’m feòirnein fo ’bhuinn. Far an tigeadh eoin a’ bigil, ’Fhliucheadh ribhead nam ponc binn, Seal mu’n dùisgeadh iad a’ choille, Le coireall nan laoidhean grinn. Far ’m bu mhiann le maighdinn bhòidhich ’Bhi cumail na còmhdhail àigh, ’G eisdeach as ùr cliu na maise, ’Chuir lasadh an cridh’ a gràidh: I ’goid seallaidh tric a’ d’ sgathan, De ’n àilleachd mu’n d’rinn e sgéul, ’S ’n uair a chromadh i a dh’ òl diot, E ’maoidheadh dhut pòig o ’béul. B’annsa leam an sud thu, Thobair, Na ’bhi feadh nan clachan garbh, ’Dòrtadh do shruthanan soilleir Am broilleach nan tonnan searbh; ’Dòrtadh d’ fhior-uisge gu diomhain, ’S ged dh’fhiachadh tu gu La-Luain, Cha dean thu ’n cladach na’s grinne, ’S cha dean thu milis an Cuan. [TD 40] FREAGAIRT AN TOBAIR. Ciod a chuir thu, ’bhean, ’g am chumha, Ged is garbh ’s is dubh mo chuach, Ged nach e grinneal is grunnd dhomh, ’S nach cinn flùran air mo bhruaich. Tha mi anns an tràigh cho suaimhneach, Ag éisdeachd ri nuallan nan tonn, ’S ged bu cheol dhomh na h-àrd langain Aig leannan nan aighean donn. Cha ’n eil grinneas na mna-uaisle Ceangailte ri luach a séud, ’S ged bhios riomhach daor mu’n fhiodhuill, Cha dean sud na’s binn’ an téud. ’S ged a bhiodh ròsan, feur, us biolair, Mu m’ bhile ’s an aonach àrd, ’Se na b’fheairrd mi fhein sud agam, ’Bhi maiseach an sealladh Bàird’. ’S ioma bean tha ’m bothan brònach, Aig a’ bheil sòlas ’n a crann, Nach eil aig baintighearnan mòrail, Aig a’ bheil an t-òr neo-ghann. ’S ioma bean a tha mar mise, A’ dòrtadh ionmhas a gaoil Far nach fhaigh i meas no pris air, Gus an ruig i crioch a saoghail. ’S ged tha mise leth mo latha ’M folach am broilleach an loch, Eadar tràghadh agus lionadh Bheir mi do ’n iotmhor a dheoch. ’S ged nach tig a ghreadhan uallach, Dh’iarraidh fuarain feadh nan clach, ’S tric ag òl dhe’m shruthain fhior-uisg An eala, an gèadh, us an lach. ’S ged bhithinn gu flurach ’s na tolmain, No an innis ghuirm na tùis, Cha deanadh tu fhein dhomh òran, ’S cha ’n fhaiceadh tu bòidhchead nam ghnuis. Cha dean mi ’n cladach na’s grinne, ’S ris a’ chuan cha bhi mi ’stri, Ach bheir mi mo shruthan gu milis Do’n àite anns ’na chuireadh mi. MAIRI NIC-EALAIR. St. Petersburg, a’s t-fhoghar, 1875. COMHRADH EADAR MURCHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. M.—“Bha dùil agam riut an nochd, a Choinnich, agus is mi tha toilichte nach do mheall thu orm ’s an duil sin. Bha fios agam gu’n robh thu a’ cur romhad a bhi ann am Baile-na-Cille air Dimairt a dh-fhaicinn gach ni a reicear an là sin, agus chuir mi fios thugad le Domhnull Mac Alasdair Mhic Shéumais, a bhi cinnteach gun tigheadh tu an nochd gu bhi deas chum nan gnothuichean cianail ann ani Baile-na-Cille fhaicinn air an ath sheachdain. Tha mi ’n dòchas gu’n d’ fhàg thu slàin iad eadar bheag agus mhòr ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich.” C.—“Tha iad air an cosaibh gu léir, agus cha lugha na mile beannachd a chuir Seonaid dh’ ionnsuidh nan uile ’s an fhàrdaich so. Tha gnothuichean Fir Bhaile-na-Cille cianail da rìreadh ma’s fior na chual mi mu’n tiomchioll.” M.—“Cha’n ’eil ath-sgeul air, agus d’a thaobh-san cha’n urrainn cùisean a bhi ni’s miosa. Cha’n fhàgar fiu luach na circe aige nach toirear uaith, ach a’ bhean agus na pàisdean, agus mo thruaigh iadsan a nis! Ach thug iad orra fein e. Cha’n ann cosmhuil ri tuathanach a bhà e, a dh’ fheumadh seasamh ri màl tròm gach leth-bhliadhna, ach ri uachdaran saibhear nach b’ urrainn grunnd an sporrain aige a ruigheachd dh’ aindeoin cosdais.” C.—“Tha amhuras agam gu’n d’ fhuair esan innleachd air grunnd a sporain a riugheachd agus a scriobadh falamh. Cha’n fhoghnadh do dh’ fhear Bhaile-na-Cille, agus d’a chuid mhac agus nighean, ach eich agus carbaid dheth gach cumadh agus gnè, cuirmean, pòiteireachd, ruidhteireachd, agus gleadhraich dhe’n t-seòrsa sin gach là dhe’n bhliadhna. Cha b’ urrrainn Sir Séumas fein seasamh ri sin. Ach c’àit am bheil taing Fir Bhaile-na-Cille an diugh ’s a dhruim ri balla? Ochan! nach robh muinntir stolda, stuama, agus glic.” [TD 41] M.—“Cha’n fhios domh air an t-saoghal ciod a dh’ eireas da fein, agus d’a theaghlach àrdanach, uibhreach, ainniseach! Tha aobhar aca a ràdh mar a thubhairt an Stuibhard éucorach,—“cha’n urrainn sìnn ruadhar a dheanamh, agus is nàr leinn déirc iarraidh.” C.—“Ruadhar a dheanamh! Cha b’e ’n sealladh beag na nigheanna riomhach, leòmach, aige, mar na deallain-de fhaicinn a’ ruadhar air no raointibh, no ri dubh-obair sam bith eile. Is olc a thigeadh e dhaibh, ach cò is coireach? Cha robh ach òinseach ’n am màthair, agus amadan ’n an athair, ach ciod ris am féudar dùil a bhi a thaobh an sliochd? An àite do’n chloinn a bhi air an àrachadh suas ann an gliocas, grunndalas, agus deagh bhanas-tighe, agus air an teagasg chum an làmh a chur ris gach obair a stigh agus a mach, thugadh cead do na nigheanaibh agus do na gillibh maraon, fàs suas ann an aineolas air na nithibh sin gu léir, agus rud a’s miosa, ann an aineolas air gach foghlum bu chòir a bhi aca mar mhuinntir ’s an inbh’ sin anns an robh iad ’g an suidheachadh fein. Chual mise nach ’eil sgoil sam bith aig an òigridh air fad, agus is cianail an gnothuch e! Is mòr an dearmad air son am bheil aig na pàrantaibh sin ri freagairt a thaobh na cùise so, oir is muladach ann an dùthaich Chriosduidh, gu’m biodh sliochd duine a bha ’g a mheas fein na b’fhearr na muinntir eile, air an togail suas ceart co aineolach ri loth na h-asaile fiadhaich.” M.—“Tha sin uile ro fhior, a Choinnich, oir cha’n aithne dhomh an diugh teaghlach a tha ann an staid na ’s truaighe na’n teaghlach sin ann am Baile-na-Cille. Leig fear-an-tighe fein le fiachaibh gu’n choimeas meudachadh na aghaidh. Cha robh e ’gabhail suim dhiubh,—cha robh e ’cumail nan gnothuichean aige réidh, ach bha e ’cur an droch la seachad le bhi ’g oibreachadh o mhios gu mios anns na bancaichibh dubha sin,—a’ dearmad a dhleasnais d’a theaghlach,—a’ call suime dheth riaghladh an fhearainn aige,—a’ fàgail gach cùis ann an lamhaibh a chuid sheirbhiseach,—a’ cur na h-ùine seachad ann an ruidhteireachd, agus a’ fagail a shliochd fein mar a thubhairt thu, a Choinnich, gu tur aineolach, gu’n sgil, gu’n sgoil, gu’n stiùireadh, gu’n seòladh, chum gach ni a dheanamh a reir an toil fein. Ach a nis, thàinig na nithe sin gu buil, agus ann an aon là, thuit nèul dorch air Baile-na-cille, an uair a bhrùchd an luchd-lagha, agus na maoir an-iochdmhor a stigh air chum gach ni a chur fo chìs le h-ughdarras do-chiosnachaidh an dréuchd fein. Gun teagamh is leòir an staid dh’ ionnsuidh an d’ thug Baile-na-cille e fein, chum sùilean gach tuathanaich ’s a’ Ghaidhealtachd fhosgladh, agus chum cùram, gliocas, agus measarrachd a theagasg dhoibh. A thaobh nàdair bha e ’n a dhuine càirdeil, comunnail, coingheallach, agus rè ùine curamach mu ghnothuichean fein, ach a’ chuid ’s a’ chuid dh’ fhàs e mòr ’n a bheachd fein, agus chaidh e leis an t-sruth. Cha’n fhoghnadh dha ach a bhi a dh’ aoin-bhéum ’n a dhuin’-uasal. Agus chum na criche so, cha bhiodh e toilichte mar faiceadh e daoine mòra na dùthcha gach là a’ taoghal air. Bu mhuladach a bhi ’faicinn a ghiùlain air an dòigh so; ’s eadh, bu chianail a bhi fianuiseach air mar bha e air a lionadh le mòr-chuis agus stràicealachd, agus mar sin, le amaideachd fein a treorachadh a theaghlaich gu sgrios. Uime sin, gabhadh gach tuathanach, agus gach neach eile rabhadh o ghiulan gun chéill an duine thruaigh so, a chaidh gu h-obunn dh’ ionnsuidh na bochdainn le’ shùilibh fosgailte.” [TD 42] C.—“Is lag-chuiseach an créutair an duine an uair a dh’ fhàgar e dha fein, agus air sin tha Fear Bhaile-na-cille ’n a eiseimpleir soillear. Chual mi nach ’eil lide aige an diugh dhe’n Ghaelig, cainnt a mhàthar fein, agus nach ceadaich e focal dhi a labhairt le theaghlach ’n a thigh fein; agus tha fios aig an t-saoghal nach ’eil Beurla Bhaile-na-cille a’ bheag ni’s fearr na Beurla Choinnich Chiobair.” M.—“Cha’n ’eil, no leth cho maith, oir tha anabarrach cearbach ’s a’ chainnt sin, agus is iomadh gàire mòr a bheir e air Fear-a’-Chaisteil, Fear-na-Cùile, agus orrasan uile a ta ’taoghal air. Ochan! an truaghan gu’n tuigse! Tha iad sin uile a’ milleadh a chodach, a’ deanamh miodail ris, sgus ’g a shéideadh suas le h-uaill air son spòrs dhoibh fein; ach nach beag a ni iad ’g a chuideachadh an diugh an uair a ta a cheann fo’n uisge?” C.—“Ach is brònach an ni a bhi faicinn na cloinne aige co anabarrach aineolach, agus co tur mi-chomusach air ni sam bith a dheanamh air an son fein. Tha iad ’n an culaidh-thruais mòran na’s miosa na na créutairean sin a ta air Leabhar-nam-bochd.” M.—“Cha’n ’eil leisgeul aig neach an diugh a chlann a bhi ann an aineolas, agus sgoil ach gann ’faotuinn air gach cnoc.” C.—“Ma ta, a Mhurachaidh, b’iad sin na sgoilean daora, agus na sgoilean trioblaideach. Cha lugha na tri dhiubh a tha ’gun togail ’s an sgireachd againne, agus aon diubh ’n a caisteal mòr air Cnoc-nan-coileach a dh’ fhoghnadh mar ionad còmhnuidh do Shir Seumas fein. Ubh ubh! cha’n ’eil cuimse idir aca.” M.—“Cha’n ’eil na sgoilean sin a nasgaidh, a Choinnich, an àite sin, chaidh iad an dùthaich.” C—“A nasgaidh! ‘Cha’n ’eil port a nasgaidh ann,’ ’s na h-amannaibh cruaidhe so. Nach do chuir mi mach ochd sgillinn deug as a’ Phunnd Shasunnach de mhàl, air an t-seachdain so chaidh air an son, a thuilleadh air paigheadh roimh làimh air son gach aon dhe’n chuignear chloinne a chuir mi do’n sgoil an là roimhe? Cha’n urrainn duinn seasamh ri sin, agus Airgiod-nam-bochd a bharrachd air sin. Tha gach ni a’ luidh gu trom air an tuathanach bhochd, agus is maith mar géill gach aon diubh fo’n éire thrùim mar a rinn amadan Bhaile-na-cille.” M.—“Cha b’ iad na sgoilean no na bochdan a chreach an duine truagh sin, ach na tighean-òsda, agus na daoine mòra mu’n cuairt da, maille ri miann do-shàsuchaidh a’ chridhe fein gu bhi mòr, uasal, agus spagluinneach. Ach gu’n teagamh tha na sgoilean agus cìsean nam bochd anabarrach tròm. Cha’n iad a mhàin na tighean-sgoile agus duaisean an luchd-teagaisg a tha ’n an uallach air na tuathanaich shàruichte, ach mar an céudna sgaoth de luchd-dréuchd eile. Tha sgriobhairean, cléirich, agus oifigich àraidh, a’ sgiùrsaidh na dúthcha, agus a’ greasadh gach pàisde dh’ ionnsuidh na sgoile, biodh e tinn no slàn, lomnochd no sgeudaichte, casruisgte no còmhdaichte,—agus aig gach aon dhiubh so fa leth tha deagh-dhuais air son an saoithreach. Agus cha’n e so e uile, ach cha’n fhaod pàisd a a shròin a chur a stigh air dorus an tighe-sgoile gun airgiod a mhaighstir a bhi ’n a dhòrn. As eugais sin cuirear dhachaidh e, agus cha luaith’ a ruigeas e tigh ’athar na dh’ fhògaireas an t-oifigeach e air ais a ris dh’ ionnsuidh na sgoile, agus aig an am cheudna a’ càineadh athair na teaghlaich do bhrigh nach ’eil e ’a cur a mach an airgid dhlighich air son na cloinne aige. An sin, eiridh còmhstrith eadar fear an tighe agus an t-oifigeach, a chionn gu’m bheil [TD 43] an t-aon a’ tagradh nach eil e ’n a chomas an t-airgiod a chur a mach, agus an t-aon eile a’ cur an ceill gu’m féum e sin a dheanamh, agus mur ’eil sin da rireadh ’n a chomas faigheadh e e o Bhòrd-nam-bochd. Uime sin, air da a bhi falamh, gun fiu aon sgillinn ruith ’n a sporran, tha e’ toirt a’ Bhùird sin air, ach cha luaith’ a dh’ innseas e a’ chuis, na chuireas am Bòrd air falbh e, a’ cur an ceill da, ann am briathraibh aithghearr, crosda, gu’m bheil e ’n a dhuine a ta slàn, laidir, fallain, agus uime sin, làn chomusach air obair a dheanamh, agus gu’m feum e airgiod na sgoile iocadh gun dàil Cuimhnicheadh e, mur dean e sin gu toilichte, gu’n dean an lagh a cho’-eigneachadh, olc air mhaith leis e. Air an dòigh so, tha àimhreitean ag éiridh anns gach sgìreachd, agus tha a’ chlann bhochd mar eadar dha theine air an ruagadh a null ’s a nall, gun a bhi idir a’ faotuinn na buannachd a’s lugh o’n sgoil.” C.—Chuir thu gu direach, ceart na cùisean an céill mar a tha iad, a Mhurachaidh, agus is aithne dhòmhsa aon duine bochd a tha ’s a’ cheart àm, anns an staid sin a dh’ ainmich thu, agus is e sin mo choimhearsnach fein Seumas MacUillleim Mhic Ruairidh. Thu deichnear chloinne aige (gu’n robh iad air am beannachadh dha) agus seachdnar dhiubh ann an aois na sgoile. Tha’n t-oifigeach ri ’shàil gach là, ’g a chàineadh, ’g a chìobadh, agus ’g a bhagairt air son a bhi ’cumail triùir dhiubh as an sgoil; agus air an làimh eile, tha Seumas bochd a’ tagradh le firinn nach urrainn da a’ chaochladh a dheanamh. Cha ’n ’eil a thuarasdal ach da sgillinn Shasunnaich ’s an là an uair a bhios an aimsir tioram, gun ùine bhriste, agus gu cinnteach cha ’n ’eil iomall mór air sin, an déigh da bhéul dhéug a lionadh, da choluinn dhéug a sgeadachadh, agus màl tìghe iocadh,—cha ’n ’eil iomall air sin, mar a thubhairt mi, chum a bheag a thoirt seachad air son na cloinne a theagasg. M.—Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil, a Choinnich, a réir mo bheachd-sa, cha robh mòran gliocais ann an cinn nan àrd-riaghlairean sin a dhealbh na reachdan cruaidhe sin a thaobh nan sgoilean, agus mur ath-leasaichear iad bheir iad sgrios air an dùthaich. Tha na h-uile nithe ag oibreachadh an aghaidh an duine bhochd. Tha e air a chlaoidh, agus air a sharuchadh. Tha an spiorad aige air a bhriseadh, agus do bhrigh nach ’eil cumhachd aige nithe a ta éucomusach a thoirt gu crich, tha e a’ call a mhisnich, a’ tuiteam ann an éu-dòchas, agus a’ fàs caoin-shuarach mu nithe an t-saoghail a ta làthair, agus a ta chum teachd. C.—Bhuail thu gu dìreach an tarrang air a ceann, a Mhurachaidh, oir cha ’n ’eil àicheadh air a’ chùis idir, agus is lionmhor iad anns gach cearnadh dhe ’n Ghàidhealtachd a thogas fianuis air an fhìrinn sin.” M.—Ochan! mo thruaigh gur fior an sgéul, agus mu leanas cùisean fad air an doigh sin, millear an dùthaich, agus cuirear stad air gach soirbheas agus sonas. Is iad na cosnaichean, an luchd-ceairde, agus gu sònraichte na tuathanaich a ta ’cumail suas na rìoghachd, agus ma mhillear iadsan, tuitidh gach ni ann an aimhreit, agus thig an t-àm anns am faic an rioghachd Bhreatannach an là a’s àirde. C.—Na dean droch mhanadh, a Mhurachaidh, ach fàg gach ni ann an làimh an Fhreasdail mhòir agus ghlic sin aig am bheil cumhachd solus a thoirt á dorchadas, agus gach slighe cham a dheanamh direach. Fàgaidh sinn na nithe sin, ma ta, gun tuilleadh a ràdh mu’n timchioll aig an àm, ann an dòchas gu’n oibr- [TD 44] ich le cheile fathast chum maith d’ar tìr, agus do gach àrd agus iosal a ta ’g a h-àiteachadh. Slàn leat an diugh, a charaid mo ghràidh, slàn leat. M.—Slàn leatsa, a Choinnich, agus na bi fad gus an tig thu a ris. “Is iomadh rud a chith an duine a bhios fada beo,” agus tha mi’n dòchas gu’m bheil iad beò a chith nithe a’ soirbheachadh gu sònraichte am measg nan Gàidheal; gu’m faigh iad am meas agus an cliù sin a thoill iad, agus gu’m bi gach lagh agus reachd air am beannachadh chum an leas. Mile beannachd do Sheònaid. Slàn léat. ALASDAIR RUADH. SOIRIDH. Rinneadh an t-òran a leanas le Aonghus Mor Mac-Coinnich nach mairionn, Abrach a thug deich bliadhna-fichead ’n a àrd-ghìomanach air frithean Mhic-Shimidh. ’N uair a thug an t-àrd ’s an aois dheth na feidh chaidh e air imrich do Chanada. Cha d’ fhàg e sealgair ’n a dheaghaidh a bu chuimsiche, ’s a bu mhion-eòlaiche air àbhaistean fhir-na-croice. Dh’ eug e ’s a’ bhliadhna 1858 fo dheagh bhiùthanas aig mithibh us mathaibh a dhuthcha. C. S. Ochan ’s gur mise tha fo mhulad, An diu ’s an de’s gach latha ri tuireadh, Cuimhnachadh Albainn a dh’fhàg mi ’n uiridh— B’og bha mi ’ga falbh le mo Ghunna. Gur ann’ siud bha ’n àbhachd ainmeil, ’S iomadh latha riamh dhearbht’e, Silidh na Feinne thair geur luchd seanchais— Fhinn ’us Oisean ’s Oscair chalma. ’S ged ghabh mise mo chead buan dhith, ’S ged ghabh mi an t-aiseag thar a’ chuan uaip’ ’S tric mi ’smaoineachadh an uaigneas Cuimhn’chadh air a Gleanntaibh uaimhne. ’S gu’m b’iad sid Glinn an arain, Glinn an ime, Glinn a’ bhainne, Glinn chruidh-laoidh air airidh bharraich, Far am bi’n damh dearg a’ langan. ’S òg thug mi gaol do’n t-sealgach Bhi g’ eiridh moch ’s tighinn dachaidh anmoch Siubhal sleitibh bheannta garbhlaich Le gunna caol nan gleus neo-chearbach. ’S beag an t-ioghnadh mi bhith fo airteal, Cuimhn’chadh air gach beus a chleachd mi‘ Falbh gu h-uallach bheann ’us chreachann ’S a’ fagail mac na h-eild’ gun astar. Ach ’s e thogadh sunnd air m’ aigneadh, Cead bhi ’g eiridh ann ’s a’ mhadainn Shealg an fheidh mar a chleachd mi S ‘dubh-nam-bann’ fo sgeod mo bhreacain. Bho’n ’s tric loisg mi leatha fùdar,, Beul glaic nam fuaran dùbh-ghorm ’S peileir teann ’n a com nach diùltadh Toll a thoirt air bian an udlaich. Ach bho’n a leig mi dhiom an ealaidh, ’S nach dirich mi beinn no beallach, Bithidh mo ghunna caol gun leannan, Te mo ghaoil nach d’ rinn mo mhealladh. Ach ’s tric mi smaointinn le airteal, Air na càirdibh dh’ fhàg mi ’n tasgaidh, An cistibh caola fo na leacaibh Thall thair cuan nan stuadhaibh farsainn. Dh ’fhàg sid m’-inntinn cho luaineach Ris a’ ghaoith bhios air na cuaintibh, Cuimhn’chadh air gach ni le ’luasgan, Gu’n fhios c’àite an toirear uaigh dhomh. Ach mìle beannachd bhuam gu’m chairdibh, ’S mile beannachd thair an t-sàile, Dh’ ionnsuidh ’n àite an deachaidh m’àrach Braigh Lochabar nam beann àrda. B’e siud duthaich nan sàr-ghaisgeach, Dh’am math thig féileadh ’us breacan, Osan teann fo ghlùn le gartan, ’S brògan sùbailt chum an astair. ’S tric a thog iad piob ’us bratach, Bho Cheann-Lochial gu Braigh-Loch-Airceig, ’S bho thaobh Loch-Lòchaidh mhoir nam bradan, Mach Gleann-Spiathain gu ceann-Loch Lagain. Ge b’e thachradh oirbh an uair sin, Ur fuil dearrsadh àrd ’n ur gruaidhean, Bhiodh ur naimhdean ga ’n ruith ’s ga ruagadh, An deigh sgiùrsadh le lannaibh cruadhach. [TD 45] MU SHEALG DHEIRINNEACH OISEIN. BHA Oisian na shean aois ann an Tigh a muigh na aonar ann am Baile gan ainm Gleann-caoin-fheoir an Sgithreachd Thorasa. Chuir Pàdruig agus nighean Oisian, cul ris, le ro mheud sa dhichidh e. Chur Padruig cuireadh air Oisian athir-ceila air latha araid chum feusd a dh’ umhluiche do dhream araid dheth na cairdibh. Chuir aon do na daoinibh oga, reasgach a bha nan suidh aig an fheusd, aig an robh Calpa Feidh ga chreim, a cheist air Oisian a faca e riamh calpa feidh bu mho nan calp ud. Rug Oisian air a chalpa agus mheurich e e, oir bha e na dhall an uair sin. Agus fhreagair e ’n t oganach, agus thubhairt e ris gu fac e calpa Luin moran ni bu mho, agus gum b’ aithne dha ’n t aite ’n robh e. Mar a bhi dith na Leirsin. O! se ’n t’ amadan truadh ars a nighin a fear ata tabhairt creideis dhuit led Bhosd agus led Bhriagaibh. Thug i an togail ghrad sin air Eachdraidh na Feinnidh bha sgriobht’ aig a companach Padruig, agus thilg i ’n t-iomlan ann am meadhoin ’n teinidh, agus chaidh iad re theinidh, mun do rug iad ach air ro bheag a shabhaladh dhiubh. Bha Padruig ro dhuilich air son. Mata ars Oisian dearbhidh mise dhuibh, gar i ’n fhirinn ata agamsa. Agus a Phàdruig mo cheadichis tu dod mhac falbh leamsa lorgadh mi mach fathast Calpan Luin. Dh’ aonntuich Pàdruig a leigidh leis. Dhalbh Oisian agus mac Phàdruig, ga ’m b’ ainm an Gille-blar-odhar. Choisich iad gu iochdar Beinn an t-sealluidh, agus thog iad a mach ri achadh gan ainm Lurg Iarinn. Thubhairt Oisian ri odha ciod e laochain a thu nis a faichdinn, oir tha mi cluinntinn monmhor bruidhne. Tha ars odha daoine tha air Seisrich lamh rinn. Thoir mise laochain an rathid a tha iad; rinn odha mar a dh’ iarr e air. ’S math a gheibhar sibh fhearamh ars Oisian. Tha sinn a deanamh mar dhaodas sinn ars a na fioir. Thoir dhomh do lamh ars Oisian ris a chrannaorean cha tabhair ars odha, ach thabhair an colltair’ as a chrann, agus thabhar dha e. Rinn an duine mar sin, agus ghlac Oisian ’n colltaire agus lùb e air a cheil’ e. Na dheidh sin thog iad a mach re màm bradhadil, agus theirinn iad air Leitir Luin, air a bheil an t-ainm sin gus an la ’n diu’. Deir Oisian re odha bi furachair a faic u seana chraobh mhor dharuich agus cos na taobh. Thuair an Gille-blar-odhar i gun ro mhoran saothrich, le seoladh a Shean-athir. Chuir Oisian a lamh a stigh sa chòs ’us thug e mach as calpa ’n Luin. Dh’ imich iad rompa mach as a choillidh. Seall a laochain ars Oisian a faic u cnoc mor anns a bhlar an iochdar na coille. Chi ars odha. Treoruich mis’ n sin ars Oisian. Se ainm a chnoic sa Ceann a chnoc ain. Cnoc-fraorc bu ghnath leis an Fheinn a bhi a tathich gu tric ann sna linnibh roimhe sin. Ceart lamh ris a pholl na thoidhluichd Fionn athair Oisin an coire ris an canar gus an la ’n diu’ poll choir Fhinn. Thuigh iad air a chnoc agus ghabh iad mo thamh an sin re na h-oich’. Ghuidh Oisian gu duthrachdach gum biodh Biorach-Mac-Buidheag an t-aon chu bu dona bha riamh san Fheinn air dheonnchadh dha. Mhosguil e mu dheiridh na h-oich’ ’us e mothachadh trom air muin, a chos, agus dh’ athnich e gun d’ fhuair e athchuimhnich. Dh’ fhan e mar a bha aige gu briseadh na faire. Dhuisg Oisian an Gille-blar-odhar, agus thug Oisian eibh na iolach mhor as a chuir geilt-chrith air gach creutair gluasadach a bha anns na [TD 46] coilltichean man cuairt dha. Ciod e chi u ars Oisian ris a Ghille-bhlair-odhar? Tha mi faicsinn aireamh lionmhor do chreutairibh beaga seanga ruadha. Leigidh sinn seachad iad sin deir Oisian. Cha ’n eil a sin a Laochain ach sliochd na Luaithe-Luinnich. Thug Oisian an ath-èidh as. Ciod e nois a chi thu laochain. Chi mi ars odha na h-urid do bheathichibh seanga donna. Tha sin sliochd na Deirge-Dasnuiche. Leig sin seachad fathasd. Thug e an treas èidh as Dh’ fheoruich e da odha ciod e bha e faicsinn. Tha mi faicsinn ars odha moran de fheidhibh troma-donna. Bis tuig Biorachmachd buidhaig. Re siubhal a laochain a faic u ’n cu a tighin. O! chi mis e ars an Gille-blarr-odhar agus a chraos fosgailt. Cha neil mo chuileins buidhich seilge fathasd agus marbhich e sinne. Ach feuch a stiur thusa mo lamhs a stigh na bheul nuair a thig e ’m fogasg. Rinn e mar a dh’ iarr Oisin air, agus chuir e lamh na chraos ’us mharbh se e. Tha air a nis mi far a fac u na feidh a tuitim. Chruinnich e leis iad air mullach a ghualinn ’us air uallich a dhroma, gus an ruig e ’n cnoc air an do chaidil iad an oiche roimh sin. Chuir iad suas an turhach. Chruinnich iad connadh. Chuir iad na feidh as bein. Thog Oisian Coir Fhinn athair as a pholl ’us bhruich iad na feidh. Nis a laochain ars Oisian ri odha fan thusa fad na laimhe uamsa man ich mi thu ’n riochd toitein. Mo gheibh mise mo leoir an diugh cha bhi dith na failinn ortsa rid bheo. Ma b’ fhior na fuidhìdh e leoir an la sin gum fàsadh e ogail, laidir, neartmhor treubhach. Bha ’n fhagails aiga on leannan Shith. Bha crios ma mheadhoin air son a bhrù theannachadh air a cheila. Bha naoi tinnachan * dhe ’n chrios air a chuir seach a cheila, man do thoisich e air itha nam fiadh. Dh’ fheumadh e fhaoitinn do shithinn na lionadh a bhrù ’n sin biodh an crios ann an ruidhidh gus an tinne b’ fhaide mach. Ach nair chunic an Gille-blar-odhar nach rabh coltas air Oisin gum fagadh e fuighlich, sgriob e leis pios mor do an bha air beulthaobh a Shean-athir, agus chuir e sud air a thaobh fein. Dhith Oisin na bha aig an uair sin ach cha rabh e air a shasuchadh. Dh’ ionndrain e na thug odha leis, agus thubhairt e. O! laochain us ro olc thuaras du na faga du an t-iomlan agam bhithinn cho mhath sa bha mi riamh. Thiodhlaichd Oisin an coir ann am poll choir-Fhinn. Ghluais e fein agus odha chum pillidh do Ghleann-caoinfheoir, ach se chomhairl’ chinn an ceann odha Oisin gu feuchadh e fuidhidh e Oisin a shean-athir a chuir le craig. Chomhairlich a mhathir dha ra laimh sin a dheanamh. Threoruich se e gu bruaich Uiridh-Bhiatich ris an goirar gu cummanda nis Uiridh ’n-fhithich, agus dh’ fhag e sud e. Thuit e leis a chraig agus stad e meadhoin na h-uiridh. Bha e car uine mam buirinn dha gluasad, ach cho luath sa chuir e ’m preathal sin seachad thoisich e air meurachadh man cuairt da gus an d’ fhuair e fainne dhealluich ris uine roimhe so. Nis sann o Leanna sith a thuair e ’n toisich e. Bha do bhuaidh air nach cailidh, e radharc agus nach fuidhidh e bas. Thanic e ’n sin dhachaidh le fhainne agus le calpa ’n Luin, agus mar a thubhairt e rin man d’ fhalbh e, us amhluidh b’ fior, be calpa ’n Luin moran bu mho.—Leabhar na Feinne. * Tuill. [TD 47] CUMHA. THE accompanying verses are a few of the many beantiful songs and ballads composed by Mrs. Fraser of Culbokie. The death of Donald (one of her nine sons) who had a commission in the German army, called forth the pathetic elegy. An interesting account of Mrs. Fraser’s “Balg-solair,” The purveying bag, is given in “The genuine remains of Ossian,” by Patrick Mac Gregor, M.A. C. S. Nollaig mhór do’n gnàs bhi fuar, Fhuair mi sgeula mo chruaidh-chàis; Dònull Donn-gheal mo rùn, Bhi ’n a shineadh an tiugh a’ bhlàir. Thu gun choinnill os do chionn, No ban-charaid chaomh ri gal; Gun chistidh, gun anart, gun chill, Thu ’d shìneadh a laoigh air dail. ’S tu mo bheadradh ’s tu mo mhùirn, ’S tu mo phlanntan ùr an tùs fàis; M’ òg laghach is guirme sùil, Mar bhradan fìor-ghlan ’us tù marbh. ’S e bàs an-abaich mo mhic Dh’ fhàg mi cho tric fu ghruaim; ’S ged nach suidh mi air do lic, Bidh mo bheannachd tric gu d’ uaigh. ’S ann do Ghearmailt mhóir nam feachd, Chuir iad gun mo thoil mo mhac; ’S ged nach cuala càch mo reachd, Air mo chridhe dh’ fhàg e cnoc. Ach ma thìodhlaic sibh mo mhac, ’S gu’n d’ fhalaich sibh le ùir a chorp; Leigidh mise mo bheannachd le feachd, Air an làimh chuir dlighe ’bhàis ort. Sguiridh mi de thuireadh dian, Ged nach bi mi chaoidh gun bhròn; ’S mi ’g ùrnaigh ri aona mhac Dhé, Gu’n robh d’ anam a’ seinn an glòir. AM BRITHEAMH LEOGHASACH. A REIR innse-sgeoil b’ e Iain Moiriston ainm an fhir mu dheireadh ris an abairteadh am “Britheamh Leoghasach.” Bha e còmhnaidh an Tàbast an Nis. Bu Bhan-Eirionnach a’ chiad bhean a bh’ aige. Theich i air an deaghaidh dhaibh ceathrar mhac a bhi aca de theaghlach. B’ e ainm nan gillean: Ailein, Dònull, Coinneach agus Aonghus. A null do dh-Eirinn thug am màthair orra, agus dh’ fhàg i iad fhein ’s an athair an Nis air an dlò. Cha robh am Britheamh gu bhi fada gun mhnaoi: goirid an deaghaidh do ’n chiad te fhàgail chaidh e null a dh-ionnsuidh na Mòrthir, agus thug e leis te eile á sin gu ruig Nis. Da bhliadhna an deaghaidh an dalla pòsaidh, chaidh Iain Moiriston a rithisd gu ruig a’ Mhòrthir, agus an uair a ràinig iad tir thug e air a chuid sgioba bothan a dhianamh dhaibh fhein agus dhàsan, gu cur suas annta fhad ’s a bhiodh iad ’s an dùthaich aineolaich ud. Dh’ fhàs a’ mhuir cho fiadhaich an là bha sùil aca ri falbh air an ais do Leoghas agus gu’n seoladh an t-slige bheirnich oirre. Air an doigh chiadna dh’ fhàs a’ ghaoth cho ciuin ’s nach gluaiseadh i an seol bho ’n chrann aca. Cha robh comas air, b’ éiginn daibh fuireach ’s an àite ’s an robh iad an oidhche sin. Mu mheadhon-oidhche chuala fear de ’n sgioba an sgread oillteil ’s a’ bhuille throm ud. Dhùisg e càch cho luath ’s a b’ urrainn da, agus ghrad-éirich fear dhiubh agus chuir e gabhail ’s an teine mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, agus chunnacas mar a bha chùis. Dh’ éubh an duine gu luath le guth uamhasach, “Mo chreach! mo chreach! a dhaoine, éiribh ’s am Britheamh marbh, ’s a cheann ’n a dhà leth. Chaidh gach fear ’n a bhreislich, gach fear a’ suathadh a chadail as a shùilean. An uair a dh’ éirich iad uile fhuair iad a mach gu ’n robh a’ chùis mar a chuala iad. Anns a’ mhaduinn thigear oigeir le falt buidhe bhàn h-uca; agus na ’m b’ fhior, co bu duiliche air son mar a thachair do ’n bhritheamh na esan [TD 48] —ged bu fìrinneach a b’ e e fhein a mhort e. Co luath ’s a chaidh an deò as a’ Mhoiristneach thàinig gaoth fhabhorach air son an toirt gu Leoghas. Thuirt fear an fhuilt bhàin riu, “Tha mise dol do Leoghas, agus bhithinn ’n ur comaine na ’n leigeadh sibh dhomh falbh comhla leibh anns a’ bhàta.” Cho-aontaich iad uile leigeil leis, agus sheòl am bàta gu ruig Leoghas. Thàinig e gu tir gu sàbhailte leo aig cladach Lerstein faisg air an Stoth Niseach. Air do ’n òganach tighinn air tir dh’ iarr e lorg air tigh a’ Bhrithimh. Agus gun a’ bheag a mhoille chaidh e gu ruig Tabast. An uair a thàinig e tigh a’ Bhrithimh, dh’ aithnich a’ bhean e, agus dh’ fhiosraich i dh’ e mu a companach pòsta. “Falbh, falbh,” os esan, “gheobhar deireadh gach sgeòil a nasgaidh.” Chaidh biadh a dhianamh dha, agus dh’ fhoighnich a’ bhean d’e an dalla h-uair am b’ aithne dha dad sam bith mu dheighinn a fir. “Ud,” os esan agus e labhairt gu dimeasach, suarach, “bhàsaich e air a’ Mhórthir, ach coma leatsa mu thimchioll, bho’n a bha mi fhein ’s tu fhein a’ suirdhe roimhe so posaidh sinn a nise.” Bha bean a’ Bhrithimh riaraichte gu leoir gabhail leis an t-suirdheach òg; ach cha robh e fada fuireach ’s an tigh an uair a chuir e fhein agus Ailein am mac bu shine dh’ fhàg am Britheamh, a mach air a cheile. Là àraidh an deaghaidh dhaibh a bhi trod, dh’ éirich oide an deaghaidh Ailein leis a’ bhiodaig, Tra chunnaic Ailein so ruith e mach as an tigh ’s thug e leis còmhla an doruis air a ghualainn ’s lean an cù e. Dh’ fhàg Ailein car mu chnoc oide ’s dh’ fhalaich e e fhein an sloc mòr a bha ’n sin ’s fraoch a’ dùnadh a bheòil. Coma leibh na co dhiù, thachair do ’oide dol a dh-ionnsuidh an t-sluic, ach mar a bha sealbh an dàn do Ailein, bha a’ chomhla aige os a chionn fhein, ’s bha ’n cù ’n a laidhe air a’ chomhla. Chuir ’oide amhurus gu’n robh e ’s an t-sloc agus shàth e a’ bhiodag sìos ann. Chaidh a’ bhiodag anns a’ chù agus an uair a chunnaic an daoith fuil a bhi oirre shaoil leis gu ’n do chuir e as do Ailein a dhalta. Ruith e dhachaidh ’s moit mhor air an deaghaidh an namhaid a chur gu dìth. Thuig Ailein nach b’ ion da dol dachaidh, agus chuir e roimhe seol a dhianamh air dol a dh-Eirinn far an robh a chàirdean ’s cuideachd a mhàthar. Ràinig e tigh an t-seann-duine a b’ àbhaist a bhi ’n a fhear-ciùil aig ’athair, agus fhuair e bhuaithe biadh us beagan airgid air son a thoirt air a thurus. Thàinig Ailein bochd gu ruig Steòrnabhadh, agus an ùine ghèarr fhuair e soitheach anns an deach e dh’ Eirinn. Gu sgial goirid a dhianamh dh’ e, thainig triuir bhràithrean a mhàthar a nall comhla ri Ailein a thagairt a chòraichean. Bu dhaoine calma, tapaidh iad, a réir coltais—cha robh duine dhiu a bu lugha na sia traidhean air àirde. Ràinig iad Nis air Oidhche-Callainn, ’s chaidh iad gu tigh an fhir-chiùil a bh’ aig a’ Bhritheamh. Dh’ fhiosraich iad dh’ e ciod an dòigh a b’ fhèarr air an tigh a ghlacadh. “Leanaibh mise, a dhaoine uaisle,” os esan, “agus chì sinn.” Tra a ràinig iad an tigh, chaidh am fear-ciùil a stigh ’s dh’ fhàg e càch aig an dorus. Bha bean a’ Bhrithimh ’s a céile ùr ’n an suidhe aig cuilm na callainne, agus am bàrd ùr còmhla riutha. “Tha sibh ann an sin dà bhàrd,” os oide Ailein, “agus faiceamaid co is fhearr a ni rann agaibh.” Thuirt bàrd Iain Mhic Uisdein—b’ e sin ainm oide Ailein— “Làmh mo chridhe làmh Eoin, Nach suidheadh an tigh gun cheòl, Mharbh e am Britheamh Bho’n tigeadh an lagh cam.” [TD 49] An uair a chuala bean-an-tighe so bhuail i a basan, agus thòisich i air gàireachdaich. Ach fhreagair seana-bhard a’ Mhoiristinich agus thuirt e: “A bhean bhaoth, ’s a bhean gun nàire, ghabh thu droch ceann de chlann an fhir a tha marbh, ’s ghabh thu leis a’ mhortair.” “Beiribh air, beiribh air, ’s marbhaibh e,” os ise. “Thoir toighe gu bheil mo luchd cuideachaidh gle fhaisg orm,” os an seann-duine agus gun éisdeachd ris a’ chòrr bhuail na fir a bha mach a stigh. Tra chunnaic Iain Mac Uisdein agus a bhean Ailein ’s na bha còmhla ris theich iad a mach air dorus-cùil a bh’ air an tigh, rinn ia luim air a’ Mhòrthir a thoirt orra. Mar so chaidh an tigh ’s an t-seilb uile fhàgail aig Ailein ’s aig a bhràithrean. Cha robh a chùis fada mar so an uair a chuala Niall-Odhar Mac-Leòid, mac dìolain do sheann Ruari Mac-Leòid, an t-uachdran dligheaeh mu dheireadh de na Leodaich a bh’ air Leoghas, gu’n robh am Britheamh marbh, thainig e fhein ’s prasgan dhaoine a nall à Uige gu fearann a’ Mhoiristnich a thoirt a mach a chòir no éucoir. Fada an deaghaidh so bhiodh Mac-Leòid ’s clann a’ Bhrithimh ag aimhreit ’s ag còmhstrith. An deaghaidh bàs Aonghuis, chaidh a thriùir bhràithrean turus a null dh’ ionnsuidh na Mòrthir, agus ghabh Niall eucorach a null air an tòir. An uair a chunnaic na Moiristnich so chuir iad am bàta aca air saile gu tilleadh do Leoghas. Rinn Mac-Leoid as an deaghaidh, ach bha na Moiristnich cho anabarrach tapaidh ’s nach robh an leithid ’s na h-eileinean tuath ’n an latha fhein, agus dh’ iomair iad cho làidir ’s gu’n robh iad ag gleidheadh astair mhath an ceann air Niall. Mar a bha am bàta dol air aghart bha Ailein a’ dianamh na h-iorraim so: Iomair thusa Choinnich ccidhe, Gaol nam ban òg, ’s gràdh nan nighean, Tha eagal mòr air mo chridhe Gu ’m beil bìrlinn Nèill a’ tighinn. No sgoth chaol Mhic Thormaid oighre Iomraidh mise fear ma dhithis ’S na ’m b’ eiginn domh fear ma thriùir. Ach, ’s truagh nach robh mi fhein ’s Niall Odhar, Slagan beag os cionn Dhùn-Odhail, Biodag am làimh ’s esan fotham, Dhearbhainn fhein gu’n rach’ i domhain, ’S gu ’m biodh fuil a chinn mu ghobhal, ’S gu’n dianteadh feòil ’s gu’n dianteadh sithionn, ’S gu ’m biodh biadh fo ghob an fhithich. Cha d’ rinn mi fhathast beud no pudhar, Mur do leag mi fiadh fo bhruthach, No biast mhaol an caolas cumhang, No dubh sgarbh an còis na tuinne. Chi mi rudha, ’us slagan beag eile Anns ’na mhilleadh mo chàirdean. Is truagh nach robh mi ’n Ròna romham, Cha d’ thàinig mi riabh an cuan so roimhe, Gun taod oirre, gun taod-cluaise, Cuipeall ann am bord an fhuaraidh, ’S fiùran dìreach sheasadh suas innt’, ’S cranna fada rachadh mu’n cuairt air. Bha na Moiristnich cho sgìth an uair a ràinig iad tìr ’s gu’n deach an triùir aca do uamha bhig a bha faisg, ’s chaidil iad an sin. Ach mo thruaigh mar a bha an cruaidh-fhortan ’n an lorg, co thainig gu tìr fo ’n àite sin ach an Leodach a bha ’n an deaghaidh, agus ’n a uile throm fheirg thuit e fhein ’s a sgioba air na Moiristnich sgìth, thruagh, a bha ’n an cadal, ’s mhort e an triuir gun fhathamas, gun tròcair. A thuilleadh air a’ cheathrar mhac a dh’ ainmich sinn dh’ fhàg am Britheamh Leoghasach aon nighean, Goirid an deaghaidh bàs a bràithrean, rinn a’ chaileag so gealltanas pòsaidh ri oganach smiorail—Moiristneach eile—agus ’s ann ris an fhear so a chaidh cùisean teaghlach a’ Bhrithimh earbsa gus an tigeadh Murchadh Og am mac bu shine dh’fhàg Ailein gu inbheachd duine. Tha e coltach gur h-ann an sgìr nan Loch a rugadh an t-òganach. An la a dh’ fhalbh e dhachaidh gu tighinn do Nis thug a mhàthair dha fichead [TD 50] urad uibhe de dh-ìm, agus dh’ iarr i air gun leum seachad os cionn tuim bhuidhe coinnich gus an ruigeadh e ceann a thuruis, agus e dh’ iche crimein de ’n im an ceann gach greis. Cha robh e fada an sealbh air fearann us seilbhean eile a’ Bhrithimh an uair a thàinig Niall Odhar Mac-Leoid ’s an luib a stigh. A réir coltais dh’ fheumadh Niall a spàin a bhi ’n càl a h-uile duine. Air an turus so thug e ceathairne mhath, làidir, leis a thogail féudail nam Moiristneach. Dh’ innseadh air dòigh air choir-eigin do na Nisich gu’n robh na h-Uigich air an t-slighe a thogail an cuid chreach. Chaidh Clann Mhic-Gille-Mhoire a ghrad ’n an uidheam gu deannal còmhraig a thoirt no Mhac-Leoid. An uair a chunnaic Niall cho uidheamaichte ’s a bha iad, cha deach e an cinnseal arm riutha; is ann a thòisich e air trod ris a’ Mhoiristneach. Thuirt am Moiristneach ris gu ’m buineadh fearann Thàbast dhàsan ann an còir a mhnatha a fhuair i nuas bho h-athair ’s bho seanair ’s bho sinn-seanair. Thuirt Mac-Leoid an aghaidh sid gu’n do choisinu esan e le fuil ’s gu’m feumadh e fhaighinn. Tha ’n seanchaidh ag ràdh gu’n deach iad a dh-iomairt lagha, ’s dh’fhàg sinne an sin iad. DONULL MAC-LEOID. MU IOMA NI A THREIG. IS neònach a’ chainnt a’ Ghàidhlig. Tha i anabarrach sean. ’S e seanachas no àrsaireachd, fiosrachadh no eòlas mu shean ghnothaichean; ’s e seanchas, bruidhinn mu’n déibhinn, agus is e seanchaidh, fear a ta math air seanchas a dheanamh ùmpa. ’S e giullan seanagarra, fear a bhios, ’na chòmhradh ’s ’na dheanadas, coltach ri daoine a’s sine na e féin. ’S e sean-nòs, seann chleachdadh; ach ’s e seanadh, comunn de sheann daoine (gu diachadaich de’n chléir) cruinn a’ cur an comhairle ri ’chéile mu chùis lagha no chreidimh. Ris gach fear de’n t-seanadh, theirear seanair; ach ’s e seanair, mar an céudna, duin’ aig am bi ogha. ’S iad saighdean armachd cho sean ’s a th’ air an t-saoghal, thathas ’am beachd. ’S e saighdear fear-saighde; ach, a nise, bheirear an t-ainm sin air fear-cogaidh sam bith, co dhiubh ’s claidheamh no gunna ’s ball-airm dha.—Bi ’n t-slige-chreachainn ’s an còrn, as am biodh na seann Ghàidheil ag òl. Bhiodh cuachan aca cuideachd. Bha uair, agus ’s ann an soithichean craicinn a bhiteadh a’ gleidheadh agas a’ giùlan dibhe. Riutha sin theirteadh searragan, no soireachan-dibhe. Bha soireachan eil’ aca, ris an canadh iad builg, gus gràn ’us min ’s an samhuil a ghleidheadh. Bha nàdur bhròg aca ris an abradh iad cuarain. Bha trusgan àiridh aca ris an cainteadh féileadh-sguaibe, agus gnè eile aig na boirionnaich, do ’m b’ ainm earrasaid. Theireadh iad sgùman ris a bhad fhuilt a bh’air clàr an aodainn, agus sgrogan ri boineid bhig leibidich. Bha na fir ’nan gaisgich thréuna; cruadalach, fulangach air fuachd ’us acras, teóm air siubhal nam fireach ’s nam fàsach; ro dhéigheil air seilg ’s air sithinn; agus ’nuair a dheanadh iad fiadhach, dh’òladh iad an sàth de’n t-siabh; bhiodh fleadh aca bhàrr an fhéidh, agus ’na dhéigh sin cab ri còrn, gus an éireadh an aigne gu treallan a thoirt air dànachd na Féinne, ’s air fear-ghniomh an sìnnsir, gus an cuireadh mac-talla na h-oiche maoim fo na logaidean, agus crith air an creagan aosda. Ach, a dh’aindeoin seo air fad, bha iad làn ghisreag. Bha iad a’ creidsinn gun teagamh gu’n robh glaistigean, ’us ùraisgean, ’us bodaich, ’us ’us bòchdain, ’us fomhairean, ’us [TD 51] omharlairean, ’us mnathan-sìthe, ’us sìthchean, ’us daoine beaga, ’us siogaidean, ’us eich-uisge, ’us tairbh-fhaire, ’us sprèidh chorc-chluasach, ’us tàisg, ’us taibhsean, ’us tàcharain, ’us tubaistean, ’us tàisearan, ’us tàisearachd, ’us buidsichean, ’us raidsichean, ’s an sgoil-dubh, ’s an dàn, ’s an droch-shùil ann; agus na maighdionnan-mara, agus gu’m b’e ròn mac rìgh fo gheasaibh, agus gu’m biodh na buidsichean a’ dol ’an riochd mhaigheach, ’us ghobhar, agus mar sin sìos. An àm a bhi seanchas sgiorraidh, dh’fhéumadh “samhuilt an cloich, no ’ga ìnnseadh do na clachan e,” a bhi ann; no “croiseam sgiorradh.” “Cha bhiodh e ’na shùgradh” tachairt air boirionnach cas ruiste, ’s a’ mhaduinn. Bha “seilcheag air lic luim, searrach òg ’s a leth-deiridh ri gaisgeach, ’na mhanadh air mi-shealbh dha fad na bliadhna; agus bha ceileir aoibhneach na cuthaige féin, ’na chulaidh smuainich do m’ shìn-seanair, na’n cluinneadh e a ceud ghug-gùg, “latha buidhe Bealltuinn,” “gun bhiadh ’na bhroinn.”—Ach, soiridh buan leis na gaisgich fhéilidh. Choilion iad ùdarrais an lìnne féin. Tha ann an diugh a their, nach d’thainig an samhuil ’nan déigh. Agus cò’s urrainn sin àicheadh? Thainig mùthadh nòis air an tìr o’n theasd iad uile, agus ged nach d’-thàinig Tòmas le ’chuid each fathast, agus nach eil fhios cia aca tha e ’n Dun-buic no ’n Tom-na-h-iùraich: tha coltas, ma leanas an cosnadh ’s a’ Ghalltachd mar thà e, gu’m bi “latha nan creach aig Cluaidh.”—An Treòiriche. A’ FAIRE GU CAOMH AIR MO CHEANN. (Eadar-theangaicht’ o’n Bheurla, le Gilleasbuig MacFaidein.) ’N UAIR bhios cagarsaich dhiomhair a’ snàmh air gach taobh, Agus guthan nach fhaod bhi ’n an tosd, O’n tìr so ’g am ghairm air sligh’ uile chlann-daoin’, Thair a’ chuain th’ aig gach aon ri dhol trasd; Le ùr-fhradharc ’n uair chì mi tigh-comhnuidh nan naomh, Taobh thall gach saoth’r ’us trioblaid a th’ ann, Aig geata sgiamhach na cùirt’ am bi ann a h-aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha sluagh beag ann ’s an còmhnuidh an sùil air mo chéum, ’S a tha ’m feum air fear-dìon agus iùil, Tha maoth-thruaghain air faontraigh ag amharc am dhéigh, ’S nach bu deacair an deur chur o’n sùil; Ach a chlann faodaidh Iosa a ghairm leis gu caoin, ’N uair is àird’ bhios an doilghios no ’m fonn; Aig geata sgiamhach na cùirt, dhiubh sin am bi aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha aonaraich aosd’ ann tha feitheamh nan tràth, Air na làraichean dh’ fhag an luchd-dàimh, ’S dh’ fhaodadh blàth-fhacal aig am, no idir gniomh gràidh Gean agus àgh a rithist thoirt daibh; [TD 52] Ach an gart tha làn abuich tha ’m buanaich ri thaobh, ’S tha là claidean an t-saothraich aig ceann, Aig geata sgiamhach na cuirt’, dhiubh sin am bi h-aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha caomh chàirdean ann dh’ fhaodteadh le m’ ghradh thoirt gu smuain, Tha fior-thruaghain ann ’g imeachd na sràid’, Tha ann coigrich gun ni agus aimbeartach thruagh, Agus deoraidh fo smuairein a ghnàth; ’Measg nam miltean ni còmhnuidh an Teampull nan naomh, ’S ioma h-aon nach do shaoileadh bhios ann; Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi h-aon Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Faodaidh Crìosda ’n a mhòr-ghràs mi do neamh a thoirt suas Oir ’s e truaghain a shaoradh a mhiann, Ged nach gabh mi de’n bhochd no de’n dìlleachdan truas, ’S nach bi smuain orr’ am ùrnuigh ri Dia; Ach air neamh nach toir m’ fhéinealachd bròn air mo smaoin, Mur h-e bròn ni nach fhaod a bhi ann, Aig geata sgiamhach na cuirt’ dhiubh sin mur bi aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? UAIGHEAN NAM FIANN.* IT ta fa ne tullych so toye Mac Cowle is croye colk Mak daidzail nein in Derk Nach tug ra erk trayir borb. It ta fane tullych so dess Mac Vckoyne Kneiss mar vlayth Cha dar sai nach fa neith in gress Mo char veine yeth lawe Id ta fa tullych hoirrych Ossgyr bi vath gol is gneif Clan morn gach mach ni fir Noch chor chur sai sin in breith. Id ta fa tullych so har Gillyth ba van tess nach.... aake Mac ronain dor weych cleir Fane tollyth so har it ta. Id ta fane twllych so foyme Innor vych von groik is grane Connan dych zoif gych murn Fa tullych fume id ta. SOP AS GACH SEID. CHA bu chòir do dhuine a bhi air a mheas air son a chodach no a bhuaidhean, ach air son an fhéuma a ni e dhiubh. * From Ewen MacLachlan’s Transcript of the Book of the Dean of Lismore. Far nach ’eil lagh cha’n ’eil saorsa. Biodh eagal a’ bhàis ort, ach na biodh geilt agad roimh. Cha ghabh neach sam bith co taitneach ri smachdachadh, ’sa ni an neach sin a’s lugha a ta ’ga thoilltinn. Tha e gu tric a’ tachairt gu’m bheil iadsan a ta miannachadh an uile do mhuinntir eile, glé chinnteach gu’n d’ thig an t-olc gu’n dàil orra fein. Tha gniomhara ’nan steigh urraim ni’s àirde na comhradh. Nach ’eil thu ’tuigsinn gu’m bheil beatha ni’s airde agus ni’s urramaich ’na briathra? An uair a dh’ fhàsus sinn aosda cha’n fhuras d’ar caircibh ar toileachadh, agus cha’n ’eil mòr-chùraim orra cia aca tha sinn toilichte no nach ’eil. Théid a’ chùis leat ma ni thu gu maith an ni a tha ’nad’ chomus a dheanamh, oir cha’n ’eil e ’nad’ chomas na h-uile nithe a dheanamh. Biodh tlachd agad ann an obair, do bhrigh, mar ’eil féum agad air a thaobh lòin gu’m féud féum a bhi agad air, air son leigheis. [TD 53] Tha mòran de chomhfhurtachd na beatha a ta làthair a’ co’-sheasamh ann an eòlas, càirdeas, agus comunn a bhi againn maille riu-san a ta diadhaidh, glic, agus subhailceach. Smuainich mu’n labhair thu, agus smuainich cò iad ris am bheil thu a’ labhairt. Smuainich c’ar son a tha thu a’ labhairt, agus smuainich ciod a tha thu a labhairt. Na cuir fios air fear-comhairle le rùn fantuinn co’-dhaingnichte ’nad bharail fein. Dh’ fheudadh tu ceart co maith fios a chur air leigh ’nad’ thinneas agus òrdugh a thoirt dha ciod a’ ghnè leigheis bu chòir da a thoirt dhuit. Na biodh uaill ’nad’ chridhe gu’n d’ rinn thu ni sam bith a ta gu sonraichte glic, oir feudaidh cùisean a nochdadh an déigh so, gu’m bi an nì sin gu sònraichte amaideach. Na deanadh duine sam bith uaill as a dheanadas fein. Ciod air bi is miann leat a leantuinn anns an t-saoghal, cha téid a’ chùis leat ach a mhàin le dìchioll cruaidh. Buainich gu foighidinneach gus am bi an inntinn ’na làn uidheam, agus gus am bi an cridhe air a cho’-dhaingneachadh ann an creideamh agus gràdh. Tha àimhreit eadar càraid phòsda cosmhuil ri seòmar aig am bheil uinneag air gach ceann dheth. Ma dh’ fhosgailear an da uinneag còmhladh, bithidh gaoth-tharruing agus fuachd ’san t-seòmar, ach ma dhùnair a h-aon diubh, bithidh an seòmar tiorail agus taitneach. Mar sin, air an t-seòl cheudna, an uair a dhùisgeas connsachadh eadar fear agus bean, ma dhruidear aon bhéul bithidh sìth ’san fhàrdaich air ball. Bha duin’-uasal a’ dol seachad air amhainn araidh, agus chunnaic e Eireannach ’na sheasamh air cloich gu dian ag iasgach ann am pòll mòr, domhain a bha roimhe. “Tha thusa an sin, a Phat, a’ cur gu tréun ris an iasgach; is cinnteach gur taitneach, grinn, gasda an sruth sin air son nam breac.” “Ochan! a’ ghràidh mo chridhe, is esan a th’ann sin oir bha mi ’nam sheasamh an so, o cheann tri uairean a dh-uine, agus cha’n fhàg aon siolag dhiubh am poll. Tha gràdh an còmhnuidh deas chum gach seirbheis a dheanamh. Tha gràdh bunailteach agus tréibhdhireach ’na dhìchioll. Tha e do ghnàth ’ga thoirt fein seachad a’ nasgaidh. Is ni e a tha deanadach, dichiollach, agus tréun. Tha e ’na shonas do ghràdh a bhi saorachail agus fialaidh. Ciod nach dean mathair ghràdhach air son a leinibh fein? Ciod nach dean bean-phòsda dhleasnachail air son a companaich fein? Ciod leis nach cuir Gaidheal suas chum a righ, agus a thìr, agus a shaorsa a dhionadh, agus chum nàimhdean air an lionmhorachd a ruagadh air falbh? Tha tlachd aig mòran ann a bhi ’faotuinn coire do gach ni a nithear, no labhrar le muinntir eile. Ma mholas tu ni sam bith, is comadh ciod e, di-molaidh iadsan e. Air an laimh eile, cha’n ’eil iad toilichte ma ghabhas tusa toilìnntinn ann an dad sam bith, agus an uair a chith iad sin, cuiridh iad gu dian ’nad’ aghaidh. Ni iad so air uairibh le dùil gu’m féuch iad barrachd eòlais agus gliocais na bhuilicheadh ortsa. Ach tha iad ’ga dheanamh, mar a’s trice, trid peasanachd agus lonais a ta ’g éiridh o fharmad ’nan cridhe. Thoill iad so gu léir gu’m biodh an sròn air a tarruing, chum nach tog iad co àrd i tuilleadh nis mo. Is iomadh màthair fo lag-mhisnich a ta filleadh nan làmh sàruichte aice air an fheasgair, an dail nach d’ rinn i a bheag rè an latha, ged nach do chuir i seachad aon mhionaid ann an diomhanas o’n dh’ eirich i ’sa mhaduinn. Nach mor e do’n mhàthair a bhi làthair an uair a thig a cuid leanaban d’a h-ionnsuidh le’n gearanaibh agus le’n gairdeachas! Nach mòr e do’n mhathair an uair a théid a companach a mach le tlachd chum a chuid oibre, agus a philleas e le toil-inntinn aig an fheasgair gu ’dhachaidh shona fein. O! a mhathair shòruichte agus dhilis na smuainich nach d’ rinn thu nithe mòr’ agus luachmhor, an uair a rinn thu do dhleasnas dod’ chéile ’s dod’ chloinn, oir cha’n ’eil fios agad air do chumhachd agus air do chudthromachd fein gus an cuirear chum cleachd iad. [TD 54] CUMHA HIRTEACH. [Ceòl] CHAIDH an Cumha so a dheanamh le mnaoi òig Hirteich d’ a fear-pòsda; do ’n do thachair dol leis a’ chreig anns an robh e ag ianach ann an Sòthaidh, aon de na h-eileanan beaga, creagach, a tha laimh ri eilean Hirt; an t-àite anns an cuala mi an luchd-seinn òran agus shalm, a ’s fonnmhoire, ’s a ’s réidhe, ’s a ’s binne guth dheth na chuala mi riamh. D. R. M. ’S ann air tràigh eilean Shòthaidh ’Dh’ fhàg mi m’ òganach gléusda; Urra ’dheanadh mo thacar, ’S tabhairt dhachaidh na spréidhe. Fonn— Fàth mo dhiachainn ’s mo leonaidh! Mo chreach bhròin, ’s mo chreach léiridh! Mo chridh’ adhlaict’ an dòlas, Cha tog ceòl, no cung léigh e. Ged a thuit thu bho ’n chreig ud, Cha b’ e ’n t-eagal a léum thu; ’S ann a rinn do chas sraonadh, ’S cha do dh’ fhaod thu riamh éiridh. Fàth mo dhiachainn, &c. Dhòirteadh d’ fhuil air a chloich ud, Bha do lot an deigh léumadh, Bha thu muigh air bhàrr stuaidhe, ’S muir ga d’ fhuasgladh bho chéile. Fàth mo dhiachainn, &c. Thàinig thugam do mhàthair, Gun i ’chàradh a bréid oirr’, ’S ruith do phiuthar ’n uair ’chual’ i, Ach b’ fhad’ uainn far an d’ éug thu. Fàth mo dhiachainn, &c. ’N uair a thàinig do bhràthair, B’ àrd a ràn ga do léirsinn, ’S gath ’n ar cridhe ga shàthadh, ’Faicinn d’ àmhghar an céin uainn. Fàth mo dhiachainn, &c. ’S e ’tha ’torradh mo thruaighe Mar ’thuit fuar-bhuille ’n éig ort, Gun neach fagus, a ghaoil, ort, ’Bheireadh faochadh ’n a d’ fhéum dhut. Fàth mo dhiachainn, &c. A sheachd beannachd nan càirdean, ’S a lon làidir na féuma, Tha mo chuid-sa de ’n ianlaith Feadh na h-iarmailt ag éigheach. Fàth mo dhiachainn, &c. Tha mo chùid-s’ dheth na h-uibhean Aig a’ bhuidhinn a ’s tréubhaich’; Cha ’n ’eil dhòmhs’ ach ’bhi riaraicht’ Le cruaidh dhioghlum na h-éiginn. Fàth mo dhiachainn, &c. Eòin nan spéur, ’s iasg nan cuantan, Leam bu shuarrach gu léir iad, Na ’m biodh laimh rium mar ’b’ àbhaist Pearsa ghràidh fir mo spéise. Fàth mo dhiachainn, &c. Ach cha ghluais guth mo bhròin-sa Dhachaidh beò thu gu d’ chéile— ’S ann air tràigh eilean Shòthaidh ’Dh’ fhàg mi m’ òganach gléusda. Fàth mo dhiachainn, &c. [TD 55-66] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 67] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] DARA MIOS AN EARRAICH, 1876. [51 AIR. EACHDRAIDH-BEATHA PROFESSOR BLACKIE. RUGADH EOIN STIUART BLACKIE, no “Dubhaig” mar a their e fhéin ris, ann an Glascho ’s a bhliadhna 1809. Bha ’athair ’n a bhancfhear an Abaireadhain. Fhuair e a chuid ionnsachadh-sgoile ann an Abaireadhain agus ann an Duinéidin. Chuir e dà bhliadhna seachad ann an Göttingen, Berlin, agus ’s an Roimh, agus fad na h-aimsir sin shaothraich e gu mòr ag ionnsachadh na cainnt Gearmailtich, agus na cainnt Eadailtich, agus maille ri sin an daimh anns am bheil seana chanainean ainmeil dhaoine a ’seasamh d’a chéile. ’S a bhliadhna 1834 chuir e an clò eadar-theangachadh am meadar air “Faust,” toradh saothair a’ bhaird mhòir Ghearmailtich, Göethe, le sgriobhaidhean foillseachaidh air a’ bhardachd; agus thugadh a stigh e mar fhear-tagraidh ann an Cuirtibh-lagha na h-Albann. Sgriobh e mòran aig an àm sin air litreachas na Gearmailt, ann an “Leahhar-mios Bhlackwood,” agus ann an “Leabhar-mios Tait,” agus “Leabhar sgrùdaidh Ràidheil air cuisibh an céin.” ’S a bhliadhna 1841, fhuair e a’ chaithir-theagaisg Laidinn a chuireadh suas as ùr an Oilthigh Mharischal Abaireadhain. Dh’fhan e an sin aon bliadhna deug a’ cuideachadh gu mòr, fad na h-ùine, leis an athleasachadh a bha air iarraidh air Oilthighibh na h-Albann, agus a rinneadh le Achd Parlamaid ’s a bhliadhna 1858, a’ toirt mòr adhartais do ard-ionnsachadh ’s an tìr. Sgriobh e mòran air cumadh agus co-cheangal cainnte anns a’ “Chlassical Museum,” ’s a bhliadhna 1850; agus le sin chuir e an clò eadar-theangachadh air a bhàrd Ghreugach, Æschylus, ann am meadar. Choisinn so dha ’s a bhliadhna 1852 Caithir-theagaisg na Greugais ann an Oilthigh Dhùineidin. Chuir e mach iomadh sgriobhadh an deigh sin, nach ’eil e farasd ainmeachadh ’s a Ghaelig. Bha sgriobhadh air “Doigh labhairt na Greugais” ’s a bhliadhna 1852; “Sgriobhadh air Maise,” le beachdan àraidh air barail Phlato mu “nàdur Maise” ’s a bhliadhna 1858. Bha Bardachd air a chur a mach, leis, a’ mhòr chuid dith air Seann sgeoil dhùthchasach nan Greugach, ’s a bhliadhna 1857; agus Bardachd Bheurla ’us Laidinn ’s a bhliadhna 1860. Air a bhliadhna 1853 ghabh e turus ’s a’ Ghreig, agus sgriobh e leabhran a’ moladh gu mòr daoine a chur eòlais air Greugais an latha an diugh, le sgriobhaidhean eile ann an leabhraichean-mios ’us ràidh air a Ghreig a th’ ann a nis. Sgriobh e mu “Phlato” agus mu “Homer”gu h-ealanta, ionnsaichte. A thuilleadh air obair na cathrach-theagaisg aige, tha e easgaidh, ealamh, gu dol air feadh na tire a’ teagasg dhaoine agus tha e eudmhor thar mòran mu nithibh a bhuineas do chliù na h-Albann. Anns an deasboireachd a [TD 68] bh’ ann ’s a bhliadhna 1867, mu ’n Athleasachadh air an t-suidheachadh chum daoine a thaghadh do’n Pharlamaid, labhair e gu fearail an aghaidh nan daoine a bheireadh riaghailt America a stigh ’n ar measg, agus thagair e a chùis an aghaidh Ernest Jones, duine a bha dian air an taobh eile. Bha na beachdan aig air “Riaghladh nan uile dhaoine” (Democracy), air an cur an clò sé uairean ann an ceithir là deug? Chuir e gu làidir air taobh na h-Achd a shaor luchd-teagaisg Oilthighean na h-Albann o bhi fo éigin iad fhéin a cheangal ri creidimh na h-Eaglais Stéidhichte. ’S a’ bhliadhna 1866, chuir e mòran d’a shaothair an clò, agus ann an 1869, chuir e mach Bardachd airson foghlumaich agus luchd-frithealaidh nan oilthighean. ’S a’ bhliadhna 1870, chuir e an clò orain-catha nan Gearmailteach, agus sgriobh e gu treun air taobh nan Gearmailteach ann an cogadh ris na Frangaich. ’S a bhliadhna 1872, chuir e an clò, “Laoidhean na Gaidhealtachd agus nan Eilean.” Cha-n fhad o sheas Professor Blackie suas an Lunnun a’ cur gu h-ealanta, glic, an aghaidh bheachdan Mr. Eoin Stiuart Mill air Feallsanachd Mhoghail, Mr. Grote mu Fheallsanaich Greugach ris an abradh iad na Sophists, agus Mr. Max Muller mu mhìneachadh nan seann sgeoil dhuthchasach. Chuir e a bheachdan fhéin an clò ’s a bhliadhha 1871. Ann an leabhrainean air am bheil “Horæ Hellenicæ” leig e ris a bheachdan air daimh agus co-cheangal chànainean am measg dhaoine agus chuir e mach leabhar beag airson fhoghlumach air am bheil “Fein eideachadh;” leabhar a fhuair mòran cliù ann an Sasunn agus ann an America. O cheann ghoirid chuir e a ghualainn ri caithir-theagaisg na Gaelig a chur air chois ann an oilthigh Dhùineidin. Agus cha-n ’eil teagamh air a nis nach teid a chùis leis mar a b’ àill leis. Tha e air an tìr a shiubhal air fad, agus sgriobhadh a dh’ ionnsuidh gach cearnaidh de ’n t-saoghal ’s am bheil boinne de fhuil nan Gaidheal a ruith ann am feith, agus tha ainmean air an cur sios aige airson corr us ochd mile punnd Sasunnach. Ach cha leòr sin. Tha tuilleadh uaith chum beo-shlainte fhreagarrach bhi ann do ’n fhear-theagaisg, agus cha ’n ’eil e neo-choslach nach ruig e air an t-suim air am bheil a chridhe suidhichte mu ’n tig fad. Is maith ’s fhiach e cliù o na h-uile duine, Gaidhealach ’us Gallda, aig am bheil taobh ris a’ Ghaelig. Agus tha sin aig ’us bithidh barrachd aige fhathast dheth. Cha-n ’eil sinn ag radh mu’r caraid flathail ach mar a theireadh an seann sluagh, “Gu mu fada beò e, ’us ceò dhe a thigh.” DONULL GORM. [FHUAIR sinn an dàn so bho ’n uasal cheanalta, ALASDAIR MACGILLE-MHICHEIL, an Uithist. Thug e dhuinn eachdraidh an dàn am Béurla; ach tha sinn ro dhuilich nach urrainn duinn a toirt seachad ’s an àirimh so. Theagamh, air a shon sin, gu’n tachair sinn fhathast. Mairionn, buan do’n fhìor Ghàidheal so; agus deoch-eòlais air. Tha sinn cìnnteach nach ’eil Gàidheal “air chuairt no thall an cuan” nach òl gun obadh i—am fear nach dian air son fearais-chinnidh e gu’n dian e e air son fearais-dhùthcha.] ’N àill leibh, ohì, Ar leam gur h-ì, ’Ghrian ’s i ’g éirigh. ’N àill leibh ho hau. Nàile, nàile, Nàile ri triall, hò, Gu cùirt Dhònuill Nan sgiath ball-bhreac, Nan lann ceann-gheal, Nan saighead siùbhlach, Nan long seòlach, Nam fear meanmnach. [TD 69] Nàile, nàile, hó, Nàile gu triall, Moch am màireach. Gu ’n d’ fhaighneachd a’ bhean De ’n mhnaoi eile: Na, cò i ’n long ud Siar an eirthir ’S a’ chuan Chananach? Don-bìdh ort! C’uime ’n ceilinn,— Co ach long Dhònuill— Long mo leinibh. Long mo rìgh-sa, Long nan Eilein. ’S mór leam an trom Tha ’n a deireadh. Tha stiùir òir oirr’, Tri chroinn sheilich. Gu ’m beil tobar fìona Shìos ’n a deireadh, ’S tobar fìor-uisg’ ’S a’ cheann eile. Hó, nàile, nàile, Nàile, ri triall, Moch am màireach. Nàile chuirinn geall ’S mo shean-gheall, Am faod sibh àicheadh, ’N uair theid mac Mo righ-sa dh’ Albainn, Ge b’ e cala Tàmh, no àite, Gu’m bi mire, Cluith, a’s gàire, Bualadh bhìog, ’S leòis air dhearnaibh; Bithidh sid, A’s iomairt, hó! Air an tàileasg, Air na cairtean Breaca, bàna; ’S air na dìsnean Geala chnàmha. Hó nàile, nàile, Nàile le chéile. Ge b’ e àite ’N tàmh thu ’n Alba, Bithidh sid Mar ghnàth’s ann: Ceòl a’s seanchus, Pìob a’s clàrsach, Abhachd, ’s dannsa; Bithidh càirt uisge Suas air flanga; Ol fìona ’S beòir ’ad champa; ’S gur lìonar triubhas Saoithreach, seang, ann. Nàile, nàile, Nàile, hó, nàile. ’N uair theid mac, ho, Mo rìgh-sa deiseal, Cha’n ann air chóignear, Cha ’n ann air sheisir, No mhór-sheisir, Cha’n ann air naoinear, Cha’n ann air dheichnear, Ciad ’n an suidhe leat, Ciad ’n an seasamh leat, Ciad eile, ho! bhi cur A’ chupa deiseal dhut; Dà chiad diag Bhi dianamh chleasa leat; Da chiad diag A bhi ’g iomairt A’ bhuill-choise leat; Dà chiad diag, ’Bhi ’n òrdugh gleachda leat. Nàile, nàile, hó, Nàile so, h-ugaibh i. ’N uair theid mac Mo righ fo uidhim, Cha ’n i Mhòrthir A cheann-uidhe; Ile ’s Cinntìre, ’N Ròimh ’s a Mhuthairn, Dùthaich Mhic-Suain, ’S dùthaich Mhic-Aaoidh, Cuide riutha. Cha lean dris Air an droighionn; No sguab choirc’, Air achadh foghair; No sop seann-todhair, Air taobh tighe, No ’n cùirt Dhònuill, Sgiath a’s claidheamh; Clogaide gorm-dheas, A’s balg-shaighead. * * * * Mùirn a’s meaghail, Gur lìonar boineid Ghorm air staing ann, ’S coinneal chéire Laiste ’n lainntir. Nàile, nàile Ho, nàile le chéile. ’N uair theid mac Mo righ-sa ’n a ’eideadh, Gu’n robh gach dùil Mar thà mi fhein da; ’D é ma bhitheas, Cha tachair béud da. Gu ’m beil mi dhut, Mar tha do phiuthar; Mur h-’eil mi bàrr— Tha mi uibhir. [TD 70] Neart na gile dhut, Neart na gréine, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine; Neart an fhochuinn Anns a’ Chéitein, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart na tuinne, ’N tuinne thréubhach, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart a’ bhradain Is braise léumas, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine Neart Chuchullainn Fo ’làn éideadh, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine Neart sheachd caithean, ’S feachd na Feinne, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart Oisein bhinn, Neart Oscair éuchdaich, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart Ghoill Nan trom chréuchdan, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart Fhinn Nan ioma béuma, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart gach abhna, ’S gach allt sléibhe, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine Neart na stoirme, ’S na toirm-ghaoith réubaich, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart an torruinn, ’S na beithreach éitidh, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart an dealain, ’S an tàirnich bhéuraich, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart na mìola Móire ’séideadh, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Neart nan dùl, A’s chlanna-spéura, Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. Gach aon diubh sid, A’s neart Mhic Dhé Bhi eadar Dònull Gorm ’S a léine. ’D é ma bhitheas Cha tachair béud dut, Ar leam gur h-ì Ghrian ’s i ’g éirigh ’N àill leibh ohì ’N àill leibh oha hàù. COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—“Bha dùsal cadail orm, agus an àm domh dùsgadh suas, air domh na coin a chluinntinn a’ comhartaich aig an dorus, is beag dùil a bh’ agam gur e Coinneach Ciobair a bha aig an stairsnich aig an uair anmoich so dhe’n oidhche. Thig a steach, fhir mo ghràidh, agus innis domh ciod is cor dhuit, agus cia mar a dh’ fhàg thu iad gu léir ’s a’ Ghoirtean Fhraoich?” COIN.—“Ma ta, a Mhurachaidh, is fear gun nàire ’chuireas dragh air teaghlach sam bith aig an uair neo-iomchuidh so, agus uime sin, is fear gun nàire mise, oir tha thu ’faicinn gu’n d’ rinn mi sin.” M.—“Dùin do bhéul, a charaid, agus na cluinneam smid tuilleadh dheth ’leithid sin de sheanchas, oir tha deagh-fhios agad nach ’eil anam beò, a mach o’m ’theaghlach fein, a bheireadh barrachd sòlais do m’ chridhe fhaicinn na Coinneach Ciobair aig uair sam bith dhe’n là, no dhe’n oidhche. Dean suidhe, ma ta, gus an dùisg mi bean-an-tighe.” C.—“Bean-an-tighe! cha dean thu idir e,—is tu nach dùisg, oir cha’n ’eil nì sam bith a dh’ uireasbhuidh ormsa ach beagan bhriathra-seanchais, agus cùil bheag chum mo cheann a chur fodham gu maduinn.” M.—“Bi ’n ad thosd, a Choinnich, tha e cianail mar ’eil comas aig duine bochd a thoil a dheanamh ’n a thigh [TD 71] fein. Eirich a’ bhean, éirich, agus faic co a th’againn an so.” Air ball, bha bean Mhurachaidh air a bonnaibh, agus an sàs ann an Coinneach, a’ cur fàilt is furain air. C.—“Is obair gun aobhar so air fad,— M.—“Na cluinneam tuilleadh dheth sin, a Ghraidh nam fear, oir ged nach deachaidh do chuid ’s a’ phoit, tha drùbhag ’s an t-searraig dhuibh a fhliuchas do sgòrnan, agus cha mhisd’ thu boinne beag an deigh do thurais, maille ri crioman as a’ mhulachaig agus greim dhe’n aran. Goilidh a’ bhean an coire beag, agus is feairrd thu diodag bhlàth, mu’n cuir thu do cheann far am bi dùil agad ’fhaotuinn ’s a’ mhaduinn.” C.—Gu dearbh ’s gu cinnteach cha ghabh mi boinne blàth an nochd, agus cha’n ’eil stàth a bhi ’bruidhinn. An déigh dhuinn an Leabhar a ghabhail, rachamaid le beannachd a chadal, agus gheibhear gach ùr-sgéul ’s a’ mhaduinn. M.—“Mar bi e air mo chomhairle-sa, biodh e air do chomhairle fein, a rùin mo chridhe. Oidhche mhaith agus deagh fhois dhuit. Do bhrìgh gu’m bheil thu sgìth, na dean cabhag ’s a’ mhaduinn.” C.—Fàilt ort, a Mhurachaidh, is moch thu air do bhonnaihh mar a b’ àbhaist, am bheil thu gu fallain, slàn, surdail an duigh? M.—Is dàn a bhi’ talach, a Choinnich, ach carson a dh’ eirich thu co moch, air duit a bhi airsnealach, sgith an raoir, ach cha robh ùine agam fhòighneachd ciod an gnothuch mu’n robh thu an dé, an uair a thàinig thu, mar an sneachd, gun dùil riut? C.—Bha mi air Féill Mo-Chalmaig, far an do reic mi tri cheud molt le Sir Séumas air son an d’thugadh dhomh dùbladh sin de phùinnd Shasunnach. M.—Fhuair thu mù’s mòr, dà phùnnd air a’ cheann, ach is cinnteach gu’n robh iad ciatach. C.—Bha iad mar a bha am baile ann an Baideanach, an eatorras, ach chuir duin’-uasal àraidh d’am b’ ainm Mac-an-Fhleisteir, fios-dealain orra dh’ ionnsuidh Shir Séumais, agus chòrd iad fein mu’n luach, ach thug e dhòmhsa òrdugh-banca do Shir Séumas air son sea céud, a thuilleadh air cùig bùinn òir a chuir e am laimh fein air son mo shaoithreach. M.—B’e ’n duin’-uasal e da rireadh, agus cha mhiste leam agad na cuig buinn sin, is bòidheach iad, agus is maith ’n an àite fein. Cuiridh iad brògan air Seonaid agus air na pàisdibh. C.—Cha b’e sin an gnothuch furast an diugh, a Mhurachaidh,—na brògan! Ach coma co dhiùbh, is taitnich’ airgiod nam bròg na duais an léigh; agus is fearr a bhi ’caitheadh nam bròg no nam plaideachan. Ach, a Mhurachaidh, cha’n ’eil mi tuigsinn fo’n ghréin ciod is ciall do’n telegram sin a thug Sir Séumas o cheann mios air ais dh’ ionnsuidh a Chaisteil aige. Tha e’ dol os ceann mo sgil agus mo sgoil, agus cha’n ’eil dùil agam gur ni e a ta cneasda. Tha òganach an sud ann an seòmar beag a’ sìr-amharc air aghaidh rud cosmhuil ri uaireadair Gearmailteach, air am bheil da làimh bhig a’ grad-chlisgeadh a nùll ’s a nall, agus tha greim aige air gnè iuchrach leis am bheil e do ghnàth a’ gliogairsich, agus a’ cur nan làmh beaga air chrith-ghluasad gun sgur Cha’n aithne dhomh idir ciod is ciall da. M.—Tha mi ’g ad chreidsinn, a Choinnich, ach is e an telegraph de na h-innleachdaibh miorbhuileach sin a fhuaradh a mach o cheann beagan bhliadhnaichean, agus cha lugha na ceithir no cùig dhiubh co’-ionnann iongantach annta fein, a fhuaradh a mach o’n bha d’athair ’n a leanabh. [TD 72] C.—Ainmich iad sin, a Mhurachaidh, a chum gu’m bi cuimhn’ agam orra. M.—O’n a’s cuimhne leam fein fhuaradh a mach an telegraph, an toit-chumhachd, an gas-sholus, agus dealbh-tharruing na gréine, a thuilleadh air iomadh athleasachadh feumail eile. C.—Mìnich dhomh an telegraph an toiseach, a Mhurachaidh, oir is minic a chunnaic mi na caol-shlatan iaruinn air an sineadh, agus air an teannachadh air mullach nan crann àrda, agus is tric a chual a mi na naigheachdan a’ dol seachad le srann-fhuaim air na slataibh, agus a’ toirt orra a bhi séinn mar air téudaibh fìdhle. A reir coslais is iad na deagh-naigheachdan a bheir a mach binn-cheòl dhe’n t-seòrsa sin, oir cha ’n ’eil ni sam bith toilichte no taitneach mu’n droch naigheachd. M.—Tha thu gu tur air do mhealladh mu na nithibh sin, a Choinnich, oir cha’n iad na naigheachdan a ta deanamh na fuaime, ach an osag ghaoithe a’ gluasad nan slat a ta air an teann-tharruing mar théudan na cruite-ciuil. C.—Ciamar, uime sin, a chuirear an naigheachd air falbh? M.—Tha sin ’g a dheanamh le dealanach nan speur. Tha fios agad, a Choinnich, gu’m bheil e comusach, an dealanach a dheanamh le stuthannaibh sònraichte, agus a ghleidheadh ann an searragaibh àraidh a ta air an cumadh air a shon. An uair a nithear an dealanach air an doigh so, tha comas aigesan a ta ’gabhail cùraim deth air a dheanamh lag no làidir a reir a thoil fein. Leis an iuchuir ud ’n a làimh tha e cur an dealanaich troimh nan cuibhleachan, agus tha na cuibhleachan sin a’ gluasad nan làmh beaga ud a chunnaic thu, agus a’ comharrachadh a mach litrichean àraidh a ta, mar sin, a’ deanamh suas bhriathra na teachdaireachd. Tha cumhachd an tein’-adhair sin a’ ruith air na slataibh a’ ruigheachd ann am priobadh na sùla, nan ionadan a’s faide air falbh dh’ ionnsuidh am bheil an teachdaireachd a dol, agus an sin a’ cur làmhan eile air ghluasad a chuireas an teachdaireachd air ball an céill. Ach cha’n fhurast sin a mhìneachadh le briathraibh, a’s eugais sealladh nan sùl. C.—Is miorbhuileach an ni cumhachd a bhi aig duine peacach, dall, aineolach, thairis air dealanach nan spéur, agus seirbhiseach a dheanamh dheth. Dh’ aindeoin gach cùis, tha’n duine ’n a chréutair innleachdach. M.—Ro cheart, a Choinnich, ach cha’n ’eil sinn ach ’n a thoiseach fhathast, oir gun teagamh meuduichear an innleachd sin gu mòr là éigin, oir tha nithe ùra ’g am faighinn a mach gach là. Am bheil fios agad gu’m bheil gnè dhealanaich ach beag anns gach ni mu’n cuairt duit. Gabh cat ann an seòmar dorch, agus sliob sios bian a dhroma gu cruaidh rè mionaid na dhà, agus a ris grad-shuath e an aghaidh a’ chuilg, agus chìth thu sradan teine a’ boisgeadh as a dhruim, agus is gnè dhealanaich a ta an sin. C.—Is miorbhuileach gach ni a ta ann! Cò a’s urrainn an gabhail gu léir a steach! Ach ciod mu’n toit-chumhachd? M.—Tha thu fein eòlach air an toit-chumhachd leis am bheil na luingeasan air an greasadh, na h-eich-iaruinn air an gluasad, na h-achan air an treabhadh, agus air am buain, na h-éudaichean de gach gnè air an sniomh agus air am figheadh,—na leabhraichean air an clòdh-bhualadh,—agus na muillnean de gach gnè air an greasadh. Tha ’n toit-chumhachd mar so ’g a fhoillseachadh fein fo mhìle riochd, agus ’g a chleachdadh chum ach beag gach obair agus ealaidh a chur [TD 73] air an aghaidh. Na’n togadh do sheanathair a cheann as an duslaich, ciod a theireadh e an uair a chitheadh e na carbadan a’ ruith gun eich,—na h-achan ’g am buain le cumhachd teine agus uisge,—agus na longan a’ ruith air chuibhleachaibh, agus a’ grad-shiubhal gun sheòl, gun ràmh, an aghaidh an t-sruth agus na gaoithe? Is cinnteach gu’n abradh do sheanathair còir gu’n robh làmh aig do chàirdibh na sìthichean anns a’ ghnothuch, agus gu’n robh barrachd na cumhachd talmhaidh air fhoillseachadh anns a’ chùis. C.—Tha mi fein a’ deanamh gnè thuigsinn air an toit-chumhachd, oir is minic a chunnaic mi, an uair a bhiodh Seònaid a’ goil a’ choire dhuibh, air son drùbhaige dhe’n tì a dheanamh ’s a’ mhaduinn, nach b’ fhurast an ceann a chumail air a’ choire le cumhachd na toit. M.—Tha thu glé cheart, oir is ann le coire beag mar sin a fhuaradh an cumhachd sin a mach an toiseach. C.—Ach ciod mu’n ghas-sholus? Chunnaic mi fein e ’s na bailtibh-mòra, agus gu cinnteach cha d’ thug mi mo bheannachd air. M.—Ud! ud! ciod so a dh’ éirich dhuit, a charaid? C.—Ciod a dh’ éirich dhomh! Innsidh mi sin, ach na dean gàire rium, a ghràidh nam fear. Gun teagamh air oidhche àraidh theab e an gnothuch a dheanamh orm. ’Nàm domh a bhi ann an Glaschu maille ri Sir Séumas, tha cuimhn’ agad, air an turas a thug sinn a dh-Eirinn, chuireadh a steach do sheòmar àluinn cadail mi, far an robh lasuir mhòr dhe’n ghas, mar sgiathan eòin, a’ gabhail gu soilleir. An deis domh mo bheannachadh fein, agus ochan! is ann agamsa a bha feum air beannachadh o’n Airde an oidhche sin, shéid mi as an solus, agus thilg mi mi fein ’s na plaideachaibh; shéid mi gu grad as e, mar a b’ àbhaist domh coinnlean geire nam molt a chur as, agus thug mi mo leabuidh orm. Ann am meadhon na h-oidhche, bha mi ’n impis mo thachdadh; dh’ éirich mi, ach cha robh anail agam, agus thòisich mi air gleadhraich a dheanamh air feadh an t-seòmair, a’ tilgeadh nam bòrd thairis, a’ briseadh nan soithichean-ionnlaid, agus a’ fairtleachadh orm dorus no uinneag fhaotuinn thall no bhos. Bha mo cheann ’n a bhreislich, agus bhuail mi an t-ùrlar gu cruaidh air son furtachd. Mu dheireadh, dh’ fhosgail neach èigin an dorus, agus ghlaodh e mach—Gracious goodness! what is this?—Ghlaodh e gas, gas, gas—agus ged a bha esan mar an céudna, an impis a thachdadh, rug e air ghualainn orm, agus threòraich e mi gu ceann na staidhreach, rùisgte mar a rugadh mi, agus dh’ fhosgail e na h-uinneagan air ball. Bha’n t-àite dubh, dorch, agus gaoth fhuar a’ seideadh air mo choluinn ruisgte. Dh’ innis e dhomh gu’m bithinn ann an siorruidheachd na’m biodh esan leth-uair eile gun tighinn a steach, agus gu’m biodh an tigh air a sheideadh suas mar le fùdair, na’n tugteadh coinneal laiste do’n t-seòmair. M.—Fhuair thu cuimhneachan air cumhachd an t-soluis sin, a Choinnich, a leanas riut am feadh is beò thu, oir is caol a thèarnadh thu gun teagamh. Tha fios agad gum bheil an gas air a dheanamh as a’ ghual. Gabh piob-thombaca le cois fhada, agus lion sòrn na piòba le gual gu mìn air a phronnadh, agus còmhdaich e le potaig de chreadhaidh air a h-oibreachadh gu réidh. Càraich ceann na piob anns an teine, a’ fàgail na coise dìreach a mach. Ann an ùine ghoirid chìth thu ceò a’ brùchdadh a mach as a’ chois, agus [TD 74] ma chuireas tu teine ris, loisgidh e gu soilleir, agus bheir e deagh sholus uaithe. Is ann air an dòigh cheudna, uime sin, a nithear an gas ann an tomhas mòr chum na bailtean a shoillseachadh, mar a chìth thu iad anns gach àite. C.—Mòran taing dhuit, a Mhurachaidh, is iongantach an t-eòlas a ta air a sparradh ’s a’ cheann sin agad, agus cha’n fhios domh idir ciamar a rinn thu gréim air. Ach ciod a nis mu dhealbh-tharruing na gréine, a ta co h-iongantach ri aon de na h-innleachdaibh a dh’ ainmichcheadh leat a cheana? M.—Ma tà, a Choinnich, cha’n fhurasda dòmhsa sin a mhineachadh dhuit, a chionn nach ’eil mi fein ’g a thuigsinn gu soilleir. Goirear anns a’ Bhéurla “Photography” ris;—focal a ta ’ciallachadh “Sgriobhaidh,” no “Tarruing” le solus na giéine. Tha clàran beaga gloine ceithir-shliosnach air an ullachadh, agus air an ionnlad ann an géur-shùbh làidir, agus tha aon de na gloineachaibh sin air a shuidheachadh ann am bocsa cosmhuil ri gloin-amhairc. Suidhidh an ti a tharruingear fa choinneamh a’ bhocsa so, le ’shùil air a’ ghloine, agus air do’n dealbhadair a bhi ’n a sheasamh air an taobh eile dhe ’n bhocsa, tha e’ togail suas spéilean, no dorus beag, chum solus na gréine a leigeadh a stigh do’n bhocsa. An sin, ann am priobadh na sùla, tha’n dealbh air a nochdadh air a’ ghloine, ach tha’n dealbhadair gu grad ’g a spionadh air falbh gu seomar dorcha, agus ’g a thilgeadh ann an stuth araidh, leis am bheil an dealbh air a cho’-dhaingneachadh air a’ ghloine. Tha’n dealbh sin a rìs air a chlòdh-bhualadh bhàrr na gloine air paipeir tana, agus tha’m paipeir sin air a ghlaodhadh air cairt làidir ghil, chum a ghleidheadh tèaruinte, agus tha’n dealbh an sin deas. C.—B’e sin d’a rireadh an obair eagnuidh, iongantach, agus is firinneach a nochdas e riochd, agus aogas an duine. Thug Sir Séumas a dhealbh do Sheònaid an là roimhe, agus cha b’urrainn ni sam bith coslas an Ridire a nochdadh na’s fearr. Cha’n ’eil fiù gaoisdean air a mhalaidh nach fhaicear an sin gu soilleir, agus tha fuilteanan a chìnn gu riochdail air an leigeadh ris. Is anabarrach an innleachd e. M.—Tha mi ’creidsinn sin uile, a Choinnich, ach a nis, o’n thug an duin’-uasal còir sin air Feill-Mo-Chalmaig na cùig bùinn òir dhuit, glac a’ chéud chothrom chum aon diubh a chur a mach ann an dealbh far an nochdar thu fein agus Seònaid, agus an òigridh uile, ’n ur n-aon chomunn air aon chàirt. C.—Cha dearmaid mi do chomhairle a ghabhail, a Mhurachaidh, oir is taitneach teaghlach fhaicinn uile cuideachd mar sin, air dà a bhi ’n a ni cinnteach gu’n sgapar iad am fad ’s am farsuing ann an ùine ghoirid. M.—Tha Bean-an-tighe ’g ar n-iarraidh, a ghràidh nam fear, agus is còir duinn dol a dh-fhaicinn ciod a th’aice air ar son. ALASDAIR RUADH. ORAIN LE IAIN LOM. RINNEADH an dà òrain a leanas le le IAIN LOM. Is ann bho ’n Urramach A. Maclean Sinclair, an Canada, a fhuair mi iad. Cha’n fhiosrach mi gu’n robh iad riabh roimhe ’n clò. An treas fear, eadar Iain Lom ’s Gilleaspuig Gruamach, fhuair an uiridh ’s a’ Bhraighe.—ABRACH. IORRAM DO MHAC-GILLEAIN DHUBHART. GED is fhada mu thuath mi ’S math leam slàn do na h-uaislean, Leam gur mithich bhi gluasad gu m’ thìr. Gu dùthaich shir Lachainn, Nam pìob a’s nam bratach, ’S mòr mo dhiùbhail ri faction an rìgh. [TD 75] Cha b’ e leantainn na lùdaig’ Ris na téudan bu dlùithe A thug mise do’r dùthaich bhig, chrìn. Ach bàs Mhic-Gilleain— E ’n réilig Odhrain ’n a laidhe, ’S e dh’ fhàg mise gun aighir, gun phléid. Agus Eachann ’s an àraich, Fo thrupa nan nàmhad,— Fàth mo thùrsa gach là bhi ’g ur caoidh. ’S math thigeadh clogaide cruadhach, Air cùl bachlach nan dual glan, Gnùis fhlathail a’s gruaidh mar am fìon. Agus spàinteach ghéur, thairis, Ann an ceann claiginn ealant’, A’s sgiath bhreac nam ball daingeann ’g ad dhìon. Na ’m biodh agam air blàran, De Chlann-Dònuill ’s de m’ chàirdean, Mhiad ’s a chunnaic mi ’n armailt an righ. Mhiad ’s a chunnaic mi fhéin diubh, Teachd air loingeas á Eirinn, De shliochd gasda Chuinn’-Chéud-Cha’ich nam pìos. Cha bu shìochaint ur cogadh, ’N àm dol sìos an tùs trod, duibh, Dhrèam rìoghail nan clogaid ’s nam pìc. Chluinnteadh farum ur clàidhean Air claignibh ur nàmhaid, Agus blaighdean nan ceann ’g an toirt sìos. ’S a liuthad cùbaire gealtach, Tha buidhinn cùirt ann an Sasonn, Bha ’g a chrubadh mar chat ann an craóibh. Agus rògaire bréugach, Bha mu mhilleadh righ Tèarlach, ’S a tha nis oirnn ag éirigh gu strìth. ’S mur caochail sibh faction, Gu ’m bi taobh dearg ur leapa, Ur fuil bhi taosgadh an claisean ’s an dìg. ’S gu ’n cluinnteadh feadaireachd luaidhe, An lorg sradag na cluaise, ’S mnài ’g acain—’s cha chruaidh leinn an caoidh. ORAN DO MHAC-GILLEAIN Mur b’ e ’n abhuinn air fàs oirnn, ’S tuil air éirigh ’s na h-àithean, Bhithinn latha romh chàch air a’ chòdhail. Bhithinn latha, &c. Is bochd an eiridinn pàisde, ’N uair a bhuail an lot-bàis e, Bhi gun cheirein, gun phlàsda, gun fheòirnein. Bhi gun cheirein, &c. Is ann de ’n choinnimh is miosa, An gàradh-droma air bristeadh, Mar gu ’m pronnadh sibh slige le òrdaibh Mar gu’m pronnadh, &c. Is ann de dh-fhòrtan na cùise, Ma ’s e ’n Torc th’ oirbh a’ mùiseag, Gu’n teid stopadh na mùile ’n a phòran. Gu’n teid stopadh, &c. Tha sgrìb fhiar nam peann gearra, Cumail dìon air Mac-Cailein, ’S e cho briathrach ri parraid ’n a chòmhradh. ’S e cho briathrach, &c. Thug sibh bhuainne le spleadhan, Gur h-i Ile ghlas, laghach, Us Cinntìre le ’maghannan gorma. Us Cinntìre, &c. Ghlac an eire na teanchrach, Air deagh chinneadh mo sheanmhar, ’S lag an iomairt ged ’s ainmeil an seòrs’ iad. ’S lag an iomairt, &c. Dh’ fhalbh ur cruadal ’s ur gaisge, Le Eachunn Ruadh ’s le Sir Lachunn,— Iad ’s an uaigh far ’n a phaisgeadh fo ’n t-sròl iad. Dh’ fhalbh ur, &c. ’S Lachunn Mor a fhuair urram, Chaidh a bhualadh an Gruinneart, Cha tugt’ uachdranachd Mhuile ’s e beò bhuaidh. Cha tugt’ uachdranachd, &c. Is math mo bharail us m’ earbsa, Mur a roghainn gun dearmad, Nach bu chladhaire cearbach Fear Bhròlais. Nach bu chladhaire, &c. An eaglais I Chaluim-Chille, Tha suinn chròdha gun tioma, Chaisgeadh dòruinn ’s gu ’n tilleadh iad tòrachd. Chaisgeadh dòruinn, &c. Is mor a b’ fhèairrde drèam fhiata, Nan each seang-fhada fiadhaich, Eobhan Abrach Loch-Ial agus Lòchaidh. Eobhan Abrach, &c. [TD 76] GILLEASBUIG GRUAMACH AGUS IAIN LOM. Gilleasbuig. A bhean nam pòg meala, ’S nan gorm-shùilean meallach; ’S ann a thà mo chion-falaich, Fo m’ bhannan do m’ ghràdh. A bhean, &c. Cha ’n ’eil mi ’g ad léirsinn, Ach mar gu ’m biodh reul ann. An taic ris a’ ghréin so Tha ’g éiridh gach là. Cha’n ’eil, &c. Iain Lom. Air leatsa gur reul i, ’S gur coltach ri gréin i, ’S òg a chaill thu do léirsinn, Ma thug thu ’n éisg ud do ghràdh. Air leatsa, &c. Boladh ùilleadh an sgadain, De dh-ùrla na h-apa; ’S i ’s cùbaiche faicinn, A tha ’n taice ri tràigh. Boladh ùilleadh, &c. Gilleasbuig. Fios bhuam gu Iain mabach, Do ’m bu chèaird a bhi ’gadachd, Nach co-ion da bhi caig rium ’S ri cabaire bàird. Fios bhuam, &c. Am busaire ronnach— Nam pliut-chasan croma; Tha na cuspan air lomadh Gu bonnaibh do shàil’. Am busaire, &c. Am pliutaire busach— Nam brusg-shùilean musach; Cha ’n fhasa do thuigsinn Na plubartaich càil. Am pliutaire, &c. Ged thà thu ’m fhuil dhìrich, Nàile, cumaidh mi sìos thu— Cha ’n ’eil coille gun chrìonaich, Gu dilinn ’s gu brath. Ged tha thu, &c. Fuigheall fìor-dheiridh feachd thu Cha ’n fhiach le càch ac’ thu.— Chaill thu d’ ìongnan ’s a’ Cheapaich Sgrìbeadh phrais agus chlàr. Iain Lom. Fios bhuamsa dhut, ’ille, Chaill thu dualchas do chinnidh, Gu ’m beil thu air mhire, Làn de dh-inisgean bàird. Fios bhuamsa, &c. Mi cho saor le na ronnan, Ri aon fhear beò d’ shloinneadh; Nàile, rinn thu briag shoilleir, An follais do chàch. Mi cho saor, &c. Ma ’s ann ormsa mar dhìmeas, Ghabh thu choill as a crìonaich; Iarr an doire na ’s ìsle, Bho ìochdar do chlàir. Ma ’s ann ormsa, &c. Mur-bhi dhomh mac d’ athar, Is ann dà tha mi ’g athadh, Nàile, chuirinn ort athais A tha faiste ’n ad chail. Mur-bhi dhomh, &c. DAMON AGUS PITIAS. AN uair a chaidh Damon a dhiteadh le Dionisius gu bhi air a chur gu bàs air latha araidh, ghuidh e gu ’n tugteadh cead dha dol turas d’a dhuthaich fein a chum gnothaichean a theaghlaich bhronaich a chur an òrdugh. Chuir an t-uachdran an-iochdmhor roimhe so a dhiultadh dha, le cead a thoirt da falbh air cumhnantan a mheas esan neo-chomasach a choimhlionadh; b’ e sin, gu ’m fagadh e fear-eigin mar urras gu ’n tilleadh e air an latha, agus mur tilleadh, gu ’n rachadh am fear-ionaid a chur gu bàs ’n a aite. Chuala Pitias na cumhachan cruaidh, agus cha d’ fheith e gus an rachadh iarraidh air, ach ’s ann a thairg e gun mhoille e fein mar urras air son a charaid; nì ris an do ghabhadh, agus chaidh Damon a ghrad chur mar sgaoil. Ghabh an righ agus a chuid comhairleach mor-ioghnadh ri gniomh Phitiais; agus uime sin, an uair a bha latha na binne a’ teachd dluth, chaidh e air son annais a dh-fhaicinn Phitiais anns a’ phriosan. An deigh dhaibh a bhi a’ còmhradh car ùine mu chàirdeas agus mu dhillseachd, thug an righ mar a [TD 77] bharail gu ’m b’e an leas agus am math fein a chosnadh ’s a chur air aghaidh an t-aon nì a bha a’ gluasad dhaoine gu gniomharan sam bith a dheanamh; agus air son subhailc, cairdeis, fiughantachd, gradh-duthcha agus an leithide sin, thuirt e gu ’n robh e ’g am meas direach mar bhriathran air an tionnsgnadh le daoine seolta a chum muinntir lag-inntinneach a mhealladh. “Le cead ur morachd,” arsa Pitias, le gnuis fhlathail ’s le guth ard, “b’ fhearr leam, na ’m bu chomasach e, mile bàs ’fhulang, na gu ’n tigeadh mo charaid gearr ann an aon lide d’ a onair agus d’ a fhirinn. Cha dean e sin, mo thighearna; tha mi cho cinnteach as a dhillseachd ’s a tha mi gu bheil mi fein beo ann an so. Ach tha mi ag aslachadh air na diathan arda gu ’n caomhain iad araon beatha agus treibhdhireas mo charaid Damon. Eiribh ’n a aghaidh, a ghaothan na h-iarmailt, bacaibh déine agus braise a dhìchill chliùitich, agus na fuilingibh dha tilleadh gus an deigh dhomhsa le m’ bhàs a bheathasan a shaoradh—a bheathasan a tha mile uair na ’s luachmhoire na mo bheathasa; na’s luachmhoire d’ a mhnaoi ghradhaich, d’ a leanabanan caomh, d’ a chairdean, agus d’ a dhuthaich. Bu mhiosa leam gu mor na ’m bàs gu ’n tilleadh mo Dhamon caomh an àm gu fulang e fein.” Bha Dionisius fo fhiamh agus air a lionadh le ioghnadh le uaisleachd nam briathar so, agus leis a’ mhodh anns an do labhradh iad; mhothaich e a chridhe air a bhualadh le plathadh d’ an fhirinn; ach bu mhò bha de imcheist na de thaiseachadh ’n a inntinn uaibhrich. Thainig an latha dòlasach. Chaidh Pitias a thoirt a mach, agus le freiceadan de shaighdearan air gach taobh dhe, choisich e le ceum aotram, agus a ghnuis suidhichte, ach gun smuiarean, a dh-ionnsaidh an aite anns an robh a’ bhinn ri ’cur an gniomh. Bha Dionisius cheana an sin ’n a shuidhe ann an carbad greadhnach, ard, air a tharraing le sè eich. Bha a ghnuis fo throm smuain, agus a shuil a ghnath air a’ phriosanach. Thainig Pitias air aghaidh gu h-aotrom, iollagach, agus air dha seasamh car tiota ag amharc gun eagal, gun fhiamh air inneal a bhais, thionndaidh e m’ an cuairt agus labhair e mar a leanas ris an t-sluagh: “Tha m’ urnaighean air an eisdeachd; tha na diathan fàbharach dhomh; tha fhios agaibh, mo chairdean, gus an dé gu ’n robh a’ ghaoth an ceann aig Damon; cha b’ urrainn da tighinn—bha sin eucomasach da. Bidh e an so a maireach, ach bidh an fhuil a theid a dhortadh an diugh air a bheatha a chosnadh do m’ charaid. O, na ’m b’ urrainn domh gach amharus a dhubhadh a mach as bhur cridheachan, agus gach teagamh suarach a dh’ fhaodas a bhi ag eirigh annta mu threibhdhireas an duine sin air son a bheil mi dol a dh’ fhulang, rachainn a dh’ionnsaidh mo bhais cho togarach ’s a rachainn thun mo bhainnse. Foghnadh e an drast gu ’m faighear mo charaid dileas; gu bheil ’fhirinteachd gun mheang; gu ’n toir e gun dàil dearbhadh air sin; gu bheil e aig a’ cheart uair so a’ dian ghreasad air a shlighe, ’g a choireachadh fein agus nan siontan agus nan diathan—ach greasam gu bhi an toiseach air a luaths: a chrochadair, dean do dhleasnas.” Is gann a bha na facail mu dheireadh as a bheul an uair a chunnacas gluasad am measg iomall an t-sluaigh; chualas guth fad’ as, thog an sluagh na facal, agus, “Stad, stad, a chrochadair!” ghlaodh iad uile mach. Chunnacas duine ’tighinn ’n a dhian chabhaig; dh’ fhosgail an sluagh bealach reidh dha; bha e ’marcachd air steud-each a’ sruthadh [TD 78] le fallus agus geal le cobhar: ann an priobadh na sul bha e bharr an eich, leum e agus thilg e ’dha laimh mu mhuineal Phitiais. “Tha do bheatha caomhainte,” ghlaodh e, “tha do bheatha caomhainte, mo charaid, mo charaid gràdhach! taing do na cumhachdan gu h-ard tha thu slan; cha ’n ’eil agamsa a nis r’ a dheanamh ach am bàs fhulang, agus tha mi air mo shaoradh bho dhoilgheas an agartais a bha mi a’ deanamh orm fein a chionn gu ’n do chuir mi ann an cunnart beatha a bha cho mor na bu luachmhoire na mo bheatha fein.” ’N a sheasamh gu glas-neulach, fuar ann an glacaibh Dhamoin, fhreagair Pitias ann am briathran dubhach, “O, cabhag na truaighe! Déine na dunach! Co na cumhachdan farmadach a chuidich leat anns an euchd mhi-fhortanaich so! Ach cha teid am aghaidh gu buileach: mur faod mi bàsachadh gu d’ shaoradh, cha bhi mi beo ad dheigh.” Chuala Dionisius, a’s chunnaic, a’s thug e fainear gach ni dhe so le iongantas ro mhor. Dhruigh e air a chridhe, ghuil e, agus a’ fagail a chathair-riaghail aird, chaich e suas far an robh Damon agus Pitias. “Bithibh saor agus mairibh beo, a chàraid gun choimeas!” ars’ esan; “thug sibh dearbhadh do-aicheadh gu bheil firinn agus dillseachd ann; agus tha an fhirinn sin a’ foillseachadh gu bheil Dia ann nach leig gu ’n caill i a duais. Beatha shona agus cliu gu ’n robh agaibh; agus O, seolaibh mi le ’r comhairlean, mar tha sibh ga m’ chuireadh le ’r n-eiseimpleir, gu bhi airidh air co-phairt de chairdeas cho treibhdhireach agus cho fior.” Eadar. le MAC-MHARCUIS. LITIR MU’N TAIBHSEARACHD. * (Bho’n Bheurla.) UASAIL,—Bha mi daonnan ag cluinntinn mu ’n taibhsearachd, ach cha d’ thug mi mòran creideis d’ i; a dh-aindeoin sin, a chionn gu’n robh daoine fìrinneach ag aideach i bhi aca, chuir mi romham, a’ bhliadhn’ ud (1652) a bha mi ’m cheatharnach-coille ’s an Taobh-tuath (leis na réubaill Shasonnach), mion-rannsachadh a dhianamh mu ’n chùis. Duan gach duine gu ’n robh mòran de na Gàidhil, gu h-àraid na h-Eileinich, aig an robh an dà-shealladh; fir, a’s mnathan, a’s clann gu ’m bu chòimh-dheis; gu’n robh clann ann aig am bitheadh i, ged nach biodh i aig am pàrantan. Air uairibh, gu ’m faicteadh seann-sluagh aig am biodh i, ged nach biodh i aca an uair a bha iad òg; agus nach b’urrainn gin diubh ìnnseadh cia mar a fhuair iad i. Gu ’n robh i na trioblaid do gach aon a bha buailteach dh’ i; agus gu’n cuidhticheadh iad i gu toilichte na ’m biodh e na n’ comas sin a dhianamh. Cha’n fhaic iad an taibhse ach fhad ’s a chumas iad air an sealladh. An fheadhain aig am beil cridhe làidir, is àbhaist daibh dùr-bheachd a ghabhail, los sealladh fhaotainn oirre na’s fhaide; ach an fheadhain a tha gealtach, cha’n fhaic iad ach plathadh dh’ i: priobaidh air an sùil mu ’n gann a chi iad i. Is iad na taibhsean is trice leo fhaicinn—taibhsean sluaigh, a’s bheathaichean, a’s bhàtaichean, a’s aodaichean, agus eile. Cha’n fhaic iad taibhse duine- * A succint accompt of my Lord Tarbolt’s [Tarbat] relations, in a letter to the Honourable Robert Boyle, Esq., of the predictions made by seers, whereof himself was ear and eye-witness.—R. Kirke’s Essay, 4to, Edin, 1815. [TD 79] mhairbh idir; ach, ciod sa bith a chi iad, cha ’n ’eil teagamh aca nach tachair e gu riochdail, mar a chunnaic iad e, agus anns a’ cheart àite ’s am fac iad e. Cha’n urrainn daibh ìnnseadh ciod a’ cheart ùine theid seachad gus an tachair a’ chùis; ach tha riaghailtean àraid aig an fheadhain is sean-eòlaiche dhiubh, leis an toir iad giar-bharail air. Mar shamhladh air sin: Ma chì iad an léine-bhàis air duine, bheir iad barail air an ùine bhios e beò, a reir na bhios i còmhdach dh’ e. Is tric gu ’m faic iad an càirdean (ged bhiodh iad cho fada bhuapa ri America) na ’n suidhe, no na ’n seasamh, no ag coiseachd ’s an àite a thuiteas dhaibh fhein a bhi; agus cha bhi teagamh sa bith aca, ach iad ga ’m faicinn, nach bi iad fhathast amhuil ’s mar a chunnaic iad iad, agus anns a’ cheart àite ’s am fac iad iad. Ma bhios té ann aig am bi leannan, is àbhaist daibh fhaicinn na sheasamh làmh rithe; agus breithnichidh iad miad an deothais, air an astar a bhios eatarra ’s an àm. Duine tha ’n galar a bhàis, chì iad a riochd ’s an t-anart-bàis ga chòmhdach uile. Is taibhsearan cneasda, fìrinneach, fo shàr-chliù aig an coimhearsnaich, a thug dhomh am fiosrachadh so mu’n chùis; oir, rinn mi roghainn, a dh-aon-ghnothach, air daoine còire ciallach, de’n t-seòrsa. Agus a thaobh gu’n robh, a reir innse-sgeòil, tuilleadh thaibhsearan an Leoghas, an Uithist, agus anns na h-Earradh na bha ’n dùthaich sa bith eile, chuir mi fios gu Sir Séumas (nach mairionn), agus gu Sir Tormoid MacLeòid, agus gu Mr. Moiriosan (tha iadsan le chéile a làthair,) iad a thoirt cùnntais dhomh mu’n dà-shealladh so. Thug iad sin domh le làn-dearbhadh air gach sgial mar a thug iad seachad. Agus bha gach fear dhiubh air an aon seanchus ri m’ urrainnean fheìn. Ach ged is daoine ainmeil iadsan an céill ’s an onair, mar is fiosrach gach duine, is annsa leam, seach e ’bhi ri ràdh nach ’eil agam ach seanchus feadhnach eile, cùnntas a thoirt an tùs air cùisean a bha mi fheìn fianuiseach orra. Bha mi turus air chuairt anns a’ Ghàidhealtachd agus mo chuid ghillean còmhla rium, mar is gnàth le uaislean na dùthcha sin. Dh’ fhalbh fear dhiubh air thoiseach orm, ’s ràinig e le cabhaig dorus tighe ’s an robh mi dol a chur seachad na h-oidhche gu dol a stigh, ach thug e léum air ais ’s leig e glaodh as, agus tachrar clach air a chois, a’s tuitear anns an stairsnich. Bha fior-choltas an eagail air, agus dh’ fharraid mi dh’e ciod a dh’ fhairich e. Ghrìos e orm gu stòlda, gun chairtealan a ghabhail ’s an tigh ud, nach b’ fhada gus an tigeadh ciste-mhairbh amach as; gu ’n do thachair i airsan, agus dòmhladas sluaigh ga giùlan, an uair a leig e ’n glaodh as. Cha d’ thug mi feairt air agus ’s e bh’ ann gu’n d’ fhuirich mi. Thuirt esan ri feadhain de na gillean gu’n robh e cur iomaguin air, nach robh teagamh aige nach éireadh amach mar a chunnaic e, agus sin an ùine ro-ghoirid. Cha robh duine easlainteach a stigh an uair a ràinig mi; ach mu’n d’ fhalbh mi, thàinig paisein air fear-an-tighe, Gaidheal fallain, làidir, agus dh’ éug e ann. Anns a’ bhliadhna 1653, bha mi fhein ’s Alastair Munro a bha ’n deaghaidh sin ’n a Chòirneal air Reisimeid Dhunbreatunn, a’ sràideamachd air dail bhig am bun beinne caise an Ullapull, an Taobh Loch-Bhraon. Bha gille ag obair le sluasaid air a’ chéum romhainn agus aghaidh ris a’ bhruthach. Mu’n d’ ràinig sinn e leig e ’n t-sluasaid as a làimh air an làr, agus sheall e suas ris a’ bheinn. Chaidh sinn seachad làmh ris ach cha d’ thug e ’n aire dhuinn. Thug mi fheìn sùil air, ach leis mar a chunnaic mi e spliachd- [TD 80] adh, smaoinich mi gu’n robh an dà-shealladh aige, agus ghlaodh mi air. Thug e clisgeadh as agus rinn e snodha-gàire. Dh’ fharraid mi dhe’n ciod a bha e ’dianamh. Thuirt e gu’n robh e faicinn rud glé neònach—trup Shasonnach an ceann an cuid each a’ téarnadh na beinne, agus cuid de na h-eich ag icheadh an eòrna a bha fàs air an dail aig bun na beinne. Bha so air a’ cheathramh là de ’n Chéitein, ceithir no cóig de lathaichean mu’n deachaidh sìlein de ’n eorna ’chur. Dh’ fharraid Munro dh’e cia mar a bha fhios aige gu’m bu Shasonnaich iad. Thuirt e gu’n robh a chionn gu’n robh iad a’ falbh an ceann nan each, ’s gu’n robh adan orra—rud nach biodh air Gàidhil an sid. Cha do ghabh sinn suim de ’n t-sealladh; ach bha sinn a’ dùrachdainn na Sasunnaich a bhi ann, bha an t-àite cho doirbh air son each, agus sinn a bhi cogadh riutha ’s an àm. Mu Liùnastainn thàinig air Middleton pàirtidh a chur do ’n Ghàidhealtachd. Chuir e an t-arm romh Ionar-Lawell, agus an fheadhain a theirinn an toiseach dhiubh, thòisich iad air iche an eòrna air an fhoich bhig aig bun na beinne. Chuimhnich Munro air seanchus an taibhseir, agus ghrad-sgribh e h-ugamsa gu Loch-Sìne far an robh mi aig an am. Bha mi uair aig còdhail àraid, agus thuit gu’n robh taibhsear anns a’ chuideachda, agus thug mi guth e—is àbhaist dhomh dol daonnan ’n an cnacas. “Am faic thu ’bhaintighearn ud thall,” osam fhein ag cur diachainn air. “Chi,” os esan. “An innis thu dhomh am beil leannan aice?” “Tha,” os esan, “ach cha ’n ’eil mi ’g a aithneachadh.” Fad an da latha bha e ’n a cuideachda, bha e faicinn duine-uasail ’n a sheasamh làmh rithe ’s a cheann air a gualainn. Bu chomharradh sin air gu ’m pòsadh e i, agus amhuil sin nach biodh e cho fada saoghal rithe. Bha so ’s a’ bhliadhna 1655. Dh’ iarr mi air a choltas innse dhomh. Rinn e sin cho ro mhion ’s gu ’n do thuig mi co b’ e an leannan ged nach robh guth aca air a cheile—cha robh gu dà bhliadhna an deaghaidh sin. B’ Eileineach an taibhsear so; agus thuit dhomh bhi ’s a’ bhliadhna 1657 còmhla ris an duin’-uasal a dh’ innis e choltas domh, agus thug mi guth an taibhsear ciadna, agus dh’ fharraid mi dh’e an robh e ag aithneachadh an duine-uasail ud. Thuirt e nach robh, ach gu ’m b’ e an ceart fhear a chunnaic e dà bhliadhna roimhe sin air gualainn na baintighearna ’s e ’g a h-ainmeachadh; agus gu ’m fac e an sin fhein iad glaic air ghlaic. Bha so mìos mu ’n do phòs iad. Mar a b’ fhìor dh’ eug esan, ach tha ise fhathast beo. An t-aon sgial so fhathast. Chuir e urad iongantais orm ri gin idir air an robh mi fhein fianaiseach. Deireadh a’ gheamhraidh 1652, bha mi fhein ’s Còirneal Munrò, a dh’ ainmich mi muthrà, an tigh Uilleim Mhic Leoid, Ferinlea, an Siorrachd Rois. Bha fear an tighe agus sinn fhein ’n ar suidhe ’n ar triùir, aig taobh an teine agus dà Eileineach, càirdean do dh-fhear-an-tighe, a thàinig an oidhche sin fhein air chéileidh air. Bha fear dhiubh a’ bruidhinn ri Munro, ach thugar an aire do’n fhear eile a’ sealltainn car neonach an rathad a bha mi fhein. Smaoinich mi agam fhein gu ’m b’ Eileineach e, agus gu’n robh an dà-shealladh aige, agus farraidear dh’e ciod air an robh e coimhead. B’e ’n fhreagairt a thug e dhomh, iarraidh orm éirigh as a’ chathair, nach robh e seannsail dhomh. An sin dh’ fharraid mi dh’e carson. Thuirt e rium gu’n robh a chionn gu’n robh e faicinn duine-mhairbh ’s a’ chathair [TD 81] a bha làmh rium. “Ma ’s ann ’s a’ chathair a tha làmh rium a tha e, nach coma sin domhsa? Ach co ris a tha e coltach?” “Is duine mor e,” os esan, “còta-mòr glas air, agus bòtuinnean; an dalla cas aige tarsuinn air lamh na cathrach, a cheann an crochadh marbh ris an taobh eile agus a lamh ’n a cliob ri chùlaobh mar gu’m biodh i briste. Bha feadhain de’n trùp Shasunnaich ’s a’ choimhearsnachd ’s an àm, agus le reobhadh a thàinig an deaghaidh aitimh mhóir bha ’n dùthaich ’n a stòlaichean deighe. Mu dhà uair a thìm an deaghaidh an t-seallaidh so, bha ceathrar no coignear de ’n trùp a’ dol seach an tigh. Bha sinn ’n ar suidhe ag an teine ’s chuala sinn tartar mor a mach. ‘D é bha ’so ach na trupairean agus na gillean, agus fear aca ’g a thoirt a stigh, eatarra ’s e an deaghaidh tuiteam fhaotainn, ’s a ghàirdean briste, agus e bho phaisein gu paisein. Thug iad a stigh do ’n t-seòmar e agus chuir iad e air a’ cheart chathair ’s am faca an taibhsear a thaibhse, ach cha d’ éug e. Is ann bho Shir Tormaid a fhuair mi an sgial a leanas. Bha duine àraid ’s an dùthaich ’s cha robh teagamh aig na taibhsearan nach rachadh saighead ’n a shliasaid mu ’m faigheadh e am bàs. Ach dh’ eug e ’s cha deachaidh. Bha iad ag innse so cunntas bhliadhnaichean mu’n d’ eug e do Shir Tormaid. Thuit do Shir Tormaid a bhi air an tiodhlaiceadh aige an cladh Robhadail. ’S a’ cheart am bha giùlan eile ann. Dh’ eirich cònsachadh eadar na càirdean co dhiubh giulan a rachadh an toiseach fo ’n ùir, agus bho ’n chònsachadh ’s e bh’ ann gu’n deach iad an dàil a chéile. Bha fear dhiubh aig an robh bogha-shaighead agus thilg e saighead air am feadh (’s an eilein tha thas a’ tìodhlaiceadh gach aon an ciste-chloiche, ’s cha’n ’eileas ag cur ciste leotha do’n chill.) An uair a chuir Sir Tormaid sìochaint orra, fhuaradh an t-saighead sàs an leis a’ chuirp. Bha Sir Tormaid e fhein fianuiseach air so. Tha Mr. Moiriston ag innse dhomh gu’n robh nighean òg ’s an sgìreachd aige a bha an impis dol as a ciall le bhi faicinn a riochd ’s a chùlaobh rithe, gach uair a rachadh i mach. Thug e ceithir no cóig de bhliadhnaichean ’g a leantuinn mar so, ach tha e ’g innse gu’n do chuidhtich e i. * * * * LAOIDHEAN SHEALMA. (SONGS OF SELMA.) THA na laoidhean a leanas a’ taisbeineadh cleachdaidh a bha daonnan anns an Fheinn, ’s e sin—coinneamh àraidh a chumail uair ’s a’ bhliadhna, aig an robh na bàird, le farpuis dhàn agus theud, a’ seinn cliù agus treubhantas nan gaisgeach a dh’ aom, a mhosgladh spéirid agus misnich anns na laoich a bha mairionn gu biùthas agus cruadal an sinnsrean a leanmhuinn; agus amhuil sin, a dh-ùrachadh nam bliadhnaichean a dh’ fhalbh ann an cuimhne nan aosda—nòs a chleachd flaithin na h-Alba cian an deaghaidh nam Fiann. SUIM. Mar bhristeadh-seanchuis, tha Oisein a’ toiseachadh le fàilte do’n Iùl-oidhche no reul an fheasgair. Tha e ’sin car tamuill a’ meamhrachadh, agus ionann ’s a’ faicinn coinnimh àraidh dhiubh so aig an robh e fhein, aig taobh Laoire,—Fionn ’s an Fheinn mu ’n cuairt da—na bàird a’ tighinn air a bhialaobh—Mìnfhonn nighean Thormain a’ fosgladh an latha le Laoidh Cùlmath leannan Shealgair. Thuit Sealgair us Cùlmath an trom ghaol air a’ cheile, ach a thaobh seann fhalachd a bhi eadar an dà fhine, bha an càirdean ’n an aghaidh. Rinn iad coinneamh ’s a’ bheinn-sheilg; ach, mar a bha cham-chòdhail ann thachair a bràthair-se air Sealgair, agus reub iad a chéile. Ràinig Cùlmath an t-àite, ach cha d’ fhuair i a leannan ’g a feitheamh. An deaghaidh dhi a bhi greis a’ tuireadh, fhuair i, am marbh na h-oidhche, an dithis ’n an corp làmh rithe! Dh’ eug ise ’g an caoidh, agus thiodhlaiceadh fo’n aon lic iad [TD 82] ’n an triùir.—An uair a shuidh Mìnfhonn dh’ éirich Ullainn agus chluith e cuairt de “Laoidh Ailpein” air a’ chlàrsaich. Ri cluinntinn “Laoidh Ailpein” thàinig reachd air Armann traith Ghormi, mu dhìol a chloinne, Airneadal agus Diùra. Air iarradas Chiarmhoir triath Ghallmhill, dh’ éirich Armann ’s ghabh e laoidh. Is coltach gu ’n d’ fhuair Armair mac Airneart làmh Diùra. Ghlac Dioghailt Erath mac Odghuill: thuit a bhràthair le làimh Armair. An lorg sin, ghabh e fàth oirre, agus chuir e e fhein an riochd maraiche mar theachdaire bho Airneadal, agus le brath-foille mar sin mheall e leis i do dh-eilein a mach ’s a’ chuan, agus dh’ fhàg e ann i. Mar cho-dhunàdh tha Oisein a’ meamhrachadh air a chor fhein ’s le dubhachas ag guidhe gu’m fosgladh an uaigh dha. ’S CAOIN, ’Iuil-oidhche, thall ’s an iar, Do ghatha-soillse ’n ciar nan tràth; A chiabh nan cleachd bho sgéith nan nial, ’S mòrail ceum do thriall ’s an àrd. Ciod a chi thu air an raon? An doinionn dh’ aom le caoin gu fèath; Thall am mòirneas ri gaoir-fhuaim, ’S glogluinn-shàimh a’ chuain an céin. A’ chuileag fhaoin ri sgiathais fhann, ’S tiamhaidh ’srann air chuairt an fhuinn; Ciod a chi thu, ’aiteil chaoin? ’S mùirneach d’ aoigh ’s tu ’triall a nunn. Tuinn ’toirt còdhail dhut le faoilt, Do leadan-gaoil an asgail stuadh; Soiridh leat, a shoillsein thlàth— Mosgladh càil mo chré ’s an uair. Mhosgail i le feart as ùr, Chi mi dlùth mo chaoimh nach beò; Còdhail ac’ aig Laoire chàis, Mar ’s na làith’ ’chaidh seach ’bu nòs. Chi mi Fionn air cheann nan laoch, Coimeas do’n t-saoidh braon-bhaideal ceò; ’S chi mi ’n co-thional nan cliar, Ullainn liath ’bu mhilse glòir, Roinne flathail, ’s Ailpein binn, Agus Mìnfhonn nam pong-bròin. B’ e ’n caochla so, a chàirdean rùin, Seach ’n uair ’bhìteadh ’n dùn nan cuach, Ri co-fharpuis théud us dhàn, Mar aiteal earraich air bhàrr chruach, Cuiseag fo bhuaidh mu seach ’s fo gheill. Dh’ eirich Mìnfhonn, ùidh an t-slòigh, Gu màlda, fòil, ’s a rosg fo dheur; A ciabh mu ’guailne ’snàmh gu fann, ’S an aiteal ’bha gann bho ’n bheinn. Bu chianail anma nan laoch, ’N uair ’thog i a caomh-ghuth binn: Air caol-tigh Shealgair nam beum, ’S tric ’thathaich sinn fhéin ’s an fhrìdh— A’ chiar-chòmhnuidh ’s an robh ’tàmh, Cùlmath bhrònach an uchd bhàin. Chùm Cùlmath ’bu bhinn ghlòir, Ri Sealgair còdhail ’s an àrd. Thuit gu dorcha, tiamhaidh, ’n oidhch’, Cùlmath ’s an aonach fo phràmh. Sgeula Culmath a’ bhroin, ’N a h-onrachdan air beinn nan sian: AN oidhch’ ann—’s mise leum fhein, Am ònrachdan air beinn nan sian! Cluinnear callan-gaoith mu ’n àrd, ’S an t-eas ag gàirich gu dian. Bruth no teach cha ’n ’eil am chòir, ’S mi ’m ònrachdàn air beinn nan sian! Soills’, a ré, bho chùl nan neul, Stiuiribh mi, ’reulta na failmh’, Gu fasdail uaignich mo ghràidh, ’S am beil e ’tàmh an déis na seilg’. ’Iubhar gun ghleus air làr, A ghaodhair làmh ris fhein ’g a dhìon;— Mise ’m bun na creige léith’: Am ònrachan air beinn nan sian! ’S fuaimear toirm an uilld ’s na gaoith’— Guth mo ghaoil cha chluinn mi ’teachd. Fàth do mhoille, ’Shealgair rùin. A thriath nan stùca ’s nam feachd? Seall-tu ’chlach, ’s i so a’ chraobh, Seall-tu eas na gaoir’ am chòir; Gheall thu ’bhi ’n so ’n ciar nan tràth— ’Shealgair, càite? c’ è do chòs? M’ athair dh’ fhàgainn leat am déigh, ’S mo bhràthair nach geill ’s an strìth; Bha ar sinnsre cian ’n an nàimh— Thusa ’s mis’ gu bràth cha bhì. Gabh gu fois car seal, a ghaoth, Fosadh beag, a chaoin eas chiùin; Cluinnear m’ acain-sa mu’n cuairt, Thigeadh i gu cluais mo rùin. ’Shealgair, ’s e guth Cùlmath ’th’ ann, So a’ chraobh, an t-alld, ’s a’ chlach. ’Shealgair rùin—so do ghràdh, Fàth do mhoille, ’shàir nam flath? An ré a’ boillsgeadh gun nial, An tuil a’ soillseadh shìos an srath; Chìtear clachan glas nan learg, Cha ’n fhaic mo Shealgair ’n an gar. Cha ’n fhaic mi ’lùth-choin mar bu nòs, A’ tigh’nn am chòdhail le sgial— Mo Shealgair ’bhi dlùth ’n an déigh: Mi ’m ònrachdan air beinn nan sian! Co so làmh rium air a’ bhlàr? Mo Shealgair! O, mo bhràthair fial! Nach labhair sibh, a chaoimh mo chré, ’S mi ’m ònrachdan air beinn nan sian! Mise Cùlmath, ’s cha ’n fhaigh sgeul, Mo chrìdh’ ’g a léireadh le fiamh. Marbh le chéile! seall, an cruaidh Bho ’barr-dheis ruadh le baoth-ghnìomh! C’ uime reub thu, ’bhràthair chaoimh, Sealgair ’fhuair mo ghaol bho thùs! ’S a Shealgair sin do ’n d’ thugas gràdh, C’ uime reub mo bhràthair rùin! Gaol mo chridhe sibh le chéil’— Ciamar thogar leam beus ur cliù? [TD 83] D’ àilleachd-sa thair mhìlte slòigh— Esan còrr an glonn ’s am biùth’s. Labhraibh rium, éisdibh mo ghlaodh, Cluinnibh mi, a chaoimh mo ghràidh. Och, iad sàmhach, balbh, gu sìor, ’S fuar an criadh an glaic a’ bhàis! Labhraibh bho ailbhinn na cruaich’, Bho mhullach nam fuar-bheann cian; Labhraibh, a thannais am marbh, Cha chuir ur seanchus mi fo fhiamh. C’ àit am beil ur tuinidh nis? C’ ì ’chreag bhrist’ am beil ur còs? Cha ’n ’eil guth air sgéith na gaoith’, No fann-ghlaodh ’s an doirinn mhòir! Cumaidh mis’ an fhaire ’nochd— Mi dubhach gun toirt ri gréin. ’Chaoimh nam marbh, dianaibh ’n uaigh, ’S ’n an asgail suainibh mo chreubh. Mo bheatha màr aisling a’ triall, C’ uime dh’ fhanainn cian ’n an déigh? Taisgear mi ’s an fheairt le m’ ghràidh, Mu ’n alld air sgàth na creige léith’. ’N uair ’thuiteas an oidhch’ air a’ chàrn, ’S a shéideas an àrd-ghaoth dian, Mo thannas ’s an aiteal a’ tùrs’ Mu m’ chaoimh a tha ’n cùirt nan nial. Clisgidh ’n sealgarr, ’n a bhruth faoin, Tàla’idh ’m fonn fo dhaors’ a sgàth.— Cha b’ ioghnadh ged chanainn gu binn— B’ annsachd-chridh’ dhomh an dà shàr! SGIALACHD MHIC-CRUIMEIN. AN DEAGHAIDH do na Lochlunnaich na h-eileinean niar a cheannsachadh, thàinig mòran de dhaoine-uaisle cumhachdach a nall á Baile-na-Beirbhe do Leoghas, oir thug Donnamarg righ Lochlunn dhaibh cead taobh niar an eilein a bhi aca dhaibh fein saor bho chàin sa bith. Fhuair fear ris an abairteadh an “Cliamhan-Lochlunnach” sealbh air Daile. An so tha tobar ris an abrar “Tobar-Chliamhain” ri fhaicinn fhathast. Fhuair “Cromanabus” còir air Suainabost, “Mac-Cruimein” Gamhsan bho thuath, agus Iain Moiriostain còir air Bragair. B’ e Mac-Cruimein, mar gu ’m b’ eadh, aig an robh riaghladh chàich, agus bhiodh e ’dol uair ’s na trì bliadhna do Bhaile-na-Beirbhe, a dh-amharc an righ. Uair de na h-uairibh chaidh e null a dh-iarraidh luchd soithich de dh-fhiodh. Tra a chaidh e stigh do thigh-an-righ chuir a’ Bhànrighinn fios air d’ a seòmar. Tha seanchaidhnean ag ràdh gur boirionnach neo-chumanta pròiseil, àrdanach, a bh’ innte, ni a tha ’n sgialachd a leanas a’ dearbhadh gu soilleir. “Trobhad,” os’ ise, “gus am faic thu an teine ’th’ agam an so, agus air m’ uil’ onair nach fhac agus nach fhaic thu leithid ri d’ bheò.” Thàinig Mac-Cruimein a stigh agus shuidh e ag coimhead an teine. “’S eadh” thuirt a’ Bhànrighinn, “am faca tu a leithid sin de theine bòidheach riamh roimhe?” “Le ’r cead, a Bhànrighinn, osa Mac-Cruimein, is mise chunnaic.” “C’ àite,” os a’ Bhànrighinn, agus i anabarrach feargach, “tha mi cinnteach gur h-ann an eilein bochd, clachach, boglach Leoghais.” “Ann an sin fhein, le ’r cead, a Bhànrighinn,” osa Mac-Cruimein. “Gabhaidh mi air d’ fhacal thu,” os a’ Bhànrighinn, agus ma bheir thu nall h-ugamsa á Leoghas do Bhaile-na-Beirbhe connadh a ni teine faisg air cho math ris a’ chonnadh agamsa, an uair a thig thu rithist bheir mi dhut luchd dà luinge de dh-fhiodh saor a nasgaidh. Rinn iad cumhnanta daingeann taobh air thaobh. Ghabh Mac-Cruimein a chead de ’n Bhànrighinn ’s dh’ ullaich e an luchd ’s chuir e air bòrd na luinge e. Thog e air le chuid daoine a nall á Lochlunn do Leoghas, agus le soirbheas math a bhi aca, ràinig iad sàbhailte an Stoth Niseach. Air chionn an ath-shamhraidh, thòisich Mac-Cruimein air buain mòine duibhe, caoranaich, ann an Gamhsan; agus leis an aimsir a bhi anabarrach tioram, dh’ fhàs an riasg dubh so cho grod, cruaidh ris, a’ ghual. An uair a bha a’ mhòine cho tioram ’s a ghabhadh i, thagh e làn thrì baraillean de ’n chuid a b’ fhearr dhi. A h-uile latha grianach a thigeadh sgaoileadh Mac-Cruimein a h-uile [TD 84] caoran de ’n mhòine dhuibh so ris a ghréin. Shuathadh e taobh gach fóide le h-ola, agus chàireadh e suas i ’s na baraillean mar a bha i roimhe. Lean e air so gu àm dha dol a rithist do Lochlunn. An ceann nan trì bliadhna chaidh Mac-Cruimein do Bhaile-na-Beirbhe, agus cho luath ’s a ràinig e, chaidh fios air thun na Bànrighinn. Mu ’n do ghabh i a sgial dh’ fharraid i an d’ thug e leis connadh á Leoghas—mur d’ thug, nach robh aon chuid sìth, sonas, no beatha gu bhi aige. Ach bha Mac-Cruimein air neothar-thaing, agus bha sin glé fheumail dha aig a’ cheart am. Bha an connadh aige; agus mu ’n d’ fhàg e làthair na Bànrighinn, chaidh là a shònrachadh gu diachainn a chur air an dà chonnadh. Is ann air connadh na Bànrighinn a chuireadh diachainn an toiseach, agus cha robh e cho dona; ach, cha robh e ach faoin an coimeas ri mòine dhuibh Mhic-Cruimein, agus thug an luchd-breith an t-urram gu tur dhi. Fhuair Mac-Cruimein an luchd fiodha a nasgaidh. Cha ’n e sin a mhàin ach rinn a’ Bhànrighinn cuirm mhór do mhaithean ’s do uaislean Lochlunn; agus ’n am broilleach Mac-Cruimein á Leoghas. An uair a bha na h-aoighean sgìth òil us iche thòisich ceòl us dannsa, agus fearas-chuideachd de gach seòrsa. A measg nam baintighearnan a chaith an t-ùrlar a’ dannsa bha dithis nighean do ’n Bhànrighinn fhein—bha iad gun choimeas am maise, am fìnealtas, agus an ceanal. An deaghaidh na cuirme chuir a’ Bhànrighinn fios a rithist air Mac-Cruimein, agus thòisich an còmhradh a leanas eadar e fein us ise: “’S eadh, a Leoghasaich,” os a’ Bhànrighinn, “nach ann againn a bha an oidhche chridheil ’s a’ chaisteal so an raoir.” “Air mo bheatha gur h-ann,” thuirt esan. “Ma tà,” os ise, “am fac thu riamh dithis cho math air an dannsa ris na h-igheanan agamsa?” “Tha iad fior mhath air gu dearbh, ach, le ’r cead, a Bhànrighinn, cha’n urrainn domh a ràdh nach fhaca,” osa Mac-Cruimein. “Tha mi cinnteach gur h-ann an Leoghas a chunnaic tu ban-dannsairean cho math ri m’ chuid nighean-sa,” os a’ Bhànrighinn gu h-anabarrach feargach. “Is ann an sin fhein, le ’r cead,” os esan. “Cuimhnich,” os ise, “nach ’eil dannsairean math ri ’m faighinn le talamh Leoghas a chladhach, mar a gheobhar connadh.” “Tha sibh ceart an sin le ’r cead,” os esan, “ach tha ciall, us eòlas, us tuigse an Leoghas, a tha cho comasach air danns ionnsachadh do na caileagan ’s a tha e air connadh luachmhor a dhianamh de ’n riasg fhliuch, amh. Ma bheir thu nall do Bhaile-na-Beirbhe dithis nighean a ni dannsa no cluith cho math ri m’ nighean-sa, bheir mi dhut dà luchd do shoithich a dh-fhiodh,” os a’ Bhànrighinn. Sheòl soitheach Mhic-Cruimein á Lochlunn an làirna-mhàireach, le soirbheas ciatach, agus ràinig e fhein ’s an sgioba cala sàbhailte ’s an Stoth Nisich. Cho luath ’s a fhuair e air dòigh aig a dhachaidh, thòisich e air ionnsachadh cluith us dannsa do ’n triùir nighean bu shine aige. Bu chaileagan air leth fìnealta, bòidheach iad—gach te dhiubh le a falt fada, òrbhuidhe, cuaicheineach fhein, a’ ruighinn sìos an crios. Cha’n e mhàin gu’n robh am pearsa gun choire, ach bha iad amhuil sin grinn, caoimhneil, ’n an nàdur. Cha robh caileag ’s an àirde-niar a thug barrachd orra an eireachdas ’s am beusan. An ceann thrì bliadhna chaidh Mac-Cruimein ’s a thriuir nighean maille ri sgioba iasgaidh, tapaidh, air thurus-cuain do Lochlunn. Ràinig iad uile fior shàbhailte Baile-na-Beirbhe. Mu ’n gann a ràinig iad, chuir a’ Bhànrighinn fios air Mac-Cruimein do ’n [TD 85] chaisteal, agus chaidh e ann. “Thàinig thu, ’Mhic-Cruimein, os a’ Bhànrighinn.” “Thàinig mi, le ’r cead,” os esan. “An d’ thug thu nall dannsairean math á Leoghas,” os ise. “Thug mi leam triuir dhannsaireann, ach chithear am beil iad math no nach ’eil an uair a chuirear diachainn orra.” Chaidh là a shònrachadh air son na diachainn, agus thug a’ Bhanrighinn cuireadh do àrd-uaislean na tìre gu cuirm gu bhi fianuiseach air an diachainn-dhannsa. Is iad clann na Banrighinn a dhanns an toiseach, agus rinn iad gu math ’s gu ro mhath; ach an uair a chaidh nigheanan Mhic-Cruimein air an ùrlar dh’aidich an luchd-breith ’s a’ Bhànrighinn fein gur h-ann aca bha’n t-urram. Mu’n do thill Mac-Cruimein dhachaidh á Baile-na-Beirbhe, thàtar ag ràdh gu’n do phòs a chuid nighean triùir phrionnsaichean. DONULL MAC-LEOID. AN TALLA ’M BU GHNA LE MAC-LEOID. LE MAIRI NIGHEAN ALASTAIR RUAIDH. [Ceòl] RIGH! gur muladach tha mi, ’S mi gun mhireadh gun mhanran, Anns an talla ’m bu ghnà le Mac Leoid. Righ! gur, &c. Tigh mor macnasach meaghrach, Nam maca ’s na maighdean, Far ’m bu tartàrach gleadhraich nan corn. Tigh mor, &c. Tha do thalla mor priseil, Gun fhasgadh gun dion air, Far am faca mi ’m fion bhi ’g a òl. Tha do, &c. Och mo dhiobhail mar thachair, Thainig dil’ air an aitreabh, ’S ann a’s cianail leam tachairt ’n a chòir. Och mo, &c. Shir Tormaid nam bratach, Fear do dhealbh-sa bu tearc e, Gun sgeilm a chur asad no bòsd. Shir Tòrmaid, &c. [TD 86] Fhuair thu teist, a’s deagh urram, Ann am freasdal gach duine, Air dheiseachd ’s air uirghioll beoil. Fhuair thu, &c. Leat bu mhiannach coin lùthmhor, Dol a shiubhal nan stùc-bheann, ’S an gunna nach diultadh re h-òrd. Leat bu, &c. ’S i do lamh nach robh tuisleach, Dol a chaitheamh a’ chuspair, Le d’ bhogha cruaidh, ruiteach, deagh-neoil. ’S i, &c. Glac throm air do shliasaid, An deigh a snaitheadh gun fhiaradh, ’S barr dosrach de sgiathaibh an eoin. Glac throm, &c. Bhiodh ceir ris na crannaibh, Bu neo-eisleanach tarruing, ’N uair a leimeadh an t-saighead bho d’ mheoir. Bhiodh ceir, &c. ’N uair a leigteadh bho d’ laimh i, Cha bhiodh oirleach gun bhathadh, Eadar corran a gàine ’s a smeoirn. ’N uair a, &c. Ceud soiridh le dùrachd, Bhuam gu leannan an t-sugraidh, Gu ’m b’e m’ aighir ’s mo rùn bhi ga d’ chòir. Ceud soiridh, &c. ’N àm dhut tighinn gu d’ bhaile, ’S tu bu tighearnail gabhail, ’N uair shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd. ’N àm dhut, &c. Bha thu measail aig uaislean, ’S cha robh beagan mar chruas ort, Sud an cleachdadh a fhuair thu d’ aois oig. Bha thu, &c. Gu ’m biodh faram air thailisg, Agus fuaim air a’ chlarsaich, Mar a bhuineadh do shàr mhac Mhic-Leoid. Gu ’m, &c. Gur e b’ eachdraidh ’n a dheigh sin, Greis air uirsgeul na Feinne, Us air cuideachda cheir-ghil nan cròc. Gur e, &c. [TD 87-96] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 97] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] TREAS MIOS AN EARRAICH, 1876. [52 AIR. AN D’THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE? FEUDAIDH a’ cheist so a bhi air a cur le neach ’sam bith; ach mar tha fìor a thaobh cheistean mu nithibh eile cha’n ’eil freagradh fhaotainn di idir cho furasda. Tha am beagan a leanas air a thoirt air aghaidh mar bharail a dh’ fheudas a bhi ’na cuideachadh gu cùisean a réiteachadh air son fuasgladh fhaotainn do ’n cheist. Cha bu mhaith leam gu’n togadh neach ’sam bith ceàrr mi, le bhi smuaineachadh gu’m bheil mi a’ ruith gu h-eutrom is gun tùr an aghaidh teagasg neo-fhàilneach a’ Bhìobuill ann a bhi eadhon a’ cur na ceist,—ann a bhi a’ feòraich gu teagmhach mu’n chùis. A thaobh na bheil againn anns a’ Bhìobull ’si mo chreud gabhail gu creidmheach neo-theagmhach ris gach fìrinn a tha againn air a leagadh sìos ann gu soilleir; ach air an làimh eile tha mi gleidheadh saorsa beachd no barail dhomh féin a thaobh nithean nach ’eil air am foillseachadh gu h-iomlan no gu coimhlionta anns an Fhocal. Tha mi saoilsinn gu’m bheil am beachd a tha mi gabhail air a’ chùis glan réidh agus co-shìnte ri rùn teagaisg a’ Bhìobuill cho fad agus a tha sin a’ toirt leis ’n a luib ni ’sam bith a chuidicheas fuasgladh do’n cheist. A bhàrr air so, cha ruig sinn a leas a bhi fo àmhghar gu’n téid creideamh no cràbhadh a charuchadh ás an àite le barailibh luaisgeach do’n t-seòrsa so, a tha ann an diugh is ás am màireach; oir gu tric cha’n ’eil iad ach ’nam meadhon a tha treòireachadh a dh’ ionnsuidh fìrinn is mò agus is cudthromaiche fhaotainn a mach no a dhaingeachadh. Tha ceud ghluasad no imrich prìomh theaghlaichean a’ chinne-dhaonna ’na chuspair mu’m bheil mòran air a labhairt agus air a sgrìobhadh. Ach far nach ’eil eachdraidh ag ìnnseadh le guth dearbhte mu na ròidibh a ghabh na fògaraich sgapte dhoibh féin tha beachdan luchd-rannsachaidh tur eug-samhuil gu tric, agus cha’n ’eil riarachadh ach gann ri fhaotainn, Cha bhi ioghnadh ormsa, uime sin, ged nach faigh a’ h-uile fear riarachadh anns na leanas: I.—Teisteannas luchd-Ealain. Tha cuid a’ cur na cùis air an dòigh so. Tha Ealain am beòil a luchd-riochdachaidh a’ tagradh gu’m bheil aois agus eachdraidh aig cuid do chinnich a tha dol fada ni’s fhaide air ais na àm na Dìle o’n do shaoradh Noah. Tha aon a’ sgrìobhadh mar so: “Tha dòigh sgrìobhaidh Aibidealaich ann a nis o cheann trì mìle bliadhna no còrr, agus tha modhan sgrìobhaidh dealbhaich ri ’m faotainn a’ dol air ais trì mìle bliadhna eile.” (Humphreys’s Origin and Progress of the Art of Writing.) Tha sinn mar so air ar toirt a dh’ aon [TD 98] leum air am-ais gu làithibh Adhaimh. Tha e cumail a mach gu’n robh modh sgrìobhaidh coimhlionta aig na h-Eiphitich roimh àm Abrahaim; gu’m bheil sgrìobhaidhean d’an cuid a làthair, far am bheil iomradh air rìgh sònruichte, Souphi, a bhuineas do lìnn “air a’ chuid is lugha ceithir mìle bliadhna roimh theachd Chrìosd.” Tha e nochdadh mar an ceudna gu’n robh eòlas sgrìobhaidh ri fhaotainn am measg nan Chinese “trì mìle bliadhna” mu’n d’thàinig Crìosd. Ach cha ’n ’eil an so ach aois bheag an coimeas ris na lìnntibh a chùnnt Epignes, air am bheil Pliny ag iomradh; tha esan ag ràdh gu’n d’ fhuair e cùnntas mu reul-eòlas am measg seann mhuinntir Bhàbiloin a bha a’ sìneadh air ais gu còrr is seachd ceud mìle bliadhna (720,000!), agus gur h-ann air clachaibh creadha a fhuair e an sgrìobhadh. Ach ged nach ’eil e duilich an spleadh so a chur á dealbh fìrinn, gidheadh cha ’n ’eil e cho soirbh beachdan a tha air am bonntachadh air rannsachadh Young agus Champollion choinneachadh. O’n mhìneachadh a tha iadsan a’ deanamh air seann sgrìobhadh agus gràbhaladh a gheibhear air clachdaibh agus air leacaibh aosda na h-Eiphit, thatar a’ codhunadh gu’n robh Ealain a’ Sgrìobhaidh air a cleachadh am measg nan Eiphiteach fagus do chùig mìle bliadhna roimh àm teachd Chrìosd. II.—Teisteannas a’ Bhìobuill féin. Gheibh sinn mar an ceudna anns na Sgriobtuiribh féin suidheachadh agus iomradh air nithibh a tha ag amharc air ais ri tùs o’n d’ fhàs iad,—tùs ni ’s aosmhoire na am beachd coitcheann a thatar a’ togail o’n Bhìobull. Ann an làithibh Abrahaim tha sinn a’ leughadh mu ’n staid eòlais agus ealain air an d’ ràinig na h-Eiphitich. Tha iad air an cur f’ar comhair mar chinneach agus mar rìoghachd ann an làn òrduigh, crutha, agus coimhliontachd. Bha eòlas aca air Ealainibh, mar chunnaic sinn mu Ealain a’ sgrìobhaidh, air nach ’eil cinnich a’ faotainn greim ann an ùine bhig. ’S ann a mhàin mar thoradh air mòran feuchain, oidheirp, agus saothair, a tha a leithid so do dh’ àirde eòlais ri a faotainn am measg chinneach,—mar thoradh air fàs cuairt mhòr do bhliadhnachan. Am measg nan nithe eile a dh’ oibrich iad a mach dhoibh féin, gheibh sinn rian a’ sgrìobhaidh. Ràinig iad aig an àm so air ceum àrd na h-aibideil—ceum air nach d’ ràinig mòran do chinnich na h-àirde-’n-ear gus an latha ’n diugh. Is ann le saothair mhòir o mhodh sgrìobhaidh le deilbh a ruigear air inbhe na h-aibideil. A nis bha an Eiphit an làn sheilbh air so agus air ioma rud eile ann an lìnn Abrahaim. Agus ’n uair bheir sinn fainear nach robh ann an Abraham ach an deicheamh o Noah, tha e ’na aobhar ioghnaidh gu ’m b’ urrainn do chinneach mòr, a ràinig air mòran eolais, ealain, is ìnnleachd, a bhi air fàs suas anns an Eiphit ann an ùine cho goirid. Agus cha ’n e a mhàin gu ’n robh an Eiphit air fàs suas ’n a cinneach treun anns an ùine ghoirid ud; ach gheibh sinn mar an ceudna mòran do rìghrean agus do shlòigh eile mu ’n cuairt anns a’ cheàirn ud. Feudar so a thuigsinn o chogadh Chedarlaomeir agus a chòmpanach. Os bàrr so, bha sluagh tiugh sgaoilteach ann an Canaan; agus mar an ceudna ann am bailtibh a’ chòmhnaird, Sodom, Gomorrah, Admah, is Seboim. A nis is e an ni duilich fhosgladh air dòigh riarachail, cionnus a b’ urrainn an Eiphit, anns an ùine ghoirid a bha eadar Noah agus Abraham, fàs suas gu cruth agus staid cho coimhlionta agus a tha ’ga [TD 99] cliùthachadh ann an làithibh Abrahaim? Tha e soilleir gu ’n gabhadh e cùig no sè lìnntean o Noah mu ’m b’ urrainn sluagh gu leòir a bhi ri fhaotainn ’s an Eiphit a dh’ oibricheadh a mach ealain is ìnnleachd. Bhiodh na ceud ghinealaich ’nan luchd-gleidheidh bhuar is threud. A rìs tha e doirbh a thuigsinn cionnus a b’ urrainn an Eiphit is cinnich eile tighinn gu h-inbhe cho àrd ann an ceithir no cùig a linntean ’na dhéigh sud. Bha aithrichean an là gun teagamh a’ faotainn aois mhòir, ach cha réitich so a’ chùis gu buileach. A rèir mo bheachd-sa gabhaidh an gnothuch a bhi air a shoilleireachadh gu Sgrìobturail agus sin an còrdadh ri eachdraidh mar an ceudna, le aobhar agus rùn na Dìle a chumail ’n ar cuimhne. III.—Rùn agus Farsuinneachd na Dìle. Tha a’ chuid is mò do dhiadhairibh maille ri luchd-ealain ag aideachadh a nis nach robh an Dìle a’ còmhdachadh aghaidh na talmhain gu h-iomlan. Tha iad ag ràdh nach robh e feumail gu ’m biodh sgrios tuileil ’s am bith air a thoirt air ceàrnaibh anns nach robh daoine a chòmhnuidh. Nach robh e feumail mar so a thaobh rùn Dhia gu’m biodh an tuil uile-fharsuinn. A rìs ri taobh so tha e soilleir a réir a’ chùnntais a tha againn air meud na h-àirc nach b’ urrainn dithis do gàch creutair beò air thalamh a bhi air an gabhail a steach innte. Tha an àireamh diubh so air am bheil eòlas mionailteach a’ toirt cùnntais dhuinn a nis cho mhòr, agus gach latha a’ fàs, ’s gu ’m biodh e tur mi-reusonta a smuainteachadh gu ’n d’ fhuair iad àite ’s an àirc. Ach chì sinn nach ’eil aobhar àraidh ’s am bith a bhi cumail a mach gu ’m feumadh iad uile a bhi innte. ’N uair a sheallas sinn ri rùn modhannail no crìoch shònruichte na Dìle, gheibh sinn, a réir mo bheachdsa mìneachadh riarachail air a’ chùis. Tha rùn Dhia ann a bhi toirt sgrios air an t-saoghal leis an Dìle air dheanamh glé fhoillsichte. Chunnaic Dia iomchuidh, agus feumail d’a righladh modhannail air daoinibh, gu ’m bu chòir peanas a dheanamh air an aingidheachd uamhasaich ud a thàinig an lorg a’chomhcheangail mhi-naoimh agus mhi-nàdurra a rinneadh eadar sluagh sònruichte Dhé féin agus a’ mhuinntir a bha an taobh a mach do chrìoch an fhìor chreidimh agus aoraidh. Ghabh mic Dhé nigheana dhaoine d’ an ionnsuidh an aghaidh a’ chleachdaidh agus na h-àithne. Tha an leithide sud do chuingibh mi-naomha air an dìteadh o thoiseach gu deireadh a’ Bhìobuill; agus gheibh sinn gu bheil Dia a’ fiosrachadh air dòigh ro gheur an toraidh uilc a thig ’na dhéigh sud. Sgriosadh bailtean a’ chòmhnaird air son aingidheachd a bha car do shamhuil sud; agus a rìs air son gu ’n robh iad cho fagus do shluagh sònruichte Dhia féin. Chì sinn mar so gur h-ann a chronachadh aingidheachd agus a bhacadh a fàis a tha Dia a’ tighinn gu h-uamhasach aig àmanna àraidh le dìoghaltas air peacadh; agus mar an ceudna a ghlanadh oighreachd féin agus a’n gleidheadh cuimhneachail air an crìoch nèamhaidh. Ann a bhi a’ sealltuinn air rùn Dhia anns an dàimh so clì sinn nach ’eil e, air a’ chuid is lugha, mi-reusonta a bhi ag altrumas a’ bheachd nach ruigeadh Dia a leas gach treubh air thalamh a sgrios a dhìon no dh’ fhìrineachadh a cheartais no a dheadh riaghlaidh am measg dhaoine. B’urrainn e, agus rinn e gu tric, a chliù agus a cheart uachdranachd fhoillseachadh agus a dhearbhadh le làimh a bhreitheanais a leagadh air ceàirn no cuid gun na h-uile bhi air ghabhail a steach ann an sguib a [TD 100] dhìoghaltais. A thaobh teaghlach a’ chùmhnaint am measg am feum e ghnàth fianis a bhi aige dha féin, tha e soilleir cionnus a bhiodh e iomchuidh agus ceart labhairt air sgrios na dìle mar bhreitheanas a ghabh gach beò ’na luib,—aig an robh na h-uile ach Noah a mhàin agus a theaghlach an glaic. Agus fo bhuaidh sgriosail slat an dìoghaltais mar an ceudna thigeadh na treubhan a b’ fhaisge do shluagh a’ gheallaidh; do bhrìgh agus gu’n robh iad ’n am buaireadh agus ’nan ceap-tuislidh dhoibh. Dh’fheudadh Maois sealltuinn agus labhairt air teaghlach a’ chumhnaint mar a’ teachd fo sgrios uile-fharsuinn a’ gabhail a steach nan uile. Feudaidh na facail, “an saoghal uile” a bhi air an tuigsinn ann an seadh cumhann mar dh’ fheumar a dheanamh a thaobh cuid eile do’n Bhìobull. IV.—Codhunadh. Mhìneachadh am beachd so mu fharsuinneachd na dìle cionnus a bha mòran slòigh a ràinig air àirde ealain is ìnnleachd ri fhaotainn anns an Eiphit cho tràth ri àm Abrahaim. Dheanadh e mar an ceudna ni ’s so-thuigsinn cionnus a gheibhear luchd-àiteachaidh, cho fhad agus a tha eachdraidh a’ dol, ann an ceàrnaibh eug-samhuil na talmhain; mar an ceudna an ni iongantach gu ’n robh sìol nàistneach do dhaoinibh anns gach dùthaich a fhuaradh a mach riamh fathast. Bhiodh e ni b’ usa ceud àiteachadh na Roinn-Eòrpa a thuigsinn a réir a’ bheachd so; agus mar an ceudna an t-àm tràth aig an d’ fhàg na Gàidheil an àirde-’n-ear, agus a thriall iad troimh cheàrnàibh deas na h-Eòrpa, anns an robh iad ùine mhòr roimh éiridh na Gréige agus na Ròimh. Bhiodh an triall no an cuairt troimh ’n Ghréig agus troimh ’n Eadailt aig an aon àm anns an robh an Eiphit ’n a séis; agus anns an robh na h-Iùdhaich no na h-Eabhraich a’ fàs ’n an cinneach. Dheanadh am beachd so mar an ceudna ni bu choslaiche cionnus, mar tha na Greugaich ag ìnnseadh dhuinn, a bhiodh e comasach do Fheallsanach Druidhneach o na h-Eileanaibh Tuathach so,—“the hyperborean philosopher,”—dol a dh’ fhaicinn na sgoil fheallsannaich ’s a’ Ghréig air an robh Pythagoras ’n a cheann. Bha meas mòr aig na Greugaich theuma air an eòlas agus air an fheallsanachd a nochd Abaris a bhi aige. Is tha e gun teagamh iongantach cionnus a b’ urrainn fear cho fòghluimte dol ás na h-Eileinibh so cho tràth ri sè ceud bliadhna roimh theachd Chrìosd; agus aon seachd ceud bliadhna roimh ’n àm anns robh Fionn is Oisein beò. Ann an solus nan nithe so mar an ceudna tha e ni ’s usa a chreidsinn agus a thuigsinn gu dé mar a bha tùir dhìon nan Gàidheal agus an clachaireachd ag amharc aosda ri lìnn nan Ròmanach. Tha mi a nis a’ fàgail na cùis so agus mo bharailean féin mu déibhinn aig feadhainn eile aig am bheil theagamh fradharc is faide agus is géire. Ach their mi fathast gu feud e an déigh so a bhi air a dhearbhadh air bonn fìrinn nach e sgeulachd tur gun toinisg a bh’ ann an uaill Mhic-Néill Bharra, Nach robh esan an eiseimeil àirc Noah, gu ’n do sheachain e an tuil ’n a dheadh Bhìrlin féin! SEANN RAMH. [TD 101] AM BARD TINN AGUS AN LEIGH. I. GEARAN A’ BHAIRD. THA caisteal mo chléibh air géilleadh gu baileach, Tha mo chridhe ’s mo sgamhan ’g an riasladh; Tha m’ inneadh us m’ àirnean cho làn dheth mo ghalair ’S nach comas gu ’n aithris mi trian dheth; Gu ’n do lagaich e m’ inntinn na tha ’ghaoith air mo stamaig, ’S cha ghearan ma leanas mo chiall rium; Tha mo chuislean, ’s tha m’ fhèithean, gun spéirid gun ghramas, ’S gach ball dhiom a’ faireachdainn phiantan. De dhroch eiridinn, cruadal, us fuachd, agus allaban, Fhuair mi na leagadh na ciadan; ’S e gach dosgainn us ànrath a thàrr ’n a mo charamh A dh’ fhàilinnich m’ fhallaineachd riamh orm; Ged a bhithinn ri sgrìobhadh bho ’n linn aig mo sheanair, Cha ’n innsinn mu m’ anshocair chianail— Bho ’n is lighiche sibhse, ma tha ni a ni math dhomh, Nach toill sibh mo bheannachd le ’fhiachainn? I. M‘C. II. FREAGAIRT AN LEIGH, AN COIS NAN CUNGIDH-LEIGHIS. CARAID rùnach mo shòlais, cliar mór a’ chridh’ fharsuinn, Smior an t-seòid nach bu sgabach ’n a fhialachd, Bhi ’n a eiridneach lòdaicht’ fodh dhóruinn a’ ghalair, ’S buileach brònach ri aithris an sgial e; ’S mór am béud fear do nòis, a ni òran cho math riut, ’Bhi gun chòmhnadh ’n uair ’thachradh tu ’n iargainn, Ach biodh d’ earbsa ri fòir fhad ’s ’tha deò ann a d’ anail— Cha ’n ’eil leòn air an talamh gun iocshlaint. Ged nach taitneach do ’n t-sùil, ’s ged nach cùbhraidh, no milis, An gnè chung s’ ’tha gu smior ’chur ’n a d’ eirbheirt, Ma thig slàint’ ort ’n a chùrs’, mar ’tha dùil ris gu’n tig ort, Cha chùis-dhiombaidh dhut miosad a sheirbhe; Rach-sa ’n sàs ann mar dhiùlnach, ’s fodh d’ chùlaig dean sgil air, Na biodh stùr dheth nach ith thu, ’s nach meirbh thu, Ged ’bhiodh dréin ort ri ’ghrùid, ’s blas a shùigh a’ toirt crith ort, ’S ged a rùisgeadh d’ eit-igheach le ’ghairge. D. R. M. [TD 102] LAOIDHEAN NA GAIDHEALTACHD. ANNS an dà àireimh mu dheireadh do ’N ’GHAIDHEAL bha ar n-aire air a tarruing a dh’ ionnsuidh na puinnc so le D. M‘K. Ann an deireadh na ceud roinn tha mi ’g aontachadh le a bharail,—Nach ’eil a mhòr chùid de laoidhean na Gàidhealtachd a’ tighinn suas ann an ceòl binn ri mòran de na h-òrain a tha air an seinn anns na h-eileanaibh. Cha ’n ’eil ach fìor bheagan diubh freagarrach air son a bhi air an seinn ann an comh-cheangal ri searmonachadh an t-soisgeil mar a tha laoidhean Shancai. Na ’m biodh neach ann us cluas mhath chiùil aige, le Spiorad bàrdachd, agus fo cheannsal Spiorad na fìrinn, is mòr am maith a dh’ fheudadh e a dheanamh d’ a luchd-dùthcha le bhi ’g ath-ghintinn nan òran ud gu laoidhean spioradail. Ged a tha sinn dearbhte gu ’m bheil an lìnn ghlòrmhor a’ teachd ’n uair a théid ás do na h-òrain sin a tha a mhàin a réir na h-inntinn fheòlmhoir, cha ’n fheud sinn a chodhunadh nach ’eil feum ’s am bith anns na fuinn leis am bheil iad air an seinn ach a dhol a mugha maille rin. Is e a tha annta ceòl nadurra nan Gàidheal; a fhuair àite ’n an cridhe nach fhaigh ceòl eile; agus a tha freagarrach d’ an cànain féin; air chor ’s gu ’m bheil encoir mhòr air a deanamh orra ann a bhi ag oidhearpachadh air an ceòl fhògradh ás an dùthaich. Cha ’n aithne dhomh meadhon is freagarraiche chum an caomhnadh do Dhia na feum a dheanamh dhiubh chum na crìche sin. Tha e dearbhte gu ’n robh Laoidhean Lùtheir air an seinn le ceòl nàdurra nan Gearmailteach; ’nam meadhon na bu mhò air obair an Ath-leasachaidh a chur air aghaidh na a chuid sgrìobhaidhean. Is anabarrach a’ bhuaidh a gheibh briathran cudthromach, air an cur ann an ranntachd eireachdail, agus air an seinn le ceòl binn, air an inntinn. Tha D. M‘K. ceàrr a thaobh Mhic Griogair. Cha ’n e Baisteach a bh’ ann, ged a bha e ’na òige ’nam measg. B’ ann de na Seceders no an Secession a bha e; a thàinig gu bhi air an aonadh ris an Relief, agus mar sin ’nan United Presbyterians. Dh’ fhàg D. M‘K. e d’a thaobh a chuid Laoidhean air dheireadh air a’ chòignear eile. B’ aithne dhomhsa an Dùghlach gu math; agus tha mi dearbhte n’an abradh neach ris gu ’n robh a Laoidhean air thoiseach air Laoidhibh a’ Ghriogaraich gu ’m biodh e cinnteach gu ’m b’ ann a’fìor mhagadh air a bhiodh e; agus tha mi dearbhte gu ’n robh am beachd ceudna aig Para Grànnd. Is e mo bheachd seasmhach féin, agus bheir mi seachad i gu neo-sgàthach, a mach o Dhùghal Bochannan gu ’m bheil e air thoiseach air an iomlan; agus a thaobh leasmhorachd agus soilleireachd a theagasgan fallain gu’m bheil e air thoiseach air Buchannan féin, ged nach ’eil e sin ann an spiorad bàrdachd, no anns a’ mhòrachd leis an do sgeadaich e a bheachdan. Is gann gu bheil teagasg a tha feumail do ’n chreidmheach eòlas fhaotainn air, nach ’eil ’n a Laoidhibh. O an toiseach gu an deireadh tha iad ceangailte ri chéile mar tha leabhar aithghearr nan Ceist. Is iomadh leabhar a leugh mi ach cha do leugh mi a h-aon riamh a mach o’n Bhìobull, a b’ fheumaile do m’ anam, agus a bu mhò a thug cuideachadh dhomh ann an searmonachadh an t-soisgeil na e; agus na h-uile dhaoine tuigseach poncail air an d’ fhuair mi eòlas, agus a rannsaich e la cùram, bha iad a dh’ aon bheachd rium; agus tha mi dearbhte nach ’eil iad ach tearc a fhuair eòlas cho farsuing [TD 103] air beachdan dhaoine eile d’ an taobh ’s a fhuair mi. Tha mi feòraich do D. M‘K.,—“D. M‘K., an do leugh tha riamh ann am Beurla, no an Gàilig, fìrinnean is cudthromaiche agus is glòrmhoire, agus air an cur sìos ann an ranntachd ni ’s eireachdaile, na tha ann an “Coimh-cheangal nan Gràs?” Tha laoidhean Phàruig milis gun teagamh, gu sònruichte air an seinn; ach ann a bhi ’gan leughadh ’s minic a thubhairt mi rium fhéin, “dh’ fhàgainn so ni b’ fheàrr;” ach cha d’thubhairt mi sin ann a bhi leughadh a’ Ghriogaraich. Bha eadar-dhealachadh mòr eadar an suidheachadh anns an robh an Griogarach agus an Grànndach air an cur. Bha Pàruig aig a dhachaidh; agus ’na thir fhéin, ’s ’na companach dha a cheud bhean a bha comharraichte air ceòl. Ach bha Seumas an tìr chéin, neo-chomasach air eòlas fhaotainn air òranaibh agus ceòl a dhùthcha, ach trid am bàird. ’S e sin an t-aobhar air son an do lean e Donnachadh Bàn cho mòr. Tha e coltach ma rinn Macgriogair pìobaireachd nach d’ rinn D. M‘K. dannsa. Cha b’ ann mar sin a bha a thaobh Dhonnachaidh Dhùghlaich. Bha e mach ’n a aonar aon là agus gun duine ’g a fhaicinn, agus chuir an rann a leanas gu dannsa e cho sgairteil ’s a rinn e riamh:— “Nis tha mi air tìr le cinnt ’s le cothrom Ge dìblidh dona mi fhéin; Tha m’ Urras gun dìbreadh, chì mi chobhair, Gun dìth mu choinneamh gach feum.” Tha e coltach gu ’n robh e air a riaghladh leis an aon Spiorad ri Daibhidh ’nuair a dhanns e fa chomhair na h-àirc; agus gu bheil gu leòir ann, n’am faiceadh iad e, a bhiodh a dh’ aon inntinn ri Michel, nighean Shanil. Agus O is mi a ghàireadh gu cridheil,—cha b’ ann gu magail, ach gu tréibhdhireach,—n’am faicinn D. M‘K. le aon de òranaibh a’ Ghriogaraich air a chur gu dannsa, le uile chridhe, leis an àrd aoibhneas a lìon anam an Dùghlaich. Tha e coltach gu’m bheil e a’ meas nach còir laoidh ’sam bith a chur air fonn dannsa. Tha mi dearbhte gu’n cuala mi mòran tuilleadh de laoidhibh air an seinn airsan, agus tha mi ’toirt fianuis nach cuala mi riamh laoidhean a bu drùighteiche air an seinn na cuid diubh sin. Ma ’s e agus gu bheil na fuinn sin iomchuidh chum casan an duine entruim amaidich a chur gu leumnaich ’s gu dannsa, nach ’eil iad a chearta cho iomchuidh chum anam a chreidmhich a chur ann an gleus agus ann am fonn? Dé an ceòl a chuireadh anam Gobhainn na Hearadh gu dannsa?— “’S m’ anam a’ sìor dhannsa Neo-fhann gun airsneul.” Cha ghluaiseadh Coleshill no Martyrdom bhàrr na cathrach e. Tha D. M‘K. a’ faotainn coire do MhacGriogair air son cuid de na h-òrain ghaoil aig Donnacha Bàn a chur ’nan laoidh. Nach do rinn Solamh feum ’na dhàn air a’ ghaol a tha aig fear agus òigh d’a chéile, mar shamhlachas air a’ ghaol a tha eadar Crìosd agus a chéile an eaglais? Nach neònach an ni a bhi ’a samhlachadh a’ Ghriogaraich ri bantrach a’ phìobaire! Cò ris a shamhlaicheas mi e féin? Tha ris a’ chonnspaich phuinnseanta. Tha daoine eile a’ toirt mil ás na laoidhibh mar an seilein; ach tha esan a’ toirt puinnsein ásda. C’àit am bheil am puinnsean? C’àit ach ’n a inntinn féin. O’n tha D. M‘K. ’g a chur féin suas mar bhreitheamh air Bàird agus air Laoidhibh na Gàidhealtachd bu chòir da féin eiseimpleir mhath a chur rompa; agus toiseachadh air [TD 104] na fuinn lurach sin a thogail a tha am measg nan Eileanach, agus laoidhean spioradail a chur ri chéile freagarrach air an son. Deanadh e sin agus faiceamaid obair a làimhe féin; agus ma bhitheas iad eadhon cho mhath ri laoidhean a’ Ghriogaraich is mise a’ cheud duine a bhiodh toileach a chuidsan fhaotainn. Cha ’n aithne dhomh cò e; co-dhiù a tha e sean no òg. Ach tha mi ann an trom amharus gur h-òganach a th’ ann. Ma seadh cha bhi e cho deacair a lùbadh. Feudaidh e bhi eòlach air a’ Ghàilig; ach ’s e aon ni a tha mi dearbhte ás gu ’m biodh e ’na bhuannachd dha cuid d’ a bheachdaibh a chuiteachadh. Bha an Grànndach airidh air gach moladh a thug D. M‘K. dha. Tha mi creidsinn nach robh eaglais anns a’ Ghaidhealtachd aig an robh barradh ann an spioradalachd, ann am blàths, ann an aonachd, agus ann an smior na diadhachd, air eaglais Baile-nan-Grànndach, ’n uair a bha e féin air a ceann agus a chuid laoidhean air an seinn ’nam measg. Ach phòs e bean Ghallda ’n a shean aois. Cò nach biodh duilich air son a shuidheachaidh. Oir glé ghoirid an déigh dha féin agus d’a dhuanagan milis a bhi air an toirt fo chìs thàinig a’ Ghàilig fo chìs mar an ceudna. A mhac a bha comasach air a cumail suas dh’ fhàg e iad ’s chaidh e Dhùnéideann. Le cion tùir nam pàrantan, toileach air a’ chlann a thogail gu fasanta, thog an òigridh an cinn a’ deanamh tàir’ air a’ Ghàilig. Is mise tha dearbhte gu bheil na briathran a leanas freagarrach do’n eaglais sin do thaobh an ni a bha i:— “Ach dh’ fhalbh sud uile mar bhruadar No bristeadh builgein air uachdar nan tonn;” Agus gu bheil na briathran a leanas freagarrach air an ni a ta i:— “Cionnus a thàinig smal air an òr? A chaochail an t-òr ro fhìnealta? GILLEASB. MAC IAIN. ORAN DO IAIN RUADH MAC CAILEIN AN TRIATH AORACH. Le NIALL MAC EALAIR, Tuathanach ann an Diùra anns a’ bhliadhna 1694. Gur h-e sgeul an Iarl’ Aora so B’ ait leam fhéin fhaotainn; ’S do mhuinntir gu teagadh, ’S gun am mulad ’gan taobhsinn: O! ach bhi ’g éiridh gu greadhnach Mu d’ shròin! B’ e sud Iarla na carraige, ’Nuair a chaidh e thar fairge, A bha gu h-urranta gailbheach, A dhol an comhdhail an Fhrancaich, O dh’ fhàg e mòran d’a champa Fo leòn! Mìle fàilte do ’n ghaisgeach! An uair a dh’ fhailnich an t-each air Ghlac an t-àrmunn a chasan,— Spiorad Gàidheil gun ghealtachd, Rinn e mòran diubh ghlacadh, O ’s thug e pùic do luchd ad Agus chleòc! C’uim nach deanamaid ùmhlachd? ’S gun an claidheamh a rùsgadh, Mòran onoir is cùram A bhi romhad ’s gach dùthaich, A mhic an rath is àrd cliù air Ceann slòigh! C’ uim nach deanamaid mire Air son gu ’n d’ fhuair sinn ceann-cinnidh De ’n fhuil is uailse ’s is mire, A sheasas cruadail gun tioma— O ’s cha ’n ’eil fòtas fo fhilleadh Do chleòc! Mìle furan, ceud fàilte, Bu chòir dhuinne thoirt dhàsan, ’S a bhi ’g òl a dheoch slàinte, Aiseag copain foirm ceàrnaich, Fuaim fhinnibh ’n uair thairnnt’ iad, As na togsaidean làna ’S bhi cur seachad fìon Spàinnteach M’ar bòrd! B’e sud a’ chuideachd bha rìoghail Eadar Dubhaird an fhìona Agus Tairbeart Chinn-Tìre, A bha gun chadal na h-oidhche,— O m’an d’ thugadh iad sgrìob d’ar Cuid beò! [TD 105] COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—“An e so Fear a’ Ghoirtein Fhraoich? Bu bheag mo dhùil an uair a dh’fhàg mi am baile, gu’m faicinn thusa, a Choinnich, air an fhéill so. Am bheil muilt agad r’a reiceadh an diugh, no crodh r’a cheannachadh, no dròbhairean r’a chòmhlachadh, no càirdean r’a choinneachadh, no ciod a th’agad r’a radh air do shon fein, a Charaid?” COIN.—“Feudaidh mise a ràdh mar a thubhairt an Sean-fhocal, ‘Am fear aig nach ’eil gnothuch do’n bhaile mhòr, bheir e gnothuch as.’ Dh’ fhàg mise an Goirtean-Fraoich an diugh ’s a’ mhaduinn gun ghnothuch àraidh, agus a réir coslais fàgaidh mi an fhéill gun ghnothuch àraidh a thoirt gu crìch. Bha gréidhear, no riaghlair fearainn a-dhith air Sir Seumas, agus chuir e romhamsa teachd dh’ ionnsuidh na féille, gun fhios nach fhaicinn neach eigin freagarrach air a shon; ach cha’n fhaca, uime sin tha mo thuras diomhain.” M.—“Is e sin a’ cheart ghnothuch a thug mise an so, mar an céudna, ach thachair mi air fear a mhuinntir Siorrachd Rois, a ni, tha mi’n dòchas, mo ghnothuich.” C.—“Ciod a dh’éirich do Uilleam Mac Aonghais Mhic Shéumais a bha agad co fada?” M.—“Ghabh e ’n a cheann dol do dh-Australia, far am bheil piuthar aige pòsda, agus riamh o’n smuainich e air sin, cha robh suim aige do’n obair, oir is minic a chual thu, ‘Fear ’s a bhaile, us aire as, is fearr as no ann e.’ Mar sin dh’ eirich do Uilleam Mac Aonghais, ach tha eagal orm gu’n gabh e aithreachas, oir bithidh ùine gu leoir aige chum sin a dheanamh mu’n ruig e taobh eile an t-saoghail. Cha’n ’eil Australia mar a bha e, oir cha’n fhaighear a nis an t-òr air na clachaibh, ni’s mo na gheibhear ’s a’ Ghaidhealtachd; ach, mar a chual thu, tha ‘adhaircean mòr air a’ chrodh a ta fad as. Ach thig-sa maille riumsa an nochd, a Choinnich, agus cuiridh sinn gnothuichean an t-saoghail an òrdugh.” C.—“Tha eagal orm, a Mhurachaidh, gu’n saoil Seònaid gu’n do thuit mi ann an sloc, no gu’n do ruith mi air falbh le caillich eile, mur ruig mi an Goirtean-Fraoich an nochd, do bhrigh nach do chuir mi teagamh ’n am dhol dhachaidh.” M.—“Cha’n eagal do Sheònaid, oir cha’n ’eil cunnart sam bith gu’n tuit thu ann an sloc, ni mo tha dùil idir agam gu’n ruith thu air falbh le caillich eile, oir ‘is fearr an t-olc eòlach, na’n t-olc aineolach.’ Ach so agad mar a nithear, chum gach slighe a dheanamh réidh, agus gach neach fhàgail aig fois. Chunnaic mi do choimhearsnach Callum Mac Alasdair Mhic Fhearchair air an fhéill. Ni mi greim air, agus cuiridh mi brath leis dh’ionnsuidh Seònaid, gu’m faic deireadh na h-ath sheachdain thu aig a’ bhaile. Eireamaid-ma ta, agus thugamaid dhachaidh oirnn.” C.—“Cha’n ’eil maith a bhi ’cur ’n ad aghaidh, a Mhurachaidh, oir socraichidh tu gach ni air do dhòigh fein. Feuch, ma ta, am faic thu Callum Mac Alasdair. Cha’n ’eil e fad as, oir gheibhear e am measg na drùthaig ann am bùth air choreigin. Cha mhisg le Callum bochd an dà shùil a fhliuchadh mu’m fag e làrach na féille, ach an déigh sin is creutair laoghach e, agus gun lochd do neach eile. Ach tha eagal orm nach bi Seonaid socaireach ma dh’ fhanas mi.” M.—“Socraich thusa thu fein, a Choinnich, agus gabh cùisean an t-saoghail ni’s eutruime na bha thu [TD 106] a’ deanamh, oir cha’n ’eil gliocas, no buannachd, no beannachd, ann a bhi ’g ad chlaoidh fein a là agus a dh’ oidhiche le nithibh saoghalta; cha’n fhad gus am fàg sinn ’n ar déigh e, maille ris gach diomhanas a bhuineas da. Uime sin, is amaideach an duine sin a ta ’toirt a chridhe dha, agus a ta ’suidheadhadh ’inntinn fein air mhodh anacuimseach air. Cha’n ’eil teagamh nach féum neach a bhi dian, dichiollach, deanadach, ann a bhi ’deanamh solair air son a theaghlaich fein, oir is mios’ e na ana-creideach nach dean sin. Ach air an làimh eile, a Choinnich, tha riaghailt, cuimse, agus measarrachd, anns gach dleasnas fo’n ghréin. Tha iad sin air an sònrachadh leis-san, a tha gu neochriochnuichte glic, agus leis-san biomaid air ar stiùireadh ’n ar dleasnasaibh aimsireil agus spioradail, agus bithidh ar crioch dheireannach ann an sìth.” C.—“Tha mi ag aontachadh leis gach lide a labhair thu, a Mhurachaidh, agus bu mhaith dhuinn uile na nithe sin a ghabhail a steach air mhodh ni’s curamaich na tha mòran a’ deanamh. An uair a bha’n teaghlach agam òg agus diblidh, cha’n ’eil teagamh nach robh mi ’g am chlaoidh fein tuilleadh’s searbh, o mhoch gu dubh, air son an leas; ach a nis, air doibh a bhi air fàs suas, feumaidh iad amharc air an son fein, agus ceadachadh d’an athair fein beagan fois agus suaibhneis a shealbhachadh.” M.—“Gle cheart, a Choinnich, tha mise mar an ceudna, a’ cur romham a’ cheart ni sin a dheanamh; oir, mar a thubhairt duine àraidh roimh so; “Cuim’ am bithinn mar Chroman-lin, A’ tional lòin o bharr gach dris? C’arson nach caithinn-sa an saoghal, O’n chaitheas an saoghal mis’?” “Sin agad, ma ta, rùintean mo chridhe, a charaid mo ghràidh, agus is ann chum na criche sin a shònraich mi greim fhaotuinn air riaghlair thairis air a’ bhaile, aig am bheil ceann ni’s fearr na bha aig Uilleam Mac Aonghais mhic Shéumais. Cha b’urrainn mi mòran earbsadh ri Uilleam bochd, oir cha robh ann mu dheireadh ach creutair seòchlanach gun mhoran maith no cron. Cha robh sùilean aige chum cùisean fhaicinn mar a bha iad; cha robh tuigse aige chum am mearachd a ghlacadh ’s an déis; agus cha robh amhuras ’n a chridhe gu’n robh e ’n a ni comusach an t-olc a dheanamh.” C.—“Tha mi an dòchas gu’n riaraich am fear ùr so gu maith thu, a Mhurachaidh, oir tha sonas an teaghlaich gu mòr an crochadh ri dillseachd nan seirbhiseach.” M.—“Tha deagh chliu dheth co dhiubh, agus tha aon bhuaidh air gu’n cùm e iadsan mu’n cuairt da suilbhear, critheil, oir is deagh phiobair e, agus tha e taghta air na h-oranaibh, agus ’n an aite fein cha’n ’eil lochd sam bith anns na buaidhibh sin.” C.—“Cha bu mhiste leam fhaicinn, oir tha eolas agam air moran de na tuathanaich air taobh an iarr Rois, mar a ta Loch-Aillse, Loch-Dubhaich, Loch-Carrain, Ceann-Taile, agus na criochan mu’n cuairt.” M.—“Chìth thu e gun dàil, is Mathonach e, agus tha a chridhe anns na criochaibh sin a bhuineadh o shean do na Mathonaich, agus a bhuineas, ann an cuid dhoibh fathast. Tha e ann so a’ tighinn, agus tha e gle ealanta ’s a’ Ghaelig. Is duine ciallach, tuigseach e, agus ro dheas-bhriathrach a thaobh eachdraidh nam Mathonach. Chuir e an ceill gu’n robh Mac Mhathoin ann roimh so, a bha ’n a Phrionnsa Orieil, agus air ceann aon mhile deug fear, chuir e an ruaig air Ionraic De Courcei, a bha ’n a cheannard air armailt nan [TD 107] Anglo-Normans. Thachair so, ma’s fior an sgéul, air còmhnardaibh Fearnaig ’s a’ bhliadhna 1171. Cha d’ rinn aon de Chinn-fheadhna nam Mathonach sìth mar iochdarain ri righribh Shasuinn gu linn Banrighinn Ealasaid, a chuir luchd-bràthaidh d’an dùthaich, agus a thug sgrios air na h-oighreachdan aca le teine is claidheamh. An déigh mòran mineachaidh a thoirt air gach geur-leanmhuinn a rinneadh air an fhineadh aige, shéinn e òran, agus glaodhaidh mi air gus an seinn e dhuit fein e, a Choinnich. Thig-sa am fagus, a Mhathonaich, agus cluinneamaid fuaim do ribheid.” 1. Mo shoiridh air chuan uam, Gu ruig na mna uasail, Chuir thugam mo shuaich’neas Air fhuaidheal le snàth. LUINNEAG. Gu’m bi mi ’siubhal a null thar sàil, Gu’m bi mi siubhal, ’s cha’n fhaicear mi dubhach, Ach ruigidh mi subhach, Loch-Dubhaich Chinn-Tàil, Gu’m bi mi ’siubhal a nùll thar sàil. 2. Air fhuaidheal gu riomhach, Le h-olainn ’s le sioda, Tha h-obair ag innseadh, Gur finealt’ a làmh. 3. Bean cheanalta, shuairce, Do chinneadh nan uaislean, Clann Ghriogair o Ruadh Shruth, Thug buaidh anns na blàir. 4. Ged rinn iad Gleann Liobhainn, A chall le luchd mi-rùin, Tha ’n cinneach a’ direadh ’S an rioghachd an tràths’. 5. N a’m bithinn am phòitear, Gu’n rachainn gu deònach, A shuidh ’s an tigh-òsda, A dh’ òl an deoch-slàint’. 6. Cha leth-bhodach spiocach, A b’ àill leam ’bhi ’g iarraidh, Ach buideal làn fiona ’S a dhioladh air clàr. 7. Ged chaill sinn an tire, Thug Ailpean an righ dhuinn, Tha slios Inner-Ionaid, Fo chìs aig mo dhàimh. 8. Tha’n Aird agus Aoineig Aig fear de mo dhaoine, ’S Loch-Dubhaich nan aonach, Gach taobh dheth ’na làimh. 9. Tha’n tìr a thug Domhnull Mac-Mhathoin le gòraich, Do dh Fhearachair Mac Bheòlain, Le còir aig an tràths’. 10. Ged chaill sinn le millteir, An tìr bh’ aig mo shinnsear, Tha sòlas air m’ inntinn, Gur leinn Tullach-Ard. 11. ’N uair a thug sinn do Chailein, Ceann-Tàile le Malaidh, Bhris Pàdruig a ghealladh, ’G ar mealladh gach tràth. 12. Gur beag a bha ’bhuaidh ann, Do’n dream a thug uainn e; ’S ged nochd iad dhuinn fuath Gu’m bi ’n tuarasdal paight’. 13. Ged mheall iad le foill O Mhac-Mhathoin an oighreachd, Gu’n d’ fhuair sinn ’nis greim oirr’ ’S neoir-thainge do’n ghràisg. 14. Tha Leòbhas na fairge, A comhnard ’s a garbhlach, Aig Mathonach calma, ’S gach cearb dhi ’n a làimh. 15. ’S na fhuair sinn o Ailpean Gu’m faigh sinn air ais e, Is pillidh mi dhachaidh Le h-àiteas do’n Aird. [TD 108] 16. ’S gu’n innis mi sgéul duibh, An Gaelig no ’m Béurla, Mu thimchioll nan tréun-fhear Chuir Eirinn fo chàin. 17. Chuir Ionraic De Courcei A losgadh na dùthcha, Ach dh’ éirich na diulnaich Is sgrios iad a’ ghràisg! 18. ’N uair a dh’ éirich Mac-Mhathoin Air deas làimh a’ chearna, Chaidh dubh-Ghoill a chrathadh, Le flath Innis-Eail! 19. Cha deanadh iad striochdadh, Fad cheithir chéud bliadhna, Do dh-Ionraic na dh-Iabhair, Bha riamh air an àit. 20. ’N uair chaidh iad an òrdugh, Am Fearnaig le’n comhlann; Bha Sasunnaich brònach ’S chaidh mòran diubh bàs! 21. Ach bithidh mi ’cò-dhùnadh, Nan rann so le dùrachd, Mo Bhancharaid chliuteach Bhi sùgach gu bràth! LUINNEAG, Gu’m bi mi ’siubhal a nùll thar sàil, Gu’m bi mi ’siubhal, ’s cha’n fhaicear mi dubhach, Ach ruigidh mi subhach Loch Dubhaich Chinn-Tàil, Gu’m bi mi ’siubhal a nùll thar sàil. C.—“Is gleùsda a rinn thu, a Mhathonaich, is maith do chàil, agus is glan do ghuth. Tha sòlas ort gu’m bheil Leòbhas, Loch-Aillse, agus ionadan eile ’s na cearnaidh sin a ris fo chumhachd nam Mathonach. Bi dileas do d’ mhaighstir, agus gu robh buaidh leat.” M.—“Tiugainn a nis, a Choinnich, dh’ fhéuchainn am faigh sinn greim suipeir mu’n d’théid sinn m’a thàmh. Tha bean-an-tighe ag éigheach oirnn, ach bithidh tuilleadh còmhraidh againn m’a chaomhnar sinn gu là eile.” ALASDAIR RUADH. FEIN-OILEAN. OILEAN NA H-INNTINN. ANNS na linntean so againne tha a’ chuid is mò d’ ar n-eòlas a’ sruthadh bho LEABHRAICHEAN. Gun teagamh sa bith tha leabhraichean ro fhéumail chum ar cuideachadh gu ruigsinn air eòlas, agus ann an tomhas mór gus gach ealain agus fòghlum tarbhach a chur an cleachdamh, ach cha ’n iad air alt sa bith prìomh thobraichean no tobraichean nàdurra ar n-oilein, agus, a reir mo beachdsa, tha an éifeachd ealamh gu bhi air a meas mò ’s a’ chòir, eadhon anns na mèuraibh eòlais sin anns an saoilteadh nach biodh e comasach dèanamh as an éugmhais. Cha bhuin daibh cumhachdan cruthachaidh ann an seadh sa bith; cha ’n ’eil annta ach cuideachaidhean, innealan, buill-acfhuinn; agus eadhon mar bhuill-acfhuinn cha ’n ’eil annta ach buill dhèanta, air an cur riuthasan a bhuilich roimh-òrduchadh glic a’ Chruithfhir oirnn; tha iad mar na gloineachan-fad-sheallach agus na gloineachan mèudachaidh a tha chum mór chuideachaidh ann an cùrsa ar rannsachaidh le bhi a’ foillseachadh iongantasan do-bhreathnaichte, ach nach bu chòir air chor sa bith ar mealladh gu bhi a’ cur ar sùilean fein ann an neo-shuim no a’ dearmad a bhi ’g an cleachdainn. Cha ’n iad leabhraichean prìomh thobraichean no tobraichean àraidh ar n-eòlais, ach beatha, cleachdamh, beachdachadh, faireachdainn, agus gnìomh. An uair a ghabhas duine a mach leotha sin faodaidh leabhraichean iomadh bealach a lìonadh suas, móran a tha gann a chur am farsaingeachd; ach as eugmhais cleachdaimh beò mar bhlàr-oibre cha ’n ’eil leabhraichean ach mar dheàrrsadh gréine agus mar fhrasan uisge a’ tuiteam air talamh cruaidh, glas, anns nach deachaidh crann. * * Chaidh na briathran so ’eadar-theangachadh a Leabhran beag Beurla a chaidh a chur a mach o chionn ghoirid leis an uasal shar-fhoghluimte, Professor Blackie, agus ghabhamaid an cothrom so air an leabhar a mholadh do gach aon is urrainn ruigsinn air. Is e ainm an leabhair anns a’ Bheurla “Self-culture.” [TD 109] AN GARNEALAIR GALLDA DO’N MHAIGHDINN GHAIDHEALAICH. Rinneadh an t-òran so mu fhear Gallda a thuit an gaol air Ban-Ghàidheal: cha robh Beurla aicese, ’s cha robh Gàilig aigesan. Mo ghaol a’ mhaighdeann ’Dh’ fhàs cridheil aoibheil, Air an do bhruadair mi ’N raoir a’m’ shuain; ’Nuair rinn mi dùsgadh, B’e fàth mo thùrsa Thu bhi ’n Ceann-Tùra Cho fada bhuam. Is anns an Eilean A’ buain nan dearcan A ghabh mi ceist dhiot Is mòran gràidh; Do chòmhradh falaich A rinn mo mhealladh ’S tha mise cheana Leis air mo chràdh. D’ aghaidh shìobhalta Bhòidheach, mhàlda, Mar ròs an gàradh Do dhà ghruaidh; Do chùl donn snìomhain Mar sheudan fìodh’lach ’S e ann an stìm air A chumail suas. Tha do phògan Mar na h-ùbhlan; D’ anail chùbhraidh Mar shugh-craobh; Do chneas mar eala, Do chrios mar chanach,— Da shùil ghorm mhealach Fo mhala chaoil. An uair a ruigeas mi Tigh-a’-bhealaich, ’S a chì mi Anna ’S i nuas o’n àich; Their mo chridhe rium Tha i tighinn, ’S i sud an nighean Da’n d’ thug mi gràdh. ’S truagh nach robh mi Is mo leannan An gleannan falaich, ’S sinn fad o chàch; No’n Gleann-a’-Leòra, Is badan ceò ann ’S gu’n deanainn còmhradh riut Anns an fhraoch. Ma tha fear eile, Am bun do sgèithe A tha ga d’ theumadh ’S ga d’ mhealladh bhuam; ’S ma thug thu gaol da Gu mise thaobhsinn Gur h-e am faochadh A gheibh mi’n uaigh. DONNACHADH MAC UILCEIN. BEACHD NAN HINDUACH AIR DIA, AIR A’ CHRUTHACHADH AGUS AIR A’ CHRUINNE-CHE. ANNS a’ chunntas bheag a leanas tha iomradh, a réir aon bhuidheann am measg nan Hindùach, air na fìrinnibh freumhail air am bheil an creideamh aca air a bhonntachadh. Cha’n ’eil fhios nach robh beachdan am measg nan seann Ghaidheal nach robh móran ni b’ fheàrr. Tharruing Bràm a mach ás féin triùir dhée eile—Bràmà—Bhishnu—agus Shìbha. ’S iad so Trianaid aidmheil nan Innsean: ’N a dhéigh sud thug Bràm a mach ugh mòr! Do bhroinn an uighe ud chuir e sìol gach ni cruthaichte—bha na saoghail ’s an ugh ann am pòr—agus maille riutha chaidh Bràmà—ceud phearsa na Trianaid. Dh’ fhan Bràmà ’san ugh fad ceithir mìle agus trì cheud muillion de bhliadhnachaibh. B’ obair dha ré na h-ùine ud, a bhi ’cur beatha agus cinneis anns gach gné phòir a bh’ anns an ugh, gus an d’ thàinig gach ni gu fhìor chumadh. Fad nam muillionan bliadhn’ ud bha an t-ugh a’ snàmh mar bhuilgean air aghaidh nan uisgeachan sìorruidh—a’ sìor fhàs ann am meud—agus a’ dearg-lasadh le lainnireachd mìle cuairt ni’s dealraiche na ghrian ann a làn neart!!! Fadheòidh sgealb an t-ugh, agus thàinig Bràmà a mach á ’phrìosan air [TD 110] uigheamachadh le mìle ceann, mìle sùil, agus mìle làmh! Cha b’ iongantas idir e bhi laìdir, geur-sheallach agus glic. As an ugh thàinig a mach mar an ceudna ni iongantach—dealbh nuadh, nach facas riamh, roimhe. Ciod so? An cruinne-cé-glòrmhor agus iongantach—an cruinne-cè ullamh agus uidhimichte mar a nis, le a shaoghal, a ghrèin, a ghealaich, agus a reultan. Their luchd mìneachaidh na beachd so gur e Bràm féin an cruinne-cé: Bràm, cha’n e Bràmà. ’S iad na luibhean, agus craobha na frìthe, maille ri neòil nan speur, folt a chinn; ’s iad na dealanaich fuilteine fheusaig; ’s e an t-àile anailsan—agus ’s e a ghuth na tàirneanaich. ’S iad a’ ghrian agus a’ ghealach a shùilean—na h-àimhnichean a chuislean—na creagan ionganna—agus cnàmhan a chuirp na beannta mòra? Thàinig ceithir saoghail dheug a mach ás an ugh; bha seachd dhiubh maith agus sè uile olc; ach anns an aon eile bha olc agus maith measgaichte—’s e so am fear ’s am beil againne ar còmhnuidh. Tha sèa dhiubh os ar ceann, agus seachd fodhainn. Anns an t-seachd iochdrach tha chòmhnuidh aig gach creutair olc agus graineil: agus anns an t-sé a ’s àirde na sinne tha ionada-còmhnuidh nan dée. ROSACH. CARN-NA-CHUIMHNE. CARN-NA-CUIMHNE AND LONACH—DEE-SIDE AND DON-SIDE HIGHLANDERS, VIZ., THE FARQUHARSONS AND THE FORBESES. “THE following old song, with translation,* was lately discovered by an enthusiast in * The translation will be found in our English department. such matters among a collection of old Gaelic manuscripts, in the possession of a gentleman of the clan Gregor, resident at Aberfeldy, in the Highlands of Perthshire. The manuscripts are mostly all in the hand-writing of the late Rev. Mr. Macgregor, sometime minister at Glengairn, in the district of Mar, and afterwards at Kilmuir, Isle of Skye. In its original state the song must be considered much older in date than the time of Macgregor, but we are not sure that the composition may not have gained considerably in merit at the hands of the clever and enthusiastic parson whose writings betray great poetical taste and talent. Then the translation is marked as having been done by the accomplished Ewan Maclauchlan, rector of the Grammar School, Old Aberdeen, in honour of whose talents a monument was in after years erected in his native Lochaber. There are critical notes appended to the translation by both the author and Mr. Macgregor. Let it not be supposed that we awaken this ancient lyre for the purpose of casting a slur upon the character of the hardy Highlanders of the Don, past or present. Far from it; and we are certain that they themselves will be only highly amused at contrasting the sentiments expressed in the song with the friendly and fraternal intercourse which now so regularly subsist between them and the Highlanders of Braemar. It may be mentioned that ‘Lonag’ or ‘Lonach,’ is the slogan or war-cry of the Highlanders of Strathdon, and ‘Carn-na-Cuimhne,’ that of the men of Strathdee or Braemar.”—Inverness Courier. ’S iad fir Bhraigh-Mhar fir mo chridhe Choisneadh buaidh air faich’ ’s air slighe Cumaidh Carn-na-Cuimhn’ a dhlighe Olc air mhath le Lonag Soraidh uam o chlar mo chridhe Chum nan seoid a dheanadh sithionn Cha bhuin daibh fir na fuaraig’ uidhir ’G a h-itheadh ’n àit na feola O ’s iad mo rùn na treun ghaisgich, Le ’n cuilbheiribh nach diultadh lasadh; ’N am dusgadh dhoibh nan lanan glasa Bhiodh fuil air bratuich Lonaig A bhuidheann ghasta, chuachach, thlachdmhor, ’N am tarruing suas doibh air an fhaiche, Bhiodh an ruaig air luchd nan casag Sios an taic ri Lonaig. ’S marig a shamlaicheadh ri chéile, Muinntir Dheun a’s uisge Dhé so; Chuireadh Crann-taire corr ’s cuig ceud dhiubh, ’N ceann a chéile ’n ordugh [TD 111] ’S mor thug Chabhers riamh de speis doibh, An cathan Thearlaich agus Sheumais; Tha fir mo chridhe reir a chéile, ’S cha treig morfhear òg iad. Tha daoin’ uaisle anns an tìr so Nach leig coir dhiubh càm no direach, Cuiridhean ro gharga, dhìleas, ’S cha dìbir cliu ri ’m beò iad; Ged tha Fuirbeisich gun athadh ’S beag an caimean iad ’san rathad, Sguraidh fir Mhar iad mar an eabhadh, Sios thair fraidhibh Lonaig. ’Nan arm ’s ’nan eididh ’n tùs an latha, Bhiodh sunnd a’s sùrd orr’ chum a’ chatha Réubadh a’s mhilleadh iad am plathadh Uile mhaithean Lonaig! Fuirbeisich, ged tha iad bruidhneach, Bhiodh fir Mhar air thùs na buidhne, ’S cha bhi clach an Carn-na-Cuimhne ’N là a bhuidhneas Lonag. Tha Carn-na-Cuimhne daingean, làidir, Mar cloich-mhullaich druim na sràide, ’Sa chaoidh cha ghluaisear e as ’aite, Dh ’aindeoin ardain Lonaig. ’N uair ghabhadh seachad fir a’ chruadail, Chuireadh clach ’s a’ charn ’san uair sin, Leis gach aon gun smal gun ghruaman, ’Nuair chuireadh suas ’n a thorr e. Ged nach gluais e bho oir Dhe uainn, Ruigidh ’fheartan far nach téid e Dhion e riamh gach neach dh’ éigh e Anns gach feill a’s co ’ail; Ach nan tugadh ’n Triath Righ Seumas ’S Iarla Mhar nan aite fein dhuinn Le urram ur bhiodh an carn ag eirigh ’S cha bhiodh speis do Lonaig. ’S an oidhch’ fir Lonaig thain’ gu leir oirnn, Bha sneachd ga chur, a’s gaoth a’ séideadh, Cheangail an reodha iad ri chéile ’S chuir aiteamh treun an toir orr’, Fior shoraidh uam gu allt na Lairic, Dh-ionnsuidh an lascair uasail, làidir, A dh’eireadh mar bu dual le chairdibh ’S nach cuireadh blar le Lonaig Cha’n eisd am Mar o cheann gu ceann dheth Ceann-Fine idir ach Mac Fhionlaidh ’Se fein ’sa chlann aig’ riamh nach d’ ionnsuich Cul a thionndadh ’n coraig ’S mar chraobh mhullach dhuilleach, bhlathail Dh’ fhas gu h-urar, dosrach, làidir Dh ’fhas gu geugach, meurach, cràchdach Cha b’ ann an garadh Lonaig. Dh’fhas e’n lios nan craobhàn riomhach, Mar dharaig ard nan gallan direach, ’S tha chlann mar chioll gu’n mheang gu’n chrionach Nach lub le siontaibh Lonaig Cha choimeas riuth’ na fir gun Ghailig ’S nach d’ith riamh mir dh’ fhir na craice Bithidh druis air gnuis an fhir a’s fearr dhiubh ’Direadh airde Lonaig. ’S fad chaidh an dream ud uile tuaitheal Le ’m boilich mhusach a’s le’n uabhar ’S ioghnadh cia mar dh’ fhas iad uasal ’S nach robh buaidh air beò dhiubh Ciamar dh’ iarradh iad bhi streapadh Ri luchd nan claidhean a’s nan breacan ’S cur gann chaidh duin’ dhiubh idir fhaicinn Ann am feachd nam mor chath. Ach ’s lionmhor flath gu sgairteil sgiamhach, Chaidh mach o’n Charn gu’n ghaoid gun ghiomh ann, ’N aghaidh ghaisgeach ’s eacha srianach, ’S chuir cruaidh gu dian ’nam feoil doibh, Sonas air na h-armuinn euchdach; Buaidh leo anns gach ait’ d’an d’ theid iad; Cliu dhoibh measg nam fineach treuna, ’S mo dheagh thoil fein ri ’m beo dhoibh! SEANACHAS NAN SEACHD CADALAICHEAN. THACHAIR anns a’ bhliadhna 249, ann an làithean Philip, an t-Iompaire Ròmanach, gu ’n d’ éirich ceannairc ’n a aghaidh am measg luchd-àiteachaidh Mhésia; agus a chum an sluagh a thoirt gu rèite, thug e fanear gu ’n cuireadh e d’ an ionnsuidh ceannard calma, gléusda, d’ am b’ ainm Decius, le feachd shaighdearan. Dh’ fhalbh an ceann-feadhna air a thuras, ach an àite dìchioll a dheanamh air àithn a mhaighistir a chur an gniomh, ’s ann a chuir e impidh air na saighdearan dol maille ris fhéin air taobh nan naimhdean a chogadh an aghaidh an Iompaire; agus shoirbhich leis cho fada ’n a rùn ’s gu’n d’ fhuair, e an ceann ùine gheàrr, Philip a mharbhadh anns a’ chath, agus e fhéin ’éubhach agus a sgeadachadh ’n a Iompaire. Cha luaithe a fhuair Decius ard-riaghladh na h-iompaireachd ’n a [TD 112] laimh, na ’thòisich e air suidheachadh laghannan us òrduighean ùra a dh’ oibreicheadh a chum cumail suas a mhòralachd ghreadhnach fhéin; agus maille ris gach seòrs’ achd us reachd a chuir e a mach, ghabh e ’n a cheann ìomhaigh shnaidhte a chur suas ann am baile-mòr Ephesus,—am baile sin anns an robh Teampull Dhiana, a bha air a chunntadh ’n a aon de sheachd iongantasan an domhain—agus dh’ àithn e gu ’n sléuchdadh luchd-àiteachaidh a’ bhaile sios, agus gu ’n deanadh iad aoradh do ’n iomhaigh. Ach am measg nan iochdaran aig Decius bha seachdnar òganach nach tugadh géill do ’n àithn so, ’s a dhiùlt, a muigh ’s a mach, aoradh a dheanamh do ’n ìomhaigh. Thainig air an t-seachdnar teiche le ’m beatha ás a’ bhaile, agus rinn iad iad fhéin fhalach ann an aon de na h-uamhannan a bha ’m Beinn Chelian. Air cluinntinn do ’n Iompaire mar a thug na Criosduidhean òga dùbhlan d’ a reachd, agus mar a theich iad às a bhaile, dh’ àithn e gu ’n rachadh gach aon uamha ’s toll a bha anns a’ bheinn a lionadh, ’s a dhùnadh suas, air chor ’s nach biodh aig na h-òganaich rian no rathad air dol ás bho ’n bhàs. Chaidh an t-òrdugh an-iochdmhor so a chur an gniomh; agus tuilleadh iomraidh cha chualas air an t-seachdnar òganach ré dhà chiad agùs deich bliadhna fichead. An ceann na h-ùine sin, mu ’n cuairt air bliadhna roimh ’n àm an d’ thainig a’ chrith-thalmhainn, a mhair da-fhichead latha, air Constantinopol, thachair gu ’n robh clachair ag cladhach làraich tighe a bha e ’dol a thogail, agus ann a bhi ag cladhach, ciod a rinn e—ma ’s fior an seanachas—ach briseadh a steach troimh mhullach uamhaidh, anns an d’ fhuair e seachdnar òganach, a’ dùsgadh ás an suain leis an ùprait a rinn e! Bha fior ghreann a’ chadail air na h-òganaich, ’s cha bu nì soirbh dhaibh iad fhéin a chumail ’n an dùisg. Air dhaibh, m’ a dheireadh, tromsanaich a chadail a chrathadh dhiùbh, thòisich iad air gearan an acrais; agus ghabh fear dhiubh ás laimh dol do bhaile Ephesus gu biadh a cheannach air an son. Dh’ fhalbh e do ’n bhaile, thug e bùtha an fhuineadair air, ’s chaidh an t-aran a cheangal suas dha, ach bha an cùineadh airgeid a bha aige cho anabarrach aosda, ’s nach gabhadh am fuineadair uaithe e ann am pàidheadh an arain; ach, aig an àm chéudna, bha an cùineadh cho fior annasach, agus aghaidh an òganaich ag amharc cho neo-chiontach, ’s gu ’n do thoilich fear-na-butha a leigeadh air falbh leis an aran gun tuilleadh iarraidh air. Ach air dha feòrach dheth cionnus a thachair e fhéin ’s an seann chùineadh r’ a chéile, dh’ innis an t-òganach dha, facal air an fhacal, mar a dh’ éirich dha fhéin ’s d’ a chompanaich. Bha an sgéul so mu n t-seachdnar òganach cho anabarrach iongantach ’s nach b’ urrainn neach creideas a thoirt dhi; ach an déigh móran fiosrachaidh agus rannsachaidh a dheanamh mu thiomchioll na cùise, fhuaradh a mach, air réir aithris na sgialachd, caochladh de nithe a bha a dearbhadh nach robh facal mearachd ann an sgéul nan òganach. Chaidh a chumail a mach mar sin, cha ’n e a mhàin gu ’n do chaidil na òganaich anns an uamhaidh ré dha chiad us deich bliadhna fichead, ach gur e ’bha anns a’ chùis fior mhiorbhuil, a rinneadh le làimh an Fhreasdail. Bha daoine urramach anns na linntean a chaidh seachad a deanamh dheth gur e a fhuaradh anns an uamhaidh cnàmhan nan daoine òga, agus gu ’n deach an giùlan ann [TD 113] an ciste-chloiche gu eaglais Bhictor a’m baile-mór Mharseilles anns an Fhraing, far an do thòisich móran air dol air turas-cràbhaidh; ach tha cuid eile ann a tha riamh fhathast ag cumail a mach gur e ’n fhìrinn a tha anns an sgéul; agus mar dhearbhadh air an creideamh innte, agus mar chuimhneachan air a mhiorbhuil, tha iad ag cumail féille uair ’s a’ bhliadhna air co-ainm an latha air an d’thainig na h-òganaich ás an uamhaidh. ’S e so an seanachas a bu bhun-sgeòil do ’n fhacal a’s minig a chluinntear, ’n uair a bhios neach a’ toirt iomraidh air fuaim uamhasach sam bith, ’s a their e “fuaim a dhùisgeadh na Seachd Cadalaichean.” HEARACH. ORAN D’ AN CHATH-BHUIDHINN RIOGHAIL GHAIDHEALAICH. RINNEADH an t-òran so leis an Urramach Seumas Maclagain, an déigh Cath na h-Eiphite ’s a bhliadhna 1801. Bha an t-ùghdar féin, ’n a mhinistir-feachd do ’n Fhreiceadan Dhubh, agus aìr a chùnntadh ’n a dheadh sgoilear Gàidhlig. Tha an t-òran air a chur sios an so mar a sgriobh e fhéin e, agus gheibh sinn ann samhladh air a’ mhodh air an robh e am beachd gu ’m bu chòir ar seann chànain a litreachadh. ’SAN Ocht-ceud-deug is blia’na, ’S am beuc na siontan àrd, Tha gaoth-an-Ear, air sciathuibh, Toirt sceoil an Iar gun chaird; Faraon tha cliuiteach ’s cianail, “Gun thuit mor thriath ’san àr. “D’ ar sloigh gun thuit na ciadan “Fa leith, laoich fhial na’n Gaidh’l.” Ma thuit, cha b’ann gun dia’-chluith A dh’eug an laochraidh gharg; Gu’n d’aithnich rogh nan Saor-fhear* Gur garbh an gleus ’nam fearg: Dhio-la’raich iad gu leir-scrios, Doi-cheannsuich† threun ’san t-sealg, Is chuir am Bratach bheudach, Mar chuimhn’ an eacht d’an Alb. Is cha b’e cothrom Fèinne A fhuair na tréin ’s a Bhlàr. ’O’n cùl ’s fui dhuibhribh oi’che, Doi-cheannsuich thain na’n dàil; ’S cath-bhui’ne eil’ r’an éudain Bu leor r’an claoidh ’s an àr; Ach thiontaidh ’s chuir fui mhaidhm sud, ’S am fuil aig taom’ gu lar. Mar shaoil Menou gun d’aom iad, Chuir marc-shluagh treun nan còir, Eich Arabach luath léimneach A dhianadh eacht air thoir; Dh’aith-bheodhaich Gaidhil ghléusta, Is chuir ’nan stéud sud fòs; Bha Breat’naich uile tréubhach, Ach sibhse treun thair glòir. O’r feodain ghlas aig smùidrich, Bha frosa druiteach géur; Bhur Gun-bhiodaga rùisgte, Mach air an druim ’nan steud; Bhur Claidhean scaiteach lùth’or Ag snoigheadh smùis is fhèidh Sin dhearbh nach sibh na lùb-fhir Bha ’faoineis riù mu’n Rèn. Ni ’m bheil e ’n comas dhaoine An tréine dol ni’s àird’ Na chaidh na Gaidhil Bhéumnach ’An tir na h-Eiphit’ an tràs: An cluith a bha co daor dhuibh Mo dhoigh a chaoidh nach càill; Braidh neart is cluith n’ am fraoch bheann, Sior chuir r’ur daoin’ ’s r’ur càil. Leam ’s duilich na fìr chròdha A bhi fui ’n fhòd gun deò, Rho fhad o’n dìlsibh brònach, Nach cluinn an glòir ni ’s mò. * Frangaich. †Invincibles. [TD 114] Ach ’s aoibhinn do na beòdhaibh Gu’n robh iad mòr ’nan lò Nach dean iad tuille gòruich ’S nach éug an glòir no ’n sògh. Ge duilich linn na dh’eug dhibh Tha ’n luaidheachd céutach cinnt’; O thuit iad an deagh àbhar ’S gu’n d’fhàg luchd éa-coir sinnt. An gealtach bàs cha chaomhuinn, Gu dian ged’ shraon o rainn, ’S braidh druinn an eagail reubtadh Ge fad a léim ’na h-aoillt. Cha ’n iongnadh linn ’ur dio-bhail, O ionnsuidh dhian ’ur nàmh, A shaoil, tre sgrios no Fiannachd, Gu’m fàgta fiamhach càch; Ach mheall sibh tur am mio-run, Am moisgain thug gu’n call, Is scath sibh Catha lionmhor, ’Nan doigh bha àint’ d’ ur bàs. O thug na Francaich buaidh air An fhuigheal thruagh bha ’n Gàl, An déis do Cheasar uaibhreach Am marbhadh ’n ruag’ ’s an cràdh’, Shaoil iad gu’m b’ionnan cruas do Shaor-Ghaidhil uasal Alb, Bha ionnsuicht’, aonuicht’, cruadhaicht’, ’S d’an dù scor-bhuaidh ’nan Colg. ’S sibh iarmad Iapheit ’s Ghòmeir A ghluais o’n Tòr d’an Eorp’; Sliocht Choillteach, Ghaidheal Mòir-thir, Is Ghaidheal-dònach * cròdh Nach geilleadh da shluagh Ròimhe:— ’S Teutonaich thain’ n’ur còir, A-chuid-a-chuid le seòltachd, ’S cha b’ann le treòir co mòr. Na Lochlannuich thug ionnsuidh Ar cionnsachadh gu tùr; Le Fogh-mharachd ’s droch thionnscnadh, Faraon air tràigh ’s air mùir; * Gael of the hills. Ach uaigh thug Gaidhil dhoibh sud Leo gus am b’annsadh sgùr; ’S bheir sibhse dearbh’ gach àm air Gur sinne ’n clann chruaidh mhear. Ar gaisg do dhùisg dhuinn mio-run Na’n Gotach fiata searbh; Seadh iarmad Ghaidh’l tha lionmhor, A shàth ’nar bian an calg. Nis ni bheil Goth a scrìobhas, Nach bheil le mioscam garg; Do nach sop-reic ar riabadh, Thoirt fiach d’a fharruisg borb. Ach choisin giùlan laoch-mhor Dhuibh meas ceud dhaoin’ thug fuath D’ur tìr, gun fhios cia ’n t-abtrar, Mur h-e bhi daonan cruaidh: Is aithne d’ur deagh righ sibh ’S d’a Theaghlaich rìmheach shuairc’; Dhuibh chaoidh cha ’n easbhuidh inbhe ’S sibh ’n tòir co dian air buaidh. Cha ghann dhuibh luchd aith-lianuidh, ’S ur cluith co cian ’s co binn; Bidh òig-fhir ghleusta dhiane ’G’ur n iarruidh as gach beinn; Tairngidh fuaim ’ur pioba Na mìltin as na gleinn; Bidh Breacain ’s cloidhean liomha, Ag dùgadh mìonn gach linn. O ABERCROMAI chliùitich Gur mòr ar tùirs’ ad’ dhiaidh! Gur mòr a chaill do dhùthoich, ’Nad chleachd ’nad ùil ’s ’nad thréin! Do Bhanntrach is t-og-fhiùrain, Tha frosadh dlùth ’nan deùr; Ach ’s mòr am meas is dù dhoibh Air scath an fhiuidh dh’éug! Ach Alastair aigh Steùart, Is eibhinn leamsa t-eacht, A stiùir na Gaidhil shunntach An còmhrug cliùiteach Eiphit: Ged thug aois ’s droch dhùthaich Dhiom slàinte, lùs, is gléus, [TD 115] Chaoidh leanaidh mo dheadh-rùn sibh’ ’S is beath’ bhur cliùth do’m chré. Nois saoghal fad is soirbheas Do ghaisgich gharg nan Gaidh’l. A dhionadh còir na h-Albainn. ’S a chosgadh buirb’ na’n nàmh; A bhuanach’ sìth is sealbh dhuinn, Air chuantuibh garbh ’s air tràigh; Gu mair ar Reachd ’s Coi-dhealbhadh* Fui Righ maith soirbh ’s gach àl. Bu dian ag ruith air aimhleas e A thionntaidheadh an Tìr Bhur cinnea dileas lamh-laidir, Tre gheanach saibhris chrìn. Is co a choimhdeadh dhoibh-sin sud Gun chàirdean daimh, an sciath? Tha BONAPARTE aoibhneach dhe Mar léimios iad Muir.shiar. An diaidh saoither is dórainn Is aoibhneach sògh is saimh; Deagh chliùth o dhaoine còire Is fàilte mhòr o dhàimh; Ach cait am faighar glòir dhomh A dh’aithris sògh ’nan òigh Thug meas is gaol o ’n òig dhuibh ’S nis tha gun deò le h-àgh!— Ged tha sibh an tìr chéun uam Mo shoruidh sior n’an còir Biodh teàrmunn an Aird-Thriath libh G’ ur dian’ o lochd ’s o leòn: Is aoibhinn leom deadh-scial oirbh, Ged tha mi crionuidh breoit’.— Ach mis’, ma ’s Oisein liath mi Mo dhoigh “Biodh m’ Fhiann sior-bheò. SEAN-FHOCAIL. ’S tróm gach torrach. ’S eutrom gach saoghalach sona. ’S glas feur na faiche, ’s cinnidh e. Aisling caillich mar a dùrachd. Feitheamh fada ri eòrna na gainneamhaich. * Constitution. Cho fada ’s a’ cheann agus a bha Fionn ’s na casan. Dian fhàs fuilt, ’s crion fhàs cuirp. ’S ann air a mhath féin a ni an cat creòlain. Greis mu seach an t-each air muin a’ mharcaiche. ’S moch ’s is anmoch gu baile-Tharbhaich an gobha. Eadar an long nodha ’s an seann rudha. ’S mò e na cnoc lochd duine mu’m mothaich e féin e. Ruigidh each mall muilean, ach cha ruig fear a bhristeas a chnàmhan. Mar a dh’ éirich do’n ghadaiche dhubh, Is ann oidhche shamhna a chnagadh tu cnuth. Fàilte a’ chruidh. An uair is mò an éiginn dearbhar an caraide dìleas. Biodh e reamhar no caol, is mairg nach beathaicheadh laogh dha fhéin. Am fear a bhios a mhanadh amach, suidhidh e air fail chorruich. Am fear a bhios fearg air a ghnà is coltach a ghné ris an dris. SOP AS GACH SEID. CHA mho a dh’ fhòghluimear fior chreideamh á leabhraichibh, na dh’ fhoghluimear seoladaireachd, no saighdearachd, no innleachdaireachd, no dealbhadaireachd, no ceaird, no ealaidh sam bith eile as da. Thubhairt teallsanach àraidh roimh so “gu’m bi ùine oighreachd-san.” Is oighreachd i gun teagamh a ta luachmhor, ach cha toir i toradh sam bi a mach gun àth-leasachadh. Is oighreachd i gun teagamh a dh’ ath-dhiolas gu pailt saothair an dichiollaich, mur fàgar earrann di fàs trid mi-churaim, agus mar cuirear a mach i nis mo air son seallaidh, na air son feuma. Feuch nach toir thu do bharail mu ni sam bith air am bheil thu aineolach, gu sonraichte ’n an lathair-san aig am bheil deagh eòlas air. Mur bi e an comhnuidh ’n a d’ chomas labhairt gu ceart mu’n chùis, tha e gu cinnteach ’n ad chomas fantuinn ’n ad thosd. Ged tha cuimhne aig na miltibh air an lonais agus air an sgeilmearachd fein, is tearc iad aig an robh aobhar aithreachais air son fantuinn nan tosd. S. [TD 116] Cha mhaith an sùaimhneas sin a dhruideas an fhìrinn a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn laimh air laimh, is còir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanaich an àite suaimhneis. Tha’n duine sin a làbhras do ghnàth an fhirinn ghlan, ’n a dhiulnach a ta mòran ni’s tapaidh na ghabhar e. Cha’n fhaighear eòlas luachmhor ach le mòr-dhìchoill agus strith. Feumaidh gach neach na raointean agus na machraichean a shiubhal leis fein, agus dol air aghaidh le misnich air feadh nam beann agus nan garbhlach. Cha’n fhaigh òganach eolas a nasgaidh; feumaidh e a chosnadh le strith agus foighidinn. Dh’ aindeoin co aineolach ’s gu’m feud e a bhi, ma tha deigh aige air eòlas, ma tha e an toir air mar air airgid, m’a tha e ’ga rannsachadh a mach mar ionmhas folluichte, cha bhi a shaothair gu diomhain. Is e eòlas duais an dichill, agus cha chaill an dichiollach air chor sam bith a dhuais fein. S. Suidhich d’inntinn fein gu stoldta air na chaidh seachad, ma’s miannach leat na nithe a ta chum teachd a thoirt gu ceart fainear. Tha ’n duine sin saibhear aig am bheil deagh nàdar, a tha do ghnàth càirdeil, foighidinneach, aoibhneach, dòchasach, agus a ta ’g a ghiùlan fein gu suilbhear a thaobh nan uile. Anns gach truaighe far am bheil athleasachadh comusach, biodh mi-fhoighidinn air a seachnadh, do bhrigh gu’m bheil i a’ call agus a’ caitheadh na h-ùine sin ann an gearainibh a bheireadh le buileachadh ceart an t-athleasachadh sin mu’n cuairt. Cha’n iad na nithe a ta sinn a’ sealbhachadh, no na nithe nach ’eil sinn a’ sealbhachadh a mhéudaicheas, no a lughdaicheas ar sonas fein. Is e a bhi ’g iarraidh barrachd na tha againn, agus a bhi ’gabhail farmaid riusan aig am bheil barrachd, a ta milleadh sith ar n-inntinn, agus a’ tarruing truaigh’ oirnn mu dheireadh. S. Tha’n sgriobhadh maiseach a leanas air lice-lighe àraidh ann an Gaidhealtachd na h-Alba, ach cha’n ’eil fios agam aig a’ cheart àm ciod an t-àit-adhlaic anns am bheil an leac sin air a togail. “Fhir-siubhail, feuch! anns an leabaidh uaine so, tha ise ’n a sìneadh ’s an duslaich, agus ann an trom-chodal a’ bhàis, a bha maiseach agus subhailceach ’n a beatha. Tha a cùimhne ’g am lionadh le bròn. Och! tha teangadh a’ chiùil ’n a tosd, agus tha làmh an eireachdais a nis aig fois. Cha ghuidh am bochd ni’s mò a bheannachd ort, agus cha chomhdaichear an lómnochd ni’s mo le rùsgadh do threuda. Cha tiormaich thu tuilleadh na deòir o shuilibh nan daoine doruinneaich agus truagha. Sibhse a ta diblidh agus fann, c’àit a nis am bheil bhur cuideachadh gnàthaichte? O! thusa a b’ ionmhuinn am measg bhan, cha chòmhlaich sinn thu tuilleadh ni’s mò ann an talla na féile, agus cha shuidh sinn sios gu bràth aig bòrd do chuirme aoibhnich! Air falbh am feasd tha fuaim an t-sùgraidh agus a’ ghairdeachais! Ochan! cha mhaireann ni’s mò an t-suairce, an caomhail, agus am macanta! Cò d’an urrainn ar n-àmhghar a chur an ceill? Silibh, silibh, silibh, gu bras, a dhéuran a’ bhroin! S. LUINNEAG ANNA NIC EALAIR. Is ann am bothan bochd a’ bhròin A chuir mi eòlas ort an toiseach; Is thug mi thu gu tigh mo mhàth’r ’S an d’ rinn mi t’ àrach car tamuill. ’Se do ghaolsa, a ghaoil,— ’Se do ghaolsa rinn mo tharruing; ’Se do ghràdhsa, a rùin, Rinn mo dhúsgadh ’s a’ mhadainn. Tha thu mar dhubhar carraig mhòir Am fearann sgìth is mi làn airsneil; ’N uair a thionndaidh riut mo shùil ’S ann bha thu an rùn mo ghlacadh. ’S ann a thug thu dhomh do ghaol Fo dhubhar craobh an aiteil; Is co-chomunn do rùin Ann an gàradh nan abhall. Is millse leam do ghaol na’m fìon,— Seadh am fìon ás a’ channa; ’S ’n uair a thug thu dhomh do ghràdh ’S ann a dh’ fhàilnich mo phearsa. ’S ann a thug thu dhomh do d’ ghràdh Gus an d’fhàilnich mo phearsa; ’S gus am b’ éigin domh a ràdh “Cum air do làimh a charaid.” ’S ann a dh’ éirich thu le buaidh As an uaigh suas le cabhaig Amhluidh dhùisgeas do shluagh Suas le buaidh anns a’ mhadainn. ’S chaidh thu suas air ionad àrd Dh’ ullach’ àite do m’ anam; ’S tha thu ’g ràdh gu ’n tig thu rìs A choimh-lìonadh do gheallaidh. [TD 117] AN CATH. LE IAIN MOIRISON, A BHA ANNS NA HEARADH. [Ceòl] IS iomadh còmhrag, stréup, us strìth Do ’n chreidmheach fhìor ’tha ’n dual, Tha naimhdeas ifrionnail le spìd ’G a ruith gach mìr dheth ’chuairt; Us buairidhean bho ’n t-slochd a ’s ìsl’ A’ lot a chrìdh’ gu cruaidh: Ach bheir e buaidh ’s an ruaig gu crìch, Fodh bhratach chaoimh an Uain. Is lionmhor cath, us gleachd, us duaidh, Us buille bhualadh dhòrn, Us àmhghar, trioblaid, teinn us truaigh’, ’Tha dhaibh an dual ’s an fheòil; Ach armachd Dhé bheir dhaibh a’ bhuaidh, ’S thig iad an uachdar beò; ’S trid neart an Tì ’rinn sìth dhaibh suas, Bidh gaisge chruaidh ’n an treòir. Tha buairidhean a’ teachd bho ’n nàmh Air iomadh fàth mu ’n cuairt, Mar dhiachainn theinnteich ’bhios ’g an cràdh, ’S a’ toirt dhaibh tàire cruaidh’; Cha nochd e caoimhneas dhaibh no bàigh. ’S gun iochd ’n a ghnàths, no truas; Ach ’chum an dearbhadh anns gach càs, Bheir iad tre ghràs làn bhuaidh. ’N uair ’thig an leómhann béucach, garg, Le ’shaighdean, ’s fhearg ’n a léum, Bidh ’n còmhrag tróm, bidh ’n ionnsaidh garbh, Bidh gleachd ro shearbh ’s gach céum; Ach saighdearan ’bhios idlaicht’, calm’, Us deas fodh armachd Dhé, Bheir dùbhlan dhaibh fodh ’n éideadh dearbht’ Gu teich’ air falbh le béum. ’N uair ’thig feachd Mhidian do ’n tìr, ’S a bhios an crìdh’ ’g a chràdh, Theid Gideon fodh airm nach clì, Us bheir e ’n cinn gu làr. Air cuirp nam marbh cha tuislich aon, Ge d’ thuiteadh daoin’ ’s a’ bhlar; ’S theid buaidh a’ gleachd le feachd nan naomh, ’S lóm-sgriosar sgaoth an nàmh. ’N uair ’ dh’éireas Belsebub gu garg, Fodh lasan dearg, ’s le ràs, Bidh fearas-chlaidheamh ann gu dearbh, Le iomairt arm gun tàmh; Thig Criosd ’s an eadraigean gu calm, ’S ann dha nach cearbach làmh; ’S e ’ghràs ’ni féum ’s an éiginn shearbh, Gu toirt nan dealg á sàs. Bidh ’ làmh a ghnàth am measg nan séud A thagh e féin bho ’n tòs; ’S iad ’ àilleagain dh’ an tug e spéis, ’S a dh’ ullaich è chum glòir, ’S ’ bheir e á àmhainn àmhghair ghéir A mach gun bhéud mar òr; Gu ’n naomhachadh bho chéum gu céum An iomhaigh Dhé gach lò. ’N uair ’ bhios an còmhrag teann le spàirn, ’S a bhios an nàmh fodh ’n chaoch, Bheir Criosd an sin a ghnùis le fàillt’, ’S mìn-bhrisear làmh na daors’; ’S ni ’n oighreachd aoibhneas ann a shlàint’, Tre ’n Spriorad ghràsmhor, naomh, ’S tre chreideamh beò, le dòchas làn, ’S le gràdh gu bràth nach traogh. Is lionmhor cruth, us caochladh dealbh ’S an tig an cealgair’ mór, Le ’n cuir e cuid ’n an dùsal balbh, Gun lann no arm ’n an dòrn; Us labhraidh e le briathran dalm’— “Nis tha sibh marbh fodh m’ spòig; Cha dàn dhuibh teich’, oir thugadh sealbh ’N ’ur cuirp ’s n ’ur n-anamaibh dhòmhs’.’ [TD 118] Ach thig an Comhfhurtair ’n an còir, ’Thoirt dhiùbh nan còrdan bàis, Us labhraidh e le briathran fòil, Gu ’m bheil ni ’s leòr ’n a ghràs; Us séisidh orr’ an anail bheò, ’S thig mic na h-òige ’n àird, Us bidh an neart ’s an taic fadheòidh Fodh bhrataich ’s treòir a ghràidh. Ach thig an nàmh mar aingeal soills’, Us gath na foill fodh ’ chleòc, Us clann na saors’ fodh neòil na h-oidhch’, ’S tha ’n cunnart roinn ni ’s mò Gu ’m buail e ’n cogaisean le sgoim, Gu dìteadh dhaibh na còir’; ’S bidh féum air solus glan na coinnl’, Gu ’n toirt gu foills’ an ròid. Is iomadh coslas, cruth, us snuadh, ’S an tig e ’ bhuaireadh dhaoin’, Ga ’n cur an dùil ’ bhi ’n gràdh do ’n Uan, ’S an saoghal fuaight’ ’n an gaol, ’S gu bhi ri gàirdeachas air uair, Mu ’n aobhar uaill a ’s caoil’, Le aoibhneas feòlmhor a ’s beag luach, ’S nach mair ach cuairt ro fhaoin. ’Thaobh gur iad oighreachan na slàint’, Dh’an tug e gràdh bho chéin, Bidh aingle Dhé mu’n cuairt dhiubh ’ghnàth, ’S gach àm cruaidh-chàis no stréup; ’S bidh làmh-an-uachdar ac’ gu bràth, Tre fheartan gràidh an Léigh; A dh’ fhuadaicheas air falbh gach plàigh, Le neart nach fàilnich béum. ’S e ’n tàbhachd e an àm na féum’, Nach fannaich céum ’n a threòir; ’N uair ’thàrlas dhaibh ’bhi anns an t-stréup, ’S e ’bheir bho ’n éug iad beò; Tha làthaireachd a ghnùis cho sèimh, ’S a ghàirdean tréun gu fòir; Us airm neo-fhailinneach ’bheir béum Do ’n bhéist ’n an déigh ’ tha ’n tòir. Ge lionmhor airc, us teinn, us daors’, D’ a phobull caomh ’tha ’n dàn, Us caoile, ’s acras, ’s tart faraon, An Criosd cha traogh an sàth; ’S ’n uair ’thogar suas an altair naomh, ’S a thig an saors’ ’o ’n àird, ’N sin ìobhraidh iad an cridh’ ’s am maoin, ’S theid casg air caoch na plàigh. ’Nuair ’bhios tiugh dhorchadas, ’s dubh nèul Ri folach èudain uath’, Bidh ’n àghaidh ris an ùir gu léir, ’S an inneal théud gun fhuaim, Thig Grian na fìreantachd bho nèamh, Le slàint’ fodh ’sgèith gu luath, ’S ni ’n Spiorad Naomh an aonadh réidh, Bi nàdur Dhé nan sluagh. Cha ’n aithreach dhaibh-s’ an sin iad féin ’Bhi ’n airc ’s an éis gu truagh; Bidh ’n aiteas àrd air son gu ’n d’ éisd E ’n glaodh ’n an éiginn chruaidh; ’S an cridhe liont’ le aoibhneas réidh ’S a’ Ghaisgeach thréun ’thug buaidh; ’S le gràdh trìd fìreantachd làn éud; ’S do ’m peacadh féin làn fuath. Tha aoibhneas ac’ nach léir do dhaoin’ ’Tha ’n cuid ’s an t-saoghal chré, Tha ’n sòlas mór air sheòl nach saoil ’S nach tuig am baoth gun chéill. ’S cha fhàilnich lòn, tha ’n stòr làn maoin Am feasd nach fhaod dol éug; Tha ’n tobar làn gu bràth nach traogh, ’S na feadain saor ri ’m béul. Ged bhiodh na lòcustan ’n an sgaoth Air feadh gach raoin, us pàirc, Le ’n crùin mar òr, le eòlas staoin, ’S le còmhradh caoin gun ghràs, Cha deanar dochann leo air aon De thréud an Aodhair àird, Oir bheir e féin dhaibh léirsinn saor A chì ’n droch ghaoid fodh ’n eàrr. Tha iad ’n an riochd mar eachaibh arm, ’S gnùis dhaoin’ a’ falbh fodh chleòc, ’N an coslas naomh, le sgleò ’ni ’chealg, ’S le blasdachd labhraidh beòil, Le falt nam ban, ’s le déudach garbh, ’S fiamh ciùin, ach marbhteach fòp’, ’S an earbuill nimheil, géur, le calg Nan gath ’tha searbh gu leòn. Ni iad le ’n sgiathan turbhraich gharbh, Mar chaismeachd charbad réis; Tha ’n eòlas cinn, ’s an gliocas foirm A cumail seirm ’n am béul; Le bòsd á cainnt bho inntinn mhairbh, Mar ghaoith á balg gun fhéum, Cho seòlt’ ri Nimròd gu bhi ’sealg, ’S a’ goid air falbh ’n droch éisg. ’N uchd-éididhean mar iarunn tréun, Le facal Dhé ’n an ceann; An cainnt an Sgriobtuir iad cho gléusd’, ’S mu bhrìgh an Sgéil ro dhall; A’ deanamh dìdeann dheth ’n deagh-bhéus, ’S e togt’ air stéidheadh meallt’; ’S cùis-thruais na doill a bheir dhaibh géill Nach tuig ro mhèud am fabht. Tha ’n aidmheil maiseach le deagh sgèimh, ’S an cridh’ gu léir làn lùb; Gun ghràs, gun anail annt’ bho nèamh, Ach lobhte, ’s brèun, ’n an grunnd; Tha ’n nimh ’n an earbuill, ’s iomadh béud Nach faic an léirsinn sùl; Tha ’m puinsean falaicht’ orra féin, ’S nach faic iad è bho ’n cùl. Ach ’dh’ aindeoin seòltachd, innleachd, ’s cealg, Nan làmh a dhealbh a’ bhéist, Le miodal mìn, no ionnsaidh ghairbh, Cha dean an armachd bèud Do phobull saoirt’ an Uain ’bha marbh, ’S tha beò gu calma, tréun; Tha ’ chùmhnant siorruith dhaibh cho dearbh ’S gu ’n d’ fhuair iad sealbh ’n a shéul’. [TD 119-128] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 129] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] CEUD MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. [53 AIR. TUS AGUS NADUR DIBHE LAIDIR. THA anns an t-saoghal còrr a’s leth-cheud priomh-dhuil, de ’m bheil gach ni air a dheanamh suas, agus buaidhean air leth aig gach aon diu. Tha neart de na nithe a chi sinn air an deanamh suas de dha no tri de na duilibh so air an coimheasgadh. Tha cuid diu nach gabh faicinn idir. Dhiu so tha ’n da stuth de ’m bheil an t-aile air a dheanamh suas. Tha ’n cuigeamh cuid deth de ’n phriomh-dhuil ris an abrar oxygen, agus a chuid eile de nitrogen. Nise cha b’ urrainn neach air bith a bhi beo ach uine ghoirid ann an aon de na dùilibh sin air leth. Tha uisge, a rithisd, air a dheanamh suas de hydrogen agus oxygen; da stuth a loisgeas mar ghual nuair nach ’eil iad measgta feadh a cheile. Mar so tha an staillin soilleir cruaidh a fas ’na luaithre ruadh, agus gach seorsa feòla nan ni breun, nuair tha ’n t-aile a drughadh orra. Faodaidh tu nise a thuigsinn ciamar tha ni cho milis ri siucar air a tho’irt á eorna agus a buntata grod, agus ni cho garg loisgeach ri uisge-beatha, á siucar. Tha siucar air a dheanamh suas de dha stuth ris an abrar ’sa Bheùrla carbonic acid agus alcohol. Ma chuirear beirm ri siucar air a leaghadh ann am burn, agus gun d’ theid fhagail air dhoigh a’s gun ruig an t-aile air, tha sgaradh air a chuir eadar an dà stuth ud: tha blas milis an t-siucair a falbh agus ’na aite tha blas garg an alcohol, air a choimheasgadh le blas geur an acid. Ged a tha am burn agus iad so fhathasd an ceann a cheile, gidheadh tha iad a nise ’nam boinneagan air leth feadh an uisge. Roi’ so bha an t-alcohol agus an t-acid air an coimheasgadh air dhoigh ’s gun robh gnè gach aon diu air a chall, mar anns an t-siúcar thioram. Tha an stuth a nise ’na leann. Gabhaidh stuth coltach ri so deanamh de gach deoch anns am bheil siucar, mar a tha sùgh nan ubhlan agus nam fion-dhearcan. Oibrichidh sùgh mheasan mar iad so, gun bheirm idir, ma dh’ fhagar iad sgaoilte ’s an aile: ach ma dhuinear suas iad ann an soitheach, cha’n oibrich. Ach far am bheil a mhain siucar agus uisge glan, no stuth mar bhrailis, cha’n oibrich e gun bheirm a chuir ris. ’S e na tha de mhùthadh eadar fion agus leann, gur e fuigheall nam fion-dhearc a th’ anns an dara h-aon, agus fuigheall eorna no slait-shiucair a th’ anns an stuth eile, maille ri uisge, carbonic acid, agus alcohol. Ma leigear leotha seasamh anns a ghaoith car uine bheag, falbhaidh an t-acid feadh an athair agus caillidh iad am blas geur; ach tha iad cho garg agus cho laidir ’s a bha iad roimhe; oir is e an t-alcohol a mhain a tha a’ losgadh agus a’ togail misg. Ach ma bhlaithichear iad, tha ’n t-alcohol agus beagan de’n uisge ag eiridh comhla ris an acid; agus mar is treise an teine, ’s ann is mugha a dh’ eireas [TD 130] de’n uisge. Nise ma ghlacar an toit ann am feadan fada fuar, coltach ri cnuimheag na poite duibhe, tha an t-alcohol agus an t-uisge ag éiridh nam boinneachan an ceann a cheile, ach tha an t-acid a sgaoileadh feadh an aile. Tha, mar an ceudna beagan de stuithean sleamhain eile, a bh’ anns an leann no ’s an fhion, a leantuinn riutha; agus ’se so a mhain is aobhar air na tha de mhuth eadar branndi, rum, agus uisge-beatha, ach gum bheil beagan tuill’ uisge ann an cuid diu na th’ anns a chuid eile. Tha gach aon diu soilleir mar uisge-beatha gus am bheil dath ’g a chuir orra, an deigh a bhi air an tarruinn. ’S ann as an t-siucar a mhain a tha an t-alcohol a tighinn; agus cha’n ’eil an t-atharrach is lutha eadar an t-alcohol a th’ ann an uisge-beatha agus an t-alcohol a th’ ann an leann, no ann am fion, no an dibhe air bith eile. Tha doigh aig daoine foghluimte air an t-alcohol a sgaradh gu tur bho gach ni eile: agus mar so fhuaras a mach gum bheil tuille as leth an uisge-bheatha ’na alcohol, agus gur uisge glan, gu inbhe bhig, a chuid eile. Is alcohol an ceathramh cuid de ’n fhion a thatar ag òl anns na rioghachdaibh so: agus mar sin tha e soilleir gum bheil dà ghloine fhion faisg air a bhi cho druighteach ri aona ghloin uisge-bheatha. Mar is treise an stuth, ’s ann is mugha an diughail. Nuair a tha uisge an ceann alcohol, cha ’n ’eil an t-aon tomhas deth baileach cho garg ’s a nuair a tha e gun mheasgadh agus uime sin feumar beagan tuille dheth òl mu ’n druigh e air neach cho searbh ’s a nuair nach ’eil sion ’n a cheann. Ach ’se so na tha de mhùth eadar a bhi ’g òl, alcohol ghlan agus a bhi ’g òl leann, fion, uisge-beatha no deoch air bith de ’n t-seors. Tha mi creidsinn gum bheil fios agad fhein, a leughadair, gum feud duine a’ bhi air mhisg le leann no le fion cho math ’s le uisge-beatha: tha ’n tuille dhiu sin cho diubhalach air gach doigh ri tomhas n’ a’s lutha de ’n uisge-bheatha. Feudar a thuigsinn, on bhlas a th’ air alcohol, agus mar a sgaoileas e ’m beul, nach biadh no deoch e. Thug ar Cruitheir dhuinn ar blas agus ar faireachdainn a chomharachadh an ni a tha feumail bho ’n ni a tha cronail do ’r pearsa. Nise nan tugamaid uisge-beatha do neach nach cualadh ni riamh mu dheibhinn, ’s ann a chuireadh e mach e agus braoisg air, mar is minig a chithear air daoine an deighe balgum dibhe a shlugadh; cha dean duine paiteach mar sin an deigh uisge òl; ni mo a tha iotadh a fantainn an deighe dha gu leoir òl. Ach tha alcohol garg, loisgeach; agus an aite e chasgadh pathaidh, mar is mugha a dh’ olthar dhe, ’s ann is mugha ar patha, agus ’s ann is mugha ar deidh air tuille, a mheud ’s ’g an òl sinn. Tha clann an toiseach ’g a shlugadh gu sgairteil, ged a bheir e deoir bho ’n suilibh, on a tha iad a’ smuaineachadh gum bheil e cluiteach dhaibh gun smuairein a ghabhail a ni a tha ’g an goirteachadh; agus mar so tha iad ag ionnsachadh òl gu toileach. Nuair a tha alcohol a ruigheachd a ghoile, tha e ’g a sgaldadh; agus ma tha neach a leantainn fada air a bhi ’g a òl tric, tha e a losgadh air falbh a chochaill a tha a’ comhdachadh taobh a stigh a ghoile gu leir.* Nise tha so baileach cronail: oir nuair a loisgear an comhdach so, tha an sùgh a tha a’ sruthadh troimhe a’ call a chuid mhòr d’ a neart; agus ’se ’n sugh so is meadhon * Fhuaras so a mach le dearg-lighichibh a dh’ fhosgail cuirp dhaoine a bha tròm air an deoch: agus ’s ann mar so a fhuaras a mach gu coimhlionta an doigh anns am bheil deoch laidir ag oibreachadh air pearsa an duine. [TD 131] air a bhiadh a chnamh. Tha alcohol a cuir bacadh air cnamh a bhidh, cuideachd, a cheann gun cùm e ni air bith a chuirear ann gun chaochladh. Nuair is math le leigh ball-cuirp a chumail gun ghrodadh, cuiridh e an alcohol e. Loisgidh so an taobh a mach dheth; ach cha tig muthadh tuille air, ged chumtadh an sin mile bliadhn’ e An deighe a bhi uine bheag anns a ghoile, tha an t-alcohol a dol am measg na fala, agus a’ sgaoileadh air feadh an eanachainn, agus gach ball de ’n chorp. Tha e nise a’ cuir teas feadh na colluinne gu leir; agus tha daoine a faineachadh a bhi ni ’s beothaile, ni ’s misneachaile, agus ni ’s neo-omhailiche mu gach ni; agus tha an smaointean troi’ a cheile, air dhoigh ’s nach urrainn iad cuis dhomhainn a rannsachadh mar air uairibh eile. Mar so tha an lasanan agus an anamiannan air an neartachadh, agus an tuigse aig a cheart am air a cuir fo mhi-riaghailt. Tha daoine an sin deas air nithe a labhairt nach bu choir dhaibh, air a bhi cuir bòsd asda fhein, agus a deanamh tair air daoin eile, agus air geilleadh do gach droch run a dh’ eireas ’n an inntinn. “Amhaircidh do shuilean,” arsa Solamh, “air mnaibh coimheach, agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona; agus bithidh tu mar an ti a luidheas sios ann am meadhon na fairge, no mar esan a luidheas air barr croinn siuil” Gnath-fhocal, caib. xxiii. v. 33, 34, Mar so tha daoine fo chumhachd deoch laidir air an tarruinn gu braid agus neoghloine, gu connsachadh, trodadh, agus math a dh’ fheudte gu mort. Tha Breitheachan agus Maoir a Chruin ag radh gur h-e ’n t-ol is aobhar corr a’s da thrian de na ciontaibh a th’ air an cuir an gniomh air feadh Bhreatann. Bheir bodach de dh’ alcohol glan bas duine an uine ghearr agus foghnaidh leth-bhodach do neach òg. ’S e ’m fàth nach ’eil daoine a tha ’g òl tuill’ a’s so a’ basachadh nach ’eil iad ag òl moran deth comhladh; oir an deigh dha sgaoileadh feadh na fala, tha moran deth gu h-ealamh a’ tighinn amach troi a chraicionn agus ’s an anail. Ged a tha e a’ dol am measg na fala, cha ’n eil boinne dheth a’ fas ’n a fhuil, mar a tha gach seorsa bidh. Tha so a feuchainn nach ’eil toradh air bith ann; oir tha dearbh fhios aig daoine foghlnimte gur ann as an fhuil a tha an corp gu leir air a bheathachadh. Cha ’n eil an alcohol ach gual a’s uisge; agus chan ’eil e a toirt neart do dhaoine ni ’s mugha na tha a chuip a toirt neart do ’n each. Tha e cuir teas agus buaireas feadh na fala; agus uime sin tha moran a’ smaoineachadh gum bheil e ’g an neartachadh. Ach beachdaicheadh iad ciod a tha tighinn ’n a dheighe; agus chi iad gur ann a tha e ’ fàgail dhaoine fann agus anfhulanach. ’S e fois a’s biadh amhain a shuidhich Freasdal chum neart ath-bheothachadh, agus foghnaidh iad so; a’s cha ’n ’eil feum an ni eile. Ged a tha e cuir teas feadh a chuirp an toiseach tha e a fosgladh pòran a chraicinn, agus tha an duine a rithist ni ’s buailtiche do fhuachd agus ni ’s fhuaire na bha e mus an d’ òl e boinne dheth. Mar so chualthar mu iomad neach a mheilich le fuachd an taobh tuath America, a cheann gun d’ òl iad mòran branndi ri latha reota geamhraidh. Labhair na baird moran mu ’n chridhealas a tha ’g eiridh bho dheoch laidir; ach b’ e sin cridhealas na boilich agus na connspoid, a dh’ fhagadh daoine tiamhaidh, crosda, an lath’-arnamhaireach. Cridhealas gu dearbh! Ciod an cridhealas a th’ aig bean agus cloinn a mhisgeir nuair a tha iad ’n an [TD 132] crùban gu luideagach, acrach mu theallach fuar, lom, agus esa ag ol ’s an tigh-leanna an ni bu choir biadh agus aodach a cheannach dhaibh, agus a chuireas fuaim a cheuman a tighinn dachaidh sgàth orra, agus cha ’n e aoibhneas, mar bu chubhaidh? Be sin cridhealas na bochdainn agus na truaighe! Ciod an cridhealas a th’ aig a chairdibh nuair a tha e ’g an ruigheachd cho goirt ’s gum bheil iad cuid de dh’ uairibh a rùnachadh gun tigeadh crioch air a laithibh? Ma ’s math le daoine stuth diubhail òl a ni cridheil iad car seal, faidheadh iad luach sgillinn no dha de ’n aile ris an abrar ’sa Bheurla laughing gas. Bheir so orra garachdaich gun allsach, agus leum le h-aoibhneas; agus ged a tha e cronail, cha ’n ’eil e cho cronail ri alcohol, agus tha e mòran ni ’s saoire: no ma ’s math leo ni a bheir mor-shubhachas dhaibh, oileadh iad beagan opium. Bheir sin orra bhi cho sona ciuin ’s ged a bhitheadh iad am flaitheas. Tha ’n stuth so gun teagamh ro chronail, laidir, oir ’se a tha moran a gabhail nuair a tha iad a cur as daibh fhein; ach cha chuir e daoine air chaothach mar a ni alcohol. Tha so cuideachd cheart cho laidir, cronach; oir tha e toirt bàs moran feadh nan rioghachdan so gach latha; agus ma dh’ òlas duine dheth uimhir ’sa dh’ oladh neach paiteach de dh’ uisge, bheir é bàs obann air. Tha na nithe sin a feuchainn gu’m faod iomad ni cronail gean a chuir air daoine, agus faochadh a thoirt daibh car tiota. Be bhi cur as teine le bhi cuir connaidh air, bhi ’g òl alcohol chum pathadh a chasgadh: oir ’s ann a chuireadh e tart air daoine air nach ’eil pathadh. Tha deoch laidir a fagail dhaoine ni ’s buailtich do gach seorsa galair; agus ni ’s taise an deigh a gabhail: agus a bharr air a so, tha i togail mòran ghalaran do dhaoine gun aobhar air bith eile. “Cha ’n aithne dhomh aon ni eile,” ars an Leigh Trotter, “a tha togail tuille eucail na deoch laidir.” “’Se ar barail” arsa tri air fhichead de na Leighibh a ’s ainmeile an Lunnuinn,” nach ’eil ni a b’ fhearr chum anshocair a laodachadh, agus slainte a chumail ris gach neach, na sgur gu h-iomlan de bhi ’g òl deoch laidir.” “Air gach ball de ’n chorp air an druigh i,” ars an t-ollamh Allen, “tha i ’g oibreachadh mar phuinsein.” * Tha na daoine ris an abrar Quakers comharaichte air son a bhi seachnach air deoch laidir; agus uime sin tha am beathasa, a reir a cheile, ceithir bliadhna deug ni ’s fhaide na beatha a chuid eile de ’n t-sluagh. Tha cuid de ghalaraibh sgrathail do ’m bheil misgeirean amhain buailteach. Cha ’n fhaod daoine a bhi smuaineachadh nach ’eil deoch laidir a’ deanamh coire dhaibh ach nuair a tha i ’g an goirteachadh; oir tha leighean ag innseadh gum bheil i deanamh coire an cònaidh, air cho beag ’s ’g an gabhthar dhi, agus gum bheil neach cuid de dh’ uaribh gun ghoirteas air bith, nuair a tha taobh a stigh a ghoile air iongrachadh le dibhe. Mar so tha moran ’g am mealladh fhein mar a bha ’m fear a thubhairt gun robh esa ’na ioma shlainte ged a bha e ’g òl moran leanna car fhichead bliadhna, agus bhasaich e leis an t-ath latha. Cha ’n ’eil beathachadh idir an uisgebeatha, no deoch laidir air bith a th’ air a tarruinn mar sin; agus cha ’n ’eil beathachadh an leann ach na th’ anns an leann-loisgte, a bheirtheir do na mucaibh. Cha ’n fhearr fion no portair. * Chitear na teistneasan sin, maille ro moran eile, an da leabhar a chuireadh a mach, le Maighistir Beardsall agus Maighistir Parsons, da Mhinisteir Sasunnach. [TD 133] Tha cor moran sheoladairean agus dhaoin’ eile a leig dhiu deoch laidir gu tur, a dearbhadh gur ro mhearachd barail nan daoine a tha smuaineachadh gum bheil alcohol a neartachadh neach; oir tha iad uile ag radh gum bheil iad ni ’s treise ’s ni ’s cruadalaiche, agus ni ’s murraich air mòran obair a chur troi laimh na bha iad an uair a bha iad ag òl a bheag no mhòr dhi. Tha mile mhilltean pund Saghsonnach leth-cheud uair thairis air a chosdadh gach bliadhne ’s na riogh achdaibh so air deoch laidir, suim, a chumadh suas na bheil de shluagh an Albainn car thri bliadhna. Chuireadh na thatar a’ cur a h-aithne dh’ eorna an Breiteann comhdach, slat air dhoimhnead, air rathad mòr, coig slat air leud àgus da cheud agus sea mile deug air fad. Tha deoch laidir a toirt moran tuille call air an rioghachd na tha an stuth a’ cosdadh; oir tha i toirt moran dhaoine gu bochdainn a’s laigse, a tha ’n sin a tighinn beò air daoin eile, agus tha na milltean a tha i toirt gu cionta nan eallaich air an duthaich, air dhoigh no doigh. ’S i is aobhar air moran de na losgachaibh caillteach a tha tachairt tric air feadh na rioghachd, agus air iomad long bhriseadh, far am bheil moran bathair air a chall an conaidh, agus iomad uair beatha dhaoine. A bharr air a so, tha i tarruinn air daoine moran ghalaran agus chuisean lagha, a tha cosd ro mhoran airgid. Math a dh fheudte gun abair thu gum bheil leighean gu tric a comhairleachadh do dhaoine deoch laidir a ghabhail, airson feum an slainnte. Ach tha mise ag radh riutsa gum bheil leighean mar so a toirt iomad neach gu dubh mhisg. Cha bu choir dhaibh so a chomhairleachadh uair air bith oir cluinn ciod thubhairt Johnson, leigh ainmeil an Lunnuinn. “Tha mise ag radh gum bheil iad” (s e sin deochan laidir) anns gach cuis cronail mar dheoch, agus nach ’eil feum orra mar leigheas, a cheann gum bheil stuithean eile againn a ni an gnothach a cheart cho math, mur dean ni ’s fhearr.” Ach tha leighean ’g ’a toirt do shluagh euslan iomad uair, cheann gum bheil iad furasd am faotuinn, agus taitneach do ’n ghoile a thug iad fo ’n leigh. Thachair do mhoran de leighibh mu alcohol mar a thachair dhaibh bho cheann fada mu lotaibh. Bha e chleachda aca ola goileach a thaomadh orra agus theireadh iad nach gabhadh lot leigheas ceart gun so. Thachair do Fhrangach do ’m b’ ainm Paré aon uair nach b’ urrain da ola fhaotainn; agus mar sin fhuair e doigh air lotan a leigheas ni b’ fhearr gun ola idir. ’S e thabhairt leigh Gallda ri brathair-ceird da an Dun-eidin: “cha bu choir dhuit a bhi cho dian an aghaidh dibhe, oir ’s ann oirre a tha sinn a deanamh moran de ’r coisneadh.” Tha so leigeadh ris aon aobhar airson cuid de leighibh a bhi air taobh an òil. Tha cuid de na leighibh a’s fhearr an Dun-eidin ’s an Lunnuinn air leigeadh dhiù bhi ’g orduchadh dibhe an cuis air bith. Ma bha daoine faotainn a chuid a b’ fhearr de na h-eugailibh airson an robh na Gaidheil a toirt uisgebeatha dhaibh, ’s ann a dhaindeoin air an leigheas mar bu trice, ’s cha b’ ann le chònadh, mar a chi neach air bith a smuainicheas air buaidhibh alcohol. Cha ’n ann air pearsa agus air sporan duine amhain a tha deoch laidir a drughadh: tha i milleadh a chinn agus a chridhe cuideachd. Tha mheamhair a failneachadh, agus tha an tuigse air a h-anfhannachadh ’s air a dalladh; agus tha an cridhe a fas fuar gun fhaireachdainn. Tha gach aon duine a bha riamh trom air an deoch ’na dhearbhadh air a so. [TD 134] Tha iad a fas clannail, gun seagh, gun fhirinn, agus gun onoir; agus ma gheobh iadsa pailteas dibhe ’s coma leo ged rachadh an saoghal a dhith. Nach uamhasach an sealladh duine tapaidh, gasda, teobh-chridheach fhaicinn air a thoirt chum na staid so! Ach math a dh’ fheudte gun abair thu—“O, ’sann bho anameasarrachd tha so uile a tighinn; nam fanadh daoine air cuimse, cha bhitheadh ni am mearachd.” ’S ann an so a tha chealgaireachd air am bheil Solamh a’ labhairt. Mur blaiseadh daoine boinn’ idir, tha e soilleir ri fhaicinn gun rachadh a mhisg agus gach diubhail a tha ’n a lorg air chul a dh’ aona bheum, Ach ged a bha an langan so, fanaibh air cuimse, an cluasaibh dhaoine bho cheann còr a’s da mhile bliadhna bha a mhisg a sior neartachadh gus ’n do theann sluagh ri leigeil dhiu a bhi ’g a bhlas. Bha gach neach lan dearbhte nach d’ tigeadh an latha ’s am bitheadh esa na mhisgeir: ach a dh-aindheoin gach comhairle agus earail a ghabhadh toirt daibh, thainig an latha ’s an robh milltean diu nan dubh mhisgeirean. Tha e furasd fhaicinn carson a bha na comhairlean ud gun fheum. “Fanaibh air cuimse,” ars iadsa; ach cha d’ innis iad daibh ciod e cuimse, oir cha b urrainn daibh, cha robh dhaibh tomhas sonraichte ainmeachadh; oir cuiridh tomhas nach aithnich fear aige misg air fear eile; agus cha ’n e an tomhas a chuireadh misg air neach an uiridh a chuireas misg air am bliadhna. Cha mhugha a b’ urrainn daibh a radh, mar a dh’ fhaodadh iad a radh a thaobh biadh a’s deoch, iad a ghabhail gus nach bitheadh deigh aca air tuille; oir mar is mugha a dh’ òlas neach ’s ann is mugha a dheigh air tuille. Cha robh math dhaibh a radh iad a dh ’òl gus am faireadh iad an cinn a fàs eatrom; oir air cheann sin bhitheadh daorach bheag orra. Ach ’s ni faoin a bhi a’ bruidhinn air cuimse an leithid so de chuis. Se cuimse, gu leoir de ni feumail. Cha ’n urrainn cuimse a bhi an nithe cronail. B’ amaideach do neach a radh nach robh eucoir cronail nam fanadh daoine air cuimse; agus tha e cheart cho amaideach a bhi ’g radh nach ’eil cron an deoch laidir ma dh’ fhanas daoine air cuimse, nuair a tha i deanamh cron air cho beag ’s gan olthar dhi. ’S ann o bhi ’g òl beagan an drasd’ ’s a rithisd a thainig gach misgeir a bha riamh air thalamh gu fas deidheil air an deoch, agus gu bhi ’g òl moran. Cha chualas iomradh air neach riamh a thainig gu bhi na mhisgeir a dh’ aona bheum. On a tha nadur an duine agus buaidhean na dibhe direach mar a bha iad, an ni a bha ’s e a bhitheas. Fhad ’s a bhitheas daoine ’g a blasad, thig moran diu gu bhi ’n am misgeiribh. Tha gach neach deas air a bhi ’n duil gun teid esa as, on a chaidh daoine eil as: ach beachdaicheadh e air a chuis gu geur, gun chlaon-bhreith, agus chi e nach ’eil dearbhadh air bith aige nach bi e air aon de ’n dream air an toir an dibhe buaidh. ’S e thug air moran fas trom air an òl gun robh iad am barail nach tigeadh an latha a thigeadh iadsa gu bhi mar so. Tha duine cinnteach nach ionnsaich e ’n t-òl fhad ’s nach blais e boinne, ach ma tha e ’g a bhlasadh cha ’n urrainn da bhi cinnteach. Cha ruig mise leas ni a radh mu ’n doigh anns am bheil daoine carach mealladh dhaoine eile troi mheadhon deoch laidir, agus a faotainn uapa brath air iomad ni nach bu choir dhaibh innseadh; oir cha ’n ’eil moran ’s a Ghaidhealtachd aig nach ’eil fhios air a so a cheana. Nam bitheadh daoine a smuaineach- [TD 135] adh nach dean dibhe coire dhaibh mur òil iad uair air bith gus am bi an dall daoirich orra: oir tha daoine foghluimte ag innseadh gu sonraichte gum bheil a bhi ’g a bhlas tric ni ’s miosa na bhi ’g ol moran corruair, agus gur luaithe bheir e bas duine a tha ’g ol beagan gach latha na bas fir a dh’ olas aon uair ’s a mhios gus am bheil e call a bheachd agus lùs nan cas. Chunncas daoine do ’n do thog a bhlaisemeineachd so an galar ris an abair leighean delirium tremens, no am boile critheanach eucail sgàthach, nach fhacas riamh air neach a bha seachnach air deoch. Dh’ innis mi dhuit gun oibrich sugh mheasan nuair a dh’fhagthar iad sgaoilte fo’n aile. ’S ann mar so, a reir coltaich, a fhuaras amach deoch laidir an toiseach. Nuair a thug Noah * an sùgh as na fion-dhearcaibh, chaidh leigeil leis seasamh an saothach fosgailte; agus mar sin dh’ oibrich e. Nuair a dh’ òl se dheith, thug e ’n aire gun d’ fhas e beothail ’na dheighe: agus mar sin mheallthar e, mar a mheallthar cho lion mile d’ a shliochd ’na dheighe. Shaoil daoine nach deanadh e coire air bith mur òileadh iad gus am bitheadh iad air mhisg; oir nuair nach òladh iad ach beagan cha robh an t-olc cho mòr na cho soilleir; agus tha daoine deas air a bhi leigeil as am beachd nan duibhailcean a tha tighinn an lorg ni a tha toirt toileachadh dhaibh aig an àm; agus mar sin lean daoine air a bhi ’g òl alcohol gus an latha an diugh. Cha robh eolas aig daoine air stuithibh, tarruingte mar uisge-beatha gu naoi ceud bliadhna an deighe teachd ar Slanuighear. Mu’n am sin bha daoine am barail gun gabhadh stuth faotainn a theanndadh gach ni gu h-òr; agus uime sin smuainich ollamh Arabach gum feu- * Faic Genesis, caib. ix. 20,21. chadh e ri fion a tharruinn, gun fhios nach fodhnadh an stuth a thigeadh as; oir bha iad eolach air tarruin roimhe so; agus bha fios aca gun robh an stuth tarruingte moran ni bu treise na ’n stuth ás an d’ thainig e. Rinn e sud, agus ’s ann mar sin a fhuaras a mach branndi no uisgebeatha an toiseach. Cha deanadh e òr na airgiod de ni a chuirthear ann; ach bha e moran ni bu treise gu daoine a bheothachadh car seal na fion. ’S ann airson so a thugthar uisge beatha mar ainm air—ach ’s e uisge bàis ainm bu fhreagarraiche gu mor. Chaidh buaidhean an stutha a mholadh thair tomhas; cha mhor nach tugadh e beo na mairbh, a reir na h-aithris. Bha daoine ’san àm sin ro aineolach, agus deas gu bhi creidsinn gach ni a dh’ innsear dhaibh, a bha idir dealbhach, gun a bhi ’g iarraidh dearbhan pongail gun robh e fior; agus mar sin chreid iad gum bu leigheas ro fheumail alcohol. Ach ’s ann mar leigheas amhain a ghnathaichthear é car sheachd ceud bliadhna, agus cha robh e ri fhaotainn ach am buthaibh nan leigheas-reiceadairean. Ach chomharraich cuid de na h-Arabaich mar a chuireadh branndi daoine air bhoile car seal; agus uime sin thug iad al cohol no al goril mar ainm air, ’s e sin, air eadar-theangachadh, an droch spiorad, agus lean an t-ainm sin gus an latha ’n diugh. Fhuaras amach a rithisd gum faidhtear stuth co-ionnan a leann no ni air bith mar sin; agus their na Gaidheil anise uisge-beatha ris an stuth a gheobhar a leann bracha. Bho cheann còrr us da cheud bliadhna thoisich cuid ri smuaineachadh gur cinnteach gun robh e feumail do dhaoine slainnteach, cho math ’s do dhaoine tinn, ged a tha dearbh fhios aig gach leigh gum bheil gach leigheas cronail do dhaoine slainn- [TD 136] teach; agus mar sin, uidh air ’n uidhe, thainig daoine gu bhi ’g a òl air gach tachartas. P. MACGRIOGAIR. CEOL UR. AN T-URLAR. Chaidh mi steach a ’n àr— Féin a’ fòghnadh leam; Phronnadh mi gu làr Gun neach chòmhnadh leam; Lùgh na feòl’ a’ tàr Air an Neart is Feàrr; Is Tì mòr nam blàr Treis’ nior dheònaich dhomh. Ann an sud an truaigh’ Aig ás-creideamh cruaidh; Thug air m’ anam buaidh— Dh’ fhàg fo leònadh mi; Mheath an t-òran luaidh, Sùil an fhradhairc nuaidh; Thàinig dreach na h-uaigh’; ’S a’ sìor bhrònadh mi. AN-T-URLAR. Och! gur mis’ tha ’m boinn Nach ’eil sòlasach! Peacadh cur á loinn Gu ceann dòlasach; Lag mar naodh á broinn, Math is olc ’g am roinn, Mi gun rath, gun sgoinn, Dall, neo-eòlasach! Tha mo strì gun stà; Mo chur sìl gu bràth Cha toir bladh no blàth A freumh feòlmhoireachd; Nàimh ag ith’ an sàith Air mo raon gach tràth, Tharam le “Aha!” ’N an droch cheòlmhoireachd. AN SIUBHAL. Ach thùirling an Spiorad; Is thug e dhomh deòthas; Is nochd e dhomh uiread ’S a thug mi gu beòthas: An guirme an athar Bha samhladh na cathair Gu loisgeach o ’n sgathar Bhàrr chruinne gach fòtus! Do sgaoil e dhomh rola, Is chuir e leis òrdugh:— Feuch! “Ith!” an sgrìobh fola! E ghortach’ no chòrdadh. Ghabh, ’s dh’ ith mi gu h-ealamh; A’ m’ bheul e mar mheala; Ach searbh a’ m’ bhrù talaimh Bha chnàmh ann am ròdaibh. AN SIUBHAL. Ruith, ruith mi a’ siubhal A’ caiseamachd òrain! A’ spìonadh an fhuigheil A bha ’na fhreumh dòruinn! An croch’ ris a’ ghealladh; A’ dearc’ air an t-sealladh ’S am faicear am mealladh ’S an t-sligh’ air nach sòrainn. Mo cheum troimh chruas lainne A’ gearradh gach dòlais; Ag òl an fhìor bhainne A Tobar an Eòlais; An fhéin an staid fainne; Lòn na feòla an gainne; Am manna an aithne; Is m’ anam làn sòlais. AN CRUNLUATH. Ach dh’ éirich suas gné fhineadail Nach d’ aithnich luach na léige, Le sliochd ás-creidmheach, cineadail A’ dol am boinn na bréige; Bu daor an t-saors’ a cheannachadh,— Gun bheag do bhuaidh no bheannachadh, ’S an dìthreabh air mo theannachadh Le feartaibh dall an éige! Ach lughdaich duibhr’ nam meallaidhean, A’ foillseach’ gréin ’na sgèimhe, A sheòl le gathan gheallaidhean Troimh ghlinn nan neul gu sèamha; Dh’ fhalbh fàsach cian na fealtaireachd, Le bhlàir, le chreuchd, ’s le spealtaireachd; ’S tha mi fa-dheòidh gun ghealtaireachd A’ coimhead raoin nan nèamha. B. N. F. LITREACHAS. LEIS an fhacal Litreachas tha sinn a’ tuigsinn na sgrìobhaidhean anns am faighear smuaintean is faireachduinean na cuid do’n chinne-dhaonna air an do bhuilicheadh tomhas do thuigse. Ann am briathran eile is e Litreachas anns an t-seadh is àirde modh labhairt troimh sgrìobhadh eadar fear agus fear ’nan nàdur agus ’nam faireachduin mar dhaoine. Gheibh sinn Litreachas mar so ’ga roinn féin a mach ann [TD 137] am meòir do smuain agus do eòlas aig am bheil am freumh ann an inntinn an duine. Tha meur na h-Eachdraidh ann; meur na Feallsanachd; meur na h-Ur-labhrachd no na h-Ealantachd; agus meur na Bàrdachd. Ged is ann an sgrìobhadh a gheibhear gach gné Litreachais, gidheadh cha’n ’eil a’ h-uile sgrìobhadh airidh air a bhi air a ghabhail a steach fo’n ainm Litreachas. Tha mar so dà sheòrsa Litreachais ri ’m faotainn. Tha seòrsa ann a tha siùbhlach, ag atharrachadh leis an là is leis an lìnn; agus tha seòrsa ann a tha buan a sheasas maireann cho fada agus a bhios cridheachan agus inntinnean dhaoine do’n ghné de ’m bheil iad a nis. Anns an Litreachas a tha siùbhlach no caochlach gheibhear na sgrìobhaidhean a tha do ghné shuaraich no shalaich, agus a’ chuid a tha tioram gun suspainn nach ruig no nach drùigh air anam coitcheann a’ chinne-dhaonna. Sgeul rùisgte nach ’eil air a shuidheachadh ann an corp do chainnt sgeineil shnasmhoir; prionnsapalan leth tromach nach ’eil ag éiridh a mach á fìor nàdur an duine; òraidean no searmoinean anns nach ’eil blas no brìgh; agus ranntachd nach ’eil binn no buadhach,—na leabhraichean no na sgrìobhaidhean anns nach faighear ach a’ ghné dhiombuan so do litreachas cha bhuin do ’n t-seòrsa a tha buan no maireannach. I.—EACHDRAIDH. Cha chanar eachdraidh anns an t-seadh cheart ri leabhraichean ghinealach anns nach faighear ach stiall fhada do ainmean, Mac Dhòmhnuill, Mhic Iain, Mhic Choinnich, &c. ’S e eachdraidh anns an t-seadh is àirde sgeul fìor mu ghnìomh, mu euchd, is mu fhàs suas a’ chinne-dhaonna, mar tha an cinne-daonna ’na aon no ann an cinnich fa leth. Mar bhuill do ’n chinne-dhaonna tha sinn a’ gabhail tlachd coitcheannan ann an eachdraidh mar chuspair meadhrachaidh. Oir tha sinn a’ faotainn iomraidh ann an eachdraidh air modh oibreachaidh cumhachdan agus feartan gineadail nàdur an duine. Chì sinn an sud reuson a’ tionnsgnadh agus ag giùlan a mach a chrìochan iomchuidh féin; agus mar an ceudna an toil, dian lasanta, do-lùbaidh is rag, no fulangach. A rìs tha e cho tlachdmhor leinn a bhi sealltuinn air féin-ghloir is féin-iarrtuis ’nan ròidibh ciontach agus a tha e bhi ag amharc air strì ionmholta an fhir aig am bheil gràdh agus math a dhùthcha a’ lasadh le chéile ’nan rùn teinnteach ’na chridhe. Oir ann an sud tha againn sruthadh a mach air dà thaobh nàdur an duine; agus tha déigh againn air a bhi faicinn dhaoine ’nuair is miosa agus an uair is feàrr a tha iad. Cha ’n ’eil a bheag do eachdraidh is fiach againn anns a’ Ghàilig an taobh a mach do ranna ginealach is sgeulachdan nan seanachaidhean nach maireann. Cha deachaidh na cnàimh eachdraidheil a chruinnich iadsan ri chéile a chòmhdach fathast le falluinn feòla ùr-dheiseach na h-eachdraidh. Thug Mac-Calum is Mac-Aoidh ionnsaidhean math air eachdraidh na h-Eaglais—mìr beag dhi co-dhiù—a thoirt duinn; agus thug Clan-Choinnich cùnntas nach dona air eachdraidh choitcheann ar dùthcha. Ach cha ’n ’eil an sud ach oidhearpan beaga làimh ris na sgrìobh Herodotus is Thucydides ’s a’ Ghréig, Livy is Tacitus ’s a’ Ròimh, Guizot, ’s a’ Fhraing, agus Gibbon, Hume, is MacAulai, &c., ann an Sasunn. Tha eachdraidh a’ Ghàidheil ’na thuineachadh is ’na fhàs is ’na thighinn a mach ann am Breatunn agus ann an Eirinn fathast gun sgrìobhadh. [TD 138] II.—FEALLSANACHD. Is e feallsanachd no gràdh gliocais no eòlais aithne bhi againn air cliù cumhachdan ar n-eòlais, ar faireachduinean, ar n-iarrtuis, agus ar toilean. Cha ’n ’eil mòran am measg nan Gàidheal ’nan seann sgrìobhaidhean air na cuspairean so; ach tha beagan do litreachas ri fhaotainn mu chuid do na h-ealainibh a tha toirt eòlais duinn air feartaibh na talamhain is air laghan a’ chruinne-ché. Canar feallsanachd ris an so mar an ceudna; ach cha bhuin e anns an t-seadh is àirde do litreachas. Tha eòlas nan ealan so cho caochlaideach, cho diombuan, an diugh ann is am màireach ás, no cho-dhiu air atharrachadh, gus nach gabhar e a steach fo’n ainm litreachas. Cha ’n ’eil teagamh nach robh fios aig na seann Draoidhean air mòran mu chuspairean nàdurra do’n t-seòrsa so; ach chaidh a’ chuid is motha d’an eòlas am mughadh maille riu féin. III.—EALANTACHD. ’SE còirichean agus leas a’ chinne-daonna na cuspairean air am bheil ealantachd no ùr-labhrachd ’ga cleachdadh féin. Feudaidh ùr-labhrachd a bhi ann an òraidean a chaidh a labhairt no ann am feadhainn nach robh ach air an sgrìobhadh. A bhàrr air ealantachd shearmoinean gheibh sinn ùr-labhrachd air a cleachdadh a dhìon còirichean an t-sluaigh—an saorsa, an glòir no an onoir chineadail, an neo-eiseamalachd, agus gach ni aig am bheil feum coitcheann; mar an ceudna a chur ás do olc, a sheasamh an neochiontaich, agus a ghiùlan a mach gach òrduigh modhannail. IV.—BARDACHD. Is e bàrdachd co-chòrdadh eugnaidh ann an cainnt bhinn bhlasda eadar an saoghal faicsinneach am muigh agus an saoghal neo-fhaicsinneach a stigh—eadar dathan, cruthan is coslais a’ chè nàdurra agus faireachduinean, staidean, agus iarrtuis anam duine,—is e bàrdachd còrdadh aonachd is tuigse a thoirt a mach mar so á coltais agus á prionnsapalan saoghal nan spiorad agus an t-saoghail neo-reusonta. SAMHLAIDHEAN. CHO fliuch ri iasg—cho tioram ri seich, Cho beò ri eun—cho marbh ri cloich; Cho brisg ri glaine—cho righinn ri teud, Cho mall ri seilcheag—cho luath ri steud; Cho làidir ri each—cho lag ri caot, Cho milis ri siùcar—cho neo-bhlasd ri sgaot Cho geal ri lili—cho dubh ri sùith, Cho mear ri piseig—cho tinn ri cù; Cho dòmhail ri peatraid—cho sùmhail ri sgadan, Cho reamhar ri muic—cho bochd ri radan; Cho dìreach ri saighead—cho cam ri bògha Cho bàn ri léine—cho dubh ri gobha; Cho carrach ri creig—cho lom ri bòrd. Cho geur ri sgian—cho maol ri òrd; Cho cruaidh ri spor—cho bog ri ìm, Cho luaineach ri sìd—cho cinnteach ri tìm; Cho fìor ris an t-Soisgeul—cho fealls’ ris an duine, Cho caochlach ri bean—cho deimhin ri gunna; Cho teth ri àmhuinn—cho fuar ri sneachd, Cho lag ri cuileig—cho laidir ri seachd; Cho aotram ri it—cho trom ri luaidh’ Cho glas ri feur—cho ruadh ri luaith; Cho mall ri as—cho bras ri tuil, Cho geal ri latha—cho dearg ri fuil; Cho garbh ri ròcas—cho binn ri bàird, Le mìl’ samhl’ eile riu so ann an càird. [TD 139] DAN LEIS A’ CHEANN-FHEADHNA BLACKIE. (O’N BHEURLA.) ’NUAIR a thriall mi sìos Gleann Spiathain Thar a’ bhruthaich uaine fheuraich, Le ceum eutrom thàrr mi suas Ri àille chasthruim dheuraich. Bha ultach aice air a druim Is pasgan ann a làimh, Is bha i aindeonach a’ falbh Mar eilthireach làn cràidh. “Aille luraich!” arsa mis’— ’Sa duail òrfhuilt sìos o cùl, Le sùilibh donn, is ballaibh fionn, Bha cho grinn do shealladh shùl— “Aille luraich, air là geal samhraidh Dé fàth do choltais thruaigh, Bhi falbh gu tiamhaidh casruisgte Air slighe chloiche chruaidh? “Tha mis’ ùr laidir le deadh chaiseart Is tha thus’ fo uallach trom; Gluais ni’s cridheil’, is leig dhomhsa Na h-ultaich a ghiùlan leam.” “Cha leig, cha leig!” ars’ is’ “cha’n fheud mi; Giùlainidh mi-féin na fhuair; Do mhath no olc na ’s toil le Dia Mo chuibhrionn biodh leam gach uair.” “Ach tha dhà leatsa, ’s mise falamh, Tabhair dhomhs’ aon ’s thu sgìth; An t-eallach a tha air do dhruim ’S a thruime ’na bhristeadh-crì.” “Cha’n e, cha’n e!” ars’ is’, “ma’s àill leat, Am fear so, làmh eil’ an còir An fhir ud cha téid a thoirt o’n Ghleann A nunn thar’ na mara mòir’!” “Ma ta, ma ta; ach innis dhomh Gu dé tha ’n luib do sgòid Tha thu toirt leat le aire chaoimh, ’S thu ’gad chlaoidh le stùr an ròid? [TD 140] “Is cosmhuil e ri tìodhlac ghrinn O charaid an àm bhi dealach’; Dh’ fhaoidt’, mar ’s e àbhuist nìghneag ghleusd, Do thochradh tha leat ’s an eallach.” Chrath i a làmh gu tiamhaidh ’S i ’g aomadh a sùil gu làr: “Na bi ri feala-dhà—’s e th’ ann Sgrathag o uaigh mo mhàth’r!” Cha dubh’irt mi facal: air taobh an ròid Shuidh sinn a’ sileadh dheur; ’S cha ’n facas driùchd bu ghloine ’n là ud A’ laidhe ’na bhraon air feur. FACAL MU UGHDAR AN DAIN. Bha iomradh anns “A’ GHAIDHEAL” roimh ’n fhear mu dheireadh air an oilear ainmeil Blackie; bha na bh’ann glé shnasmhor agus cliùiteach; ach shaoil mise gu ’m biodh barrachd ann mu ’n Cheann-fheadhna ùr a fhuair na Gàidheil anns a’ cheatharnach so air an do thuit falluinn Osein gu bhi còmhdach’ le briathraibh binn ealanta spiorad Fhinn a tha chòmhnuidh a steach. Shaoilinnse, mar b’ e gnàth na Féinne ’n uair shuidheadh iad aig fleagh an déigh na buaidh, agus mìle bàrd a’ togail an dàin, gur h-ann a bhiodh mìle bàrd an dràsd a’ togail cliù a’ Chinn-fheadhna ùir ann an dàn dian lasanta no ann an rosg ruithteach anmadail d’ am biodh mac-talla maireannach a’ freagairt á com cridhe aosda nan Gàidheal o ’n Charbh is o ’n Ord Ghallach gu Cinn-tire, is gus an Roinn Ilich. Cha’n ann do “’N GHAIDHEAL” na do Ghàidheil feadh an domhan a ruigear a leas toiseachadh air ìnnseadh cò e Blackie, Ceann-feadhna nan Gàidheal. Cò an Ceann-feadhna a bha riamh cosmhuil ris? Mur faighear a lethbhreac am measg suinn na Féinne, cha’n aithne dhomhsa a leithid am measg nan ginealacha fiara nach maireann a bh’ againn ’s na làithibh deireannach so. Sud agad gné Bhlackie, Fionn an sonn, nach d’ fhàilnich riamh ’s an strìth. A nàdur allail, àrd, do-chìosnaicht’, ginidh e a mhisneachd do-mheata féin ann an anam a leanmhuinn. Gu robh buaidh leis féin agus le sheòid! Suas le Blackie is le uabhraich na Gàilig! gus an téid ainm a sìos troimh na h-àil a thig ’n ar déigh fo chliù neo-bhàsmhor Chuinn, “BLACKIE NAN CEUD CATH!” Cha robh raointean chatha Fhinn no Chuinn féin ni bu lìonmhoire, no ni b’ fharsuinne na an àrfhaich air an do chasgair Blackie feachdan nan lethbhrethan claona fiara puinnseanta ceud-cheannach a bha troimh linntibh a’ caitheamh an saighdean nimh-thumte ann an cainnt aosmhoir nan Gàidheal! Tha laoich mheanbh eile againn a chuir as do mhòran. Togaidh na bàird, mar is dual, marbhrainn bhinn os ceann an cùirn. Ach mar a bhios òighean na Gàilig a’ seinn le cridhe laiste mu ’n bhuaidh cluinnear an séis a’ toirt sgail as na glinn liath aosda, “Mharbh càch na mìltean, ach mharbh Blackie na deich mìltean!” Cha ’n fhada bhios anam do na Philistich beò! Cha mhòr dhiubh nach ’eil air sgànradh cheana do na h-uamhachan agus do sgoltaich nan creag. Am beagan a tha am beul- [TD 141] fo-fhraoch a’ feitheamh a’ chothruim loisgidh Blackie ás, a’ cur teine riutha féin anns ris an fhraoch mu ’n cluasaibh leis an teangaidh theinntich ud nach urrainn na bheil do uisge ann an tìr nan Gall a chosg. Agus mu na làraich ud far an robh na Philistich a’ deanamh an uaill mu’n do chaitheadh ás an tìr iad, bidh na Gàidheil mheamnach a thig ’n ar déigh, a’ togail séis mhaireannaich— “Thig a nunn gu oilthigh Bhlackie, Théid mi nunn gu oilthigh Bhlackie, Tigh mòr nan seòmraichean fòghluim, Tar am faigh na Gàidheil Blackie. “Thuirt an seanachaidh ri Dòmhnull, ‘Cuir do shàil air sròn nan Gallaibh, Gus an tog sinn carragh Gàilig Anns an àite so do Bhlackie.’” Ceud fàilte a chinn-fheadhna òirdheirc! Seadh, agus feadh an domhan fharsuinn. “Gheibh thu fàilte ’n crìochaibh Ghàidheal, ’S e do bheatha ’n Innse-Gall; Ni gach triath riutsa comunn, Gheibh thu moladh ’n Eirinn thall.” Cliùmhor agus a ta thu mar oilear eugnaidh glic troimh fharsuinneachd chainntean na h-Eòrpa agus na seann Ghréige gidheadh ’s e do charragh Gàilig is buaine a mhaireas ann an còmhstri chaithtich nan sian. ’N uair a bhios t’ fhòghlum Germailteach, d’ eadar-theangachadh binn blasda air teallsanachd dhruidheil Iain Fost, a’ triall á cuimhne nan linn,—’n uair a bhios d’ òraidean milis air Maise a’ call an sgèimh ann an liathcheo nan aimsir,—’n uair a bhios do theagasgan fiùghail air Beus is Mòraltachd, Ghreugach, Gheintleach, is Chriosdaidh air dol á sealladh ann an glanadh, fàsgadh is ath-ghineamhuinn seann Adhaimh ar nàduir,—’n uair a bhios eadhon t’ eòlas mòr Greugach maille ri d’ cho-chomunn dìomhair ri ban-déethan pàganach Helicoin air an adhlacadh fo chlàir neo-sgeineil nam burraidh leth bhorb ud a thig a’ bùrach a’ d’ dhéigh,—’n uair a bhios iad so uile air an sad a thaoibh ann an cùiltibh lùchairt seann eachdraidh a thàladh dhamhan-allaidh ’s a dh’ àrach leòmunn bidh aitreamh òidhearc na Gàilig a chuir thu air buinn ’s air loinn a’ deàrsadh ’na glòir Ghàidhealaich; agus d’ ainmsa, mar Bhesaleel anns an do chuireadh tùr nèamhaidh a thogail ar n-ùr àrois, air a tharruing ann an litrichibh ailbhinn, gun bheàrn, gun bhriseadh gun chaitheamh, a’ deanamh sgéil do ghinealaich nach d’ thàinig fathast gu stàirsnich an t-saoghail air euchdaibh agus air gnìomhaibh eugnaidh do làimh: Seadh agus do chliù is do choslas bidh air an altrum ’nar cridhe, ’nar beul-aithris, agus ’nar ceum, mar tha cliù agus manaidh chaoimh ar sìnnsre; is bidh bàird is glinn is beannta is locha na Gàilig a’ togail am basa ann an aiteas os do cheann ag guidhe, “Thu bhi cruaidh mar am fraoch is buan mar an darach,” agus a’ taomadh beannachd an cridhe air do dhreach ionmhuinn fearail uasal, a chuir beatha nuadh ’s a’ Ghailig,— “Air sàr Mac Dhubhaig àgh, is cuimhn’, is buaidh, A rinn gu h-ùr a dùsgadh ás an uaigh!” SEANN RAMH. [TD 142] MORT GHLINNE-COMHANN. O chlàrsair dhomhsa, cuir an céill Cia fàth do chaoidh ’s do chumha géur; Am fàs Ghlinn-Comhann shìos leat féin A bheag cha ’n éisd ri d’ cheòl-bhinneas: Do ’n cheò a shiubh’leas bheil thu séinn, Do ’n chiar-dhamh luath mar ghath na gréin’, Do ’n iolair shuas an àird nan spéur Tha sgrèuchail séisd ri d’ òrainibh? Cha ’n eil, gheibh iadsan tàmh dhoibh féin; Bidh ’n coron ceò air bhàrr na beinn’, Bidh ’m fiadh ’n a chos, ’s ’n a nead bidh ’n t-éun Gun eagal beud bho shealgairean: Ach dhaibhsan, och! mu ’m bheil mo dhàn, Na beanntan glas, no coilltean fàs, No ’n t-slochd so fein nach faic an là Cha dheanadh sgàil bho mhealltaireachd. Bha ’m bratach fillt’, bha ’n druma balbh, Na madraidh féin bha iad ’n an tàmh, Ri neach a thig mar charaid gràidh Cha b’e an àbhaist tathunnaich: Le ceileir ait bha phìob ri ceòl; Bu riomhach ribean-gruaig na h-òigh; ’S a cuigeal dh’ fhàg a màthair fòs A dheanadh còir bhean-tigheachd. An làimh a mheasg leò anns an tràth, An claidheamh ghlac aig uair na tàimh, A dhìoladh duais do chridhe blàth An fhir thug tàrmunn ’s aoibhealachd: Bho ’n teinntean theoidh gu càirdeil i Aig meadhon oidhch’ am bioran spìon A rinn an gleann so thoirt gu dìth Le lasraibh mìllteach boisgeacheil. Bha sgreadail bhan ri chluinn gun stà; Bior-chaoineadh leanaba ris a’ bhàs Na osnaich throm na’m fir ga’n cràdh Cha cheann’cheadh dàil bho ’n chasgaireachd: An luath ghaoth gheamhraidh dh’ fhead’laich geur, An sneachd bha ’n oidhch’ ud air an fheur, Ged b’ fhiadhaich fuar bha iadsan féin Ni b’ iochdmhor gné nan Sachunnach. [TD 143] Bho chian a fonn mo chlàrsach chaill, Tha’ teudan tearc, tha ’fuaim ro fhann, ’S cha chluich i chaoidh ’s na coiltibh fàs Ach truaigh a maighstir chiar-fhaltaich: Ged robh gach riobag liath ’n ’a teud ’S e mallachd thilgeadh iad gu léir Ach gus an glaoidheadh Alb’ gu geur, “Gu’n diolar ceilg is fiar-bheartean.” Eadar. le DOMHNULL MACCALLUM. EACHDRAIDH IAIN FOST. Anns am bheil a dhroch bheatha agus a bhàs oillteil air am faicinn; agus cionnus a reic se e-féin ris an Diabhull air son cumhachd a bhi aige fad ceithir bliadhna fichead gach ni a dh’ iarradh e a dheanamh; mar an ceudna nithe iongantach a rinn e le cuideachadh MHEPHISTOPHELES. Le cunntas air mar thàinig an Diabhull aig ceann nan ceithir bliadhna fichead agus a phronn e Fost ’na mhirean. CAIB I. Breith is fòghlum an OLLA FOST: maille r’a thuiteam o na Sgriobtuiribh. Rugadh an t-OLLA IAIN FOST anns a’ Ghermailt. Cha robh ’na athair ach fear-obair bochd nach b’ urrainn ionnsachadh ceart a thoirt d’a mhac Iain; ach bha bràthair aige ’s an dùthaich ud féin a bha ro bheairteach agus aig nach robh clann e-féin idir. Ghabh am bràthair so tlachd ann an Iain, agus chuir e roimhe sgoileir a dheanamh dheth. Chuir e do n’ sgoil e far an d’ ionnsaich e gu h-anabarrach, gu sònruichte Laidionn. ’Na dhéigh so chaidh a chur do n’ Oilthigh a thogail fòghluim na diadhachd. Ach cha do chòrd teagasgan a’ Bhìobuill ri Fost òg. Uime sin thug se e-féin suas do nithibh eile anns am bu mhotha bha a thlachd: Druidheachd is Fiosachd; agus ann an ùine ghoirid cha robh iad ach tearc a rachadh air thoiseach air anns na h-ealainibh dìomhair so. Dh’ ionnsuich e buinn-theagasg a’ chreidimh chrìosduidh mar an ceudna; agus air son an fhòghluim so rinneadh e ’na Olla. Ach goirid an déigh so thuit e ’na leithid do mhac-meamna agus do bhreithneachadh iongantach agus gu’n do chuir e roimhe na sgriobtuirean a thilgeadh uaithe air fad, agus e-féin a thoirt seachad gu h-iomlan do theagasg druidheachd, grìosaid, gheasan, ubagan, fiosachd, agus buidseachd do gach seòrsa. CAIB II. Mar a ghrìos Fost a nìos an Diabhull, a’ toirt air tighinn a fhaicinn aig a thigh féin. Lean Fost air fòghlum fiosachd a dh’ oidhche agus a latha. Ghabh e aon latha sgiathan iolair agus dh’ fheuch e ri iteagach feadh an t-saoghail air fad, a dh’ fhaotainn a mach rùintean dìomhair nèimh agus an talaimh. Ann an ùine ghoirid bha e comasach air toirt air an diabhull tighinn a nìos ’na làthair mar a thogradh e. Bha Fost agus caraid aon latha a’ coiseachd còmhla ann an coille làimh ri Wirtemberg ’s a’ Ghermailt. Bha an caraid air son fiosachd an Olla Fost fheuch- [TD 144] ainn; agus dh’ iarr e air Fost feuchainn am b’ urrainn e Mephistophiles a ghrìosadh a nìos anns a’ cheart àm agus àite ud. Thoilich Fost so a dheanamh. Air ball aig a’ cheud ghlaodh rinn an diabhull a leithid do thoirm anns a’ choille ’s gu’n saoilteadh gu n tigeadh nèamh agus talamh ’nam prannalach còmhla. Rinn an diabhull an sin a leithid do rànaich agus gu’n saoileadh tu gu ’n robh a’ choille làn do bheathaichibh fiadhaich. Tharruing Fost an sin cearcal air son an diabhuill; agus thoisich an diabhull air ruith mu ’n cuairt air a’ chearcal so, a’ deanamh fuaim cho mhòr agus ged bhiodh deich mìle carbad a’ stararaich air ùrlar-cloiche. ’Na dhéigh so bha tàirneanaich is dealanach ann, mar gu ’m biodh an saoghal uile air theine. Bha ioghnadh air Fost agus air a charaid do ’n toirm a bha so, agus gu’n robh an diabhull a’ cur dàil ann an tighinn, agus thug iad làmh air an riomball fhàgail. Ach ’nuair a mhothaich e so thòisich e ri ceòl cho binn ’s nach cuala iad a leithid riamh. Chòrd so ri Fost cho mhath ’s gu ’n do thòisich e air Mephistophiles a ghrìosadh a nìos a rithist ann an ainm prionnsa nan diabhull; agus e a thighinn ’na choslas féin. Air ball bha dràgon mòr an crochadh os ceann a chinn. Ghlaoidh Fost a rithist air an dòigh a rinn e roimhe, agus bha ràn anns a’ choille mar gu’m biodh ifrinn air fosgladh, maille ris gach anam a tha ann an sud an dòruinn. Ré na h-ùine so chuir Fost mòran cheist air an diabhull, agus thug e air mòran do charan ifrinneil a leigeil fhaicinn. CAIB III. Mar a thàinig Mephistophiles do thigh Fost agus na thachair eatorra. Thug Fost àithne do’n spiorad a choinneachadh aig a thigh ’s a’ mhaidinn an là ’r na mhàireach aig deich uairean. Aig an àm shuidhichte thàinig e stigh do ’n t-seòmar a’ feòraich do Fhost gu dé a bha dhìth air. Thuirt Fost ris gur h-e bha a dhìth air gu’m biodh esan umhal dha, a’ tighinn air iarrtus, anns na puinncean a leanas: I. Gu’m frithealadh an spiorad air anns gach ni a dh’ iarradh e, o ’n àm sin gu àm a bhàis. II. Gu’n tugadh e d’a ionnsuidh ni ’sam bith a bhiodh a dhìth air. III. Gu’n ìnnseadh e dha ni ’sam bith a bu mhaith leis. Fhreagair an spiorad e, agus thubhairt e nach robh cumhachd aige féin, ach gu’m faigheadh e a mach o’n phrionnsa bha os a cheann: “Tha luchd-riaghlaidh os ar ceann-ne,” thuirt esan, “a tha ’gar cur a mach agus ’g ar n-òrdachadh dhachaidh mar a thogras iad; agus cha’n urrain dhuinn dol ni’s faide na an cumhachd a thugadh dhuinn. Tha an cumhachd so air a thoirt dhuinn le Lucifer a chuireadh a mach a, nèamh mar a chual thu air son a ràiteachais. Ach cha’n innis mi tuilleadh dhuit gus an toir thu thu-féin seachad dhuinn.” ’Nuair a chual e so thuirt Fost, “Gheibh mi m’ iarrtus? ach bidh mi air mo dhamnadh comhla ruibhse.” An sin thuirt an spiorad, “Cha’n fhaigh thu t’iarrtas, is tha thu agamsa, agus cha’n urrainn an saoghal do shaoradh a, m’ làimhsa.” An sin thuirt Fost, “Thoir ort! agus tha mi ’gad ghrìosad thu thighinn a nìos am’ ionnsuidhsa ’san oidhche.” Chaidh an spiorad an sin a, sealladh.” ’Na dhèigh sud thòisich Fost air smaointeachadh cionnus a gheibheadh e iarrtus, agus anam a ghleidheadh o’n diabhull. Ag obair air na mic-meamna bhrònach ud bha Fost a’ feitheamh gus an d’ thàinig an oidhche. Dh’ [TD 145] fhoillsich an droch spiorad e-féin a rìs do Fhost. Dh ’innis e gu ’n d’ fhuair e òrdugh o’n phrionnsa bhi umhal dha air cumha e-féin a thoirt dhasan ’s gach ni a dh’ iarradh Fost e a dheanamh. “Gu dé tha dhìth ort?” thuirt esan. Fhreagair Fost gu ’m b’e a mhiann a bhi air a dheanamh ’na spiorad; gu’m biodh Mephistophiles daonnan aig a làimh; gu’m biodh e neo-fhaicsinneach do fheadhainn eile; agus gu’m b’ urrainn e-féin gach cruth a thogradh e a ghabhail. Thubhairt an spiorad gu’m faigheadh e iarrtuis, ma’n cuireadh e à làmh ris na cumhachan a dh’ iarradh esan. Chaidh Fost a nis a thaoibh agus chuir e sàthadh an caol a dhùirn ás an do shruth fuil ann am mèis a bh’ aige. Ach dh’ fhuaraich an fhuil an tiota a’ toirt rabhaidh dha mu’n ghnìomh ifrinneil a bha e dol a dheanamh. Chuir e mhias os ceann nan eibhleag a theasach’ na fola agus leatha sgrìobh e mar a leanas: AN CUMHNANT RI LUCIFER. “Tha mise, Iain Fost, a ghabhadh a steach a’m’ Olla ’san diadhachd, le mo làimh féin ag aideachadh agus a’ toirt fianuis gu ’n d’ thug mi mi-féin seachad a’m’ sheirbhiseach do Lucifer, Prionnsa na h-Airde-Tuath is na h-Airde-’n-Ear; agus gu’m bheil mi a’ toirt dhasan gu saor agus gu toileach araon m’ anam agus mo chorp ré ceithir bliadhna fichead air chumha gu ’m fritheil esan ormsa anns gach ni a dh’ iarras mi: aig ceann na h-uine so tha mi toirt dha comas deanamh rium a réir a thoil, m’ anam no mo chorp a ghiùlan no a shrachdadh mar thogras e: Le so tha mi toirt dùlan do Dhia agus do Chriosd agus do fheachd nan aingeal agus do gach spiorad math air am bheil a chruth no ìomhaighean ri’m faicinn: Agus a dheanamh a’ chùmhnainte so ni’s làidire sgrìobh mi e le m’ fhuil, a’ cur m’ ainm ris, agus a’ gairm uile chumhachdan na h-ifrinn a thoirt fianuis air mo rùn ’s a’ chòrdadh so. “IAIN FOST.” CAIB IV. Na thachair ri Fost an déigh dha a làmh a chur ris a’ sgrìobhadh. ’Nuair a bha an sgrìobhadh deas thug Fost e do Mephistophiles. Rinn Fost mòran nithe iongantach air ball. Chuir e ás do leòghann, thug e air tarbh dannsadh, agus air ceudan do spioraid tòiseachd ri ceòl agus ri dannsadh ’na làthair. ’Nuair a bha ’n ceòl seachad chunnaic Fost deich bagaidhean airgid làimh ris. Thòisich e air an reic, ach cha b’ urrainn e; oir bha iad cho teth ’s nach b’urrainn duine làmh a chur orra ach e-féin. Chòrd gnothuichean ri Fost cho math ’s gu’n do ghabh e-féin agus an spiorad còmhnuidh còmhla gu toilichte. Bha an diabhull féin leo ’na uairean ’nan gleidheas-tighe; ’s bha bhlàth ri fhaicinn. Roimhe so gheibheadh na bochdan rud; ach tha chùis air atharrachadh a nis. CAIB V. Mar a rinn Fost air Diùc Bhabharia. ’N uair a chuala a chàirdean agus a choimhearsnaich gu’n do reic Fost anam ris an Diabhull cha tigeadh iad a chòir; oir bha e air sgaoileadh a mach nach robh aige do thlachd ach spiorad a bha leis a ghnàth a’ deanamh gach gné lùthchleas a bu mhiann leis. Bha Diùc Bhabharia a’ fantuinn làimh ri tigh Foist. Fagus do’n Diùc bha mar an ceudna Diùc Shacsoni, agus Easbuig Shalisburgh. Bhiodh Mephistophiles a’ dol do thighean nan feadhainn so agus a’ toirt leis ás an seomraiche [TD 146] dibhe gach ni a b’ fheàrr a gheibheadh e. Thug Diùc Bhabharia aon là cuireadh do uaislibh na dùthcha gu dìnneir. Agus air an son dh’ ullaich e pailteas do gach seòrsa bìdh. ’Nuair a thàinig na h-uaislean agus a bha iad deas gu suidhe sìos, dh’iadh Mephistophiles mu’n cuairt a agus sgrìob e gach ni a bh’ ann leis. Bha na daoine làn do ioghnadh. Ach cha robh comas air a’ chùis. Sud muar a rinn Fost air an Diùc. ’N uair a bu mhath le Fost eunlaith fhaotainn an itheadh, bheireadh Mephistophiles sgaothan do eòin a steach air an uineig. Theagaisg an spiorad dha mar an ceudna dòigh air nach b’ urrainnear le glais no iuchair an eunlaith a chumail a mach. Bha comas aig Fost féin mu dheireadh air itealaich far am b’ àill leis, a bhàrr air mòran do nithibh neònach eile air nach ’eil againn ùine an dràsd a bhi ag ìnnseadh. CAIB. VI. Mar a bhruadair Fost ’na chadal air ifrinn agus na chunnaic e an sud. Bha Fost agus an spiorad aon là a’ conaltradh treis mhòr mu thuiteam Lucifeir agus mu staid nan ainglean a thuit leis. Chunnaic Fost ann an aisling ifrinn agus na diabhlan agus na h-anaman a tha ’g am pianadh an sud. Bha ifrinn air a roinn ’na chùirtean no na thuill bheaga dhomhain. Aig gach toll dhiubh so bha diabhull air a shuidheachadh a pheanasachadh na bha air an cur fo a riaghladh. Dh’ fheòraich Fost do ’n spiorad gu dé an fheadhainn a bha anns a’ cheud toll. Thuirt an spiorad gu’n robh an fheadhainn a bha leigeil orra gu’n robh iad ’nan lighichean, agus a phuinnseanaich gu bàs mòran mhìltean troimh fhoill ’s troimh aineolas. Tha iad a nis ag òl nan cungaidhean ud iad féin ach cha bhàsaich iad a chaoidh. Bha sgilp os an ceann air an robh poitean làn do phuinnsean agus do mheasgachadh marbhtach. Thàinig iad an sin gu fosgladh caol fada dorcha anns an robh mòran shnàgairean. Dh’ innis an spiorad do Fhost gu’m b’e meairlich is luchd-spiolaidh phocaidhean a bha an sud. An déigh dol seachad air ioma seòrsa eile thàinig iad gu dorus mòr cùirt ás an robh sgàirich òillteil a’ tighinn. Dh’ innis an spiorad dha gu ’m b’e buidsichean a bha a stigh an sud, agus mar an ceudna an fheadhainn a bha a’ cur mar fhiacham gu’n robh iad ’nan naoimh anns an t-saoghal eile; agus is ann aca a bha an ùpraid agus an spìonadh air a chéile! Rud beag sìos uathasan bha luchd siùrsachd is adhaltrannais, agus iad ri sgàrnaich ghràineil; chuir iad Fost air chrith. A’ dol sìos ceum no dhà eile chunnaic iad sluagh mòr leth fholaichte ann an ceò ’s an smùid. Dh’ innis an spiorad dha gu’m b’e muilleirean agus fuineadairean a bha an sud; agus ’s ann aca féin a bha an toirm! Na muilleirean a’ rànaich ris na fuineadairean agus na fuineadairean ris na muilleirean air son cuideachaidh, ach cha robh cobhair ri faotainn. A’ dol beagan ni b’ fhaide chunnaic iad mìltean do mharsantan, cuid diubh a dh’ aithnich Fost. Bha iadsan air am peanasachadh air son na foill a rinn iad air luchd ceannaich. ’Na dhéigh so thug an spiorad leis Fost air a’ ghualainn, agus dh’ fhàg e ’na thigh féin e. ’N uair a dhùisg e agus ioghnadh mòr air mu’n bhruadar thòisich e air feòraich do’n spiorad gu dé an t-àite bh’ ann an Ifrinn. Fhreagair an spiorad, “Nach ’eil fhios agadsa nach robh ifrinn idir ann roimh thuiteam Lucifeir, ach ’n uair a thuit esan dh’ òrduicheadh ifrinn. Cha’n aithne [TD 147] [Taobh-duilleig 741 san leabhar fhèin] eadhon do dhiabhlaibh mar a tha mise gu dé an stuth dheth ’m bheil ifrinn air a dheanamh; ach ’s e fearg Dhé a thoill sinne a tha ’ga dheanamh cho uamhasach. Cho fhad agus is aithne dhuinne gheibh thu féin a mach ’n uair a thig thu leinn ciod e ifrinn agus cionnus a tha e air a riaghladh.” CAIB VII. Cleasan a rinn Fost. Bha an t-Impire aon uair miannach air Fost fhaicinn agus cuid d’ a chleasan fhaicinn mar an ceudna. ’N uair thugadh e air beulaobh an Impire dh’ iarr an t-Impire air rudeigin cridheil a dheanamh. Dh’ amhairc Fost mu’n cuairt air agus chunnaic e morair mòr a’ sealltuinn a mach air uineig. Ghlaoidh Fost air an spiorad; agus air ball bha dà adhairc ’n an seasamh air ceann a’ mhoraire, agus cha b’ urrainn dha a cheann a thoirt a stigh gus an d’ thug Fost dheth na h-adhaircean a rithis. Bha fearg mhòr aig a’ mhorair so ri Fost; agus a dheanamh dìoghlaidh air chaidh e mìle mach ás a’ bhaile ’g a fhalach féin taobh an rathaid a bhiodh Fost a’ dol dhachaidh. ’N uair a bha Fost a’ dol seachad ruith am morair ’s e air each gàbhaidh a mabh ás a’ choille air muin Fost, ach le cuideachadh an spioraid thug Fost am morair ’s an t-each air beulaobh caisteal an Impire, agus shuidhich e dà adhairc cho mhòr ri feadhainn daimh air ceann a’ mhorair, agus cha d’ fhuair am morair dheth iad gu là a bhàis. CAIB VIII. Mar a dh’ ith Fost an lòd feòir. Bha feallsanaich is fir fhòghluim mhòir le Fost aon là a mach ann an achadh anns an robh lòd feòir. “Gu dé a dh’ iarras tu,” thuirt Fost ri sgonnbhalach a bh’ ag obair ris an fheur, “air son làn mo bhroinn do ’n fheur?” Shaoil am balach gu ’n robh Fost air a chuthach; ach thuirt e ris gheibh thu làn do chuirp air son sgilinn. Rinneadh còrdadh aig a so. Thòisich Fost air itheadh agus ann an tiotadh bha leth an lòd fheòir air itheadh! Bha na fir eile a’ srachdadh ag gàireachdaich air a’ bhalach, ’s draoin ioghnaidh air gu ’n robh e brath am feur a chall. Ghuidh e air Fost sgur; rinn Fost so a’ gabhail truais do ’n bhalachan bhochd. Mu ’n do ràinig am balach an tigh leis a’ chairt ’s ann a fhuair e gu ’n robh am feur a dh’ ith Fost air a chur air ais innte. CAIB IX. Mar a dhall Fost na h-oileanaich. Choinnich trì oileanaich dheug ri seachd eile aon là aig tigh Fost; thòisich an dà bhuidheann ri connspaid ’s mu dheireadh ri buillean. ’N uair a chunnaic Fost gu ’n robh an trì deug ro làidir air son an t-seachd eile ’s nach robh cothrom na Féinne ri fhaotainn ghrìos e doille air na h-oileanaich air fad. Bha iad an sin a’ smùideadh air a chéile air dòigh cho iongantach ’s gu ’n robh luchd na sràid ri gàire fanoid. Chaidh an toirt d’ an seomraichean agus fhuair iad am fradharc ’s a’ mhionaid. Thàinig Fost là eile do thigh-òsda agus càirdean leis. Ach cha ’n fhaigheadh iad fois ’s am bith; oir bha buidheann bhalach a stigh ri rànaich ’s ri rabhaicidh uamhasaich, ’s iad air mhisg. Ghrìos esan gu ’m biodh am beòil air an ragadh ’s iad fosgailte; mar so thachair, ’s cha b’ urrainn iad am beòil a dhùnadh. Dh’ amhairc iad air a chéile ’s cha b’ urrainn iad labhairt, agus an dùil gu ’n deachaidh buidseachas a dheanamh orra shèab iad a mach ás an [TD 148] tigh-òsda, ’s cha ’n fhacas ann iad riamh tuille. CAIB X. Mar thug Fost air Bean-uasal tuiteam ann an gaol. Bha duin’-uasal òg ann an Wirtemberg ann an staid chianail, ’s e an gaol air té nach éisdeadh r’a shuiridh. Dh’ innis e do Fhost an éigin anns an robh e, gu ’m bàsaicheadh e mur faigheadh e i. Thuirt Fost ris gu’n eagal a bhi air gu ’m faigheadh e i. Dh’ atharraich Fost inntinn na rìbhinn uasail gus nach b’ urrainn i smuaineachadh air ni ’s am bith ach am fear a bha ’ga h-iarraidh. Thuirt Fost ris fàine a thug e dha a shèapadh air a meur. Rinn e so, agus an sin thòisich a cridhe air losgadh an taobh a stigh dhi. An àite bhi gruamach ’s ann a bha i nis làn fàite ris. Cha robh fois aice gus an dubhairt i ris am pòsadh e i. Fhreagair esan le uile chridhe gur h-e sud a bha dhìth air. Phòsadh iad an là ’na dhéigh sud. CAIB XI. Mar a thug Fost air na mnathan dannsadh ’s iad rùisgte. Bha Fost aon là air sràid a’ mhargaidh, is chunnaic e seachd mnathan ’nan sreath a’ reic uibhean ìm, &c. Cheannaich e rudeigin o gach té is dh’ fhalbh e. Cha bu luaithe bha e air falbh na a chunnaic iad gu ’n robh na bh’ aca ’g a reic air falbh tur ás na basgaidean. Thuirteadh riu mu dheireadh gur h-e Fost a ghrìosadh air falbh na bh’ aca. Ruith iad gu tigh Foist; agus dh’ iarr iad riarachadh mu ’n chùis. Chuir esan roimhe gu’n tugadh e feala-dhà do shluagh a’ bhaile air na cailleachan. Chuir e air falbh iad rùisgte mar thàinig iad á broinn am màthar, agus an déigh toirt orra dannsadh rùisgte air sràid a’ mhargaidh car tacuin leig e iad ás na geasan, agus fhuair iad gu’n robh an cuid a thugadh air falbh air a ghrìosadh air ais do na basgaidean a rithis. CAIB. XII. Mar a rinn Fost air na Mucan. Thachair Fost aon là air fear a bha faotainn dragh uamhasach ri ceud muc a bha e ag iomain a stigh do bhaile Wirtemberg. Ruitheadh té an sud ’s té an so; ’s bha an duine bochd ’na éigin gu h-anabarrach. Ghrìos Fost air na mucan is thug e air gach té dhiubh dannsadh air a casan deiridh, agus fidheal an greim aon do na casan toisich agus an té eile a’ cluich oirre; mar so dhanns is chluich iad gus an d’ thàinig iad a steach do Wirtemberg. Bha fear na h-iomain a’ falbh rompa agus e féin a’ dannsadh. ’Nuair chaidh iad a steach do’n bhaile ghrìos Fost air falbh na fìdhleachan. Reic an duine ’s a’ mhionaid a thairg e iad na mucan, is ghléidh e an t-airgiod. Ach mu’n deachaidh e ás a’ bhaile ghrìos Fost air falbh na mucan ás an àite mhargaidh. ’Nuair a chunnaic am fear a cheannaich iad gu’n robh iad air falbh stad e an duine a reic iad is thug e uaithe an t-airgiod. Bha am fear-dùthcha bochd ’n a éigin, a’ dol dhachaidh gun òr gun mhuic. ’N uair a ràinig e bha na mucan uile ’nam failean àbhuisteach! CAIB XIII. Fost a’ smuaineachadh air a chrìch. Mios no dhà mu ’n do ruith na ceithir bliadhna fichead a mach thòisich Fost air breithneachadh cionnus a charadh e an diabhull. Ach cha robh ìnnleachd ri faotainn. Thòisicheadh e an sin air rànaich ris féin, “Och is duine truagh mi! [TD 149] Reic mi mi féin ris an diabhull air son sòlais beagan bhliadhnachan, agus a nis feumaidh mi pàigheadh gu h iomlan! Fhuair mi mo mhiann; shàsuich mi m’ anamianna salach, is feumaidh mi a nis fulang sìorruidh!” Bha nàbaidh diadhaidh aige a ghabh truas deth; ’s a thòisich air guidhe air leis na deòir ’na shùilibh e dheanamh aithreachais is greim a dheanamh air gealladh gràis is tròcair Dhé do pheacaich a ni aithreachas. Labhair an nàbaidh cho dùrachdach, ’s gu ’n do gheall Fost feuchainn ri aithreachas. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh an duine diadhaidh so na thàinig Mephistophiles far an robh Fost, a chronachadh air son mar a bhrist e a chùmhnant risan agus r’a thighearn Lucifer. Thug e an sin sgeòchdadh air amhaich gus nach mòr nach do bhrist e i, ’s e toirt air Fost dolan gu tiamhaidh. Aig a’ cheart àm mhaoidh e air mur deanadh e cùmhnant is bòid ás ùr gu ’n tugadh e ás a chéile ’na mhìrean e. Rinn Fost cùmhnant eile, bha leithid a dh’ eagal air, ’ga thiomnadh féin do Lucifer. CAIB XIV. A’ chrìoch a thàinig air Fost. Thàinig na ceithir bliadhna fichead gu ceann. Aig an àm ud dh’ fhoillsich an spiorad e féin do Fhost, a’ nochdadh dha a sgrìobhaidh féin, agus ag ìnnseadh dha gu ’n tugadh an diabhull air falbh e an athoidhch.’ Bha cridhe Fost goirt agus fo gheilt. A chur air falbh a chianalais chuir e fios air na h-uileimh òga agus air a chàirdean fòghluimte. ’N uair a bha iad tacun leis chumaic iad a ghnùis ag atharrachadh. Dh’ fheòraich iad ciod a b’ aobhar? Fhreagair Fost, “’S aithne dhuibh mi nis na h-uiread do bhliadhnachan agus mar a ghnàthaich mi gach gné uilc. Rinn mi mòran druidheachd a fhuair mi o’n diabhull. Reic mi mi féin ris ré ceithir bliadhna fichead air chumha gu ’n tugadh e dhomh gach ni a dh’ iarrainnn. Bidh an ùine so aig a crìch a nochd. Ghairm mi sibhse chum ’s gu ’m faiceadh sibh mo chrìoch eagalach. Biodh mo bhàs-se ’na rabhadh dhuibh. Fanaibh air falbh o dhruidheachd na h-ifrinn. Ma thòisicheas sibh air geasachd is air buidseachas cha ’n urrainn dhuibh stad diubh gus an téid sibh leis an diabhull mar a tha mise dol a nochd co-dhiù is àill leam no nach àill.” Thòisich iadsan air airson nach d’ innis e an gnothuch dhoibh ni bu tràithe. Dh’ aidich e gu ’n robh toil aige sud a dheanamh; ach gu ’n dubhairt an diabhull ris ma ’n ìnnseadh e a’ chùis gu ’n tugadh esan air falbh e air ball. ’N uair a smuaineachadh e air e féin aonadh ri muinntir dhiadhaidh, thigeadh an diabhull is phianadh e gu teann e. “Ach is dìomhain labhairt a nis,” thuirt Fost, “is leisan m’ anam is mo chorp gu sìorruidh.” Mu ’n robh am facal mu dheireadh á beul Foist thàinig tàirneanaich is dealanaich a bha oillteil. Chaidh Fost a steach do thalla mòr a bha ’n sin agus chaidh a chompanach do sheomar a bha làimh ris a chluinntinn agus a dh’ fhaicinn crìoch Foist. Mu dhà uair dheug thaìnig crith eagalach air an tigh; bhrist na h-uineagan; agus ri braidhe tàirneanaich le sreun chòrr gaoithe thilgeadh na dorsan. Chaidh fuaim gaoith chumhachdaich a steach le séideil nathraichean, gaoir is ràn. Chualas esan a’ glaoidhich gu tiamhaidh “Mort!” Bha do bhurralaich is do ulfhartaich anns an talla agus ged a bhitheadh na bheil do dhiabhlan a tha an ifrinn a stigh! ’N uair a thàinig an latha bha do [TD 150] dhànadas aig na h-uileimh òga gu’n deachaidh iad a steach do ’n talla. Fhuair iad ann an sud eanchainn Foist air a bualadh a mach ’s i ’na sadraich air a’ bhala. Bha an làr dearg le fuil. Chaidh iad a mach is fhuair iad a chorp reubte, srachte air fhàgail ’na mhìrean air an òtraich! A’ CHRIOCH. MALAIRT ANN AN GAILIG. THIG an so Ian òig, C’arson nach ’eil thusa ag ionnsachadh Gàilig a leughadh? Is nàrach gu’m bitheadh mac t’ athar neo-chomasach air Gàilig a leughadh— Athair, ciod am feum a tha’n Gàilig? cha deanar malairt sam bith ann an Gàilig; cha dean sibh cunntas, na Leabhraichean malairt a ghleidheadh; agus cia mar a sgrìobhar litir a dh’ iarraidh bathair, agus cia mar a bheir sibh seachad Bill agus receipt. Nach e a tha thu a’ ciallachadh Bann Geallaidh na Ordugh air Banc agus Bann aidmheil paigheidh? Ro mhath ma ta, leigidh mise sin fhaicinn duitse gu soilleir, agus éisd thusa rium gu faighidneach furachail. Anns a’ cheud àite, thoir fainear gu bheil na deich samhluidhean a leanas co-ionnan anns gach àite deth an t-saoghal, agus gu’n tuig a’ h-uile cinneach iad. Mar so cha Bheurla no Laidionn iad—’se sin 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha cur ri chéile (Addition), agus toirt uaithe (Subtraction), air a dheanadh ann an Gàilig mar a tha e ann am Beurla. A nis an “Clar Fillteachaidh” no an “Clàr Meudachaidh” (Multiplication), abair mar so, trifillte a trì, naoidh, 3 x 3 = 9; 4 x 4 = 16; 5 x 5 = 25, agus mar sin a sios. Nis a thaobh Litir a chur a dh’ iarraidh Bathair, abair mar so. Bail’ an Obain, Ceud mhios a Gheamhraidh, An seachdamh là fichead, 1875. Mr. Iain Mac-Dhònuill. Bi co math agus gu’n cuir thu a m’ ionnsuidh leis a’ cheud eithear stoth a thig do ’n Oban mar a leanas,— 100 punnd tì aig trì tasdain. 200 punnd siùcair aig trì sgilin. 100 Bolla mine aig 18/. 112 punnd ime aig 1/. Agus bi cinnteach gu’m bi iad air an deanadh sàbhailte o dhosgain aig Comunn an t-sàbhalaidh, gu math saoibhir thar am fiach, agus cuir ri cùnntas a’ Bhàthair e; cuir air agaidh Ordurgh air “Banc Caithir Ghlasachaidh” anns an Oban, ri phàigheadh aig ceann dà mhìos. Is mise do sheìrbheiseach. IAIN-MAC-NA-CEARDADH. Nis so an Cùnntas: Baile Ghlasachu, Aireamh dà fhichead Sràid Earraghaidheil. An 5 mh là deug, Ceud mhios a’ Gheamhraidh, 1875. Cheannaich Iain Mac-na-ceàrdadh anns an Oban. O Iain Mac-Dhònuill— 100 punnd Tì aig 3/ .£15 0 0 200 do. siùcair aig 3 sgilin 2 10 0 100 Bolla mine aig 18/ . 90 0 0 112 punnd ìme aig Tastan 5 12 0 Riadh an t-sàbhalaidh . 1 2 7 £114 4 7 Agus a réir t’ iarrtuis air an deanadh dìonach o chall airson punnd-sasunnach air a cheud punnd-sasunn ach agus chuir mi e ris a chunntas se sin, £1:2:7 sgilin—aig a cheart àm chuir mi air aghaidh leis a’ phosta an Cùnntas agus Ordugh air “Banc Caithir Ghlasachu” ann [TD 151] an £114:4:7 sgn., paighte aig ceann dà mhios. Le mòran taing. Is mi do Sheirbheiseach, IAIN MAC-DHONUILL. Gu Iain Mac-na-ceàrdadh, Marsanda, Anns an Oban. Nis an t-òrdugh: Baile Ghlasachaidh, Ceud mhios a’ Gheamhraidh. 10mh la fichead 1875. £114:4:7 sgilin. Aig ceann dà mhìos o’n là diugh pàigh dhomhsa no do m’ òrdugh, cùig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach, ceithir tasdain agus seachd sgilin, fiach na fhuair thu. IAIN MAC-DHONUILL, IAIN MAC-NA-CEARDADH. Ian Mac-na-ceàrdadh, Marsanda, Sraid Dheòrsa anns an Oban. Bann Aidmheil Pàighidh. Baile Ghlasachaidh. Ceud Mhìos an Earraich 10mh là 1875. Fhuair mi o Ian Mac-na-ceàrdadh Cùig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach agus aon sgilin a réir suim a’ Chùnntais. £114:0:1. IAIN MAC-DHONUILL. Tha mi an dòchas gu’m bheil thu tuigsinn so uile; thug mi dhuit na samhluidhean cùnntais, an Clàr meudachaidh, Litir òrduigh air son Bathair, Cùnntas a’ Bhathair, Ordugh air a’ Bhanc, agus Bann Aidmheil pàighidh. ARGATHALIAN. COMHARRAN. THA e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ deanamh gnìomh seirc; tha e ’na dhroch comharra a chluinntinn a’ deanamh uaill ás. Tha e ’na dheadh chomharra duine ionraic fhaicinn a’ caitheamh a sheann eudach: tha e ’na dhroch comharra am faicinn a lìonadh tholl ’san uineig. Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ siabadh an fhalais bhàrr a mhala: tha e ’na dhroch comharra duine fhaicinn a’ siabadh dheth a’ phuill air dha tuiteam fo mhisg. Tha e ’na dheadh chomharra bean fhaicinn ’ga h-éideadh féin gu glan grinn: tha e ’na dhroch comharra a fear fhaicinn aig na maoir air son ainmheach a rìomhaidh. Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ cur a chloinne do ’n sgoil: tha e ’na dhroch comharra am faicinn air an togail ann an sgoil dubh na sràid. SOP AS GACH SEID. NA toir breth a réir coltais. Feudaidh cridhe math bhi fo chota coiste. Cha bu chòir leanabh a bhi aig a’ bhean mhnaoi nach aithne chumail; agus tha so cho fìor mu ’n teanga agus a tha e mu leanabh. Tha Seanchaidh a’ roinn a’ chinne-dhaonna ’nan trì buidhnean,—a’ mhuinntir a tha smuainteachadh gu’m bheil a’ chùis mar so, a’ mhuinntir a tha smuainteachadh nach ’eil a’ chùis mar so, agus an fheadhainn a tha coma co-dhiù a tha a’ chùis mar so no nach ’eil. FACAL DO AR LUCHD-LEUGHAIDH. THA sinn duilich, ged dh’fheith sinn cho fada rithe, nach ’eil dealbh an Ollaimh Mhic Lachlainn deas aig fear-tarruinn nan dealbh, air son a cur anns an Aireamh so mar a rùnaich sinn. [TD 152] IORRAM NA H-IMRICH CHUAIN. * [Ceòl] CHAIDH na rainn dhrùidhteach so a chur r’ a chéile, bho chionn timchioll air dà bhliadhna dheug, leis an Urramach D. MacRath, an sgìreachd Nis, ann an Leódhas, air do àireamh mhór de ’n choimhthional aige—agus ’n am measg a’ chuid a b’ urramaiche de na seanairean, d’ an robh mór spéis aige—’bhi air dol air imrich do Chanada. Chaidh sinne gu tràigh, A choimheadachd chaich: Cha till iad gu bràth, An taobh so! Long iaruinn fo ’m bonn,— A’ sadradh nan tonn: Tha feadhainn am fonn, ’S cuid tursach. Clann bheaga ri gàir’; A’ mhathair fo phramh; Fir mhor’ ann an sas ’S iad ciurrta, ’Fras-shileadh nan deur Gu tosdach, ach geur; A’ sealltainn ’n an déigh, Le curam. Iad fein ’ dol an iar, ’S an talamh ’ dol siar: Cha ’n fhaicear leo sìon Ach Mùirneag.† Seall! Mùirneag ’ dol uap’ ’Dol fodha ’s a’ chuan; Fir a’s mnathaibh gun tuar, ’G a h-ionndrainn. Ionndrainn eil’ ac’ ma ta, ’Toirt cridh’ goirt agus cnamh, Luchd an gaoil a’s an dàimh, ’Toirt cul doibh. Dh’ fhag sud iad ’n an déigh, Ni nach fagar ’s nach treig, Comunn blath latha Dhé ’S a’ chùbaid. Mu ’n tric ’chruinnich an sluagh, A Shàbaid ’s a Luain, Le mor aire ’s cluas, Do ’n sgeula. Leigeam seachad an dan; ’S deanam urnuigh a ghnath, Gu’n ruig iad cala a’s fearr, Na Quebec! Beir an t-soraidh so uam, Gu America Tuath, Thun caoirich a’s sluagh Mo churam. ’N deadh Bhuachaill’ e fein, Biodh rompa ’s ’n an déigh, Gu ’n dion o gach beud:— Sin m’ urnuigh. * A translation will be found in our English Department. The Song, with an English translation, and pianoforte accompaniment, is published by Messrs. Paterson & Sons, 27 George Street, Edinburgh. †A’ bheinn a ’s àirde an Leódhas. [TD 153-160] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 161] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. [55 [sic] AIR. TURUS MARA. Bha a’ ghaoth ag ealadh bog blath o’n deas; agus tlas greine a’ plathadh gu tlusail air gach taobh. Chithteadh a ghaoir-theas a’ ruith ’na deann chritheannach thar guirme nam blar is thar uachdar glas nan loch air bearnaibh ceathach faire nam beann. Bha loch a’ Bhogha Mhoir le a bhroilleach seamh boidheach ’na shineadh gu faoil farsuinn fa’r comhair. Tha a’ chruth agus a shnuadh ag eiridh an drasd mu choinneamh sgathan mo mhac-meamna. Tha mi faicinn a chinn aosda le chearcal ban mu chrun a’ foiseachadh gu tosdach ri buinne fhiorghlan Bheul-an-Ath cuirnichte gu diomhair fasgach le tiugh mheanglan nan craobh. Agus nach lurach a sheallas riomball geal Thraigh-Langa mar sgriob oir air a tarruing sios cul a chinn! Agus Bealach Dearg ’na eideadh scarlaid rioghail a’ fiadhachadh an fhir-thuruis gu criochaibh boidheach Chille-Chumain. Tha thusa a loch thaine chaoimh fhasgaich gun chaochladh ad mhaise; sgiamhach agus taitneach do shuil a’ mharaiche mar a bha thu ann an laithibh cian na Feinne. Mar tha Dan an Deirg ag innseadh:— “Ciod am fath bhi ’g udal cuain, Is Eilean fuar nan geotha crom, A’ sgaoileadh a sgiath ’nar coinneamh, Gu’r dion o dhoineann na h-oidhche? Tha e crom mar bhogh’ air ghleus, Tha e seamh mar uchd mo ghaoil, Caitheamaid an oidhche ’na sgeith, Ionad eibhinn nan aisling caoin.” No mar a sheinneadh ann am Beurla le aon do naistnich bhardail an eilein fein:— “The Loch seemed anxious to extend Its hoary head to fair Bridgend, To kiss the fairy home of Islay, Where the green woodlands brghtly smile aye; And thus we viewed the sweet array Of barks that on its bosom lay, The welkin distance of its shore, And heard its music evermore.” Mu dheireadh chunnaic sinn gob biorach na Birlinn a’ tighinn am fradharc fo ghualainn ghlais Chnoc-na-faire; agus cha b’ fhada gus an robh a sron an taice na lamraig bhig shios fo’n Fhardaich Fhroinich. An tiotadh bha sinn shios; agus bu cheutach an surd a bha air a’ Phapannach Cholach agus air Ishmael Ileach, mu’n robh an seanfhocal gun teagamh fior—“Nach toir muir no monadh an cuid o dhaoine sona.” Eadar ramh is seol cha b’fhada gus an robh sinn fein agus a’Bhirlin a mach air druim ghuirm an Loch; Ardlarach, Gartbreac, Crothach, is Cul an Lagain ann an ordugh boidheach an deigh a cheile air taobh sear an Loch, agus Bruthach-a’-Chladaich geal, ur, aitreamhach mu’r coinneamh air an taobh siar. Ag ealadh mar so a sios gu seamh socair air broilleach fuarghlan an uisge fhuair Ishmael cothrom speileantachd a theanga a bhi ’ga chur an cleachdadh. Mar naistnich Ileach bha earbs’ aig Ishmael asainn nach brathteadh e mu na sgeoil thaitneach lan do fhein-ghloir a a bha e a’ taomadh a mach. Cairdean is eolaich co chluinneadh uainn e? Agus chan’n’eil an so ach cagar beul-fo- [TD 162] fhraoch air a’ chuis nach ruig cluas cuirt no Goill. ’Sann aig Ishmael fein a bha ’n t-innseadh blasda air treubhantas nan diulnach a bh’ ann deth fein agus do’n Cholach: Na bric shurdagach agus na gealagan mear boidheach a thug iad a linntean donn diomhair na h-amhunn; agus na bradain tharagheal airgiodach a thug iad ’s a’ mhochthrath a oirean seamh an Loch. Cha robh Fear an Tigh Bhain a’ faotainn idir a leithid do rusgadh ’s a bha na Goill, o’n is e an Gaidheal a bh’ann. Nach e na daoine mora fein le’n laghan a leon cridhe uaibhreach nan Gaidheal! Dh’ fhalbh an abhaisd thlachdmhor a bh’ ann o shean, ’nuair a dh’ fheudadh fear dol a mach ’s tighinn dachaidh le a choinean, no ghearr, no fhiadh. Tha iasg a’ chuain siar fein a nis fo chis! nach ann air an t-saoghal a thainig an da latha! Nach e na cismhaoir fein a thug an dile ruadh a ris air a’ Ghaidhealtachd? eoin nan speur, is eisg na mara, is maghaich an t-sleibh tha iad a cur fo ghlais mhi-madurra o lamh an duine bhochd! Ach tha duil aig Ishmael is aig a’ Cholach ri la an aigh anns an teid a’ ghlas mhi-naomh ud a chur ’na smal. Agus anns na laithibh dorcha anshocrach a th’ ann tha iad a’ briseadh agus a’ bioranachd ris a’ ghlais gun taing do chuirt, ’s do shiorram. Nach ’eil e cho nadurra do dhuine teothadh ris na bradain cheutach luachmhor ’nuair a chi e na uasail ghlana ’gam falcadh fein ann an iomalaibh an loch far am bi iad ri cleasachd ghasda anns an tachdar do fhioruisge a thainig o bhun na h-amhunn. Tha am buaireadh ro laidir uir son fuil is feoil choitcheateann:—co a b’ urrainn fuireach bhuacha? Tha na leabagan bochda gle laghach le am bodaich bhog ruadha is leis na langanna seang glasa; ach co a choimeasadh iad ris a’ bhradan uasal. Nach e an Cruithfhear a chuir ’sa mhuir e agus cha ’n iad daoine? ’Nuair a bha Ishmael a’ reusonachadh mar so tacun le fileantachd chomharraichte, bha suilean a’ Cholaich a’ beothachadh. Bha iargain turus creich na h-oidhche raoir a’ falbh; is chuireadh e aonta a nis agus a rithis ri reusonachadh teanga theallsanaich Ishmaeil. Bha sinn a nis sios seachad slios glaschreagach an Ochda-Fada. Bha am bata laghach a’ gluasad gu gasda a sios air uachdar trom nan lunn a bha ’gan caradh fein a steach a doimhneachd bolg na h-Atlantic. ’Scha robh sinn fada gus an robh sinn a steach ann am Port Mor Aoileastaidh. Chaith sinn an latha san Roinn—cearn ainmeil Mhic-Aoidh. Roimh chiaradh an fheasgair dh’ fhag sinn am port a thilleadh do ’n chala dh’ fhag sinn. Cha robh deo gaoith ann agus cha robh ach na raimh shlisneach a shineadh a mach. Ceann-ruisgte casruisgte b’e Ishmael is am Balach Ban Colach na suinn threun nach sgithicheadh ramh. Cha b’ fhada gus an robh gualainn Gob na Ranna gle fhada ’nar deigh; agus Maol na h-Oighe ghuirm ’g a falach fein ann an dubhradh an fheasgair. Bha Ishmael le theanga fhonnoir a’ cur surd oirnn air fad; ’nuair a ghlaodhadh e nis agus a rithis, “Sgriob leat i, a Bhalaich Bhain!” shaoileadh tu gu’n robh am bata fein a’ gabhail misnich, bheireadh i a leithid do shurdagan beo aisde a steach linne dhuirche an Loch. Thugadh an sinn treis a’ cagnadh nan coimheach a tha gabhail seilbh air fearann torach Ile. Bha mi toilicht’ thuigsinn nach robh dad do dh’eud salach anns a’ Bhalach Bhan no ann an Ishmael mu’n chuis so. Cha robh dhith orrasan, na balaich bhochda, ach saorsa fhaotainn dol an deigh gearrfhiadh, gealaig, no bradain mar a bu mhath leotha, agus [TD 163] gloine do mhac-na-bracha a nis ’s a rithis a chnamh an t-siothainn; faigheadh iadsan so agus cha robh an corr a dhith orra; cha shalaicheadh iar an lamhan ri uir no ri fearann; dh’ fhagadh iad e aig Gall no Gaidheal ’sam bith a bheireadh barr d’a uachdar. Bha ioghnadh orra mar a bha mise ag innseadh dhoibh gu’n robh fior fhuil nan Gaidheal ann an cuid do na Gaill a bha ’san eilean. Gu’n robh bantighearna oirdhearc Bhruthach-a’-Chladaich do chlann ainmeil nam Mathonach, do’n teaghlach airidh ud dheth ’m bheil Sir Seumas Mathonach, uacharan Leodhais. Agus gu dearbh fein cha ’n ’eil cliu no buadh, no fialachd a bhuineadh do na baintighearnan Gaidhealach o shean nach ’eil air an riochdachadh inntese. Gu ma fada sona bhios i fein agus a fear agus a teaghlach agus a cuid:— “Bana-Ghaidheal, oirdhearc, statail, Fialaidh, cairdeil an run san cri; So dhuit failte am measg nan Gaidheal, Gu’n robh thu aghmhor ad thigh ’s ad ni.” Ach tha sinn a nis a’ tarruing gu port; is ged is iomadh mile a dh’ fhag sinn ’nar deigh tha na h-iomraichean cho ealamh iasgaidh air cul nan ramh agus a bhios na h-eoin bheaga cho mear a dhol a sheinn aig eiridh na greine. Anns an dealachadh tha mi dol a dh’ fhagail am dheigh air duilleagaibh neo-bhasmhor A’ Ghaidheil brigh cridhe naistneach bardail a fhuair mi ann an cainnt charrach nan Gall:— “Isle, once famed in song and story, Joyed I tread thy earth once more! Proud I view thy shreds of glory, Shading stream and loch and shore. “Still to me thy broken splendour Is not all that makes thee dear: There are chords of love more tender Sealed by holy friendship’s tear. “Islay dear! I love thee ever! All thy scenes and deep-blue skies; All thy kindly hearts that never Virtue, Love, and Truth despise!” LITIR. DEAR MR. EDITOR;—That the Bards who sang aforetime, and who are now dead and gone, should be held in honour and be frequently quoted, and were quoted, but with pride and respect, is all very right and proper. But does it not strike you, as it has frequently struck me, that we are rather apt to be indifferent to, and regardless of the works of our living contemporary Gaelic song writers? We have it on classical authority that there were brave men before Agamemnon ever wielded mace in single combat or in the mad bruilgie of a general engagement. We would say, if we dared to meddle with the dictum of a classic, that not only were there brave men before Agamemnon, but equally brave, or braver men after him, after he had long slept with his fathers, and being long resolved to dust and ashes. We, too, have had our Bards, aye, and we have our Bards still, and it is neither wise or well for us to neglect and ignore our contemporaries, as is too often done. As a single step in the direction, I beg to send you for insertion in the “Gael,” a song composed on the marriage of Lochiel, in December last. The author is Duncan MacIntyre, North Ballachulish, in my immediate neighbourhood. I think you will confess that in every respect it has great merit. The historical allusion in the ninth stanza is to the origin and name of the great house of Buccleugh, for it is needless to inform you really that Lochiel’s wife is no less a person than Lady Margaret Scott of Buccleugh. With every good wish for the continued success of so admirable a monthly as the “Gael,” I am, &c., NETHER LOCHABER. [TD 164] ORAN AIR POSADH LOCHIAL, CEAN-CINNIDH NAN CAMSHRONACH, MAC-DHOMHUILL DUIBH! I. Seinnidh mise dhuibh briathran Tha ro-chiatach as taitneach, Mu dheighinn Lochial A bh’ again riamh na chuil taice; Cha’n’eil duine anns an rioghachd Nach cual’ gach ni mur a thachair, Neo tha buidhre nan cluasan ’S bothar-fhuaim ’stigh nan claiginn! II. Chualas sgeula air a ghaisgeach Tha ro-thaitneach ri innse: Geug da’n darrach gun mheang A bh’ againn ann bho chionn linntean, Tha e ’m bliadhna ’n deigh posadh Ri ban-diuc og ard na rioghachd Le daingeantas laidir Agus cairdeas gun chrioch air. III. Sid an oidhche bha soillse ’S gum b’ ro-aoihinn Lochaber; Eadar Caolas-Ic-Phadruic Agus braidhe Loch-Arcaig; Teine mor air na beanntan Air gach meall agus bacach; Lasair dhearg ’dol ’sna speuran, ’S ’cann bu leir dhuinn an-t’athar! IV. ’S ioma maighdean bha truagh dheth ’S’an taobh tuath so, fo smallan, An duil gun deanadh i’ bhuanachd Le suairc ’sle cul-taice: Agus ban-tighearna uasal ’Bha ’n duil gur bruadar a bh’ aca; ’S tha nise ’n deigh dusgadh Bho thursa lan airsneul. V. Sid an dream a bha uasal ’On a ghluais iad fo’n ascaid; Sheas an rioghachd, ’sbu dual dhoibh Le faobhar tuaith agus claidheamh: Craobh dhearg do’n darrach le rusg, ’Si gun lub a’s gun ghaiseadh, An duilleag ghorm ’si cho curaidh Leis an driuchd ’si lan mealla. VI. Bha iad baigheil a’s truacant, Ri a cuid tuath air an fhearan ’S gach linn dh’eìrich uapa Gun bu dual dhoibh a leannachd, Cridhe fialaidh a’s pairteil Agus baigheil mar charaid: ’S gheibh iad urram gu brath Mar a shabhail iad Glaschu! VII. ’S tha sinn toilichte am bliadhna Deagh Lochial bhi tighin dachaidh, Le bean og a chul dualaich An leadainn chuachaich, chuil-chleachdaich, Tha a sios mar an fhaolan ’S a gruaidh mar chaoran air mheangan Da shuil mheallach, ghorm, bhoidheach, Is mhealla chomhnard na annir. VIII. ’S O cha’n ioghna mar tha thu ’S thu thighin an aird o’ na Scotaich, Bha iad foghuinnteach, dileas, Fo an sinnsireachd an toiseach; Bha iad measail an Albain Am measg gach ainm a’s gach cogadh, ’S’ dhaindeoin Shasuinn ’si stri ris Ghleidh e chriochan ge b’oil leo. IX. Sid na doinne tha ainmeil Bho a linn aig Righ Seumas ’Nuair a chaidh iad do’n mhunadh A dh’iaraidh sithinn le eibhneas, Chuir Righ Seumas an t’saighead Anns a bhoc ’s cha do gheil e Rinn an Scotach a chasgairt’, An curaidh gasda ’s an treun-fhear! X. Tha sinn a rise lan solais A bhan-duic og ’bhi tigh’n dachaidh, Mar rì oighre Mhic-Dhomhnuill Far ’m beil gach seorsa dhi pailt ann. Marbhar fiadh a’s a mhunadh, A uineig mullaich a Chaisteil, ’S air bradan lannach, geal, ciatach A seomar iochdar an tighe. XI. ’S gu’n robh sonas a’s buaidh Leis a charaid uasal so ’thachair, ’S gun bi’n t’ Ard-Righ mun cuairt doibh’. Gach taobh an gluais iad ’s an gabh iad; Tha sinn a nis air lan dochas Mu ’s e ’n t-ordugh e thachairt Gun tig oirnne oighre og A ghleidheas corachan athar. Let us not then, Mr. Editor, be forgetful of our Bards, a little kindly recognition of their occasional effusions, may incite them to a richer, freer, nobler burst of song than they should ever think of even attempting unless under sense of the strength of heart and buoyancy of spirit imparted by a friendly pat on the shoulder. [TD 165] TAIBHSE A’ MHANSE. Mu cheud bliadhna seachad, bha moran sgeulachdan uamhasach, air an ’n innseadh do chloinn. Thainig leabhar mach ma ’n tim sin, da b’ainm. “Saobhal do-fhaicsinneach a ’n aibhisdear air a fhoillseachadh.” Leabhar lan do sgeulachdan, air tansagan, mortaireachd, buidseachin, draoidhean agus sithichean. Bha an leabhar so, air’ a leugh le cloinn, agus air ’n leanachd, le sgeulachdan eaglach eile, gus ’n robh oigridh, cho eaglach agus nach sealladh, iad air ’n culaobh, air eagal ’a ’n sean-ghille bhi ann; bha iad creidsin cho mor, agus nach rachadh sean daoine, do sheomar dorch an deigh dorchoiche. Bha taibhse mhanse, air a roghainneach gu tric, o ’n bha e oillteil, uamhasach, saobh-chrabhach, fiadhaich rolaisteach, mar bha ’a ’m beul-aithris ga chuir ’a ’n ceill, gu ’n robh fear gabhail ’a ’n rathaid, air a spuinn, agus gu an-iochdmhor, air ’a mhortadh, agus a chorp air fhalach sa choille aig Rochallie, a mi-shealbh na tubaist, ’a bhith air spuinn agus mhurtadh, ’a fhaodadh striochdadh leis, ach e bhi air ’a sgarachduinn, bho adhlacadh criosduidh, ni robh an comas, taibhse cubhaidh teo-chridheach ’s am bi ’a ghiulain; mar sin air fuireach, do ’n taibhse gus an robh fhoighdinn air ruith a mach; chaidh e gu foirfich diadhaidh, ro-naomh ’a bhuineadh do ’n eaglais, agus dh-innis e dha mar a thachair, agus dh-aslaich e ’m foirfich, gu dol agus na cnamhan, thogail, agus an cuir ann ’n cladh coisrigte. Bha an t-eildeir gabhail eagail, gu biodh iad sgeig as fanaid air, ni chum car tiom e bho innseadh, na feart ’a thoirt do ’n ordugh fhuair e. Ach air gach oidhche, bha a’m fear-ceilidh neo-shaoghalta, tachairt ris, gus ’n robh e air chomh-eignach, gus an sgeul chuir air beulaobh an t-seisean, agus e ’a’g athchuingich an comhairle. Nuair chomh-choird iad, gu geill ’a thoirt do ’n iarrtas tamhaidh, ach nuair bha iad coimhlionadh, na riaghailt-chrabhaidh, dhearmaid iad an claigionn. gus ’n robh an t-iomlan de ’n riaghailte, chrabhaidh, ri oibreachadh thairis rithist, mas b-urrainn an taibshe mi-shona, fois fhaotinn san uaigh. Bha an sgeulachd so, re moran bhliadhnachan, ag cuir moran oillt agus uamhas, air an oigridh, bha comhnuidh ma ’n aite sin. San dh’ eirich an sgeul gu ro shimplidh, mar tha ’n sgeul ’a leanas toirt cunntas dearbhaidh, mar bha air innseadh, le litir naigheachd siorrachd Pheirt, air ’n treas latha de cheud mhios ’n earrich, sa bhliadhna 1831. An ’n uaire bha mise og, bha mi ’m bhuachail bho, ann an coille Rochallie, agus bu tric chriothnaich mi, a ’n uaire a bhiodh agam ri dol seachad, air an aite iomraideach, far na thog iad na cnaimhan, mar dh-aithne an taibhse do ’n eildeir, bha mi air ’m chomh-eignich, gu dol seach an aite air oidhche dhorch, air mo rathad dhachaidh, agus fhuair mi eagal dolasach, bha ’n oidhche ro dhorcha, is nach robh ni ri fhaicin, mar robh cuidhe sneachd, [TD 166] an so ’s an sud, nach d’thug geill do dh-aiteamh ’a mhairt. Bha ghaoth ro ard, agus bha coille Rochaille, ri cumhadh caoidh ris an anradh, is comh-oibrach gus ’a chuis-eagaill ’a mheudaicha, thuirt mi rium fein, is deistinneach tiamhaidh an t-aite so, agus oh! is oillteil an oidhche so, ma thig an taibhse am choir, is cinnteach ga ’m basaichinn air an ionad. Nuair labhair mi na facail sin, ga ’n cualas starbhainach, ’a measg na crionach, air ma chulthaibh, thug orm mo cheann, a tharruing eadar mo ghualainn, agus dh-eirich ’m fhalt, na sheasamh air mo cheann, an uair dhuraig mi sealltuinn air an aite. Oh! uamhasach; uamh-bheist cosmhal ri cu, agus e deas gu leum air mo dhruim, thug orm gu ’n ran mi, le sgreuch mor ard-fhuaimneach. Trocair! Trocair! leum mi le cabhag ach ma leum ’s ma ruith mi, lean ’m uamhas gu dluth, ri mo shail gus ’n thainig, mi gu tigh ’m Athair; agus gu ’n choinnich mo phiuthar mi, le gobaireachd neo-chiontach agus ghlaodh i. Oh! Sheorsa caite an ’d fhuair thu collie, bha e air falbh re fad ’n latha, air eigin a theasrig mi, bho dhol ann ’a paisean. An nuair leth dhearbhadh e dhomh, an ni chur na h-urad, eagal orm, nach robh ann ach, ’n sean chu aige ’m athair; chaidh do ’n choille an latha sin, deigh maigheach. ’C-aite ’a bheil ’m athair; dh’ fheorich mi le cabhag, iomluasgach, “fhreagar iad gu ’n robh e sa ’n t-seomar, maile ri duine coigrich, ’n uair chaidh mi da ’n ionnsuidh, agus chunaic ’m athair mi, cho luasganach fheorich e ciod a ’b aobhar, agus mar Albanach eile, a fhreagar e fein ’a cheist. O ho, bha thu gabhail eagall, tighinn troimh na choille. “Ciod chuir eagall ort mo ghille,” arsa an coigreach. “Cha do chuir dad,” arsa mise, le gnuis-naire. “O, bha e gabhail eagal, as an taibhse,” arsa ’m athair. “Ciod an taibhse?” arsa an coigreach. “Oho, taibhse mhans, tha mi cuimhneachadh nis, is ro-mhaith chaidh, a’ chleas-a bhachdach sin chluich, am bheil faoin sgeul air ’a chreidsin fathast fior.” “Fior,” arsa ’m athair, “riomh cho fior is tha mi creidsin, gur t-usa, Tearlach Mac-an-tosich, agus gu ’m bheil mise, gabhail bheag eagal as mi fein; tha mi creidsin gu bheil e fior,” “Ceart direach na thaibhse cho mor is tha mise thuirt Tearlach; is e toirt dearbhadh, nach bu spiorad e; le gloine de dhruchd na ’m beann a shlugadh, an deigh togail de ’n bhord, far ’n robh e cuir urram, air truinnseir fiodh, lan da dh-aran is case, innsidh mise an sgeul fior dhuibh.” Lean e an uair leag e sios ’a ghloine:—“Bha sean Tighearn ’a Rochallie, ro mhireagach, agus na chleasaiche, suigeartach, mar tha deadh-fhios agad, bha aon de na ban-oglaich aig, rug paist dha, agus bha e ro-bheadarach, is deothasach as an leanabh, agus bha e mar an ceudna, fodh iomaguin, ga ’m biodh e air ’a bhaisteadh, ged bha ’m paiste diolan, bha e cho mion-eolach, agus na chompanach cho mor, aig ’a mhinisteir (M. L.), as minig gloine dhol iad [TD 167] comhla, agus gun robh e saoilsinn nach robh, ach beag cunnart ann an gnothuchan a riaghailteach, mar thuirt e fein ris; ach dheirich eas-ordugh, agus mealladh, mearachdach, tubaisteach, le Uilleam Griasaich, na (Willeam Soutar) duine a bha na bhall foghainteach do ’n eaglais, a sheas na n aghaidh, agus mhionnaich as bhoidich e, gu ’n aithriseadh, e chuis da ’n comhail-chleireach, na rachaidh an naoidhean a bhaist; dh-oibrich so air ’a mhinisteir, agus na eildeiran eile, is chaidh innseadh da ’n duine-uasal, mar tabhaireodh e lan diol da ’n t-seisean, nach robh e comasach am paisd bhaist; agus ’n uair chaidh a ministeir, le guth an t-sesean da ionnsuidh, dh innis e dha sa ’n am cheudna, gur e an t-eildeir Soutar, thug m buille sa cheann da ’n chuise; chuir e corruich. air an duin-uasal, am fiosrachadh so; (chion goirid roimhe sin, thainig e eadar am foirfich Griasaich agus leirsgrios, le ghabhail air laimh, ’n uair bha e gu bhiodh air a ruag mach le fiachan,) bho ’n am so bha a run, suidhichte gu campar chuir air, bha fear ro charach, chuibheartach, aig an tighearn; agus chaidh an sgeul innseadh dha, agus thairg e, gu ’n cuireadh e eagal air Soutar, an ath uair bha Uilleam Greusaich, ann an Blar-ghobhrie, aig an t-seisean, chaidh ’m fearmuintear, agus rinn e feall-fholach, aig aite diomhair, os ceann Drochaid Lorntie, air dha e fein uidheamach, le dha na tri, deth chraiceanan chaorach chuir uime, agus chaidh e air ’a mhaganan, leth-char coslach ri cu, agus le bhi tabhannaich, donnalaich agus ’a ’g ulfhartaich, chaidh aig air eagal oillteal, chuir air an eildeir bhochd, chuir go robh bheag bho chiall e; an ath-latha bha ’n sgeul, air sgaoileadh ’s gach aite, san duthaich, gu ’n thachair tannasg, air Uilleam Griasaich, air cumachd cu agus gu ’n thabhuinn, agus labhair e ris, agus mhaoidh e, tachairt air a rithist, chaidh coinneamh urnuigh, chuir suas ann an tigh Uilleam, agus na h-uile ’a meadhan ’a b-urrainn iad smuaineach chuir ’n cleachd, chuir stad air an tannasg, ach bha gille na car, gun stad toirt ceilidh dha; gus an robh e air fas sgith, de ’n turus-oidhche cho tric, agus thubhairt e ri mhaistear, gu ’m bitheadh e feumal, an obair, thoirt gu criche; agus air dha chuimhneach, air aite anns ’n robh laogh marbh air adhlacadh, moran bhliadhnachan roimhe sin, an deigh an ceann a thoirt dheth, chuir e eagal air sean chailleach leis, rin e tionnsgainn gu ’n toir e chreidsinn air Soutar, gu’m b e cnaimhan duine, bha air a mhortadh bh’ ann, agus gu ’n toir e air an togail, agus an adhlac, ann an cladh; bha ’n duine uasal toilichte, leis an tionnsgain; agus an ath choinneamh, thug an tannasg da ’n eildeir, “dhinnis e dha gu ’m ’b esan taibhse, duiue ’a mhortadh le duine eile; agus ga ’m feumadh esan tighinn, maille ris, agus gu ’m feuchadh e dha, an t-aite ann ’s ’n ’d fhalaich e an corp, agus dh’ aslaich e air, na cnamhan thogail, agus an adhlac, ann an talamh coisrigte, an deigh sin coimhlion, nach cuireadh e dragh, tuilleadh air; dhiult Soutar an toiseach, ach an deigh do ’n tannasg, iomadh coinneamh thoirt [TD 168] dha, agus maoidh dioghaltas; dh’ aontaich e mu dheireadh, gu e bhi air a’ threorachadh, aig marbh uair meadhon oidhche, gu uaigh an laoigh, agus an uair thug an taibhse, an ath-ordugh dha, na cnamhan thogail; thug e raoichd dheistinneach; agus leum e le surdag, ann am preas calltuinn, agus fhuair Soutar bochd, adh, rathad smeurachadh, mur ’b fhearr ’b urrainn dha, as an aite oillteil, air an ath-latha, chaidh am ministear, na eildeiran uile, agus chuid bu mhor do sluagh na duthcha, agus an duine uasal, ’s a ghille maille ri cach, agus chual iad na chaidh labhairt, bha na cnamhan uille air caidh, ach na lurginean, no na cnamhain-smeur, le iad a bhi adhlaicte deich bliadhna fichead; thubhairt, am ministeir, “bha e na dhuine laidir,” ach am barrachd, “faodaidh duine is treis, bhi air a cheannsach,” is iongantach, “arsa fear deth na eildeiran, nach eile an claigionn ri fhaicsinn, is cleachd leis a chlaigeann a bhi lathair, ged nach biodh cnamh eile ri fhaicsinn; “is cinnteach chaidh an ceann, chuir as an rathad.” “Ni h-eadh,” ars’ Uilleam, dh-innis an taibhse, gu’n robh e air ’a thoirt sios, le comhnadh cu, is an t-sin air ’a mhurta le maide; bha monmhor measg an t-sluaigh, air son ’a chlaigion; ni chuir luagan, ann an inntinnean luchd na prat, air eagal gu ’m biodh am fealltairachd, air fhaotain a mach; chuir stad air sin, sholaraich iad as a chladh ’a b’ fhaisg claigean, agus thild iad sios e, fagus do ’n aite, as an deach cnamhan an laoigh thogail. Thug an taibhse coinneamh, da ’n eildeir an oighche sin, agus dh-innis e da, gun t-fhag e cnaimh, agus gun imireadh, e dol air ais agus fhaotinn, air neo nach faigh e fois; da reir sin, air an ath-latha, chaidh an claigionn fhaotinn, agus an deigh esan, is na cnamhan eile, a chuir cruinn; agus feill choisrigte, chumail air son fois doibh (ni chaidh dheaneamh leis gach rogh-fheill). “Bha iad air an giulain, gu cladh Bhlar-na-gobhrie, far an robh gu beag, sluagh na sgireachd, gu leir cruinnichte, a thoirt fianuis agus urram, air adhlacadh an laoigh.” “A nuair chroichanaich Tearlach,” arsa ’m athair, “an deigh sin, ma tha e fior, fhuair iomadh neach, eagal gun abhar.” ‘Cha ’n eagal nach eil e fior,” arsa Tearlach’ “air son dh-innis Alasdair Ruairidh, gille an duine uasail, da bhrathair ’m athair e, agus dh-innis brathar ’m athar dhomhs e, mu ’s an deàch mi do ’n Ghermailt, maile ris an da fhichead ’s dha, agus c’aite ’m ’b fhearr an cluinnteadh e, na bho an Taibhse fein,” is e sin an cunntas thug Tearlach Mac-an-toisich air ’a chuise. Air dha bhi ga inniseadh, dhomhs rithiste, dh-innis e domh, gu’n d-innis brathar athar, dha mar an ceudna, gu ’n robh drobhair briste, ma ’n am sin, rinn cruinneachadh air na dh-fhaodadh e, da mhaoin, agus rinn e falbh, gun fhios c’aite, agus cha d-fhuair iad iomradh, gu brath air, agus bha e air ’a fhuaimneachadh, gu ’n robh e air ’a mhurtadh, agus gu ’m b’ e na cnamhan aig, chaidh fhaoitinn, biodh sin mar a’ d fhaodaidh e; faodaidh mi dearbh fhianuis, thoirt air fireantachd Thearlich, na bheir an duthaich uile teisteas, gu ’n robh e na dhuine malda beusach, agus na sheann-Saighdear-saor-dhuais, agus fear ’a chumaidh ris an fhirinn. Air thoirt bho bheul-aithris Pheirt, agus eadar-theangachadh Le W. D. [We give the above much as written by the author, to represent the dialect of the district.] [TD 169] BEINN AN EOLAIS. Anns an aimsir sin de ’n bhliadhna nuair a ni soilleireachd agus ciuineachd nan speur, na measan eagsamhuil a tha cuirneachadh an lair, duilleach eas-dathach nan craobh, agus gach adh milis, ach seargach, a ta air an fhogharadh shunndach, an inntinn fhosgladh gu deagh run, agus a chuireas iad i ann an suidheachadh air son meomhrachaidh bha mi a’ farsanaich ann an duthaich bhoidhich, ard bheannaich, gus an do thoisich m’ annos air geilleadh roimh sgios, agus shuidh mi sios air sgor creige a bha air a comhdachadh le coinich, far an d’ rinn fuaim nan duilleag a’ tuiteam, tormanaich nan eas, agus borbhanaich nam bailtean fas as m’ inntinn a thaladh gu samhchair iomlan, agus dh’ ealuigh an codal gun mhothachadh a steach orm, am feadh a bha mi leigeil ruith leis gach faoin bheachd taitneach a rinn na cuspairean m’un cuairt orm a dhusgdh a’ m’ inntinn gu nadurra. Fhuair mi mi fein air ball ann an conard reidh, farsuinn, sinteach, aig an robh beinn mhor ag eirigh suas as a mheadhon na b’ airde na bha beachd agam roimhe air i bhi. Bha sluagh mor air a’ bheinn, gu h-araid origridh; bha moran diubh a’ dian-ruith air an adhart agus an gnuis a’ taisbeanadh comharan ro bheothail air deineas an inntinn, ged a bha an t-slighe ann an iomad aite cas, docrach, agus ro gharbh. Thug mi fainear gu’n robh an dream, nach d’ rinn ach toiseachadh ris a’ bheinn a streap, an duil nach robh iad air an aghaidh bha beanntan ura ag eirigh daonnan ’nan sealladh; agus cha robh ann am fireach na te a b’airde a bheachdaicheadh iad roimhe ach bonn te eile, gus an robh a’ bheinn fadheoidh cosmhuil ri i fein a chall anns na neoil. Am feadh a bha mi a’ geur-amharc air na nithibh so le h-ioghnadh chunncas fear-teagaisg cairdeil laimh rium gu h-obann agus labhair e mar so. “A’ bheinn sin a ta far do chomhair,” ars’ esan, “is i beinn an Eolais. Air a mullach tha teampull na Firinn, aig am bheil a ceann os cionn nan neul, agus tha brat de sholus fior-ghlan a’ falach a gnuis. Beachdaich air triall a luchd-leanmhuin; bi thusa tosdach, agus furachail.” An deigh dhomh nithean eagsamhuil a thoirt fainear thionndaidh mi mo shuil ris a’ mhor-shluagh a bha direadh a’ bhruthaich chais; agus bheachdaich mi ’nam measg oganach aig an robh sealladh beothail suil bhiorach, agus a bha rud-eigin teineil, agus mi-riaghailteach ’na uile ghluasadaibh. Se a b’ainm dha ciallmhor (genius). Thug e saighdeadh as mar iolair anaird a’ bheinn agus dh’ fhag e a chompanaich ag geur-amharc ’na dheigh le farmad agus le h-ioghnadh; ach bha a thriall mi-chomhnard, agus bhacadh a shiubhal le mile breathal. Nuair a sheinneadh Saimh a ceileir binn anns a’ ghleann rachadh esan am measg a cuideachd. Nuair a smeideadh uabhar ris teachd a dh-ionnsuidh bile na creige ghabhadh e misneach dol ann, ged a bha am bile a’ crith fo a chasaibh; bha e a’gabhail mor thoileachais ann an ceumannaibh taoibh as an t-slighe nach d’ fheuchadh riabh roimhe; agus rinn e cho liugha leum bharr an rathaid as gur tric a dh’ fhag a chompanàich a b’ anfhainne e air dheireadh. Chunnaic mi gu’u robh a’ cheolraidh (the Muses) ag amharc air le leth-bhreth, ach dh’ amhairc an Fhrinn air gu minic le muig, agus thionndaidh i a gnuis a leth-taobh. Am feadh ’s a bha Ciallmhor mar so a’ caitheamh a spionnaidh le leumannaidh taoibh o’n fhior ghnothach, chunnaic mi neach eile [TD 170] air an robh coltas calg-dhireach an aghaidh so, d’ am b’ainm Dur-aire (Application). Shnaig esan air adhart le ceum mall gun stad, ’s a shuil suidhichte air mullach na beinne, se gu foighidneadh a’ carachadh gach cloiche a chuir grabadh air a cheum, gus an d’ fhag e as a dheigh moran diubh-san a rinn air tus tair air a thriall mall saothaireil. Gu firinneach bu tearc iad a dhirich a’ bheinn le seasmhachd chonaird agus neo-bhristich; oir a bharr air dorradas na slighe, bha iad daonnan air an taladh gu tionndadh a thoabh le buidhinn lionmhoir de Chiocrasaibh (Appetite) de Aignidhibh (Passions) agus de Shaimhean (Pleasures), a bha cho liosda ’s nan aontaicheadh iad aon uair leotha bhiodh an comas a’ fas na bu lugh ’s na bu lugha gu cur ’nan aghaidh; agus ged is minic a dh’ ath phill iad a chum na slighe, bha gairbhead an rathaid air fhaireachdainn leo na bu ghairbhe; na measan a bha roimhe fallain agus urail, dh’ fhas iad searbh agus droch-bhlasda, dh’ fhas an sealladh dorcha; agus thuislicheadh an casan aig gach grabadh bu lugha. Chunnaic mi le mor-ioghnadh gun robh a’ Cheolraidh, d’ am bu ghnothach misneach agus sunnd a chur air an dream a bha ’gan saruchadh a’ direadh a’ bhruthaich, gu tric a’ seinn ann an doireachan badanach na saimh, agus a’ toirt coimheadachd dhoibh-san a bha air an taladh air falbh leis na h-Aignidhibh; gidheadh cha d’thug iad coimheadachd dhoibh ach uighe ghoirid; agus threig siad iad daonnan nuair a chailleadh iad sealladh air a’ bheinn. Dhublaicheadh na h-aintighearnan an sin an slabhruidhean air na ciomaich mhi-shona; agus threoiricheadh siad air falbh iad gun bhacadh gu cuiltibh an Ain-eolais agus gu ionadaibh-comhnuidh na Truaighe. Am measg an Luchd-meallaidh do-aireamh a bha ag oidhirpeachadh ri luch-leanmhuinn na Firinn a tharuinn air falbh o cheum an Eolais bha aon a bha cho neo-eagallach ’na coltas, agus cho foil us fann na h-ionnsuidhibh as gur gann a bheirinn an aire dhi, mur bhith an aireamh mhor a rinn i a luchdachadh le a slabhraidhean gun mhothachadh aca air sin. Se an Leisg a b’ainm dhi, agus bha i fada bho eirigh air cogadh riutha as an aodun; cha d’thug i ionnsuidh air an cosan a thionndadh as an t-slighe; ach thoilich si i fein le bhi cur maille air an triall; agus an run sin nach b’ urrainn di a thort orra a threigsinn, chuir e impidh orra dail a chur ann. Bha cumhachd aig a buille cosmhuil ri cumhachd a’ Chraimb-eisg (Torpedo) nuair a bheanas se ri neach sam bith, oir bhair e an lus as na h-uile neach ris am bean e. Bha a braighdean mi-shona fathast a’ tionndadh an aghaidhean ris an teampull, agus daonnan an dochas gu’n ruigeadh iad sin, ach bha an talamh mar gu’m b’ann a’ sleamhnachadh fo ’n cosaibh, agus fhuar siad iad fein aig an iochdar mu’n d’thug iad fainear gun do charaich iad as an laraich. A’ chinineachd sheimh sin a bha air tus ri fhaicinn ’nan gnuis chaochail i uigh air n-uigh gu airsneal gruamach agus marbhantas duilbhear, air an robh dreach an dubh-bhroin a’ sior dhol nas truime a reir ’s mar a bha iad a’ sleamhnachadh gu samhach sios air sruth na Mi-speadharachd, uisge dubh mall nach eil air a phreasadh le aon oiteig, no air a bhlothachadh le aon torman, gus am bheil e a’ tuiteam a stigh ann am Muir-mharbh far am bheil an luchd-turuis a’ clisgeadh ’s a’ mosgladh leis a’ chrathadh a gheibh iad, agus air an ath mhionaid theid iad fodha ann an Doimhne na Diochuimhne (Gulf of Oblivion). [TD 171] Am measg nan daoine mi-shona a threig ceumannan an Eolais cha robh neach sam bith aig an robh na bu lugha de chomas gu pilltinn air ais na luchd-leanmhuin na Leisge. Ghlacadh braighdean nan Ciocras agus nan Aignidhean an cothrom, nuair a bhiodh na h-aintighearnan so ’nan cadal no fo airsneal, gu dol as bho ’n geasaibh; ach bha tighearnas na Leisge seasmhach agus buan-mhaireannach agus is ainmic a chuireadh iad ’na aghaidh gus am bu diomhain teannadh ris. An deigh dhomh bhi beachdachadh air na nithibh so thionndaidh mi mo shuilean ri mullach na beinne far an robh an t-athar daonnan fior-ghlan agus lan suilbhireachd, agus na rathaidean air an dubrachadh le luaidhrealaibh agus preasan eile a bha urar do ghnath, agus an drilleanachd a bha boilsgeadh ’na gathannaibh o ghnuis an Eolais mar gum b’ ann a’ dortadh a mach gloire mu’n cuairt air a luchd-leanmhuinn. “Is sona an dream,” arsa mise, “a gheibh cead a’ Bheinn a dhireadh.” Ach am feadh a bha mi ’g eigheach so le deineachd neo-ghnathaichte, chunnaic mi ’na seasamh laimh rium neach aig an robh aogus neamhaidh agus dealradh grasmhor. “Tha iadsan nas Soua,” ars’ ise, “a tha air an treorachadh le subhailc a dh-ionnsuidh ionada-comhnuidh an toileachais-inntinn.” “Ciod,” arsa mise, “am bheil Subhailc ma ta a’ gabhail comhnuidh anns a’ ghleann?” “Gheibhear mi,” ars ise;” “anns a’ ghleann, agus tha mi a’ soillseachadh na Beinne. Tha mi cur sunnd air a choitear, nuair a bhios e aig obair, agus tha mi deachdadh do ’n Fheallsaanach nuair a bhios e a beachd-smuaineachadh. Tha mi dol am measg mor-shluagh nam bailtean mora, agus a’ beannachadh a mhanaich ’na chuil uaignich. Tha teampull agam anns gach cridhe a dh’ aidicheas mo chumhachd; agus dha-san a ghuidheas air mo shon tha mi cheana lathair. Faodaidh Eolas do thogail gu Ard-inbhe agus mor chliu, ach is mise a mhain a threoraicheas thu gu sonas agus aghmhoireachd,” Am feadh a bha Subhailc a’ labhairt mar so, shin mi mach mo lamhan d’ a h-ionnsuidh le deineas a rinn mo dhusgadh as mo chadal. Bha an driuchd fuar a tuiteam mu m’ thimchioll, agus bha dubhar an fheasgair a’ sineadh air aghaidh an fhuinn. Dheifrich mi dhachaidh; agus chaith mi an oidhche gu tosdach ann am beachd-smuaineachadh. D. B. B. CO MHEUD CARAID A BU CHOIR A BHI AIG DUINE. An dean sinn, ma ta, uiread agus is urrainn dhuinn ’nan cairdean duinn, no, mar a chaidh a radh gu h-iomchuidh a thaobh fialachd:— “Na biodh agad moran aoidhean, Is ni mo bhios thu gun ghin.” Mar so tha an riaghailt a thaobh cairdeis; nach biodhmaid aon chuid gun chairdean, no moran againn. Tha an radh so freagarrach uile air son nam feadhainn a tha ’nan cairdean do chach a cheile air son chriochan feumail; oir tha e draghail a bhi paidheadh air ais deadh-ghean do mhoran, agus cha’n’eil ar beatha fada gu leoir a dheanamh so. Uime sin tha barrachd air na bhios a dhith air duine ’n a cheum sonruichte beatha gun fheum, agus ’n a ghrabadh ’na thighinn beo gu math, agus uime sin cha’n’eil feum orra. Agus tha beagan chairdean air son solais gu leoir; direach mar a tha bhi a’ deanamh ar bidh milis. Ach a thaobh dhaoine matha nach bu choir dhuinn uiread agus a b’urrainn dhuinn a bhi againn? * * * Ach tha e soillear nach urrain aon duine a bhi ’na chompan- [TD 172] ach agus ’na charaid do mhoran. A bharr air so, feumaidh am moran so a bhi ’nan cairdean do chach a cheile, ma chaitheas iad an uine le cheile; agus tha so duilich a thaobh aireamh mhoir. Tha e mar an ceudna duilich co-fhaireachduin altrumas ri moran ’nan solais agus ’nam piantan; oir feudaidh e tachairt gu’m bi e mar sin a’ deanamh gairdeachais le aon charaid, agus a’ bron le aon eile. Theagamh, ma ta, nach ’eil e cho mhath dhuinn uiread chairdean agus is urrainn dhuinn iarraidh, ach direach uiread agus a tha feumail air son cuideachd; oir tha e ag amharc eu-comasach a bhi ann an cairdeas laidir ri moran. Uime sin, tha e mar an ceudna eu-comasach a bhi ann an gaol air moran; oir cha’n ’eil ann an gaol ach ro lanachd cairdis; agus tha e air fhaireachdain a thaobh aon chuspair; agus cha’n urrainn ro lanachd dheth, uime sin, a bhi air fhaireachduin ach a thaobh beagain. Mar so tha a’ chuis ri faicinn ann am fior chleachdadh: oir ann an cairdeas eadar companaich cha’n ’eil moran a’ fas ’nan cairdean; agus is ann eadar dithis a tha na ceangail chairdeis is ainmeile. Cha’n ’eil na feadhainn aig am bheil moran chairdean agus a tha caidreach ris a’ h-huile aon, air am meas le aon ’s am bith ’nan cairdean ach ann an seadh siobhalta; agus theirear luchd-toileachaidh dhaoine riu. Anns an t-seadh roimh-radhte, ma ta, feudaidh duine bhi ’na charaid do mhoran, eadhon gun a bhi ’na fhear-toileachaidh dhaoine, ach mar dhuine math: ach air sgath subhailc agus nam muinntir iad fein tha e eu-comasach a bhi ann an cairdeas ri moran; feumaidh neach a bhi toilichte gu dearbh le beagan diubh fhaotainn.—Aristotle. Am fear nach clachd a chlaidheamh fogaidh e air a thom e. NAIGHEACHD FHIRINNEACH. Tha an sgeula a leanas na ni ro-iongantach, ri bhi air a chraobh-sgaoileadh am measg Saobh-chreidmhich, a tha creidsinn gu’m bheil Sithichean, uilebheistean agus riochdan mhi-ghnathaicte a’ gabhail tuinnidh dluth air ar n-ionadaibh comhnuidh ann an ceanna tuath na Halba. Tha e fior chinnteach ri linn cogadh Bhonapart 1822, gu’n robh loingeisibh cogaidh air am faicinn le suilibh corporra na muinntir a bha ’g eisdeachd an Urr am aich Dr. Ross ann an Gruinard air latha Sabaid. Bha na bataichean fada caola r’am faicinn ’g an sadadh a’ bharr buird na longaibh fa chomhair Rutha na cloich uaine, ni a chuir mor ioghnadh agus feagail air gach neach a chunnaic agus a chuala an sgeul cunnartach so. Bha a leitheid bhuaidh aig an t-sealladh uamhasach so air inntinnibh an t-sluaigh, air chor’s cho luath’s fhuair iad na bataichean as ceann tiura na mara, gu’n tug gach neach gu cabhagach gu mullach gach cnuic “agus ’m fear nach beireadh air a’ bhogha, bheireadh e air a chlaimheamh,” cuid eile foluch an eudaich agus an cisteachan airgioid am measg an arbhair, cuid ri foluch fead ach c’aite an gabhadh na saighdearain frangach. tir. ’S e barail dhaoinne creideasach gur eigin do na seallansa tachairt agus gach ni a bhi air a choimhlionadh. Tha na a chaidh aithris car iongantach, ach eisd ris na leanas agus beachd smuainich air ni do-chumanta a bha ’s a tha ri fhaicinn ann’s a choimhearsnachd so bho chionn iomadh bliadhna air Lochan an Uilltean fharsuinn ris an abrair “Loch na beside” a tha fuidhe an rathaid a tha treorachadh gu mealbhan Udrigle. Bha biasd anabarrach mor air a faicinn caochladh uairean [TD 173] air a cheud mhios do’n gheamhradh so air an Ioch, agus do bhrigh nach eil i bitheanta teachd air uachdar an uisge, tha luchd aitichidh na tire a co-dhunadh gur muchd Sheilcheig a tha ann. Tha i anabarrach fada agus domhail, mu thimchioll se troidhe deug thar fhichead agus a domhladas mar an ceudna co-chordte ri fad. Thog an sealladh moran fiamh am measg luchd gabhail an rathaid, air chor as an uair a chiaras am feasgar gu ’m bi feagal air neach an t-slighe ghabhail na aonar. Bha iomadh ni mighnathaichte roimhe so, coinneachadh ri luchid gabhail an rathaid, a bha tabhairt mor an deuchain agus ciurraidh dhoibh. Air do na seanachasaibh so a bhi air an craobh-sgaoileadh agus air an aithris do Thriath na tire, smuainich e gu’n tugadh e oidhearp air an loch a thraoghadh, agus air gach aon chor gun glacadh’ e an Uile-bhiasd eagallach so, a bha ga cumail fein cho diomhair anns an uisge agus na leomhan anns an t-slighe air na lag chreidmhich. Bha moran cosguis air a chur a mach ann an cumail freiceadain, tarruing phumpaichean agus aoil gu marbhadh na beisde, ach a reir gach coslais gu’n d’fhag i oighre na deigh. Tha e nise tur fhirinneach, gu’m bheil a bhiasd a rithist air teachd beo, agus air a faicinn re an latha, bho chionn ghoirid le duine creideasach agus beagan laithean na dheigh sin, (mu dheich uairean ann’s a mhaduinn,) bha i air a faicinn tri uairean le boirionnach calma fiirinneach, a dh’eigh ri Cuilcean cabhag dheanamh chum’s gu’m faiceadh e bhiasd; ach gu mi-fhortanach bha i air a sioladh ’s an uisge, mun d’raning an seann laoch. Cha ’n eil a bhiasd so, an am dhol fuidheal caruchadh an uisge, nis mo a cuir drach air neach sam bith. Bha moran do shaobh chreideamh a righeachadh am measg seann daoinne na h’airde tuath, ann a bhi creidsinn agus a dearbhadh gu’m biodh iad a faicinn na cnuic fosgailte, a cluinntinn na piobaireachd, agus a faicinn na sitichinn a’ dannsa. Cuid eadhon, gus an latha an diugh ag radh, gur iad na h-aingle tuiteamach na dannsairean a bha ra’m faicinn, ann am fosgladh nan cnoc. Tha mi ’n dochas gu ’m bheil cuid do luchd leughaidh a’ Ghaidheil, a bhios comasach an solus a chuir air na loingeisibh agus innse ciod a ghne beisde a dh’fheudadh a bhi chomhnuidh air an Loch agus mar an ceudna, ma tha e comasach do shuilibh corporra ainglibh tuiteamach fhaicinn. CAMUS A’ CHARRA. NIGHEAN BHAN ACHADHLUACHRACH. FONN.—“The Girl I Left Behind Me.” O gach taobh gan seid a’ ghaoth, ’S ro chaomh leam fhin o’n tuath i, Oir sann tha fuireach reul mo ghraidh, A dfhag mo shaoghal luaineach. Ged tha an diugh mo storas gann, Gun chrobh, gun chrann air cluaintibh, Leubhain fhin duit iomadh cainnt, A’s b’eol domh peann a ghluasad. ’Sann air coinneamh ’san tigh Mhaol, A rinn do ghaol mo bhuaireadh, Do dha shuil chorrach, mheallach, chaoin, ’S an aodan ’s nach ’eil gruaimein. Bhuail mo chridhe uair no dha, Aig meud mo ghraidh do’n ghruaigich, Oir ’si sud reul mo ghraidh, Nighean aluinn Achadhluachrach. Ged do bhitheans’ air an fheill, Am measg nan ceudan gruagach, Nam faicinn ann mo Sheonaid bhan, Cha chuirinn cach ach suarach. Ged a rachainse gun dail, Gu ’Stralia thar chuantibh Cha leig mi as mo chri’ gu brath, Nighean Aluinn Achaluachrach. A. OBAN, 1876. [TD 174] TEACHDAIREACHD BAIS DHAIBHIDH MHIC-ILLEIN. O eun oir teachd bho duthaich chein, Aig eisdeachd riut tha mi fo’n chraobh; Oir ’s ealamh thilg thu ormsa seun Led’ cheillear dhian tha ’g iadh gum’ thaobh: ’S mi sealltainn ortsa’n sin leat fhein, Gun chompanach bhi dluth do d’ ghlaodh. Ar leam an smuain gum faic mi thu A cheolaich ur is somhle’ dealbh, Aig itealaich troimh neula dluth, Teachd oirnn bho dhuth’ch tha fad air falbh; Gun toirm, gad choir, ach sgiathan luth’r. A briste ciuineas athar balbh. Ach grad ged rinn thu triall fo’n speur, Nis luaith gu leir tha mis an smuain; Oir nuair a sheall mi ort gu geur Mar dhealan leum mi thair a chuan Gu tir nan coigreach, tir na grein; Far bheil fear duthcha treun air chuairt. Am faca tu e’n sud a strith Ra fhosgladh, dorus sith is saors: Gach ceum a bheireadh e bha chridh A bualadh buille-bais na daors: Nam facas let fo’n oidhche mhin, An curaidh sgith, se sint air raon. O’s diomhain mi’ iarrtuis sin gu leir, Cha toir thu eisdeachd dhomh na suim; Cha chluinn thu ach do cheillear fhein ’S thu mach air barr na geuga luim: Nam bheil thu seirm gun d’ chuir an t-eug Seul air cridhe treun an t-suinn. Mo thruaigh gur fior, tha fuaim sa ghaoth, Mar shrann na h-aoidh nach gabhar cleth, Fos bho gach ghnuis tha gean air traogh, ’S coinneamhain thall sa bhos fa leth, Dol thairis:—mar is tric ni’n t-aosd. Air doigh a bhais, is aite breth. “Togaibh dhomh buth ’s gu’m faigh mi bas:” Sud thuirt an gaisgach ard ’se sgith: “Togaibh dhomh buth ’s gum faigh mi bas:” Tha chomhrag seachad is an strith; Ach torradh t-oibre mor bith’dh fas ’S fad ioma linn cha teid a dhith. [TD 175] Mo dhuthaich fhein, be sud do mhac; B’fhear-saothreach e do’n chinne-daoin, Ge so do ghloir bhi cur am mach Na fuarain mhisneachail nach claon Troimh eagal namh; ach ghabhas tlachd Bhi strith chum mathas mor an t-saogh’l. Tha e air teachd gun aite tamh, Am measg nan sar tha ionad suain; Bha thus mar alltan faoin sa bhraigh, A chrioch mar làn-shruth dol gu cuan: Bith’dh ainm cho buan ri cliu nan sair A dh’ainmich Oisian fhein na dhuain. MAC-OIDHCHE. DOCHAS. Mu’n chagailt lom’ ’nuair shuidheas mi leam fein, Is smaointean searbh cuir m’anam truagh fo chradh, Gun aisling chaoin a thilgeas orm a seun, Is aonach fhuar na beatha dh’easbhuidh blath; An sin o Dhochas neamhaidh turluing leam, ’S mar sholus dealrach, aomsa dluth mu’m cheann. (Keats) Ead. le MAC-OIDHCHE. ENGLISH. When by my solitary hearth I sit, And hateful thoughts enwrap my soul in gloom, When no fair dream before my mind’s eye flit, And the bare heath of life presents no bloom; Then Hope, ethereal Hope, around me shed And wave their silver pinions o’er my head. SEUMAS DAUSON. ’Nuair a bha Prionns’ Tearlach a’ tilleadh air ais an deigh eagal a bhualadh leis na Gaidheil troimh chridhe mheamnach Shasuinn dh’fhag e air an rathad ann an Carlisle, tri cheud do ’n Reiseamaid a thogagh ann am Manchester gu bhi ’nan gearastan anns a’ bhaile criche ud. Am measg nam feadhainn so bha Seumas Dauson mac duine bheairtich. Bha e aig an am ’na oileanach aig aon do Oilthighean Shasuinn Ach ghabh e taobh a’ Phrionnsa. An ceann da latha thainig Diuc Chumberland fa chomhair baile Carlisle le a armailt. Dh’ iarr e air a’ ghearastan toirt suas ach dhiult iad. Mhair an t-seisd a chuireadh ris a’ bhaile fad deich laithean; ach fadheoidh thoisich ballachan grod a’ bhaile air falbh, agus cha robh aig a’ ghearastan ach toirt suas no bhi air an losgadh. Chuireadh bratach gheal a suas air an aonamh la deug a dh’ innseadh gu’n robh iad a’ toirt suas. Chaidh Seumas Dauson agus seachd deug eile a thoirt ’nan priosanaich do Lunnuinn. Cha robh fios aig parantan Sheumais gus a nis gu’n d’ eirich e leis a’ Phrionnsa, ged a [TD 176] chual’ iad gu’n do theich e o’n Oilthigh. Bha aon eile ann a bha cho bronach r’a chairdean—Fanny Lester a bha fo ghealladh posaidh aige. Bha iad eolach air a cheile o’n a bha iad ’nan leanaban; agus chaidh i nis i-fein a Lunnuinn a ghuidhe air an righ mathanas a thoirt da. Fhuair i steach far an robh Seumas ’sa’ phriosan; agus bha a chridhe-san lan gairdeachais gu’n d’ thainig i a thoirt comhfhurtachd dha. Bha i faotaìnn far an robh e a’ h-uile la; is bhiodh iad a’ bruidhinn le cheile air mar gheibheadh e mu sgaoil ’s a’ misneachadh a cheile. Bha muinntir a h-atharsa agus atharsan ’nan daoine aig an robh tomhas do ughdarras; agus bha iad gach la an crochadh ri uaislean mora na rioghachd a dh’ fhaotainn mathanas do Sheumas; ach, ged bha geallanna fabharrach air an toirt a nis agus a rithist, cha robh mathanas ri fhaotainn. Chaidh se miosan seachad agus an duil fadheoidh gu’n leigteadh Seumas mu sgaoil chaidh a shuidheachadh gu’m posadh e fein is Fanny an la a leigteadh a mach e. Ach ’s ann a chaidh a thoirt gus a’ chuirt comhla ri cach. Bha Fanny agus na parantan agus an cairdean a lathair; mu dheireadh chuala i am facal “ciontach” air a radh; ’s thugadh na priosanaich air falbh a dh’ fheitheamh la a’ chrochaidh. Bha leth dhochas fathast gu ’m feudadh an righ aig a’ mhionaid mu dheireadh mathanas a thoirt seachad. Ach chaill Fanny a duil ris a so; stad i a bhi cainnt mu shaorsa no mu phosadh; is ann a bha labhairt a nis mu ’n t-siorruidheachd agus mu iad a bhi comhla ann an sud a chaoidh. Cha ’n fhaicteadh a nis deur air a suil no gluasad air a h-iomhaigh. Bha i seamh le a cridhe runaichte air na bha roimpe. Mu’n d’thugadh air falbh e a chrochadh fhuair i a fhaicinn. Ghlac e gu teann r’a chridhe i, agus thuirt e, “Slan leat, slan leat, O Ghaoil—beannachd beannachd shiorruidh leat!” “Cha’n ann gu siorruidh,” thuirt ise, “coinnichidh sinn a ris. Cha bhi an ach beannachd ghoirid—slan leat, a ghaoil. Coinnich am bas gu duineil. Bidh sinn le cheile gu goirid.” An latha bha iad ris a’ cheann a thoirt deth, bha ise an lathair aig taobh a mach chaich. Bha i ann an coidse comhla ri da bhana-charaid. Chunnaic i aon an deigh aoin a’ tighinn gu bhi air a chrochadh; b’ e Seumas am fear mu dheireadh. ’N uair a chunnaic i esan dh’ fhas i dall—cha chuala i toirm an t-sluaigh mu’n cuairt—tharruing i a ceann air ais do ’n choidse—thuit e air gualainn a bana-chompanach, ’s i ag radh, “A ghaoil! tha mi falbh leat! tha mi falbh leat!” a’ cur a da lamh comhla,—“Iosa chaoimh, gabh ri ar n-anaman!” Thug iad lamh air a ceann a thogail, agus a cumail suas ’nan gairdeanan, ach thuit i air a h-ais gun chli gun bheatha; chompanaich a spiorad esan anns an robh a cridhe a sas; is thug i suas an deo a cridhe briste. SOP AS GACH SEID. Direach mar is e an teas a tha teachd o thaobh a stigh a’ chuirp is mo comhfhurtachd, is ann o na bheil a steach a tha sinn air an deanamh sona, is cha’n ann o’n taobh a mach. Fasaidh daoine, mar a ni lusan, ban agus beag ma tha a’ ghrian air a cumail uatha. ’Si deadh shlainte solus-greine a’ chuirp; ’si inntinn aoibhneach solus-greine an anama. Cha d’ rainig cladan sneachd riamh an talamh gun sal a thrusadh o ’n aile troimh an do thuit e; mar so tha an nadur is gloine air a shalachadh ’na ghluasad anns an t-saoghal. [TD 177] NA BANA-BHAIRD. Cha’n’eil rùn oirnn cunntas farsuinn a thoirt air na Bana-Bhaird Ghaidhealach an drasd; is leòr leinn ainmean nam feadhainn a’s mò a tha air an aideachadh a chur siòs ann an ordugh an deigh a cheile. Is e ar n-iarrtus a leigeadh fhaicinn gu’m bheil mnathan am measg nan Gaidheal cho mhath ri fir air an do bhuilicheadh spiorad na bàrdachd,—ni a dh’ fheudas a nochdadh dhuinn gu’ n robh o cheann fhada air ais finealtas agus grinneas a’ cliuthachadh sliochd nan Gaidheal. Tha Oisean a’ toirt f’àr comhair ’na bhardachd fein boirionnaich bhoidheach mar luchd-deanamh agus mar luchd-seinn ciuil is bàrdachd; ach cha ’n urrainn dhuinn gu h-achdaidh òighe ’s am bith a chomharrachadh a mach a bha ’na bana-bhard anns na làithibh sgaileach ud. Tha mòran òran againn a ris, a tha iomadh linn a dh’aois, cuid diubh gun teagamh a chaidh a dheanamh agus a sheinn le mnathan; ach aon chuid air an ainm no air an tuineachadh cha’n fhaighear sgeul. Tha e air a ràdh gur h-anns an treas linn deug a dheanadh “An Gille Dubh Ciar Dubh,” le bana-bhard air nach ’eil ainm againn. A réir coslais is ann le te a rinneadh “Fear a’ Bhata” mar an ceudna; agus cha ’n e cainnt no guth fir a tha againn ann an “Fhir a nleadain thlaith.” Is saoilidh mi gun teagamh gur h-i cainnt cridhe mna a tha anns an oran ghasda ud, “An Nochd gur faoin mo chadal domh.” Tha moran eile a dh’ fheudadh a bhi air an ainmeachadh—orain a chaill sgeul air am parantan ach a tha air an seinn agus air an altrum gu caidreach am measg clann nan Gaidheal. Ainmicheam a nis na bana-bhaird air am bheil tomhas do eolas againn, agus aig am bheil an ainmean an oibrichean nam bard: Ban-Iarla Earraghaidheil: 15mh linn deug. Gheibhear cuid d’ a h-obair-sa anns an leabhar luachmhor ud a chuireadh a mach o cheann ceithir bliadhn’ deug—The Book of the Dean of Lismore, far am faighear mar an ceudna moran do bhardachd eile. Bha bàrdachd is litreachas measail am measg nan Gaidheal anns an la anns an robh mic righrean cosmhuil ri Oisean, agus ban-iarlachan cosmhuil ri te Earraghaidheil a gabhail tlachd annta. Mairi Nic Leoid: 16mh linn deug Cha’n’eil a’ bheag nach cuala iomradh air Mairi Nighean Alastair Ruaidh agus air a bardachd. Rinn i aireamh oran, a’ chuid is mo dhiubh mu Chlan-Leòid anns an Eilein Sgiathanach agus anns na Hearadh. Gheibhear na dh’ iarrtadh d’a cuid bardachd anns an t-“Sar-Obair.” Diorbhail Nic-a-Bhriuthainn: 17mh linn deug. Cha’n eil mòran do òran Ni-a-Bhriuthainn air an gleidheadh, ach “Oran do dh’ Alasdair Mac Colla.” Rugadh i ann an Lunga, eilean Earraghaidhealach. ’Na gne bardachd agus ’na doigh seinn tha i fein agus Mairi Nic-Leoid gle chosmhuil r’a cheile. Silis Nic Dhonuill: 17mh linn deug. Rugadh Silis Nighean Mhic Raonaill, mar theirteadh rithe gu cumanta, ann an Lochaber. Mur ’eil i air thoiseach cha ’n ’eil i air deireadh air na bana-bhaird a dh’ainmich sinn. Tha a roinn ni ’s misle agus ni ’s sleamhuinne na am feadhainn-san. Chuir i ri cheile aireamh mhath do dhan is oran. An deigh bas a fir chleachd i a talant a’ deanamh laoidhean. Caimbeul Bar: 18mh linn deug B’e Donnacha Caimbeul a b’ainm do athair Mhrs. Caimbeul Bar; bha i riamh eadar a’ Mhorairne agus Craignish an Earraghaidheal. Bha ise cosmhuil ris na Caimbeulaich air fad air taobh righ Deorsa, mar a bha [TD 178] Nic a Bhriuthainn is Nic Raonuill air an laimh eile air taobh nan Seumasach. Rinn i oran foghainnteach aon uair an aghaidh a’ Phrionnsa, dh’an do rinn Mac Mhaighstir Alastir freagairt, mar bu dugh dha ann an cainnt cho salach ’s nach cualas diog bardail as a ceann air a’ chuspair ud riamh tuilleadh. Cha’n-’eil i cail air deireadh air Mairi Seud no air Nighean Lachuinn ann an comas bardachd. Ann an aon seadh cha’n’eil coimeas idir eadar i fein agus iadsan; tha farsuinneachd breithneachaidh, do bhonn agus do thuigse mhodhannail innte nach ’eil idir r’am faicinn mu’m bardachdsan. Nam biodh na laoidhean a sgriobh i air fuinn a bu thaitniche bhiodh barrachd deigh orra gu coitcheann am measg nan Gaidheal. Cairistina, Nic Fherguis; 18mh linn deug. Rugadh a’ bhana-bard so ann an Contuinn, an Siorrachd Rois, far an robh a h-athair ’na ghobha. Cha ’n ’eil aon do orain nam bana-bhard a dh’ ainmich sinn a tha cho ainmeil is cho taitneach ris an aon oran a rinn ise d’ a fear a thuit latha Chuil-fhodair. ’Se doimhneachd a faireachduinn agus am meas ard-anamadail a bha aice air a fear a gheibhear ’na h-oran o thoiseach gu deireadh. Tha na facail a tha i ag aithris aig deireadh gach roinn—“Mo run geal og”—a’ giulan leotha moran brigh, agus a’ nochdadh nan cuspairean cliumhor air an robh inntinn agus cridhe briste na bana-bhaird a’ foiseachadh. ’S e so an t-aon oran is aithne dhuinn a rinn i; ach gleidhidh am fear so fein cuimhne oirre mar bhean Uilleam Siseal, aonarachd chianail a bantrachais a’ dusgadh truais is comh-fhaireachduinn anns gach cridhe a thuigeas ciod e bron uasal mna air son fear a graidh a thug am bas uaipe. Maireard Nic Illeathain; 18mh linn deug. Rugadh Nic Illeathain am Muile; agus theirteadh gu coitchean rithe Mairearad Ni’n Lachuinn. Tha Nighean Ailein air a radh rithe cuideachd; ach tha sinn a’ smuainteachadh gur h-e a’ cheud tiodal am fear ceart. Rinn i so moran do dh’ orain agus do dhain, suas ri deich thar fhichead. Ach a mach o “Ghaoir nam Ban Muileach” cha ’n ’eil iad ro ainmeil. Bha na fuinn agus an tomhas ranntachd a ghabh i duilich a thogail no leantuinn. Anns an rathad so cha ’n ’eil i fein agus Nic a Bhriuthainn agus Mairi Seud neo-chosmhuil ri cheile. Math no dona agus mar dh’ fheudadh am bardachd a bhi tha i cho duilich a sheinn, cho mi-shimplidh, agus gu’n robh i ullamh dol á’ fasan leis a’ ghinealach a thigeadh an deigh nam bana-bhard. Catrine Nic Illeathain: 19mh linn deug. Rugadh a’ bhana-bhard so ann an eilein Chola; agus is ann air son Tighearna Chola a rinn i na h-orain a chunnaic sinn d’ a cuid. Tha a bardachd ni ’s taitniche air doigh na te na bana Mhuilich; ach cha ’n ’eil sinn ag ràdh air a shon sin gu ’n robh bardachd do spiorad na bardachd innte. Duisgidh a h-orain duilichinn ann an inntinn Ghaidhealaich ’sam bith a smuainticheas air na mi-fhortain a chuir Clann-Illeathain a Cola, agus a dh’ fhàg iad gun ainm gun oighreachd aon chuid am Muile no an Cola. Cha ’n ’eil ioghnadh ged a bhriseadh cridhe nan Gaidheal an diugh a mach ann am bardachd, agus seann fhear- ann na Feinne ’ga spionadh as an laimh. Nic a Chleirich: 19mh linn deug. Fhuair Mrs. Clarc aite air nach ’eil i neo-airidh am measg baird dhiadhaidh an Taobh Tuath. Bha na leugh sinn d’a cuid gle thaitneach; ni b’ usa a sheinn na bardachd Mhrs. [TD 179] Caimbeul Bar. Tha iad le cheile soisgeulach ’nan laoidhean agus a’ gabhail tlachd anns na h-aon fhirinnean; ach ’nuair a tha Mrs. Caimbeul Bar a’ seinn mu’n fhirinn lom tha Mrs. Clarc a’ toirt dhuinn barrachd do shugh an fhein fhiosrachaidh Chriosduidh. Tha an dara te a’ riochdachadh faireachduinn shoisgeulaich na Gaidhealtachd mu Thuath ’nuair a tha an te eile a’ riochdachadh teagaisg luim soisgeulaich na Gaidhealtachd mu Dheas. Mairi Nic Ealair: 19mh linn deug. Cha’n’eil sinn dol a dheanamh moran iomraidh air Mrs. Mackellar is i fein beo, agus gu ma fada air falbh an latha anns am bi iomradh oirre an deigh a bais! Tha sinn direach a toirt air aghaidh a h-ainm a ràdh mu deibhinn gu’m bheil i ann an eolas, ann an aiteach inntinn agus ann an cumhachd bardachd air thoiseach air na h-uile do na bana-bhaird eile a dh’ ainmich sinn. Dh’ ainmich sinn a nis ann an ordugh na bana-bhaird is aithne dhuinn a tha airidh air an ainm. Ma tha feadhainn ’sam bith ann air an d’rinn sinn dearmad, agus is aithne do mhuinntir eile bhitheamaid ro thoilichte iad a bhi air an toirt f’ar comhair. Tha iomadh eile ann a dh’ fheudadh sinn a thoirt fainear ach cha’n’eil àite againn dhaibh an drasd. ’S iomadh oran a tha againn le te g’a leannan. Tha orain againn mar an ceudna ann an clo le Piuthar Fear Scalpa; le Nighean Fhir na Reilig; le Baintighearna Ille Chalum Rasa; agus o cheann ghoirid le Baintighearna D’Oyly. Saoilidh sinn gu bheil e ro chliumhor do “shliochd a’ Ghaidheil ghlais,” agus gu sonruichte do thuigse agus gu do chiall nam ban Gaidhealach, gu’n robh na h-uiread ’nam measg, a dheanadh bardachd cho glic agus a sheinneadh ceòl cho’ grinn. Nam biodh na Gaidheil anns na linnibh a dh’ fhalbh cho fad air deireadh agus a bu mhiann le cuid a chumail a mach cha b’ urrainn oighean is mnai ciallach, seadhail, fir-ghnethach togail is arach fhaotainn am measg nan gleann, nam beann agus nan eilean. Cha’n fhaighear cail do leithid so do aiteach inntinn am measg mhnathan chinneach bhorba nach d’thainig fo rian laghan cneasda riamh. Cha’n’eil sinn ag radh gu’m bheil bardachd dhomhain no fharsuinn ann an orain no ann an dain nam mnathan a dh’ ainmich sinn; ach their sinn gu’m bheil spiorad dian gleusda na bardachd air a thaisbeanadh leo ann an tomhas; agus gur h-ann a tha na rinn iad ro iongantach ’nuair a bheir sinn fainear na suidheachaidhean mi-fhabharach anns an robh iad. Cuiream sios an so mu dheireadh rann no dha Le te ga Leannan a leigeas fhaicinn dhuinn an doigh anns an seinneadh na maighdeannan Gaidhealach mu ghaol: “’Sann a thug mi mo ghealladh Do dh’ fhear a’ chùil oir, Sùil is miogaiche sealladh, Gruaidh thana mar ros; Do bheul briodalach meachair, Deud mar chailce gun spors, ’Stu’s modhaire sealladh, ’Sis blasd o’n tig pog. “Pog is millse na’n siucar, Aig an fhiuran ur og; Naile chunnaic mi uair thu ’Sann leat nach b’ fhuathach bhi m choir; Aig a mheud ’s thug mi ghaol duit Cha’n fhaod mi bhi beò; A nis o’n threig thu do ghealladh Gur h-e ’m fabhar dhomh foid.” An uine ghoirid brisidh am bron a dhunar a steach an cridhe, agus caithidh e an corp a ’n uaigh. Tha gach bas a’ filleadh ann ochd latha fichead tinnis; ’se sin, air son gach duine a tha basachadh tha ochd air fhichead tinn aon latha. [TD 180] CUMHA. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN NACH MAIREANN. [Ceòl] Thaing sgeula mo chruadail, Gu n’ do chuir iad ’s an uiagh thu; ’S goirt mo chridhe o ’n chuala, Ged nach d’ fhuasgail mo dheoir. Tha do leaba lom, fuaraidh; ’S trom do chadal, ’s ro bhuan e; Chaoidh cha n’ eisd thu ri m’ luaidh-sa, ’S cha ghluais thu ri m’ cheol. Bha do ghluasad gun eucoir, Gun uireasbhuidh ceille; Leam bu taitneach bhi ’g eisdeachd Ri seisde do bheoil! Tha do bheul a nis duinte; Cha ’n ’eil leirsinn ad shuilean; ’S fuar an cridhe ’bha muirneach— Anns an uir, ’s e gun deo. Bho ’n bhuannaich am bas thu Seach na dillsean ’tha lathair, Cinnidh feanntag ’s a’ gharadh, ’N uair ’thig failinn ’s an ros. Sud an ros a bha cubhraidh, Air geug nan dos urail; B’ og ’s a’ mhadainn e ’bruchdadh— Sheac a’s shuigh e trath-noin! Chuir thu mise gu smaointean Nach innis mi ’dhaoine; ’S mairg chuir uigh anns an t-saoghal, ’S iomadh caochladh ’teachd oirnn. Ged tha cairdean gu deurach ’S faoin an cumha leam fhein e; Theid gu cuirm a’s cuirt eibhnis, Giulan eideadh a bhroin. Ged tha m’ eideadh gun mhuthadh, ’S mi gun deur air mo shuilean, Gus an cuir iad ’s an uir mi, Bidh mi ’d iunndrainn ri m’ bheo. Chionn bu toigh leam an nigh’nag; Bu ro thoigh leam an nigh’nag; Mo sgeul dubhach ’g a innseadh, Thu bhi ’d shineadh fo’n fhoid! Tha aisling ’nar n-anam, is briathra ’nar beul Mu la ’s feárr is ni ’s bòich’ ’nar còir; ’S tha ar láithean a’ caitheamh ’s a’ ruith le chéil’ Gus an àm ud ceann-uighe an òir. A nis sean tha an saogh’l, a nis òg tha e rís, Ach dùil ris an “Am Mhath” tha ’g èiridh gun sgìs. —Schiller. [TD 181-192] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 193] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] TREAS MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. [55 AIR. DEOCH LAIDIR. MU DHLEAS DHAOINE A THAOBH DIBHE LAIDIR, MAR A THA SIN AIR A LEIGEIL RIS ANNS A BHIOBULL. THA daoine deas air a bhi smuaineachadh gun robh gach ni ris an abrar fion ’s a Bhiobull Ghaidhealach comhionann ris an fhion a reicear am Breiteann. Ach tha facal no dha ’s a Bhiobull Eabhrach, a tha air an eadartheangachadh fion; agus chan ’eil a h-aon diu a ciallachadh fion goirt, amhain. Tha am facal cumanta airson fion a ciallachadh fion milis, ionann ri fion goirt no oibrichte. Tha so soilleir bho Iob, Caib, xxx, r. 19, agus Mata, Caib, ix, r. 17: oir ’s e ’m fion milis amhain a dh’ atas; agus uime sin dh’ fhonadh seann searragan airson fion goirt. Tha am facal tiruis a ciallach toradh na fionain gu h-iomlan; agus ’s e so am facal a ghnathaichear far am bheil arbhar air ainmeachadh mar an Genesis Caib. xxvii, r. 28, agus Deuteronomi, Caib. xxviii, r. 51, a’s dearcan fiona pairt mhòr do bhiadh an t-sluaigh, air feadh tir Chanaain. Gabhaidh fion cumail milis air tri doighibh—le pronnasc, le dhunadh suas bho ’n àile, agus le bhruicheadh gus am fàs e tiugh. Bha na h-Iudhaich eòlach air an dà dhoigh mu dheireadh. An àm na càisge, bha iad gu cùramach a glanadh as an taighibh gach ni goirtichte, a reir aithne an lagha, * araon deoch a’s aran: agus ’s e fion milis a bha iad ag òl aig an fhéisd, mar a tha iad a deanamh gus an latha ’n diugh. Mur faidh iad fion milis air dhoigh eile, bogaidh iad fion dhearcan caoinichte an uisge. Mar so chi sinn gur e fion milis a dh’ òl ar Slànuighear agus abstoil aig an t-suipeir: oir cha robh fion goirt ri fhaighinn. Agus nuair a smuainicheas sinn air buaidhibh an stuth so, agus air an truaighe a thug deoch laidir air milltibh gun aireamh, feumaidh sinn a dhunadh gun do chruthaich e aig Cana fion mar a chruthaich Freasdal ’s an dearc, agus chan e an stuth cronail a thig a fion le bhi ’g a ghrodadh. Dhuin an Cruithfhear suas stuth na beirme am meadhon nam fion dhearc; agus uime sin cha tig boinne alcohol asda mur brughar iad. Chaidh pòitear fiona a radh ris an t-Slanuighear gun teagamh: ach ghoirear “duine geocach” dhe leis na ceart dhaoine; agus tha fios againn gum bu bhreug sin. Tha am fion milis car coltach ri brailis, agus ro thaitneach ri òl. Cha robh am fion goirt bu treise a bh’aig na h-Iudhaich idir cho laidir ri Port no Madeirâ: oir tha branndi air a chur annta. Agus a bharr air a sin, b’ e’n seann chleachd a fion * Ecsodus, Caib. xiii, 7. Tha daoine iunnsaichte, Iudhaich agus Criosdaidhean maraon, ag radh gur e ’a ciall do ’n fhacal eadar-theangaichte taois ghort, ni air bith oibrichte le beirm. [TD 194] goirt a mheasgadh le h-uisge mus an òlar e. Bhatar a meas gum bu choir dà thrian de ’n dibhe a bhi ’n a h-uisge. A thaobh na dibhe ris an abrar “deoch laidir” ’s a Bhiobull Ghaidhealach, chan ’eil ach aon fhacal ’s an Eabhra; agus tha daoine foghluimte ag innseadh gur e fion na crann-pailme is ciall da, deoch nach ’eil ni ’s treise na fion na fionain. Tha an aithne so, “Na dean cron sam bith ort féin,”* a toirmeasg gach ni a ni coire; agus gun teagamh ’s ann diu sin alcohol. Tha ciall nàduir fhein ag innseadh dhuinn gum bheil an duine a tha gu fiosrachail a giorrachadh a shaoghail le dibhe, a cur laimhe ’n a anam. Agus tha ’m Biobull gu comharraichte a bacadh fion a phòiteir, “Na h-amhairc thusa air an fhion an uair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath ’s a chupan,” †“Is cealgach an ni fion; is buaireasach an ni deoch laidir; agus ge b’ e neach a mhealltar leo, chan ’eil e glic.”‡ “Is an-aoibhin dhoibhsan a dh’ eireas gu moch ’s a mhaduinn, a dhol an déigh dibhe làidir, a bhuanaicheas gu feasgar, ionnus gu ’n cuir am fion teas orra,” “Is truagh dhoibhsan a ta làidir a dh’ òl fiona, agus ’nan daoinibh neartmhor a mheasgadh dibhe làidir.”§ Tha a chiad earrann diu sin a toirmeasg sealltuinn air dibhe a phòiteir, agus uime sin a teagasg dhuinn fantainn as a rathad. Agus nach ’eil an t-aite sin a toirmeasg a bhi blas dibhe, far am bheil e air a radh nach sealbhaich misgeir rioghachd Dhé?|| Nuair tha mhisg air a bacadh, tha gach ni air a thoirmeisg a bheir daoine gu bhi ’nam misgeiribh; agus chan ’eil ni a’s cinntiche a ni so na bhi ’g òl dibhe. Tha earrainnean ’s * Gniomharan, Caib. xvi., v. 28. †Gnath-fhocail, Caib. xxiii. v. 31. ‡Gnath-fhocail, Caib. xx., v. 1. §Isaiah, Caib. v. 11, 22. †1 Corintianaich, Caib. vi., v. 9, 10 a Bhiobull ’s am bheil fion air a mholadh; ach ’s e toradh fallain na fionain, agus chan e fion grod, air am bheil iad sin a luaidh. Tha a Phaidir fhein a bacadh dibhe laidir, anns a ghuidhe so: “na leig sin ann am buaireadh.” Tha so a feuchainn gur coir buairidhean a sheachnadh; agus tha ’m fear a dh’ òlas deoch laidir ’g a thilgeadh fhein ’n am meadhon. Tha ’m Biobull a toirmeasg do dhuine dibhe òl, ged nach deanadh i coire dha fhein, agus ged a bhitheadh e cinnteach nach tigeadh e ri latha gu bhi ’n a mhisgeir: “Is maith an ni gun fheoil itheadh, no fion òl, no ni air bith a dheanamh leis am faigh do bhrathair tuisleadh no oilbheum, no leis an deanar lag e.”* Nise tha e ro chinnteach gum bheil Moran d’ ar braithribh a faighinn oilbheum agus tuislidh le dibhe laidir, agus gum faigh moran eile oilbheum leatha, fhad ’s a leanas daoine air a bhi ’g a h-òl. ’S e ar dleasnas, uime sin, a seachnadh airson so amhain, a bharr air aobharaibh eile. Tha am Biobull a feuchainn gum bheil deoch laidir a lagachadh sluaigh araon an corp ’s an inntinn; oir bhacar i do mhathair Shamsoin, a bha gu bhi ’n a dhuine laidir, * agus bha i air a toirmeasg do na sagartaibh, an àm an dleasnais.† Os bàrr tha an Ti Mhath Uile-leirsinneach a feuchainn gur droch ni pòit; oir bheannaich e na Pechabaich, a cheann gun do sheachainn iad i gu tur, a reir aithne am priomhathar.‡ Na saoil gun d’ thainig am beannachadh ach airson deagh aithne a choilionadh; oir cha tigeadh beannachd Dhé air sgàth aithne aingidh no leibidich. P. MACGRIOGAIR. ‡Romanaich, Caib. xiv., v. 21. §Breitheamhna, Caib. xiii., v. 1 gu 5. †Lebhiticus, Caib. x., v. 1 gu 11. ‡Jeremiah, Caib. xxxv. [TD 195] RAINN DO NEOINEIN. THA thus’ an sin a neoinein bhig a’n cùil leat féin, Us fiamh a’ ghàir air d’aghaidh mhìn ri blaths na gréin; A’ deanamh gàirdeachais ri lòchran àrd nan spéur, ’Tha ’g àrach suas do fhreumhan maoth’ gu baigheil seimh. Ach c’àit an robh thu ’n uair ’bha gruaim air uchd nan spéur, ’S an geamhradh fuar le ’fhrasan garbh a’ searg do ghnèth, ’S a’ lomadh sios gach duileig’ guirm’ ’bha ’fàs air crann, ’S gach luidhe maoth le doinionn searbh a’ falbh ’n an dean? Thug reòtachd fhuar air falbh do ghruag, do shnuadh, ’s do dhreach Us shùigh on talamh sios ’n a bhalg do dhealbh a steach; Us cheil a’ ghrian a sgiathan blàth a bàigh ’s a feart, ’Bha ’g ùrachadh do chruth gach là’ gu fàilteach, ait. Ach bha do bheath’ a’n dion bho’n fhuachd a’n cuaich gun bheud, ’S do chuislean faoin ’gan altrum suas gun fhios dhuit féin, Le diomhaireachd nach faca sùil, ’s nach aithris béul, ’Tha ’toirt a nàdair do gach ni areir am féum. Ach tha thu nis air teachd as ùr bho’n ghrunnd air ais, Le d’ churrachd bileach, pleatach, dlùth, gu h-urar glas, ’S cha’n aithnichear ort gu’n robh thu duint’ a’n cùil fo ghlais, ’N leabaidh thosdaich anns an fhonn re àm na h-airc. Tha nis an driùchd le céuman ciùin re àm na h-oidhch’, Ag uisgeachadh do bhilean maoth’ le braonaibh soills’, Mar shradan boilsgeach feadh do ghruaig’ ’is uaisle dreach, ’S do cheann a’ lùbadh sios gu làr aig làin’ do bhrat. Ach togaidh ’ghrian gu moch a ceann air gual an t-sleibh’, Us sinidh i a sgiathan blàth a nuas bho neamh, Us tiormaichidh i suas do ghnùis ’s do dheòir ma seach, Us sgaoilidh tu do chuailean fann gu greannmhor, ait. Thig eòin nan géug’ gu moch a sheinn dhuit iomadh fonn, Itealaich a null’s a nall mu’n cuairt do’n tom, A’ criomadh bharr gach feòrnein gorm ’s ag òl dheth’n ceann, Gu sòlasach air bhàrr nan slat a’ seinn dhuit rann. Bha mis’ uair a bhithinn féin gu tric a’d’chòir, A’ dol mu’n cuairt am measg nam preas gun dragh gun ghò, A null ’s a nall air feadh nam bruach ’s a’ buain nan ròs, Bhiodh tus’ an sin ’s an t-òrach bhan an sàs ’n a m’ dhorn. Ach thriall na làithean sin air falbh mar shruth le gleann, ’S tha grian ar ’n òige ’cromadh sios air chùl nam beann; [TD 196] Tha aois us leòn, us bròn, a’ ruith ’n an deann, ’S gach lath’ us uair a’ glaodh ’n ar cluais gu’n tig an t-àm. Tha geamhradh gnùth le iomadh dùlachd a’ tigh’nn òirnn, ’S a’ cur gu taobh gach sòlas faoin ’bha againn òg; Ach ged ’theid thusa sios do’n uaigh cha chrion do bheò, Ged shearg do ghruaidh bheir earrach nuadh air ais do ghlòir. Ach aon uair ’s gu’n téid mise sios gu’crìch mo lò, Cha’n ùraich diùchd, cha bhlàthaich grian, cha mhaothaich deòir, Cha chluinn mi ceòl air feadh na coill no guth a’n eòin, Ach diùnte ’n glasan teann a’ bhàis an talla ’n fhòid. ’N uair ’théid mo chré-se ’leagadh sios ’s a’ chadal throm, ’N sin éirich thus’ us sgaoil do bhrat mu’n cuairt do m’ thom, Biodh driùchd us grian le sgiathan blàth an taic do chòm, ’S biodh eòin us clann mu d’ thulach cùrr’ a’ togail fhonn. N. MACLEOID. COMHRADH EADAR MURACDADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—“Ceud mile failt air Fear a’ Ghoirtein Fhraoich! Bha mi direach a’ smuaineachadh ort, agus ag radh ri m’ a’ mhnaoi gu’n do thilg Coinneach Ciobair clach oirnne.” COIN.—“Ma thilg, a Mhurachaidh, bithidh a’chlach sin cosmhuil ri cronachadh an fhirein, oir cha bhris i do cheann.” M.—“Tha mi ’creidsinn nach bris, agus cha bhiodh duil agam gu’m briseadh. Ach, a charaid, tilg dhiot an cota-mor sin, oir tha e mu’s trom r’a ghiulan leis an aimsir bhlath so.” C.—“Nach cual thu riamh, a ghraidh nam fear, an sean-fhacal a deir:— Cha truimeid a’ chaor a falluing, Cha truimeid an t-each an t-srian, Cha truimeid an loch an lach, ’S cha truimeid a’ choluinn ciall?” M.—“Tha thu geur-chainnteach an diugh, a Choinnich, ach dean suidh, agus faigheamaid do naigheachd.” C.—“Is maith an naigheachd a bhi gun naigheachd idir; ach, cha’n ann a chur casg air do chainnt, ciod an leabhar boidheach a th’ agad ann sin, a Mhurachaidh? Is maiseach a cheangladh e gu’n teagamh. Is geal gach nobha, gu ruig snothach an fhearna.” M.—“Ma ta, a Choinnich, tha leabhar agam ann so a fhuair Seonaid bheag mar dhuais-foghluim ’s an sgoil, eadhon bardachd Roibeirt Burns, agus cha dheanadh tusa sgillinn dheth, a thaobh canain nan Dubh-Ghall anns am bheil e air a chur a mach. Bha mi direach a leughadh an duain aig Burns mu Thomi a’ Shanter, agus is miorbhuileach a chuireadh r’a cheile i. Is gasda a chordas i riutsa, a Choinnich, do bhrigh gu’m bheil i a’ toirt iomraidh air do chairdibh na buidsichean agus na sithichean.” C.—“Nach toir thu dhomh ’s a’ Ghaelig e, a Mhurachaidh, oir bu cheart co maith dhuit a thoirt dhomh-sa ’sa Ghreugais, ri thoirt dhomh ’sa chainnt neonaich sin.” M.—“Ni mise mo dhichioll, ma ta, a Choinnich, agus cha mhor nach [TD 197] biodh e co furasd teadhair a dheanamh as na sligibh-bairneach, ris an duan sin eadar theangachadh, ach bheir mise deuchainn dha, agus cha’n iarrar air duine dona ach a dhichioll. Eisd, ma ta ris an duan aig. TOMI A’ SHANTER. “An uair a dhunar na buthan, agus a dh’ fhagas ballaich nan ceannaichean na sraidean; an uair a chomhlaicheas coimhearsnaich pòit-chiocrach a’ cheile; an uair a chromas an t-anmoch air laithibh-feille, agus a thoisicheas muinntir air an t-slighe a ghabhail dachaidh; an uair a ta sinn ’nar suidh ag ol ar druthaig, agus a’ fas blath agus anabarrach soganach, cha’n ’eil aon smuain ’n ar cridhe mu na mithibh fada Albannach, no mu gach cathar agus slochd, gach stuadh agus stac, a ta eadar sinn agus ar dachaidh, far am bheil ar cailleachan gu dur, dranndanach ’nan suidh ann am feirg, agus a’ teannachadh an cnuaichdean mar anradh a’ fas ann an gairge, ag altrum an corruich chum a chumail dian. Fhuair Tomi a’ Shanter, an duine coir, an fhirinn so a mach ’n am da a bhi ’marcachd air oidhche araidh à Ionar Air, (seann Air, baile air nach d’ thugadh barrachd riamh a thaobh a chuid daoine ionraic, agus a chuid oighean maiseach!) O Thomi, gu’n robh thu co glic agus comhairle Ceite do bhean fein a ghabhail! Leig i ris duit gu’n mhearachd nach robh annad ach trusdar salach gu’n diu,—gleosgair bruidhneach, goileamach, misgeach;—nach robh thu fein aon la feile o gheamhradh gu foghair measorra no stolda! Cha do chuir am muillear lamh air molltair, nach do shuidh thu maille ris fhad ’sa bha sgillinn ruadh na d’ sporran. Cha do chuireadh crudh air gearran gu’n daoraich a bhi maraon air a’ ghobha agus ort fein. Air an t Sabaid Naoimh, agus am fochair na h-eaglaise, bu ghnath leat a bhi ’g ol maille ri Sine a’ Chlachain gu moch Diluain! Uime sin, chuir i air mhanadh gu’m biodh tu air t-fhaotuinn air do bhathadh luath no mall, ann an sruthaibh domhain na h-aibhne Doon, no air do ghlacadh anns an duibhre leis na sithichibh am fagus do sheann eaglais thathaichte Allobhaidh! Och! a mhnathan suairce! bheir e sileadh nan deur orm a bhi smuaineachadh cia lion comhairle thaitneach, agus cia h-iomadh rabhadh seasmhach a thugadh le mo mhnaoi, ach air an d’rinneadh tair leamsa a companach! Ach chum ar sgeoil.—Air feasgair araidh feille, bha Tomi gu stòlta ’na shuidh ri taobh na cagailte far an robh gealbhan-teine a’ braslasadh, agus maille ris bha poitearan druaiheach, a bha ’g ol gu cothromach gloin’ air ghloine. Aig uilinn Thomi bha Seocan-Greasuiche na shuidh air caithir, mar an seann fhear-ruin dileas, iotmhor aige fein. Ghradhaich Tomi e mar fhior bhrathair caidreach, air doibh a bhi cuideachd re iomadh seachdain fo’n daoirich. Bhras-shiubhail an oidche le h-oranaibh agus gleadhraich gu’n choimeas,—agus bha an leann a’ sir dhol am feabhas! Bha a’ bhean-osda agus Tomi a’ fas ro shuairce r’a cheile le comanaibh uaigneach agus fior-thaitneach. Dh’ aithris Seocan-Griasaiche gach sgeul a b’ iongantaiche na cheile, agus bha gaire mor an fhir-osda mar chomh-sheirm do’n dluth-chomhradh! Seideadh an doinionn o’n taobh a mach le buraich eagallaich, ach cha bu mho air Tomi an doinionn ’as fead! Iomaguin! air di a bhi air bhon le bhi ’faicinn neach co sona, chaidh i agus bhath i i fein anns na tuiltibh leanna! Mar a ghreasas na seillea- [TD 198] nan dhachaidh le luchdaibh storais, mar sin theich na mionaidean mar air sgiathaibh le toilinntinn. Feudaidh righrean a bhi air am beannachadh, ach bha Tomi moralach, air da buaidh a thoirt air uile thruaighibh na beatha a ta lathair! Ach tha toilinntinnean mar chrom-lusan air an sgaoileadh a mach. Ni thu greim air a ghucaig, ach tha am blath air a sgapadh! Air neo direach cosmhuil ri cloinneagaibh sneachda a’ tuiteam air an uisge; tha iad geal re sealain, ach air ball leaghaidh iad as an t-sealladh, agus cha’n fhaicear iad tuilleadh ni’s mo;—air neo cosmhuil ris na firchlis a ghrad-theicheas air falbh mu’n comharraich sibh a mach an t-ionad anns an robh iad;—air neo cosmhuil ri dealbh maiseach a’ bhogha-fhrois a shiubhlas air falbh ann am meadhon an ànraidh. Cha bheo e a chuireas cuibhreach aon chuid air uine no air seol-mara. Ach tha’n uair air teachd anns an feum Tomi dol air mu’n eich,—an uair sin a ta mar chlach-ghlasaidh do dhruim-bhogha dhoilleir na h-oidhche,—anns a’ cheart uair thiamhaidh sin leum e air druim a chapuill fein,—agus ann an leithid de dh’ oidhche ’s air an do ghabh e an t-slighe, cha deachaidh peacach bochd, truagh riamh a mach! Sheid a’ ghaoth mar nach seideadh i tuilleadh! Dh’ eirich na frasa torghanach air sgiathaibh na sine! Shluig an tiugh-dhorchadas suas na grad-bhoisgean teine ’sna speuraibh; agus bha’n tairneanach a’ buirich le langanaich aird, fhad, agus fhuaimneach! Dh’ fheudadh leanabh a thuigsinn air an oidhche sin, gu’n robh gnothuch aig an Droch-Fhear os laimh! Air do Thomi a bhi gu daingean na shuidh ’san diollaid air muin Maggai a’ chapuill glhas fein,—agus capull ni b’ fhearr cha do thog riamh cas,—ghrad ghluais e air adhairt roimh chlabar agus lathaich, gun suim sam bith do’n ghaoith, do’n uisge, na do’n teine,—an traths’ a’ deanamh grein air a dheagh bhonait ghuirm fein, agus a ris gu crònach a’ seinn seann dhuanaig Albannaich. A ris, bhiodh a shuilean a’ sgeannnadh ’na cheann, a’ sealltuinn gu curamach mu’n cuairt da, air eagal gu’n dianadh na bocain greim air Bha Eaglais Allobhaidh a’ tarruing am fagus, far an robh taibhsean agus cailleachan-oidhche a’ sgreadail ’s an dorchadas! Fhuair e nis a null thar an àthan far an do mhàchadh an ceannaiche ’san t-sneachda. Chaidh e seachad air na craobhaibh beithe, agus air a’ chloich mhoir far an do bhris Tearlach misgeach cnaimh na h-amhaich aige fein, agus chaidh e troimh ’n chonasg, agus seachad air a’ charn far an d’ fhuair na sealgairean an leanabh a mhortadh, agus am fagus do’n droighnich os ceann an tobair, far an do chroch mathair Mhungo i fein. Air thoiseach air tha Doon, a’ taomadh a tuiltean a mach,—tha’n doinionn bhuaireasach a’ beucaich troimh na coilltean, agus tha na dealanaich a’ clis-bhoisgeadh o dheas gu tuath! Ni’s faigse agus ni’s faigse tha na tairneanaich a’ buirich; agus gu fann troimh na craobhan acaineach chithear Eaglais Allobhaidh gu lasarrach mar gu’m biodh i ’na teine! Bha na sailean aice a’ gliosgadh troimh gach fosgladh, agus chualas ’san am gleadhraich sugraidh agus dannsa a’ fuaimeadh gu mor! Och! Iain-a’-Ghraineir-Eorna! thusa a dheachdas gu dan! Ciod na cunnartan a bheir thu oirnn, ach cnnnartan a chuir sinn air dimeas! Cha’n ’eil eagal uile air bith oirnne le deoch an da sgillinn ach le “Mac na bracha” bheir sinn an aghaidh air an Droch-fhear fein! Bha na boinnean-dibhe a’ cur a leithid de bhuaireas ann an ean- [TD 199] chainn Thomi, air chor ’s le ceartas fhaotuinn, nach biodh an curam ni’s lugh’ air roimh na deamhain fein! Ach sheas Maggai, air a bualadh le h-eagal, gus an do smachdaicheadh i le sàil a’s laimh; dhuraig i an sin dol gu mall air a h-aghaidh chum an t-soluis. Agus O! Feuch! chunuaic Tomie sealladh miorbhaileach! Chunnaic e sithichean agus buidsichean a’ dian-chur ris an dannsa! Cha b’e leumartaich chiuin, reidh, a nall as an Fhraing a bha’n sin, ach cascheuman ealamh,—grad-stapan gearra,—srath-speidhean, agus ruidhlean cridheil, leis an do chuireadh beothalas agus smioralachd ’nan sailtibh gu leir! Air an taobh-near bha dall-uinneag dhorch, far an romh an t-Aibhistear mor fein ’na shuidh ann an riochd beathaich fiadhaich. Bha e ’na gharrach dudach, dubh, gruamach, agus mor. B’e a’ ghnothuch-san, aig an am, a ’shi ’seinn ciuil dhoibh. Uime sin, iheann-ghleus e a’ phiob, agus thug is gread aisde a chuir mullach agus tailthean an tighe air chrith! Bha cisteachan-laide ’nan seasamh ceithir-thimchioll mar phris no corn-chlaran fosgailte, a bha nochdadh nam marbh ’nan éididhibh deireannach; agus le druidheachd no le cleaslabh deamhanach eigin, bha solus aiiste ann an laimh fhuair gach aoin diubh, trid an d’ thugadh comas do’n treun-fhear Tomi, beachd a ghabhail dhe’n bhord naomh, air an robh ’nan laidhe cnamhan mortair ann an iaruinnibh na croiche,—leanabana beaga gu’n bhaisteadh,—da-reis air fad,—meirleach air ur-ghearradh o’n taod, leis na h-ospagaibh deireannach aige fathast air an dealbhadh air spleuchd a’ chraoise,—cuig tuaighean-catha le dearg-mheirg na fola thairis orra,—cuig crom-chlaidhean carrach le mortadh,—gluinean leis an do thachdadh naoidhean,—sgian a bheubanaich sgornan athar a chuireadh gu bas le mhac fein, agus chithear na duala liatha aige fathast glaoidhte air cois na sgeine,—agus moran de nithibh oillteil agus eagalach eile, nach biodh e laghail fiu an ainmeachadh! An uair a bha Tomi a’ sgeannadh a shùi’lean, lan uabhainn agus iongantais, dh’ fhas an aighear agus a’ mhire grad agus gleadhrach. Sheid am piobair suas na bu labhra, agus na bu labhra, agus chaidh an luchd-dannsaidh ’nan deannaibh, gach mionaid na’s luaith’ agus na’s luaith’. Ruidhil iad, shuidhich iad, chroisg iad, agus chaidh iad an sas ’na cheile, gus an robh smuid fallais air gach seann chaillich a bha lathair! Mu dheireadh, thilg iad dhiubh an luideagan, agus bhuan-sheas iad ri’n obair ’nan leintibh! A nis, a Thomi, O Thomi! na’m b’ oighean iad sud, agus gach aon diubh sultmhor agus maiseach ’nan oige, le’n leintibh air an deanamh, cha’n ann dhe’n phlaide shalaich bhain, ach dhe’n t-seachd ceud deug anart, geal mar an sneachd—ciod a theireadh tu riutha sin? Faic a’ bhriogais so, an t-aon phaidhir a ta agam, a bha aon uair na h-eudach giobagach a rinneadh dhe’n deagh roinne a’s guirme,—thilginn-sa i bharr mo leasraidh air ball air son aon sheallaidh de na creutairibh laoghach sin! Ach an aite sin, bha bansgalan seargta, aosda, agus baoth, le lurgannaibh tana, cuagach, a chuireadh searrach air dhiol, a’ leumartaich agus a’ gearradh shurdag, air druim seana mhairt! Och! bu leoir e chum deistinn a chur orm, agus chum mo dheanamh tinn! Ach bha deagh fhios aig Tomi air aon rud agus rud eile, agus bha aon chaile dlireachail, chiatach ’san ruidhtearachd air an oidhche sin, (aig an robh eolas fad an deigh sin air [TD 200] tir Charric, oir is lionmhor ainmhidh a bhuail i gu bas, agus is iomadh deagh bhàt a chuir i a dhith, agus chrath i moran coirc agus eorna anns gach ait, agus chum i taobh na duthcha air fad fo gheilt). Bha’n leine chutach aice de gharbh lion-anart Phaislidh, a bha i a’ caitheadh an uair a bha i ’na caileig. Ann am fad bha’n leine ro ghann, ach is i a b’ fhearr a bh’ aice, agus bha i bosdail! Ach, och! is beag bha fios aig do sheanmhathair chrabhaich, gu’m biodh an leine sin a sholair i air son a h-Annaige bige fein, le da phunnd Albannach (a saibhreas gu leir) a’ cur urraim a’ chaoidh air dannsa nam ban-bhuitseach! Ach a nis feumaidh mo cheolraidh an sgiathan fein a bhearradh, oir tha itealachadh dhe’n ghne so fad os ceann an cumhachd! Co a cheinneadh mar a bha Annag a’ slisg ’sa leumadh, (oir bha i ’na baoibh thapaidh, a bha subailt agus treun) agus mar a sheas Tomi mar neach air an d’ rinneadh druidheachd, agus mar shaoil e gu’n robh a shuilean a’ sealbhachadh thiodhlacan araidh! Spleuchd eadhon Satan fein agus rinn e iomairt le lan-toil, a’ cas-charrachadh, agus a’ seideadh suas na piob leis gach cumhachd agus innleachd ’na chomas. Ach mu dheireadh le aon surdaig, agus a ris le surdaig eile, chaill Tomi a thoinisg gu buileach, ag eigheach a a mach, “Ro mhaith, Ro mhaith, a Leine Chutaich!”—agus ann am priobadh na sula bha gach ni dorch! Agus is gann a fhuair e Maggai air a ceartachadh, an uair a bhruchd a’ bhuidheann ifrinneach a mach le dian-chabhaig! Ceart mar a bhriseas na seilleanan a mach ’nan sgaoth, a’ srannail le feirge dhein, an uair a bhios buachaillean gadach a’ toirt ionnsuidh air an sgeapaibh;—ceart mar a theicheas a’ mhaigeach bho a naimhdean sgriosach, an uair a chluinneas i Sgailc a’ ghunna—seadh. Sgailc! Sgailc!—agus a chlis-leumas i roimh an sroin air falbh;—ceart mar a dhian-ruitheas an domhladas sluaigh air an aghaidh air la feille, an uair a ghlaodhar a’m fad ’sam farsuing, “Glac am meirleach,”—ceart mar sin bheir “Maggai” a casan as, air do na buitsichean a bhi a’n toir oirre, le iomadh sgreach cianail agus eagallach! Och! a Thomi! mo chreach, a Thomi! gheibh thusa do dhuais. Roistidh iad thu ’san Droch-aite mar sgadan! Is ann gu diomhain tha do Cheit a’ fantuinn rid’ theachd! A nis, a Mhaggai, dean gu h-ealamh na’s urrainn thu, agus ruig Clach-ghlasaidh na drochaid. Ann sin, feudaidh tu t-earball a chrathadh riu gu leir. Cha’n ’eil a’ chridhe aca dol thoiris air sruth is e ’na ruith. Ach mu’n d’rinn i mach a’ chlach-iucharach, feuch! an truaigh earball a bh’aice gu ’chrathadh! Oir bha Annag fad air thoiseach air cach, agus rinn i suas gu dluth ri Maggai threin, agus thug i ionnsuidh air Tomi le cuimse fhiadhaich! Ach is beag a bha dh’ fhios aice air smioralas Maggai, a theasairg a maighstir gu tearuinte le aon leum, ach, dh’ fhag i ’na deigh a h-earball glas fein! Ghlac a’ chailleach i air an rumpall, agus dh’ fhag i aig Maggai air eigin am bun! A nis, g’e b’e co a leughas an sgeul firinneach so, thugadh gach duine agus gach mac mathar an aire! Cuin air bith is miann leat dol a dh’ ol, no a ruitheas Leintean-Cutach ’nad inntinn, smuainich gu’m feud thu solasan a cheannachadh tuilleadh’s daor, agus cuimhnich air capull Thomi a’ Shanter!” COIN.—“Ubh! Ubh! a Mhurachaidh, cha chual mi a’ leithid riamh. Ciamar a chaidh agad air, [TD 201] oir tha a’ Ghaelig sin co cruaidh, cruinn, geur ris na sligibh bairneach fein, agus an deigh sin tha i so-thuigsinn?” MUR.—“Cruaidh no bog, feumaidh sinn geill a thoirt do ghairm Bean-an-tighe, oir tha’n t-suipeir deas o cheann fada, agus tha fios agad gu’m feum gach beo a bheathachadh. Uime sin, thugamaid an seomar oirnn, agus feudaidh e bhi gu’n an deigh na suipeir, ged bu bhardachd Oisein a thigeadh an uachdar. ALASDAIR RUADH. BLAIR NA BEATHA. RINN sinn àr le ar lainn! ’Nuair a chual’ sinn a’ ghairm Aig Ramesis na Torruinn A dhùisg sinn gu airm! Bha spealgadh is lotadh Is sgàineadh o chéil’ Measg steudairean gailbheach ’Sa’ chonfhadh a ghéill! SEIS: O’n bha buaidh ann an gràs! Agus Dia air ar taobh A’ toirt misnich do’n mheatfhear ’S a’ casg nam fear saobh; A’cur lùis anns an lag ’S e ’gan stiùradh gu caomh Troimh na gàbhaidhean dearg Tha mu aisri nan naomh! Rinn sinn àr le ar lainn! Dìreach dian air a’ cheum Gus an d’ràinig sinn Succot Nam Bùithean gun teum; Bha na nàimh air gach taobh Air am bruanadh gu làr; Sinne uaibhreach a’ triall Thar an cairbh anns an àr! Rinn sinn àr le ar lainn! Shaoil sinn Etam Ar Neart; Ach air ball ’s ann a dh’ eòl sinn Mar bha sinn gun fheart; Is thug smuain na h-an-earbsa Air falbh uainn ar lùs; Ach cha d’ iomasgaoil an greim A bh’aig Dia oirnn air tùs. Rinn sinn àr le ar lainn! Eadar cuan agus beinn Pharaoh fuilteach ’nar déigh Is ar suinn ann an teinn! Ach do ghlaodh sinn ri Dia Mach á doimhneachd ar daors,’ ’S aig Pi-hahirot dh’ fhosgail Duinn Dorus na saors! Rinn sinn àr le ar lainn! Is troimh uisge Chuain Deirg Dh’éirich ceum “beò is nuadh” duinn Roimh Pharaoh na feirg. Thog sinn òran ar buaidh; Ach air ball b’éigin òl Do Shearbh thonna Mhara, Ach mhair trian a’n cheòl. Rinn sinn àr le ar lainn! Is aig Elim nam Pailm Fhuair sinn fìoruisg’ a dh’ùraich, ’S a dhùisg sinn gu sailm; Oir chunnaic sinn an Crann ’S e fo linnseachas dearg; ’S ann am blasad na mils’ ud Bha ’n t-seirbhe a’ searg. Rinn sinn àr le ar lainn! Is aig taobh na Mar’ Ruaidh Rinn sinn camp rìs, bhi sealltuinn Air ais air a’ bhuaidh: Fhuair sinn fois an Taidhibeh Is Taitneas nach gann Is bu Mhaith leinn bhi dearc’ Air an fhuil bh’ air a’ Chrann. Rinn sinn àr le ar lainn! Gus ’n a theirig an lòn Thug sinn leinn ann ar crios Mach á Eiphit ar bròin; Ach thuig sinn aig Sin Gu’n robh ’m biadh ud ’na Smùr ’Nuair fhras oirnn am Manna Gach maduinn gu h-ùr. Rinn sinn àr le ar lainn! Sinn a’ sealbhachadh clì O aran nan aingeal A chruadhaich ar crì; Aig Dophcah do Bhuail sinn An Dorus gu dàn Is ar n-anam le tograidhean Coisrigte làn. Rinn sinn àr le ar lainn! ’Nuair bu déine ar ceum ’S ann bu dlùithe ar cunnart ’S a thuig sinn ar feum: Bha’n Leòghann á Gharaidh Aig Alush ri beuc’, Ach an slaodair’ ged chlaoidheadh Le Amalec rinn euchd. [TD 202] Rinn sinn àr le ar lainn! Is o’n Charraig do bhrùchd Am beò-usig’ a mhair dhuinn Gach là ùr mar dhriùchd; Aig Rephidim fhuair sinn Ait’ Tàimh is sinn sgìth; Is bhuadhaich air Amalec, Uilc dhualach ar crì! Rinn sinn àr le ar lainn! Is aig mòrachd Shinài Thàinig iompach’ ás ùr, Baisteadh lagh agus gràidh; Is dhealbh Criosd am focal Air clàraibh ar crì, Is ghluais sinn ’s an àithne Ag aoradh ’na chlì. Rinn sinn àr le ar lainn! Bha sinn òrdail ’s a’ ghleachd Fo stiùradh an iùilfhir ’San soillse a reachd; Aig Cibrot-hattābhah, An Uaigh-ana-miann, Do thìolc sinn gach ailgheas A dhiùlt tigh’nn fo rian. Rinn sinn àr le ar lainn! An déigh glanadh Shinài, ’So’n a thìolc sinn an fheòil A bha mosgladh dhuinn cràidh, Lean sinn ceart air an t-sligh’ Gus an d’ imich sinn sèamh Steach do Haserot fionn, An Roimh-dhorus gu nèamh. Rinn sinn àr le ar lainn! Ghabh sinn direach is teann Gu Cadesh na Naomhachd Air sgrìobchath gu ceann; Ach do chreid sinn a’ bhreug, ’Sar cùl-sleamhnach’ bidh bàn Gun euchdsgeul ged théid sinn A steach do Chanàan. N. MAC-NEILL. DOMHNULL MACTHORMAID AGUS LEANABH-SITHE CNOC-A’-CHUILINN. BHA nis bho chionn iomadh linn air ais, duine còir ris an canadh iad Dòmhnull MacThormaid, agus Seònaid ruadh a bhean, a’ còmhnuidh ann an aon de ghlinn na Gàidhealtachd. Bha an taigh aig Dòmhnull ’am bràighe a’ ghlinne, faisg air creig mhóir ri uchd na beinne, far nach robh ni gu bristeadh a stigh air a shuaimhneas agus air a shìth, ach toirm na h-aibhne, a bha le céuman mall, agus le crònan tiamhaidh a’ gabhail seachad sios fo’n dorus aige, agus ceilearadh binn nan éun, a’ seinn le sòlas, mu bhun nam preas, agus mu bhàrr nan dos, air na bruachan os cionn an taighe aige. Ach bu tric a bha e air a dhùsgadh an àm na dùbhlachd, le nuallan na gaoithe a’ séideadh le bùirein ri mullach nam beann agus nan creag, a chum am bathais gun eagal gun fhiamh, ri aghaidh sion agus gaillionn nam miltean geamhradh. Cha ’n ’eil ànranach a thigeadh thar muir no monadh, nach b’e ’bheatha aig Dòmhnull MacThomaid; bha daonnan a dhorus fosgailte, agus a bhòrd fialaidh do gach coigreach agus fear-fuadain a thigeadh ’n a rathad. Bha aige mar sin mòran de dheadh thoil dhaoine, maille ri riarachadh a choguis féin gu’n robh e ’deanamh ceart. Ach an déigh sin uile, mar a thachair do gach neach fo’n ghréin, cha robh Dòmhnull gun a “chamadh ’s a’ chrannchur;” aon ni gu h-àraidh a bha ’cur gruaim air inntinn, agus néul dorcha mu ’n teallach aige, agus ’s e sin, e ’bhi gun sliochd. Bhiodh e daonnan a’ caoidh ’s a’ gearan nach do chuir Freasdal duine cloinne air, a dh’ aisigeadh ainm agus eachdruidh a shìnnsir sios do ’n ghinealach a bha gu teachd ’n a dheigh. Bha creideamh làidir aig Dòmhnull anns na daoine-sìthe, agus ’n an gniomharan iongantach am measg chlann nan daoine. Cha ’n ’eil teagamh nach do chuidich uaigneas’ ionad-comhnuidh, maille ris gach dearbhadh a fhuair e bho ’shìnnsir, agus bho sheann daoine, ann a bhi ’daingneachadh a chreideamh ann am feartan agus cleachdadh nan sìthichean. [TD 203] Ach gu bhi ’tighinn nis faisg’ air ceann ar sgeòil; ciod e ’ th’ agad air, ach gu’n d’ fhàs Seònaid trom air duine cloinne; agus ma dh’ fhàs Seònaid trom, dh’ fhàs Dòmhnull aotrom; cha robh smeòrach air géig, no uiseag air lòn, cho binn fead ri Dòmhnull, moch us anmoch, le dòchas làidir ri oighre òg. Agus cha robh a dhòchas air a mhealladh, oir oidhche dhe na h-oidcheannan ’n uair ’ thàinig e dhachaidh bho iasgach, agus a shuidh e ri taobh an teine, thainig a bhean-ghlùine ’ nall bho thaobh na leapa air an robh Seònaid ’n a laidhe, agus chàirich i leanabh gille ann an gàirdeanan Dhòmhnuill, cho tlachdmhor ’s air an do dhearc sùil bodaich riamh. Cha ’n ’eil teagamh nach robh cridhe Dhòmhnuill air a thogail le so, agus bha ’ bhuil; cha deachaidh mòran fois air an t-slige-chreachain car latha no dhà, agus bha iomadh bodach us cailleach ’s a’ ghleann, aig nach robh fios gu ro mhaith, co dhiùbh a ’s e an ceann no ’n casan a bha gu h-àrd dhiubh, ag òl deoch-slàinte, agus ag guidhe saoghal fada agus sonas do Thormad beag. Bha nis gach cùis a’ dol air aghaidh gu maith, cha robh néul dorcha air spèuran Dhòmhnuill, air nach do chuir Tormad beag an ruaig. Ach mo thruaighe! bha latha faisg air laimh a thug buille-bhàis do gach bruadar faoin, agus dòchas diomhain a bha Dòmhnull ag altrum a thaobh Thormaid bhig. Air latha tioram fuar earraich, ’s Dòmhnull agus Seònaid ag obair a mach ’s an achadh, dh’ fhàg iad caileag òg a’ toirt an aire air a’ phàisde. ’N uair a chuir i ’ chadal ’s a’ chreithil e, chaidh i car greis’ a mach ’g a cluiche féin. Agus ’n uair a thìll i dhachaidh ’s a sheall i ’s a’ chreithil, an àite an leinibh làidir, reamhair, thlachdmhoir, a dh’ fhàg i, ’s e ’ bh’ aice tacharan beag, caol, glas, a chuireadh eagal air an dearg mheàirleach. ’N uair a chunnaic a’ chaileag mar a bha, dh’ éigh i na creachan, ’s bhuail i na basan, thug i mach chun an raoin a dh’ iarraidh athair agus màthair an leinibh. Ma thug, “chaidh an ceòl air feadh na fìdhle”— “Siream sios, siream suas, Cha robh ball de Ruairidh agam”! Cha robh fios an e ’n talamh a shluig, no ’n e ’n t-athar a thog Tormad beag,—ach aon ni ’ bha cinntach, agus ’s e sin, nach b’ e a bh’ anns a’ chreithil. ’N uair a chaidh crioch air iarraidh Thormaid bhig agus clos air an tigh, smuainich Dòmhnull gu’n tugadh e sùil air an fhleasgach neònach a thàinig air mar a thainig a’ bhuidseach air Eóbhain, “gun chuireadh gun chead.” ’N uair a sheas Dòmhnull os a’ chionn agus a sheall e ceart air, thog e ’ dhà laimh ag ràdh, Freasdal a bhi ’g ar beannachadh, agus ag cur dion eadar sinn agus tu, mur ’ th’ ann ’ tha ’ choltas agus a chruthachd a’ cur crith air m’ fheòil; ’s cinnteach mise nach ann do’n t-saoghal-sa a bhuineas an creutair sin. Ciod air bith saoghal do’m buin e, arsa Seònaid, cha ’n fhéud e bhi fo na cabair so, cha téid priobadh cadail air mo shùil fhad ’s a bhios e ’n aon tigh rium. Ma ’s ann mar sin a tha, arsa Dòmhnull, tha eagal ormsa gu’m bi thu gun phriobadh an dà latha so; cha ’n ’eil dad de choltas cabhaig air an diùluach sin. Ciod e ’ ghabhas deanamh ris! ma theid a thilgeadh a mach, ni an lagh greim oirnn, agus ma leigear bàs anns an tigh e, cha ’n e sin is feàrr,—nach ann a dh’ fhéumas sinn biadh fheuchainn ris. Agus ’n uair a chaidh sin a dheanamh, dh’ itheadh us dh’ òladh e gu sgoinneil. Thàinig a nis Dòmhnull agus a chàirdean gus a chomhdhunadh gur [TD 204] i ’bhean-shìthe ’ ghoid Tormad beag agus dh’ fhàg a leanabh féin ’n àite. Agus thug iad de chomhairle air, na’m fàgadh e fad oidhche ’s a’ chreig mhóir e, ’n uair a chluinneadh a’ bhean-shìthe a’ rànaich e, gu’n tigeadh i g’ a iarraidh agus gu’m fàgadh i ’n leanabh ceart ’n a àite. ’S ann mar so a thachair; an ath-oidhche, phaisg Dòmhnull an leanabh sìthe ’n a bhreacan-glas, agus sgnog e ’ bhonaid leathann ghorm m’ a cheann, agus theannaich e ’ chuaille daraich ’n a dhòrn, ’s thog e ris a’ chreig mhóir, ’s an leanabh-sìthe aige air a mhuin. ’N uair a thìll e dhachaidh leig e glag dhe féin ’s a’ chathair, agus e aig an àm chéudna ag ràdh, “dh’ fhàg mi ’s a’ chreig mhóir e, agus mur a gabh a bhan-charaid, a bhean-shìth, truas ris, ged a thogadh na h-iolairean e, ’s mi nach biodh diombach.” Ge moch a dh’ éirich a’ ghrian a sgaoileadh a sgiathan òir air gualainn an t-sléibhe, bu mhoiche na sin a bha Dòmhnull aig a’ chreig mhóir. ’N uair a ràinig e, bha ’n leanabh-sìthe gu cloch-shuileach ag amharc mu’n cuairt de air a’ chreig. Cha d’ thàinig a’ bhean-shìth a chur dragh sam bith air; agus cha mhò ’thàinig iolaire no feannag g’ a ghriobadh no g’ a ghrobadh. Cha robh air ach a thoirt dhachaidh a rithist; agus ma thug, cha b’ ann gu sìth, ràineadh us chaoineadh e, air àman, latha ’s oidhche gun sgur, ach facal bruidhne cha d’ thainig riamh ás a cheann. Agus coltach ri crodh caol na h-Eiphit, mar is motha dh’ itheadh e, ’s ann bu chaoile ’ bha e ’fàs. Ach, arsa Seònaid ri Dòmhnull, oidhche dhe na h-oidhcheannan, ciod e ’n t-ainm a bheir sinn air an leanabh so, ’n saoil thu nach fhéum sinn fhaotainn air a bhaisteadh? Ma ta, arsa Dòmhnull, cha ’n ann a’ toirt droch fhreagairt ort, ma thogras tu fhéin thoir “Mac-Crùisleig” mar ainm air, ach cha bhi m’ ainm-sa no mo shloinneadh air, no ainm no sloinneadh duine ’ bhuineas dhomh; mar a b’ e beagan dhomh, ’s e ’n aon bhaisteadh a dheanainns’ air—breith air dhà chaol coise air, agus aon tulgag ’ thoirt da a mach air linne ’ chreagain. Beagan ùine ’n déigh sin, thàinig duine cunnartach de thàillear crùbach a bha ’s an àite, dh’ obair do thigh Dhòmhnuill. ’S e àm an fhoghair a bh’ ann, ’n uair a bha iad gu maith dripeil ris a’ bhuain. Agus an déigh am biadh maidne, thuirt Seònaid ris an tàillear, e ’ bhi cho math ’s a shùil a chumail air an fhear a bh’ anns a’ chreithil, gus an tigeadh iad dhachaidh bho ’n bhuain; ach, ars’ ise, ged a bhiodh e ’ rànaich ’s a caoineadh, na gabh ort e, oir ’s e sin a thoilinntinn. Bha nis an tigh aig an tàillear chrùbach agus aig an fhear bheag dhaibh féin, a’ h-uile greim a bheireadh an tàillear ’s a’ chòta, bheireadh e sùil air an fhear bheag, agus bheireadh am fear beag sùil a cheart cho guineach air an tàillear. M’ a dheireadh chaidh e air uilinn ’s a’ chreithil agus sheall e gu colgarra air feadh an tighe, agus ’n uair a chunnaic e nach robh ’ stigh ach iad féin, thionndaidh e ris an tàillear, agus ars esan, le guth fearail, “am bheil duine ’ stigh ach thu féin?” “ma ta,” ars an tàillear, “tha mi ’ faicinn nach ’eil, agus tha mi gle choma ged nach bithinn fhéin a stigh.” “Na biodh eagal sam bith ort,” ars’ am fear beag, “cha chuir mise corrag ort.” “Cha ’n e cudthrom do chorraig ’ tha, cur eagail orm,” ars’ an tàillear, ach co dhiùbh, bu cho math leam a bhi tri mìle á so.” “Na gabh ort e,” ars’ am fear beag; “ach ma gheallas tu dhomh nach innis thu orm e, bheir mi dhut an t-aon phort pìobaireachd ’ is briaghe ’ chual’ thu riamh.” “So ma ta”, ars’ an tàillear, [TD 205] “suas e.” Thug am fear beag a mach feadan caol dubh a bha fo’ dhruim ’s a’ chreithil, agus thòisich e air cluiche. ’S ma thoisich—a leithid de cheòl cha chual’ an tàillear crùbach riamh. Stob e ’n t-snàthad ’s a’ chòta, agus chuir e ’ chasan bac air bhac; ’s a làmh fo ’ lethcheann ag éisdeachd a’ chiùil. Ach cha robh e fada mar sin ’n uair a thàinig aon fhichead maighdeann òg a stigh, le ’n earradh fada uaine air gach té dhiubh. Thòisich an ceòl, ’s thòisich an dàmhsa, an tàillear, ’s a dhà shùil an iompais leum a mach ás a cheann ag amharc orra. Ach ma dheireadh, thug an ceòl a leithid de bhuaidh air, agus gu’n do thilg e uaithe ’ an còta agus air a chois gu’m bitheadh e. Bha e mu dheireadh ’s fhallus ’g a dhalladh a’ dàmhsa leis a’ chois chrùbaich. Agus ’s ann a thòisich e air breith air na boirionnaich, ach ’n uair a shaoil leis té dhiubh ’bhi aige ’n a ghlachdan cha robh ann ach sgàile. Ach uair dhe na uairean, ann an tighinn-mu ’n-cuairt do’n tàillear chrùbach ’s an dàmhsa, thàinig té dhiubh, agus thug i sgailc ud do’n tàillear mu thaobh a pheirceill, a chuir deàrsach-theine ás na sùilean aige. Thog e ’ dhà laimh ’g am fàsgadh, agus ’n uair a dh’ fhosgail iad, fhuair e e féin ’n a shuidhe air a’ chathair, agus a chasan bac air bhac, ’s an còta air a ghlùn, dìreach mar a bha e mu’n do thòisich an ceòl. Sheall e mu’n cuairt air, agus cha robh beò a stigh ach e féin ’s am fear beag, a bha gu socair air a ’dhruim ’s a’ chreithill, gun phìob gun fheadan. Thàinig na buanaichean dhachaidh, agus bha ’n tàillear gle thaingeil, agus gle thoilichte ’n uair a bha còta Dhòmhnuill réidh, agus nach tigeadh air a bhi latha eile’ stigh leis féin, an cuideachd an fhir bhig. Beagan an déigh sin, thòisich am fear beag air cleachdadh a ghabhail a bhi ’g éiridh ’n uair a rachadh càch a chadal, agus suidhe leis féin aig an teine, a’ turraman agus a’ seinn iomadh crònan tiamhaidh nach cuala Dòmhnull riamh roimhe. Aon oidhche àraid ’n uair a dhùisg Dòmhnull eadar uair agus da uair ’s a’ mhaduinn, bha ’m fear beag ag ’cur dheth a’ seinn— “’S truagh nach robh mi ’n cnoc-a-chuilinn Far an d’ fhàg mi mo chuid ghillean, Fuaim an ùird us glag an innein, Builg ’g an séideadh ’s airm ’g an cumadh. ’S truagh nach robh mi ’n cnoc-na-h-àiridh, Far ’n do dhealaich mi ri m’ chàirdean, Iadsan ait gu ceòlmhor gàireach, ’S mis’ an so gu brònach craiteach.” “Am bheil thu ’n a do dhùisg?” arsa Dòmhnull ri Seònaid. “Tha,” arsa Seònaid. “Am bheil thus’?” arsa Dòmhnull, ag éisdeachd a’ chréutair ud, m’ an àm so dh’ oidhche, ’n uair ’ tha h-uile criosduidh ’s an dùthaich ’n an suain chadail? nach cianail an gnothach nach faigh daoine fois na h-oidhche leis a’ gharrach ghlas? ’S mòr tha mi smaoinachadh éiridh agus aon teas a thoirt ’n a pheirceall a chuireas bàs a shean-mhathar ás a chuimhne, ma bha sean-mhathair aige. O! arsa Seònaid, air son na chunnaic thu riamh na cuir corrag air, cha ’n eil sìthiche ’s a’ chreig mhóir nach biodh air do mhuin fo latha ’toirt a mach a thòrachd. Latha no dha an déigh sin, bha Dòmhnull a’ dol do ’n cheàrdaich le soc a’ chruinn, agus ’n uair a chunnaic am fear beag a’ falbh e, fiach ars’ esan, am faigh thu sgéul ur dhomh bho ’n ghobha. ’N uair a thìll Dhòmhnull, “Seadh, ars’ am fear beag, an d’ fhuair thu sgéul dhomh bho ’n ghobha? Ma ta, arsa Dòmhnull, dh’ iarr e orm innse dhut gu’n deachaidh ceàrdach cnoc-a-chuilinn ’n a teine eadar bhalg us inneanan. Och mo chreach! arsa ’m fear beag, [TD 206] ma tha sin fior, tha mo chall sa deanta, tha dà theallach dhéug agamsa ag obair ’s a’ cheàrdaich sin. Thog e mach ris an aonach ’s an ràn ’n a bhéul; ach an ceann tiota, thòisich e air cluich’ an fheadain. Ma ta, arsa Dòmhnull, tha mi ’n dòchas gur e cumha Mhic-Crimmein a tha e’ cluiche, “Cha tìll mi tuilleadh;” gu dearbh, a Sheònaid, ’s a dh’ fhaodadh a ràdh, mar a thuirt Iain glan ’n uair a chuir e mach am mac-mallachd “is gloinid an tigh an cartadh ud.” (R’ a leantainn.) RANNAN DO DHEALBH MATHAR. O, NACH robh cainnt ’s na bilean tosdach balbh! Mo bheatha ’s ànrach o’n la ’rinn thu falbh; ’S i d’ aghaidh chaoin, ’s do bhilean caomh a th’ ann Bu tric thug sòlas dhomh ’s mi òg a ’s fann. Guth, na ’m biodh ann, gu ’n labhradh iad gu ciuin, “Mo leanabh brònach, cuir do bhròn air chùl.” Na suilean blàth ’bha ’g innseadh meud do thùir, Tha ’nis mar b’ abhaist ’dearsadh orm as ùr. (Beannachd a’s buaidh do ’n ealain uasail ghrinn A chumas aogas chairdean caomh ’n ar cuimhn’). O chuimhneachain air aon cho gràdhach dlùth, Gun fhiuthair riut, ’s maith leam gu’n d’ thainig thu. Tha thu ga m’ bhrosnuchadh gu dàn a dhealbh, Le cridhe maoth, do m’ mhathair chaomh a dh’ fhalbh. Is toileach ’ni mi sin, le aiteas lan, Mar gu ’m b’ i fein a dh’ iarradh orm an dan. ’S ged bhios a ghnùis so ’g ùrachadh mo bhròin, Gu ’n toir mac-meamn’ an searbhas as mo leon. ’S bheir bruadar taitneach aiteas dhomh ’s an àm ’Toirt orm a chreidsinn gur i fein a th’ ann. A mhàthair! ’nuair a fhuair mi sgeul do bhàis, Am faca tu mo dheoir, mo bhròn, ’s mo chàs? An d’ rinn do spiorad itealaich mu ’n cuairt Air do mhac brònach, ’s e cho òg a’s truagh? Theagamh gu ’n d’ thug thu dhomh, gun fhios domh pòg, No, theagamh deur, ma ghuileas naoimh an gloir. Saoileam gu ’n aontaich leam fiamh-ghair’ do bheoil. Air latha d’ amhlaic’, chualas leam clag-bheum Chunnaic mi ’n carbad ’thug air falbh do chreubh; O m’ uinneig thionndaidh mi gu tursach truagh, ’S le h-eubh ro chràiteach dh’ fhag mi beannachd bhuan. ’N i sin a bh’ ann? O ’s i—An rio’chd na gloir, Cha chluinnear “Beannachd leibh” a chaoidh ni ’s mò. Ma choinnicheas sinn air cladach sith an àigh Air dealach’ uait cha toir mi luaidh gu bràth. Do mhaighdeannan ’s iad duilich air mo sgàth, Bu tric a gheall gu’n tilleadh tu gun dàil, An ni bu mhiann leam, chreid mi e gu luath, [TD 207] ’S o la gu la gu ’n d’ mhealladh mi gu truagh, Le dòchas faoin o laithibh m’ oige nuas, Bu tric as an la màireach rinn mi uaill. O! ’s iomadh màireach cianail a chaidh seach. Mu ’n d’ fhalbh mo bhròn ’s mu ’n d’ fhas mi reidh ri m’ staid. Ach ged a sguir mi bhi ga d’ chaoidh mar bhà, Gidheadh cha di-chuimhnich mi thu gu bràth. ’S an taigh a bh’ againn, tha ar n-ainm gun luaidh, ’S clann éile ’nis a’ cluich ’s a’ ruith mu’n cuairt; A’ s far am biodh Rob garadair gach la Ga m’ thoirt do’n sgoil ’s mi coiseachd leis air laimh, Mo charbad beag a’ m’ dheigh, ’s o’n fhuachd ga m’ dhion Mo chleòca dearg, ’s mo bhoineid bheilbheid ghrinn; Cha mhor tha fiosrach gu’n robh againn sealbh Air taigh a mhinisteir ’s an am a dh’ fhalbh. Ar sealbh bu ghoirid, ach do chaoimhneas blath, A mheal mi ’n sud, tha ur a’ m’ chuimhn’ a ghnath, Ged dhi-chuimhnich mi mile ni a’s neach Nach deach’ cho domhain riamh a’ m’ chridhe steach. Do m’ sheomar, thigeadh tu gach oidhch’ le baigh, A chur an aodaich timchioll orm gu blath, ’S a’ mhaduinn, an am falbh do ’n sgoil le càch, Bhiodh briosgaid no rud milis dhomh o’ d’ laimh, Air m’ aodann chuireadh tu an t-uisge fuar, Ach gus an eireadh rugha glan a’ m’ ghruaidh. Ach ’se bu mhilse no iad sud gu leir Do ghaol gun fhailinn, cridheil cairdeil, seimh, Gun bhras-shruth feirge, saor o ghairg’! ’s o ghruaim O nadur feineil s tric tha ’g eiridh suas. Sud uile, sgriobht’ a’ m’ chuimhne sios gu reidh, ’S mar sin gu buanachadh gu crich mo reis, Tha ’nis as ùr toirt dùrachd dhomh a’s càil Thoirt dhuit gach urram ’s urrainn mi le m’ dhan, Cuimhneachan beag, ach treibh-dhireach gun gho, ’S cha deanar dimeas air an rio’chd na gloir. Na’n tionndadh curs’ na h-aimsir a chaidh seach, ’S gu ’m pilleadh laithean m’ oige air an ais, An t-àm ’s am b’ abhaist domh bhi cluich gu faoin Ri d’ thrusgan ioma-dhathach air gach taobh, A’s thusa ni bu shona no mi fein, A’ sliogadh m’ fhuilt ’s a bruidhinn rium gu seimh, (Na laithean àigh, bha ’n aireamh tearc gu fior), An saoil mi ’n iarrainn iad a theachd a ris? Cha ’n earbainn as mo chridhe fein ’s an am: Theagamh gu ’n iarrainn ni cho miannach leam. Ach O! cha ’n iarradh—tha ar cuairt cho gearr, ’S ar beatha lan de thrioblaid—’s mor gur fearr Thu bhi mar tha thu, sona: b’olc an ni Do spiorad saor a thoirt fo dhaors ’a ris. Eadar. le A. SINCLAIR, nach maireann. [TD 208] DONNACHADH MOR CHINNTAILE. BHA Donnachadh Mor Chinntàile, mu’n d’thug mi sgial dhut bho chionn ghoirid, turus còmhla ri ’mhàthair ann an “Gearrstan” Ionarlòchaidh, ’s iad a’ reic an annlainn. Dh’ iarr e airgiod boineid oirre, oir cha robh ann an uair ud ach an glas-ghille, agus ma dh-fhaodte nach robh boineid riamh aige; cha d’ thugadh a mhàthair ’iarradas dha; agus a’ tilleadh dhachaidh thachair na robairean orra ’s a’ mhonadh, agus dh’ iarr iad air Donnachadh na bh’aige a liubhairt. Thuirt Donnachadh nach robh bonn-a-sia aige; gur h-ann aig an té ud thall (a mhàthair) a bhà e uile, agus iad a dh’ fhiachainn rithe ’s nach cuireadh esan dragh orra. Shuidh e air cloich fhad’s a bha a mhàthair a’ liubhairt an airgid, agus an uair a thug i seachad e thuirt i riu gu’n robh a nis aca h-uile sgillinn a bh’ aice de’n t-saoghal, ach gu’m biodh i ’n an comaine, ’an deaghaidh na rinn iad oirre, na ’m buaileadh fear dhiubh sròn a bhròige air a’ ghille mhaol ud ’n a shuidhe air a’ chloich. Rinn fear dhiubh sin agus ’s e ’bh’ ann gu’n d’ éirich an gille maol, ’s cuirear na robairean air muin a chéile, agus ’thugar bhuapa a a h-uile tasdan. An uair a bha iad gu ’bhi aig an tigh ruith Donnachadh air thoiseach air a mhàthair gus gu’n innseadh e fheia mar a thachair. Liubhair e an t-airgiod dh’a athair agus dh’ fhoighnich ’athair ciod a choisinn dàsan gur h-ann aige a bha an t-airgiod. Dh’ innis e a h-uile car, mar a dhiùlt a mhàthair a’ bhoineid, agus mar a thachair leis na robhairean. Thuirt ’athair an sin, “Bheir mise boineid dhut;” agus chaidh iad a mach far an robh greigh de loithean agus thug ’athair dhà a roghainn dhiubh. Bha Donnachadh Mor uair eile a’ dol do Ionarlòchaidh agus fear do’m b’ ainm Mac-Amhlaidh còmhla ris. Chuir iad rompa bhi air an oidhche aig piuthar màthair Dhonnachaidh, ’us i ann am bothan-àiridh ’an Coire-an-t-sagairt ’an Gleanna-Gairidh. Bha piuthar a mhàthar agus nighean d’i a’ fuireach anns a’ bhothan, agus an uair a ràinig na feara cha robh steach ach an t-seann te, agus a chionn nach d’ aithnich i iad, bhuail i air an cur a mach—ag innse dhaibh nach robh àite ann an sid dhaibh. Ach a mach cha rachadh na ceatharnaich dh’i; agus ’an sin thuirt i riu an uair a thigeadh an te a bha muigh a stigh gu’m feumadh iad dol a mach, ged nach gabhadh iad a comhairle-se. An ceann tacain thigear an nighean mhor ruadh ud, ’s na gobhair aice, ’s dh’fhaighnich i de màthair co iad na daoine a bh’aice ’n sid. “Tha,” ars’ ise, “daoine a dh’fhairtlich ormsa an cur a mach.” “Cuiridh mise mach iad,” ars’ an nighean ruadh ’s i ’toirt an spìonaidh ud a mach air Mac-Amhlaidh an toiseach, bho’n is e ’bu teinne air an dorus. Rug Mac-Amhlaidh air ursain an doruis, agus, leis an t-stràc a bha fodha, thug e leis a mach i. An sin thuirt Donnachadh ri Mac-Amhlaidh, ’s e ag éirigh, “Dian thusa socair, leig eadar mise ’s i;” agus sid an nighean ruadh ’s Donnachadh Mor ’an uganan a cheile ag gleachd. Air a’ chiad char chuir i air a ghlùn e; ach ghabh e an sin miothapadh gu’m biodh e ’n a laidhe aice, agus chruadhaich e efhein rithe, agus chuir e car dh’i, ’s leag e i. Thuirt i ’an sin, “Ma tà tha maighdeanas mo dhroma agad, agus bha mi ’n dùil nach robh e beò ’s nach d’rugadh e aig am bitheadh e, ach mi a sheachnadh Dhonnachaidh [TD 209] Mhoir mac piuthar mo mhàthar á Cinntàile.” “Ciod a theireadh tu na ’m b’e a bhiodh agad?” arsa Donnachadh. “Ma ’s è,” ars ise, “cha deic ’fhad ’s is doichioll e,” agus mur d’fhuair esan deanamh dh’e ’an sin—efhein agus Mac-Amhlaidh! BAN-SAILEACH. MU BHRUADAIR. THUS’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, ma’s e do thoil e, ciod is ciall do bhruadair, no aislingean no h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantais mhòir orm, agus cha ’n ’eil mi idir ga’n tuigsinn. Ma dh’ fhaoite nach ’eil duine sa bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu’n d’ thainig cadal riamh air mo spiorad. ’N uair tha mo cholainn ag gabhail tàmh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte amach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anma, an déigh dha uallach na collainne a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a’ cholainn mar leanabh trom gun tùr, fo chùram agus aire an anma; agus an déigh do ’n leanabh so dol na ’chodal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail. Is duine aosmhor mise, a tha chòmhnuidh fada bho thìr m’ eolais, ann am fròig bhochd dhorch’ ann an aon de chaol-shràidibh a’ bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agua tha iarguin na h-aois a’ laidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lic mo shinnsir; ach ’s e so dòchas nach fhaod mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheanmnach, àrd-thogarrach mi latha gan robh mi. B’e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’s a bhi leantuinn na faoghaid, agus ga rìreadh bu mhi nàmhuid a’ choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha ’n iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi ’luinneireachd air a’ chaol. Ghabhainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air ceòl, bheireadh an fhigheal orm dannsa, ge b’ ann casruisgte ’s an dubh-chladach, agus cha b’ fhearr mi na amadan fo nuallan na pìoba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh, a rugadh, agus a thogadh làmh rium; boinne fala co lurach ’s a chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnò, a’ buachailleachd nam meann, ’s a’ buain nan dearc air an tóm. O, bu bhòidheach i; bu mhilis leam briagail a beòil, bu taitniche leam fiamh a gàire, agus blàithead a sùl, na aon ni eile a chunnaic, no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam briag eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis a nis am dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mur b’e bruadair, agus aisling na h-oidhche cha ’n ’eil fhios ciod e a dheanainn. Is mòr am faochadh a ta iad so a’ toirt domh. Cha luaithe ’dhùineas mo shùil, na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thìr m’ òige. Ann an sin tha mi co òg, uallach, aighearach ’s a bha mi riamh; gun suim do’n aois mhosaich, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhnan de m’ làithean mar gum biodh iad air [TD 210] an dubhadh a mach. Tha mi a rìs ann an tigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràithrean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhuist doibh. Tha mi an dara cuid, ag camanachd air a’ bhlàr, a’ sealgaireachd air a’ bheinn, no a’ luinneireachd air a’ chaol, a’ deanamh falach-chuain air gach bàt a thig am charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig’ ghaolaich, a’ siubhal ri taobh nam fuaran, ise co àillidh òg ’s a bha i air an là air an dubhairt mi, Nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise co aotrom sunntach. Ann an aon fhocal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe ’s mi òg, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi am chadal far nach robh mi riamh am fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachdaibh ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh ’s mi m’ dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righrean agus fhlaithean domhain. Bheir mi sgrìob do ’n Fhraing, agus gu grad théid mi as sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus tèarnaidh mi co grad do uamhaibh dorcha an talmhuinn. Marcaichidh mi an cearban air a’ chuan, no am fiadh air a’ bheinn. Bidh mi ’n dara uair ag gabhail dhuanag leis a’ mhaighdinn-mhara fo ’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chas a ghluasad, ach ag iathadh gu h-aotrom uallach gun fhios agam ciamar, mar ian beadarrach, o chnoc gu cnoc, no a’ snàmh gu h-aithiseach mar mhoch cheò an t-sàmhraidh. Mo bheannachd aig bruadair na h-oidhche, is iomad aotromachadh thug iad riamh dhomh; ach ’e éiginn domh aideachadh gu bheil, air uairibh, aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’s a’ bheinn, tha mo ghunn’ a’ diùltadh agus am fiadh ag amharc orm ’an clàr an an aodainn. Ma ’s ann a’ luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhàgail, tha ’n crann-toisich a mach air a’ chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma théid mi do ’n choille chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh bhuam leis an eas, agus chi mi a cuailean donn, ’s a làmh fhada gheal ’s a’ chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fotham. Ma théid mi chreach nead na h-iolaire, tha mi ’tuiteam o sgòrr na creige, ’s an crochadh ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi m’ chadal, saoilidh mi gu bheil mo cholainn air at gu tomalt anabarrach, a h-uile cas agam mar shac mine, ’s a h-uile miar cho garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a’ bruadar gu’n do thuit mi bharr an eich, ’s gu bheil e an dara cuid na ’laidhe air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as a dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dhà crochte le fuiltein mo chinn ris a’ ghealaich, agus i ’falbh le luaths’ mòr ’s an iarmailt. Bha’n cuan mòr gu h-iosal fotham, cha bu mhò Breatunn na eilein Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gu’n tuitinn ’s an àibheis oillteil a bha fotham. Ma dheireadh mhothaich sgiobair na gealaiche de rionnaig-earballaich a’ dlùthachadh air, na ’caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach. “Gearraibh an ròinnein, leigibh as e, tha e cur moille oirnn;” an uair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam a dhùisg as mo shuain mi. A nise nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. [TD 211] Is tric a chuala mi mo mhuime Seònaid ni ’n Eoghainn ag innseadh mu chladh na dùthcha anns an d’ rugadh mi, gu’m b’ àbhuist do spiorad nam marbh éirigh air mheadhon oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach, tilleadh a ris a dh-ionnsuidh an tighean caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-sa, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholainn na ’suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus tillidh e a rìs ’n uair a dhùisgeas i. Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a cho’-dhùnaidh so uaithe, gu bheil an inntinn á eisimeil na colainne, gu bheil buaidhean aig an spiorad nach urrainn cadal a mhilleadh: tha mi tuigsinn o so gu bheil a’ cholainn na ’nasgadh no na ’h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gu’n éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Caidlidh a’ cholainn car seal ’s an uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheo; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgìth, ach an uair a shaoras cadal a’ bhàis e o’n uallach so, éirigh e gu coi’-liontachd nea-chriochnaich. An Teachdaire. DOIMHNEACHD A’ CHUAIN. ’N uair a sheallas sinn air aghaidh a’ Chuain tha sinn ullamh gu ’shaolsinn gu’m bu bhriagh am fearann a bhitheadh ann na ’n robh na h-uisgeachan as an rathad. Ach an aite leaba’ ’Chuain a bhi na chonard, ’s ann a tha ’n grunnd na shluic ’s na chnuic, na ghlinn dhomhain, ’s na bheanntan nàrda mara chitear o’n bheagan a leanas. A measg moran aitean ’s an deachaidh a thomhas ’s ’e so cuid dhiu. Tha doimhneachd a’ Bhaltic mu 20 Aitheamh; an Caol eadar an Fhraing a’s Sasunn 50 Aitheamh; cuid do’n Mhedeterranean 800 Aitheamh; Baffìn’s Bay 1000 Aitheamh; taobh an Iar a’ Chip (Cape of Good Hope) 2,660 Aitheamh; taobh an Iar do Eilean St. Helena 4,500 Aitheamh—corr agus sia uibhir ’s a tha dh’airde am Beinn Neamheis! J. W. Lag-na-h-amhunn 1876. SOP AS GACH SEID. Is e gliocas gach neach toiseachadh air tras na beatha le crionnachd iomchuidh, agus le fior ghrunndalas. Tha e ro fhurasd a bhi anameasarra, struidheil, agus caithteach oir cùimhnich gu’m fàs ana-caitheamh de gach gnè ceart cosmhuil ri peileir sneachda a’ ruith le gleann. THA e mòran ni’s fearr géilleadh ann an nithibh beaga, na connsuchadh a dhùsgadh suas. Tha e ’na chleachdadh aig cuid a bhi ’seasamh gu dian air son an dlighe fein dh’ aindeoin a shuaraichead. Is minic tha ’n giulan so a’ togail aimhreitean nach furasd an casgadh. Tha beatha an duine tuilleadh’s goirid air son connsachaidh gu’n diu dhe’n t-seorsa so. Agus mar bi a’ chùis mòr agus cudthromach ’se a’s glice gu’n teagamh, agus a’s lugha trioblaid striochdadh ann an neoni, na bhi coireach an comhstrith sam bith a dheanamh. Tha fior ghliocas “air tùs glan, agus an déigh sin siochail.” [TD 212] ORAN DO MHAIGHDINN COIS-A-BHILE. [Ceòl] Rinneadh an t-òran so le Dòmhnull Macghriogair, do Chatriana Mhèinn, a’n Cois-a’-Bhile, laimh ri Abarpheallaidh. Phòs iad a’n ùine gheàrr an déigh sin—ma ’s fior Alastair Macdhùghaill, a’n Cùl-an-drumain, bho ’n d’ thàinig an t-òran. D. R. M. ’S RO mhuladach, neo-àdhmhor, Mo chàradh ’s an uair s’, An déigh mo leannan fhàgail ’S a’ bhràighe so shuas; Gur i mo chruinneag ghaolach, Tha’ gruaidhean mar na caoran, Mar ùbhlan air bhàrr chraobh dheth Nach fhaodar am buain. Ge duilich dhomh ’s ge dìblidh ’Bhi ás do dhìth gach uair, Cha ’n aithnich neach gu ’m bi mi Fodh mhi-ghean no ghruaim; ’S ge cruaidh thu’ bhi ’g a m’ fhàgail Cha chuir do ghaol gu bàs mi, ’S cha ghiorraich e mo làithean Gu bràth urad ’s uair. Ma ’s e fear ’ thig ri d’ chàirdean A ’s dàch’ do thoirt uam, Nach truagh cho fad’ ’s a bha mi ’G a d’ thàladh gun bhuaidh! [TD 213] Ma ’s e ’s gu ’n d’ rinn thu m’ fhàgail, ’S gur e fear eile ’s àill leat, Nach b’ fheàrr dhut innse tràth dhomh, Na fàs rium an gruaim. Is bochd leam thu ’bhi ’n còmhnuidh A’n dòchas cho truagh, A’n dùil gu ’n d’ rinn mi d’ fhàgail, ’S gu ’n d’ fhàs mi riut fuar; An gaol a thug mi tràth dhut, Am feasd cha dean mi àicheadh, Cho fad’ ’s a bhios am bàs gun Mo chàradh ’s an uaigh. Ach ’s dona ’ rinn thu ’ràidhtinn Gu ’n d’ fhàs mi riut fuar, No gu ’n do rinn mo chàirdean Mo bhlàth ghaol ’thoirt uat; Ged ’thiginn gu bhi ’g àicheadh Mo chinnidh ’s dùthaich m’ àraich, Cho cinnteach ris a’ bhàs, bidh Mo ghràdh dhutsa buan. Na ’m biodh do chridh’ cho deònach Ri d’ chòmhradh ’n a m’ chluais, A dh’ aindeoin na tha beò, Bhiodhmid pòsda ri luaths, Bho ’s ann a d’ phearsa bhòidheich A tha mo ghaol-sa ’ còmhnuidh, ’S do nàdur seirceil còmhnard, Mo leòn thu ’bhi uam! Tha sgéul air feadh na dùthcha Gu ’m bheil gach cùis gu réidh, Ach ’s beag am fios na lùban ’Tha dùbfhillt’ ’n a d’ chré; Cha d’ chuir i cas a’m bròig, us Cha ’n fhacas ’g imeachd feòir i [TD 214] Mu ’n deanainn móran bròin, ’S i gun deò dhomh de spéis. Ma ’s e ’s gu d’ rinn thu m’ fhàgail, ’S gur fheàrr leat fear ùr, Gu ’n robh gach sonas àrd ag Cur blàth air do chrùn; ’S mo dhùrachd fear a ’s feàrr dhut, ’Bhios fearail, toirteil, bàigheil, ’S a chumas tu bho ànrath, Le càirdeas us mùirn. Cha ’n urrainn iad a ràdh ach Gur geàrr ’bha do rùn; Is iomadh fear a b’ fheàrr na Mi ’dh’fhàilnich ’s a’ chùis; Is iomadh fear a bhàrr orm Nach d’fhuair a leannan làimh ris— An ni nach ’eil a’n dàn, Ciod an stàth ’bhi ’n a dhùil? Cha bhi mi nis ag innse Co i ’tha mi ’luaidh: Ach cluinnear e ri tìm, ’S i ’s an tir so mu ’n cuairt; Am Fairtrichill Didònaich, Cha ’n fhaicear bean a bòichead, ’S na ’n teannadh i ’n am chòir, Rachadh fògradh fodh m’ ghruaim. Ach c’ àit’ am bheil ri ’faotainn Bean aogais mo luaidh? Cho fosgarr’ ris an fhaoileig Air aodann nan stuadh: Gu coimhneil, cridheil, seòlta, ’S i ’shliochd nan daoine còire— Nis criochnaichidh mi m’ òran, A’n dòchas a buain. [TD 215-224] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 225] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] CEUD MIOS AN FHOGHAIR, 1876. [56 AIR. LITRECHAS NAN GAIDHEAL. III. NA LAOIDHEAN Dughall Buchannan. AM measg nam Bard Gaidhealach a sgriobh Laoidhean cha ’n ’eil aon a fhuair agus, a reir mo bheachd fein, cha ’n ’eil aon a thoill, cliù cho ard ri Dughall Buchannan. Tha atharrach barail mu thimchioll co am Bard is urramaiche—seachad air Buchannan—am measg Ughdar nan Laoidhean Gaidhealach. Bheir aon bhreitheamh an t-urram do Mhac-Ealair, aon eile do Mhac-Griogair. ’S e Laoidhean Phadruig Ghrannd is taitniche le moran d’ar luchd-duthcha anns an rioghachd so agus gu sonruichte, a reir gach fianuis a tha againn, ann an rioghachdan cèin. Agus cha ’n ’eil teagamh nach faighear moran an dà chuid anns an rioghachd so agus taobh thall a’ chuain a gheibh barrachd toilinntinn agus buannachd spioradail le bhi leughadh agus a’ seinn Laoidhean a rinneadh le Ughdair eile. Ach tha mi meas gu’n aontaich an roinn mhor d’ar Sluagh anns gach cearn, agus gu h-araid a’ chuid is tuigsiche dhiu, ’n a radh nach ’eil agus nach robh Bard Spioradail d’ar cinneadh air a’ bheil iomradh againn a choimeasar ri Dughall Buchannan. Is minic, a reir mo bheachd-sa, a bha breth ar Sluaigh cli gu sonruichte mu thimchioll nam Bard a bha toillteanach air urram; agus cha ’n iongantach ged bhiodh a’ chuis mar so. Cha ’n eil moran cunnairt gu’n teid aon aig a’ bheil inntinn fhallain agus cluas cheolmhor, co-dhiu tha no nach ’eil a bheag de fhoghlum aige, am mearachd ann a bhi ’taghadh an orain no na laoidh is taitniche. An fhad so, is e breth an t-sluaigh a sheasas. Ach is ni eile a bhi sonruchadh an aite air am measar ughdar na laoidh no an orain toillteanach am measg Baird a dhuthcha. A chum breth chothromach a thoirt air a’ chuis so, feumar gun teagamh inntinn fhallain agus cluas cheolmhor, ach cha ’n fhoghainn so. Feumar eolas air Baird do dhuthcha; agus feumar gu sonruichte comas inntinn a dh’fhaodas tighinn air duine gu nadurra, ach a nochdar mar is trice, tha mi meas, ’n am measg-san a ghiullaichd gu maith na buaidhean a bhuilicheadh orra—is e sin comas a bhi sealltainn cha ’n ann a mhain air aon laoidh no air aon oran ach air saothair a’ Bhaird thar cheann,—comas a bhi cur fa chomhair na sùl, mar gu’m b’ann, aig an aon àm toradh inntinn a’ Bhaird, a chum agus gu’m faic thu ann an aon sealladh na buaidhean a bhuineas dha mar tha iad air an nochdadh ’n a shaothair,—an neart agus an anmhuinneachd, an gloir agus an naire. Is ann a mhain an uair a tha thu comasach air so a dheanamh mu thimchioll gach Bard fa leth a’d dhuthaich a tha thu comasach air aon Bhard a choimeas ri Bard eile agus, le breth thuigsich, aite dligheach fein a shonruchadh do gach aon. Feudaidh do bharail a’ [TD 226] bhi mearachdach, oir co a’ bharail a tha ’n comhnuidh fior; ach is ann a mhain an uair a tha i air a togail air a’ bhunait so a tha i earbsach. Air a thomhas leis a’ mheigh so, is e mo bheachd gu’n toill Dughall Buchannan aite-toisich, cha ’n ann a mhain am measg Ughdair nan Laoidh ach am measg Bhard na Gaidhealachd. Bha breth ar Sluaigh, mar thuirt mi, air uairean cli mu thimchioll nam Bard a bha toillteanach air urram; ach ’n an dilseachd do Dhughall Buchannan, co-dhiu a bhuineadh iad do’n Ear no do ’n Iar, do’n Tuath no do’n Deas, co-dhiu bha iad sean no òg, foghluimte no aineolach, bha ’m breth gun amhurus cothromach agus ceart. Tha e air aithris, le Mr. Mac-na-Ceardadh, anns an leabhar thaitneach a chuir e mach anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh mu bheatha agus mu shaothair Dhughaill Buchannain, mar dhearbhadh air cumhachd an duine thairis air inntinnean an t-sluaigh a chuala a ghuth, gu’n robh Dughall a’ searmonachadh air là araid do dhà chinneadh aig an robh a leithid de naimhdeas d’a cheile agus nach faodadh iad tighinn cuideachd gun aimhreit a bhi eatorra; gu’n do sheas Buchannan air cloich ann am meadhon aibhne le buidheann air gach taobh de’n abhainn; gu’n do labhair an searmonaiche le leithid de chumhachd agus, aig crich na seirbhis, gu’n do ghlac na naimhdean lamhan a cheile agus gu’n do sgaoil iad ’n an cairdean. Lean cumhachd a’ Bhaird thar inntinnean Ghaidheal gus an là ’n diugh. “Air dha bhi marbh, tha e fathasd a’ labhairt.” Le Laoidhean Dhughaill Buchannain ’n an lamhan, tha gach comh-thional Gaidhealach deas gus an eud, ’s am farmad, ’s an coimheachas a dhi-chuimhneachadh; agus mur crùn iad e ’n a Righ nam Bard, aidichidh iad gu leir gur e, gun teagamh, Bard nan Laoidh. Rugadh Dughall Buchannan bho pharantan diadhaidh, mar tha e fein ag innseadh, ann an Sgireachd Bhailechuidir, anns a’ bhliadhna 1716. Bha athair ann an doigh chothromach gun bhi saoibhir. Mu’n robh Dughall ach sè bliadhna dh’aois chaill e ’mhathair. Fhuair e deagh sgoil, oir tha e air innseadh dhuinn gu’n deachaidh e mach a theagasg cloinne ’n a dhara-bliadhna-deug. Thug e dearbhadh air buaidhean àrd o oige. Tha e fein ag innseadh, le bròn ro mhor, gu’n robh a thlachd ann an òrain fhaoin; agus tha iomradh gu’n do rinn e òrain e fein, agus gu’n do chruinnich e roinn de sheana Bhardachd a dhuthcha. Ma tha so fior, tha chuid so de shaothair gu brath air chall. A reir a chunntais fein, bha e aingidh thar tomhais. Dh’iunnsaich e ’n t-saorsainneachd ’n a oige, agus chuir e seachad treis d’a shaoghal, ann an caochladh aitean, aig a cheird. An uair a bha e cuig-bliadhna-fichead a dh’aois fhuair e ann an tomhas saorsa o’n staid mhuladaich anns an robh e le ana-creidimh, le aingidheachd, agus le uamhas mu thimchioll cor anma. A so suas bha e cho comharraichte airson a naomhachd agus a bha e roimhe sin airson aingidheachd. Chuir e seachad moran d’a uine a’ dol o àite gu àite a dh’ eisdeachd mhinistirean ainmeil. Chaidh e gu Cambuslang a dh’ eisdeachd Mhr. Whitefield. Phòs e anns a’ bhliadhna 1749. Mu thri no ceithir de bhliadhnachan ’n a dheigh so, fhuair e ’n a mhaighstir-sgoil ann an Raineach, agus dà bhliadhna ’n a dheigh sin ’n a cheisteir, le ughdarras o’n Eaglais a bhi teagasg an t-sluaigh. Bha e ’n a chleachduin aige a bhi toirt cuairt air feadh roinn mhor de’n Ghaidhealtachd ’s an t-samhradh a’ searmonachadh an t-Soisgeil. Chaidh ainm mar fhear-teagaisg am fad ’s am farsuingeachd. Bha e ’n [TD 227] a dheagh Sgoileir Gaidhlig. Thug e cuideachadh luachmhor, tha e air aithris, do’n Ollamh Stiubhart, ministeir Chillfhinn, ann an eadar-theangachadh anTiomnaidh Nuaidh gu Gaidhlig. Bha e ann an Dun-eideann mu’n chuis so anns a bhliadhna 1766. Shearmonaich e do Ghaidheil a bhaile mhoir sin an uair a bha e fuireach ann. Chruinnich e comh-thional, agus dh’fheuchadh ri fhaotainn mar mhinisteir thairis orra. A chum ullachadh airson an dreuchd so, thug e bliadhna na dhà anns an Oil-thigh; ach cha do rinneadh ministeir de Dhughall Buchannan. Chuir e mach na Laoidhean anns a’ bhliadhna 1766, agus dà bhliadhna ’n a dheigh so, mu’n robh an duine urramach ach ann an treine a neirt agus ann am meadhon aois, ghearradh air falbh e, ann an Raineach, le fiabhras tròm. Tha deich-agus-cuig-fichead bliadhna o’n a chuir Dughall Buchannan a mach na “Laoidhean.” Chaidh an clo-bhualadh o’n àm sin uair-thar-fhichead,—urram nach d’-fhuair leabhar Gaidhlig eile a mach bho na Sgriobturean agus bho Leabhar Aithghearr nan Ceist. Dh’eadar-theangaicheadh do’n Bheurla na “Laoidhean” le triuir dhaoine foghluimte—Mr. MacGriogair nach maireann á Raineach; Mr. Forbes nach maireann, ministeir Shleibhte; agus Mr. Mac-na-Ceardadh, ministeir na h-Eaglais Shaoir anns a’ Cheannmhoir. A thuilleadh air so, chuireadh uair ’us uair aon no dhà de na Laoidhean ann an roinn ’s a’ Bheurla. Chunnaic ar luchd leughaidh an “Claigeann” air a thiunndadh gu blasda do rann Bheurla le Professor Blackie. Thugadh seachad uair ’us uair cunntas air eachdraidh beatha Dhughaill Buchannain. Gheibhear an cunntas is fearr agus is earbsaiche anns an leabhar luachmhor a chuir Mac-na-Ceardadh a mach an uiridh. Chlo-bhualadh anns a’ bhliadhna 1836 “Beatha agus Iompachadh Dhughaill Buchannain, air a sgriobhadh leis fein.” Cha ’n ’eil teagamh nach e Buchannan fein a sgriobh an cunntas so, ged nach ’eil sgeul a nis mu’n doigh air an do ghleidheadh an sgriobhadh gun chall. Tha eachdraidh, mar a sgriobh e fein i, a’ criochnachadh anns a’ bhliadhna 1750. Tha ’n eachdraidh, cho maith ris na Laoidhean, ’n a dearbhadh maireannach air airde ’bhuaidhean agus air doimhneachd eolais air a’ Ghaidhlig. Ach is e eachdraidh anma a mhain a tha ann, agus cha ’n e eachdraidh a’ chuirp no inntinn. Tha iomradh gu’n do chaill e ’mhathair ’n a shè bliadhna; gu’n robh e teagasg cloinne ’n a dhara-bliadhna-deug; gu’n d’iunnsaich e ’n t-saorsainneachd; gu’n robh e ann an caochladh aitean—an Srileadh, an Dun-breatunn, agus an Duneideann, air cheann gnothuich; gu’n d’ eirich moran d’a chairdean le Tearlach Stiubhart, agus gu’n do chuireadh cuid diu gu bàs; gu’n robh bean “ghraidh” agus “leanabh taitneach” aige; gu’n robh e ’n a òige toigheach air orain agus air ceol. Ach tha Buchannan a’ toirt seachad an fhiosrachaidh so mu thimchioll fein a chionn gu’n robh buaidh shonruichte aig na nithean so thairis air staid a’ chridhe agus anma anns an àm anns an do thachair iad. Annta fein, mheasadh e iad mar a mheasadh e gach ni talmhaidh eile “’n an call airson ro-oirdheirceis eolais Iosa Criosd a Thighearna.” Chaidh an eachdraidh so a sgriobhadh, a reir coltais, anns a’ bhliadhna leis a’ bheil i ag criochnachadh. Tha, co-dhiu, an t-Ughdar de dh’aon inntinn an àm a sgriobhaidh, o thoiseach gu deireadh. Ma tha’m beachd so fior, chi sinn gu’n robh Dughall Buchannan a’ cur earbsa mhor ás a [TD 228] mheodhair an uair a tha e toirt cunntas mion dhuinn mu fhaireachduinean fein fichead bliadhna air ais. A rìs, is ann le suil a’ Chriosduidh, ceum maith air aghaidh air slighe na naomhachd, a tha e sealltainn air tograidhean agus air faireachduin an oganaich. Bha a chuimhne laidir—tha dearbhadh gu leoir air so; cha do sgriobh e, tha mi lan-chreidsinn, focal nach robh e fein dearbhta ás gu’n robh e fior; ach cha ’n eil mi gun amhurus, na’m biodh eachdraidh Dhughaill Buchannain againn bho aon d’a chomh-aoisean d’am b’aithne gu maith e, nach biodh atharrachadh mor eadar i agus an eachdraidh a sgriobh Dughall fein. Tha e air aithris gu’m bu duine blath, caoimhneil, surdail e; ach cha ’n ’eil dearbhadh air so ’n a eachdraidh mar a sgriobh e fein i. Feudaidh sinn co-dhiu a radh nach ’eil againn ach cuid d’a bheatha agus aon taobh d’a nadur anns an eachdraidh so. B’e so an aon taobh ann am beachd an Ughdair air am b’airidh iomradh a dheanamh. Tha mi meas gu’m bu mhearachd so ann an aidmheil Dhughaill Buchannain; agus gu’n tug am mearachd a mach toradh trom ’n ar duthaich. Chuala sinn o fhear-teagaisg ard o chionn ghoirid: “Cha’n ’eil buaidh ’s am bith olc mur cuir thu gu buil olc i.” B’fhearr le Buchannan a bhi creidsinn, leis na Manicheans o shean, gu’n robh Matter, mar theirear ’s a’ Bheurla, ’n a ghne fein, olc. Ach cha ’n e mo rùn no mo thoil a bhi toirt breth air fallaineachd no mi-fhallaineachd aidmheil no teagaisg Dhughaill Buchannain. Cha ’n eil mi meas gu’n leugh neach eachdraidh Dhughaill Buchannain mar a sgriobh e fein i gun fhaicinn gu soilleir gu’m bu duine e aig an robh nadur ’us buaidhean neo-chumanta,—duine a bhiodh comharraichte am measg sluaigh cia air bith ’inbhe no ’dhreuchd no ’dhuthaich. Bho leanabaidheachd bha cor anma a’ cur curam ro mhor air; bha fein-fhiosrachadh geur aige air miannan agus tograidhean laidir agus truaillidh; an uair a bheireadh e srian d’a anamiannan bha fhaireachduinean craiteach thar tomhais. Tha e toirt a’ chunntais a leanas air staid inntinn an uair a bha e mu sheachd bliadhna dh’aois: “An sin thoisich an Tighearna air m’ fhiosrachadh le seallaidhean uamhasach; aislingean anns an oidhche a chuir eagal ro mhor orm. Bhruadair mi gu tric gu’n tainig latha Bhreathanais, agus gu’n robh Iosa air teachd anns na neoil a chum breth a thoirt air an t-saoghal, agus gu’n robh gach uile shluagh air cruinneachadh fa chomhair a chathrach, agus gu’n do thearb se iad ’n an dà bhuidheann—a h-aon air a laimh dheis agus an t-aon eile air a laimh chlì; a chunnaic mi mi fein maille ri buidheann eile air mo dhìteadh a chum losgadh siorraidh.” Bha’n sealladh so cho tric fa chomhair suil Dhughaill Buchannain, ’n a chodal ’s ’n a dhusgadh, agus gu’m feudar a radh gu’n robh “Latha a’ Bhreitheanais” sgriobhta air clàr inntinn o oige. Thug e e fein thairis do gach gnè peacaidh ach cha robh sith aige ’n a aingidheachd. Air uairean rachadh aige air a choguis bheo a mhuchadh; air uairean bha i mar gu’m b’ann ’n a codal; ach a nis ’s a rìs dh’eigheadh i mach le guth ard, bagarrach; agus bhiodh cor an duine da rireadh eagalach. ’S e mo bheachd gu bheil samhladh mòr, anns a chuid so d’a bheatha co-dhiu, eadar Dughall Buchannan agus dà dhuine ainmeil eile—Gall agus Sasunnach—Burns agus Bunyan. Rugadh an triuir ann an inbhe iosail—a dhà dhiu co-dhiu bho pharantan diadhuidh. Bha aig an triuir aignidhean laidir, duilich a cheannsach- [TD 229] adh; agus bha iad gu leir ’n am Baird. Bha iad ’n an daoine fearail, cumhachdach, misneashail. Rugadh iad airson teagasg sluaigh. Bhuilicheadh tuigse nadurra agus buaidhean inntinn orra thairis air an tomhas a tha air a bhuileachadh air clann nan daoine. Tha iad gu tric air an leagadh cho iosal ris an làr le ’n anamianna do-shasuichte, agus ’n amhghar tha iad a’ deanamh boidean ath-leasachaidh airson an àm ri teachd. Tha dhà dhiu fa-dheoidh a’ faotainn buaidh ach cha ’n ann gun stri, gun iomadh tuisleachadh ’us tuiteam ghoirt. Tha seann aingidh ann an Dùn-breatunn a’ cronachadh Dhughaill Buchannain airson a theangaidh thoibheumaich. ’S e ’n tilleadh a bu mhò dhruigh air Bunyan a fhuair e riamh boirionnach mi-bheusach a’ criothnachadh roimh mhionnan uamhasach. Ach tha dealachadh mor eadar ceard Bhedford agus maighstir-sgoil Raineach. Is gann a fhuair Bunyan riamh làn-chumhachd thairis air a spiorad lasarach,—lean ni-eigin de’n t-saighdeir ris g’a chrich. Ach tha Dughall Buchannan g’a chradh fein a chionn gu’n do mhiannaich e dioghaltas a thoirt a mach air na daoine a chuir, le fianuis bhreige, a chairdean gu bàs airson an dilseachd do Thearlach Stiubhart. Cha ’n eil mi meas gu’m biodh e freagarrach air aon chor a bhi coimeas Dhughaill Buchannain, mar Bhard, ri Baird ainmeil dhuthchannaibh eile. Chunnaic mi ann an aon leabhar Milton na Gaidhealtachd air a radh ri Buchannan. Sgriobh Dughall iomadh sreath, agus rann no dha, a bhiodh ’n an urram do Mhilton an uair a b’airde a ghleus; ach saoilidh mi gu robh Buchannan dlù air bhi cho fada air deireadh air Milton ann am buaidhean nadurra agus a bha e ann am foghlum agus ann am fiosrachadh. Ni mo a choimeasar, mar Bhard, Buchannan ri Burns; ged bha an dithis dhaoine ann an doigh no dhà gle choltach ri cheile. Ann an clarsaich Dhughaill bha teud no dhà as nach tug e fein ceol agus, a reir mo bheachdsa, is call mor so d’a dhuthaich gus an là diugh; ach saoilidh mi nach robh ann an clarsaich Bhuchannain a liugha teud agus a bha ann an clarsaich Bhurns, agus gur gann a bha anns na teudan a bha innte ceol cho binn. Chaill sinne mar shluagh uair ’us uair urram a bha dligheach dhuinn le cion a bhi ag agradh ar làn chòir fein; chaill sinn, ma dh’ fhaodte, cliu a bhuineadh dhuinn, ann am beachd choigreach, le bhi ag iarraidh tuillidh ’s a chòir. Ma dh’ iarras sinn aite-suidhe do Dhughall Buchannan le Milton no le Burns, iarraidh sinn, tha mi meas, urram air nach airidh e; agus is e ’s dòcha gu faigh sinn aite is isle gu mor na bheireadh a thoillteanas dligheach a mach dha. Ach ged nach ’eil e freagarrach a bhi ’coimeas ar Bard ri Baird dhuthchannaibh eile, tha e fior fhreagarrach a bhi ’g a choimeas ri Baird a dhuthcha fein. A mach o Oisean,’s e Mac-Mhaighstir-Alastair agus Donnachadh Ban Mac-an-t-saoir, a reir barail a mhor chuid d’ar sluagh, priomh Bhaird na Gaidhealtachd. Bheir cuid an ceum-toisich do’n Domhnullach; bheir buidheann is lionnhoire, cho fad ’s is aithne dhomh, an ceum-toisich do Mhac-an-t-saoir; ach ann am beachd an t-sluaigh thar cheann, ’siad so an dà Bhard Ghaidhealach is ainmeile a sheinn o linn Oisein. Tha mi meas gu’n abair roinn mhor de’n t-sluagh gur iad Rob Donn agus Dughall Buchannan an ath chaigeann. Rugadh an ceathrar Bhard so dlù air an aon àm. Bha Dughall Buchannan mu she-bliadhna-deug na b’oige na Mac-Mhaighstir-Alastair, dà bhliadhna [TD 230] na b’oige na Rob Donn, agus ochd bliadhna na bu shine na Donnachadh Bàn. Mu’n bhliadhna 1750 bha’n ceathrar dhaoine so ann an treine an neirt, an corp agus an inntinn, a’ seinn ann an Gaidhealtachd na h-Alba; agus aidichear air gach laimh nach facas, o’n linn Oiseinich co-dhìu, dusgadh cho gloirmhor am measg na ceolraidh Ghaidhealaich agus a chiteadh an sin. Ciod a b’aobhar do’n dusgadh so? Gheibhear àm sonruichte ann an eachdraidh gach sluaigh a tha comharraichte o’n tìm a chaidh roimhe agus o’n tìm a thig ’n a dheigh airson gluasad agus beothachadh do-ghnathaichte ann an inntinnean an t-sluaigh. ’N a leithid so de thìm, tha’n sluagh ag eirigh, mar gu’m b’ann, os cionn an comais fein. Tha iad a’ toirt dearbhadh air neart cuirp agus inntinn air nach robh fiosrachadh aca fein no aig na cinnich mu’n cuairt dhoibh roimhe sin. Tha toradh a’ ghluasaid so ’g a nochdadh fein air caochladh dhoighean. Air uairean chithear an sluagh a’ dol a mach a cheannsachadh fearainn ùra; air uairean ag eirigh airson chòraichean ùra ’n an duthaich fein; agus air uairean a faotainn a mach innleachdan ùra a chum saoibhreis agus goireasan na beatha so a mheudachadh Agus ann an lorg gach dusgadh de’n t-seorsa so gheibh sinn na Baird—fior theanganna an t-sluaigh—ag eirigh agus a’ seinn le caithream agus le cumhachd nach bu ghnaths’. Cha ’n ’eil eachdraidh rioghachd no cinneach air a’ bheil eachdraidh againn anns an t-seann t-saoghal no anns an t-saoghal ùr, mar theirear, nach toir dearbhadh soilleir air an fhirinn so. “Ma theid mise leatsa an diugh do’n bhlàr, agus gu’n tuit mi, co sheinneas do chlìu am maireach,” arsa Iain Lòm ri Alastair Mac-Colla, latha Inbhir-lochaidh. Leth-sgeul, Iain, leth-sgeul! Cha robh, gun teagamh, teangadh cho sgaiteach no cho binn ri d’ theangaidh-sa, manntach ’s mar a bha i, anns a’ champ no anns a’ Ghaidhealtachd an latha sin; ach cha do chuireadh blàr mor riamh nach d’-fhuaradh Bard a ghleidh air chuimhne e. Cha b’ann le tuiteamas a bha Daibhidh ’n a Bhard. Cha robh atharrachadh mor a thachair anns a’ Ghreig nach deach a sheinn le Baird a dh’eirich anns an ath ghinealach no anns a ghinealach sin fein. An ni ceudna anns an Roimh. Ghleidheadh na h-iunnsaidhean garg a thug na Uelsich air cuing nan Sasunnach a bhriseadh air chuimhne ann am Bardachd nach di-chuimhnichear. ’S ann bho na Crusaders a dh’eirich na Troubadours. Thainig na Moors do’n Spainnt. B’e toradh a’ chogaidh fuil ùr, neart ùr, Bardachd nach cualas a leithid ’s an rioghachd sin roimhe. Corr agus tri cheud bliadhna roimhe so chaidh canainean agus ealaidhean na Greige a theagasg ann an taobh-an-Iar na h-Eorpa. Tha fios againn gu leir air an toradh a thug am pòr so a mach—co-dhiu ann an tomhas. Dh’eirich rioghachdan na h-Eorpa aig an aon àm, mar gu’m b’ann as an codal. Thug cuid an aghaidh air fearainn ùra agus mar so fhuaradh a mach America. Dh’iarr agus fhuair cuid tuilleadh saorsa ’n an dachaidh fein. Thug cuid lamh air ath-leasachadh na h-Eaglais. Ann an Sasunn dh’eirich Baird nach cualas an leithidean roimhe no ’n a dheigh anns an rioghachd sin no, ma dh’fhaodte, ann an rioghachd eile. Agus mar a bha e anns an àm sin, tha e gus a nis. An diugh is e cogadh, am maireach is e creidimh, a tha dusgadh an t-sluaigh. Ach cia air bith an t-aobhar airson an cuir Alastair Mac-Colla dheth a chòta an diugh, bithidh Iain Lòm ann am maireach a sheinneas a chliu. Ciod, ma ta, an dusgadh a thainig air Gaidhealtachd na h-Alba ann an [TD 231] toiseach na linne a dh’ fhalbh; agus ciod e áite Dhughaill Buchannain am measg nan triuir Bhard a bu chomh-aoisean dha? D. M‘K. AN DEALACHADH GAIDHEALACH. LE PROFESSOR BLACKIE. Eadar-theangaichte le MAIRI NIC EALAIR. FONN.—“Cuimhneachadh air d’ fhuran.” ’S glan dearrsadh na gréin’, ’S geal cobhar na tuinne; ’S aotrom neòil a’ snàmh Os cionn àird’ nan tulach. ’S caoin a shéideas gaoth, Bho bhàrr fraoch a’ bhruthaich; Raineach ’s itich géig’, Ri h-éibhneas gu subhach. Tha gach ni fo’n ghréin, Talamh ’s spéur làn aighir, ’S mise ’n so leam fhéin, Gun mo chéile mar rium. Bu shunntach sinn an raoir. ’S sinn aig taobh an teine; Sùil ri sùil làn bàigh, ’S comunn blàth ’s gach cridhe. Orain thruais ’us ghràidh, ’G an seinn àrd le binneas— Do neach aotrom gàir’, ’S do ’n fhear chrionnta gliocas. Nis leam fhein ag caoidh, ’Falbh nan raon gun aighir; Thu cho fada bhuam, B’e mo luaidh ’bhi mar riut. Ged sheinneas mi dàn, Cha dean sid mo mhealladh; ’S ged a ni mi gàir’, Tha mo chrìdh’ fo smalan. Mar ghiullan tha mì, ’Bhios gu dlù ri feadail ’Dol seachad air cill, ’S e air chrith le h-eagal. Ged ’s aotromaid am fàsach ’Bhi ’seinn dhàna-mulaid, Cha tig flùr fo bhlàth Gun thu, ’ghràidh, na ’chuideachd. ’S bòidheach raineach uaine, ’S àillidh snuadh a’ bhruthaich; Chi mi ’n gormbhrat àrd Troimh na neòil gu lurach; Shìos ud anns a’ ghleann, ’S òrbhuidh dreach a’ choirce; An iarmailt uile làn De reachd fais ’us toraidh. ’S ged bu pheacadh e A bhi ’n so fo smalan. Gura trom mo dheur, ’S gun mo chéile mar-rium. BLAR NA CAGAILT. UILLEAM NA BEAIRTE ’S A BHEAN. CHA’N ’eil uair a theid mi gu m’ smaointean nach bi e ’cur ioghnaidh nach beag orm a liuthad ànradh ’us diachainn a tha daoine a’ tarrainn orra fhein le druim na simplidheachd. Thug mise mi fhein ochd bliadhn’ diag cho mor fo mhaide-na-poite, tha mi ’creidsinn, ri fear a tharrainn spàl. Riabh bho sheachdain-nam-pòg, faodaidh mi a ràdh nach d’ thug Meig ’s mi fhein latha slàn a’ ruith leis an aon ghlaic. Bho’n nach deachaidh an daol-chridhe fhein innte—bha i cho daobhaidh dùr. Chuir i buileach ceann annam; ach, o, air a shon sin is eudar dhomh ’aideach nach bu droch bhean i na ’dòigh fhein; bha grunndalas agus tlàths màthar innte, ’s bha i na ’deagh cheann do na pàisdean, daonnan ag cumail iomfhuasglaidh riutha am biadh ’s an aodach cho fad ’s a leigeadh ar cothrom leatha. Ach, o, bha ’n fhagàil ud fuaighte rithe—bha i fuathasach dùr. Cha robh seol air a toileachadh a dh-aon dòigh no ’dhòigh eile: agus cha robh uair a chluinninn clag na h-eaglais a’ bualadh nach cuireadh e am chuimhne cànran a teanga—a’ ghlige-ghlaige, ’ghlige-ghlaige ’trod rium gun sgur. Dh’ aon fhacal deth, bhrist i mo chridhe, ’s cha ’n ann aon uair a dh’ òrdaich mi mi fhein an uchd Abrahaim cian bho iomguin an t-saoghail pheacaich so. Ach mar a bha mi ag ràdh, tha feadhainn gu tric a’ tarrainn chroisean orra fhein le maoile. Cha ruigear a leas ’innse dhòmhsa gur h-e [TD 232] fear neochiontach socharach a’s fhèarr a thig romh ’n t-saoghal; cha ’n è, ’s drochuair, cha ’n è. Tha fios agam air sin air mo chost. Agus mar is fhaide beò mi is ann is fhèarr a tha mi ’tùrsainn mar a thuirt mo shean-ghoistidh rium, eadar fhealadhà ’s a rìreamh, nach b’ fhuilear do dhuine beagan de ’n donas a chumail an donais bhuaithe. Is e sin facal cho cho fìrinneach, ar leam, ’s a chuala mi riabh. Is beag a shaoil leam ’s an àm, gu’n laidheadh e cho math orm fhein, agus gu’m feumainn a chur an gnìomh; ach faighidinn bheag agus chitear mar bu dol domh fhein ’s do Mheig. Oidhche dhubh gheamhraidh a bha ’sid, is math is cuimhne leam i, togar mo cheist oirre gu bean-a’ cheannaiche dìreach a dh-aon ghnothuch a throd rithe air son gràinnein de mhin-chruithneachd a cheannaich mi bhuaipe latha no ’dhà roimhe sin gu glaodh a dhianamh dhith, ach nach do thuit a mach tur cho math ’s a bha dùil againn, a réir na phàidh mi oirre. Na ’n cuireadh i a comhairle rium theirinn rithe fuireach aig an tigh ’s gun e ’chur cualaig oirre, nach robh ann ach luach thrì buinn-a-sia, ’s nach b’ fhiach e an t-saothair a bhi ’bruidhinn idir air. Ach cha b’ ann diubh sin mo Mheig, cha robh cluas-éisdeachd aice, agus, mar a thuirt mi, togar oirre, i fhein ’s a cleoca sgàrlaid ’s a boineid-shìoda a cheannaich i ùr nobha as a’ bhùth an latha sin fhein air a ceann. Ach innsidh mi an toisèach mar a bh’ eadar i fhein ’s mi fhein oidhche ’n àigh ud. “Nis, a Mheig” osam fhein ’s mi ’fiachainn ri aoigh a chur orm cho ciùin tlàth ’s a b’ urrainn domh, ’s a’ toirt gnè thogail air mo churrac ruadh ionann’s a’ toirt modh dhi, “na ma fhiach leat e. Cha bu ghiamh leam air rud sa bith gu’n gabhadh tu ort a leithid de rud cho ro fhadharsach—deannan am bial builg—luach dà bhonn-a-h-ochd. Ach air m’ fhalluinn, b’ fhèarr dhomh gu’n robh mo theanga fo m’ chrios, mu’n gann a bha am facal a mach as mo bhial, thug mo chaomhag togail air meadar cluasach làn de ghlaodh a bh’ agam lamh rium los a chur ri eide de dhroch tharrainn a bh’ agam ’s a’ bheairt, agus tilgear sid a bheò bheum orm. Ach, mu’n d’ thuirt an duine còir roimhe so, mu’n Fhreasdal, ’s e na ’theinn ’s ‘a’ bhaileachan bhiastail bhòstail’—“Is ann na ’eisiomail a bhà sinn bho’n a thainig sinn do Chille-Chuimein,” is amhuil a thachair dhòmhsa, ’an àite m’ eanchainn a spòltadh asam mar a b’ ion domh dùil a bhi agam, ’s ann a bhuail am meadar thall an sgàthan ’s rinn e cóig ciad spealg dheth. Coma ged a theanc mo chnuac cha b’ e sin do m’ aodunn e, cha robh diar a bha ’s a’ mheadar nach do thaom orm ’s an dol seachad, agus ’fhianuis air na ballaichean mur d’ rinn e beuban diam. Am fear ud mìr nach d’ thug sid teum orm, agus mur b’e gu’m b’i mo bhean i, chuirinn car na ’h-amhuich air cho bheag athaidh ’s ge bu chearc an sgùmain i. Ach cha do chuir—bha mise fo mhaide-na-poite, ’s bha a leithid de smachd aice orm ’s nach robh de innleachd am eanchainn na chuireadh eirbheirt annam ceann a thoirt di. Chaidh mi gun mhath sa bith, air chor’s nach b’ urrainn domh ni a dhianamh ach spliachdadh mar dhallaig na ’h-aodann, ’s ise ’cur dhith nan sgidealaichean sin rium cho neo-mhathasach ’s ge bu chaileag shearbhanta mi. Uair no dhà dh’ fhairich mi mo dhùirn ’g an teumadh gu pailleart a thoirt di, ach leis a’ gheilt cha robh a chridhe aig ‘cluais-air-còta’ bìd a ràdh. Mar sin thog i oirre air cheann a turuis ga [TD 233] m’ fhàgail-sa ’m ghurach aig taobh a’ ghealbhain ’s mi ’dheanamh àth no muilinn de’n chùis. “O,’ Annag,” osam fhein ri m’ nighinn ’s i ’càramh léineige le Deòrsachan, “nach i ’bhaobh do mhathair?” “Cha’n ’eil sinn a’ léirsinn a bheag dhe ’baobhalachd,” os an creutair dona, “is geal a thoill sibh na fhuair sibh; na ’m biodh duine agamsa dhianainn an dìol ciadna air, ach a chridhe ’bhi aige urad ’s a chorrag a chamadh an aghaidh.” An uair a chuala mi so bho m’ fhuil ’us m’ fheòil fhein chaidh mi glan am bhreislich—am pàisdein sin a dh’ altruim mi air mo ghlùn, a b’ àbhaist, an uair a bha i na ’rud crìon, suidhe làmh rium aig a’ bheairt, agus na h-iteachain a lìonadh le ’ làimheig fhein—bha e na ’rud gle dhiachainneach. Thàinig tachdadh orm, agus fhuair mi am braon mòr ud ag cur nan car dheth sìos mo leac—an ciad dhiar a a fhliuch i bho’n a bha mi ’m ghiullan casruisgte ’dol do’n sgoil. B’ fhaoin cànran a màthar seach so. Theid aig duine air cur suas le mòran bho a mhnaoi; ach, o, cainnt ascaoin bho ’urra-chloinne ruigidh i cridhe duine mar ghàine saighde, ’s cuiridh i gu fàsgadh cràiteach dhiar e. Cha do ghabh mi fearg ris a’ chaileig, bha tuilleadh ’s sin de dhuilgheadas orm; ach thug a’ chùis mo shùilean domh, agus chunnaic mi nach robh na bha mi ’fulang bho m’ mhnaoi ach mar shnàithinn an coimeas ri ceirsle, làmh ris na bha mi fulang ’s an uair sin. Dh’ fhairtlich as glan orm cur suas ris gach car a bh’ann agus thugar air chéilidh orm air mo choimhearsnach Eobhan Mor. B’ òlach ro thùrail, sicir, Eobhan, agus b’ fhear-cèirde dhomh fhein e. Bha sgoil aige, agus is gann rud air nach robh fios aige, air chor’s gu’n robhas a’ sealltainn air gu math os cionn chàich. Cha robh tuaireap a bhiodh ’an Teanga-gun-urrainn nach rachamaid na ’r ruith a chur ar comhairle ris; agus cha mhor nach bu cho math leinn a chomhairle ri comhairle Mhr. Fionnladh fhein. Bha e na bhrod chunntair, agus theireadh feadhainn gu’n robh e cho oileinte air a’ chléit ris a’ mhaighistir-sgoile. Ach coma, mar a bha mi ’g ràdh thugar ceum air chéilidh air Eobhan a chur mo chomhairle ris; ach, gonadh ormsa, ma chunnacas duine riabh cho feargach ris an uair a dh’ innis mi mo dheireas dha. “’Uilleim na beirte,” os esan ’s e ’toirt éibh as—agus cha bu bheag e, “cha’n ’eil annad ach smear na pleothaisg—eirpleach truagh fo mhaide-na-poite. A staoin bhochd, tha thu d’ chulaidh-mhagaidh ’s an dùthaich, ’s cha’n airidh thu air ainm duine. Fiach an cuala tu sin?” “U, chuala gu math,” osam fhein, ’s gun mi idir ro thoilichte a leithid de dhroch fhreagairt fhaotainn ged a mhathainn rud da nach mathainn do ’n a h-uile fear, “chuala mi gach smid deth, agus gun teagamh, tha mi fad ad chomaine air son do cho-fhurtachd.” “Gun ghuth mór, gun droch fhacal, ’Uilleim,” os esan air a mhìn shocair—chunnaic e gu’n do chuir a chainnt mìothlachd orm, “na gabh gu h-olc na thuirt mi riut, is ann a’ fanaid a bhà mi. Ach, a dh-innse na fìrinne dhut, a charaide, tha thu ’cur suas ri aintighearnas nach bu chòir do dhuine cneasda sa bith. Nach e Breatunn rìgheachd na saorsa? Nach ’eil mise, ’s tusa, ’s càch, a cheart cho saor ris an diùc ud shìos na ’chaisteal sòghail? A am beil còir aig duine sa bith, innis sin domh, ’Uilleim, air ainneart no aintighearnas a dhianamh air duine sa bith mar a tha do bhean a’ dian- [TD 234] amh ortsa? Cha chomhairlich mise dhut d’ é ’nì thu, ach innsidh mi dhut mar a dhianainn fhein na ’m biodh mo bhean ’s mo nighean ga m’ ghiollachd air an dòigh: bhuailinn an dà chnuaic ri chéilè ’s chuirinn glùn orra. Am thigh fhein gu dìlinn bu mhise fear-an-tighe.” B’ i so comhairl’ Eobhain. Shaoil mi glé réusonta i ged a dh-fhaodadh i ’bhi car duilich a chur ’an cleachdadh. “Ach co dhiù,” osam fhein rium fhein, “theid mi gu m’ smaointean mu’n chùis, agus co aige ’tha ’fhios na’n d’ thugainn orm fhein diachainn a thoirt di, nach rachadh a’ chùis leam gu tur. An uair a thill mi dhachaidh, ’s e an ciad rud a rinn mi lamh a thoirt air a’ bhotull, agus làn miarain a ghabhail deth a thoirt misnich dhomh ’an earalas nach biodh onagaid as ùr eadar mi fhein ’s bean-an-tighe; agus cuideachd a shoilleireachadh m’ inntinn—rinn a’ bheairt sin domh—an uair a bheirinn greis mhor a’ fighe dh’ fhàsadh m’ inntinn cho math ri m’ cholainn car tromsanach, cadalach. ’S e ’bh ann, ma ta, gu’n do ghabh mi diaran ’s gu’n d’ rinn mi suidhe aig taobh an teine a’ feitheamh ri Meig bho throd ris a’ mhnaoi chòir eile bean-a’-cheannaiche mu’n deannan am bial builg. Bhuail mo chaomhag a stigh le farum cabhaige. Bha ’h-aodunn cho dearg ris a’ chorcan-choille, ’s a h-anail na ’h-uchd, ’s i buileach coltach ri te a bhiodh an deaghaidh deannal garg a thoirt le ’ teangaidh. Ach cha b’ ann idir smuaireineach a bhà i. Is ann a bha i ’ sealltuinn cho moiteil ri coileach-frangach. Le dìdeig a ghoid mi eadar mi ’s lias chunnaic mi gu’n do chlàd i bean-a’-cheannaiche—bean shìbhealta gun ghò nach dianadh gille de Mheig air sglamhruinn. Thòisich i air spaidseireachd ’s air spagluinn mu’n éuchd a rinn i a’ ghlas-ghuib a chur air a’ mhnaoi eile, agus bhà i cho làn as agus ged a chuireadh an rìgh iuchair a Chaisteil air a bac-stic. Bha ’chùis ag cur a leithid de thàmailt orm ’s gu’n robh mi ’n impis a bhi air an dearg chaothach, agus thàinig teum fotham uair no dhà facal a chur a stigh, a bhuidheachas sin do’n diaran a dh’ òl mi, ach mu ’n gann a bhiodh am facal thair mo bhràighe, thigeadh am meadar ’s an glaodh am chuimhne, agus thilleadh iad sid agus stadadh e mar chnàimh am amhuich. Tha mi ’deagh chreidsinn mur b’ e an creutair caileige, Annag, gu’m bithinn fhathast gun diog a ràdh, agus gu’m biodh comhairle mo ghoistidh gun bhonn-stàth dhomh. Bha ise air a lìonadh cho mór le euchd a màthar agus nach fhoghnadh leatha ni no dad ach bun-sgeòil, is e sin a h-uile car mar a bh’ eatarra ’chluinntinn. “Agus,” os a’ chutag ri ’màthair, “an do thilg sibh oirre gu’n robh i reamhar?” “Rinn mi sin agus iomad inisg eile,” osa Meig. “Thuirt mi rithe gu’n robh i cho dòmhail ri còmhla sabhuil ’s cho leathunn ri cliathaich tighe. ’S thuirt mi rithe, cha’n ’eil annad ach an trùilleach cailliche, an dallanach gun dol diat ort, thu fhein ’s an sgonnaire duine sin a th’ agad.” Ach cha d’ fhoghainn so, cha luaithe a sguir i na chuir an stìg ceist eile oirre: “Agus,” os ise, “nach do thilg sibh oirr gu’n robh a h-athair na spìocaire?” “Thilg mi sin fhein, a cheist,” osa bean-an-tighe, “thuirt mi rithe gu’n robh a h-athair na spiocaire, leis an dubh-chrìne gu’m marcaicheadh e do Lunnainn air c’ ainm-so-ì, gu’n dianadh e triubhas dheth a balgan agus armadh de ’n gheir aice.” Cha b’ urrainn domh cur suas le so na b’ fhaide. Dh’ fhairich mi nàdur an duine na ’làn ìre ag oibreachadh ’s an taobh-stigh dhiam, ’s [TD 235] thàinig ionann’s teum de’n chaothach orm. Mo làmh-sa dhut gu’n robh mac-na-bracha—gun dearmad air comhairle mo ghoistidh—ri deagh-sheirbhis a nise. Ghabh mi mire-chath, ’s dhùin mi mo dhùirn le neart aingealtais, ’s thrus mi muilchinnean mo léine—thuit gu’n robh mo chòta dhiam ’s àm, agus am pribeadh nan sùl bha mi air mo chois bhàrr an trì-chasaich air an robh mi ’m shuidhe. Bha mi air bhall-chrith, ach cia dhiùbh ’s ann le fìamh no le feirg no le buathadh na deithse, bhiodh e duilich a dheanamh a mach. Bha confhadh uamhasach orm, ’s mi cho ascaoin ri famhair, ’s gabhar ceithreamh no dhà de’n “Oran dhòchusach”: O, gabhaidh mi, gabhaidh mi, gabhaidh, Gabhaidh mi ’n t-òran dòchusach. O, gabhaidh mi, gabhaidh mi, gabhaidh, Gabhaidh mi ’n t-oran dòchusach. Thachair ormsa olc-an airidh, ’N latha ’chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Comhlaich’ ceann-ruisgt’ de dhubh-chaile, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. ’S cha do ghuidh i turus math dhomh, ’N latha ’chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Thuit mo bhòinneid ’s a’ stòp-cheatha, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Dhoirt a’ cheanfhionn a cuid bainne, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Chaidh mo làir dhubh leis an abhuinn, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Loisg iad mo thigh-mòr ’s mo shabhul, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. Chac na cearcan air mo chlaidheamh, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. ’S dh’fhaodainn s’ ’fhaicinn nach bu rath e, ’N latha chaidh mi phòsadh leat. O, gabhaidh mi, &c. “Agus,” osam fhein, “thilg thu inisgean mar sin air a’ bhoirionnach chòir, cheanalta. O, ’Mheig, a Mheig, nach ’eil nàir ort romhad fhein?” Dhianadh e feum do d’ chridhe fhaicinn mar a spliac i ’m aodunn. Chaidh i car na ’breathal, agus sheall dh’fhiach am bu mhi fhein no mo riochd a bh’ aice. Ach cha d’ thàinig ach balbhadh air a droch-nàdur; bhrùchd e mach na ’bhuidealaich mar thein-aighir air latha-breth an oighre, agus chunnaic mi nach robh agam ach cruadhachadh ris no bhi ’m chlùd-chas gu bràch aice. “An robh d’ athair ag cromadh air a’ bhotull?” os ise ri ’h-ighinn, “tha e mar gu’m biodh an daorach air.” “Dh’ òl e làn na cuaiche tiota beag mu’n d’thàinig sibh a stigh,” os an droch isein. Mu’n gann a bhruidhinn i chas Meig rium cho neimheil ri cat-fiadhaich, ’s thug i pailleart ’s an leth-cheann domh, ’s leag i air mo dhruim-dìreach mi air teis-meadhon an ùrlair. An uair a chunnaic mi an ìre gus an d’ thàinig gnothuichean thuig mi gu soilleir nach robh ann domh ach gabhail air m’ aghart, gun dìochuimhn’ dheanamh air comhairle Eobhain mhòir, no air mar a thuirt mo ghoistidh còir e nach b’ fhuilear do dhuine sgealb de ’n donus, fhéin fhéin gus an teicheadh a chur air. Mar sin thrus mi na bh’ agam fheìn de mhisnich agus na thug a’ chuach dhomh, agus gabhar na ’dàil, agus thugar dhi deannal nach d’ fhaair bean eile, roimhe no na ’dheaghaidh, a leithid. A dh-aon fhacal deth, thachair a seise oirre, agus ghlaodh i air ghaol an iochd, “cobhair;” ach so cha dianainn; an do gheall i gu’n tugadh i, anns an ùine ri tighinn, meas duine dhomh, agus gu’m biodh i umhailte dhomh anns gach nì mar a thigeadh do mhnaoi-phòsta. [TD 236] Mu’n gann a rinn sinn an réit—mi fheìn agus Meig, co a bhuail a stigh ach mo ghoistidh. An uair a chunnaic e Meig ag caoine agus Uilleam-na beairte cho frithearra, bhuail e bhasan agus cha b’ ioghnadh dha. “’Uilleim,” os esan, “an è gu’m bheil thu d’ mhaighistir ad thigh fhein!” “Cha’n ’eil teagamh air,” osam fhein ri m’ ghoistidh, ’s rinn e crathadh-làmh rium air son a bhi cho smearail, agus cho math ’s a dh’ éirich leam. Bha gach gnothuch gu math fhathast. Phàidh mi le riadh na bha mi ’n ainfheach mo mhnatha, agus thug mi gu staid i; ach bha na pàisdean agam a nis ri thoirt gu’m faireachdainn, agus ri fhiachainn daibh gu’m bu mhì am maighstir cho math ri maighistir am am màthar. Na bròin, bha mo chridhe goirt air an son, cha d’ fhuair iad taghadh an oilein, air chor ’s gu’n robh iad a cheart cho suarach umam ri fear de na gillean a bh’ agam ag ionnsachadh. Is e ’bh’ air ma ta, gu’n d’ thug mi tarrainn air sgiùrs de leathair tairbh ’s a mheoir cruaidhichte ’s an teine—gu leasan a thoirt daibh—agus ghabh mi do Annaig mu’n amhuich e gus an robh i ’s a’ sgriachail agam. Chuireadh e truas air duine a faicinn a’ leum feaidh an ùrlair, agus a’ ruith g’ a dìon gu ’màthair. Ach tuille cha robh cobhair ri ’faotainn ’s a’ chearnaidh sin; agus ’s e bh’ ann gu’m bu bhuidhe leatha dol air a dà ghlùn a dh-iarraidh mathanais orm ag gealltainn i fhein a ghiulan ’s an uine ri tighinn mar bu chuibhe do nighean a h-athar. ’S a’ cheart ’àm so co bhuail a stigh ach Deorsachan ’s e’s a’ ghal ag iarraidh buntàt’-fhuair. Cha robh fios aige air nì de na thachair, agus gun teagamh bha duil aige amadan a dhianamh dhe ’athair mar a b’ àbhaist da riabh bho’n a dh’fhàg e a’ chreathal. Chunnaic mi gu’m b’e nis an t-àm air an droch-nàdur a chartadh as; ’s thug mi tarrainn air fear nan trì miar, ’s thug mi ceum a null gu greim a dhianamh air, agus dìol chàich a thoirt as. Sheall e mar gu’m biodh gnè ’shanus aige air na bha ’tighinn agus ruithear a null gu ’mhàthair ’s i na cruban thall an oisinn a’ tiormachadh a sul le ’h-aparan stiallach fhein. Leis an eagal ghramaich am balchan ri ’crios, ach cha do theann i ri làmh-chuideachaidh a thoirt dà, chuir mi a leithid de dh-fhiamh oirre. Mar sin spìon mi bhuaipe e ’s chuir mi air mo ghlun e ’s dhéis ’us dhéis mi e an làthair a mhàthar, a pheathar, agus mo ghoistidh. Sin mar a fhuair mise, a thug ochd bliadhn’-diag fo mhaide-na-poite, an làmh-an-uachdar, agus fear sa bith air am beil a bhean na ’maide-mullaich mar a bha mo Mheig ormsa, b’ i mo chomhairle dha diachainn a thoirt do’n chleas chiadna, ’s cha ’n ’eil teagamh agam nach éirich leis. Bhiodh Eobhan Mór an còmhnuidh ag ràdh gu’m bu chòir do dhuine a bhriogais fhein a chaitheamh; agus is urrainn domhsa ’chòmhdach, bho’n is ann agam ’tha ’fhìos, nach ’eil facal na’s fhìrinniche ann an Leabhar Mhic-an-Tòisich. Cha ’n e air a shon sin nach do theann Meig uair ’s uair ri ’seann-àbhaistean ath-nuadhachadh, ach sheas mi gu fearail làrach nam bonn gus mo dheireadh an do leig i ’n cabar air an t-slinnein, agus an diugh tha i na ’mnaoi cho umhailte ’s a th’ eadar so ’s Glaschu. Thainig atharrachadh uamhasach air an dà phàisdé cuideachd; tha iad na ’n cloinn cho dleasnach ’s is ion dùil a bhi ris’s an t-saoghal a th’ ann. Air an aobhar sin, leanadh daoine—biodh iad còir no simplidh, mo dhòigh-sa, agus, mu ’n d’ thuirt mo ghoist- [TD 237] idh e, cha chluinnear guth tuille air a bhi “fo mhaide-na-poite.” Ead. le GREANNAN. SGIALACHD NA TROIDHE. COMHRAG AJAX AGUS HECTOIR. Bho’n Ghreugais. LE EOBHAN MACLACHAINN. VII DUAN. Labhair e, ’s le cuimse chòrr Shaighd e fad-shleagh mhòr m’a thuairms’; Mòr-Sgiath Ajax bhuail an gath, Shàsaich a chalg-sgath gu cruaidh ’An seachdamh filleadh na sgéith, Ball-dion an tréunair neo-thais, Sgiath nan seachd-breith seiche bò B’e ’h-ochdamh filleadh còmhdach prăis. Ajax uasal thilg sleagh chòrr Air targaid chònard an laoich thréin; Shiubhail an gath cuilg le maoim, ’S thorchair grad roi’ loinn na sgéith; ’N a ghrinn chneas-leine ghabh sàs; Mu’n t-seang à h-èarrlainn gu’n réub; Dìreach mu’n loch-léin bha’n dàil; Ach dh’ aom an Sàr o’n du’-éug. ’N sin le sleaghan fad na’n dòrn Dhlùth an dithis mhòr gu gleachd, Mar leòmhain ri feòlach dian, No tuirc fhiadhaich a’s garg neart. Copan sgiath Ajax gu’n ’bhuail Mac Phriam gu cruaidh le sleagh; Cha do dhiong i air a’ phrais Lùb a bàrr air ais gun bhlagh. Ach Ajax le sitheadh-léum, Bhuail béum air targaid an t-saoidh A theab a diong, a’s a chuir casg Air astar ’s e ’teachd le maoim: Thuit am buille tróm gu géur Le béud air mullach ä chnuaic’, Ghrad sput an fhuil na ’dui ’léum O’n chréuchd anns na spéura suas! Ach sid cha d’ thug air an tréun Snaoidheadh o théuchd a’ chath; Chéum e air ’ais air an fhonn ’S togar clach bharr lòm an t-srath; Clach chreimineach, mhòr, dhu-chair Do ghlac an cliar ’nä laimh chruaidh; Tilgear, is buailear an sgiath Aig Ajax, mu chioch a cuairt, (An sgiath mhòr a bh’ iar a dìon Le seachd fìllt’ de leathar bhua) Sgaoil am buille feadh na faich Trom-ghliongar na prais le fuaim. Ach togar Ajax clach ro-mhòr Is caithear air-s’ an dòirneag thróm, Buailear le srann-bhuille gharg, Is bruanar ä thargaid ’na pronn. Chiùrr i ’ghlùinean, ’s shìneadh sios E, leantuinn r’a sgiath, air làr Ach thog Apollo an sonn Is chuir air ä bhonn gun dàil. ’N sin, dòrn ri dòrn le luinn ghéur Theannadh iad ri chéile leòn Mur tigheadh eatorra na maoir Teachdairean fòs dhaoine ’s Iòbh, Talthibius o shluagh na Gréig, Luchd nan léintean pràisich trom, ’S o fheachd na Tròi Idaéus còir, Dithis fhear bu sheòlta conn. Shin gach fear dhiubh so ä cholbh A dh’eadraiginn colg nan sonn. Idaéus thuirt briathra ’n tùs, (Eòlas nan cùirtear ’nä cheann) “A chlann ghaoil, na h-imribh cath No còmhrag nan gath ’s an àm s’; Is ionmhuinn, a laoich, sibh faraon Do’n dia ’cho-aomas na neòil; Fior ghuineach ur càil ’s an stréup, Mar dhuinue gu léir is eòl: ’S i ’n oïche nis i; is nì Math e a bhi strìochd do’n oïch’.” “Aithn do Hector sin a ràdh Idaéuis,” ors Ajax saoidh, “Chionn ’s esa ’ghairm chun na stri Gach fear bu mhìleanta de’r slògh; Tionnsgnadh e, ’s ma ni e strìochd Striochdamsa ’s gach nì dhuibh fòs.” Fhreagair an sin Hector mòr, Teannaiche nan comhrag dian, “Ajax, ’bhrigh gu’n ’bhuilich Iòbh Ortsa mòrachd, neart, is ciall, ’S tù a’s fèarr a dh’ iomaireas gath Measg flathan na Gréig gu tur; Gidheadh, de’n chath is de’n streup Fosamaid le chéile ’n diugh. ’An déigh so, cathaidh sinn le spàirn Gus an sgar an Dàn sinn uaith’; Gus an lann sin as ä chéil’ No le fear gu’n éirich buaidh; ’Si ’n oïche nis i; is nì Math e a bhi strìochd do’n oïch’; Chum’s gu’n aoibhnich thus’ le d’ làth’r Na Gréugaich, ’an sgàth nan long, ’S air do chàirdean ’s do luchd gaoil Gu’n togadh tu faoilt’ is fonn: Ach mise, feadh cathair mhòr Righ Priam nan còrr-bheairt àidh Gu’n aoibhneam na Tròidhich ùr, ’S ban-Troidhich nan stiùir-pheall àill, A theid, le ’n dùrachd, á m’ leth, Gu h ùmhail do thigh nan dia, A ghuidhe dhomh buaidh nam blàr, ’S ath-thilleadh sàbhailt gu ’m miann Ach so, ar n-arma mòr-bhiù Tiodhlaic’ mar air tùs d’ ä chéil’, Mar so gu’n abair fadheòigh Fear de shiol Thròi ’s na Gréig: Tre fharmad chòmhraig na sàir ’Nän ìnntinn ’gän cnàmh gu géur, [TD 238] Ach dhealaich ’rìst suinn ’nan càird Iar deanamh an àird na réit’.” Mar so ’nuair labhair am flath Thug e seach ä chlaidheamh cruaidh (Cnaip airgid duailte m’ ä dhos) Is ma-ris grinn-chrios is truail: Thug Ajax dhàsan crios loinn ’Ghabh ’fhaoileas o dhath na Féinn. Dhealaich iad;—ghabh fear gu réith Far’ robh sluagh na Greige cruinn ’M fear eile gu feachd na Tròidh’, ’Bu mhòr sòlas agus sunnd ’N uair, chunnaic iad e beò gun bhéud O neart ’s làmhachd’ Ajax lùth. Threòraich iad do’n bhaile ’n tréun Do’n d’ thug iad géill e ’bhi slàn. Thug Gréugaich nan sàr chas-bheirt Ajax leò as-teach gun dàil Gu Agamemnon an righ ’Se aigneach do bhrigh buaidh, Ri linn doibh a bhi ’na bhùth, Thug am Priùnns’ ma’n-ear gu luath Iobairt a chur dhoibh air dòigh Do’n dia ro-thréun Crùnos aosd’: &c. LITIR. A GHAIDHEAL RUNAICH,—A chion rud is fearr no is freagarraiche, an gabh thu ris an fhearas-bheoil a leanas? Is e do charaid Iain Mac-illebhain a chuir r’ a cheile na briathran, agus chaidh an liubhairt do Chomunn Gaidhealach Ghlaschu aig an ciad choinnimh mar Chomunn Fein-oileanachaidh, toiseach a’ Gheamhraidh an uiridh. Thuirt e fein, aig an àm nach robh e idir cho ullamh, le cion uine agus cion cothroim, gu a smuaintean a chur am briathran, agus a bhriathran a chur an ealpadh a cheile, ’s a bu mhaith leis—agus tha mi a’ làn chreidsinn sin—coma-co-dhiubh, fagaidh mise an sgriobhadh agad fhein, agus caith no caomhain e. Ma chuireas tu an sgioball a’ Ghaidheil e, agus gu ’m bi Macillebhain diombach riut, fag a’ choire air do charaid dileas. MAC-MHARCUIS. An Fheill-Eathain, 1876. FEIN-OILEAN. LE IAIN MACILLEBHAIN. THA beachd agam air iomradh a chluinntinn mu mhinistear Gaidhealach a bha uair a’ cuideachadh ministeir eile aig comunnachadh. Air a shlighe dhachaidh as an sgireachd anns an robh e gu a sgireachd fein bha aige ri dol thar aisig. An àm dol thairis anns a’ bhàta, ars’ esan ri fear an aisig, “Thusa a tha ag aiseag na h-urad de mhuinntir na sgireachd, is cinnteach gu ’n cuala tu iad a’ comhradh an am dol thairis mu na searmoinean a chuala iad re na seachdain a chaidh seachad. An do mhothaich thu ciod a’ bharail a bha aca air mo shearmoinean-sa?” “Ma ta, a mhinisteir choir, a dh-innseadh na firinn duibh, cha robh ach barail gle mheadhonach—barail bhochd.” “Is iongantach leam sin,” ars’ am ministear, “agus gu’n d’ fhuair mi fhein ùr, nobha, á Duneideann iad!” Is mor m’ eagal nach bi ur barail-sa air an t-searmoin agamsa ach gle shuarach; cha d’ fhuair mi á Duneideann i, agus cha mhò is urrainn domh a radh gu bheil i ùr no annasach. Na ’n cuireadh e a’ bheag rithe ann an snas no ann an cumhachd a radh gu ’n robh i ùr anns an t-seadh so—gu’n deachaidh a cur an ordugh an taobh a stigh de dha no tri laithean, theirinn e; ach is eagal leam gur ann a bhiodh aithris air a h-ùiread anns an rathad so a’ cur an ceill duibh roimh laimh nach bu dùth dhi gu ’m b’ fhiach i moran, ma chaidh a cur r’ a cheile ’n a leithid a chabhaig. Ach, an deigh a’ h-uile rud a th’ ann, is e so an t-aon seadh anns am faod mi a radh gu bheil i ùr. Cha ’n ’eil an steidh ùr, agus cha mhò tha an teagasg no na comhairlean ùr. Faodar a radh umpa mar thuirt a’ chailleach eile a mu ’n mhinistear [TD 239] ùr, a’ chiad latha ’chual i e, agus suil aice ri rud-eigin annasach uaith, “Fhalbh, fhalbh, cha robh aige ach seana chaibideal ann an leabhar Iob a chuala mi o chionn leth-chiad bliadhna!” Tha mi a’ cur romham direach paidirein a dheanamh mar a b’ abhaist duinn an uair a bha sinn og, a’ ruith mu na bruthaichean; agus cha ’n ’eil mi ag iarraidh de dh-urram no de chliu anns a’ chuis, ach gu ’n do thrus mi na flùrain aillidh, agus gu ’n do cheangail mi iad air sreing. Is le daoine eile na teagasgan agus na comhairlean—gheobhadh aon air bith le beagan rannsachaidh no smuaineachaidh a mach iad air a shon fein—cha do rinn mise ach an tional mar a b’ fhearr a dh’ fhaod mi anns an uine ghoirid a bha agam, agus an cur comhladh gun mhoran ceartachaidh no orduigh; cha leamsa ach “an gad air an robh an t-iasg.” Tha iad ag radh gu bheil e iomadh uair na ’s duilgheadh do mhinistear amas air ceann-teagaisg a chordas ris fein na tha e dha an t-searmoin a chur r’a cheile an deigh dha amas air; ach bha an da chuid duilich dhomhsa. Cha robh fios ceart agam ciod mu ’m bruidhninn agus cha robh fios agam ciod a theirinn an deigh domh amas air ceann-teagaisg; cha ’n ’eil mi am fhear-labhairt deas-chainnteach aig àm sam bith. Bha amadan aon uair a’ dol a sgriobhadh leabhair, na’m b’ fhior e fhein, agus thuirt e mar so, “An uair a chuireas mi sios a’ h-uile ni air a bheil fhios agam, agus a’ h-uile ni air nach ’eil fhios agam, ni mi leabhar mor.” Cha ’n ’eil mo mhiannsa an drast cho farsaing ri sin; ma theid agam air beagan de na dh’ innis daoine eile dhomh a chur mu’r coinneimh tha mi an dochas gu ’m bi sibh toilichte ged leigeas mi tamh do na nithean sin air naeh ’eil fhios agam. Smaointich mi nach biodh e as an rathad dhuinn, no air chor sam bith mi-fhreagarrach, na’n seallamaid car uine gaoirid air a’ cheist, Ciod a chuir a’ so sinn? ciod a tha sinn a’ cur romhainn a dheanamh an so bho sheachdain gu seachdain? ciod a’ bhuannachd ris a bheil suil againn le bhi a’ cruinneachadh bho àm gu àm? Ciod, ma ta, an rùn a tha againn ’s an amharc ann an cruinneachadh an so mar chomunn? Ri linn ar n-oige, agus ann an tomhas mor gus an latha ’n diugh bha agus tha e ’n a chleachdamh aig ar luchd-duthcha anns a’ Ghaidhealtachd, an deigh dhaibh obair an latha chur seachad, a bhi a’ cruinneachadh an tighean a cheile—mar theireadh iad “air chéilidh”—gus na feasgair fhada Gheamhraidh a chur thairis ann an comhradh, ann an innseadh sgeulachdan, cur a mach thoimhseachan, ag aithris bardachd, a’ seinn oran binn, boidheach, agus ann am fearas-chuideachd neo-lochdach de gach seorsa. Thar leam nach ’eil sinne ach mar gu’m b’ eadh a’ cur a’ cheart chleachdaidh sin air aghaidh air mhodh eadar-dhealaichte, no, mar gu ’n abramaid, ann an doigh Ghallda. Cha ’n ’eil na bailte-mora freagarrach air son ceilidh nan tighean, tha sinn, uime sin, a’ cur romhainn tighinn comhladh an so, a dh-aon aite air a bheil sinn uile eolach, aon uair ’s an t-seachdain, chum comhradh taitneach agus tarbhach a bhi againn ri cheile; chum le gach aon a bhi ’toirt a lathair gach ni a mheasas e bhi chum math a choimhearsnaich, agus, leis gach aon againn a bhi a’ cur ar n-oidheirpean comhladh gu cach a cheile ’chuideachadh, gu ’n toir sinn misneach agus togail d’ a cheile anns an nì sin a bu choir a bhi aig gach aon againn mar a run sonraichte—is e sin, a bhi a’ cur am farsaingeachd ar cuid eolais, agus [TD 240] ’g ar togail fein suas gu inbh is airde ann am foghlaim agus ann am freagarrachd air son ge b’ e aite anns an tuit ar crannchur ’s an t-saoghal. Is e so ar dleasuas; is e so ar gliocas. Tha doigh no dha anns am faod an leithide so de choinneamhan a bhi ro thaitneach agus ro bhuannachdar dhuinn; ainmichidh mi cuid dhiubh. An toiseach, ma ta, thar leam gu bheil aon mhathas air an leithide so de choinneamhan, agus is e sin, gu ’m faigh sinn eolas air a cheile. Cha ni beag so idir; is gann a tha eolas ann is feumaile do dhuine na eolas air a cho-dhaoine. Is ann le tighinn ’n am measg; le comhradh riutha; le suil gheur a chumail air gluasadan diomhair a chridhe fein agus air cleachdainnean dhaoine eile; le beachdachaidh agus co-choimeas a a dheanamh air na naduir fa-leth a thachras air, a gheobh duine an t-eolas sin a ni freagarrach e air son buntainn r’a cho-dhaoine anns an t-saoghal, aon chuid mar fhear-teagaisg, mar mhaighstir, mar cho-oibriche no mar sheirbhiseach. Tha eolas ann a gheobh duine le e fein a ghlasadh suas mar mhanach ann an seomar le ’leabhar; ach biodh solus an duine so cho farsaing ’s a dh’ fhaodas e air nithean coitchionn, cha ’n ’eil ann duine is neo-fhreagarraiche gu daoine eile a stiuradh agus am faireachdainnean a thuigsinn na am fear sin a chùbas suas e fein, agus aig nach ’eil cothrom air tighinn an caraibh dhaoine eile chum foghlum air an cor, an staid, an doilghiosan agus an aoibhneasan fhaighinn uapa fein agus o bheachdachadh air an nadur agus an suidheachadh mar tha e ri dhìoghlam bho choluadar cairdeil agus caidreach riutha fein. Tha fathast seol eile anns am faod an t-eolas so air a cheile bhi ro-bhuannachdar do dhaoine oga, agus gu sonraichte do mhuinntir og an deigh tighinn bhar na duthcha, Le bhi frithealadh air an leithide so de choinneamhan tha cairdeis iomadh uair air an deanamh suas a mhaireas gu àm bàis. Nach iomadh gille og, Gaidhealach a mheasadh e ’n a shochair mhoir na ’m biodh fhios aige c’ aite an tachradh e air oganaich eile a bha aon uair mar tha e fein, ’n an coigrich anns a’ bhaile-mhor gun fhios ciod an taobh a thionndadh iad. Bheireadh e ni air bith air son ionaid anns am faigheadh e cothrom air eolas a chur air oganaich mheasail, stuama, ghlic a mhuinntir a dhuthcha a sheoladh e agus a bheireadh cuideachadh dha gu a rathad a dheanamh am measg bhuaireasan ioma-fillte a’ bhaile-mhoir—àite anns am faodadh e oidhche chur thairis air cheilidh le ’luchd-duthcha agus anns am faigheadh e cothrom agus cuideachadh ann a bhi ’cur am meud agus am farsaingeachd a chuid eolais air nithean an t-saoghail, agus gach gne fhoghluim a bhios feumail dha ’n a shlighe troimh ’n fhasaich. Is e an darna ni a dh’ ainmaichinn anns a bheil na comuinn so buannachdar, gu bheil iad ’n am meadhonan chum ar treorachadh gu buil mhath a dheanamh d’ ar n-uine. Is gnothach cinnteach e gu bheil ar n-uine ’ruith seachad gu bras, (agus tha e mar an ceudna fior mu mhoran againne gu bheil gle bheag againn ri sheachnadh di an deigh ar n-obair latha) ach tha e cheart cho fior gu’n ruith an uine seachad co dhiubh a bhuilicheas no a mhi-bhuilicheas sinn i—co dhiubh tha sinn ag obair, no a’ cluich, no diomhanach. Tha e, uime sin, ro fheumail gu ’n deanamaid a’ bhuil cheart d’ ar n-uine, biodh i goirid no fada. Cia minig tha sinn a’ caitheamh na h-uine sin ann am faoineis, no ann an diomhanas, no ann an ana-measarrachd agus ann an lundaireachd, a [TD 241] bu choir a bhi air a caitheamh ann am meudachadh ar n-eolais no ann an ruigsinn air ni-eigin a bhiodh feumail dhuinn ann ar caithe-beatha anns an t-saoghal. Tha Donnachadh Ban ag radh— “Sguir mi bhi ga m’ phianadh o ’n thug mi ’n aire Gur e ’n duine diomhain is fhaide mhaireas,” agus ann an aon seadh tha sin fior, ach ann an gnathachadh ar n-uine, cha ’n ann mar sin a thachras—is e an duine sin is fhaide mhaireas, an ti a ni buil mhath d’ a uine, ge b’ e air bith cho og ’s a thig am bàs air. Anns na coinneamhan so tha cuspairean freagarrach air an cur f’ar comhair a chum ’s gu ’n leagamaid ar n-inntinnean riutha, agus tha sinn, uime sin, air ar cumail bho sheacharan gun fhios againn ciod air am beachdaicheamaid. Is e an treas nì a dh’ ainmaichinn gu bheil na coinneamhan so a’ togail annainn deigh air leughadh. Mar dh’ eireas gnothaichean suas ann an cursa ar rannsachaidh mu ’m feum sinn barail a thoirt, tha sinn air ar co-eigneachadh gu dol a dh-ionnsaidh nan tobraichean sin anns am faigh sinn an t-eolas a tha feumail agus freagarrach. Theirinn anns a’ cheathramh aite gu bheil iad feumail a chum ar comasan-inntinn a gheurachadh agus a chur am farsaingeachd. Tha cuspairean ùr bho àm gu àm air an cur ’n ar lathair—tha, mar gu ’m b’ eadh, saoghal ùr a’ fosgladh suas dhuinn-nithean air nach do bhreathnaich sinn riabh; agus tha, mar so, togradh air a dhusgadh suas gu ruigsinn air tuilleadh agus tuilleadh eolais, agus tha ar n-inntinnean a’ dol am farsaingeachd, agus o latha gu latha a’ fas na’s comasaiche air buintinn ris na nithean oirdhearc agus maiseach, tarbhach agus buannachdar a tha air an toirt f’ ar comhair ann an cursa ar leughaidh agus ar còmhraidh ann an co-cheangal ris na coinneamhan so. A bharr air so uile, anns na comuinn so tha gach aon ’n a fhear teagaisg agus ’n a fhoghlumaiche uair mu seach—“Beathaich thusa mise ’n diugh, agus beathaichidh mise thusa am maireach.” Tha mar gu’m b’ann a’h-uile fear a’ toirt latha treabhaidh d’ a choimhearsnach, agus a’ cur na h-oibre air a h-aghaidh gu h-aonsgeulach, grinn. A rithist, leis gu bheil aig gach neach ri ’sgeul fhein innseadh agus ri a bharail a thoirt air sgeul a choimhearsnaich agus sin anns a’ chainnt is freagarraiche agus is snasmhoire is urrainn da, tha ar comas-labhaist air a leasachadh gu mor; tha sinn a’ fàs ann am misneich—cha ’n ’eil sgath oirnn ar guth a leigeil a mach. Ged a tha an comas so iomadh uair nadurra ann an cuid a dhaoine, cha ’n ’eil e ann an coitchionnas ri ruigheachd air ach le sior chleachdainn. Anns an deasboireachd a tha suil againn a bhios a’ dol air a h-aghaidh an so bho àm gu àm, anns an gabh aon fhear an darna taobh agus fear eile an taobh eile de cheist sa bith mu ’m faod dà bharail a bhi aig muinntir, tha sinn a faotainn oilein fior fheumail ann an comas air comannda agus riaghailt a chumail air braisead ar naduir. Agus, mar Ghaidheal aidichidh mi e, cha ’n ’eil nì ann is feumaile do m’ luchd-duthcha no is mò anns a bheil iad a’ teachd gearr na anns a’ cheart nì so. Co dhiubh is e gu bheil an fhuil aca na ’s teotha na an fhuil aig daoine eile, no ciod air bith is aobhar dha, cha ’n ’eil daoine ann is fuathaiche air, agus is miosa ghabhas e, an uair a theid cur ’n an aghaidh ann am briathar no ann an gniomh, na na Gaidheil. Cuireadh neach ann an [TD 242] ag barail a’ chuid is mò de Ghaidheil, agus ann an tiota lasaidh iad suas ann an corruich, agus measaidh iad seanchus an neach sin mar thamailt dhaibh fein. Tha moran feum againn air foighidinn. Tha sinn gle ealamh gu a radh, “Tha da thaobh air Maol-Chinntire,” ach cha ’n ’eil a bheag againn cho deas gu aideachadh gu bheil iomadh doigh ann gu amharc air cuisean, agus gu ’m faod aon duine nì ’fhaicinn ann air solus gu tur eadar-dhealaichte bho ’n chruth anns am faic duine eile e. Bidh a’ bhraisead so, ma ta, air a cur air sréin agus air a cumail fo smachd anns an ionad so. Am fear a chailleas comannda agus ceannsal air a nadur, caillidh e an latha. Bidh “cothram na Feinne” aig gach neach, agus cha ’n fhaod guth mor no droch fhacal a bhi air a chluinntinn ’n ar measg. Cuiridh a h-uile fear an ceill a bharail gu pongail, gun umhail gu ’m faod iomadh aon a bhi a lathair aig a bheil, ma dh’ fhaodteadh, beachdan calg-dhìreach an aghaidh a bheachdan-san. An aite bhi ’cur churaidhean an aghaidh a cheile mar a b’ abhaist d’ ar sinnsre, cuiridh sinne ar beachdan fa-leth an aghaidh a cheile, agus chi sinn co beachd is airidh air gabhail ris—biodh ar barailean a’ cur as d’ a cheile am feadh a bhios ar gaisgich a’ glacadh lamhan a cheile gu cairdeil mar nach biodh ach aon bheachd ’n ar measg gu leir. An aite a’ h-uile fear a bhi a’ strith agus a’ guidhe air son buaidh dha fhein, agus a’ seinn gu caithreamach agus gu h-uailleil an uair a bhios an cath thairis— “Hi rim ho rò, hò ro leatha, Chaidh an latha le Clann-Domhnuill,” biodhmaid a’ guidhe gu ’n teid an latha leis an fhìrinn, agus biodh Clann-Domhnuill far an togair iad. Bha na Gaidheil riabh ainmeil air son an gaisge agus cha do thill iad riabh as an strith gun urram. Bha iad duineil a sheasamh an còirichean; a thoirt a mach tòrachd air son an tamailtean, no a chogadh as leth an uachdran agus as leth a’ cheartais. Choisinn iad onair anns gach teugbhoil, agus is coir dhuinne an ceumannan a leantainn ann an àrfhaich na beatha. Ged nach tarraing sinn claidheamh tha cath againn r’a chur cho math riuthasan; agus ged nach buidhinn sinn caisteal-daingnich no nach toir sinn leirsgrios air baile, tha e mar fhiachaibh oirnn an cogadh sìochail, neo-fhuilteach anns a bheil sinn a’ gabhail cuid a ghiulan air aghaidh le suil ri buaidh, a’ cuimhneachadh briathran an duine ghlic—“Is fearr an ti tha mall chum feirge na gaisgeach; agus an ti a riaghlas a spiorad fein na esan a ghlacas ard-bhaile.” SOP AS GACH SEID. Iarr ni’s lugha na tha agad agus bithidh barrachd agad an comhnuidh na dh’iarras tu. Tha gach cumhachd a’ sruthadh o réusan, agus tha e cinnteach gu’n caill e a neart anns a’ cheart tomhas anns an claon e air falbh o’n bhun as an d’thàinig e. Feudaidh tu foghar tàrbhach eòlais a thionaladh trid leabhraichean a leughadh, ach cùimhnich gur e a bhi ’smuaineacha dh a’ ghuit-fhasganaidh. Is amaideach giulan an duine sin a thuiteas gu grad ann am feirg. Cha’n ’eil duine sam bith curamach agus faiceallach mu’n ùine aige, nach ’eil faiceallach agus cùramach mu’n chonaltradh a tha e’ cumail. Dean suas do bharail mu thimchioll duine o na buaidhean inntinn aige, agus cha’n ann o’n earradh leis am bheil e air a sgeudachadh. Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’ fhàgas duine ann staid’ nis’ truaighe na bhi diomhain. Cha’n ’eil aobhar truais ann a ta nis’ mò na daoine aig am bheil ùine ’nan laimh fein, agus gu’n a bhi ’faicinn car aca r’a dheanamh. [TD 243] AULD LANG SYNE Air eadar-theangachadh. I. NA LAITHEAN CIAN. ’N coir seann luchd eoluis dol air chùl ’S gu’n tigh’n gu bràth gu cuimhn’? ’N coir seann luchd-eolais dol air chùl, ’S na laithean’ bh’ ann ’o chian? Luinneag—* Air sgàth nan laithean cian ghraidh, Air sgàth nan laithean cian; Gu’n gabh sinn cupan cairdeil, Air sgàth nan laithean cian. Bhi’trusadh neoinean feadh nam bruach B’e sud aon uair ar miann, Ach’s iomadh ceum sgìth shiubhail sinn, O laithean bh’ ann o chian. Bha sinn araon a’ cluich’ ’s na h-uillt, Gu oidhch o ’n chi a’ ghrian, Ach bheuchd na cuaintean eadarainn, O laithean ’bh’ann o chian. Sin dhut mo lamh-sa a charaid chaoimh ’S thoir dhomhs’ do lamh gun ghiamh ’S gu’n gabh sinn tarruinn fhialuidh, Air sgàth nan laithean cion. ’S co cinnteach ’s a bhios tusa stòp, Bidh m’ fhear-sa air bord le m’ mhiann, Is gheibh sinn cupan cairdeil, Air sgàth na laithein cian. D. STEUARD. II. AN TIM A BH’ANN O SHEAN. An t-eolas sin a fhuair sinn òg, An coir a chuir air dì-chuimhne? ’N n leig sinn dhinn ar comunn graidh? ’S na laithean ’bh’ ann o chianaibh. Air son na tìm a bh’ann, o shean Air son na tim o chian; Gu’n òl sinn cuach de mhac-na-brach, Air son na tim o chian. Gur tric a ruith sinn feadh nam bruach, A’ buain nan neoinein sgiamhach; Ach ’s ioma ceum a ghluais sinn sgith O ’n tìm a bh’ann a chianaibh. Bu tric a lubairt sinn ’s an allt, ’Nuair bhiodh an Samhradh grianach, Ach sgar an cuan ’o cheil sinn O ’n tìm a bh’ann o chianaibh. So dhuit mo lamh, ’s thoir dhomh dolamhs’ A charaid bhaigheil, fhiachail, ’S gu’n òl sinn cuach air cinneas graidh Nan laithean bh’ ann ’o chianaibh. Gur cinnteach gu ’m bi thusa stòp. ’S gheibh thu mo stòp-s’ gu fialuidh, ’S gu toileach caisgidh sinn ar n-ìot, Air son na tim o chianabh. E. MACLEAN. * An “Luinneag” gu bhi air a seinn as deigh gach rann. III. NA LAITHEIN ’DH’FHALBH. Air furan fòil an iadh na neoil, ’S ni ’s mò nach canar luaidh? Air furan fòil an iadh na neoil, ’San latha a bhà ’s a dh’fhalbh! An latha a bha ’s dh’fhalbh a ghaoil An latha a bha ’s a dh’fhalbh; Leinn gabhar cupan cairdeil caoin, Air sgath an la a dh’ fhalbh. Ruith sinn le aighear feadh an raoin, A tional ròs nam buadh; Ach ’s iomadh airsneul rinn ar claoidh O ’n latha ’bha ’s a dh’fhalbh. Gu sugrach chluich sinn anns an allt, ’Us mac nan speur làn àigh, Ach sgaradh sinn le cuan tha garbh O n’ latha ’bha ’s a dh’fhalbh. ’Nis glac mo lamh, mo charaid caomh ’Us sìn do lamh a nall, Us lionaidh sinn le sunnt a’ chuach Air sgath nan latha a dh’fhalbh. Nis dearbh do ghràdh gu lurach fial ’Us so dhuit fàilte ’us bàigh; Leinn òlar cupan cairdeil caoin, Air sgàth an latha a dh’fhalbh. CONA. IV. NA LAITHEAN BH’ ANN O CHIAN. ’N teid daimh na h-oig’ air dhi-chuimhn’ leinn ’S a dhearmad air gach rian? ’N teid daimh na h-oig’ air dhi-chiumhn’ leinn ’S na laithean bh’ ann o chian, Air sgath na tim o chian, a ghraidh, Air sgath na tim o chian, Gu’n òl sinn copan caoimheil fhath’st Air sgath na tim o chian. Bu tric a ruith sinn feadh nam bruach, A’ buain nan neoinean’ grinn, Ach ’s iomadh ceum bho’n tim a bh’ ann O chian a shiubhail sinn Bu tric a luidir sinn le cheil’ Gu h-oidhch’ bho eirigh grian; Ach cuaintean eadarainne bheuc Bho ’n tim a bh’ann o chian. So dhut mo lamh, ’s cia dhomh do lamhs’ Le crathadh cairdeil dian ’S gu’n ol sinn deoch de shugh a’ ghrain Air sgath na tim o chian. ’S gur cinnteach gu’m bi sinn an drasd Ar pinnt an neach de ’n fhion, S gu’n òl sinn copan caoimheil fhath’st Air sgath na tim o chian. MACASCUILL [TD 244] MO RUN GEAL, DILEAS. [Ceòl] NOTE.—I surmise the first stanza, commencing “Mo run geal, dileas,” from which the song takes its naine, is the refrain of an older, or, at least, a different, song; I do not think it is of a piece with the remaining verses. I find that the third stanza, “Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile,” also finds place in another song which appears on page 37 of Sinclair’s “Oranaiche”; but which song has the better claim to it I do not presume to decide. Perhaps some of the readers of the Gael can throw light upon the subject. J. W. MO rùn geal, dìleas, dìleas, dìleas, Mo rùn geal, dìleas, nach till thu nall? Cha till mi fhein, a ghaoil, cha ’n fhaod mi, Oir tha mo ghaol-sa ’n a laidhe tinn. Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn A shnamhadh aotrom air bharr nan tonn; A ’s bheirinn sgrìobag do ’n eilean Ileach, Far bheil an ribhinn dh’ fhag m’ inntinn trom. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile, Air mullach shleibhte nam beanntan mor, ’S gun bhi ga ’r n-eisdeachd ach eoin an t-sleibhe, ’S gu’n tugainn fhein di na ceudan pog! Thug mi corr agus naoi miosan, Anns na h-innsean a b’ fhaide thall; ’S bean bòidh’chead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn— ’S ged gheobhainn saor iad cha’n fhanainn ann. Tha d’ anail chubhraidh mar fhaile ubhlan, A’s tha do shùilean gu meallach, gorm; Is tu bean-uasal is grinne dh’ fhuaigheas; ’S ann ris a fhuair thu do thogail og. Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte, Gun duil rium oidhche gu’m bithinn beo; B’e fath mo smaointean a la’s a dh-oidhche, Gu ’m faighinn faochadh a’s tu bhi ’m choir. Cha bhi mi ’strith ris a’ chraoibh nach lub leam, Ged chinneadh ubhlan air bharr gach geig; Mo shoraidh slan leat ma rinn thu m’fhagail, Cha d’ thainig traigh gun mhuir-làn ’n a deigh. Mo mhionnan bheir mi air clar a’ Bhìobuill Gur h-i an fhirinn a th’ ann am bheul— Nach teid mi sios ann an leabhar sgireachd, Le te gu siorruidh ach thu fein. Is coma leam ged a shil an latha; Is coma leam ged a laidh a’ ghrian; ’S ceart coma leam ged a robh mo leaba Gu fada, fada ’s an airde ’n iar! [TD 245-256] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 257] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1876. [57 AIR. COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—An tu a th’ann, a Choinnich, is tu a rinn a’ mhoch-eirigh, is cinnteach nach robh thu fein agus Morpheus réidh an raoir, an uair a dhealaich sibh co tràth; ach thig air d’ aghaidh dh’ionnsuidh an teine, air do’n mhaduinn a bhi fuar. COIN.—Mi fein agus Morpheus réidh an raoir! Cha’n fhaca mise créutair beò o’n dhealaich sinn air feasgair an dé gu bhi aon chuid réidh no aimhreiteach rium; cha’n fhaca gu firinneach. Ach, a Mhurachaidh, co e Morpheus, oir cha chuala mi guth air fear ’ainme riamh? M.—Tha mi ga d’ chreidsinn, a charaide chòir, ach comadh sin is co dhiubh, greas a steach dh’ionnsuidh a’ ghealbhoin, agus dean do gharadh, gus an éirich bean-an-tighe, oir dh’fhàg mise i ga ’deasachadh fein. C.—Gle mhaith, gle mhaith, a Mhurchaidh, ach co e Morpheus air an d’ thug thu iomradh? An e sin an gàidsear ùr a thàinig air an t-seachdain so chaidh do Bhaile-Chlachain? M.—Cha robh mise ach ri faladhà, a Choinnich; ach ged nach tig e dhuinn a bhi ’labhairt air nithibh faoine mar sin air maduinn là an Tighearna, feudaidh mi innseadh dhuit gur e Morpheus dia a’ chadail agus nam bruadar, oir biodh fios agad gu’n robh diuthan aig na cinnich o chéin air son, ach beag, nan uile nithe, agus mar a thubhairt mi, b’e Morpheus an dia sin aig an robh cumhachd fois na h-oidhche a thoirt seachad no a dhiùltadh; agus an uair a thug mi an aghaidh ort, gu’m b’i mo bharail nach robh thu fein agus Morpheus réidh an raoir, bha mi’ ciallachadh le sin nach d’ fhuair thu, a reir coslais, deagh chadal air duit an leabadh fhàgail co moch. C.—Tha mi ga d’ thuigsinn a nis, a Mhurachaidh, ach feumaidh tu an déigh so cleachdanna saobh-chràbhach sin nan cinneach a mhineachadh dhomh, oir a réir mo bheachd-sa, tha iad ro chianail. Tha fios againn uile nach ’eil ann ach an t-aon Dia beò agus fior, agus aige-san tha cumhachd thairis air là agus oidhche, agus air gach atharrachadh agus cùis a thig gu crìch. M.—Ro fhior, a Choinnich, ach ma chaomhnar sinn, feudar uaireigin an déigh so, iomradh a thoirt air cleachdannaibh éugsamhla nan cinneach Gréugach agus Ròimheach o shean, a thaobh lionmhoiread nan dia d’an robh iad a’ toirt géill. Is e ar dleas’nas, gidheadh, an diugh, sinn fein ùmhlachadh ann an làthair an Ti Uile-bheannuichte sin, o’m bheil ar beatha, ar bith, agus comas ar gluasaid againn; agus aig an àm iomchuidh, bheir sinn uile an eaglais oirnn a dh’éisdeachd sheann Mhaighstir Dòmhnull, an duine còir, o’m faigh sinn deagh shearmoin. [TD 258] C.—Tha sinn uile ceart agus freagarrach, a Mhurachaidh, agus is mòr am beannachd dhuit fein, agus do d’ theaghlach gu’m bheil tigh an Tighearna co goirid o làimh, agus gu’m bheil comus agaibh éisdeachd ris an t-soisgeul air a shearmonachadh, a thaobh astair, gach sàbaid ’s a’ bhliadhna. Tha monadh mòr eadar an Goirtean-Fraoich agus an eaglais, a tha sè mile air falbh; agus ri droch là, an uair a bhios a’ ghaoth agus na siantan a’ séideadh, cha’n urrainn duinn ar sron a chur a mach air dorus, agus is mòr an call e. M.—Is mòr gu’n teagamh, ach cha ruig neach sam bi a leas dùil a bhi aige gach uile shochair agus bheannachd a shealbhachadh ’s an t-saoghal so. Ge b’e ciod an aidmheil d’ am buin sluagh, agus ge b’e ciod an eaglais anns am bheil iad a’ sleuchdadh do’n Ti a chruthaich iad, is mòr am beannachd dhoibh na tighean-aoraidh aca a bhi goirid o làimh. Tha’n eaglais gun teagamh ’am fagus duinne an so, agus tha sinn taingeil, ach tha’n tigh-sgoile fad as uainn a nis. Thàinig riaghailtean ùra,—tighean-sgoile ùra mar chaistealan,—agus Maighstirean-sgoile ùra,—òganaich ghobach, ghallda, och mo chreach! Thilg iad gu làr an deagh thigh-sgoile ud a bha rè chéudan bliadhna anns a’ chlachan ud shuas, agus shuidhich iad e air Cnoc-a’-chatha, a tha cuig mile Albannach air falbh. Ach tha’n là a’ dol seachad, a Choinnich, féumaidh sinn ar dleas’nas-maidne a dheanamh, an uair a chruinnicheas bean-an-tighe a’ chlann agus na seribhisich a steach. C.—Tha sin ro fhreagarrach, oir is feairrd gach là deagh thoiseach, a Mhurachaidh, agus le sin, bithidh dùil nach miosa a théid a’ chuid eile dhe’n là leinn. M.—Bha thu riamh déigheil air a’ Ghaelig, a Choinnich, agus ealanta air a léughadh, uime sin, aithris an céud salm, agus cuidichidh sinn uile leat chum a sheinn. C.—Cha’n ’eil deagh chàil no deagh ghuth agam, a charaid ionmhuinn, ach ni mi mo dhichioll. I. SALM. ’S beannuicht’ an duine sin gu sior, Nach gluais an comhairle dhroch dhaoin; Is fòs nach seas an slighe fhiar, Nam peacach dalma agus faoin: ’S an caithir luchd na fanoid déin’ Nach suidh; ach aig am bheil do ghnà, A thlachd ’an lagh Iehòbhaih thréin A’ smuaineach’ air, gach oidhch’ is là. Bidh e mar chraoibh tha ’fàs a suas, Aig sruthaibh uisg’, gu brioghmhor glas; A bhios le meas a’ lùbadh nuas, ’N a h-àm; ’s cha shearg a duilleach as; ’S air uile dheanadas thig rath; Cha bhi mar sin na h-aingidh thruagh; Ach mar am moll a sgapas plath De’n ghaoith, a nùll ’sa nàll gu luath. Cha sheas na h-aingidh, uime sin, Am breitheanas an latha mhòir; No de na peacaich bhaotha, gin, ’N coimh-thional ait nam firean còir; Oir slighe dhìreach, ghlan, nan saoi, Do Dhia tha aithnichte air fad; Ach slighe chàm nan daoine daoi, Lom-sgriosar i fa dheòidh gu grad. M.—Is gleusda a rinn thu, a Ghràidh nam fear, leugh a nis an caibideal òirdheirc sin, an t-ochdamh de litir an Abstoil chum nan Ròimheach, agus co’-dhùnaidh mi fein le facal no dhà ùrnuigh. C.—Tha mi’n dòchas gu’m faigh d’ aslachadh éisdeachd, fhir mo ghraidh, agus gu’n sealbhaich sinn uile na beannachdan aimsireil agus spioradail sin a tha an Tì a’s Airde deas agus deònach, a bhuileachadh orra-san uile a tha umhal da. M.—Mar sin bitheadh e, a Choinnich, ach a nis féumaidh sinn a bhi ga ’r deasachadh fein air son na h-eaglaise, oir tha ’n uair a dluthachadh ruinn. C.—Siubhlamaid, ma ta, agus gabhamaid céum socaireach, stòldta. Tha mi ’faicinn gu’m bheil an sluagh [TD 259] ag cruinneachadh, agus tha mi ag cluinntinn a’ chluig. M.—Lean-sa mise, a Choinnich, agus gheibh thu suidheachan freagarrach. Sin agad am ministear còir fein a ’dol a steach. An déigh na searmoin ràinig iad dachaidh, làn riaraichte leis na chual iad, agus an déigh beagan uine, thubhairt C.—Nach gleusda Maighstir Dòmhnull fhathasd, a Mhurachaidh, tha a ghuth co glan, fonnmhor, làidir ’s a bha e riamh, agus gun teagamh, cha’n ’eil e òg. M.—Tha e direach tri fichead agus ceithir deug an earraich so chaidh, agus tha e fathasd gu calma, tréun. Gun teagamh, feudar a radh m’a thimchioll gu’m bheil a’ “chraobh-Almoin fo bhlàth,” ach cha’n ’eil an “leumnach-uàine na ’eallaich” dha fathasd. Gu ma fada a chaomhnar ann an neart e os ar ceann, oir cha’n fhurast a leithid fhaotuinn an là a shiubhlas e. C.—Tha mi ga d’ chreidsinn, a Mhurachaidh, oir chòrd e gu taghte rium fein an diugh, agus is e a dh’ fheudadh. M.—Faiceam a nis, fhir mo chridhe, cò dhe ’n dithis againn a’s mò aig am bheil a nis air chuimhne dhe ’n deagh shearmoin a chuala sinn an diugh. C.—Is fhurast a’ cheist sin fhuasgladh, a Mhurachaidh, ged tha deagh bheachd agamsa air gach ni a chuala mi. Cha d’éisd mi riamh roimh ri searmoin o’n steidh-theagaisg chéudna, Rom. xiii. 7, “Air an aobhar sin, thugaibh do na h-uile an dlighe fein.” M.—Gle cheart, a Choinnich, agus is soilleir a mhìnich an duine còir an aithne chudthromach sin aig an Abstol, na’n tugamaid gu cùramach dhachaidh dhuinn fein e. C.—Feuch a nis, a Mhurachaidh, am bheil cuimhn’ agad air cinn na searmoin, no’n seòl air an do roinn e a theagasg. M.—Tha deagh bheachd agam air an t-searmoin o thùs gu déis. Dh’ fhéuch e an toiseach, an seòl air an robh an t-Abstol ag cur an céill gach ùmhlachd agus dleas’nais a’s còir duinn a chur an gniomh do na h-uachdaranaibh, agus do na cumhachdaibh a ta ’riaghladh os ar ceann. Mhinich e a ris, mar tha e mar fhiachaibh oirnne a bhi ùmhal do luchd-riaghlaidh na tire, o’n Bhanrighinn air an righ-chaithir, sios chum an neach a’s ilse d’ar riaghlairibh, oir is ann le Dia a dh’ òrduicheadh iad uile. “Air an aobhar sin,” deir Pol, “thugaibh do na h-uile an dlighe fein.” An déigh do’n mhinistear labhairt gu soilleir mu thimchioll ùmhlachd do uachdaranaibh saoghalta, thubhairt e gu’m féudar na briathran a ghabhail, agus a mhineachadh ann an seadh ni’s farsuinge, agus a thoirt fanear gu’m bheil iad, mar an céudna, a’ sparradh oirnn, an toiseach, a dhlighe fein a thoirt do Dhia, aig am bheil a fhreasdal os ceann ’oibre gu léir. Is e Dia ar n-Ard-Uachdàran siorruidh agus Uile-Chumhachdach, uime sin, faigheadh esan a dhlighe fein. Dhasan tha eagal dligheach. Biodh eagal Dé air na h-uile. Tha esan ’na aobhar eagail do’n aingidh. Tha eagal dligheach do Dhia, oir is Uachdaran Uile-chumhachdach e. Tha eagal dligheach do Dhia air sgath a cheartais, a ghliocais, agus a ghraidh. Tha taingeileachd, creideamh, agus ùmhlachd dligheach do Dhia air son gach cothroim, sochair, maitheis, trocair, agus toilinntinn a ta sinne gu mi-airidh a’ sealbhachadh uaith-san. Nochd an searmonaiche a ris, gu’m bheil gach ùmhlachd, urram, agus aoradh dligheach do’n Tighearna Dia, do bhrigh gu’m bheil e Uile-ghlic, Uile-làthaireach, Uile-fhiosr- [TD 260] ach, Uile-chumhachdach, Uile-throcaireach, agus Uile-cheart. “O doimhne saibhreis, araon gliocais agus eòlais Dé! Cia do-rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lòrgachaidh a shlighean.” Ach thug am ministear fa’near, ’s an dara àite, gu’m bheil e mar fhiachaibh oirnn an dlighe fein a thoirt do dhaoinibh, araon ann an nithibh aimsireil agus spioradail. Thugaibh an dlighe fein do mhinisteiribh soisgeil Chriosd. Eisdibh r’an teagasg agus bithibh glic, agus na diùltaibh e. Na bithibh a’ labhairt gu h-olc mu’n timchioll, oir is seirbhisich Dhé iad. An àite sin glaodhaibh a mach, “Cia sgiamhach cosa na muinntir a ta ’searmonachadh soisgeil na sithe, a’ toirt sgeil aoibhneich air nithibh maithe.” Nochd am ministear, ’san treas àite, gu’m féum sinn an dlighe fein a thoirt da’r n-iochdaranaibh, ’s e sin, dhoibhsan a ta ann an inbh ni’s ìsle anns an t-saoghal, na tha sinn fein. Na deanaibh tàir air na bochdaibh, ach bithibh iriosal agus càirdeil riutha. Na biodh uaill agus gloir dhiomhain ’n ur cridhe, a chionn gu’m bheil sibh ann an staid ni’s àirde na iadsan a ta bochd. ’N aon fhocal tha e dligheach dhuibh gràdh a thoirt do na h-uile, biodh iad àrd no iosal, beartach no bochd, cairdeil no nàimhdeil, cràbhach no ciontach. Dh’iarr Criosd sin a dheanamh, oir thubhairt e,—“Aithne nuadh tha mi ’toirt dhuibh, gu’n gràdhaich sibh a’ chéile, mar a ghràdhaich mise sibhse, gu’n gràdhaich sibh fein a’ cheile mar an céudna. Cho’-dhùin an searmonaiche urramach, le bhi ’sparradh air an t-sluagh éisdeachd ri Dia, agus cha’n ann ri duine. Leanaibh, ars’ esan, eiseimpleir Chriosd, agus cha’n e eiseimpleir dhaoine peacach. Thug Mac Dhia an dlighe fein do na h-uile, deanaibh-se an ni ceudna. Guidhibh air son gràis chum gu’n dean sibh ar dleas’nas do Dhia, d’ar co-bhràthairibh, agus dhuibh fein. Gabhaibh comhairle Chriosd, creidibh ann, “agus thugaibh do na h-uile an dlighe fein.” C.—Ochan! a Mhurachaidh, bu tu fein an duine! Cha mhòr nach d’ aithris thu an deagh shearmoin a chual thu an diugh focal air an fhocal. Ged bu leam fein air ball an Goirtean-Fraoich, bheirinn seachad e air son a leithid de chuimhne agus de thuigse a bhi agam ’s a ta air an suidheachadh ’s a’ cheann ghreannach sin agad fein, a Mhurachaidh. Ochan! bheireadh gun teagamh. Ach feumaidh mi a’ chuid as feàrr a dheanamh dhe na feartan faoin’ a bhuilicheadh orm, agus a bhi taingeil. M.—Seadh, seadh, a Choinnich, is deagh chomharradh air duine a bhi ga ’irioslachadh fein, agus tha deagh fhios agamsa air gach cumhachd cuirp agus inntinn a bhuineas duit, agus cha shuarach iad. Cuirsa gu deagh bhuil iad, agus éiridh tu suas ann an eolas agus an tuigse chum inbhe a ni measail thu am measg do luchd-eolais air gach taobh. Ach a nis, a charaid, tha e ’fàs anmoch, uime sin, bheir sinn Dàsan a tha ga ’r cumail suas, ar n-iobairt-fheasgair le taingealachd. Gabh an leabhar mar a rinn thu ’s a’ mhaduinn. Léugh agus séinn an ceathramh Salm thar an fhichead. C.—Cha mhaith air an obair sin mi, a Mhurachaidh, ach mar a thubhairt mi ’s a’ mhaduinn, ni mi mo dhichioll. XXIV SALM. ’S le Dia an talamh ’us a làn, An domhan ’s na bheil ann, Oir ’n-aghaidh bhriseadh stigh nan cuan, Shuidhich e e gu teann, Is shocraich ’n-aghaidh theachd nan sruth. Co’m fear gu tulaich Dhé [TD 261] Théid suas? Is cò a sheasas fòs Na ’ionad naomh gu réidh? ’N ti ’gam bheil lamhan neo-chiontach ’Us cridhe glan na ’chliabh; ’Anam nior thog ri diomhanas, ’S nior thug mionn cealgach riamh. Gheibh esan beannachadh gu saor, O’n Tighearna do ghnath; ’Us fireantachd faraon o’n Dia A ta na ’shlàinte dhà. Is I so ginealach na droing’ Air iarraidh ta an tòir; Ta ’g iarraidh d’ aghaidh dhealraich fein, ’Dhé Iacoib mar is còir. Togaibh a gheatachan ur cinn, ’Us éiribh suas gu h-àrd, O dhorsa siorruidh ’us a steach Thig Righ na glòir’ d’a àit. Cò è so Righ na glòir, co è? An Tighearn làidir tréun, Iehòbhah neartmhor, cruaidh ’an cath, Bheir buaidh a mach dha fein. M.—Bheirinn-sa duais nach bu bheag do’n ti a theagaisgeadh mi, a Choinnich, chum seann “Bhangor” a shéinn co milis, binn, agus firinneach ’s a rinn thusa e. Tha deagh ghuth agad, agus tha do chàil-chiùil reidh agus ro thaitneach. Ach a nis, fhir mo chridhe, tha’n t-àm againn ar leapannan a thoirt oirnn, oir tha e’ dlùthachadh air meadhon-oidhch. Deagh thàmh dhuit, a ghràidh nam fear, agus tha dòchas agam nach cuir “Morpheus” buaireas no bruaillean sam bith ort an nochd. Uime sin, oidhche mhaith dhuit. Beannachd leat. ALASDAIR RUADH. AN GAIDHEAL AIR LEABA-BHAIS. Fad’ air falbh bho thìr nan ard-bheann, Tha mi ’m fhograch an tìr chein; Am measg choigreach ’s fad bho chairdean, Tha mi ’m laidhe so leam fein. Tha mo chridhe, briste, brùite,— Saighead-bhàis a nis am chom; An uine ghearr mo shuil bidh dùinte, ’S aig a’ bhàs mi ’m chadal trom. ’S tric ag eirigh suas am chuimhne, Albainn aillidh, tir nam beann; Chi mi sud an lèanag uaine,— A’s am bothan anns a’ ghleann. Tha gach ni fo bhlàth gu h-ùraidh, Aig an allt ’tha cronan fann, Air a’ ghaoith tha faile cubhraidh, Tighinn bho fhlùrain nach ’eil gann. ’S ann a sud a fhuair mi m’ àrach, ’S mi neo-lochdach mar na h-uain; Ach ’s lom a dh’ fhagadh nis an larach, Bho na sheol mi thar a chuain. Thar leam gu’n cluinn mi guth nan smeorach, ’Seinn gu ceolar feadh nan crann; ’S oran binn nan uiseag’ boidheach, Ard ’s na speuran os mo cheann. Chi mi chill aig bun a’ bhruthaich. Taobh an uillt ’tha ruith gu lùgh’r, ’S tric a bha mi sud gu dubhach, Caoidh nan cairdean tha fo’n ùir. Mo mhathair ’s m’ athair tha ’n an sineadh, ’N cadal siorruidh anns an uaigh; ’S chaidh mo chopan searbh a lionadh ’N uair a d’ fhag mi ’n sin mo luaidh. ’Nis cha léir dhomh tir nan ard-bheann, Air mo shuil tha ceo air fas; Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chairdean, Tha mi feitheamh air a’ bhàs. Thusa, spioraid bhochd, tha ’n daorsa, Ach cha ’n fhada bhios tu ann; Thig, a Bhàis, a’s thoir dhomh saorsa, Beannachd leat, a thìr nam beann! Glaschu, 1876. H. W. SIR FALBH-O-CORN. SGEULACHD BHO’N SGIATHANACH ATHOLACH. UAIR ’s gu’n robh bha là anbarrach fiadhaich anns a’ Ghaidhealtachd, ann an àite nach ainmichear, ’s a h-uile gin a bha ’tighinn a stigh air chéilidh do thigh ’s an robh cailleach mhór aig oir an teine, ag ràdh gu ’m b’ e so an latha fiadhaich, ’us theireadh i ris a h-uile aon a thigeadh a stigh, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud a nochd,” ’us mu dheireadh thainig Sir Falbh-o-Còrn a stigh agus thuirt e gu ’m b’ i so oidhche ’n fhamhair. [TD 262] Thuirt a’ chailleach ris mar a b’ àbhuist, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.” An sin thuirt Slr Falbh-o-Còrn, “Tha mise ’cur mar chroisean ’s mar gheasan orm fhein mar naoi mnathan-sìth siubhal sith seachranaich, nach ith ’s nach òl mi nì gus am faic mi am fear buidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.” An sin thuirt a’ chailleach ris, “Tog dhiat do gheasan,” ’us thuirt Sir Falbh-o-Corn nach togadh. An sin chaidh Sir Falbh-o-Còrn na ’chulaidh-chath ’s na ’chruaidh-chòmhraig. ’S e bu chulaidh-chatha ’s bu chruaidh-chòmhraig dhà, sgiath bhucaideach, bhacaideach mhin-dhearg air a thaobh cli, air am bu lìonmhor dealbh leomhain, agus dealbh liopaird. Ghearradh i naoi naoinear a null, ’us naoi naoinear a nall ’s ghlacadh e fhein ’s an làimh chiadna i rithist. An sin ràinig an gaisgeach an cuan, ’us chuir e a lamh dheas ann an toiseach na bìrlinn, ’us tharrainn e mach air an fhairge i. An sin thog e na siùil bhreac bhaidealach ri aghaidh nan crann fada, fiodhanta, feargach; cha robh crann ga ’lùbadh, seòl ga ’reubadh, ag caitheamh na fairge fulcanaich, falcanaich, leothar dhearga, leothar ghuirme Lochlannaich; trì troidhean ’s a’ ghrunnd, trì troidhean eadar-dha-lionn, trì troidhean dh’ iasg na tuinne, a tomhas os cionn a beòil, a’ bhiasd bu mhutha ag itheadh na béisde bu lugha, ’s a’ bhiasd bu lugha ’dianamh mar a dh’ fhaodadh i. An sin bha rìgheachd na doimhne mòire ’dol as an t-sealladh, na h-Eirionn a’ tighinn a’s t-sealladh. Mu dheireadh ràinig an gaisgeach tìr, ’us chuir e a làmh dheas an toiseach na bìrlinn ’us tharrainn e a seachd fad fhein air talamh tioram i. An sin chaidh an gaisgeach a rithist na ’chulaidh-chatha ’s na ’chruaidh-chòmhraig, ’s dh’ fhalbh e leis na ceumannan moiteil, toirteil, làidir, ’s cha bu lugha am meal teine a chuireadh e bho bhun gach lùdaig, no bhàrr gach òrdaig na maol-chnoc sléibh, ’s gu ’m b’ fhearr do nàmhaid a sheachnadh na tachairt ris ’s a’ cheart àm. A’ triall da mar sin faicear a’ tighinn ag gearradh shùrdag am fùdarlach sleomhain buidhe ud agus ’s an tachairt chuir na laoich fàilt air a’ cheile gu fitheach, fothach, feargach gu fuilteach, nimheil borbach. Tri dhitheachan chuireadh iad diubh dheth ’m fionnadh, dheth ’m falt, ’s dheth ’m feòil an t-àrd athar ’s an iarmailt. An sin dhianadh iad a bhogain, a bhogain, a chreagain, a chreagain, a thobraichean fìor-uisge an aodunn gach creagain. An uair a b’ fhaide rachadh iad fotha, ruigeadh iad na sùilèan, ’s an uair bu lugha, ruigeadh iad na glùinean. An sin chuimhnich Sir Falbh-o-Còrn gu ’n robh e fada bho ’chàirdean ’s an uchd a naimhdean, ’s thug e togail shunntach shuigeartach do ’n bhodach ’s bhrist e a ghàirdein fotha ’us aisne os a chionn, ’s an sin thuirt e, “Do bhàs air do mhuin, a bhodaich, ciod è d’ éiric?” “Is mor sin ’s cha bheag e” os am bodach—“Ciste òir ’s ciste airgid am falach fo ’n ursainn.” “Is leam fhein sin,” osa Sir Falbh-o-Corn,” ’s e ’sgudadh a chinn de ’n bhodach. Thug iad dòmhsa deoch á copan tioram ’s mìr de ’n aran nach robh ann, ’us dh’fhàg mi an sid iad. DITEADH MHIC-AN-TOISICH. LEIS A’ BHARD MAC-GILL-EATHAIN. ANNS a’ bhliadhna 1841, chuir an t-Easbuig Friseil nach maireann air chois Comunn Stuamachd ann an Antigonish, Nova Scotia. Is gann a bha duine anns na sgireachdan fo [TD 263] a churam nach do cheangail e fein ris a’ Chomunn. B’ e an gealladh a bha iad a’ gabhail orra fein, nach oladh iad deoch laidir fad thri bliadhna. Tha aon no dha a lathair gus an latha ’n diugh nach do chuir ri ’m beul i bho ’n àm sin. Tha e coltach gu ’n do ghleidheadh coinneamh air Latha na Bliadhn’-ùire aig an robh an sluagh ri ’n ainmeannan a chur ris a’ ghealladh. Tha an t-oran air a dheanamh an ainm Dhomhnuill Mhic-Ille-Bhràth, no mar theirteadh gu coitchionn ris, “Domhnull Mhamai.” B’ ann aig Uilleam Og a bha an tigh-osda a bu mhò an Antigonish. Bha tigh-osda eile aig Ealasaid ann an Arasaig mu thuaiream da mhile dheug o bhaile Antigonish. Is coltach gu ’n robh Domhnull Mhamai; Tomas Hill, fear-lagha; Padraig Burns; Somhairle Symonds; Raonull Cùbair, pìobaire; agus Dr. Curry ’n an deadh chairdean do “Mhac-an-Tòisich,” an cìomach a bhatar a’ diteadh; agus cha robh am bàrd fein ’n a dhian namhaid idir dha. Is e an t-Easbuig am “breitheamh” air a bheil an t-oran a’ labhairt. Tha mi sgìth o’n tìm so ’n dé; Cha ’n ’eil m’ inntinn leam air ghleus; ’S beag an t-ioghnadh sin domh fein, ’S gu ’n d’ fhuair mi sgeul tha muladach. Leis an sgeul a fhuair mi ’n dràst, ’S mithich dhomh teannadh ri dan, Air Mac-an-Tòisich, fear mo ghraidh, Am fleasgach aluinn, urramach. Ged a fhuair iad e fo chis, Cha robh ’leithid anns an tir; Bu chompanach e do ’n righ, Do dh-uaislean grinn, ’s do chumantan. Gur-a diombach mi do ’n chleir, Chuir an tòrachd as a dheigh; Gu ’m bu dìleas e dhaibh fein, Ged thug iad beum na dunach dha. A’ chiad latha d’an bhliadhn’ ùir, ’S ann a shuidhich iad a’ chuirt; ’S iad ag iarraidh fear mo ruin, A chur ’s a’ chuil, ’s a chumail innt’. Chaidh mi fhein a stigh am dheann; Bha mo bhoineid ann am laimh; Bha mi sìobhalt ann am chainnt, ’S cha tugainn taing do dhuin’ aca. Thuirt a naimhdean ’s fearg ’n an gnùis, Gu’n robh e gun mheas, gun chliu; Gu’n goideadh e an cuid ’s a’ chuil, Ged bhiodh an suil air furachail. Thuirt mi fhein, gur cruaidh an càs, Mac-an-Toisich chur gu bas, ’S gun choir’ aca dh’ fhear mo ghraidh, Ach e bhi fàilteach, furanach. Dh’ iarr mi orra ’chur mar sgaoil, ’S a leigeadh mach air an raon— Cha ghlacteadh e a rìs le maoir; Cha bhiodh e faoin a chuireadh ris! Gu ’n robh fianuisean gu leòir, Gus a shaoradh aig a’ mhòd; Fear na misnich, Uilleam Og, Bha deònach dol an urras air. Tomas, air a’ chuoc’ ud shuas, Thainig oirnn le ’lagh a nuas, Dh’ fheuch an dionadh e ’m fear ruadh ’S e ruith cho luath ’s a b’ urrainn da. Thainig Padraig as a dheigh, Ged bha bacaiche ’n a cheum, Gu ’n robh bat’ aige fo ’sgéith ’S mur biodh iad reidh bhiodh fuil aige. Dh’ eirich Somhairle ’s a’ chuirt— Labhair e le sgairt mu ’n chuis— Thuirt e, “Chogainn ris a’ Chrùn M’ an cuirinn diomb a’ churaidh rium.” Chreid am breitheamh ’naimhdean cruaidh; Sgriobh e sios a’ bhinn gu luath; Dh’ eirich e ’s thuirt e, “Gu luath, Gu bàs, gun truas ris, cuirear e.” ’N uair a fhuaradh e fo shreing, Chaidh a nainnhdean nunn ’n an deann; Bha crith orra ’s an lamh ri peann, ’Cur ’n ainm ri bainn bha cunnartach. ’S fhad o’ n chual’ mi daoine ’g radh, Gu’n teid “neart thar ceart” an aird; ’S ann mar sin tha chuis an drast— ’S i binn ro chearr a thugadh air. Bha Lagh Chill-ma-Cheallaig cam, A chroch an gearran suas ri crann; Ach is caime ’n lagh ’s an am s’, ’Chuir slabhraidh air ’n fhear churanta. Och, ’s ann againn tha ’m muir-traigh; Cha tig reothairt oirnn gu brath; B’ fhearr gu’n eireadh am muir-lan, ’S e dhol cho ard ’s a chunna mi. [TD 264] Dheanainn iasgach leis an tàbh, Air a’ charraig mar ri cach; ’S ged nach biodh mo lopan lan, Bhiodh cuid an trath, no tuilleadh ann. Gur-a tric a thug mi sgrìob Gu ruig Arasaig ud shìos, ’S an tigh Ealasaid gu ’m bìth’nn, ’N uair bhiodh na lìn an cur agam. Mhic-an-Toisich, bha thu riabh Fearail, fiughantach a’s fial; Cha bhiodh tlachd ach far an iarrt’ Thu, dh-aindeoin briag a chuireadh ort. Raonull Cubair tha fo leon, Bho ’n a chual e mar chaidh mod; ’S tu ’n a mheoir a chuireadh ’n ceol, A dh’ fhogradh bron gu buileach uainn. Mala ’phiob’ th’ air crupadh suas, Ga ’bhogachadh le uisge fuar, Bho ’n theirig iocshlainte nam buadh A bheireadh fuasgladh muineil dha. B’ i sin an iocshlaint’ ’s an robh feum Gu fogradh aiceidean cleibh’; ’S b’ ainmeil i air leigheas chreuchd; Gu ’m b’ fhearr na ’n leigh bha ’m Muile i. Thuirt Mac-Mhuirich rium Dimairt, Gu’n d’ fheuch e cuislean do lamh, ’S gu ’n eireadh tu fhathast slan— Do chur gu bas nach b’ urrainn daibh. B’ fhearr gu ’m biodh an sgeul sin fior; ’S iomadh aon d’ am biodh e binn; Ged bhiodh branndaidh gini phinnt, Gu ’n cosdainn trì le sulas riut! Ged a bhithinn ’s an tigh-bhan, Gun duil ri tigh’nn as gu brath, Na ’m faicinn thu air an t-sraid, Gu’n leumainn ard troimh uinneagan. Cha bhiodh banais, ’s cha bhiodh bàl, Cha bhiodh Nollaig, ’s cha bhiodh Caisg, Nach biodh tus’ aig ceann a’ chlair, ’S do chairdean a’ cur furain ort. ’S ann ad chomunn nach biodh sgraing ’N uair a theannadh daoin ri cainnt; Cha bhiodh òr ad phòca gann, ’S gu’n tugteadh dram do’n h-uile fear. Greis air iomairt, ’s greis air ol, Greis air aighear, ’s greis air ceol, Greis eil’ air bualadh nan dorn, ’S gun chomhdach air am mullaichean. Chuireadh tu ’n daorach ’n an ceann; Thuiteadh iad a bhos a’s thall; ’N uair ghlacadh iad thu air laimh, Cha cheannsaicheadh Cuchuilinn iad. Dh’ fhagadh tu fear glic gun chiall; Dheanadh tu ’n spìocaire fial; Dh’ fhuaisgleadh tu sporan nan iall, ’S cha bhiodh an gniomh sin furasda. D’ fhear-dàimh cha chunntadh ’n a chall Bhi ’sgapadh airgid ’n ad gheall, Ged bhiodh e ’n ath latha fann, A làmh m’ a cheann, ’s e ’turaman. ’S misd’ na mnathan thu ga ’n dìth; B’ fheaird iad ac’ thu ’g ol na tea; Dh’ fhiosraicheadh tu dhaibh le cinnt A’ bhrigh a bhiodh ’s na duilleagan. ’S mor am beud thu bhi air chall; Bu tu ceann-cinnidh gach dream; Chìosnaicheadh tu feachd na Fraing’ Gun deann a chur á gunn’ orra. Dheanadh tu cogadh a’s sith; ’S e do spionnadh nach robh clì; Cha ’n fhacas riabh thu air do dhruim, ’S bu tric an strìth nam buillean thu. ’S lionmhor mais’ ort, fhir mo ghraidh, Nach urrainn domh a luaidh am dhan; Ma dh’ fhograr thu nunn thar sail’, Bidh sinn ri ’r la bochd, uireasach. Ach ma thig thu slan ’n ar ceann, Le d’ shuaicheantas ard ri crann, Gur curaideach a bhios do chlann A’ dannsadh Ruidhle-Thulaichean. Bidh sinn eibhinn thu bhi beo; Cha bhi duine sean no og Nach tionndaidh fo d’ bhrataich shroil, ’S gu mod cha toirear tuille thu! Sud ort fein, a charaid ghràidh! ’S mi nach treigeadh tu gu bràth! Cha teid m’ ainm ri paipeir bàn, Am measg na gràisg nach buineadh dhuit! AN DILLEACHDAN BOCHD. AN uair a bha mi ’am ghiullan beag, a’ ruith ’s a’ leumadh mu’n cuairt, ris gach mireadh agus cluich, agus saor o gach cùram, is iomadh deagh chomhairle a thugadh dhomh le mo sheanair fein, a bha ’n a dhuine ionraic agus glic, air an robh eagal an Tighearna. Cha do chaill e aon chothrom gun a bhi ’sparradh air m’ inntinn oirdheirceis oibre Dhé, agus mìorbhuileachd an fhreasdail sin a [TD 265] ta ’riaghladh os ar ceann. Bha e ’deanamh gach strith ’n a chomas chum beachd ceart agus freagarrach a thoirt domh air caoimhneas agus cùram an Ti bheannaichte sin a ta ’stiùireadh na cruitheachd le cumhachd agus le gliocas neo-chriochnaichte; agus thug e dhomh iomadh samhladh agus eiseimpleir am measg chùisean an t-saoghail, chum m’ inntinn fein a lionadh le h-ùmhlachd d’a thaobh-san a tha ’buileachadh shochairean gun aireamh air na h-uile. An sin, dh’ aithris e dhomh gu sonraichte aon sgéul beag nach dichuimhnich mi gu bràth. Bha’n sgéul sin mu dhilleachdan òg a bha comharraichte a thaobh na h-aoise aige, air son an eòlais a fhuair e air ceòl. Bha tuathanach àraidh ’s a’ choimhearsnachd aig an robh dithis mhac, air an do bhuilich e deagh fhòghlum, le bhi ’g an cumail gu riaghailteach ’s an sgoil. An déigh aireimh bhliadhnaichean a dhol seachad chaochail an athair, agus shuidhicheadh am mac a b’ òige ’s an tuathanachas an àite athar fein, agus thug am mac bu shine na h-Innsean air a dh’ iarraidh an fhortain. Air fearrann an tuathanaich so bha duine bochd a chòmhnuidh ann am bothan beag, suarach, maille r’a mhnaoi, d’an robh mòr-spéis aige, agus aon bhallachan mic, a bha mar dheò-greine aig a pharantaibh fein. Cha robh e cuig bliadhna a dh’ aois an uair a sguabadh air falbh ’athair agus a mhathair ann an aon là, le droch fhiabhras a bha ’s an àite. Uime sin dh’ fhàgadh am brogachan bochd ’n a dhilleachdan truagh, aonaranach, gun charaid agus gun chuideachadh ’s an t-saoghal! Air da, mar so, a bhi gu tur gun chàirdean agus gun luchd-dàimh anns an t-saoghal, gheall an-tuathanach duais shonraichte do sheann mhnaoi ’s a’ choimhearsnachd, air chùmhnant gu’n gabhadh i cùram dheth le thoirt gu bhi maille rithe fein. Ann am beagan bhliadhnaichean an deigh sin, chaidh an seann bhoirionnach so, air an robh an giullan ag amharc mar mhàthair, air slighe nan uile bheò, agus thilgeadh a ris air an t-saoghal e ’n a ògangch a bha meuranta agus dìblidh ’n a phearsa. An sin, ghabh tuathanach ’s a’ choimhearsnachd truas ris, agus ghabh e a stigh d’a theaghlach e, chum cuideachadh a dheanamh ris ’s a’ bhuachailleachd. Nochd an t-òganach gu’n robh spéis gun choimeas aige do’n cheòl, agus is minic a sheas iadsan a bha ’gabhail na slighe a dh’ éisdeachd, ris a’ cluicheadh air fidhill gle mhi-shnasmhor a rinneadh leis fein. Bu tearc iad ri’m faotuinn a bheireadh barrachd air ann an cluicheadh a’ chiùil sin a chleachdadh ’s an dùthaich. Air là àraidh thàinig an tuathanach sin an rathad, aig an robh a’ ghabhail-fhearainn air an d’ fhuair pàrantan an òganaich am bàs, agus bha iongantas mòr air an uair a chual e feabhas a’ chluich aige. Stad e re tamuill ag éisdeachd ris, agus bha toilinntinn nach bu bheag air ’n àm dha bhi ’g éisdeachd ris. Thug e an sin cuireadh càirdeil dha dol dh’ ionnsuidh a thighe, agus gheall e gu’n d’ thugadh e dha fidheall, a bhiodh ni b’ fheàrr na’n té gharbh sin a rinn e leis an sgithinn aige fein. Cha b’e ruith ach leúm leis an òganach, gus an d’ ràinig e tigh an tuathanaich. An sin chaidh an tuathanach gun dàil dh’ ionnsuidh àmraidh ann an cùil dhuirch ’s an fhàrdaich aige, far an robh treallaich agus geadhchail dhe gach gnè air an druideadh suas air feadh a’ chéile, agus rinn e gréim air seann chobhan anns an robh fidheall air a comhdachadh le dus agus smùir a thionail i rè nam bliadhnaichean a laidh i gun charachadh ’s a’ chobhan sin. Thug e mach an fhidheall, ach bha i gun droch- [TD 266] aid, gun téud, gu’n iuchar, agus a’ tuiteam as a’ chéile a dh-easbhuidh glaoidh. Bhuineadh i an toiseach do bhràthair an tuathanaich a chaidh do na h-Innsibh. Bha saor anns a’ bhaile a cheangal an fhidheall le deagh ghlaodh. An sin, fhuaireadh teudan, drochaid, cnagan, agus gach ni eile a bha ’dhith air an fhidhill. An uair a rinneadh mar so deas i thugadh i do’n dilleachdan aoibhneach, agus ghrad-thug e an t-slighe dhachaidh air le mòr ghairdeachas. Ceithir no cuig de bhliadhnaichean an deigh sin, dh’ éirich aimhreit eadar bràthair an tuathanaich agus a mhàighstirean anns na h-Innsibh; agus thàinig e nall thar chuan gu dùthaich a’ bhreith. Bha e ’n a dhuine aig an robh droch giùlan, agus droch cridhe. Cha’n e mhàin gu’n robh e misgeach agus ana-measarra ’n a chaithe-beatha, ach bha e mar an céudna, ro àrdanach, uaibhreach, agus struigheil ’n a nàdar, agus chaill e deagh-ghean a bhràthar, agus gach neach eile ’san àite, a bhiodh ealamh air càirdeas a nochdadh dha, mar urram da athair fein, d’an robh mòr-spéis aig a luchd-éolais uile ’s an àite. Bha e stéidhichte air réiteachadh a dheanamh a thaobh codach athar fein, agus thug e a bhràthair air aghaidh gu cùnntas a thoirt seachad air gach ni a dh’ fhàgadh le athair, a’ deanamh mach do bhrìgh gu’m b’ esan fein am bràthair bu shine gu’m buineadh gach eairneis, agus gach ni eile dha fein. Bhuin e r’a bhràthair co mì-nadurra, cruaidh-chridheach, agus ain-iochdmhor, ’s gu’n d’ éirich a luchd-eolais mar aon duine ’n a aghaidh. Ann an ùine ghèarr dh’ ullaich e tigh dha fein, agus phòs e òinseach mhisgeach bhoirionnaich cosmhuil ris fein. Chuir e a bhràthair gu lagh air son airgid, àirneis, agus nithe gun àireamh eile, air an robh e ’tagradh còir mar oighre dligheach ’athar fein. Am measg gach treallaich eile dh’ ainmich e an t-seann fhidheall, agus dh’ iarr e a faotuinn. Thubhairt a bhràthair ris, air do’n fhidhill a bhi ’n a cungaidh gun fhéum ’s an tigh, gu’n d’ thug e seachad i do dhilleachdan bochd chum gu’n ionnsuicheadh e a cluicheadh. Las e ann an dian chorruich an aghaidh a bhràthar, ghrad-chuir e fios air an dilleachdan, agus labhair e ris anns a’ chainnt bu mhiosa a b’urrainn a theangadh a chur an céill, a cheann gu’n do ghabh e an fhidheall o ’bhràthair. Air do’n dilleachdan thruagh a bhi air chrith leis an eagal, labhair e ris gu sìobhalta, ciùin, modhail, agus thubhairt e, “A dhuin-uasail, tha mi ’g iarraidh maitheanais, ach cha’n ’eil e ’nam chomus ath-dhioladh ’s am bith a dheanamh ach an fhidheall a thoirt air a h-ais a ris na d’ ionnsuidh.” “An fhidheall a thoirt air a h-ais a ris! an e a thubhairt thu?” fhreagair am fiadh-dhuine le corruich a’ lasadh na ’ghnùis,—“a thoirt air a h-ais a ris!” A’ chrochaire bhig, am bheil dùil agad gu’n truaillinn-sa mo mheòir le inneal a laimhseachadh a bha co fada a’ suathadh rid’ luideagaibh salach, breun-sa? Cha truaill ri m’ bheò. Gleidh an fhidheall, a bhulgain shuaraich, ach ioc dhòmhsa cuig puinnd Shasunnach an taobh a stigh de thri làithean mar luach na fidhle, agus mur dean thu sin, bheir mi òrdugh seachad do thilgeadh ’s a’ phriosain.” Chuir an dilleachdan bochd an céill le sùilibh deurach nach robh cuig sgillinn Shasunnach dhe ’n t-saoghal aige, agus uime sin, nach robh e na ’chomus sin a dheanamh. Ach bha ’n duine cruaidh-chridheach do-lùbaidh na ’bhagradh, agus sgiurs e le feirg am ballachan air falbh, ag éigheach na ’dhéigh mar aontaicheadh e ris a’ chùmhnant [TD 267] a thug e seachad, gu’m biodh na maoir gun dàil na ’lorg. Dh’ fhalbh an t-òganach gu tùirseach, brònach, agus a gal gu-frasach air an t-slighe. An uair a bha e ’dlùthachadh r ’a dhachaidh, chomhlaich e bean-uasal a dh’ fheòraich dheth gu caoimhneil, ciod a bha ’cur air? Cha b’ fhad gus an do chuir e an céill a sgéul cianail fein o thùs gu déis. Dh’ éisd a bhantighearna cheanalta ris, le cridhe làn truais agus deagh-ghean, agus thubhairt i ris; “Glac misneach, a bhallachain bhochd, glac misneach, agus taoghail ormsa am màireach, ag meadhon-là, agus bheir mi luach na fìdhle dhuit. An sin, bithidh i leat fein, mar do chuid dhligheach fein tuilleadh an déigh so.” Ghrad-thionndaidheadh dubh-bhròn an òganaich gu ceòl agus aoibhneas,—chaidh e mar a dh’ iarradh air,—fhuair e na cuig puinnd Shasunnach,—chaidh e na ’dheann-ruith dh’ionnsuidh an duine fhiadhaich sin a shàruich co searbh e, agus thilg e an t-airgiod air a bhéulaobh. “A nis, ’òganaich gun nàire mhodh, teagaisgidh sin do dhleas’nas dhuit an déigh so. Is leamsa, a nis, an t-airgiod, is leatsa an fhidheall, as thoir do chasan as gu luath, as mo shealladh.” Bha ’n dilleachdan a ris na ’bhrogach sona. Chuala gach àrd agus iosal ’s an dùthaich mar a bhuineadh ris, agus dhùisg a chàramh co’-fhulangas nan uile d’a thaobh. Ghabh aon duin’-uasal ’araidh tlachd co mòr dheth, ’s gu’n do chuir e e dh’ionnsuidh fir-chiùil ainmeil ’s a’ bhaile-mhòr chum gu’m faigheadh e fòghlum uaith anns a’ cheòl. Thainig e air aghart co bras ann an eòlas a’ chiùil, ’s gu’n do chuir e iongantas airsan a bha ga ’theagasg. Ach an déigh beagan ùine, chunncas feagarrach an fhidheall dhaor aige a ghlanadh, agus a chur ceart, agus chum na criche sin, thugadh a’ chomhairle air an òganach dol leatha dh’ ionnsuidh fir-ealaidh a bha ainmeil air son inneala-ciùil a cheartachadh agus ath-leasachadh. Bha am fear-ealaidh sin a chòmhnuidh ann am baile a bha beagan mhiltean air falbh, gidheadh chaidh an dilleachdan agus an fhidheall gun dàil d’a ionnsuidh. Air do’n fhear-ealaidh an fhidheall a thoirt as a’ chéile, sheall e air an òganach, agus dh’ fheòraich e dheth, an robh dùil aige ris an fhidheall sin a reiceadh air son deagh luach? Air do’n oganach a bhi an dùil gu’n robh i anabarrach daor air fein, cha dubhairt e diog. Bha duin’-uasal a làthair aig an àm a thog claran na fidhle ’na làimh, a sheall gu géur orra fa leth, agus a thubhairt gu’n robh an t-inneal sin da rireadh luachmhor. “Tha gu’n teagamh,” deir am fear-ealaidh; “is fhiach an fhidheall sin eadar ceithir agus cuig fichead pùnnd Sasunnach. Is i so te de na fidhlean a’s fearr a rinneadh ann an Cremóna, àireamh chéudan bliadhna air ais.” Cheartaicheadh gu curamach i, agus chunncas nach robh a leithid ach ainneamh r’a fhaotuinn a thaobh gléusaidh agus fuinn. Rùnaich an dilleachdan an fhidheall a ghleidheadh air gach uile chor, agus bha a luchd-eòlais làn toilinntinn a thaobh na dòigh air an d’ fhuair e gréim oirre. Cha b’ fhad gus an do ruig na naigheachd mu luach na fidhle cluasan an duine ghràineil sin aig an robh i an toiseach. Bha e làn feirge agus farrainn air son mar a dh’ eirich dha, ach cha robh comus aige a bheul fhosgladh, a cheann gu’n do reic e i gu riaghailteach, ach air bheag cliù dha fein. Mar bha bliadhnaichean a’ ruith thairis, bha’n dilleachdan ag ath-leasachadh a’ chuid ’s a’ chuid na ’dhréuchd. Mu dheireadh, ceart mar a bha’n fhidheall aige gun choimeas air son feabhais, ceart mar sin bha e fein, féudar a ràdh, gun choimeas ’s an dùthaich [TD 268] air son feabhais mar fear-ciùil. Bha e cliuiteach, measail, agus macanta. Dh’ fhàs e gle shaibhear, ach bha e truacanta, teo-chridheach, agus fialaidh le chuid do’n fhéumach. Cha b’ fhad gus an d’ fhàs an droch-dhuine sin a shàruich e na ’òige agus na ’bhochduinn, na ’chuspair truagh air éu-dòchais. Bha e gun mheas aig a luchd-duthcha, agus na ’chùis-ghraine do gach inbh agus aois. Thuit a theaghlach sios gu bochduinn agus truaighe,—agus is minic a dh’ iarr, agus a fhuair a shliochd luideagach deirce aig dorus fialaidh an dilleachdan mu’n d’ aithriseadh an sgéul so do uile luchd-léughaidh a “Ghaidheil” leis an t-seann. SGIATHANACH. ATHCHUINGE AIRSON LUCHD-MARA. “IADSAN a theid sìos do ’n fhairge air longaibh, a ni obair air uisgeachaibh mòra; chi iadsan gnìomharan an Tighearna agus a bhearta iongantach san doimhne.”—Salm cvii. 23, 24. 1. ’Athair nam feart o chian nan cian Do ghàirdean chaisg na tuinn fo shian, ’Tha toirt do ’n mhòr-chuan àithn’ gach uair, Gu gluasad anns na criochaibh ’ fhuair. A’ ghuidhe eisd ’tha ’g eiridh uainn Mu ’n t-sluagh ’tha ’muigh an cunnart cuain, 2. O Chriosd do ghuth gu ’n cual’ na tuinn, A’s d’ fhocal chaisg am buaireas dhuinn, ’S tu ’cheum an doimhne chòbh’rach gharbh, ’S bu sheimh do shuain ’na buaireas searbh. A’ ghuidhe eisd ’tha ’g eiridh uainn Mu ’n t-sluagh ’tha muigh an cunnart cuain. 3. O Spioraid Naoimh, air tùs, a dh’ fhalbh Air talamh falamh, dorch’ gun dealbh, ’S le d’ àithne ’chaisg a bhuaireas dian. ’Cur sithe ’s taimh ’measg aimhreit’ shian. A’ ghuidhe eisd ’tha ’g eiridh uainn, Mu ’n t-sluagh ’tha muigh an cunnart cuain. 4. ’Thrìonaid nam feart làn neirt a’s gràidh, ’Nan airc do ’r braithribh dion an àigh, O sgeir, o shian, o theine ’s nàmh Dean taic dhoibh ’s dion ’nan triall ’s nan tàmh. Mar sin ’n ar laoidhibh binn gu buan Dhuit cliù bheir sinn air tir ’s air cuan. EAD. LE A. M. GACH NI NA ’THRATH. NA abair gu bràth gu’n dean thu ann an uine ghoirid an ni sin bu chòir duit a dheanamh eadhon a nis. Cha d’ rinn duine riamh gu glic, agus gu maith air a shon fein, a chuir dàil ’na ghnothuichibh fein. Tha dàil cunnartach. Seàll air Nàdar, agus cha dean i dàil. Seall air Uine, agus cha dean i dàil. Cha chuir cumhachd talmhaidh sam bith stad air. Cha’n ’eil oibre Nàdair mu’n cuairt duit a’ deanamh dàil. An uair a thig an t-àm do na blàthaibh briseadh a mach, brisidh iad a mach; agus do’n duilleach tuiteam, agus tuitidh e. Seall suas air na speuraibh agus bi air do theagasg leis na reultaibh. Cha chuir na cruinn-mheallan soillseach dàil ’nan laidhe no ’nan éiridh. Tha gach réult, agus dùbhradh-gréine agus gealaich gu h-eagnuidh seasmhach ris a’ cheart mhionaid, agus cha diobair a h-aon diubh ’na asdar siùbhlach. Cha’n ’eil moille idir ann an gluasadaibh a’ chruinne-chè, a shonruicheadh le gliocas agus cumhachd neochriochnuich an Ti Uile-bheannuichte a dhealbh e. Na’n deanadh na rionnagan dàil ’nan cuairtibh bheireadh iad sgrios gu h-obunn air a’ chruitheachd, agus thuiteadh gach ni ann an àimhreite. Na’n cuireadh Nàdar dàil’ na h-oibribh air an talamh, thigeadh gortaidh, agus plàighean, agus truaighean a chuireadh as do gach duine, agus ainmhidh, agus créutair beo air uach- [TD 269] dar an t-saoghail. Nach fior agus fallain an teagasg so do’n chinne-daoine na’n gabhadh iad gu cridhe e? Thugadh comas do’n duine, ma’s i a thoil fein e, dàil a chur ’na dhleasnasaibh, agus tha e ’deanamh sin gu minic, ach gu minic tha e ’ga dheanamh chum a challdach fein. Tha’n Tighearna ’na fhocal agus ’na oibribh fein, a’ teagasg do’n duine, gur e “anis” an t-àm freagarrach, agus an t-àm a shònraicheadh le ’fhreasdal fein chum leas aimsireil agus spioradail an duine sin a chur air aghaidh. Uime sin, na abair gu’n dean thu ath-leasachadh ann an ùine ghoirid, oir air an ùine sin cha’n ’eil gealltanus idir agad. Cùimhnich, ma ta, an fhìrinn so ata air a sparradh ort le eachdraidh an t-saoghail, le righribh agus le’n iochdaranaibh, agus leis na h-uile nithibh, agus na cuir seachad gus an là màireach, an dleas’nas a’s còir duit a dheanamh air an là ’n diugh. SGIATHANACH. CUMHA FLORI NICHDHOMHNUILL. AIR FONN:—Flora Macdonald’s Lament. AM measg an fhraoich uaine air guallain a’ mhonaidh, ’S ri taobhan nan alltan ’tha ruith air a chùl, Tha Flori Nicdhomhnuill gu dubhach an comhnuidh, An drùchd air a breacan ’s na deura ’n a sùil; ’Sìor shealltain air luingeas ’tha uaipe a’ seòladh, ’S mar eala air chuantan a’ gluasad gu sàmhach Tha i togail na seisd so, ’s am bàt’ dol á ’sealladh,— O slàn leis an òigear nach faic mi gu bràth, O slàn leis an òigear tha òg agus seòlta, O slàn leis an òigear nach faic mi gu bràth! An coileach ’tha dùrdail air stùcan Beinn-Comhnuill, Tha brath aig’ ’s an fheasgar air leaba bhios blàth, Am fireun tha chomhnuidh an creagan Chlann-Raonuill Gheibh tàmh anns an oidhche gun chùram, gun sgàth. Air broilleach a’ chuain tha ’n sùlair gu seasgair, ’S an sgàrbh air a’ chladach aig laidhe na gréin’, Ach tha aon anns an tìr, a’s aig dùnadh an fheasgair Tha esan gun dachaigh ’s an rioghachd ’s leis féin; Tha’n strì a nis seachad, ’s tha crioch air an deasbair, ’S cha’n fhaighear ach amhghar an Albainn nan tréun. Tha’n sgiath air a sracadh bho ghàirdean na gaisge, ’S a chlogaid tha sgoilte air maladh an àill’, Tha ’n claidheam air meirgadh ’s tha bhratach nis paisgte Ach dearg le fuil chàirdean tha làmhan nan tràill. Le crudh an eich mharcaich, tha ’m breacan ga ’shracadh, A’s éideadh nan gaisgach bha cliuiteach a’m blàr, C’arson sin nach d ’eirich an doinionn ga’m bacadh, ’N uair bha ceartas ga shaltairt le ainneart gu làr A’d fhograch gun fhasgath, tha d’ arm air a sgapadh ’S cha chrùnar am feasd tha a’n Albainn nan sàr. Glaschu 1876. Eadar. le H. W. [TD 270] SGEUL MATH MU INNSEANACH. BHA aon do choithionalan ann an Georgia far am bheil na daoine leth dhubh, a’ dol a dh’ ath-thogail an eaglais; agus bha coinneamh aca a bheachdachadh air cionnus a gheibheadh iad airgiod a phàidheadh an costus. ’S e an toradh a bh’ air so an déigh treis reusonachaidh gu’n do leag iad sìos na riaghailtean a leanas: 1. BHEIR SINN UILE RUDEIGIN. 2. BHEIR SINN UILE A REIR AR COMAIS. 3. BHEIR SINN UILE GU TOILEACH. Chaidh na riaghailtean so a chur an cleachdadh, gach aon do bhuill na coinneimh ag éiridh suas far an robh fear-na-cathrach, agus a’ toirt seachad a thìodhlaic. Mu dheireadh dh’ éirich am fear a bu bheairtiche ’nam measg le a chuidsan. Ghabh am ministear a bha ’s a’ chathair a thìodhlac, ’s dh’ amhairc e air. ’N uair a chunnaic e nach robh uiread ann agus a thug feadhainn a bu bhochdainne seachad thubhairt e: “Seall brudder Jones, cha dean so an gnothuch. Tha e réir na ceud riaghailt, ach cha ’n ’eil a réir na dara riaghailt.” Shuidh brathair Iones, air a ghonadh, ’s e ’na bhall gàire aig càch; ach thàinig e air ais air ball le meall eile airgid agus thilg e sud le feirg air beulaobh a’ mhinisteir, ag ràdh, “Gabh sin, ma ta!” “Cha dean sin an gnothuch fhathast,” thuirt am ministear. “Rinn thu nis a réir na ceud agus na dara riaghailt; ach cha ’n ’eil thu toirt seachad gu toileach.” Shuidh brudder Iones an dara uair gu h-angarach a chionn gu ’n do dhiùltadh a chuid. Shuidh e treis gu sàmhach; ach ’n uair a chunnaic e aon an déigh aoin do na bràithrean a bu bhochdainne a’ tilgeil am buinn airgid anns an ionmhas gu suilbheir, dh’ fhàs eudan ni bu shìobhalta, agus dh’ éirich e suas an treas uair far an robh am ministear, ag ràdh le fàite-gàire, “Ma ’s toil leibh, gabhaidh so, air son aobhar an Tighearna.” Ghabh am ministear an nis an tìodhlac, ag ràdh, “Taing dhuibh, a bhrathair Iones, tha sin ceart, oir tha sin a réir nan trì riaghailtean.” EILIDH BHAN CHOIRE-CHNAIMH. LE EOGHAN MAC COLLA. ORAN GAOIL, air fonn “Cul a mhonaidh ’buain na rainich.” SEIST— Eilidh bhàn Choire-chnàimh Maighdean bhanail nam beus ceanail, Eilidh bhàn Choire-chnàimh, Cò nach tugadh gaoil dh’i? Mi ’n so ’m aonar ’s manadh pòig orm O ’n mhnaoi òig ’s rùn cléibh dhomh, ’S beag an t-ioghnadh cainnt mo chri bhi “Greas a nios ort, ’eudail!” Eilidh bhàn, &c. Gaol gach gille, cliù gach filidh Tuath no deas gun téid mi— Na’m b’ fhear-dàn mi mar b’ àill leam Gu là bhràth bhiodh sgeul ort. Eilidh bhàn, &c. Gun dad fasgaidh ach mo bhreacan, ’S mo lamh dheas mu d’ chaol-chrios, Sud mar fhuair mi ’n oidhche ’s buaine Tric ro-luath ’g ar sgaoileadh. Eilidh bhàn, &c. Ged tha Fear a’ Bhraighe, thall ud, ’S ciadan eile ’n déigh ort, ’S leam-sa, neothar-thaing dhoibh uile, Gaol a’s furan m’ eudail! Eilidh bhàn, &c. ’S truagh nach b’ ann an nochd, a leannain, Dh’ òlar deoch na Réite, ’N sin le’r Gairm gu Cillamhuna Cha bu ruith ach leum domh? Eilidh bhàn, &c. [271] PARA RUADH MAC-GRIOGAIR. THACHAIR dhomh o chionn ghoirid greim fhaighinn air leabhran beag Beurla ris an abrar “Highland Legends,” no “Ur-sgeulan Gaidhealach.” Tha an t-ughdar—agus is e nach ruigeadh a leas—cho malda ’s nach d’ innis e co e-fein, ach ghabh e mar fhar-ainm Glenmore. Bheirinn rud cuimseach air ghaol ’s gu’m biodh fhios agam co e, no bheil e beo, a chum ’s gu ’n tairginn mo dhlighe taing dha air son a sgeulachdan. Cha ’n ’eil fhios agam cuin a leugh mi leabhar a thaitinn rium coltach ris. Moire, cha’n e ’h-uile Gaidheal a tha cho deas-chainnteach ri “Gleann-mor,” co sa bith e—is co-dheas leis Beurla no Gaidhlig; oir tho beagan de bhardachd Ghaidhlig anns an leabhar. Gun fhios a bheil moran de luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL eolach air “Gleann-mor” no air a leabhran lurach, feuchaidh mi ri brigh an sgeoil a tha e ’toirt air Para Ruadh Mac-Griogair a chur sios ann an Gaidhlig. Tha baird agus luchd-eachdraidh na Gaidhealtachd o chionn iomadh linn, a’ deanamh iomraidh air Siol-Ailpein no Clann-Ghriogair, agus tha facal-suaicheantais na fine fein—“Is rìoghail mo dhream”—a’ toirt iomraidh air an stoc uasal bho ’n do chinn iad. “Sliochd nan righrean duthchasach Bha shìos ann an Dùn-stathinnis, Aig an robh crùn na h-Alb’ o thùs. ’S aig a bheil duthchas fhathast ris.” Ri linn Sheumais IV. bha iad ’n an cinneach ro chumhachdach, agus cha bu bheag an sgrìob de Ghaidhealtachd na h-Alba a bha fo ’n seilbh. Ach mu ’n àm so thoisich fineachan eile na duthcha air an cinn a thogail ann an luchuirt an righ, agus is coltach, ciod sa bith a bu choireach, mar bha cach ag eirigh gu’n robh Clann-Ghriogair a’ call an cas uidh air ’n uidh, gus mu dheireadh, ri linn Sheumais V., Ban-righ Mairi, agus Sheumais VI., an deachaidh binn chruaidh a thoirt a mach an aghaidh Ceann-cinnidh Chloinn-Ghriogair, agus an aghaidh na fine gu h-iomlan, am fearainn a bhuintinn uapa gu eucorrach, an ainm a bhacadh, agus an ruagadh leis na coin-luirg mar mhadraibh-alluidh nam beann. Is beag an t-ioghnadh, an deigh a bhi mar so air an spuinneadh agus air an creachadh d’an còirichean agus an sochairean mar ìochdrain laghail, is beag an t-ioghnadh ged bha an fhine mhi-shealbhach so air an co-éigneachadh gu bhi a’ cleachdainn na seann riaghailt, gu’n “glacadh an ti do ’n urrainn, agus gu’n gleidheadh an tì aig a bheil an comas.” Is iomadh sgeulachd agus oran Gaidhlig a tha air an aithris agus air an seinn gus an latha ’n diugh feadh na Gaidhealtachd mu euchdan agus mu dheuchainnean iomadh curaidh d’ an treubh chlaoidhte, bhochd so, agus ’n am measg tha an sgeul air a bheil sinn a’ tighinn, mu Phara Ruadh no mar theireadh cuid ris “Para donn an t-sùgraidh.” Bu mhac brathair athar Para Ruadh do dhiùlnach eile nach b’ fhaoin d’an cheart dream, agus b’ e sin Iain Dubh Gearr, gaisgeach cho cruadalach agus cho teoma ’s a tharraing riabh claidheamh. Ge b’e ciod an aimhreit anns an do thachair daibh a bhi mu ’n aon àm bha iad le cheile fad iomadh latha ga’m falach fein feadh mhonaidhnean agus fhrithean Shrabh-spé agus Bhanbh. An drast agus a rithist thigeadh iad a nuas le bannal d’an luchd-leanmhainn calma as an ionada-tèarmainn a thogail creiche o luchd-aiteachaidh nan cearnaidhean [TD 272] sin, agus is iomadh buaile mhor, làn a dh’ fhag iad gun chrodhan. A thaobh gu ’n robh Baile Ché ’n a aite fior ghoireasach aig iomall nan garbh-chrioch, is minig a rinn iad taghal ann air an turais-chreachaidh, agus a chuir iad thairis an oidhche gus an eireadh a’ ghealach, no gus am measadh iad gu ’n robh an rathad reidh rompa gu tighinn gun fhios air tighean agus air spreidh nan tuathanach mora agus nan uaislean a bha a chomhnuidh anns a’ choimhearsnachd. Ged nach àicheadhmaid gu ’n do rinn iad iomadh uair gniomh glan, fialaidh, feumar aideachadh gur minic a bha a’ chuis an car eile, agus uime sin, cha ’n iongantach ged dh’ eireadh fearg agus gamhlas an t-sluaigh ’n an aghaidh. Chuir cuid diubh rompa ma ta na ’m bu chomasach e, gu ’n glacadh iad an t-ard-chreachadair e fein agus gu’n sineadh iad thairis e do cheartas. Oidhche de na h-oidhcheannan thainig Para Ruadh agus a chuid daoine do Bhaile Ché agus ghabh iad sealbh na h-oidhche air tigh-osda far an do laidh iad air ol agus air lan-aighear nach bu bheag. Cha luaithe rainig iad am baile na chuireadh sanas a mach an ear ’s an iar. Chaidh ordugh a thoirt do ’n chaileig a bha a’ freasdal do na seoid i a dh’ eisdeachd gu mion ris gach smid a bhiodh aca, a los gu’n tuigeadh iad ciod an àird’ a bha na feara dol a thoirt orra air an la-ar-na-mhaireach. Am measg iomadh rud a chual i bha so, gu’m paigheadh iad ol agus biadhtachd na h-oidhche le fear-an-tighe a chrochadh moch air madainn. Rinn muinntir a’ bhaile ullachadh mor feadh na h-oidhche agus chaidh a shuidheachadh gu’n cuairticheadh iad an tigh-osda aig bristeadh na faire, agus gu’n glacadh iad Para Ruadh soirbh no doirbh. Fad na h-uine so bha comunn Pharaig agus e fhein gun smuairein a’ sineadh air òl agus air ruiteireachd air a leithid de dhoigh ’s gu’n robh iad m’an d’thainig a’ mhadainn ann an droch cor gu iad fein a sheasamh no a dhion anns a’ chomh-strith a bha gu toiseachadh a chlisge. Gus an gnothach a dheanamh na bu mhiosa do Pharaig agus d’a dhaoine, ciod a rinn a’ bhanasgal mhealltach a bha ’frithealadh orra ach gu ’n do lìon i an gunnachan lan de chabhruich, air alt ’s nach gabhadh urchair cur asda ’n uair thigeadh teinn air na laoich. Aig an àm a chaidh a shocrachadh chaidh clag na h-eaglais a bhualadh. Cha luaithe chuala Mac-Griogair agus a dhaoine so na ghrad leum iad air an casan, ghlac iad an armachd, agus thug iad aghaidh air bhi mach, ach bha an tigh air a dhion aig gach oisinn agus air a chuairteachadh le sluagh fo lan uidheam chogaidh. Sheas na Gaidheil gu dalma, duineil, agus thug iad ionnsaidh air bealach a dheanamh troimh ’n t-sluagh, ach bha an cuid ghunnachan gun mhath dhaibh agus cha robh aca air ach geilleachdainn gun suil gun duil gu’m faigheadh iad fiù cothrom teichidh. Mar so chuireadh an sas an curaidh gun choimeas gaisgeil, Para Ruadh Mac-Griogair. Chaidh a ghleidheadh gu teann fo shuil freiceadain agus fo ghlais, agus goirid as a dheigh sin thugadh a Dhuneideann e fo churam gearrd laidir shaighdearan, a chum ’s gu ’m faigheadh e binn agus peanas air son a lochdan agus a dhroch-bheartan do-aireamh. Chriochnaich an creachadair iomraiteach so a bheatha fa laimh a’ chrochadair, agus tha iad ag radh gu ’n do rinn e an t-oran a leanas eadar àm a ghlacaidh agus a chrochaidh. Ann an toiseach an orain tha e a’ caoidh agus a’ cur sios air an òl agus air an ruiteireachd a bu choireach gu’n deachaidh esan a ghlacadh cho furasda. Tha e an sin ag iomradh [TD 273] air cho beag eifeachd ’s a tha anns a’ ghunna an coimeas ris a’ chlaidheamh-mhór agus a’ caoidh dìth a chlaidheimh thréin nach do dhiobair riabh e—an dìth dhiubhalach sin a thug an tàmailt airsan aig an àm ud, gu’n deachaidh a ghlacadh gun urad agus aon duine d’a naimhdean a thoirt gu làr. Tha e rithist ag innseadh na’n robh fhios aig muinntir a dhuthcha an càramh cruaidh anns an robh e gu’m b’ iomadh aon a chuireadh iad fein gu dragh as a leth, agus nach bu tearc aireamh nam maighdeannan a thairngeadh an cuid sporan a cheannach saorsa dha; gu sonraichte aon te a bha a comhnuidh ann an Srath-Spé a chuireadh gu togarrach agus gu h-ealamh “ciad crùn”—rud nach b’ fhaoin ’s an àm sin—g’a fhuasgladh. Aig deireadh an orain tha e a’ tagar gu laidir r’a fhear-cinnidh agus ga charaid, Iain Dubh Gearr, agus ga ’bhrosnachadh gus gach seol agus doigh ga chur an cleachdamh a mheasadh e eifeachdach no coltach air son a’ chiomaich bhochd a chur mar sgaoil. ORAN PHARA RUAIDH MHIC-GRIOGAIR. Mile mallachd do ’n òl, ’S mairg a dheanadh dheth pòit, ’S e mo mhealladh gu mor a fhuair mi. Mo mhallachd do’ n dram Chuir an daorach am cheann, ’N uair ghlac iad ’s an Airde-tuath mi. Mu ’n d’ fhuair mi bhi mach, ’S a bhi ’m armachd gu ceart, Bha rag mheirlich nan cearc m’an cuairt domh. Bha tri fichead a’s triuir, Ga mo ruith a dh-aon lùb, Gus ’n a bhuain iad mo lùth ’s mo luaths bhuam. Bidh mo mhallachd gu brath Air a’ ghunn’ air son airm An deigh a’ mheallaidh ’s na tàir’ a fhuair mi. Ged gheobhainn domh fein Lan buaile de spreidh B’ annsa claidheamh fo m’ sgéith ’s an uair ud. Naile, ’s mis’ tha fo nàir’ Gu’n do ghlac iad mi slàn A’s nach d’ thug mi fear bàn no ruadh dhiubh! Na’n robh fios mi bhi ’n sàs, Gun duil fuasglaidh gu brath, ’S lionmhor ghabhadh mo phàirt ’s an uair so. ’S iomadh maighdean ghlan, ùr, Chluinnteadh farum a gùin, Chuireadh a crùin ga m’ fhuasgladh. Gu bheil te dhiubh ’n Srath-Spé, ’S na ’n robh fhios aice fhein, Ghrad chuireadh i ceud gu luath dhiubh. Ach, Iain Duibh, tog a mach ’S thoir na dh’ fhaodas tu leat, Agus cuimhnich a’ bheairt bu dual dhuit. Na ’m biodh tusa fo ghlais, Agus mise bhi as, Naile, chumainn mo chas gle luaineach! Sin agad, ma ta, sgeulachd Phara Ruaidh Mhic Griogair mar fhuair mi aig “Gleann-mor” i. Co aige tha fios, bho ’n fhuair sinn blas air Clann-Ghriogair, nach bi cothrom againn air rud-eigin a radh orra fhathast m’ an tig an Fheill-Brighde. Is i mo bharail fhein na ’n tugadh tu air falbh Clann-Ghriogair nach biodh ann an cuid mhór de dh-eachdraidh na Gaidhealtachd ach “marag gun gheir.” MAC-MHARCUIS. AN CEANNAICHE EADAILTEACH. LE CHARLES LAMB. BHA Iudhach d’ am b’ ainm Shylock a chomhnuidh ann am baile-mor Venice, anns an Eadailt; bha e ’n a dhuine ro shanntach, agus le bhi a’ cur a chuid airgid a mach air riadh ard am measg nan ceannaichean Criosdail chuir e beairteas mor cruinn. Bha Shylock ’n a dhuine cruaidh-chridheach agus fuathasach [TD 274] teann ann an tagar air ais ’airgiod-iasaid; bha, uime sin, fuath nach bu bheag aig a’ h-uile duine ceart, cothromach dha, agus gu sonraichte aig Antonio, ceannaiche og a bha anns a’ bhaile; agus bha neo-ar- thaing urad fhuath aig Shylock dhasan, oir bha e ’n a chleachdadh aige airgiod a thoirt do dhaoine air choingheall agus cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh e riadh bho dhuine; bha, leis a so, gamhlas nach robh faoin eadar an t-Iudhach sanntach so agus an ceannaiche iochdmhor Antonio. Cha robh uair a thachradh Antonio air an Iudhach aig a’mhargadh nach biodh e ’g a thamailteachadh le bhi ’tilgeil air a chuid réidh agus a chleachdainnean spìocach, cruaidh; rud ris an eisdeadh an t-Iudhach gu ciuin, macanta, na’m b’ fhior, am feadh ’s a bha e aig a’ cheart am a’ cur roimhe gu ’m biodh dioghaltas aige. Cha robh air an t-saoghal duine a bu chaoimhneile agus a bu ghloine na Antonio, no fear a bu chuirteile ’n a ghluasad; a dh-aon fhacal, cha robh ’s an Eadailt gu leir duine anns an faicteadh tuilleadh de mhoralachd nan seann Romanach. Bha e fo mhor ghradh aig muinntir a’ bhaile; ach b’ e Bassanio, flath og Eadailteach, caraid a bu dluithe d’ a chridhe. Bha aig Bassanio oighreachd bheag, ach mar is minig a thachras do dhaoine oga aig a bheil inbh ard ’s gun ach sporan beag, chaidh e roimh ’chuid maoin le caithe-beatha cosdail os cionn a chomais. An uair a bhiodh Bassanio gann de dh-airgiod, chuidicheadh Antonio e; bha iad mar nach biodh ach aon chridhe agus aon sporan eatorra. Thainig Bassanio aon latha gu Antonio agus dh’ innis e dha gu’ n robh a rùn air a chor a leasachadh le mnaoi-uasail air an robh e an gaol a phosadh; gu ’n robh a h-athair marbh, agus gu ’n d’ fhag e oighreachd mhor aice; gu ’m b’ abhaist da am feadh ’s a bha a h-athair beo a bhi a’ taghal a tighe, agus gu ’n d’ thug e an aire gu ’n robh i ag amharc air le suilean gaoil a bha mar gu ’m b’ eadh le teachdaireachd bhalbh ag radh ris gu’m b’e ’bheatha tighinn; ach air dha bhi gun airgiod g’a chur fhein ann an uidheim fhreagarraich do dh-fhear a bha an geall air mnaoi-uasail cho beairteach, ghuidh e air Antonio cur ris gach fabhor a bhuilich e air roimhe so le tri mile bonn oir a thoirt da air choingheall. Cha robh an t-airgiod tioram deas aig Antonio a bheireadh e dha aig an am, ach bha suil aige ri luingeis lan bathair a bhi dhachaidh gun dail, agus thuirt e gun ruigeadh e Shylock an ceannaiche Iudhach, agus gu ’m faigheadh e iasad an airgid uaith air creideas nan long a bha a’ tighinn gu caladh. Chaidh Antonio agus Bassanio comhladh a dh-ionnsaidh Shylock, agus dh’ iarr Antonio iasad thrì mile bonn òir air an Iudhach, aig riadh ’s a bith a thoilicheadh e, ri bhi air a phaigheadh á luach a’ bhathair a bha ’n a chuid luingeis air a’ chuan. Air a chluinntinn so do ’n Iudhach thuirt e ris fhein: “Ma gheobh mise cothrom air aon uair mar sàsaich mise an gamhlas a tha agam dha! Tha fuath aige d’ar cinneach Iudhach; tha e a’ toirt airgid-iasgaid a nasgaidh; agu sam measg nan ceannaichean anns a’ mhargadh cha ’n ’eil de thlachd aige ach a bhi ga m’ smàdadh a chionn bhi a’ tagar reidh air son mo chuid iasad. Mallaichte gu ’n robh mo chinneadh mur crean e air!” An uair a mhothaich Antonio gu ’n robh e mar so a’ meorachadh ris fhein gun fhacal freagairt a’ tighinn uaith, agus esan an cabhaig air son an airgid, thuirt e, “Shylock, an cluinn thu mi? an toir thu dhomh an t- [TD 275] airgiod a dh’ ainmich mi?” Fhreagair an t-Iudhach, “Antonio uasail, air a’ mhargadh is tric agus cha b’ ainneamh a rinn thu tàir orm air son mo chuid airgid, agus mo riadh dligheach, agus chuir mi suas leis gu foighidneach, oir is e fulangas suaicheantas ar cinnidh gu leir; agus theireadh tu nach robh annam ach ana-creideach, madadh graineil, agus thilgeadh tu smugaid thaireil air mo thrusgan Iudhach, agus bhreabadh tu uait mi mar nach biodh agad annam ach cù. Ach a nis, a reir coltais, tha thu am feum mo chuideachaidh; agus thigidh tu am ionnsaidh agus their thu, Shylock, thoir dhomh airgiod. Am bi airgiod aig cu? An urrainn do mhadadh iasad thri mile bonn oir a thoirt do dhuine? An sleuchd mise, nis, gu h-umhal agus an abair mi, A dhuine mhaith, thilg thu smugaid orm Diciadain so chaidh, aig am eile thuirt thu madadh rium, agus an eirig do mhodh agus do chaoimhneis tha mi ’dol a thoirt airgid duit.” Fhreagair Antonio, “Tha e gle choltach gu ’n goir mi an t-ainm ceudna riut a rithist, gu ’n tilg mi smugaid ort, agus gu’n breab mi uam a rithist thu. Ma ni thu de chomhstath an t-airgiod a thoirt domh, na toir seachad e dhomhsa mar do d’ charaid, ach mar gu’n tugadh tu air iasad dhomh e mar do d’ namhaid, a los, ma bhristeas mise, gur urrainn duit le aghaidh is fhearr a thagar air ais le costas agus le ùnlagh.” “Faic a nis,” arsa Shylock, “mar tha thu ga d’ chur fhein an corruich. Bhithinnsa cairdeil riut agus bu mhiann leam thu bhi cairdeil rium. Leigidh mi air dhiochuimhne gach tair a rinn thu orm. Ni mi cobhair air d’ uireasbhaidh, agus cha ’n iarr mi peighinn de riadh air son mo chuid airgid.” Ghabh Antonio ioghnadh mor ris an tairgse fhialaidh so; agus thuirt Shylock, agus e fathast a’ gabhail air a bhi toileach caoimhneas a nochdadh agus gu ’n robh e ga ’dheanamh gu leir air son gaol Antonio a chosnadh, gu ’n tugadh e dha an tri mile bonn òir agus nach iarradh e peighinn réidh; ach a mhain so, gu’n rachadh Antonio leis a dh-ionnsaidh fir-lagha, agus air son àbhachd gu ’n cuireadh e ainm ri gealladh, mur paigheadh e air ais an t-airgiod air a leithid so a latha gu ’n dioladh e punnd d’ a fheoil, ri bhi air a ghearradh a aite sa bith d’ a chorp a thoilicheadh an t-Iudhach. “Tha mi toileach,” ars’ Antonio; “cuiridh mi m’ ainm ris a’ ghealladh, agus aidichidh mi gu bheil baighealachd anns an Iudhach an deigh a’ h-uile rud a th’ ann.” Thuirt Bassanio nach leigeadh e le Antonio ainm a chur ri leithid sin de ghealladh air a shon-san; ach coma, chuir Antonio roimhe gu ’n deanadh e e, oir bha e lan chinnteach m’ an tigeadh latha paigheadh a gheallaidh gu ’m biodh a luingeis air an ais luchdaichte le luach an airgid thairis a’s thairis. A’ cluinntinn a’ chonnsachaidh a bha eadar an dithis, ghlaodh an t-Iudhach, “O Abrahaim, m’ athair, nach amharusach na daoine na Criosdaidhean sin fhein! tha iad cho cleachdte ri buntainn gu cruaidh ’s gu bheil iad am beachd gu bheil muinntir eile cho dona riutha fein. Guidheam ort, a Bhassanio, innis so dhomh; mur seasadh e a latha, ciod a’ bhuannachd a bhiodh anns a’ gheall domhsa? Punnd de fheoil duine air a ghearradh bharr a choluinn, cha ’n ’eil e cho luachmhor no cho buannachdor ri muilt-fheoil no ri mairt-fheoil. A chosnadh a dheadh-ghean tha mi a’ tairgseadh a’ chairdeis so: ma ghabhas e e is math; mur gabh, slan leat.” Mu dheireadh, an aghaidh comhairle Bhassanio, a bha amharusach [TD 276] mu ’n Iudhach, a dh-aindeoin na thuirt e mu ’dheadh-run anns a chùis, agus nach robh idir toileach gu’n cuireadh a charaid e fein fo chunnart a leithid de pheanas graineil as a leth-san, chuir Antonio ’ainm ris a’ghealladh, a’ smuaineachadh nach robh e, mar thuirt an t-Iudhach, ach air son àbhachd. Bha a’ bhan-oighre bheairteach a bha Bassanio a’ cur roimhe a phosadh a chomhnuidh dluth do bhaile-mor Venice, aig aite d’an goirear Belmont: b’e a h-ainm Portia, agus ann an buaidhean agus maisealachd inntinn agus pearsa cha robh a coimeas ri fhaotainn. An uair a fhuair Bassanio an t-airgiod air son an do chuir a charaid Antonio e fein fo leithid de chuing, thog e air á Belmont le mor ghreadhnachas, a’ toirt leis mar ghille-cuim lasgaire og d’ am b’ ainm Gratiano. Shoirbhich gu math le Bassanio anns an t-suiridh, agus gheall Portia ann an uine ghoirid a ghabhail mar a fear-posda. Dh’ aidich Bassanio do Phortia nach robh saibhreas aige agus nach robh aige gu uaill a dheanamh as ach fuil uasal agus sinnsireachd chliuiteach; b’ iad a bhuaidhean fiughantach a ghluais a gaol-se, agus bha beairteas gu leoir aice mar bha gun suil ri saibhreas le a fear-posda, uime sin fhreagair i le maldachd ghrinn, mar bu mhath a bh’ aithne dhi, gu’m b’ fhearr leatha gu’n robh i mile uair na bu mhaisiche na bha i, chum ’s gu’m biodh i airidh air; agus an sin thoisich Portia eireachdail air cur sios oirre fhein, ag radh nach robh innte ach caileag gun fhoghlum gun sgoil, gun sgil, ach nach robh i fhathast cho sean ’s nach b’urrainn di ionnsachadh, agus gu’n cuireadh i i-fein fo ’churam-san gu bhi air a seoladh agus air a riaghladh leis anns gach ni; agus ars’ ise, “Mi fhein agus na bhuineas domh is leatsa. An dé, a Bhassanio, bha mi am bhaintighearna air an luchuirt aillidh so, am uachdran orm fhein, agus am bhana-mhaigistir air na seirbheisich sin; ach a nis mo thighearna, is leatsa an tigh so na seirbheisich sin, agus mi fhein; tha mi ga ’m buileachadh ort leis an fhainne so;” agus shin i am fàinne do Bhassanio. Bha Bassanio air a lionadh le taingealachd agus le ioghnadh ri faicinn cho grinn ’s a ghabh Portia uasal, bheairteach ri duine mar bha esan nach robh an seilbh air saibhreas no inbh; cha b’ urrainn e a thoil-inntinn, agus a ghradh do’n mhnaoi-uasail a chuir a leithid a dh-urram air a chur an ceill ach ann am briathran bristeach gaoil agus buidheachais; a’ cur an fhàinne air a mheur gheall e nach dealaicheadh e ris gu latha a bhàis. Bha Gratiano agus Nerissa, bean-choimhideachd Phortia a’ feitheamh air an triath og agus air a’ mhnaoi-uasail an uair a thug Portia a gealladh cho suilbhear gu ’m biodh i ’n a ceile ghaoil aig Bassanio; agus ghuidh Gratiano gach sonas agus àgh do ’n chàraid ghrinn, aig a’ cheart àm ag iarraidh cead a bhi air a phosadh e fein air an aon latha riuthasan. “Le m’ uile chridhe, a Ghratiano,” arsa Bassanio “ma dh’ amaiseas tu air leannan.” Thuirt Gratiano ris gu ’n robh e an gaol air Nerissa, bean-choimhideachd na mnaoi-uaisle, Portia, agus gu ’n do gheall i gu ’m posadh ise esan na ’n gabhadh Portia Bassanio. Dh’ fheoraich Portia de Nerissa an robh so fior. Fhreagair Nerissa, “Ma ’s e ur toil e, tha e fìor, cha ’n ’eil d’ ar dith ach ur cead fein.” Dh’ aontaich Portia gu toileach, agus thuirt Bassanio gu cridheil, “A Ghratiano, cuiridh do bhanais am barrachd urraim air a’ chuirm-bhainnse againne; mo bheannachd oirbh,” Bha sonas nan càraidean grinne [TD 277] air a bhristeadh gu dòlasach ann am meadhon na h-iomairt so, le teachdaire a thainig orra a’ giulan litreach bho Antonio a’ cur an ceill naidheachd ro bhronach. An uair a leugh Bassanio litir Antonio mhùth e neul, air alt ’s gu’n do shaoil Portia gu ’n d’ fhuair e fios mu bhàs caraid ghaoil air chor-eigin; agus mar dh’ fheoraich i ciod an sgeul a chuir a’ leithid a mhulad air, fhreagair e, “a Phortia mo ghaoil, so agad briathran is mi-thaitniche a thainig riabh o bharr pinn. A bhean-uasal mo ruin, an uair a dh’ aidich mi mo ghaol duit an toiseach dh’ innis mi gu saor gu ’n robh na bh’ agam de bheairteas a’ ruith ann am chuisle; ach bu choir dhomh ’s an àm innseadh a thuilleadh air sin gu ’n robh mi na bu bhochda na ged nach biodh dad idir agam, gu ’n robh mi ann an ainfhach.” Chuir Bassanio an sin an ceill do Phortia gach ni a tha air aithris an so, mar fhuair e airgiod coinghill bho Antonio; mar fhuair Antonio bho Shylock an t-Iudhach e; mu ’n ghealladh ris an do chuir Antonio ’ainm, gu ’n tugadh e punnd d’ a fheoil fein do ’n Iudhach mur paigheadh e an t-airgiod air an latha a chaidh a shocrachadh, agus an sin leugh Bassanio litir Antonio, mar a leanas: A Bhassanio, a dhuine mo ghaoil, tha mo luingeis uile air an call, feumaidh mi an t-ùnlagh iocadh do ’n Iudhach; agus a thaobh gu ’r aocomasach e mi bhi beo an deigh sin a dheanamh, bu mhath leam d’ fhaicinn an àm mo bhais. Ach dean an rud a chi thu freagarrach; mur toir do ghràdh dhomhsa ort tighinn, na tugadh mo litir ort.” “M’ fheudail de na feara,” arsa Portia, “cuir gach gnothach troimh do lamhan gun dàil agus tog ort; bheir mi dhuit de dh-òr na phaigheas an t-ùnlagh ged bhiodh e fhichead urad ’s a tha e, m’ am fuiling mi gu’ n cailleadh an caraid caomh so fuiltean d’ a cheann air son mo Bhassanio; agus a chionn gu ’m bì mi air prìs cho mor a phaigheadh air do shon, bidh an tuilleadh gaoil agam ort.” Thuirt Portia an sin gu ’m posadh i Bassanio mu ’m falbhadh e, a los gu ’m biodh coir dhligheach aige air an airgiod; agus an latha sin fein chaidh am posadh. Chaidh Gratiano aig a’ cheart àm a phòsadh ri Nerissa; agus thog Bassanio agus Gratiano orra ann an cabhaig do bhaile Venice far an d’ fhuair Bassanio Antonio bochd ann am prìosan. Bha an latha air an robh aige ris an airgiod a phaigheadh air dol seathad, agus dhiult an t-Iudhach an-iochdmhor an t-airgiod an uair a thairg Bassanio dha e; cha ghabhadh e nì sa bith ach punnd de fheoil Antonio. Chaidh latha a shuidheachadh air son na cuise a thoirt air a h-aghaidh aig mod an lathair Dhiùc Venice, agus bha Bassanio a’ feitheamh latha na cùirte fo churam agus fo iomacheist mhóir. Eadar. le I. MACILLEBHAIN. (Ri leantainn.) SOP AS GACH SEID. Tha’n leisg a’ siubhal gu mall, agus cha’n fhad gus an dean bochduinn gréim oirre. Tha caraid amaideach moran nis trioblaidiche na namhaid a ta glic. Seasaidh an fhirinn gu daingeann air aon chois, an uair nach seas a’ bhréug ach gu cugalach air tri. Gabh gu cridhe gu’m meudaich eolas am peacadh, mar bi an cridhe air a theagasg, co maith ris a’ cheann. Tha an duine sin a ta ’caitheadh a bheatha fein, mar is còir da a dheanamh, cinnteach gu’m faigh e bàs mar is còir da fhaotuinn, thigeadh e luath no mall. Is e ar cridhe fein, agus cha’n iad barailean sluaigh eile, a bhuilicheas meas agus urram oirnn am measg ar co’-chreutairean fein. [TD 278] Tha fireantachd mar chloich-chinn na h-oisinn, ann an giùlan an duine. Gidheadh, mar bi i air a steidheachadh gu daingean ann an lithibh na h-oige, bithidh gaoid a’ chaoidh anns a’ chaith-beatha. “Tha duine a’ toirt breith air fein leis gach focal a ta tuiteam o ’bhilibh. Le thoil fein, no an aghaidh na toil aige fein, tha a dhealbh air a tharruing ann an sùilibh sluaigh eile leis gach briathar a làbhras e.” Feumaidh an duine sin dìchioll a dheanamh le uile chridhe fein a ta steidhichte air deagh ainm fhaotuinn dha fein ’san t-saoghal,—e fein a thogail suas gu h-inbh’ urramaich ’na là ’s na linn-fein agus air deagh dhùrachd a choimhearsnaich a chosnadh dha fein. Dean mar a leanas, agus togaidh tu cuimhneachan dhuit fein a bhios buan-mhaireannach. Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh, agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna, agus cha di-chuimhnichear thu gu brath. Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu chòir duinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad,—buannachd fhaotuinn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni’s feàrr air son an ama ri teachd. Tha deagh eiseimpleir chum buannachd do-thuigsinn do’n chinne-daoine, agus tha cumhachd ana-barrach mòr aice thairis orrasan ris am bheil sinn a’ còmhradh. Is riaghailt bheò so a theagaisgeas daoine gu’n dragh sam bith; agus a dh’ fhéuchas doibh an cionta gun mhaoidh gun mhasladh sam bith. Tha seann daoine ann nach urrainn cur suas le suilbhearachd agus beothalas na h-oige; ach dh’ fhéudadh iad ceart co maith coire fhaotuinn do’n earrach do bhrigh gur e an t-àm e air son teachd nam blàth agus nan duilleach, agus cha’n e an t-àm am féud duil a bhi aca gu’m faigh iad measan agus toradh an fhoghair. Tha daoine glic a’ measgadh cridhealais neo-chiontaich maille ris na nithibh a’ ta ’cur cùraim orra mar dhòchas aon chuid gu’n dichuimhnich iad na nithe sin, no gu’n toir iad buaidh orra. Ach tha iadsan a ta ’gan toirt fein thairis do’n mhisg air son suaimhneis inntinn a’ deanamh an dìchill chum bròn a leigheas le amaideachd agus cuthach. Cha’n e saibhreas mòr, no fuil uasal a ni duine sona. Tha ’n da chuid aig mòran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte, an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighidinneach le déuchannaibh, agus aig am bheil taingeileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n tì sin a’ tarruing sonais á cùisibh éugsamhla na beatha, agus éirichidh gu maith dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic. Tha cleachdadh dìchill ’na bhauannachd mhòir air a sgàth fein. Is e so fior shaorsa an duine sin a ta iriosal. Tha e ’cur dealachaidh ro chomharraichte eadar e agus an neach sin eile a tha ciontach agus truagh. Is e so fior shuaicheantas an urraim a ta aige ’san t-saoghal, agus is e so a bheir air gu’n abair e,—“Tha mi a’ cumail m’ áite fein a’m measg mo cho’-chreutairean, a chionn gu’n do choisinn mi e.” Tha e ’ga fhaicinn fein saor agus neo-eiseimeileach, agus anns gach comunn feudaidh e a cheann fein a thogail suas. A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fàgar cuid dheth ’nar soithichibh,—théid cuid dheth ’san teine,—agus tilgear cuid dheth a mach. Tha e cinnteach gum’ bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Esan a rinn ar teachd-an-tir, agus cha’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dha-san le h-airgiod no le h-or. Uaith-san tha sinn a’ faotuinn ni’s leòir air son ar feumalachd fein, ach cha’n ’eil sinn a’ faotuinn còir. Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a’ fhreasdail fein d’ar taobh. Seideadh na gaothan, agus eireadh tonna an amhghair, mu’n cuairt duit mar a dh’ fheudas iad, ach na cuireadh iad bruaillean ort. Rach air t-aghaidh air slighe na firinn agus a’ cheartais, agus bithidh tu daingean mar chreig. Suidhich thu fein air treibhdhireas, agus cuir gach anradh agus aimhleas gu’n dulan. Ma dh’ eireas mu’n cuairt duit luchd-tuaileis le’n teangaidh nimhnich, agus ma ni iad an dichioll chum smal a thoirt air do dheagh chliu, na toir feairt orra. Amhairc air gach aon diubh gu dian ’an clar an aodainn, agus na fosgail do bheul. Giulain thu fein gu direach, biodh do ghiulan glic agus ionraic,—agus thugadh ciuineas do ghnuis, agus macantas do bheatha a’ bhreug dhoibhsan maraon, leis am bu mhiann do chlaoidh, do sharuchadh, agus do smàladh as. [TD 279] HEMAN DUBH. ORAN LUADHAIDH. [Ceòl] NOTE.—This peculiar favourite song is very old. It used to be, and I doubt not still is, sung with much spirit by Highland women when fulling cloth; it is a genuine “Oran luadhaidh.” This complete version which I send you was supplied by that indefatigable Celtic Tiresias, the Rev. Mr. Stewart, Nethter-Lochaber, to the Oban Times. There are a few slight irregularities in the rhythm, but I hope your musical readers will, by a little manipulation in dividing the syllables of either text or music, be able to sing it. Each stanza after the first commences where the music is marked with an asterisk. In the first stanza, your readers will require to supply an additional short note (m) to the words “Na’n,” which I have bracketed, in order that the syllable “éisd” may fall upon the accented note following the bar beside the asterisk. J. W. Hémam dubh, hì ri och-ro, Héman dubh, hù ó. (Na’n) éisdeadh sibh, héman dubh, Rium, a mhnathan, héman dubh, Dh’ innsinn sgeul, hi ri ho ró, Dhuibh air m’ athais— Héman dubh, hì ri och-ro, Héman dubh, hù ó. Dh’ innsinn sgeul, héman dubh, Dhuibh air m’ athais, héman dubh, Gu bheil mo leannan, hi ri ho ró, Ard ’s an fhaodhail. Héman dubh, hì ri och-ro Héman dubh, hù ó. Gu bheil mo leannan, héman dubh, Ard ’s an fhaodhail, héman dubh, Cha’n fhaod mo ghaol, hi ri ho ró, Fein an taghal Héman dubh, &c. Cha’n fhaod, &c. Oganach donn, hi ri ho ró, Deas fo ’chlaidheamh Héman dubh, &c. Oganach, &c. ’N oidhche bha mi, hi ri ho ró, ’N àiridh lochain. Héman dubh, &c. ’N oidhche, &c. Cha robh e ann, hi ri ho ró, Fear do choltais. Héman dubh, &c. Cha robh, &c. Bho nach maireann, hi ri ho ró, Fionn no Oisean; Héman dubh, &c. Bho nach, &c. No Diarmaid donn, hi ri ho ró, Mac righ Lochlainn. Héman dubh, &c. No Diarmaid, &c. Ged tha mise, hi ri ho ró, ’M uiseig riabhaich; Heman dubh, &c. Ged tha, &c. Aigeannach, trom, hi ri ho ró, Gun bhi sgiamhach, Heman dubh, &c. Aigeannach, &c. Thainig teachdair, hi ri ho ró, Nis ga m’ iarraidh— Heman dubh, &c. [TD 280] Thainig, &c. Dithis an uiridh, hi ri ho ró, ’S triuir am bliadhna. Heman dubh, &c. Dithis an, &c. Gille ’s litir, hi ri ho ró, Each a’s diollaid. Heman dubh, &c. Gille, &c. Falaire dhonn, hi ri ho ró, Spuir a’s srian innt’. Héman dubh, &c. Falaire, &c. Teachdaireachd, hi ri ho ró, Bho mhac an Iarla. Héman dubh, &c. Teachdaireachd, &c. Na’n robh mise, hi ri ho ró, Am ghille-biatachd, Heman dubh, &c. Na’n robh, &c. ’N dorus sabhail, hi ri ho ró, Bheirinn biadh dhi. Héman dubh, &c. ’N dorus, &c. Bheirinn fodar, hi ri ho ró, Agus fiar dhi. Héman dubh, &c. Bheirinn, &c. Bheirinn cruithneachd, hi ri ho ró, ’S bheirinn siol dhi. Héman dubh, &c. Bheirinn cruith., &c. ’S greis fhalaireachd, hi ri ho ró, Air an t-sliabh dhi. Héman dubh, &c. Greis, &c. ’D é ged tha, hi ri ho ró, Cha ghabh mi ’m bliadhna. Héman dubh, &c. ’D é ged, &c. B’ annsa leam, hi ri ho ró, Mac Anna riabhaich. Héman dubh, &c. B’ annsa, &c. ’G am bi na h-eich, hi ri ho ró, Mhor air shrianaibh, Héman dubh, &c. ’G am bi, &c. Ni h-eich dhonna, hi ri ho ró, Throma, dhiolldach. Héman dubh, &c. Na h-eich, &c. Ach na’m bithinn, hi ri ho ró, ’N riochd na h-eala, Héman dubh, &c. Ach na ’m, &c. Shnamhainn an caol, hi ri ho ró, ’S rachainn thairis. Heman dubh, &c. Shnamhainn, &c. Dh’ fhios an aite, hi ri ho ró, ’M beil mo leannan, Héman dubh, &c. Dh’ fhios, &c. ’S chuirinn fàradh, hi ri ho ró, Ris a’ chaisteal. Héman dubh, &c. ’S chuirinn, &c. ’S bheirinn a mach, hi ri ho ró, Mor nigh’n Lachainn. Héman dubh, &c. ’S bheirinn, &c. ’S, a Mhic Dhò’uill Duibh, hi ri ho ró, A Lochabar Héman dubh, &c. ’S, a Mhic, &c. ’S truagh, a Righ, hi ri ho ró, ’S gun mi agad! Héman dubh, &c. Ge b’ e, &c. ’M bun nan craobh, hi ri ho ró ’M barr nam baideal, Héman dubh, &c. ’M bun, &c. No air bord, hi ri ho ró, Luinge faide. Héman dubh, No air, &c. No air mor-chuan, hi ri ho ró, Gorm an aigeil. Héman dubh, &c. No air, &c. ’N déis mo chur, hi ri ho ró, ’N déis mo chatha; Héman dubh, &c. ’N déis, &c. ’N déis mo dheoch, hi ri ho ró, Uisge bheatha! Héman dubh, hi ri och-ro, Héman dubh, hù ó. [TD 281-288] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 289] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1876. [58 AIR. EIRIONNAICH ’US ALBANNAICH. “NACH b’e an t-Eirionnach e!” “Cha ’n ’eil ann ach direach smior an Eirionnaich!” Is tric a chluinnear a leithid so de chainnt ann am beul nan Gaidheal Albannach, agus ann an seadh co-ionann agus ged theireadh iad: “Nach b’e an Turcach e!” “Cha ’n ’eil ann ach fior shlaightear!” A nis, gun teagamh sam bith, cha ’n ’eil e aon chuid càirdeil no eareachdail do’n Ghàidheal Albannach a bhi ’labhairt mar so mu thimchioll a bhràthar Eirionnaich. Abair na thogras tu, is e an t-Eirionnach do dhearbh bhràthair. Tha e na h-uile buille a cheart cho Gàidhealach—’n a fhuil agus ’n a chainnt—agus a tha mac do mhàthar. Agus cha ’n ann gun eolas air a’ chùis a tha mi ag ràdh so; oir a rìs agus a rìs shiubhail mi Gàidhealtachd na h-Alba air fad agus air leud; agus cha ’n ’eil mi idir ’n am choigreach anns an Eilean àluinn uaine ’s an robh mòr thlachd aig Pàdruic Naomh nan Salm; agus ann an America chuir mi eolas air Albannaich ’us Eirionnaich ’n am mìltean aig an robh fior chomharradh ar fine ’n an gnùis agus ’n an guth. Agus tha ’n t-Eirionnach air iomadh dòigh ’n a bhràthair as am faod sinn uaill a dheanamh. Airson blàths’ cridhe, airson ciùil ’us dannsa ’us òraid, c’àite am faic thu a choimeas? Gidheadh, cha ’n ann gu tur gun leth-sgeul a sheallas sinn air an Eirionnach gun ro mhòran tlachd. “Is tiuighe fuil na bùrn;” ach, a dh’ aindeoin fuil ’us cainnt, tha dà ni, air a chuid is lugha, anns a’ bheil an Gàidheal Albannach agus an Gàidheal Eirionnach a’ gabhail fad o chéil, amhuil a tha an Airde-near agus an airde-niar. A thaobh an aidmheil cha bhuin e dhuinn bòsd a dheanamh, no beum a thoirt do fhear seach a cheile. Ach a thaobh dortadh fola agus urram do bhòid tha dealachadh farsuing mar an cuan eadar beachdan ’us cleachduin an dà shluaigh. Air fad agus leud Gàidhealtachd na h-Alba tha am mortair agus fear nam mionnan-eithich, cha’n ann a mhàin ’n an cuspairean fuath agus eagail, ach ’n an cuis-uamhais. Cha ’n e mhàin gu bheil an lagh an tòir orra, ach tha mòr-chridhe an t-sluaigh gu tur agus gu h-uile—làn shuidhichte ’n an aghaidh. Cha ’n ’eil duine aig a’ bheil eolas sam bith air na Gàidheil ’n ar dùthaich a chuireas so ’an teagamh—gu h-àraid ma ’s urrainn da sealltainn air ais car deich-bliadhna-fichead na da-fhichead-bliadhna. Air dà ni a thachair ann an Eilean Dubh an taobh Rosaich, an uair a bha mi ann am bhalachan, agus a tha ’n an eisempleir air so, cha dean mi di-chuimhne gu bràth. Aon là chunnaic mi creutair truagh air bhoile cuthaich, a theich gus na coilltean, agus nach tigeadh ’an gaoth do thigh ach airson greim arain an uair a bha e air sgiùrsadh le acras. Bha e cosmhuil [TD 290] ri tamhasg; ’fhalt ’n a chiabha allta a’ seasamh suas troimh chéile mar mhuing an hyena, ’s a shùilean fuilteach ’us dearg lasarach mar shùilean cait ’s an dorcha. Bha eagal, oillt, uamhunn air an dealbh na aogais, agus mar gu’m biodh iad a’ beò-ghluasad ’n a eudann. Bha e ’clisgeadh le geilt roimh fhaileus fein, no roimh fhuaim a rinneadh le eun beag ag itealaich ri ’thaobh. ’S ann gu dearbh a bha e mar gu’m biodh, mar thà, aingeal an dioghaltais air a shàil, Agus an t-eagal a chuir ás a chiall e fein, is beag nach d’ fhàg e air gach sùil a chunnaic e. Tirc agus tearn sinn uile o’n ghluasad uamhais sin ’n an cridhe leis an dubhairt na daoine ri chéile, mar bha e ’dol as an fradharc, gun an guth a leigeadh os cionn an analach: “SUD AM FEAR A THUG NA MIONNAN EITHICH.” Mu’n àm cheudna chaidh boirionnach a mhortadh ann an àite aonarach air mullach a’ Mhaoil Bhuidhe, eadar Inbhir-Feòran agus Port-Cheasaic. A leithid de ghluasad agus a bha ’measg an t-sluaigh cha ’n urrainn dòmhsa chur an cainnt. Cùram bìdh ’us dibhe, cùram spréidhe ’us tuathanais, maille ri fois na h-oidche—dh’ fhàg iad an sluagh gu tur. Cha robh nì ach so ’n am beul agus ’n an smuain, “Co a rinn e?” “Cionnas a gheobhar greim air a mhortair?” Thàinig togail fo’n t-sluagh mar gu’m biodh na Lochlunnaich a rìs air tìr, agus cha robh duine ann an seachd sgireachdan an Eilein-Duibh nach robh ’n a fhear-dìolaidh-na-fola. A nis cuir ann an coimeas ri so na nithean a tha o là gu là a’ tachairt an Eirinn. Duine a’ dol a mach air àirde a’ mheadhon là, a’ luidhe sios le ’ghunna air culthaobh pris, agus a’ losgadh air an fhactor mar a thilgeadh tu sionnach, agus ’n a dhéigh sin a’ falbh air a shocair agus a’ faighinn fàrdoich ’us fasgaidh bho na ficheadan de dhaoine a chunnaic an gniomh. Agus cha ’n e sin a mhàin, ach mionnaichidh na h-uile duine dhiu nach do rinn e an gniomh idir, ach gu’ n robh e aig an àm air taobh eile na duthcha. Tha ann an so a’ cheist ag éirigh: “Ciod a rinn an dealachadh mór so eadar muinntir a tha dh’ aon fhuil agus a dh’ aon chainnt?” Cha ’n ’eil a’ cheist furasta fhuasgladh, agus theagamh nach e so an t-àite is freagarraiche air son oidhirp a thoirt air fuasgladh a thairgse. Ach tha ceist eile a dh’ fhaodas sinn fheòraich dhinn fein. A’ bheil na Gàidheil Albannach an diugh cho cliù-thoillteanach anns na nithe so agus a bha iad o chionn dà fhichead bliadhna? Tha eagal orm nach ’eil. Nach ’eil Eirionnaich ag éirigh ’n ar measg fein? Agus nach ’eil beachdan fior Eirionnach corr uair ri ’n cluinntinn anns a’ bhaile ud agus anns a’ bhaile ud thall? An uair a thòisicheas daoine aig a’ bheil greim air cluas nan Gàidheal air “cur na gaoithe,” seall a mach airson “fogharadh na cuairt-ghaoith.” D. Is firinneach an sean-fhocal a deir “Gu’n caomhain am fear nach caith.” Agus thubhairt an Ti sin a labhair mar nach do labhair neach riamh; “An ti a ta firinneach anns an ni a’s lugha, tha e firinneach mar an céudna ann am mòran; agus an ti a ta éucorach anns an ni as lugha tha e éucorach ann am moran, mar an céudna.” Far am bheil neach nach gabh cùram de chuid a mhaighstir, cha ghabh e cùram de chuid fein. Tha grunndalas agus millteachd ’nan nithe aig am bheil mòr chumhachd thairis oirnn, araon ’nar gnothuichibh fein, agus ann an gnothuichibh muinntir eile. Ma ni thu ana-caitheadh air cuid duine eile, tha thu ’deanamh réubainn air. Tha thu ’ga chreachadh co’-ionnan air an dà sheòl agus tha ’n càll dàsan an t-aon ni; ach ma tha cùram ort a thaobh codach do mhàighstir, gabhaidh tu an cùram céudna a thaobh do chodach fein agus théid thu air t-aghaidh air an t-slighe gu soirbheas. [TD 291] THILL AN T-EARRACH. Is àillidh ceum an earraich àigh, ’S gach àit m’ an cuairt an saogh’l. O, cuir do làmh am làimh-sa, ’ghràidh, ’S as ùr gu ’m fàs ar gaol. Am bi gach bóid a thugadh leinn, ’S gach gealladh grinn, gun stàth, ’N uair tha gach lus a’ togail cinn, ’S a thill an t-earrach tlàth? An speur no ’n cuan cha léir dhomh buaidh; Cha dual domh tlachd an nì ’S an talamh ghorm; ’s e gaol mo luaidh ’Chuir tart ro chruaidh am chridh’, Mar thart an fheòir ’s nam flùr geal, grinn, Nach cinn gun fhrasan blàth, Nis ’n uair tha eòin a’ seinn gu binn, ’S a thill an t-earrach tlàth. Nis dhùisg an t-earrach eòin nan craobh, Leag gaoir na fairge bréin’; An sgap e ’àilleachd air gach taobh, ’S gun sìon do m’ ghaol ’s domh féin? Gràdh nach tig leis a thogas dhinn Gach mighean agus cràdh, ’N uair tha gach lus a’ fàs gu grinn, ’S a thill an t-earrach tlàth? An t-àite, ’n cuimhne leat, a rùin, Fo sgàile dlùth nan crann, Am measg nam flùr—ar sùgradh ciùin? Tha bhuainn as ùr dol ann. ’S an àite ’n tric bu mhùirneach sinn, Ar gaol gu’n till mar bhà, Oir tha na h-eòin a’ seinn gu binn, A’s thill an t-earrach tlàth. Eadar. le MAC-MHARCUIS. SEANA CHLEASAN GAIDHEALACH. Fhir mo chridhe,—Tha naire orm sgriobhadh thugad leis cho fada ’s a bha mi gu ’n smid a chur ad ionnsaidh. Cha ’n ’eil mi math no toigheach air na leisgeulan agus air an aobhar sin cha’n fheuch mi ri m’ leisgeul a ghabhail. Is taitneach leam fhaicinn o àm gu àm an oidheirp dhiongmholta a tha thu a’ toirt air nithibh Gaidhealach a chumail suas mar bu choir dhoibh a bhi. Tha a’ Ghaidhlig agus gach gnothach Gaidhealach a’ faighinn meas an drast nach d’ fhuair iad bho chionn moran bhliadhnaichean agus tha mi am beachd gu ’m bi e ’n a thoilinntinn do luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL cunntas fhaighinn air cuid de na seana chleasan a b’ abhaist a bhi ga ’n cluich anns a’ Ghaidhealtachd an uair a bhiodh daoine air chéilidh. Ged tha moran de na seana chleasan Gàidhealach a nis a’ dol air dhi-chuimhn’ agus an aite air a lionadh le cleasan Gallda, tha cuid dhiu ann an cleachdainn am measg nan Gaidheal fhathast. Bheir mi le d’ chead cunntas air cleas a b’ abhaist a bhi againn ann am Bun-atha an uair bha mi am “Dhonnachadh og.” Is e am “Mart Bradach” a theireamaid ris. Is ann mar so a bhiteadh ga ’chluich. Bha a’ chuideachd air a cur ann an ordugh agus croinn air an cur co a bhithidh ’n a Righ agus co ’n a Bhuachaille. An uair a bha an Righ agus am Buachaille air an cur air leth, bha a’ chathair-mhor air a deanamh ’n a Righ-Chathair, agus air a h-àrdachadh le dà fhoid mòna a chur fo gach cois, agus an sin bha an Righ air a chur ’n a shuidhe oirre, le slait ’n a laimh. Bha an sin cairtean paipear air an cur ann am boineid, cairt air son gach neach anns a’ chuideachd ach an Righ agus am Buachaille. Air aon de na cairtean so bha dealbh Mairt. Bha a’ bhoineid air a crathadh agus an sin fear a’ dol mu’n cuairt a’ chuidheachd leatha agus gach h-aon a’ toirt cairt aisde. Bha gach aon ris a’ chairt a chumail ’n a laimh air a chul agus cha robh e fein no fear eile ri amharc oirre aig an àm so. An uair a bha na cairtean ga ’n roinn bha am fear a chaidh a chur air leth mar Bhuachaille a’ dol taobh mach dorus a’ chatha agus air dha sanas fhaotainn gu ’n robh gach ni deas air a shon, bha e a’ bualadh an doruis trì uairean gu fuaimeil. Air do ’n Righ so a’ chluinntinn bha e ag radh, “Tha mi ’cluinntiun cais- [TD 292] meachd aig an dorus; fosglaibh e.” Air do’n dorus bhi air ’fhosgladh bha am Buachaille a’ deanadh beic ris an Righ agus ag radh, “An cead bruidhinn, a Righ?” RIGH.—Is cead. BUACHAILLE.—An cead an céum so, Righ? RIGH.—Is cead. BUACHAILLE.—A’ h-uile céum gu ruig an Righ? RIGH.—Is cead. Bha aig a’ Bhuachaille ri ’bheic a dheanamh a’ h-uile h-uair a bhruidhneadh e ris an Righ. Mur deanadh e so dh’ fhaodadh an Righ éisdeachd a dhiultadh dha, ordugh a thoirt a sguirsadh agus fear eile a chur ’n a aite. Bha am Buachaille a nis a’ dol a suas gu cathair an Righ agus air dha a bheic a dheanamh ris an Righ, theireadh e, “An cead bruidhinn a Righ?” RIGH.—Is cead. BUACHAILLE.—Tha mise ’n so, am Bhuachaille bochd, bho chnoc gu cnoc, ag iarraidh Mairt mhaoil, dhuibh; tha amharus agam gu ’n deachaidh a goid, agus tha mi ag iarraidh bho ’n Righ ughdarras a chuid daoine a rannsachadh. RIGH.—Biodh e mar is math leat; so dhuit ughdarras an Righ. An uair a tha an Righ ag radh so tha e a’ sineadh na slaite Rioghail dha mar ughdarras. Tha am Buachaille a nis a’ dol troimh ’n chuidheachd a dh’ feuchainn am faic e am fear air an do leag e amharus. Air dha fhaicinn, tha e ga ’thoirt a mach gu meadhon an urlair agus a cur na meairle as a leth. Tha am fear so ag àicheadh na meairle, agus mar dhearbhadh air a neo-chiontachd tha e ’leigeil fhaicinn na cairte a tha ’n a laimh. Mur ’eil dealbh a’ Mhairt air a’ chairt tha so na fhior dhearbhadh gu bheil e neo-chiontach, agus air dha a bheic a dheanamh ris an Righ, tha e ag radh, “An cead bruidhinn a’ Righ?” An uair a gheobh e cead an Righ their e, “Co meud buille a tha an Righ ag ordachadh do’n Bhuachaille so air son na meairle mòire so a chur as mo leth agus mi neo-chiontach?” Dh’ainmicheadh an Righ an sin an cunntas bhuillean a bha am Buachaille ri fhaotainn, agus bha am fear so a chaidh fhaighinn neo-chiontach ris na buillean a thoirt do’n Bhuachaille. An uair a bha so seachad bha am Buachaille a’ dol a rithist air tòir a’ Mhairt. An uair a dh’ amaiseadh e oirre bha am fear a bha ciontach d’an mheairle air a thoirt air beulaobh an Righ, agus bha esan ag ordachadh a sgiùrsaddh, ag ainmeachadh do ’n Bhuachaille a’ chunntais bhuillean a bha e ri thoirt seachad. Na ’m b’ e ’s gu ’n tugadh am Buachaille buille a thuilleadh ’s a’ choir no h-aon tuilleadh ’s beag, bha e fein ris a’ cheart chunntas bhuillean fhaotainn. Is tric a bha an Righ ag ainmeachadh cia mar a bu mhath leis na buillean a bhi air an toirt seachad, agus cha robh e idir ’n a ghnothach farasda do ’n Bhuachaille cuimhne ’chumail air gach ni a dh’ ordaicheadh an Righ, oir is tric a theireadh e an àm toirt na binne, “Tha mi ag orduchadh fichead buille—tri cruaidh agus h-aon bog;” agus dh’fheumadh am Buachaille bochd na builean a thoirt seachad a reir ordugh an Righ. Ma’s math mo chuimhne ’s ann mar so a bha an cleas so air a chluich, ach tha cho fada bho nach do chluich mi e, ’s nach faca mi air a’ chluich ’s e, nach nàire dhomh ged bhithinn air cuid dheth a leageil as mo chuimhne. Bidh fhios agad fein ma tha mi cearr. Tha mi ’n dochas gu ’n cuir thu fein dreach air an litir leibidich so. Is mi do charaid dileas, FIONN. [TD 293] ORAN NA SAMHNA. Air Oidhche na samhna bidh ann, bidh ann, Buidsichean ’s deamhna neo-ghann neo-ghann; Bidh sìthchean le aighir a’ marcachd ’s an athar, ’S a’ toirt leo mnathan ’us clann ’us clann. Luinneag. Seinn iùra-bhinn oho, horò, horò, Nach cluinn sibh, a chaileagan, fanaibh aig baile, Mu’n bi sibh na’r fanaid ’s na’r spòrs, na’r spòrs. Seinn iùra-bhinn oho, horò, horò. Bidh moran de dhaoine fo sprochd, fo sprochd; ’S a’ chlann bidh ag caoineadh gu goirt, gu goirt; Bidh mnathan ag glaodhaich, ’s cha bhi iad gun aobhar, ’S na sìthchean ga’n slaodadh do’n chnoc, do’n chnoc. Ged bhios logaidean ’s bodaich air falbh, air falbh. Tha’n oidhche sin sona gu dearbh, gu dearbh, Gheibh fleasgaichean ’s caileagan brath air an leannain, Le fàisneachd gun mhearachd, gun chearb, gun chearb. O, tha m’ eubh ribh, a Cheòlraidh, mo chàil, mo chàil, A ghleusadh gu ceòl ’us gu dàn, gu dàn; Los gu’n seinneam mu’n ghòraich ’tha ’measg na cloinn’ òige, ’S an aois cha’n ’eil moran nas fheàrr, na’s fheàrr. Bidh fleasgaichean ’s cailean, gun tàmh, gun tàmh, A’ falbh feadh gach baile ’goid càil, ’goid càil; Cha bhi gàradh no callaid nach leag iad gu talamh, ’S iad ’teicheadh leis dhachaidh gun nàir’, gun nàir’. ’N uair ’thig iad leis dhachaidh, air chrith, air chrith, Gu’n cuir iad e seachad, gun fhios, gun fhios, Bràigh dorus an tighe, mu’n teid iad a laidhe, ’Us bidh e gu lath’ ann a’ sin, ann a’ sin. An ciad neach ’thig a steach, an t-ath là, an t-ath là, Bidh na ’chomhar gu beachd, air an gràdh, air an gràdh; ’Us dona no math air an stoc ma bhios blas, Bidh an urra sin ceart no gun stàth, no gun stàth. Ma leanas ris tobhtag no pleoc, no pleoc. Aig an aon sin bidh tochradh, no toic, no toic; Ach ma bhios an stoc geocach, crom, cam, agus crotach, Bidh an duine sin coltach na ’chorp, na ’chort. Cleachdadh eile tha aca, gu dearbh, gu dearbh, ’Bhi mach feadh nam bailtean, air falbh, air falbh, Ag ’eisdeachd ’s a’ farcluais aig dorus gach aitrimh ’S gur comhar ’chiad fhacal air ’ainm, air ’ainm. [TD 294] A mach do’n chruaich arbhair, theid iad, theid iad, ’S bidh a’ spionadh ’s a’ tearbadh nan dias, nan dias: An sìol-mullaich ma dh’ fhalbhas, cha bhi ac’ ach fann-earbsa Gu’n téid céile leo ’shearmoin gu sìorruidh, gu sìor. ’S theid feadhainn le faicill do’n àthaidh, do’n àth, ’Us bheir lad leo ceirsle de shnàth, de shnàth; Ga ’tilgeadh do’n lagan trì uairean ’s ga tachras, Dh’ fhiach ’n téid oirre grabadh le’n gràdh, le’n gràdh. Cuid eile gheabh ubhal, gun fhios, gun fhios, ’S théid iad gu sgàthan g’ a ith, g’ a ith; ’S chì iad coltas an leannain ga ’spioladh gu h-ealamh, ’S ga ’thoirt as an lamhan gu clis, gu clis. ’Us tha e de chleachdadh aig cuid, aig cuid, Dol do’n t-sabhul a dh-fhasgnadh le guit, le guit; ’S chì iad samhladh no tannasg ’dol seachad na ’dheannaibh ’S a’ dol as an t-sealladh na ’ruith, na ’ruith. ’S theid fleasgaich a dh-aitheamh nan cruach, nan cruach, ’S g’ an tomhas le’n lamhan mu’n cuairt, mu’n cuairt, Dh’ fhaighinn samhlaidh na’n glacaibh air a’ chéile ’bhios aca; ’Sin teichidh iad dhachaidh gu luath, gu luath. Cuid a thumas an alldan an léin’, an léin’, Far an coinnich trì oighreachdan ’chéil’, a chéil’; ’S ris an tein’ fad na h-oidhch’ theid a cur gus am foillsich Ga ’gèard tannasg, no taibhse, na dréug, no dréug. ’N sin theid aig an teallaich, air lic, air lic, Tri cuachagan geala de dh-fhiodh, de dh-fhiodh; Ann an té bidh uisg’ glan, ’s an aon eil’ uisg’ salach ’S an treas té bidh falamh, gun sil’, gun sil’. ’S theid dallan air neach gu seòlt’, gu seòlt’, ’S gu’n teann e na ’n caraibh le ’chròig, le ’chròig; Air té thruaillt’, glan, no falamh, ma dh’ éireas da amas, ’S e leith’d sin ’ni e theannadh na ’choir, na’ choir. An sin gheabh iad uachdar á stòp, á stòp, ’S gu’n dian iad dheth fuarag ’bhios mòr, bhios mòr; Theid a cur ann an cuaich, ’s cuirear fainne gu luath innt’, ’S ge b’e gheabh e tri uairean gu ’m pòs, gu’m pòs. Bonnach-salainn no sgadan ’bhios goirt, ’bhios goirt, Gu’n ith iad le cabhaig, ’s le’n toil, ’s le’n toil; Los gu ’m faic iad an leannan (’n uair ’theid iad do’n leabaidh) ’Tigh’nn g’an ionnsuidh fo mhadainn le deoch, le deoch. Nis sguiream de m’ òran ’s de m’ dhuan, ’s de m’ dhuan, ’S a dh-innse mu ghòraich an t-sluaigh, an t-sluaigh; Gheabh gach urra ri phòsadh an neach ’tha ’s an òrdugh, ’S cha chùm duine ’s an Eorp’ e bhuap’, e bhuap’. Seinn iùra-bhinn, &c. [TD 295] TOMAS REUMAIR. “An uair thig Tomas le ’ chuid each, Bidh là nan creach aig Cluaidh.” CHA’N ’eil ach fìor bheagan air sgial againn de eachdraidh chinntich sa bith mu Thomas Reumair. Is ann a mhuinntir Ercildoune (Earlstoun), baileachan beag a mach air a’ Ghalltachd a bhà e. Tacan a mach as a’ bhaile chìtear gus an là an diugh làrach a’ chaisteil aige. Bha uair a bha e ainmeil ’s a’ Ghàidhealtachd, agus fhathast cha do leigeadh tur air dìochuimhne e, ach, ar leam nach cuala mi co dhiubh a bha no nach robh Gàidhlig aige. Is e Learmont a bu daoine dha—is ann a chionn e bhi ri bàrdachd a theirteadh an Reumair ris. Bha e ann ri linn Alastair III., agus their feadhainn gu ’n d’ éirich e le Wallace; ach cha robh e ’am bithibh an t-saoghail so ’s a’ bhliadhna 1299, thathas am beachd. Cleas ioma duine fhoghluimt’ a bh’ann ri ’linn, bhìteadh ag cur air Tomas gu ’n robh a’ sgoil-dubh aige. Tha innse-sgeòil againn cuideachd gu ’m biodh e ri fiosachd no fàisneachd; ach co dhiùbh a fhuair e an t-eòlas sin bho mhaighdinn-chràbhaidh a bh’ ann an Haddington, no bho leannan-sìth, cha’n ’eileas tur chinnteach. Coma, is ann mar so a chuala mise a fhuair e bho ’n leannan-shìth e:— Bha e latha na ’shìneadh, na ’dhùisg no ’n rìgheachd-na-suain’, ’am bun craoibhe-caoruinn air uchdaich Beinn Eildoin, agus faicear a’ dol seachad an aon rìbhinn a b’ àillidh snuagh a chunnacas riabh. Bha i ’marcachd air falaire bhòidhich, ghuirm, ’s a muing air chrathadh le cluigeinean airgid a bha togail fuinn fo ghaoith an fhirich. A diallaid de ’n ìbhridh fhìor ghloin fo dhealtradh de dh-obair an òrchiùird. Na stiorapan, a deise, ’s gach seud ’us nì mu’n cuairt di, a’ toirt bàrr air a chéile ’am maise ’s ’an luach. Bha bogha de dhearg an iubhair air lugh na ’làimh, agus a dòrlach ’an crochadh ri ’crios. Trì mìol-choin uaine aice air lomhainn, agus trì coin-luirge gun mheang ri ’sàil. Thuit Tomas an trom ghaol oirre ’s a’ chiad phlathadh, ’s chuir e fàilte oirre ’s dh’ iarr e a làmh. A làmh cha tugadh i seachad mur gabhadh e an toiseach aice na ’ghille. Thàlaidh a snuagh ’s a cainnt e cho mór ’s gu ’n d’ aontaich e sid a dhianamh; ach mu ’n gann a chòrd iad, dh’ fhàs ise na ’caillich a bu déisniche dhuaichnidh a chunnacas riabh no chì. Na sùilean sin a bha bho chionn tiota stràcte le mùirn ’us gaol, thionndaidh iad gun lannair na ’ceann. Chrìon ’us dh’fhail a falt gu buileach, ’s dh’fhàs a deise na baidrich bhàrlag, ’s cnaimhean na falaire fhein a’ sginneadh romh ’n t-seiche. Cha robh dreug no druineach nach b’ òigh làmh rithe; ach coma, an uair a dh’ iarr i air soiridh bhuan a ghabhail leis a’ ghréin ’s leis a’ ghealaich, ’us leis gach lus ’us craoibh, dh’ìmpich e ’s dh’fhalbh e leatha do’n Tìr-fo-gheas. Ghabh iad a stigh do dh-uamha ’s thug iad trì latha ’s trì oidhche ’an goile ’n talmhainn, gun bhiadh gu ’n deoch, ag coiseachd ’an dall-dorchadas, uair a chluinneadh iad nuallanaich a’ chuain, ’s uair a chroisgeadh iad aimhnichean fala, gus mu dheireadh thall an d’ fhosgail an talamh dhaibh. A’ sin fhuair iad iad-fhein ’an gàradh àluinn a bha ’sruthadh leis gach soighneas ’us àilleas, gach lus fo bhlàth ’s gach craobh a’ lùisreadh le measan, agus na h-eòin a’ seinn ceileiridh nach cualas riabh ’àicheadh. Mu’n gann a bha iad a stigh ’s an ionad-àigh so dh’ ath-nuadhaich a bhan-chompanach—i-fhein ’s a lòiseam, agus sùil dh’ an d’ thug e, bha i na b’ àillidh [TD 296] na bha i an uair a chunnaic e an tùs air a’ bheinn i. An impis fannachadh leis an acras, shìn Tomas a làmh a ruigsinn air meas. “Na dian,” os ise, “sin agad na h-ùbhlan-sianta a thug bàs mhic-an-duine.” An sin thòisich i air an dùthaich fhiachainn da. “An t-slighe ud thall air do làimh dheis,” os ise, “is ann oirre a thriallar do phàras. An t-slighe chònard, réidh, shíos ud fothad, is i rathad nan daoidh do rìgheachd-nam-pian. An treas slighe a tha ’gabhail romh ’n doire dhoilleir ud thall is ann oirre a dh’imichear do ’n ionad-mheadhon. Ach a’ faic thu ’n rathad eile a tha ’g iathadh a null romh ’n raon dh’ionns’ a’ chaisteil àigh ud bhuainn? sid agad an rathad a tha ’dol gus an Tìr-fo-gheas—an rathad againne, agus is e an caisteal ar ceann-uidhe. Is ann ’s a’ chaisteal ud a tha ’n rìgh a’ fuireach agus is mis’ a bhànrighinn. An uair a theid thu stigh do ’n chaisteal feumaidh tu ’bhi d’ bhalbh-thosd, ciod sa bith a theirear riut: innsidh mi-fhein an ceann-fáth dhaibh, agus is e sin, gu’n d’ thug mi do labhairt bhuat air an t-slighe dhuinn as an tir-ìsil.—A nise tog ort”. A’ sin thog iad orra air cheann an turuis. An uair a ràinig iad an caisteal chaidh iad a stigh do’n tigh-fhuine, ’s bha ’sin cuirm ga ’gréidheadh, ’s féisd ga ’cumail, a dh’ fhoghnadh do rìgh an domhain fhein. Bha deich feidh fhichead na ’n sineadh air bòrd-mòr an tigh-fhuine, ’s còcairean gun fhàillinn ga ’n àitheadh ’s ga ’n deasachadh, ’s na mìol-choin thomalt a rinn an t-sealg na ’n laidhe ag imlich ’s ag òl na fala, air àird’ an dòigh’ ag amharc na sìthne. A’ sin chaidh iad a stigh do thalla-mòr an rìgh, ’s chuir esan gun eud, gun umhail, fàilte ’s furan air a cheile chaoimh. Bha ridirean ’us baintighearnan ’s rìdhleadh triùir aca ga ’dhannsa gu cuireideach air a’ chlàraidh. Gach airteal, sgios, agus allaban, a dh’ fhuilig Tomas air a thurus bho Bheinn Eildoin, chuir an rìmheadh, ’s an ceòl, ’s an dannsa, gu buileach fo cheal, agus sid e ag cur nan car dheth cho dlùth ri gille-mirein am measg chàich air a’ chlàraidh. An ceann ùine ’s aimsir, ’s ar leis-san gu ’m bu ghoirid, thug a’ bhànrighinn guth e, ’s dh’ iarr i air e-fhein ullachadh gu tilleadh dhachaidh. “Nise,” os a’ bhànrighinn, “c’ fhad a tha thu ’n dùil a tha bho’n a thàinig thu?” “Ma tà, ’ùigh nam ban,” osa Tomas, “shaoilinn gu’m beil mu sheachdain ann.” “Is tus’ a th’ air do mhealladh, a a Thomais,” os a’ bhànrighinn, “tha seachd bliadhna bho’n a thàinig thu ’so, agus is mithich dhut a bhi ’falbh Bidh am Fear-mòr e-fhein a’ so am màireach a thogail na cànach, agus duine cho eireachdail riutsa, cha dù dha dol as air. Cha bu ghiamh leam air an t-saoghal a dh’ iathas mu’n ghréin, gu’m bithinn-sa am ìmpidh air do chur an làimh; uime sin ma ta tog ort agus biomaid a’ triall.” Thug sgial an uamhais so air Tomas, olc air mhath, an Tir-fo-gheas fhagail; agus cha b’ fhada gus an do chuir a’ bhànrighinn gu sàbhailt e, far an do thachair i ’n tùs air, am bun na craoibhe-caoruinn, ’s na h-eòin a’ seinn gu h-iullagach na ’geugan. An sin ghabh i soiridh-ghaoil leis, agus chuir i mar gheasan air—falbh leatha ge b’e uair a thigeadh i g’a iarraidh. Mar sin ag gabhail a cead deth, a los a chliu a bhi gun bheud, bhuilich i air an teanga nach innseadh briag. Chaidh esan gu ’dhùlan a dhiùlt na buadhach so, a dhianadh, ar leis, òinid gun mheas deth, air [TD 297] feill ’s an clachan, ’an cùirt an righ ’s an cuideachda leannain. Ach bu diomhain da cur na ’h-aghaidh—cha d’ thug i feairt air; a chor ’s nach robh cuideachda ’s am bitheadh e, an uair thuiteadh do ’n chonaltradh a bhi mu ’n ùine ri tighinn, nach dianadh Tomas Reumair fàisneachd dhaibh, agus cha b’ urrainn da a’ chaochla. Thug Tomas fada beò na ’dhùn fhein an deaghaidh dha tilleadh as an Tir-fo-gheas agus e ’m miagh ’s an urram mar fhàidhe aig mithibh ’us mathaibh gach dùthcha. Tha mòran fhathast air sgial dheth ’fhàisneachd agus cha bheag dhi a thàinig air chois. Ach is diomain gach dùil ’us creubh air thalamh, agus cha bu dual do Thomas a bhi mairionn gu bràch. Là mór a bha ’sid ’s Iarla Mharch aige air chuireadh, chuir muinntir a’ bhaile fios g’ a ionnsuidh gu ’n robh damh-féidh ’us eilid ag gabhail romh ’n t-sràid a’ dianamh direach air a chaisteal. An uair a chuala Tomas so, ghrad-éirich e bho ’n chuirm, ’s ag innse do na h-aoighean gu’n robh an uair aige air ruith, dh’ fhalbh e leis an damh ’s leis an eilid air an ais do ’n fhrith, agus ged a chithear e fhathast na ’uaireannan le còrr dhuine àraid a thiùraicheas e e-fhein ’fhiachainn daibh, cha d’ rinn e bheag sa bith tuille de chomunn ri muinntir an t-saoghail so. Tha Tomas fhathast fo gheasan, agus is e ’s obair dha, ma ’s fhìor, a bhi cur suas armailte ’am feitheamh latha uamhasaich a tha gu tighinn air Albainn. Cò nach cuala mu’n dròbhair-each a bh’ann roimhe so, a reic an t-each dubh ri coltas fìor dhuin’-uasail de na daoine bho shean. Cha do phàidh e air ’uachdar e, ach thuirt e ris na’n tachradh e air mu mheadhoin-oidhche air beinn àraid a dh’ ainmich e, gu’n d’ thugadh e ’n t-airgiod da. Is e bh’ ann gu’n do chòrd iad ’s gu’n d’ thug an dròbhair a’ bheinn air ’s an àm a shònraich iad. Ràinig e ’s chaidh an t-each a ghrad-phàidheadh dha le buinn de sheann chùinneadh na rìgheachd, agus thug an duine-uasal cuireadh dha a dh’ fhaicinn àrois-thaimhe. Dh’ fhalbh iad cois air chois, agus ciod a bha ’sid ach stàbull mór làn ghearran air stall, agus saighdeir fo làn uidhim na ’shìneadh balbh aig casan gach eich. “Cha’n ’eil fear no each dhiubh sin,” os an duin’-uasal ris an dròbhair, “nach dùisg ’s nach bi mach latha Sliabh-an-t-siorra.” ’An ceann shìos an stàbuill mhòir so bha claidheamh ’us dùdach an crochadh air ealchain, agus sheòl am fiosaiche do’n dròbhair iad, ag ràdh gur h-iad sid a dh’ fhuasgladh a’ gheas. Chaidh an dròbhair na ’bhreitheal leis na cuir a bh’ ann, agus beirear air an dùdaich ’s teannar ri ’séideadh. A chlisgeadh ghluais na h-eich agus thòisich iad air breabadh chas ’s air crathadh shrian. Dh’ éirich na daoine ’s tharrainn gach fear dhiubh a chlaidheamh á truaill, agus leis an eagal thuit an dùdach á làimh an dròbhair, ’s chual e sruth mòr mar ’ghàir a’chuain ag radh:— Mairg air a’ chladhaire riabh ga ’bhreith, Nach do tharrainn a lann mu’n d’thug e sgal, agus dh’ éirich oiteag mhòr ghaoithe ’s thugar an togail bheag mhòr ud air an dròbhair a mach as an uamha, ’s dh’ fhairtlich air riabh tuille a dorus fhaotainn. Tha ’n sgialachd chiadna air a h-aithris le Raonull Scot, fear a chuir a mach leabhar mu bhuidseachd ’s mu eòlasan ri linn Bànrighinn Ealasaid. Cha robh e-fhein a’ toirt géille dhaibh, ach ionann’s a dhearbhadh beachd a th’ aig feadhainn gu’m beil spioraid dhaoine-mòra ann a tha ’dìon ’s a’ tathaich bhailtean ’us dhùthchannan a bu toigh leo an tir nam beò, tha e ’g ràdh: B’ [TD 298] urrainn domh fear àraid ainmeachadh a chunnacas bho chionn ghoirid—e-fhéin no samhladh air choirigin a tha ’gabhail an ainme sin air. Tha ciad bliadhna bho’n a dh’eug e, ’s bha gach duine a’ sealltainn air mar fhàidhe no mar fhiosaiche. An uair a chunnacas e ma tà thug e cunntas gàbhaidh mu ghorta ’s mu phailteas, mu chogadh ’s mu dhòrtadh fala, ’s mu dheireadh an t-saoghail. Is ann mar so a chunnacas mu dheireadh e a réir innse-sgeòil an duine air an do thachair e: “Bha mi turus air feill ’s a’ bhaile ud thall a’ reic eich,” os esan, “ach leis nach d’ fhuair mi mo thoileachadh prìse air, thill mi dhachaidh leis, agus tachrar an duine so orm air an rathad. Ghabh e naidheachd na féille ’s dh’ fhorfhaisich e mu chor na dùthcha. Chaidh sinn mar so an seanchas a chéile agus ìnnsear mi-fhein dha mu ’n each. Thòisich e air an each a cheannach, agus ’s e bh’ ann gu ’n do reic mi ris e. Thìll e leam agus thuirt e na’n rachainn dhachaidh leis gu’m pàidheadh e an t-each dhomh. Chum sinn air—mise air muin m’ eich fhein agus esan a’ marcachd air each cho geal ris a’ chanach. Dh’fharraid mi dheth càite ’n robh e fuireach, agus c’ ainm a bh’air. Thuirt e gu’n robh e ’fuireach am Farran mu uidhe mìle dhuinn—àite nach cuala mi guth riabh mu dhéighinn ged a b’aithne dhomh gach cèarna de’n dùthaich. Dh’ innis e dhomh cuideachd gu ’m b’ e fhein am fear ud de theaghlach Learmont a bha cho ainmeil ’s an tir a thaobh ’fhàisneachd. Chuir so beagan eagail orm, agus cha do lughdaich e dhomh e a bhi ga m’ fhaicinn fhein air rathad ònrachdach air nach robh mi riabh roimhe. Ach chum sinn air le siubhal-sith gus an d’ fhuair mi mi-fhein gun fhios ciamar ’an goile ’n talmhainn. Co bha romham a’ sin ach boirionnach briagha, ’s phàidh i an t-each dhomh gun smid a ràdh. Thug esan air m’ ais mi romh chadha fada farsuinn far am faca mi cóig ciad saighdeir na’n laidhe fo chuing nan arm ’s iad ionann ’s na’n suain. Mu dheireadh le solus na gealaiche fhuair mi mi-fhein a mach ’s a’ cheart àite ’s an do thachair e orm, agus rinn mi luim air a bhi aig an tigh mu ghairm-choileach. An uair a chunnt mi an t-airgiod bha an dùbladh agam ’s a phàidheadh dhomh air an each, agus fhathast tha beagan de na buinn agam—buinn naoidh-sgillinnean, thrì sgillinnean, buinn-a-sia, agus eile.” A réir coltais bha Tomas cho math air pàidheadh ’s a bha e air fàisneachd, agus ma ’s fhìor an dròbhair, bha a chuid airgid móran na bu mhò tàth na an t-airgiod-sìth a tha sinne ag cleachdadh. Cha mhó a tha teagamh nach b’ i am maighistir-sporan ud bànrighinn nan sìthichean a thug leatha Tomas do ’n Tìr-fo-gheas; ach ged nach d’ thàinig e fhathast le ’chuid each, agus nach ’eil ’fhios co dhiùbh a tha am bruth ’am Farran ’an Dùn-buic no ’n Tom-na-h-iùraich, ma leanas an cosnadh ’s a’ Ghalltachd mar a thà e, a réir uile choltais, “bidh là nan creach aig Cluaidh.” DIARMAD. Cha’n ’eil ni ann a ta co iongantach ri Leabhar, ach duine beo a mhain. Is teachdaireachd dhuinn on bhas e. Is aithris e a chuireadh d’ar n-ionnsuidh le muinntir nach fhac sinn riamh. Is comhradh uathasan e a bha beo o chionn mile bliadhna, agus a bha miltean de mhiltibh asdair air falbh. Tha so iongantach, gidheadh, tha iadsan a bha beo o chein, a’ labhairt ruinn an diugh anns na duilleagaibh beaga sin. Tha iad ’gar dusgadh, ’gar brosnachadh, ’gar teagasg, a’ toirt misnich agus comhfhurtachd dhuinn, agus a’ fosgladh an cridheachan dhuinn mar bhrathairean agus mar luchd-daimh! [TD 299] MARBHRANN DO SHIR IOSEPH RADCLIFFE. LE UILLEAM MAC-COINNICH. DH’EUG an ridire so ’s a’ bhliadhna 1872. Is Ban-Gharannach, nighean do dh-Fhear-Lic, a bha pòsda aige. Bha taobh mór aige, mar a th’ aig an ridir òg a dh’ fhàg e na ’dheaghaidh, ris a’ Ghàidhealtachd. Bha frìdh Ghàdhaig aige cunntas mòr bliadhnaichean, agus ré an ama sin b’ e Uilleam Mac-Coinnich so, a rinn a’ mharbhrann dha, an t-Ard-Ghìomanach. A mach bho a bhràthair fhéin, Aonghus Mór Mac-Coinnich (faic An Gaidheal, leabh. v. slios 44), b’ ainneamh sealgair a thug bàrr air Uilleam; ach, neothar-thaing dha, “bha e bho ’n a ru adh e riabh ’an caidreamh fhiadh ’us earb.” Faodar a ràdh gur h-ann air am feadh a dh’ àraicheadh e—agus sin ’s na ceart mhonaidhnean ’s an robh tathaich Dhònuill mhic Fhionnlaidh nan dàn—seann fhrìdh Loch-Tréig. Bha a shinnsirean bho chionn fhios cò an linn ’am Bràighe-Lochabar, ’s tha càirdean ’us dìlsean da fhathast ann, na ’n tuath chothromaich. Tha ’bhàrdachd nàdurrach do Uilleam Mac-Coinnich, ’s rinn e de dh-òrain ’s de dhuanagan snasmhor, na lìonadh leabhar mòr; ach cha bhi sinn ri moladh-mairbh air; tha e beò, slan, fhathast, ’s gu’m bu fada mar sin da. “Theid dùchas an aghaidh nan creag;” is nighean do dh-Uilleam a chuir an “Clò-dubh” mu’n òran a th’ aig bonn an t-slios. DIARMAD. Gur mise ’tha fo airteal ’s fo thùrs, ’S beag m’ aighir ri sunnt an dràst, Bho’n a chaill mi mo charaide-cùirt, A sheasadh mo chùis ’s gach càs. ’S leir ri fhaicinn a bhlath air mo ghnùis, ’S tric snidhe mo shùl gu làr, Bho’n ’chuir iad thu ’d laidhe ’s an uaigh, Bidh mi ’m dhuine bochd truagh gu bràch. Co ris a theid mi g’am ghearan a chaoidh, Ged a bhithinn fo bhinn aig càch, ’S tu sheasadh gun athadh mo chùis, ’N uair bhithinn fo ghlùn mo nàmh. Ged a thionndaidheadh càch rium fuar, Bha do chridhe ’s do chluas dhomh blàth, ’S tha m’ earbs’ ann am Mac Righ nan Dul, Gu bheil d’ anam, a rùin, aig tàmh. Thig Earrach, thig Samhradh, na ’dhéigh, Tionnda’idh siantan nan speur gu blàs, Thig bruthainn ’s an Fhoghar ri grein, Chuireas toradh ’s gach por tha fàs. Ach thig Geamhradh na gailinn na ’dheigh, Crionaidh luighean ’us feur gu làr, ’S ann mar sin tha saighid an aoig, A’ taghadh nan laoch a’s fearr. ’S ann agad bha ’n inntinn, fhir ghaoil, Nach fhaiceadh na’n eiginn càch, Gu h-uasal, macanta, ciuin, ’Us sealladh do shùl cho blàth. Cha spiocaireachd, ghortach, gun diubh, Bu toigh leat, a ruin, bhi ’d phàirt, ’Us gu’m b’ aigh’reach mise na d’ chùirt, Gus ’n do dhealaich ar cùrs am bàs. ’N uair chaidh mi an toiseach fo d’ sgéith, Cha robh sinn le chéil’ ach òg; Bha thus’ anns an onair bu dual— Mise am ghiullan bho Chruaich a’ cheo. ’S ioma comhairle ghliocais le tùr, Thug thu orm anns gach cùis bu chòir, Bithidh mi nis mar bha Oisein na Feinn, Ri cumhadh ad dheigh ri m’ bheò. A JACOBITE MARCHING SONG FROM THE GAELIC OF ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. Oh, we love him, love him, love him, Oh, we love him, love him, Charlie! March we then, so lightly, proudly; Close together,—thus we’ll guard him. Ruin seize this ruthless king, then, Who, in conquering, tined the glory;— Blackened homesteads, butchered kindred, Long shall live in song and story. Oh, we love him, &c. Ill befall the coat untidy! Loathed of those who yet unborn are; True-born Gael, well wot I, ever, On his back displayed would scorn it. Oh, we love him, &c. Give to us our plaid of tartan, Kilt, blue-bonnet, loved ferara, Dirk keen-bladed, Islay-hilted,— Sin an Gaidheil mar bu choir dha! Oh, we love him, &c. And though I’m here, just now, in Sassun, Their ways and fashions I regard not;— It’s, Oh! to be ’mong Highland maidens, Whose lip-music is the Gaelic! Oh, we love him, &c. MARY E. MACPHERSON. [TD 300] ’S tric dh’fhalbh sinn air thurus do’n bheinn, Bhiodh do ghunna air ghleus, a sheòid, Bha mi earbsach á d’ laimh ’us á d’ shùil, ’N uair a lùbadh tu ’n glùn le deòin. Bhiodh an làn-damh cabrach gun lùs, ’Call fal’ air an driuchd gu làr, Cha’n iarramaid cuileana seang— Bhiodh do pheileir mu cheann a bhais. Fhad ’s a mhaireas mo mheodhail ’s mo thùr Gu’m bi e nam’ chuimhn’ gach là, Na fhuair mi de sholas ad chùirt, An aighear ’s am mùirn, ’s a’ spòrs. Ann am monadh no ’m frìdh nan damh seang, An coire, no’n gleann a’ cheo, ’S e thogadh mo chridhe, gu sunnd, Bhi ’g eisdeachd ri cainnt do bheòil. Tha do bhaintighearnan òga fo thùrs, ’S tric snidhe an sùl gu lar, Mu’n athair, a thog iad ri ghluin, Choisinn urram ’us cliùth thar chàch. Cha’n ioghnadh ged bhithinn-sa ciùirt, Mu theaghlach mo rùin gach là, Bho’n chaill iad am barantas-cùil, ’Bha ’gleidheadh an cùrs dhaibh òg. ’S ann a ghabh sinn cead deireannach buan Aig cladach a’ chuain Dimairt, Cha’n fhaca mi tuilleadh do ghnuis, ’N uair a dh’ fhaisig thu nunn thar sàil’. Bha deòir a’ frasadh o ’m shuil, ’N uair chuir mi mo chul ri tràigh, Tha mi nise mar bhàta gun stiuir— Gun sgiobair, gun siùil, gun ràmh. Gur lionar m’ osnaich fo thuinn, ’S mo chridhe am chom fo phramh, Tha acain fo aisnean mo chléibh, Cha dean lighich’ mo chreuchdan slàn. Cha ghalar, no goirteas mo chinn, A dh’ fhag mi cho tinn an dràst, Ach cumhadh mo mhaighstir ghaoil, ’S mo bheannachd ad dheigh gu bràth. Sguiridh mise ga d’ chumhadh, fhir ghaoil, Bho ’n nach dean e dhomh feum no stath, Chaidh toll ann am chridhe làn chreuchd, Bho’n ’chuala mi sgéul do bhàis. Ach guidheam le còmhnadh Mhic Dhé, Do Mhac oighre bhi ’g eiridh ’d àit, Ann an onair, an gliocas, ’s an suairc’ Gu lionadh a suas na bearn. AN CEANNAICHE EADAILTEACH. (Air a leantainn.) AN àm do Phortia dealachadh r’a fear-posda labhair i gu misneachail ris, agus dh’ iarr i air a charaid a thoirt leis an uair a thilleadh e; ach bha i fo amharus gu ’n eireadh gu h-olc do dh-Antonio, agus an uair a dh’ fhagadh i leatha fhein, thoisich i air meorachadh an robh aon doigh no doigh eile anns am b’ urrainn di ruigheachd air caraid a Bassanio gaoil a shaoradh; agus ged gheall i, air son an tuilleadh urraim a chur air Bassanio, gu ’n geilleadh i gu malda macanta d’ a ghliocas-san mar thigeadh e do mhnaoi dhileis, air a shon so uile, a nis an uair a bha an cunnart anns an do sheas caraid caomh a fir-phosda ga ’cur fo ghluasad, cha robh teagamh aice ’n a cumhachd fein, agus làn d’ an bheachd so gun chead gun chomhairle, chuir i roimhpe gu ’n togadh i oirre do bhaile-mor Venice, agus gu ’n tagradh i anns a’ chuirt as leth Antonio. Bha aig Portia caraid a bha ’n a fhear-lagha (is e Bellario a b’ ainm da); sgriobh i a dh-ionnsaidh an duin’-uasail so, a’ cur an ceill gach ni mar bha, agus ag iarraidh a chomhairle agus aig a’ cheart àm gu ’m biodh e cho math ’s gu ’n cuireadh e ga ’h-ionnsaidh an fhalluinn a b’ abhaist da a chaitheamh an uair a bhiodh e a’ tagradh aig a’ mhòd. Thill an teachdaire le litrichean bho Bhellario ga ’seoladh mar dheanadh i, agus leis gach sìon a dh’ fheumadh i g’a h-uidheamachadh air son na cùirt. Sgeadaich Portia agus a bean-choimhideachd Nerissa iad fein ann an aodach-fhear, agus a’ cur uimpe falluinn an fhir-lagha thug i leatha Nerissa mar chléireach; agus a’ togail orra gun dail rainig iad baile-mor [TD 301] Venice, direach air latha na cuirt. Bha chuis direach a’ dol a bhi air a gairm an lathair an diùc agus comhairlich a’ bhaile ann an talla-mor a’ mhòid, an uair a thainig Portia a stigh agus shìn i suas litir bho Bhellario anns an d’ thuirt am fear-lagha ainmeil sin ris an diuc, gu ’n robh e fein a’ cur roimhe tighinn air aghaidh a thagar as leth Antonio, ach gu ’n robh e air a bhacadh le tinneas, agus dh’ iarr e gu ’n tugteadh cead agus cothrom do ’n sgriobhadair og, uasal Balthasar (is e so an t-ainm a thus e do Phortia) tagar ’n a àite. Cheadaich an diuc so, agus ioghnadh air cho og ’s a bha coltas a’ choigrich, agus i gu seolta grinn air a ceiltinn fo fhalluinn an fhir-lagha agus gruag fhada, bhàn air a ceann. Thug cudthromachd a’ ghnothaich a ghabh Portia os laimh an tuilleadh misnich do’n mhnaoi-uasail àillidh sin agus an taice a dleasnais ghabh i gun athadh, gun sgàth. Theann i an toiseach ri Shylock, an t-Iudhach; agus ag aideachadh gu saor, a reir laghannan na h-Eadailt, gu ’n robh lan choir aige air an dìoladh a bha air a chur sios anns a’ chumhnant, labhair i cho grinn mu iochd agus mu throcair ’s gu ’n tugadh e maothachadh air cridhe sa bith ach cridhe cruaidh Shylock; chuir i an ceill gu ’n robh trocair a’ braonadh mar fhrasan sèimh nan speur a nuas air an talamh; mar bha beannachd dùbailt a’ leantainn trocair, a’ beannachadh an tì a nochd agus an tì a fhuair trocair; mar thigeadh trocair do rìghrean na b’ fhearr na an crùin, a chionn gu ’m b’ aon de bhuaidhean Dhe fhein trocair; gu ’n robh cumhachd an duine a tighinn dluth do chumhachd Dhe a reir ’s mar bha e a’ taiseachadh ceartais le trocair; agus ghairm i air Shylock e a chuimhneachadh mar ghuidheamaid uile air son trocair, gu ’n tigeadh e dhuinn trocair a nochdadh. Cha ’n fhaigheadh i smid fhreagairt bho ’n Iudhach ach tagradh air son an ùnlagh a bha air ’ainmeachadh anns a chumhnant. “Nach ’eil e comasach an t-airgiod a phaigheadh?” arsa Portia. Thairg Bassanio an sin do’n Iudhach làn phaigheadh thairis a’s thairis; cha b’ e mhain tri mile bonn òir, ach de dh-òr na thoilicheadh e; rud a dhiult Shylock ag radh nach gabhadh e ni ach punnd de fheoil Antonio. Dh’ aslaich Bassanio air an sgriobhadair og gu ’n claonadh e an lagh anns an tomhas a bu lugha agus gu ’n caomhnadh e beatha Antonio. Ach fhreagair Portia gu smalanach, aon uair ’s gu’n rachadh lagh a shuidheachadh nach robh e comasach ’atharrachadh. An uair a chuala Shylock Portia ag radh nach gabhadh an lagh atharrachadh shaoil e gu’n robh i a’ gabhail a thaoibh, agus ghlaodh e mach, “Tha Daniel fhein air tighinn a thoirt breith! O mo bhreitheamh og, glic, is tu is airidh air urram! Tha thu fada na ’s sine na do choltas!” Dh’ iarr Portia an sin air Shylock an cumhnant a leigeil ’fhaicinn di; agus an uair a leugh i e thuirt i, “Tha an gealladh so briste, agus a reir mar tha mise ga ’leughadh tha coir aig an Iudhach air punnd de fheoil ri bhi air a ghearradh á uchd Antonio, lamh ris a’ chridhe.” Thuirt i agus i a’ tionndadh ri Shylock, “Bi trocaireach; gabh an t-airgiod, agus ceadaich dhomh an gealladh so a shracadh.” Ach cha chluinneadh Shylock an-iochdmhor iomradh air trocair; agus fhreagair e “Tha mi a’ toirt mo mhionnan air gach ard agus iosal nach ’eil cumhachd ann an teanga an duine a tha comasach air mo ghluasad bho ’n nì sin a tha mi a’ cur romham.” “Ma tha sin mar sin,” arsa Portia ri Antonio, “feumaidh tusa do bhroill [TD 302] each a dheanamh deas air son na sgine;” agus am feadh a bha Shylock gu dian a’ geurachadh na cuirce chum am punnd feola a ghearradh, dh’ fheoraich Portia de dh-Antonio, “A bheil diog agad ri radh?” Fhreagair Antonio gu sìochail, ciuin, nach robh a’ bheag aige ri radh, a chionn gu’n robh ’inntinn cheana leagte ris a’ bhàs. An sin thuirt e ri Bassanio, “Fair dhomh do lamh, a Bhassanio! Slàn leat! na bi fo dhoilgheas air son gu’n d’ thainig am mi-fhortan so ormsa air do sgàth. Thoir mo bheannachdan do d’ mhnaoi oig àillidh, agus innis di cho mor ’s a bha mo ghradh dhuit!” Fhreagair Bassanio agus a chridhe bronach làn, “Antonio, tha mi pòsda air mnaoi, a tha cho anusail agam ri m’ bheatha; ach bu bheag leam mo bheatha, mo bhean, agus an saoghal gu h-iomlan ann an coimeas ri d’ bheatha-sa. Chaillinn iad uile, dh’ ìobrainn iad gu leir do’n abharsair so air ghaol thusa chaomhnadh.” An uair a chuala Portia so, ged nach robh a’ bhean-uasal chaomh idir diombach d’ a fear-posda air son mar chuir e an ceill ann am briathran cho làidir, a ghaol agus a chomain do charaid cho dileas ri Antonio, ars’ ise, “cha tugadh do bhean buidheachas duit, na ’n robh i a lathair agus do chluinntinn a’ tairgseadh e leithid sin.” Dh’ eirich an sin Gratiano, agus e toileach eiseimpleir a mhaighstir a leantainn, agus e a smaointeachadh gu’m bu choir guth a bhi aige-san anns a’ ghnothach cho math ri cach; ars’ esan ann an eisdeachd Nerissa, a bha ’n a suidhe ann an riochd cleirich aig taobh Portia, “Tha agamsa bean agus, air m’ fhacal, tha gaol agam oirre; b’ fhearr leam gu’n robh i an ceart uair am flaitheanas na ’m b’ urrainn di iompaidh a chur air na cumhachdan gu h-ard inntinn an Iudhaich aingidh so atharrachadh.” “Is math dhuit nach ’eil i ga d’ chluinntinn,” arsa Nerissa, “air neo cha chuirinn geall nach togadh e aimhreit ann ad thigh.” Ghlaodh Shylock a mach le boile, “Tha sinn a’ cur seachd uine; guidheam ort thoir a mach a’ bhinn.” Bha gach neach anns a’ chuirt a nis fo fhiamh agus gach cridhe fo dhoilgheas air son Antonio. Dh’ fheoraich Portia an robh meidh deas a thoimhseadh an fheoil; agus ars’ ise ris an Iudhach; “A Shylock feuch gu ’m bi lighiche dluth, air eagal gu ’m faigh e bàs le dith fala.” Cha robh a dhìth air Shylock ach gu ’n sileadh Antonio gu bàs, uime sin thuirt e, “Cha ’n ’eil sin air ainmeachadh anns a’ ghealladh.” “Cha ’n ’eil,” arsa Portia, “ach ciod air a shon sin? Bu ’mhath gu’n deanadh tu an urad sin air son iochd.” Ach facal cha tigeadh bho ’n Iudhach ach, “Cha ’n amais mi air; cha ’n ’eil e anns a’ chumhnant.” “Is e do chòir, ma ta,” arsa Portia, “punnd de fheoil Antonio. Tha an lagh ga ’cheadachadh, agus tha a’ chuirt ga ’bhuileachadh. Agus faodaidh tu an fheoil a ghearradh as a bhroilleach. Tha an lagh ga cheadachadh, agus tha a’ chuirt gu ’bhuileachadh.” Ghlaodh Shylock a mach a rithist, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Tha Daniel fein air tighinn a thoirt breith!” An sin gheuraich e a rithist an sgian fhacla a bha ’n a laimh, agus ag amharc gu dil air Antonio, ars’ esan “So, dean deas!” “Socair bhòidheach, Iudhaich,” arsa Portia, “tha rud-eigin eile an so fhathast. Cha ’n ’eil an gealladh so a’ toirt aon bhraon fala dhuit; tha na briathran ag radh gu soilleir, punnd feola, a nis, an uair a tha thu a’ gearradh na feola, ma dhoirteas tu aon bhraon de dh-fhuil a’ Chriosdaidh so, buinear bhuait gach fearann [TD 303] agus maoin a tha agad agus gabhar iad le uachdranachd Venice.” Bha e gu tur eu-comasach do ’n Iudhach am punnd feola a ghearradh á uchd Antonio gun deur fala a dhortadh, uime sin, shaor Portia leis an t-seol innleachdach so beatha Antonio; rud ’n uair a chunnaic na bha lathair bha iad air an lionadh le h-ioghnadh ri gliocas anabarrach a’ chomhairlich oig a bhreithnich an doigh sheolta ghrinn, agus thog iad iolach ait bho gach oisinn d’ an mhòd; agus ghlaodh Gratiano, agus e ag ailis air an Iudhach, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Seall a nis, a bhodaich, Daniel fein air tighinn a thoirt breith!” An uair a mhothaich Shylock gu ’n deachaidh a run fuilteach a thilgeadh bun os cionn, chaill e gu tur a mhisneach agus thuirt e gu’n gabhadh e an t-airgiod; ghlaodh Bassanio, agus a thoil-inntinn a’ cur thairis ri faicinn na saorsainn a thainig air Antonio, “So an t-airgiod!” Ach chuir Portia stad air, ag radh, “Air d’ fhaicill; cha ’n ’eil aobhar cabhaig ann; cha ’n fhaigh an t-Iudhach ach an t-ùnlagh; uime sin, a Shylock, dean deas air son na feoladaireach; ach feuch nach doirt thu deur fala; agus na gearr mór no beag ach direach punnd; biodh e thairis air an tomhas no fodha, ged nach biodh ann ach cudthrom na faochaig, ged nach biodh ach na dh’ aomadh a’ mheidh leud na róinneig, theid do dhiteadh gu bàs le lagh na rioghachd, agus d’ uile bheairteas a thoirt thairis do ’n uachdranachd.” “Thugaibh dhomh m’ airgiod agus leigibh as mi,” arsa Shylock. “Tha e ullamh ann a’ so,” arsa Bassanio. Bha Shylock ’dol a ghabhail an airgid an uair a bhac Portia a rithist e, ag radh, “Air d’ athais, Iudhaich; tha greim eile agam ort fhathast. A reir laghannan Venice tha do mhaoin gu leir an geall do ’n uachdranachd, a chionn gu ’n do thionnsgain thu lamh a chur ann am beatha aon de luchd-àiteachaidh a’ bhaile agus tha do bheatha fo throcair an diùc; a sios air do ghluinean, ma tà, agus iarr maitheanas.” Thuirt an diùc an sin ri Shylock, “A chum gu ’m faic thu iochdmhoireachd a’ Chriosdaidh, tha mi a’ toirt dhuit maitheanais m’am beil thu ga aslachadh; theid darna leth do mhaoin a thoirt do dh-Antonio agus an leth eile do ’n uachdranachdh.” Fhreagair an t-uasal suairce Antonio, gu ’n tugadh esan suas earrann fein de mhaoin an Iudhaich, na ’n cuireadh an t-Iudhach ’ainm ri boid a tiomnadh a chodach aig àm a bhais d’ a nighinn agus d’ a fear-posda; oir bha fhios aig Antonio gu ’n robh aig Shylock aon-ghin nighinn a bha goirid roimhe sin air oganach Criosdaidh a phosadh d’ am b’ ainm Lorenzo, caraid do dh-Antonio; gu ’n do rinn i so fada an aghaidh toil an Iudhaich, rud a chuir miothalachd mor air, agus gu ’n do bhuin e uaipe uime sin a coir-bhreith. Dh’ aontaich an t-Iudhach so a dheanamh; agus a’ faicinn mar bha e mar so air a ghlacadh ’n a chuilbheartan, agus air a chreachadh d’ a chuid beairteis, thuirt e, “Tha mi gu tinn; leigibh dhachaidh mi; cuiribh an sgriobhadh as mo dheigh agus cuiridh mi m’ ainm ris, a’ sìneadh thairis do m’ nighinn darna leth mo chuid an t-saoghal.” “Tog ort, ma ta,” thuirt an diùc, “agus feuch gu ’n dean thu sin; agus ma nì thu aithreachas de d’ dhroch-bheart, agus á so suas gu ’m bi thu ad Chriosdaidh, bheir an uachdranachd maitheanas duit anns an leth eile de d’ bheairteas.” Leig an diuc as Antonio agus sgaoil am mòd. Mhol e gu h-ard gliocas agus ealantachd a’ chomhairlaich òig agus thug e cuireadh dha a dh-ionnsaidh a thighe a dh’ [TD 304] itheadh bìdh leis. Leis gu ’n robh a run air Portia tilleadh do Bhelmont m’ an ruigeadh a fear posda, fhreagair i, “Tha mi a’ toirt mor thaing do ur morachd, ach feumaidh mi falbh gun dàil.” Thuirt an diuc gu ’n robh e duilich nach ceadaicheadh a dheifir dha dol agus greim a ghabhail leis; agus a’ tionndadh ri Antonio, ars’ esan, “Thoir duais do ’n duin’-uasal so; oir is i mo bharail gu bheil thu fo mhor chomain da.” An uair a dh’ fhag an diuc agus an luchd-lagha a’ chuirt thuirt Bassanio ri Portia, “M’ uasal caomh, tha mise agus mo charaid Antonio an diugh troimh do ghliocas-sa air ar saoradh o unlagh trom, tha mi a’ guidhe ort, ma ta, gu ’n gabh thu an tri mile bonn oir a bha againn ri ìocadh do ’n Iudhach.” “Agus a bharr air sin,” arsa Antonio, “bidh sinn fo fhiachan graidh agus umhlachd duit gu bràth.” Dhuilt Portia lamh a chur air bonn d’ an òr; ach air do Bhassanio iompaidh a chur oirre duais air chor-eigin a ghabhail, ars’ ise, “Thoir dhomh do lamhainnean; caithidh mi iad air do sgàth. Thug Bassanio dheth a lamhainnean agus chunnaic Portia am fainne a thug i fein da air a mheur. Is e so a bha dhìth air an aluinn sheolta, oir bha toil aice ’fhaighinn uaith agus gu ’m biodh beagan àbhachd aice mu ’n chuis an uair a thachradh iad a rithist. Ars’ ise, “gabhaidh mi am fàinne so mar chuimhneachan ort.” Bha Bassanio air a chur thuige gu mor an uair a dh’ iarr am fear-lagha an t-aon nì sin ris nach b’ urrainn da dealachadh, agus fhreagair e gu buaireasach, nach fhaodadh e am fainne a thoirt da, a chionn gur ann bho ’mhnaoi a fhuair e agus gu ’n do gheall e nach dealaicheadh e ris; ach gu ’m foraisicheadh e mach am fàinne a bu luachmhoire ann am baile-mor Venice agus gu ’n tugadh e dhi e. Air cluinntinn so, ghabh Portia oirre a bhi air a tàmailteachadh agus dh’ fhag i a’ chuirt, ag radh, “Is ann a tha thu ga m’ fhreagairt mar nach robh agad ann am ach an déirceach.” “A Bhassanio mo ghaoil,” arsa Antonio, “thoir dha am fàinne; agus cuir mo ghradh-sa agus an gniomh do-labhairt a rinn an duin’-uasal as mo leth, an aghaidh corruich do mhnatha.” Bha naire air Bassanio gu ’n saoilteadh gu ’n robh e neo-thaingeil; gheill e agus chuir e Gratiano as deigh Phortia leis an fhainne. An sin dh’ iarr Nerissa bho ’n d’ fhuair Gratiano fainne cuideachd an uair a phos iad, dh’ iarr i am fàinne air ais, agus (le toil a bhi cho fada mach r’ a mhaighstir) thug Gratiano dhi am fainne. Is ann aig na mnathan-uasal a bha an àbhachd air an turas a’ smaointeachadh mar thàirngeadh iad as na fir an uair a thilleadh iad dachaidh air son mar dhealaich iad ris na fainneachan, agus mar dh’ fhagadh iad orra gu ’n d’ thug iad do leannain air chor-eigin iad. An uair a thill Portia dhachaidh bha a h-inntinn anns an t-suidheachadh sholasach sin a tha a’ sruthadh o dhearbh-bheachd a bhi aig aon gu ’n do rinn e gniomh ceart; bha a h-inntinn gu h-aoibhneach a’ gabhail tlachd anns gach ni a chunnaic i; cha ’n fhacas leatha riabh a’ ghealach a’ dearrsadh cho oirdhearc; agus an uair a cheil a’ ghealach a gnuis fo neul, leum a h-inntinn le aiteas aig faicinn leus soluis ’n a h-uinneig fein ann am Belmont, agus thuirt i ri Nerissa, “Tha an solus sin a’ lasadh ann an talla mo theach; cho fada ’s a tha a’ choinneal bheag sin a’ tilgeadh a gathan, is co fhada a dhealraicheas deadh ghniomh ann an saoghal uile; agus a’ cluinntinn fuaim ciùil a’ teachd bho ’n tigh ars’ ise, “Thar leam gu bheil an ceol sin moran na ’s binne na bhiodh e ’s an [TD 305] latha.” Chaidh Portia agus Nerissa a stigh; chuir iad orra an aodaichean fein agus dh’ fhuirich iad a’ feitheamh am fir-phosda. Cha b’ fhada gus an d’ thainig iad agus Antonio ’n an cuideachd. Thug Bassanio a charaid caomh an lathair na mna-uaisle àillidh, Portia, ach is gann a bha an fhailte agus am furan a chuir iad air a cheile thairis, an uair a thug iad an aire do Nerissa agus a fear-posda a’ conspaid ann an oisinn d’ an t-seomar. “Ciod e is ciall do so?” arsa Portia; “an e gu bheil sibh a’ cur a mach air a cheile cheana? ’D é tha cearr?” Fhreagair Gratiano, “Tha, le ur cead, an iorghuill mu fhainne leibideach fheòdair a thug Nerissa dhomhsa, air an robh facail bhardachd air chor-eigin mar chithear iomadh uair air na sgeanan, ‘Gràdhaich mi agus na tréig mi.’” Cha ’n e luach an fhainne no a’ bhardachd air a bheil mi a’ tighinn,” arsa Nerissa. “Gheall thu dhomhsa an uair a thug mi dhuit e, gu ’n gleidheadh tu e gu latha do bhàis; agus a nis tha thu ag radh gu ’n d’ thug thu do chleireach fir-lagha e. Tha fhios gle mhath agamsa gu’n d’ thug thu do bhoirionnach e.” “Mo lamh dhuit,” arsa Gratiano, “thug mi e do dh-òganach, leth bhalach, gasan greannach nach bu mhò na thu fein; bha e ’n a chleireach aig a’ chomhairleach og a shaor le a thagradh glic beatha Antonio; ghuidh agus ghrìos an giullan so air son duais eigin agus cha b’ urrainn domh air mo bheatha a dhiultadh.” “Rinn thu rud a bha cearr, a Ghratiano,” arsa Portia, “dol a dhealachadh ris an fhainne a thug do cheile dhuit mar a ciad thiodhlac. Thug mise fainne do m’ thighearna Bassanio, agus is mi tha cinnteach nach dealaicheadh esan ris air son na chunnaic e riabh.” Thuirt Gratiano, agus toil aige a leisgeul fein a ghabhail, “Thug mo thighearna Bassanio am fainne aige fein do ’n chomhairleach, agus an sin ghuidh am balachan cleirich, a rinn a dhleasnas gu tapaidh aig a’ mhod, am fainne agamsa ’fhaighinn.” Ghabh Portia oirre a bhi fo chorruich mhoir an uair a chual i so; thoisich i air achmhasan a thoirt do Bhassanio mu’n fhainne; thuirt i gu’m bu cheart an t-amharus a bha aig Nerissa gu’n d’ thug iad na fainneachan do leannain air chor-eigin a thachair orra. Bha Bassanio ro dhuilich am miothlachd a thug e da cheile chaoimh, agus fhreagair e gu durachdach, “Cha d’ thug, air m’ fhacal, cha d’ fhuair bean fo ’n ghrein e ach am fear-lagha. Dhiult e tri mile bonn oir bhuam, agus dh’ iarr e am fainne, rud ’n uair a dhiult mi dha, thog e air ’s e lan diumb. Ciod a b’ urrainn domh a dheanamh, a Phortia, a bhean mo ghaoil? Bha a leithid a naire orm air son gnothach cho mi-thaingeil a dheanamh ’s gu ’n d’ fheum mi am fainne a chur as a dheigh. Thoir maitheanas domh, a bhain-tighearna chaoin; na ’n robh thu fein ann, tha mi dearbh-chinnteach gur ann a bheireadh tu bhuam am fainne ga ’thoirt do’n fhear-lagha.” “Och, nach truagh an duine mise!” arsa Antonio, “is ann air mo sgathsa a thachair gach brionglaid a tha ’n so.” Dh’ iarr Portia air Antonio gun e ’ghabhail doilgheis mu’n chuis, oir gu’m b’ e a làn bheathasan thun a tighe; agus an sin thuirt Antonio, “chuir mise mo bheatha an geall aon uair air sgath Bhassanio, agus mur bhith am fear d’ an d’ thug d’ fhear-posda am fainne bha mise an diugh fo’n ùir. Cuiridh mi mo cheann an geall a rithist nach meall do thighearna tuille thu.” “Theid thusa an urras air, ma ta,” thuirt Portia; “thoir da am fainne so agus [TD 306] iarr air a ghleidheadh na ’s fhearr na a ghleidh e am fear eile.” An uair a sheall Bassanio air an fhainne, ciod a b’ iongantaiche leis na ’fhaicinn gu ’m b’ e a’ cheart fhainne a thug e seachad a bha ann; agus an sin dh’ innis Portia dha gach car mar thachair—gu’m b’ ise an comhairleach og, agus gu’m b’i Nerissa an cleireach; agus thuig Bassanio, agus cha bu bheag a thoilinntinn agus a thaitneas an uair a thuig e, gu’m b’ ann troimh fhiùghantachd agus troimh ghliocas a mhnatha gaolaich a chaidh beatha Antonio a chaomhnadh. Chuir Portia failte as ùr air Antonio, agus chuir i ’n a laimh litrichean a fhuair i air sheol air chor-eigin, anns an robh fios gu’n robh na luingeis aig Antonio a shaoil daoine bhi caillte an deigh tighinn sabhailte gu cala. Chaidh toiseach bronach an sgeoil mu’n cheannaiche shaibhir so gu tur air dhi-chuimhn’ anns a’ ghairdeachas a lion gach neach ris an teachdaireachd àigh agus an solas a lean i. B’ iomadh gaire a bha aca mu dhriod-fhortan nam fàinneachan agus mu na fir nach d’ aithnich am mnathan fein. Thug Gratiano boidean— Ri ’bheò nach b’ eagal leis rud a bu mhiosa Na gu’n caillteadh gu bràth leis am fàinn’ aig Nerissa. Eadar. le I. MACILLEBHAIN. CNUASACHD CAILLEACH DHUNNACHAIDH ’IC UILLEAM. LE CAIPTEIN MAC-AN-T-SAOIR. FONN.—“Comhachag bhochd na Sròine.” A’ CHIAD EARANN. MI ’m shuidhe air Meall-an-fhuarain, ’Sealltainn mu ’n cuairt air Loch-Lìobhann, (Far an robh mi aotrom uallach,) ’S air na glinn ’s na ghluais mo shinnsre, Chi mi ’n t-Inbhear agus Comhann, A’ Chàrnach ’s na Maola-dubha, (Cha b’ iad ach na Maola buidhe,) A dh’ fhàs gu bainnear, braonach, cluthor, Agus Coir’-fhioghain nam fuaran, As an tric an d’ fhuair mi deoch, ’S am minic an robh ’n damh cluas-dearg ’Dol na ’ghailc le luath’s nan con; ’S Achadh-trìochadain nam beann, A ’s àrd ceann ’an iarmailt nan speur; Is colgarr’ greann ri slignich shneachd,— Creaga glas mu ’n cinn am feur; ’Us aghaidh riabhach Sgùrr-na-cìche ’Sealltainn dìreach air a’ Chaillich; Ge riabhach brucach gur brìgheil, Seamragach, millteachail, failleil. [TD 307] ’S ioma gaillionn agus gaoth ’Dh’ fhuilig an dà aodunn ghlas, Cha laidh orra smal na h-aos’, ’S gu là bhràth cha chaochail as. ’S ioma òganach deas ùr Bu shùbailt glùn ’s bu lùthar cas A shiubhail aghaidh an stùc, ’S a leig a chù seang, siùbhlach bras. Chì mi Gairbeinn nan càrn glas, ’Us Feith-nan-lap air a cùl, Coire-chorcaig ’s Gleann-a’-chaolais ’S an dian am boc le blaoman dusgadh. Chì mi ’m Bodach stùcach, gruamach, Coire-am-bà ’s an dà Ghruagaich, ’S an dian damh na cràice nuallan, ’S tàrmachan nan àrd a ghruadal. Tha mi ’sealltainn air mo dhéigh Air sleibht’ a ’s tric a cheum mo chas ’S fann-ghrian an fheasgair a’ déarrs Air na sliosan réithe cas. Tha mo chridhe ann am chliabh (Le buille dhéin) ’am fiabhras bras, A’ meomhrachadh fìnid mo chuairt’ ’An tir nan cruach, nan gleann ’s nan clach. AN DARA H-EARRAN. Ach ma ni mi triall air m’ ais, (Mo cheann glas ’s mo chas neo-lùthor,) Bidh mi ’fàilteachadh nan aonach ’N àit’ nan daoine b’ a’ist bhi dlùth dhomh. Bidh mo chridhe dhiam a’ foighneachd Cà’ bheil na maighdeannan àbhach A chithinn, moch agus feasgar, ’Dol a leigeil cruidh do ’n fhàsach? Càite bheil sgalag an àitich? Càite bheil àireach na spréidhe, Le ’m bu bhinn bhi ’n gleann na h-àiridh ’G éisdeachd toirm an àil ag geumraich? Càite bheil sealgair nam fiadh? Càite bheil iasgair na h-amhann? Cà’ bheile uile mo luchd-eòlais?— Tha,—gun deò fo ’n fhòid na ’n laidhe! [TD 308] Ach saoilidh mi gu’m faic mi ’n cruth, A’ tàmh, fo stuirt, air uchd nan stall; Saoilidh mi gu’n cluinn mi ’n guth ’An tormanaich shruth nan alld! ’S cianail leam fiamhachd nan tom, ’S an duathar trom a tha mu’n t-sliabh; Cha doilleireachd air gnùis na gréin’ e— ’S i mo léirsinn ’th’ air dol dhiam. ’S tiamhaidh leam torman nan eas A’ taomadh feadh sgolb nan creag.— A chraobh liath, tha miarach dosach, ’S cuimhne leam ’n uair bha thu ’d phreas. ’S cuimhne leam ’n uair bhà thu ’d phreasan, ’S a lùbadh a’ chuthag ho ghuisein, ’N uair a bhiodh i, àm an fheasgair, Ri gug-gùg an dlùth’s nan dosan. Duibhre na h-oidhche ’teachd fagus, Smeòrach ’s an ògan a b’ fhaide, ’S neòineinean lòintean an driùchd ’Dunadh an sùl—’dol a chadal. Oigearan a’ tigh’nn á fireach, Buachaillean a’ teachd bho ’n innis Duanag aig gruagaich na buaile, ’S mac-talla ’cur suas a binnis. Oigeir fhaoin d’ an aois am fichead, Treun á d’ dhòrn ’us àrd ’am misnich, Bidh tu fhathast mar tha mise— ’Caoidh nan nithe a chaidh seachad: Do làmh lag, do cheum mall, Do chridhe trom, do shùil dall, Do cheann crom, do chom fann, Gu h-uaigh ag aomadh gu teann. Tha beath’ an duine a’ triall Mar fhaileas nan nial air fonn, (Gaoth ga ’n ruagadh ’s an speur,) ’S cò gheabh lorg an déigh am bonn! Dhìrich mi aoibhinn an tulach, Mi nise téarnadh fo mhulad, Cuan na Sìorrachd ’am làthair— Air a thràigh co thàrras fuireach? A Thì ’chuir solus anns a’ ghréin, Agus crìoch romh cheum nan tonn, ’An gleann dorcha sgàil a’ bhàis, Biodh do làmh ’s do ghràsan leam. [TD 309] BLAR CHAIRINNIS. ANNS a’ bhliadhna 1601 thug Clann Domhnuill Uibhist, agus Clann ’ic Leoid na h-Earadh, là fuilteach aig feithe na fala ann an Càirinnis, an Uibhist mu Thuath. Anns an àm, mar a tha eachdraidh ag innseadh dhuinn, cha robh na fineachan Gaidhealach a’ toirt mòr urram do lagh na rìoghachd ach ’s ann a bha na h-uile ceann-feadhna a’ gabhail an lagha ’na laimh fhein agus a’ dol a mach air cheann a dhaoine gu aicheamhal a thoirt dheth ’naimhdibh. Tha e coltach gur e spùilleadh ’us togail creiche an doigh chumanta ’ bh’ aca air a bhi deanamh dioghaltais air cach a chéile. A h-uile fear nach b’ urrainn e fhein a dhion cha robh aig’ ach a bhi cho umhail ’s a bhiodh an luch fo spògan a’ chait; oir, mar tha ’n Seanfhacal ag ràdh,—“Bhiodh am fear bu treise ’n uachdar ’s am fear bu luaith’ air an toiseach,” “Bhiodh a’ chuid bu mhiosa aig a’ bhus bu taise.” Air son aobhair gle neonach dh’ éireadh fine an aghaidh fine. Agus is tric a bha na càirdean air an dà thaobh a’ cogadh gu cruaidh an aghaidh a cheile. ’S ann eadar Domhnullaich Shléibhte agus Leodaich Dhun-bheagain a thòisich an aimhreit a bha na mathair-aobhair air Blàr Chàirinis. Tha e air aithris gur ann mar so a thòisich an aimhreit:—Phòs Domhnull Gorm Shléibhte nighean ’ic Leoid Dhunbheagain, agus ciod air bith a bh’ aige na h-aghaidh tha e coltach nach robh e fhein ’s i fhein gle réidh, agus ’s e thainig as a’ chùis gu ’n d’ thug e litir-dhealachaidh dhi ’s gu ’n chart e dhachaidh a thigh a h-athar i. Thug so tàmailt mhòr do Shir Ruairidh Mac Leoid agus dh’a chàirdibh gu léir, ach ’s e dhoranaich buileach iad an dòigh anns an deach’ a cur dhachaidh. Bha i fhein air leth shùil, no, càm mar a theirear, agus gus a’ chùis a dheanamh cho tàmailteach ’s a ghabhadh deanamh fhuair Domhnull Gorm seann each bàn, cam, gille cam, agus cù cam, ’s chuir e ’n gill ’s an cù ’s an t-each a dh-aon sgrìob a Dhunbheagain leatha. Bha ’ Bhaintighearna chàm air muin an eich chàim, gille càm a’ falbh na ’cheann, ’s cù càm a’ falbh na’n déigh! An uair a ràinig a’ chuideachd neonach so Dunbheagain ’s a chaidh am beag sgeul thun a’ mhoir sgeil cha robh Leodach ri tràigh ’s an Eilean Sgiathanach no ’s na h-Earadh nach robh ann an rùn nan tuadh do Dhomhnull Gorm ’s d’ a chàirdibh ’s gach àite. Tha aobhar a bhi ’creidsinn gu ’n do dhìoghail iomadh neach fad iomadh bliadhna air a’ ghnìomh mhaslach a bha ’n so ged nach ’eil cunntas againn mu dhéidhinn. B’ e Domhnull Glas Mac Leoid ceann-feadhna nan Leodach ’s na h-Earadh. Bha e aon uair na ’dhuine ro threun, ach aig an àm so bha e air fàs tróm, lapach, agus cha b’ urrainn da dol a mach air cheann a chuid gaisgeach treun’ a thogail creiche no ’thoirt blàir. Ach bha mhac ’na dhuin’ òg, tapaidh, gaisgeil, ann an treun a neirt agus déidheil air glòir ’us urram fhaotainn dha fhéin ’s dha chinneadh. Chuala e mu ’n tàmailt a thugadh d’a chàrdaibh an Dunbheagain ’s cha ’n fhac e dad a b’ iomchuidhe na falbh a dh-Uibhist-mu-thuath air cheann da fhichead fear treun a thogail creiche ’chum aicheamhal a thoirt, air aon doigh no dòigh eile, dheth na Domhnullaich. “Mur pàidh thu fhein e pàidhidh do mhàileid e.” Thog na fir orra ’s dh’ fhalbh iad, cuid ’s a’ bhìrlinn aig mac Dhomhnuill Ghlais ’s cuid eile ann am bàtaichean aisig. ’N uair a ràinig iad Uibhist dh’ acraich iad na bataichean an Loch nan Ceall, aig bun na faoghlach a tuath. Ghabh iad air aghaidh ’s [TD 310] thog iad a’ chreach, gu furasda ’n Càirinnis, agus o nach robh ùine gu leor aca gu dol thun nam bàtaichean leis a’ chrodh ’s e rud a rinn iad chruinnich iad iad do theampull na Trionaid gus am biodh iad a’ falbh an la’r-na-mhàireach. Ghabh iad fhéin seilbh air tigh-a’-chnuic o’n bha e ’n aite àrd, fradharcach, am braighe bhaile. Bha iad a’ cur seachad na h-ùine leis gach fealadhà ’s toileachas inntinn a b’ urrainn daibh, a’ làn chreidsinn gu soirbhicheadh gach cùis leo mar bu mhiann leo. Ach cha robh e ’n dàn gu faigheadh iad am miann s a’ chùis so, oir mu’n deach’ a’ ghrian fodha air an ath là bha “caochladh cuir air clò Challuim.” Bha duine treun ann an Uibhist mu-dheas ris an cainte gu cumanta Domhnull mac Iain ’ic Sheumais. Bha ’n duine so ainmeil r’a linn airson a mhòr ghràidh a dh-fhìrinn, a dh-onair, ’s a cheartas. Ma ’s fhìor an sgeul, tha e air aithris gu robh e ’n còmhnuidh a strì ri bhi ’cur as do ’n chreachadh, do ’n spùilleadh ’s do ’n lamhachas-làidir a bha ’na chleachdadh cho cumanta ’s an àm. Nuair a thàinig na Leodaich air tìr an Uibhist mu-thuath thuig muinntir an àite gu maith ’d e bha fanear dhaibh, ’us ’s e bh’ann chuir iad fios cabhagach gu mac Iain ’ic Sheumais mar a bha chùis air thuar a bhi. Bha esan mar a bha e riamh cho ealamh ris an fhacal, ’s air falbh a bha e le dà fhear dheug de na ceatharnaich bu chalma ’s bu cholgarra a bha r’am faotainn an Uibhist mu-dheas. Air tràigh oidhche chaidh iad thar faoghail nan làrnan ’s thar faoghail ’ic-an-Aoidheir, ’s beagan roimh bheul an latha ràinig iad Càirinnis. An uair a ghabh iad beachd air cur a’ bhaile ’s a thuig iad gu robh na creachadairean fhathast gun fhalbh dh’ fhalaich iad iad fhéin ann am feithe ’m braighe bhaile. ’N uair a thòisich an là air soileireachadh mhothaich iad gu robh barrachd cuideachd aig tigh-a’-chnuic ’s bu chòir a bhi ann ’s thuig iad cò bh’ aca. Thilg mac Iain ’ic Sheumais saighead ’s leon e fear dhiubh. Leis an ath shaigheid leag a fear eile. Ghabh iad an t-eagal ’s thubhairt fear dhiubh, “Tha mi gu mòr air mo mhealladh mur ann o laimh Dhomhnuill ’ic Iain ’ic Sheumais a thàinig na saighdean, ’s ma’s ann tha eagal mòr orm gu ’m bi là dubh againn dheth.” Cha robh iad fhathast cinnteach cò ’n àird as an robh na saighdean a’ tighinn, ach ’s e rud a rinn iad thionndaidh iad an aghaidhnean gu ceithir àrdaibh an athair, ’s ’n uair a thàinig an treas saighead thuig iad gur ann o ’n àird an ear-thuath a bha na saighdean a’ tighinn. Cho luath ’s a bh’ aca bhrùchd iad sios an cnoc. An uair a chunnaic mac Iain ’ic Sheumais iad a’ cromadh le bearradh a’ chnuic thuirt e, “Nis ’illean, ma rinn sibh riamh e deanaibh an diugh e, oir tha mi ’m barail gu bheil triuir aig gach fear agaibh ri chur gu làr.” “Ma tha,” ars’ iadsan, cha’n fhad a bhitheas.” Bha e fhéin ’s a ghillean cho ealanta air a’ bhogha ’s gu’n d’ thug iad tanachadh maith air na Leodaich mu’n do tharr iad, ach gann, cromadh le bearradh a’ chnuic. An uair a dhlùthaich iad r’a chéile ’s ann an sin a bha ’n “cath, teth, teann.”— “Thachair r’a chéile na suinn, Mar bhruaillein thonn air druim a’ chuain, Bha beuman beucach dlù ri chéile; Am bàs a’ leum thar tréin ’s an t-sliabh, Mar neul de chlachaibh-meallain garbh,’ ’S gaoth mhòr na ’cirb ag éirigh.” Dhe’n da fhichead fear cha do tharr as ach an dithis. Thuit càch gu léir ach an ceannard—Mac Dhomhnuill Ghlais—’s a’ chath. Theich esan le bheatha. Thug Mac Iain ’ic Sheumais teann-ordugh gun a mharbhadh air chor sam bith, ach, na’m bu chomasach e, a ghlacadh [TD 311] beo. Chaidh e faisg air dà mhìle mu’n d’ thàinig fear de shaighdearan mhic Iain ’ic Sheumais suas ris air traigh faisg air a’ Bhaile-shear. Ged a bha ’n dithis aca air an trom-lot roimhe sin thug iad deannal air iomairt-chlaidheamh. Cha gheilleadh Mac Dhomhnuill Ghlais ’s e beo, ach bha e gabhail iomain-chùil gus mu dheireadh an deachaidh e mach air a’ mhuir thun na duilleig. Ged a bha toil aig an an fhear eile a ghlacadh beo a reir orduigh a mhaighstir, ’n uair a thòisich an sàile ri dol ’s na lotaibh dh’ fhàs e goirid ’s an fhoighidinn ’s le aon sàthadh de ’n chlaidheamh chuir e crioch air ’s a’ bhad an robh e, ’s dh’ fhàg e marbh air an oitir e. Theirear Oitir ’ic Dhomhuill Ghlais ris an oitir gus an la ’n diugh. Thiodhlaiceadh coluinnean nan Leodach far an do thuit iad—air Leathad-a’ bhuailte, mar a theirear ris an àite riamh o’n thugadh am blàr ann. Chuireadh an cinn ann an uinneagaibh an teampuill far am bheil cuid diubh, ’s dòcha, fhathast ri ’m faicinn. Cha’n ’eil cunntas againn co lion a thuit de na Domhnullaich ’s a’ bhlàr fhuileachdach so, ach, air a shon sin, faodaidh sinn a bhi cinnteach gu ’n do thuit an àireamh bu mhò dhiubh. Fhuair Domhnull Mac Iain ’ic Sheumais, e fhéin, iomadh lot ged a chaidh an là leis. Ach thàinig e gu maith dheth na dhéigh sin. Tha e air aithris, ged nach ruig sinn a leas a chreidsinn, gu robh ’n fheithe’ ruith le fuil, agus uime sin, theirear feithe-na-fala rithe gus an là ’n duigh. Theagamh gu ’n saoil cuid gu robh e eu-comasach do dha fhear dheug cur as do dhlùth air dà fhichead fear, ach mar a bha ’n Sean fhacal ag ràdh, “Is fearr duine na daoine.” A bharrachd air a sin ’n uair a bha na Domhnullaich ’g am falach fhein ’s an fhéithe ’s càch a’ cromadh leis a’ bhruthach bha ’n cothram ac’ orra, ’s mu ’n do tharr iad sealltuinn h-uca no uatha bha àireamh mhaith dhiu air an leonadh. Mar so chaill cuid mhòr dhiu ’m misneach gu buileach. A thaobh nan Domhnullach tha e air aithris gu robh iad anabarrach ealanta air a’ bhogha, agus, mar an ceudna, gu robh am boghachan cho làidir ’s nach b’ urrainn neach sam bith an lùbadh ach iad fhéin. Tha e furasda thuigsinn gu ’n tilgeadh iad saighdean astar gle fhada. Leis na nithibh so a bhi gu léir na’m fàbhar a bharrachd air iad a bhi nan daoine ro thréun tha e soilleir nach bu ni doirbh dhaibh an la chur. ’N uair a chuala Domhnull Gorm mu bhlàr Chàirinnis ’s mu ghaisge a charaid bha e ro thoilichte, ’s mar chomharradh air a thaingealachd airson a threubhantais thug e dha Gabhaltas na Cuidrich ’s an Eilean Sgiathanach. Gu cinnteach bha e na ’làn airidh air agus corr. B’ ann d’a shliochd Caibtean Ailein Domhnullach, Khingsburgh, a bha pòsda ri Fionnghail Dhomhnullaich a bha ’n cuideachd Phrionns Tearlach ’n uair a bha e fo ’n choille ’s a’ Ghàidhealtachd. An déigh blàr Chàirinnis rinn a mhuime, Nic Còiseam, óran do Dhomhnull mac Iain ’ic Sheumais anns an do leig i ris gu soilleir gu ’m bu ghaisgeach treun e a thug, uair ’us uair, buaidh air a naimhdibh. Tha ’n t-òran so nuair a bhios e air a sheinn gu ceart anabarrach tlachdmhor ri bhi ’ga eisdeachd. Ged a tha dlùth air trì cheud bliadhna o rinneadh e tha h-uile facal dheth, tha e coltach, air chuimhne fhathast. Cha do chlò-bhuaileadh riamh e, ach bithidh e gun dail air a chlòbhualadh anns an Oranaiche aig Mac-na-Ceardadh, an Glasachu. So, mata, cunntas mu bhlàr Chairinnis mar a tha ’n sgeul air aithris gu coitchionn an Uibhist. IAIN. [TD 312] THA MO RUN AIR A’ GHILLE. [Ceòl] SEISD.— Tha mo run air a’ ghille; ’S e mo dhurachd gu’n tig thu; ’S mi gu’n siubhladh leat am fireach, Fo shile nam fuar-bheann. Oidhche shamhraidh dhomh ’s mi ’m ònar, Na’m b’urrainn domh gu’n deanainn òran— ’S truagh, a righ, nach robh mi pòsd’ Air òigeir a’ chuil dualaich. O gur e mo cheist an t-òigear! Fear ’chuil duinn ’s an leadain bhòidhich; ’S mi gu’n siubhladh leat thar m’ eólas, Ged tha ’n còta ruadh ort. ’S mor a thug mi ghaol do’n fhiùran, Tha mach á teaghlach Chill-Fhùndainn— Sealgair fhiadh thu ’m beinn a’ bhùiridh, ’S eilid lùth nan luath-chas. Ged tha blàth na bric’ ad aodann, Cha do lughdaich sud mo ghaol ort; ’S mi gu’n siubhladh leat an saogh’l, Na’n saoilinn do bhuannachd. Phosainn thu dh-aindeòin mo chàirdean, Gun toil m’ athar no mo mhàthar— Iain-Saor a tha mi ’g àireamh, Bho’n ’s e chnàmh a’ ghruag dhiom. Tha an Nollaig tigh’nn as ùr oirnn; Ged a tha gur beag mo shùnnd rith’; ’M fear nach fhagadh anns a’ chùil mi, Air chùl nan tonn uaine! ’S beag a shaoilinn féin an uiridh, Gu’n treigeadh tu mi cho buileach— Mar gu’n tilgeadh craobh a duilleach, Dh’ fhàs thu umam suarach. [TD 313-320] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 321] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. [59 AIR. AOBHARAN AIRSON A BHI SEACHNADH AN OIL. “Chan uisge-beatha ach uisge bàis, An t-uisg’ a’ chràdh mo chrìdh’ a’ ’m chòm; An t-uisge dh’ fhag mo cheannsa liath; An t-uisge dh’ fhag na ciadan lòm.”— Seann Rann. THA an t-òl a toirt iomad olc ’n a lorg; agus tha iomad aobhar aig daoine airson a sheachnadh gu tur. 1. Tha e cronail do ’n t-slainnte agus do ’n inntinn. Cha chaisg deoch laidir patha, agus chan ’eil brigh innte mar bhiadh. An aite sin ’s ann a tha i a losgadh a ghoile, agus a cur buaireas ’s an eanachainn. Ma ’s math leat a thuigsinn ciamar a loisgeas deoch laidir an goile, laidh air do dhruim, agus leig le aon bhoinne uisge-bheatha sileadh a’ d’ shìne, agus an sin tuigidh tu. Tha an deoch cho cronail do ’n ghoile ’s a tha i do ’n t-suil. Chuir an Cruithear am fear faire aig an dorus, agus chan ann am meadhon an taighe, far nach deanadh e feum. Tha blas sgaiteach, loisgeach alcohol a feuchainn gu soilleir nach, biadh na deoch e: ach nuair a ruigeas e ’n goile, tha e staigh, ’s cha ghabh e toirt-amach: agus uime sin tha an goile gun fhaireachduinn. Bho cheann corr a’s leth-chead bliana, chaidh gill’ òg, d’am, b’ ainm Alecsis Saint Martin, a lot’ ’s a bhroilleach, le urchair sgiorrail, aig Macina, am Michigan; Leighis an lot; ach dh’ fhuirich fosgladh mu choinneamh a ghoile, air dhoigh ’s gu’n gabhadh a thaobh a’s taigh faicinn. Uair air ’n uair, thug Saint Martin car air an òl; agus ’s e thainig a sin gun robh a ghoile air fheargnach a’s air iongarach. Ach cha robh mothachadh aigese nach robh gach ni mar bu chòir. An aite pathadh a chasgadh, ’s ann a thogas alcohol tart: agus a thaobh beathachadh, cha dean e aon chuid feòil na cnaimh. Bheir e neart a mhain mar a bheir buaireas caothaich neart do dhuine gòrach, no mar a bheir a chuip ’s an spor spionnadh do ’n each. Nuair a dh’ fhalbhas am buaireas, tha e a fagail duine fann, mar a ni buaireas teasaich; agus ma tha duine ’g a ghnàthachadh, tha e a togail galaran no éucailean air bith do ’m bheil duine buailteach. Tha e a sgalldadh, agus uime sin ag anfhannachadh, gach ball do ’m bean e, am feadh ’s a tha an fhuil ’g a’ sgaoileadh air feadh a chuirp gu leir. Tha fiosrachadh shaighdeirean agus sheoladairean, anns gach tìr, a feuchainn gum bheil iad ni ’s cruadalaiche agus ni ’s treise, far nach ’eil iad a faighinn boinne dibhe, na far am bheil i air a dàladh amach ’s ant-seann doigh; agus tha mothachadh a chinne-daoine air fad a dearbhadh gum bheil iadsa nach eil ’g a blas gu mòr ni ’s fad-shaoghalaich na iadsa a tha ’g òl, mar a theirear, an cuimse. Tha daoine aineolach ag òl ri fuachd g’ am blàthachadh, agus ri teas g’ am fionnarachadh, mar gun seideadh i teth a’s fuar. Agus gu [TD 322] dearbh tha i an toiseach a leasachadh, agus a rìs a fuarachadh; ach ’s e ’n truaighe gum bheil am beum teth a marbhadh ri teas, agus am beum fuar ri fuachd. Nuair a sgaoileas alcohol air feadh na fala, tha e a cur teas mionadurra air feodh a chuirp; agus ma thig teas sgaiteach bho ’n taobh amach, aig a cheart àm cuiridh iad as do ’n duine. Bha mise am baile-mor New York air ciad mhios an fhaoghair, ’sa bhliana 1853. Air latha Sàbaid, mu mheadhon a mhios, dh’ eug ceud pearsa ’s a tri le beum greine. Fhuaras amach gun robh gach aon diu sin ag òl, an deighe an tuarasdail fhaotuinn Di-sathuirne. Bha an latha roimhe sin ni bu teotha na ’n t-Sabaid; ach cha do bhàsaich moran an sin leis an teas, on nach robh moran òil air uidh. Air an laimh eile, tha teasach alcohol a fagail duine fann, air dhoigh ’s gum bheil e deas air meileachadh le fuachd; agus tha so tric a tachairt an America mu Thuath, far am bheil geamhradh fuar a leantuinn samhradh teth. Bha Iain, mac do ’n Chuimeineach Mhòr, a dol suas an duthaich, a Kingston, an Canada, latha ro fhuar geamhraidh mar ri Frangach, gach fear ’n a shlaod fhein. Bha am Frangach a gabhail gloine no dha de bhranndai aig gach tigh-osda air an rathad. Thug an Cuimeineach rabhadh dha gun robh sin cunnartach; ach cha do ghabh e freisd. Nuair a rainig iad ceann an uidhe, cha do ghluais am Frangach: bha e fuar marbh. Tha an t-òl a milleadh fradharc nan sùl agus claisneachd nan cluas, cho math ri lùs nan lamh. Tha am poiteir prab-shuileach a’s maol-chluasach; agus tha a lamh fuar, bog, mar mhìr de mhairtfheoil amh. Ach ’s e mar a dhruidheas e air an eanachainn, caithir na beatha, buaidh a ’s miosa air alcohol. Tha duin’ air mhisg as a chiall, agus chan ’eil a thùr nadurra a pilltinn gus am falbh an deoch. Agus ma bha e trom oirre, math a dh’ fhaoidte nach pill sin ri latha. Tha iomad neach ’s na taighibh caothaich leis an òl. Tha so a milleadh na meamhaire, agus a toirt air falbh toinisg duine, air dhoigh ’s gum bheil e a fás leanabail, no mar neach an am breisleach na h-aois. Uimé sin a leughadair, ma’s math leatsa t’ fhuil a bhi fallain, do shuil a’s do chluas geur, do lamh diongalta, agus do thuigse gun fhaillinn, seachainn an t-òl. Thoir aire, cuideachd, gum bheil an deoch a claonadh a chridhe. Tha i a deanamh duiné brùideil, fuar-chridheach. Ma gheobh am pòiteir pailteas dibhe, ’s coma leis ciamar theid leis an t-saoghal gu leir. Chi sinn e gu tric a caitheadh a thuarasdail airson dibhe, agus e gun sgoinn d’ chloinn lom, acrach. Chunnaig mise, uair a’s uair, an Dun-eideann, sreathan de bhrogaibh cloinne, a chuir am maithrichean an geall airson uisge-beatha. 2. Tha an neach nach oil boinne tearuinnte bho’n mhisg. Chan ’eil neach air bith titheach’ air dibhe gus an cleachd e i: agus mur òil duine boinne, is cinnte nach tig e a chaoidh gu bhi ’n a mhisgeir, no trom air òl. Ach tha moran an duil gum fan iadsa air cuimse, agus nach ’eil cunnart gum bi iadsa air an daoirich fad am beatha. Gidheadh tha gach aon diu sin an cunnart nach beag. Bha gach poiteir air thalamh, ’s a cheart bharail; agus ’s e sin a thug sios e. Nam bitheadh e miearbsach, sheachnadh e an deoch; ach on a bha e cinnteach, dh’ òil e; agus uime sin thuit e. Tha fein-speis iomad fear a cagradh ’n a chluais, “Bheir mise deagh aire nach tig mise a chaoidh gu bhi ’m mhis- [TD 323] geir.” Ach co no ciod thusa, thair na milltibh gun aireamh a thug beagan air bheagan gu dubh phoiteireachd? Mur seachainn thu ’n t-òl, math a dh’ fhaoidte gum bi thusa air fear de na mheallar leis an dibhe, bho laithibh Sholamh gus an diugh. Ciod air bith a tha e a creidsinn no a saoilsinn, chan ’eil cinnteachd air bith aig an fhear a dh’ òileas nach tig esa gu bhi ’n a phoiteir, mar a thainig cunntas gun aireamh roimhe. Agus uime sin, a reir an t-seanfhacail, “’S fhearr a bhi cinnteach na bhi caillte.” Osbarr ’s e an t-òl a sheachnadh gu h-iomlan is fhasa, mar is e an doigh is sabhailte. Mur òil duine boinn’ idir, chan ’eil sireadh aigè air dibhe, na togradh rithe: ach ma dh’ òileas e beagan, tha sin ro dheas air iotadh a thogail airson tuille. Tha a chiad ghloine mar sin a fosgladh an doruis airson pòit; agus ma sheachnar i sin, chan eil cunnart ’s an dara gloine. “Ma gheobh mise aon ghloin,” thuirt duin’ uasal riumsa, bho cheann ghoirid, “tha mi ’n sin titheach air te eile.” “Tha thusa, ’s a chuis sin,” fhreagair mise, “coltach ris a chuid mhòr de dhaoine.” Agus chi thusa, a leughadair, gur e sin an fhirinn. Uime sin bi thusa ro fhaicilleach an aghaidh na ciad ghloine. 3. Tha an neach nach òil a toirt deagh eisimpleir do chàch. Is treise eisimpleir na earail; agus uime sin is beag brigh do dhuine a bhi comhairleachadh d’ a chloinn ’s a choimhearsnaich an t-òl, a sheachnadh, fhad ’s a tha e fhein ag òl. Bidh a ghniomh ni ’s druidhtiche airson na dibhe na bhios fhacail ’n a h-aghaidh. Osbarr ’s e eisimpleir an duine nach òl ach beagan is fhaide theid na doighean a mhisgeir, a tha na bhall-magaidh aig moran. Agus gu dearbh ’s iad na daoine a dh’ òileas am measarrachd a tha cumail suas na pòit. Tha na misgeirean a triall do ’n t-siorruidheachd le ceumaibh luath; agus cha b’ fhad an uine gus am bitheadh am fear mu dheire dhiu marbh, mur bitheadh an aireamh air a cumail suas bho fheachd nan daoine speisealta nach oil thair tomhas—’s a chiad dol amach. Tha moran diu sin a tighinn gu bhi ’n am poiteiribh iad fhein, agus tha an droch eisimpleir a deanamh misgeirean de mhoran eile, eadhon nuair nach ’eil iad fhein a ruigsinn na crìche sgrathail sin. Agus nach eagallach an smuain gum faod fear dhiu sin a radh, air latha mòr a bhreitheanais, “Rinn t’ eisimpleirse misgear dhiomsa; agus mar sin thug thu mi gu sgrios siorruidh. 4. Tha an t-òl ’n a aobhar air ciont gun aireamh. Tha deoch laidir a cur buaireas fo anamianna dhaoine, am feadh ’s a tha i a toirt an tuigse uapadh: agus uimè sin tha iad ro dheas air geilleadh do dhroch run air bith a dh’ eireas ’s a chridhe, nuair a tha ’n deoch ’s a cheann. Tha iad an sin buailteach do chainnt fheargach a thoirt do cheile; agus bho so tha iomad caonag agus sabaid fhuilteach a sruthadh. Chan ann ainmig a chluinnear mu dhaoine a mhort am mnathan, an clann, no ’m pàrantan—nuair a bha iad for chumhachd dibhe, daoine air an cuireadh ni mar sin uamhann, mur bitheadh an deoch. Tha clann mhisgeirean gu tric a dol air seachran bho ’n òige. An aite deagh oilein, tha iad a faighinn droch eisimpleir: agus on nach ’eil am misgear aon chuid dèanadach na grunndail, tha iadsa gu tric am bochduinn. Mar so tha iad a tighinn gu braid, agus bho sin gu spuinnneadh, a’s corr uair gu mort. 5. Tha an t-òl ’n a aobhar air call moran beatha agus maoin. ’S iomad long a chailleadh, cheann gun robh cuid de ’n luchd dreuchd air an [TD 324] daoirich no ’m breisleach dibhe, an am a chunnairt; agus ’s iomad sgiorradh sgrathail a thachair air na rathaidibh iaruinn, bho ’n cheart aobhar. Tha tuill’ eòrna air a mhilleadh am Breiteann, a deanamh leanna no uisge-beatha na dh’fhoghnadh airson na tha de shluagh bochd air fad na tìre. Tha moran dhaoine aig nach ’eil ceaird air bith ach a deanamh no a reichdeadh dibhe: agus tha iomad neach a call moran airgid leis na h-euslainntibh a tha ’n t-òl a tosgail dha. Tha na daoine do ’n d’ rinn an deoch crochairean a cost’ moran do ’n rioghachd, eadar an glacadh ’s am peanasach, a bharr air na tha iad a goid, a creach agus a milleadh. Tha an call sin an taobh amach de na tha daoine a costadh an ceannach dibhe; agus chan e sin am beag. Is aithne dhomhsa fear-ceaird a tha cur mu dha fhichead punnd Sasunnach ’s a bhliana ’s an òl. Chan ’eil e call latha bho obair, agus is ainmig a chithear air an daoirich e: ach tha a bhean ’s a chlann ’n an eiginn air uairibh. Tha cunntasan luchd na cìse feuchainn gum bheil muinntir Bhreiteann a cosd’ corr a’s ceud muillein punnd Sasunnach ’s a bhliana air dibhe, suim nach paidheadh fearann na Gaidhealtachd air fad. Thoir aire gum bheil sin uile ’g a sgapadh an deanamh croin: agus nuair a sheallas sinn air cor an t-saoghail, chi sinn gum bheil an t-anacaitheadh ro choireach. Tha moran acrach, lomnochd; agus tha ro-mhoran an duibhre aineolais mu ’n t-soisgeil a’s slighe na firinn. Agus nach truagh an ni nach ’eil a Chriostachd gu leir a paidheadh, chum iad sin a shoillseachadh, leth na suim a tha iad a cur ’s an òl. Bi faicilleach, a leughadair, nach ’eil thusa coireach ’s a chuis so. P. M‘GREGOR. THA MO RUN MAR AN ROS. Tha mo rùn mar an ròs ’S an Ogmhìos fo ùr bhlàth, Tha mo ghaol-sa mar chaoin cheòl A ’s bòidhche fonn air chlàr. Cho maiseach thu, mo chailin grinn, ’S cho trom mo ghaol ’a cho buan, ’S nach tréig gu bràth mi fhein mo ghràdh, Ach gus an tràigh an cuan. Ach gus an tràigh an cuan, a ghaoil, ’S an téid na ’n caoiribh dearg Gach creag ’us sliabh mu ’n iadh a’ ghrian, Do ghaol am chliabh cha shearg. Ach soiridh leat, mo chruinneag mhath, Ceud soiridh leat ’s an uair, ’Us thig mi ’rìs ged robh an t-sligh’ Deich mìle mhìlte buan. Eadar. leis A’ BHARD LUIDEAGACH. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Bheir am Freasdal mòr a ta riaghladh os ar ceann sòlas agus toilinntinn, an uair nach ’eil dùil sam bith riutha. Tha sin air a thaisbeanadh dhòmhsa an nochd, le cead gun dùil a bhi agam mo shùilean a thilgeadh aon uair eile, air fear mo chridhe Coinneach Ciobair. Fair do làmh, a charaid ionmhuinn. Dlùthaich ris a’ ghealbhan, agus dean do gharadh: thig bean-an-tighe gun dàil. COINN.—Na cuir trioblaid sam bith ort fein, a Mhurachaidh chòir; cha’n ’eil fuachd, no acras, no sgìos sam bith orm, uime sin gabh gach ni gu socaireach, agus innis dhomh cor an teaghlaich air fad. M.—Tha iad gu leir gun deireas, agus uime sin, is dàn a bhi ’gearan, agus beannachd na slainte againn gu leir. Chaidh bean-an-tighe a dh’ amharc air bean Alasdair Mhic Dhomhnuill Mhic Sheumais ann an Coire-Mhuiltein, air di mac mòr eile a thoirt da companach ’s a’ mhad- [TD 325] uinn an diugh—ach mo dhìochuimhne, ciamar tha Seònaid, mo Bhan-ghoistidh chòir, agus na pàisdean? C.—Cha’n fhaca mi o cheann seachdain iad, ach dh’ fhag mi gu gleusda iad air fad. M.—Ciod a dh’ éirich dhuit, no c’àit an robh thu rè na h-ùine sin? Air ghnothuch gun teagamh do Shir Seumas. C.—Glè cheart, a Mhurachaidh, bha mi air ghnothuch dha gun teagamh, co fad air falbh ri Grianaig, agus thug mi Glaschu orm, agus a’ sin ghabh mi an rathad iaruinn gu tuath, agus tha mi ann a’ so a nis. M.—Ach ciod fo’n ghréin a thug a Ghrianaig thu, a charaid, gu sònraichte anns na làithibh goirid so? C.—Innsidh mi sin dhuit ann am beagan bhriathraibh, a ghràidh nam fear, agus tuigidh tu e. Bha òganach ro amaideach maille ri Sir Seumas o cheann dà mhios, mac bràthar dha fein, agus rè na h-ùine sin bha e ga ’ghiùlan fein co mì-riaghailteach, co anameasarra, agus mi-stuama, ’s nach b’ urrainn do Shir Seumas cur suas leis. Dh’ fhàgadh an diùlnach òg, eu-céillidh so le oighreachd luachmhoir a b’ fhiach cuig mìle ’s a’ bhliadhna, le athair fein, a chaochail o cheann shia bliadhna. Gus an d’ràinig an t-òganach mi-chiallach so bliadhna thar fhichead a dh-aois, bha’n oighreachd fo chileadairean, ach aon uair ’s gu’n d’ fhuair e na ’làimh fein i, thòisich e air ruiteireachd, ana-caitheadh, agus struigheas gun chéill. Bha steud-eich aige na’m ficheadaibh, agus coin de gach gnè. Cha robh amaideachd no baoghaireachd fo’n ghréin anns nach robh co’-roinn aige. Cha robh sùim aige d’a chuid fein, ach le millteireachd agus cluiche, bha e ’call nan ceudan gach là. Ma dheireadh rinn Iùdhaich àraidh ann an Lunnainn, a thug airgiod dha, greim air an oighreachd, agus dh’ fhagadh an t-òganach gòrach gun sgillinn ruaidh ’s an t-saoghal. Le truas, chuir Sir Suemas fios air dh’ ionnsuidh a’ chaisteil, ach air do’n Ridire fein a bhi stuama agus glic, cha b’urrainn da fulang na b’fhaide le giùlan aingidh mhic a bhràthar. Cha’n fhanadh e as an-tigh-òsda, agus cha b’urrainn da bhi aon mhionaid gu’n a bhi ’deanamh gach uilc na ’chomas. Ma dheireadh dh’ ullaich Sir Seumas saor-thuras dha air luing a bha gu seòladh á Grianaig gu Australia, agus chuir e mise chum cùram a ghabhail deth, gus am biodh e air bòrd na luinge. Ach, Ochan! cha robh làmh agam riamh ann an obair bu sheirbhe agus bu mhi-thaitnich na bhi ga ’ghleidheadh o gach aingidheachd o’n dh’ fhag sinn an caisteal. Bu chianail a bhi ’ga fhaicinn, agus bu mhuladach an sealladh e air an tomhas truaighe agus dubhailc dh’ ionnsuidh an tuit mac an duine, an uair a thilgeas e uaith fein uile chuibhrichean an ionracais agus a’ ghliocais. Bha am mac struidheil anns a’ chosamhlachd na ’òganach glic an coimeas ris an truaghan ro amaideach so, a tha, a reir coltais, a’ ruith gu leirsgrios le ’shùilibh fosgailte. Is cumhachdach an eiseimpleir e do gach òganach eile, chum a bhi ’g iarraidh gliocais agus stiùiridh o’n Ti a’s Airde. M.—Gun teagamh is cianail do naigheachd, a Choinnich, muladach ri smuaineachadh ciod dh’ ionnsuidh an tig mac an duine an uair a dh’fhàgar e dha fein. Tha e mile uair ni’s miosa na ainmhidhean na macharach, oir cha ghabh iadsan ach na riaraicheas iarrtas an nàdair fein, an uair a ghabhas an duine, air an do bhuilicheadh reusan agus tuigse, na nithe sin a thilgeas sios e [TD 326] gu inbhe nis ìsle gu mòr na na brùidean a theid a’m mùgh. Cha’n fhad a chumas an créutair truagh ris an obair sin; ged a ruigeadh e an tìr chéin sin, dh’ ionnsuidh am bheil e ’cur roimh dol, ciod a ni e an sin, no ciod a dh’ éireas da, oir is fior gun teagamh an sean-fhocal a deir, “Am fear a bhios carach ’s a’ bhaile so, bithidh e carach ’s a’ bhail’ ud thall.” C.—Is fior sin, a Mhurachaidh, ach mur dean cumhachd a’ ghràis e, tuitidh e gu h-ealamh na ’chreich da ’ana-miannaibh peacach agus graineil fein, agus ceilidh an uaigh e o shùilibh gach neach nach b’urrainn gun a bhi fo bhròn, le ’bhi ’faicinn aingidheachd a chaithe-bheatha fein anns an t-saoghal so. M.—Gle cheart, a Choinnich, ach ciod a thug do bhaile Ghlaschu thu? C.—Chaidh mi do’n bhaile ghleadhrach, mhùigeach, smùideach sin, a dh’fhaicinn dithis air an robh eòlas agam, agus b’iad sin Alasdair Bàn, mar a theireamaid ris, mac Mhaighstir Domhnull am ministear còir againn, agus Ealasaid Nic Dhùghaill, a bha rè fhichead bliadhna a’gleidheadh a’ chaisteil, agus a ta nise pòsda ’s a’ bhaile mhòr sin. M.—Tha mi ’faicinn do ghnothuich a nis, a Choinnich, ach ciod tha am brogachan ro laoghach sin Alasdair beag bàn, mac a’ mhinisteir a’ deanamh ann an Glaschu? C.—Chaidh e dh’ ionnsuidh Oilthigh a’ bhaile sin, agus cha robh am balachan bochd ach òg chum ’athair agus a mhathair fein fhàgail, agus dol gu àite far am feum e a bhi glic, cùramach, faiceallach, air da bhi buailteach do thuiteam ann an droch comunn, agus gu bhi air a thoirt gu taobh ann an àite far am bheil e na ’choigreach agus far am bheil e air a chuairteachadh le cunnartaibh air gach taobh. M.—Tha deagh chuimhn’ agam air Alasdair bàn mac a’ mhinisteir fhaicinn a rìs agus a rìs maille ri do chloinn fein anns a’ Ghoirtein-Fhraoich; ach cia mar a fhuair thu mach e ’s a’ bhaile mhòr sin, ’fhir mo ghraidh? C.—Ma ta, a Mhurachaidh, dh’-fheudainn a’ cheart co maith a bhi ’g iarraidh snàithide ann am muinnlein fodair, ri bhi ’g iarraidh Alasdair bhig a’m measg mhiltean a’ bhaile sin mar b’e an ni a rinn mi. M.—Agus ciod a rinn thu, a ghràidh nam fear? Bha thu riamh innleachdach agus gleusda ’n àm na h-airc agus na h-éiginn, ach cia mar a fhuair thu an t-òganach a mach? C.—Ma ta, a Mhurachaidh, chaidh mi a steach do bhùth mòr, greadhnach, a bha làn obair-àirgid agus òir, agus a bha ’deàrsadh le soilleireachd a bha ga m’ dhalladh, agus ghrad-ruith fear suas na m’ choinneimh a rinn uiread a dh’umhlachd dhomh ’s ged bu mhi Sir Séumas, a’n duil gu’n robh mi ’g iarraidh ni éigin a cheannachadh. Ach ghearr mi goirid e, leis a’ cheist, am biodh e co maith is innseadh dhomh c’ait am bheil an Collaist? M.—Agus ciod a thubhairt an t-òr-cheard riut, a Choinnich? C.—Bha e ciuin, siobhalta, agus le snodh-gaire, chuir e ballach beag, nach bu mhò na cat, a dh’fhéuchainn na slighe dhomh. Threòraich e mi troimh shràid an dèigh sràide, gus an d’fhàg e mi mu dheireadh aig geata mòr, agus air an taobh a stigh dheth bha aitreabh àluinn làn dhorsan agus uinneag, agus bha badailean agus luidheirean gun àireamh gu h-àrd. Bha fear na ’sheasamh an sin le bréidibh dearga air amhaich a chòta, agus bata buidhe na ’làimh. Chuir mi mo làmh ri m’ bhonait, agus dh’foighneachd mi dheth cia mar a chithinn òganach àraidh a bha ’s a’ Chollaist sin? Rinn e gàire rium, agus [TD 327] thubhairt e nach robh sin na m’ chomas mur faicinn e a’ ruith a’m measg chàich. Air ball, bhuail clag mòr, agus ann am mionaid bhruchd na céudan a mach air gach dorus mar sheilleinean á sgeap. Bha trusgana dearga orra sios gu’n sàiltibh, agus bha mòran diubh air an réubadh na’n luideagaibh suas gu’n guaillean. Bha iad a’ ruith ’s a’ léum, ag éigheach agus ag ullartaich mar sgaoth chonn-speach an déigh an nead fhàgail. Mu dheireadh, bhrùchd iad a mach air a’ gheata, agus thuit mo shùil gu h-iongantach air Alasdair bàn. Rug mi air amhaich air, sheall e,—spleuchd e suas orm, agus ghrad-aithnich e mi. Rinn e sòlas mòr ri m’ fhaicinn. M.—Chaidh do ghnothuch gu maith leat, a Choinnich, ach ciod an t-ath char a chuir thu dhiot? C.—Chaidh Alasdair bàn maille rium a dh’fhaicinn mo bhan-charaid Ealasaid Nic Dhùghaill, a rinn gairdeachas rium nach bu bheag, agus a thug dhuinn gach goireas féumail, agus a’ b’fheàrr na chéile. Ach, a charaid, ma’s iad sud an tréud as am faigh sinn ar ministeirean, ar léighean, agus ar luchd-riaghlaidh, gun seallteadh ann an tròcair oirnn, oir is mi-rianail a’ ghràisg iad. M.—Na bi bras ann a bhi ’toirt breith, a Choinnich, na’m biodh tu fein air do dhruideadh suas là an deigh là ann an seòmraichibh dùinte, teth, agus t-eanchainn air a chuir ’na bhoile le leabhraichibh, leumadh tu mar am fiadh air duit am blar a mach a thoirt ort, agus, mo làmh-sa, nach b’fhurast do cheannsachadh gus am fàsadh tu sgìth. C.—Tha aogas na firinn air do bhriathraibh, a Mhurachaidh, agus is dàn leam, uime sin, cur na d’ aghaidh; ach an déigh sin, cha ’n ’eil idir teagamh nach ’eil na ballaich òga ud gu tric ri milleadh agus droch-bheairt trid sugraidh agus mireadh-chleasachd; ach ’s e sin an aois d’am bheil iad. M.—Ach c’àit an deachaidh tu a ris, a’ Choinnich, a chur an latha seachad? C.—Chaidh Alasdair mac a’ Mhinisteir maille rium a dh’fhaicinn gach ni iongantaich mu’n bhaile, agus b’e sin an sealladh, a Mhurachaidh, ochan! an sealladh da rireadh! ni’s leòir chum duine a chur na ’bhreislich, agus ’eanchainn a’ chur air feadh a’ cheile. Ochan! cha b’e an Goirtean-Fraoich ged tha sinn a’ gearan air. Cha’n fhanainn ’s a’ bhaile mhòr, ghleadhrach sin, ged a bheireadh tu mile ’s a’ bhliadhna dhomh chum sin a dheanamh! Tha’n dùthaich, tha ’n dùthaich ro fhallain, a ghraidh nam fear. M.—’S eadh, ’s eadh, a Choinnich, tha thu ’toirt gu ’m chuimhne Sàmhla-bhriathar an t-Sionnaich agus na Dearcan-fiona. C.—Ciod e an Sumhla-bhriathar sin, a Mhurachaidh? Innis domh e. M.—Ni mise sin, a Choinnich, Uime sin, thoir deagh chluas da, gus an tuig thu ciod is ciall da. Tha e mar a leanas:—“Bha Sionnach ann roimhe so, a bha aig àm àraidh anabarrach acrach. Thachair gu’n deachaidh e stigh do ghàradh far an robh dearcan-fiona làn-abuich, an crochadh gu h-àrd na’m bagaidibh ro bhòidheach. Thug iad an t-uisge m’a fhiaclaibh, agus rinn e sòlas nach bu bheag ri’m faicinn. Leum e, agus leum e a rìs ’s a rìs le ’uile neart, ach air do na dearcan a bhi tuilleadh ’s àrd, cha robh e na ’chomas ruigheachd orra. Mu dheireadh, thog e suas a shuilean, agus dh’amhairc e orra le tàir. Ghlaodh e a mach, “Gabhadh na thogaireas iad, cha bhi gnothuch agamsa riutha. Tha iad co searbh ris na sealbhagaibh, agus cha’n ’eil annta ach nithe grannda, géur, glas, [TD 328] an-abuich, a mhilleadh air ball an ti a bhiodh co amaideach ’s gu’n itheadh e iad.” A nis, a Choinnich, tha teagasg an t-Samhla-fhacail so ro fhreagarrach agus ro shoilleir. Tha thusa, a charaid, cosmhuil ris an t Sionnach a ta na ’shamhladh air mòran dhe’n chinne-daoine. Mur faigh iad an ni sin air am bheil iad a’ suidheachadh an cridhe fein, tha iad, a’ sin, a’ deanamh tàire air, agus gu dian a’ cur an céill nach biodh gnothuch aca ris, ged a gheibheadh iad e an nasgaidh. Direach mar sin, a Choinnich, tha thusa a thaobh baile Ghlaschu. C.—Cha’n ’eil maith a bhi ’labhairt, a Mhurachaidh, oir gheibh thu a’ chuid a’s feàrr dhiom-sa anns gach cùis, ach aon chuid, cha bhris do bhuillean mo cheann. M.—Cha bu mhaith eile; ach cha’n eagal do’n cheann no do’n choluinn; tha iad ’s an àm slan’, fallain, agus gu ma fad a bhios iad mar sin. Ach a’ ghràidh nam fear, tha e ’fàs anmoch, agus tha bean-an-tighe gar n-iarraidh, Gluaiseamaid do’n t-seòmar eile, dh’fheuchainn ciod a gheibh sinn. ALASDAIR RUADH. DONULL MAC FHIONNLAIDH AGUS ORAN NA COMHACHAIG. Is e crannachur “Dhònuill mhic Fhionnlaidh” gu’m beil dùthaich no dhà ann a tha ’tagairt càirdis air. Tha feadhainn ann a their gur h-ann de mhuinntir Bhràigh-Mhàr a bhà e, feadhainn a their gu’m bu Chomhunnach e, agus feadhainn eile gu’m b’ Abrach e; agus tha feadhainn ann a their nach ’eil fhios co an saoghal a bha e ann. Ach tha aon rud ann air am beileas uile air an aon seanchus mu ’dhéighinn, agus is e sin—gur h-e a rinn “Oran na Comhachaig.” Ach neach sa bith a tha eòlach air eachdraidh nam Fineachan, agus a ghabhas beachd air an dàn so, chi e gu soilleir gu bheil mu thrì chiad bliadhna bho ’n a bha Dònull ann, agus gu ’n robh e co-dhiùbh a’ fuireach ’am Bràigh-Lochabar. Ach ged nach biodh Oran na Comhachaig idir air sgial, cha deachaidh Lochabar fàs tur fhathast, agus cha dù do dhùthaich sa bith a daoine ainmeil a leigeil air dìochuimhne gu tur. Is cuimhne leamsa, “Mu ’n do chuir mi crios-féilidh Os cionn léine no còta,” seann daoine ’bhi ’bruidhinn mu Dhònull. A réir an innse-sgeòil-san ma ta is ann de mhuinntir Ghlinne-Comhunn a bha e, agus b’ e Fionnladh, ’athair, fear-brataich Mhic-’ic-Iain. Is Ban-Abrach a bu mhàthair dha. B’ e ’sheanair, a thaobh a mhàthar, Bàrd agus Giomanach no Sealgair Mhic-ic-Raonuill, agus is ann an Creag-Guanach a bha e ’fuireach. Is ann aige a fhuair Dònull ’àrach as ’òige; air chor’s gu ’n d’ fhuair e, ionann’s bho thùs a làithean, a thogail ris an Dàn ’s ris an t-Seilg, mar a tha e-fhein ag ràdh: Bha mi bho ’n a rugadh mi riabh, Ann an caidreamh fhiadh ’us earb. An uair a thàinig e gu inbheachd, agus a dh’ eug ’athair, chaidh e dh’ fhuireach do Ghleann-Comhunn. Cha ’n eileas cinnteach c’ fhad a thug e ’sin; ach chìtear ’s an dàn gu ’n do chuir e-fhein ’s a thriath a mach air a chéile. Ciod sa bith a bu cheann-fàth do ’n aimhreit, dh’ fhàg Dònull “Eoin á Tigh-na-Creige,” ’s bhóidich e nach tilleadh e ’chaoidh, ’s cha mhò na sin a thill. Thàinig e air a sheann-eòlas do Chreag-Guanach ’s fhuair e faoilte ’s furan. Thuit gu ’n robh a sheanair air dol bho fheum ’s an àm, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ rinn Mac-ic-Raonuill Bàrd ’us Gìomanach dha fhein [TD 329] deth. Thug e dà bhaile dha—Creag-Guanach agus an Fhearsaid-Riabhach. Bhiodh e ré an t-samhraidh ionann’s air àiridh an Creag-Guanach aig ceann shuas Loch-Tréig, agus aig ceann a bhos an loch bha an Fhearsaid aige mar bhaile-geamhraidh. An uair a fhuair e e-fhein air a shocruchadh agus air a chothrom mar bu mhath leis, phòs e té de Chloinn-Dònuill a’ Bhràghad, ach cha do mheal iad ach goirid a chéile. Dh’fhuirich esan tuille na ’bhanntraich, agus an aon nighean a’ bh’ aca—Màiri, dh’fhan i gun phòsadh ag cumail an tighe ris. Bha Dònull na ’dhuine cuimte, gun a bhi ro àrd ’am pearsa. Bha e fuasgailteach, fallain, ’s fhuair e saoghal fada. Cha robh mac-samhuilt dha ann air a’ bhogha. Ri fear a bhios math air cuspaireachd theirear gus an latha ’n diugh gu’ m beil e cho cuimseach ri Dònull mac Fhionnlaidh. Bha ni gun chuibheas aige de dhàin ’s de sgialachdan, ’s rinn e fhein móran òran; ach cha ’n eileas ag ainmeachadh air ach “Oran na Comhachaig;” cha ghabh “Miann a’ bhàird aosda” càradh air, mar a b’ àill le feadhainn. Tha ioma sgial air ’aithris mu ’chuspaireachd, mu ’sheachran-seilge, uime-fhein ’s mu mhac-an-riochd, mar a thialadh e gu cluais an fhéidh, agus eile, ach fóghnaidh dhomh a h-aon no dithis ainmeachadh. Ri linn Dhònuill, mar is minig a bh’ ann bho sin, bha ùdlaiche ainmeil a’ tathaich Gual’-an-liathghiuthais, agus là ’bha ’sin smaoinich e gu ’n tugadh e sgrìb a null a ghabhail fàth air. Togar air ma ta thair an Uisge-dhubh; ach mar a bha an rosad ’an dàn, co ’bha an latha sin ’s a’ bheinn-sheilg ach “Dunnachadh Dubh a’ Churraic” agus a ghillean air an t-slighe chiadna, agus mu ’n d’ fhairich Dònull thall no bhos e, bha e ’an ’sàs aca. Cha robh comas air—b’ éudar glacadh a ghabhail, agus falbh leotha do Fhionnlairig. Chaidh ainm Dhònuill fada ’s goirid, agus le farmad-cùirte bha na gillean air lunn cur as da, ach bu bhàrd an Ridire e fhéin, ’s cha leigeadh e leotha làmh a chur ann. Mar a bha iad ag cumail air an aghart chunnaic iad eilid na ’laidhe air fuaran, agus os iadsan ris ’s iad a’ fanaid air, “Bheir sinn do chead dhut ma chuireas tu an t-saighead ’an sùil dheis na h-éilde ud.” Bu rud mi-choltach so leis mar a bha an eilid na ’laidhe, agus an rathad a bha a’ ghaoth. Ach coma, chuir Dònull a bhogha air lugh, ’us ghèarr e gaoth ’us talamh air an eilid; ach cha dianadh e calg dhi. An uair a dh’ fhairtlich air tialadh oirre, rinn e seòrsa miabhail de dh-fhead ’s thog an eilid a ceann. Rinn e rithist i ’us thiondaidh i ’s thàinig i na ’choinnimh. A’ sin ghabh e ’n cothrom, ’s chum e an t-saighead ri ’sùil, ’s “cha ro òirleach gun bhàthadh eadar corran a gàine ’s a smeòirn.” An uair a chunnaic an Ridire cho ro mhath ’s a rinn e thug e a chead da; cha’n e mhàin sin, ach thug e cuireadh dha gu fuireach còmhla ris fhéin ’fhad ’s bu bheò e. Thug Dònull taing dha, ’s thuirt e ged a bheireadh e dha Fionnlairig as a’ ghrunnd nach b’ urrainn da na féidh ’s Loch-Tréig fhàgail. ’S an àm ud bha móran de Lochabar fo choilltich mhóir, agus gheabhteadh madadh-alluidh ann na ’uaireannan. Bha Dònull latha ’s a’ ghlasanaich air sgrìb aig taobh an Dùbhlochain (lochan a th’ air cul na Fearsaide-Móire), agus faicear an gòsganach ud air feadh nan clach ’s nan sailthean a’ tilleadh as a’ mhuileann far an robh e air tòir cobhartaich. Chum e ris agus leag e e; agus cha bu bheag ioghnadh a mhnatha mu’n chiad chòmhlaiche a a thachair oirre an craoibh goirid [TD 330] bho ’n dorus. Mharbh e fear eile dhiubh air Lub-a’-Choire-chreagaich. Bha tigh Dhònuill air a’ cheart làraich air am beil tigh-bàn na fearsaid—an diugh mo chreach aig bodach Gallda. An deaghaidh dha dol bho fhéum ’s nach b’ urrainn da dol ach eadar an leaba ’s an teine, bha e uair ’an ciaradh nan tràth a’ sealltainn a mach air an uinneig ris a’ bheinn, agus thugar an aire do ’n udlaiche mhor ud ag ialadh thun a’ ghàraidh air cul an tighe. Bha Màiri na ’suidhe aig an teine, ’s chual i spàirn a’ tighinn air anail a h-athar. Ghrad-éirich i ’s dh’fharraid i ciod a bh’ air. “Uist,” os esan, “fair mo bhogha.” Shaoil leatha gur breisleach a’ bhàis a thàinig air—bha am bogha air an fharadh bho chionn fhios co an uine, ach thug i nuas e. “Cuir air lugh e,” os esan. “Mo chreach,” osa Màiri, “cha’n ’eil fear air fonn Lochabar an diugh a chuireadh air lugh e.” “Fiach thusa ris,” os esan, ’s e fhéin a’ seòladh dhi mar a dhianadh i, agus ’s na cuir a bh’ann chaidh am bogha air lugh. “Càite am beil na saighdean?” os esan. Thug Màiri làmh air a’ bhalg-shaighead, ’s chuir i air a ghlun e. Thagh Dònull saighead ’s thuit am fiadh! “A bhuidhe ri Dia,” os esan, “cha robh dùil agam ri a leithid gu bràch tuille, ach ’s sid an t-sealg mu dheireadh dhòmhsa.” Dh’ òrduich e a thìodhlaiceadh am bian an fhéidh sin, agus uaigh a dhianamh dhà aig dorus na h-eaglais agus ’aghaidh a chur ris a’ Chroi-dheirg—beinn a tha am bràigh na Fearsaid. Cha ruigear a leas innse gu’n d’ fhuair e ’iarradas. Chithear an uaigh aige gus an latha ’n diugh air a tarsainn air bile na bruaiche aig dorus eaglais Chille-Chaorraill, ’s leac oirre a thug e-fhein air a mhuin as na ‘Monaidhnean.’ Chuala mi ’bhi ’g innse gur h-e a thuirt, ’Fhir a chéumas thair mo lic, Seall a rithist as do dhéigh; ’S cuimhnich ged tha mi ’s an uaigh, Gu ’n robh mi uair cho luath riut fhéin. A’ bhliadhna roimhe chuireadh gàradh-droma ’s coille-chuir mu Chille-Chaorraill, agus na buamastairean a bha ag obair air sin, chuir iad fear de na maolanaich-iarrainn romh theis-meadhoin na lice—ionann’s ga chur an duileachd! Cha d’ thàinig facal riabh eadar Donull ’us Màiri a nighean agus cha d’ iarr i ni riabh air nach d’ thug e dhi, ach a h-aon. Ged nach robh mòrnaich de ni-dubh aige, bha beagan ghobhar aige air A’ Gharbh-dhoire. Latha bha ’sin, eadar fhaladhà ’s a rìribh, iarrar Màiri na gobhair air; ach dhiùlt e i, agus thuirt e: “Beò no marbh dhomh fhein e cha dealaich mi ris na gobhair.” Thug sin air fear aincheardach air choirigin, an deaghaidh sin, port a dhianamh air GOBHAIR DHO’ILL MHIC FHIONNLIADH. Eadarainn a-ho, o-hà, Gobhair Dho’ill ’ic Fhionnlaidh. Eadarainn a-ho, o-hà, Gobhair Dho’ill ’ic Fhionnlaidh. Eadarainn a-ho, o-hà, Gobhair mo chridhe ’s mo ghràidh, Eadarainn a-ho, o-hà, Gobhair Dho’ill ’ic Fhionnlaidh. ’S e gaol nan caorach ’s nan gobhar, Gaol nan caorach ’s nan gobhar, Gaol nan caorach ’s nan gobhar, Gobhair Dho’ill ’ic Fhionnlaidh. ’S e gaol nan caorach ’s nan gobhar, ’Us mo làmh-sa ’bhi ga ’m bleoghann, Gaol nan caorach ’s nan gobhar, Gobhair Dho’ill ’ic Fhionnlaidh. Eadarainn, &c. Ach mu “Oran nan comhachaig.” Ri ceann-tuath Loch-éig, far am beil an abhuinn ag éirigh, theirear an Déubhadh. Tacan fo ’n Déubhadh, tha Tréig ga ’sgaoileadh fhein na ’plod leogach, leathann, mar gu ’m biodh i ionann’s a’ leigeil a h-analach mu’n tòisich i air ruith-leumraich a [TD 331] sìos gu Ionarlàire. Ris a’ phlod so theirear an t-Eadarloch. An teis-meadhoin an lochain chìtear eilein beag—tigh-chrann, no crannog mar a their cuid a dh-fheadhainn ri ’leithid. Anns an eilein so tha làrach “Tigh-nam-fleadh,” agus ’s an àm ud is ann ann a bhiodh Mac-Mhic-Raonuill ag cumail coinnimh àraid sa bith a bhiodh aige fhein ’s aig uaislean na dùthcha. Air taobh na Fearsaid-Riabhaich chithear làrach “Tigh-na-fuine;” agus ri tart chithear an staire bha ’dol thun an eilein. Bho ’n a b’ e Dònull am Bàrd ’s an Sealgair bha e air a’ chiad fheadhainn a gheabhadh cuireadh. An deaghaidh dha dol bho fheum thuit do choinnimh-sheilge a bhi aig Raonull Gòrach, agus le dearmad no le failmse cha deachaidh ’fhoighneachd. Cha’n ’eil an Fhearsaid fada bho ’n Eadar-loch, agus smaoinich a gu’n rachadh e ’n àirde—e-fhein, ’s a bhata, ’s an gadhar-bàn. Ràinig e Tigh-na-fuine, ach bha e fadalach—bha am fleadh sgaoilte, agus “luchd-a’-chruidh” thall cruinn aige. Cha robh aig Dònull air ach ’aghaidh a thoirt ris an Fhearsaid. Air a rathad dachaidh chual e thall ’s an t-Sròin, a bha ’s an àm fo choille dhlùith, “Ian maol a’ mhothair chòir,” agus thòisich e ’s an uair sin fhein air deilbh “Oran na comhachaig.” Bha na seann daoine ’am beachd gur h-i a’ chomhachag ian a bu shine ’s an ealtainn. Tha sin a’ tighinn fosnear do Dhònull ’an àm fosgladh an dàin. Tha e ga ’coimeas ris fhein agus ag ràdh ma bha i ann bho chian nach b’ iongantach ged a bhiodh a h-aigne trom. Tha ise ’freagairt gu’n robh; ’s tha esan a’ sin a’ farraid co bu chuimhne leatha fhaicinn an Lochabar, agus càite am biodh i ga ’falach ri àm fuathais. Tha i ’g innseadh; agus ri cluinntinn gu’m biodh i ’n Creag-Guanach, tha e ionann’s a’ toirt “car beag bharr an rathaid” a mholadh an àite sin. Tha e ’cur suas air na féidh ’s air an cuilidh. A’ sin tha e ’cuimhneachadh air luchd-eolais dha nach maireann—an aoidheachd a fhuair e am feasgar sin—Tigh-na-creige ’tighinn a stigh air—agus cho diomain ’s a tha an saoghal. Tha e rithist a’ moladh nam fiadh ’s nam beann ’s ag gabhail a chead diubh; agus a’ tionndadh gu tairis ris a’ ghadhar-bhàn, tha e le cianalas ag agairt na h-aoise agus ag codhùnadh. DIARMAD. A’ CHOMHACHAG. A chomhachag bhochd na Sròine, ’Nochd is brònach leam do leaba; Ma bha thu ann ri linn Dhonnshuil, Cha ’n ioghnadh ge trom leat d’ aigne. “’S comh-aoise mise do ’n daraig Bha na ’faillein anns a’ chóinnich; ’S ioma linn a chuir mi romham— ’S gur mi comhachag bhochd no Sròine.” Nise bho’n a tha thu aosda, Dian-sa d’ Fhaoisid ris an t-sagart: Agus innis dha gun éuradh Gach aon sgeula ga bheil agad. “Cha d’ rinn mise braid no breugan, No cladh no tèampull a bhristeadh; Air m’ fhear fhein cha d’ rinn mi iomnadh— Gur cailleach-bhochd ionraic mise. Chunnacas mac a’ Bhrithimh chalma, Agus Fearghus Mor an gaisgeach, Agus Torradan liath na Sròine— Sin na laoich bha dòmhail, taiceil.” Bho ’n a thòisich thu air seanchus, ’S eudar do leanmhainn na ’s fhaide: Gu’n robh ’n triùir sin air foghnadh, Mu’n robh Donnshuil anns an Fhearsaid. “Chunnaic mi Alastair Carrach, An duine b’ allaile bha ’n Albainn; ’S minig a bha mi ga ’eisdeachd, ’S e aig réiteach nan tom sealga. Chunnaic mi Aonghus na ’dheaghaidh, ’S cha b’ e sin roghainn bu tàire; Is ann ’s an Fhearsaid a bha thuinidh, ’S rinn e muileann air Alld-Làire.” Bu lìonar cogadh ’as creachadh, ’Bha ’n Lochabar ’s an uair sin; Càite ’m biodh tusa ga d’ fhalach, Eoin bhig na mala gruamaich? [TD 332] “’S ann a bha ’chuid mhór de m’ shinnsir, Eadar Innse ’s an Fhearsaid; Bha cuid eile dhiubh mu’n Déubhadh, ’S bhiodh iad ag éigheach mu fheasgar. An uair a chithinn-sa ’dol seachad Na creachan agus am fuathas, Bheirinn car beag bharr an rathaid, S bhithinn grathunn ’an Creag-Guanach.” Creag mo chridhe-sa Creag-Guanach, Creag ’an d’ fhuair mi greis de m’ àrach; Creag nan aighean ’s nan damh siùbhlach, A’ chreag ùror, fhonnar, fhiarach. A’ chreag mu’n iathadh an fhaghaid, Bu mhiann leam a bhi ga taghal, ’N uair ’bu bhinn guth gallain gadhair Ag cur greigh’ gu gabhail chumhaing. ’S binn na h-iolairean mu ’bruachan, ’S binn a cuachan, ’s binn a h-eala; Is binne na sin am blaoghan A ni ’n laoighein mean-bhreac, ballach. Gur binn leam torman nan dos Ri uilinn nan corra-bheann cas; ’S an eilid bhiorach a ’s caol cas, ’Ni fois fo dhuillach ri teas. Gun de chéil’ aic’ ach an damh, ’S e ’s muime dhi feur ’us creamh; Màthair an a laoigh mheanbh-bhric mhir— Bean an fhir mhall-rosgaich ghloin. ’S siubhlach a dh’ fhalbhas e raon, Cadal cha dian e ’s a’ smùir; B’ fhèarr leis na plaide fo thaobh, Barr an fhraoich bhadanaich ùir. Gur h-àluinn sgèimh an daimh dhuinn, A théarnas bho shireadh nam beann; Mac na h-éilde ainm an t-suinn Nach do chrom le spìd a cheann. Eilid bhinneach, mheargant’, bhallach, Odhar, eangach, uchd réidh, àrd Damh togalach, cròic-cheannach, sgiamhach, Crònanach, ceann-riabhach, dearg. Gur gasda a ruitheadh tu suas Ri leacuinn chruaidh ’us i cas; Moladh gach aon neach an cù, Ach molam-s’ an trùp tha ’dol as. Creag mo chridhe-sa, ’Chreag-mhòr, ’S ionmhuinn an lòn tha fo ’ceann; ’S annsa ’n lag a th’ air a cùl Na machair ’us mùr nan Gall. M’ annsachd beinn sheasgair nam fuaran, An riasgach bho ’n dian an damh rànan; Chuireadh gadhair a’s glan nuallan, Féidh na’n ruaig gu Ionar-Mheòirein. B’ annsa leam na dùrdan bodaich, Os cionn lic ag earraradh sìl, Bùirein an daimh am bi ’ghnè dhuinne Air leacuinn beinne ’s e ri sìn. ’N uair ’bhùireas damh Bheanna-beaga, ’S a bhéiceas damh Beinn-na-creige, Freagraidh na daimh ud a chéile, ’S thig féidh á Coire-na-snaige. Bha mi bho’n a rugadh mi riabh Ann an caidreamh fhiadh ’us earb, ’S cha ’n fhaca mi dath air am bian, Ach buidhe, riabhach, ’us dearg. Cha mhi fhìn a sgaoil an comunn A bha eadar mi ’s Creag-Guanach, Ach an aois ga ’r toirt bho chéile— Gur grathunn an fhéil’ a fhuaras. ’S i Creag mo chridhe-sa Creag-Guanach, A’ chreag dhuilleach, bhiolaireach, bhraonach, Nan tulach àrd, àluinn, fiarach— Gur cian a ghabh i bho’n mhaorach. Cha mhinig a bha mi ’g éisdeachd Ri séitrich na muice-mara; Ach ’s tric a chuala mi mòran De chrònanaich an daimh allaidh. Cha do chuir mi dùil ’s an iasgach, ’Bhi ga ’iarraidh leis a’ mhadhar; ’S mor gu’m b’ annsa leam am fiadhach, ’S a bhi ’falbh nan sliabh a ’s t-fhoghar. ’S aobhainn an obair an t-sealg, ’S ait e cuairt an àrd gu beachd; Gur binne a h-aighir ’s a fonn, Na long ’us i ’dol fo bheairt. ’Fhad ’s a bhithinn beò no maireann, ’S deò de ’n anail ann am chorp, Dh’ fhanainn am fochair an fhéidh— Sin an spréidh a ’n robh mo thoirt. Càite ’n cualas ceòl bu bhinne Na mothar gadhair mhóir a’ teachd; Daimh sheanga na ’n ruith le gleann, Mìol-choin a’ dol annta ’s ast’. An uair a bhà mi air an dà chois, ’S moch a shiùbhlainn bhos ’us thall; Ach a nis bho ’n fhuair mi ’n trì, Cha ghluais mi ach gu mìn, mall. Tha blaigh mo bhogha am uchd, Le agh maol, odhar, a’s ait; Ise geanail ’s mise gruamach— ’S cruaidh an diugh nach buan an t-slat. ’S truagh an diugh nach beo an fheadhain (Gun ann ach an ceò de’n bhuidhinn), Leis ’m bu mhiannach glòir nan gadhar, Gun mheaghail, gun òl, gun bhruidhinn. [TD 333] Bratach Alastair nan gleann, An sròl farumach ri crann, Suaicheantas soilleir Shìol-Chuinn, Nach d’ chuir suim an clanna Ghall. An Cinne-ghiùbhsaich na ’laidhe, Tha nàmhaid na greighe deirge; Lamh dheas a mharbhadh a’ bhradain, Bu mhath e ’n sabaid na feirge. Dh’ fhàg mi ’s an ruidhe so shìos A’ fear a b’ olc dhomh a bhàs; Is tric a chuir e thagradh ’an cruas, An cluais an daimh chabraich a’ sàs. Raonull mac Dhònuill Ghlais, Fear a fhuair foghlum gu deas; Deagh Mhac-Dhonuill a’ chùil chais, Cha bheò neach a chòmhraig leis. Alastair cridhe nan gleann, (Gun e ’bhi ann, mòr a’ chreach,) ’S tric a leag thu air an tom, Mac nan sonn leis a’ chu-ghlas. Alastair Mac Ailein mhòir, ’S tric a mharbh ’s a’ bheinn na féidh, ’S a leanadh fad air an tòir, Mo dhòigh gur Donullach treun. Is Dònullach thu gun mhearachd, Gur tu boinne geal na cruadhach; ’S càirdeach thu do Chlann-Chatain, Gur dalta thu do Chreag-Guanach. Ma dh’ fhàgadh Dònull a muigh, Na ’ònar aig Tigh-nam-fleadh, ’S gèarr bhios gucag air bhuil— Luchd-a’-chruidh, bidh iad a stigh. Bu mhath mo bhuachaille cruidh, B’ e sid uasal nam fear,— Bu deacair dhomh tàrmus air d’ fhuil, Cha bu dubh, ach aobharrach glan. Bu mhath mo bharanta-cogaidh, Ged a thogair mi tigh’n bhuaithe— Gur h-Eoin á Tigh-na-creige— Bho’n a bhagair e mo bhualadh. ’S bho ’n a bhagair e mi gu teann, Cho fad ’s a mhaireas crann, no clach, Cha tog mi h-uige mo thriall, Ni mó ’dh’ iarraim dol na ’theach. Mi ’m shuidh’ air sìth-bhruth nam beann, Ag coimhead aig ceann Loch-Tréig, Creag-Guanach am biodh an t-sealg, Grianan àrd am biodh na féidh. Chì mi ’n Dùbh-lochan bhuam, Chì mi ’Chruach ’us Beinne-Bhric, Chì mi Strath-Oiseann nam fiadh, ’S chì mi ’ghrian air Meall-nan-leac. Chì mi Beinn-Nibheis gu h-àrd, ’S an Càrn-dearg aig a bun, ’Us coire beag eile ri taobh, Chì mi fonn, ’us fraoch, ’us muir, Gur rìmheach an Coire-dearg, Far ’m bu mhiannach leinn bhi ’sealg; Coire nan tulchagan fraoich Innis nan laogh ’s nan damh garbh. Chì mi bràigh Bhidein nan dos, An taobh so bhos de Sgurra-Lìth, Sgurra-Chóinnich nan damh seang, ’S ionmhuinn leam an diugh na chî. Chì mi Srath farsuinn a’ chruidh, Far an labhar guth nan sonn; ’S Coire-Creagach a’ Mhaim-bhàin, ’Am minig an d’ thug mo làmh toll. Chì mi Gairbeinn nan damh donn, Agus Lap-bheinn non tom sìth; Mar sin ’us an Leitir-dhubh A’s tric a rinn mi fuil na ’frìth. Soiridh gu Beinn-Eòlair bhuam, Bho ’n ’s i ’fhuair urram nam beann; ’S gu slios Loch-Eireachd an fhéidh— Gu ’m b’ ionmhuinn leam fhéin bhi ann. Thoir soiridh bhuam thun an loch Far am faicteadh bhos ’us thall; ’S gu Uisge-Leamhna nan lach Muime nan laogh breac ’s nam meann. ’S e loch mo chridhe-sa ’n loch, An loch air am bitheadh an lach, Agus iomad eala bhàn, ’S bhiodh iad a’ snàmh mu seach. Olaidh mi á Tréig mo theann-shath, Na ’dhéigh cha bhì mi fo mhulad; Uisge glan nam fuaran fallain, Bho ’n seang am fiadh a ni ’n langan. Soiridh bhuam gu Coire-na-cloich’, An coire ’m bu toigh leam ’bhi ’tàmh; ’S gu Uisge-Labhair nam faobh, Cuilidh nan agh maol ’s nam mang. Soiridh eile gu Bac-nan-craobh, Gu dà thaobh Bealach-nan-sgùrr; ’S dh’ ionns’ an Eadar-bheallaich mhòir, Far nach cluinnear glòir non Gall. ’S buan an comunn gun bhristeadh, ’Bha eadar mise ’s an t-uisge, Sùgh nam mòr bheann gun mhisge, Mise ga ’òl gun trasgadh. ’S ann a bhà an comunn bristeach Eadar mise ’s a’ Chreag-sheilich; Mise gu bràch cha dirich— Ise gu dìlinn cha teirinn. [TD 334] Bho’n a labhair mi umaibh gu léir, Gabhaidh mi fhéin dibh mo chead; Dearmad cha dean mi ’s an àm, Air fiadhach ghleann Bheanna-beag. Cead a ’s truaighe ’ghabh mi riabh, Do ’n fhiadhach ’bu mhòr mo thoil; Cha’n fhalbh mi le bogha fo m’ sgéith, ’S gu làth-bhràth cha leig mi coin. Mise ’s tusa, ’ghadhair bhàin, ’S tùrsach ar turus do ’n eilein; Chaill sinn an tathunn ’s an dàn, Ged ’bhà sinn grathunn ri ceanal. Thug a’ choille dhiats’ an earb’, Thug an t-àrd dhiamsa na féidh; Cha’n ’eil nàire dhuinn, a laoich, Bho ’n laidh an aois oirnn le chéil’. ’Aois,—cha ’n ’eil thu meachair, Ge nach fheudar leinn do sheachnadh, Cromaidh tu an duine dìreach A dh’ fhàs gu mìleanta, gasda. Giorraichidh tu a shaoghal, ’Us caolaichidh tu a chasan; Fàgaidh tu a cheann gun déudaich ’Us ni thu éudann a chasadh. A shine chas-aodnach, pheallach, A shream-shuileach, odhar, éitidh; Cuime ’leiginn leat, a lobhair, Mo bhogha thoirt dhiom air éiginn. Bho ’n ’s mi-fhin a b’ fhèarr an airidh, Air mo bhogha ’s ra mhath iubhar, Na thusa, ’aois bhodhar, sgallach, ’Bhios aig an teallaich ad shuidhe. Labhair an aois rium a rithist: “Is mò ’s ruighinn ’tha thu ’leanailt Ris a’ bogha sin a ghiùlan— ’S mór gu ’m bu chuibhe dhut bata.” Gabh thusa bhuamsa am bata, ’Aois ghnàda, chairtidh na pléite; Cha leiginn mo bhogha leatsa, Do d’ mhathas no air éiginn. “’S ioma laoch a bh’ fhearr no thusa, ’Dh’ fhàg mise gu tuisleach anfhann, ’N déigh fhaobhachadh as a sheasamh, Bha roimhe na fhleasgach meanmnach.” ’S beatha bheag gach là. Cha ’n eil na’r beatha gu léir ach la air a chur ri là. Bha Jacob a’ cunntas a bheatha le làithibh, agus bha Maois ag iarraidh gu ’m biodh e air a theagasg mar bu chòir dh’a laithean, cha ’n iad a bhliadhnaichean, aireamh gu ceart. SUIRIDHE A’ MHADAIDH-RUAIDH, NO ’S I ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. ROIMHE so o chionn fhada an t-saoghail (ma’s fior an naigheachd) bha deadh Ghàilig mhilis bhlasda aig uile bheathaichean na tìre, agus cha robh gamhlas, no mì-run, no naimhdeas air bith eatorra, mar a chì sinn a nis; ach bha iad uile caoimhneil cairdeil carannach r’a chéile, mar a bu chòir do Ghàidheil a bhi. Dh’ òladh iad taobh ri taobh as an aon sruth—chaidleadh iad anns an aon phreas—agus chìteadh iad a’ mireag r’a chéile air an aon réilean; rachadh an dara h-aon gu minic air chéilidh do thigh an aoin eile, ’s bha ceòl a’s aoidheachd a’s aighear, bha fala-dhà agus sùgradh a’s cridhealas, bha suiridhe ’s gaol a’s pòsadh a’ dol air aghaidh ’nam measg. Chìteadh am miol-chu ’s a’ mhaigheach, an dòbhran-donn ’s an t-abhag riabhach, an t-uainein beag geal ’s an sionnach ruadh, guala ri guala, gu mùirneach, caidreach, cairdeil—ag còmhradh r’a chéile le brìodal blàth ’s le mànran milis. San àm so ma ta (a réir ar sgeòil) bha cat òg ann, aig an d’fhàg a h-athair ’s a màthair mòran stòrais, agus cha robh cat san dùthaich uile bha co maiseach. Bha a bian co slìom mhìn ri sioda na gailbheinn, ’s a sùilean co loinnreach àluinn ri aon chloich dheàrrsaich luachmhor uaine bha riabh ann am fàinne na ban-righ. Mar is furasda thuigsinn, bha iomadach leannan aig an àilleig òig; cha robh cù no cat, sionnach no feòcullan, dòbhran-donn no coinean san tìr, nach robh air a tòir. Ach do na suiridhichean uile, ’se cù [TD 335] àraidh agus sionnach a b’ iomraitiche, agus orra so ìnnsidh sin sgeul. Bha ’n cù ’na mhadadh còir tlachdmhor, ionraic, onorach; agus ’nuair chual’ e gu ’n robh a liughad fear an tòir air nighean peathar a sheanmhar, (oir bha e cho càirdeach a’s so dhì) chuir e roimhe gu’n tugadh e féin tairgse dhi. “Innsidh mi ’n fhìrinn” thuirt esan “mu m’ stoc ’s mu m’ ghabhaltas, mu m’ chuid ’s mu m’ chreideas, cha cheil mi an nì a’s faoine—ma ghabhas i mi ’s math, ’s mur gabh, cha bhris mi mo chridhe air a son. Thog am madadh còir air leis an rùn so; ach bha ’n sionnach ’na choimhearsnach dha, agus thuig e ciod a bha air ’aire. Chuir e roimhe na’m b’ urrainn da, gu ’n tugadh e an car as a’ chù ’s gum faigheadh e’n cat òg beairteach dha féin. Tha fios aig a h-uile duine gu bheil na sionnaich carach, cuilbheartach, seòlta, sloighteil; agus bha ’m fear so cosmhuil r’a sheòrsa. ’Nuair chunnaic e an cù an déigh falbh cha robh fios aige ’n toiseach ciod a dheanadh e: oir bha eagal air nam bruidhneadh an cù mun ruigeadh esan nach biodh móran tuiteamais aige-san air airgiod a’ chait—ach cha d’ fhuaras neas riabh ’na cadal, cha mhò fhuaras sionnach ruadh gun chleas. Ghabh e stigh do choille bha ’n sin—fhuair e athghoirid roimhpe thug chum an rathaid-mhòir e air thoiseach air a’ chù, agus aig taobh an rathaid chunnaic e beul-fo-fhraoch cumhann, domhain, agus aige so stad e, a’ cur roimhe gum milleadh e suiridhe a’ choin-mhóir fhathasd. ’Nuair a mhothuich e’n cù a’ tighin, leig e e féin ’na shìneadh agus thòisich e ri tùirse ’s ri caoineadh mar gum biodh e a’ call an deò. Chunnaic an cù e, agus thubhairt e ris féin, “tha ’n sionnach an sàs—tha na cluipearan carach sin daonnan a’ tachairt ri tubaist air chor-eiginn, le tuille ’s a’ chòir do sheòltachd. Air mo shon féin cha d’ fheuch mi ach firinn a’s onoir riabh, ’s cha d’ thainig cruaidh-chas no aimlisg fhathasd orm; ach feumar cuideachadh leis an t-sionnach o’n tha e ann an éiginn. Ghreas an cù air ais agus dh’ fheòraich e d’a choimhearsnach ciod a dh’ éirich dhà. “Mo thruaighe! mo thruaighe!” ars’an sionnach, “thuit mo phiuthar bheag san t-slochd so ’s cha ’n eil fios agam ciod a nì mi—tha eagal orm gum bi i tachdta a thiota. “Nach teid thu as a déigh ’s nach toir thu ’nìos i? a bheathaich rath,” arsa ’n cù. “O! ’s mi bhiodh toileach,” thuirt esan, “ach nach fhaic thu ann a’ feuchainn ri ruigheachd oirre cheana gu ’n do shniomh mi mo dhruim, ’s cha ’n eil gluasad agam—Och a’s ochoin! mo phiuthar bheag bhochd, ’s e ’n diugh latha na dunach, an latha dubh dhomhsa!” “Ma tha a’ chùis mar sin,” ars ’an cù, “cha ’n fhàg mise thu an àm na h-éiginn, bheir mi nìos do phiuthar bheag ma ghabhas e deanamh.” Gun tuilleadh a ràdhainn leum am mada ’còir caoimhneil sìos do ’n t-shlochd. Bha ’n sionnach gu grad air a bhonnaibh ’s chuir e leac mhór chloiche air beul an tuill ’s rinn e glag gàire. “Fan thusa ’n sin, a choin chòir,” ars’ esan, “theid mise ’s bheir mi beannachd uat gu d’ bhana-charaid an cat.” “A shloightire! a bhiasd! a chluipear ruaidh! an ann mar so a rinn thu orm?” arsa ’n cù; ach cha d’ éisd an sionnach ri smàdadh. Dh’ fhalbh e gu siùbhlach sùnndach do thigh na ban-oighre, lan-thoilichte le ’thapachd féin. ’Nuair bha e dlùth do’n tigh, chuir e roimhe gu ’n taghladh e aig a mhnaoi-eòlais, a’ phioghaid, chum an sin gum faigheadh e gach naigheachd a bha ’falbh. Bha ’phioghaid, ro-chaoimhneil ris, “ach” ars’ ise, “ciod thug sibh féin co fada bho ’n bhaile? mur mi- [TD 336] mhodhail r’a fheòraich e.” Ma tà, le ’r cead,” fhreagar esan, “bha aon aobhar mór agam, tighin a chòmhradh ri mnaoi-uasail cho glic, fiosrach, ribh féin; ach a thuilleadh air so, b’ éiginn domh a’ chùirt san robh mi fhàgail. Bha a’ bhan-leòmhann, bean an rìgh, gu math muirneach umam; ach ghabh esan ’na cheann gu ’n robh i tuille ’s gaolach mu m’ dhéighinn. Thòisich esan, am burraidh mór, ri eudach rithe, agus smuaintich mise gum bu mhithich dhòmhsa bhi ’bogadh nan gad. Cha ’n fhala-dhà leòmhann a bhios le eudach.” “Ach ciamar a leig e air falbh sibh?” arsa ’phioghaid, “nach h-iongatach nach do mharbh e sibh gun dàil?” “O! ’s ann tha e ro-chaoimhneil rium,” ars’ esan, “cha robh a dhìth air ach gum bithinn air falbh o’n bhan-righ; agus mar dhearbhadh air a chàirdeas do m’ thaobh, thug e dhomh, an ni luachmhor so tha agam ann an so, ni nach fhaighinn a leithid eile eadar ceithir chearnaibh an domhain mhóir.” “’D é sin? ’d é sin?” arsa ’phioghaid. “Cha ’n fhaod sibh ìnnseadh” arsa ’n sionnach. “Innseadh! air focal onorach na pioghaid cha chluinnear diog uamsa dheth gu bràth,” deir ise. “’S e ’n rud a th’ann, ma tà, tri róinneagan a bha air a chuigeamh cois aig a’ bheathach mhòr a bha ’n Loch-odha,” thuirt an sionnach. “Ciod am beathach mór?—ciod na casan?—ciod na róinneagan? innis domh, innis domh” thuirt a’ phioghaid ’s a suilean a’ lasadh ’s a guth air chrith le h-ioghnadh. “Nach ’eil fios agaibh mu’n bheathach mhór a tha ’n Lochodha bho chionn tri cheud bliadhna, gu bheil cóig casan air; agus na trì róinneagan a tha aig bun na h-iongamóir aig té dhiubh gu ’n gléidh iad an t-aon aig am bì iad am maise ’s an àilleachd na h-òige, gun liathadh, gun phreasadh, gun seargadh gun seacadh, ged a bhiodh e beò co fada ris a’ bheathach mhór féin. Fhuair mi iad so bho ’n rìgh ’s tha iad agam air mo shiubhal.” “O! nach leig sibh fhaicinn iad?” ars’ ise “’s bidh mo bheannachd oirbh.” “’S ro-dhuilich leam ur diultadh” ars’ esan, “ach gheall mi do’n rìgh nach leiginn fhaicinn iad do thé gu bràth ach an té a phòsas mi—gabhaibh mo leisgeul.” B’ éiginn do ’n phioghaid cur suas leis an diùltadh; agus o’n dh’ innis an sionnach uiread do nithibh iongatach dhise, dh’ innis ise dhàsan gach ni a bha ’dol air aghaidh mu ’n àite, agus moran naigheachdan mu ’n chat ’s na suiridhichean. Bha sionnach tuille ’s seòlta glic gus a h-uile rud a chual’ e a chreidsinn; ach thuig e gu ’n robh an cat glé mhor aisde féin, agus gu’n taitneadh miodal a’s moladh a’s brosgul gu math rithe. Dh’ fhàg e beannachd aig a’ phioghaid, ag earalachadh oirre gun diog a ràdhainn mu na chual’ i. “’N e mise?” ars’ a’ phioghaid, “cha ’n ann de ’n t-seòrsa sin mì. Na biodh cùram oirbhse uime sin; ’s iomadh carraig air an caochail sruth, ach cha chluinnear pioghaid a’ tighinn thairis air na chluinneas i.” Dh’ fhalbh an sionnach ’s ghabh e mu thàmh ré na h-oidhche sin. ’S a’ mhaduinn am màireach, gun fhios ciamar, chual’ a’ chuthag ’s an fheannag, chuala ’n cat ’s an coinean, chuala gach beathach a’s duine a h-uile facall a bha eadar an sionnach ’s a’ phioghaid; ’s bha gach maighdeann ’s a’ bhaile air bàineadh gu eòlas fhaotainn air aon co ainmeil. Cha do chaill esan móran ùine gun dol an còmhradh a’ chait, agus bha e co grinn sgiolta, bha e co beulach miodalach ’s gu ’n do ghabh an cat déigh mhor dheth a thiota, agus a réir coltais bha ’shaod gum faigheadh e gach nì mar bu mhath leis. Ach faiceamaid a nis ciod a dh’ [TD 337] éirich do ’n chù. Bha ’n toll anns na thuit e tuille ’s cumhann gu tionndadh ann, agus chuir ann leac a chàirich an sionnach air beul an t-sluic, as a chomas faotainn a mach le streapadh. “Mur teid sinn air ar n-ais” arsa ’n cù, “feuchaidh sinn dol air ar n-aghaidh,” agus le mor strìgh dh’ oibrich e rathad air aghaidh tre ’n t-slochd gus an d’ thainig e gu uaimh mhor fharsuing reidh, far am fac’ e na chuir iongatas gu leòir air. Bha ’n so dh’ òr ’s do airgiod na dh’ fhognadh do rìgh, agus do chlachan rìomhach loinnearach, na bha dealradh cosmhuil ris a’ ghrein; ach am meadhon na h-uaimh bha uile-bheist mhor uamhasach ’na suidhe, beithir sgiathach, agus cha b’e sealladh blàth a thug i air a’ chù. “’De thug an so thu?” thuirt ise, “an ann a ghoid mo stòrais a thainig thu? thig an so—là t’ athar ’s do sheanar dhuit a mhèirlich, bheir mis’ ’ort nach toir thu an oidhirp cheudna ’rithist—thig an so!” “Cha ’n ann a ghoid do chodach a thinig mise” thuirt an cù, “agus nam b’ aithne dhuit mi cha tugadh tu a leithid do mì-mheas orm—’s nì e nach d’ rinn beathach no duine orm riabh roimhe, agus nì nach ’eil gnothuch agadsa dheanamh na’s mò. “’S ann agad tha ’bhathais, a bheathaich pheallagaich, robaich, fhad-chluasaich,” arsa ’n uile-bheist ’s i seideadh gu h-eagalach ’s a suilean a’ lasadh le feirg, nach ’eil fhios agad gur h-urrainn domh do phronnadh fo m’ chasan ann am prioba na sul?” “Faodaidh tu sin a dheanamh, gun teagamh,” arsa ’n cu, “ach cha bhiodh e ach gle nàr, allanta dhuit sin a dheanamh ’s tu na’s mò na mise—cha d’ thug mi fein aghaidh air aon riabh bu lugha na mi fhein, agus ’s ann a b’ fhèarr dhuit an rathad a sheoladh dhomh gu uachdar an talamhainn—’s ann an sin tha ’mhiann orm a bhi—tha fior dheigh agam air tilleadh ann car tacain co dhiubh, gu aon deagh phabadh a thoirt do bheisd shionnaich a thug droch car asam an diugh fein;” agus an sin dh’ innis e gu lom, soilleir, do ’n nathair-sgiathaich mar a dh’ eirich dha. “Am fan thu,” arsa ’n nathair sgiathach, “gu bhi a ’d fhear-muinntir agamsa?” “Cha ’n fhan mi féin” thuirt an cù. “Mur bi thu a ’d fhear-muinntir agam” arsa ’n uile-bheist eagalach, “bidh tu a’d lòn feasgair dhomh, gun dol a nùll no nall freagair mi, am fuirich thu ’n so a’d òglach agamsa? freagair mi a thiota—ciod tha thu ’g ràdhainn?” ars’ ise le colg eagalach ’s i ’fosgladh a mach a sgiathan oillteil, ’s teine-sionnachain a’ sradadh as a sùilean, ’s a craos dearg fosguilte. “Labhair,” ars’ ise. “Mur ’eil dol as,” fhreagair an cù, “cha ’n eil comas air, fanaidh mi.” “Thoir dhomh crathadh do d’ spòig air a’ chùis, matà,” arsa ’n nathair sgiathach. “So dhuit i” arsa ’n cù, cha do gheall mi rud riabh ris nach do sheas mi, ’s nach do choimhlion mi a réir mo chomais.” An sin dh’ innis an nathair sgiathach dha gu ’n robh mòran do bheathraichean-nimhe, nathraichean gnàda, bha ann an seòrsa do chàirdeas fad as d’a teaghlach-se, a bha ’sior fheuchainn ise mharbhadh, a chum ’s gum faigheadh iad a beairteas, nach robh fois aice a là na dh’ oidhche leò, ’s gur h-e bhiodh mar obair aigesan faire dheanamh nuair a bhiodh ise, an nathair-sgiathach, ’na cadal, agus a dùsgadh ’nuair thigeadh na nathraichean-nimhe gnada mach as na sluic. Gheall an cù a dheanamh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Phaigh an nathair a sgiathan, tharruing i a h-earball mu thimchioll a cinn. Bha ’n cu glé thúrsach tròm, ’s an t-acras air [TD 338] cuideachd. Chunnaic e meall mór feòla agus mòran chnàmh ann an oisinn do ’n uaimh, agus thug iad uisge air ’fhiaclan a bhi ’g amharc orra; ach o nach d’ fhuair e cead an itheadh cha do bhean e dhoibh; chuir e roimhe bhi ionraic, onorach, mar bha e riabh, agas rinn e faire ré na h-oidhche. Thainig na nathraichean-nimhe uair a’s uair ach rinn an cù tathunn daonnan, dhùisg a’ bheithir-sgiathach, agus co luath ’s a chrath ise i féin, theich iadsan air falbh. Sa’ mhaduinn bha ’bheithir-sgiathach mòran na bu chaoimhneile ris a’ chu, thug i dhà a shàth r’a itheadh, agus labhair i ris le bàigh. Chaidh latha ’s là mar so seachad, an cu a’ fuireach dìleas, agus a’ bheithir-sgiathach a’ faighinn deagh chadail, gus mu dheireadh aon oidhche ’n d’ thainig measan beag bòidheach, ballach, donn, a stigh do ’n uaimh, agus thòisich e ri mòran miodail a’s beadraidh a dheanamh ris a’ chu. “’S duilich leam,” arsa ’m measan, “fear do choltais fhaicinn ’na leithid so do shlochd, a’d thràill aig a’ bhéisd ud; falbh thusa leamsa ’s bheir mi an ùine ghoirid gu uachdar an t-saoghail ’s gu d’ chàirdean féin thu.” “’S mi bhiodh deònach aighearach,” arsa ’n cu, ach gheall i do’n bheithir-sgiathaich fuireach a’m fhear-muinntir aice, thug mi dhith mo spòg air a’ chuis, cha ghabhainn an saoghal agus m’ fhacall a bhristeadh, éireadh dhomh mar thogras, bidh mi dileas.” “An toir thu dhomh” arsa ’m measan, “cuid do na cnàmhan ud r’a ithe ’s an t-acras ’gam tholladh?” “Nam bu leam féin iad,” arsa ’n cu, “b’e do bheatha mìle agus mìle uair, ach buinidh iad dhise do na gheall mi bhi dìleas, agus cha chuir mise làmh air cuid duin’ eile airson ni air bith” arsa ’n cu. Dh’ fheuch am measan mòran brìodail a’s miodail, ach cha ghéilleadh an cu a bheag no mhór gus mu dheireadh ’s mu dhiu, ann am prioba na sul, an d’ fhàs am measan beag, bòidheach, hallach, donn, ’na nathair mhóir stiallaich, làbanaich, shleamhuin! a suilean mar an teine, gach fiacaill ’na craos mar sgolb tighe, agus an caramh a’ choin ghabh i. Thug an cu bochd sgal cruaidh as, agus gu fortanach dhàsan dhuisg a’ bheithir-sgiathach, ’s cha b’ ann a chrathadh a cluasan, no g’a tachas féin a dh’ fhuirich i, ach an tiota na boise bha i air a bonnaibh ’s an sàs san nathair mhòir. B’e sin an cath, ’s cha ’n fhacas a leithid. Bha sgreadail a’s sgriachail a’s raoicich a’s rànaich, srannraich agus séidil oillteil, ni’s leòir chum na creagan a sgoltadh, agus a thoirt air bras-shruthaibh an aonaich stad a dh’ éisdeachd. Bu duilich a radhainn cò bu treasa, ach mu dheireadh fhuair an nathair-nimhe lubach lábanach, air muin na beithir-sgiathaich, agus bha i ’ga suaineadh féin ’na cuairt eagalaich mu ’timchioll, le fead agus séidil choimheich, ’nuair a leum an cu agus le ’uile neart shàth e ’fhiaclan ann an earball na nathrach. Co luath ’s a mhothuich ise dha so, ghrad thionndaidh i mu ’n cuairt gu’ cur as da, ach mun d’ràinig i an cu bha a’ bheithir-sgiathach air a cois agus ann an amhaich na nathrach-nimhe; ghléidh i greim air a sgòrnan gu teann tréun, gu dluth dìonach, gus nach robh sgrid innte. Nuair a bha chomhrag seachad, thug a’ bheithir-sgiathach mìle agus mìle taing do ’n chu; dh’ innis i dha gum b’e sud rìgh nan nathraichean-nimhe, gu’n robh comas aige air a chruth atharrachadh mar a thogradh e, agus nan géilleadh an cu ann an aon nì no nì eile, gu’n grad sgriosadh e iad le chéile; “ach tha mi ’faicinn nach ’eil dìon ann cosmhuil ri dìlseachd agus ri h-onoir.” “A [TD 339] nis,” ars’ ise, “cha ’n eil feum tuillidh agam air do sheirbhis, leigidh mi fhaicinn duit an rathad gu uachdar an t-shaoghail, agus o’n tha thu co dìleas dòmhsa, bheir mì dhut seòladh no dha a ni thu comasach air bhi suas ris an t-sionnach chuireideach, carach, seòlta ’s ge bheil e.” “Gu robh math agaibh-se” arsa ’n cu, “tha mi fada ’nur comain, ach ’s coma leam cuir a’s cleasan, cha d’ fheuch mi riabh iad ’s cha ’n fheuch, cha chreid mi nach fhaigh ionracas a’ chuid a’s fearr do na cuilbheartan a’s mò aig a’ cheann mu dheireadh.” “Gabh do dhòigh féin air, ma ta,” arsa ’bheithir sgiathach, “slàn leat! chuir thu comain mhòr ormsa ’s cha dí-chuimhnich mi dhuit e ma thig do ghnothuch a’m charamh.” Fhuair an cu a chas air lòm aon uair eile; ghrad dh’ fhalbh e gu tigh a’ chait agus ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada g’a ruigheachd. ’Nuair ràinig e thuig e gu’n d’ rinn an sionnach a leithid de chàineadh air ’s gu ’n robh gach beathach sa’ bhaile ann am fuath air. Cha togadh an cat suil no mala ris, agus cha ’n iarradh i cuideachd air bith ach cuideachd an t-sionnaich a bha gach mionaid r’a gualainn. Bha tuille spioraid sa’ chu na gu’n cuireadh e ’na comas a dhiultadh, ach ’nuair a chunnaic e ’n sionnach aig an uinneig a’ toirt pòige dhi, ise le a spòig ghil, bhòidhich, a’ cireadh earbill ruadh dosrach an trusdair, ghabh e fearg nach bu bheag, agus ghlaodh e ris a’ bhalgaire charach, “A sloightire chuilbheartaich bhréugaich, ma tha a chridhe agad thig a mach an so ’s bheir mise aon fhàsgadh air do chnàmhan a ghleidheas tu gun do chuireidean fheuchainn air cu eile ’n dà latha so! Bheil a chridh’ agad tighin, a bhradaire chealgaich, mheirgich ruaidh?” Chuir an sionnach a theanga ’na phluic, chuir e’n sin a spòg air a shròin, chaog e shuil, chuir e dréin air, agus an sin dh’ fhàg e’n uinneag gun tuille feairt a thoirt air a’ chu. “Cha ’n eil fhios am faigh thu as mar sin fhathast ge cuireideach thu” arsa’n cu. Dh’ fhalbh e agus luidh e aig bun craoibhe bha dlu do’n tigh, a’ cur roimhe nan cuireadh an sionnach a chas air blàr-lòm, gu ’n tugadh e aon deagh chrathadh dha. Faiceamaid a nis ciod a rinn a’ bheithir-sgiathach—cha do leig i air dì-chuimhn seirbhis mhath a’ choin, agus smaointich i nach bu mhisd e cuideachadh an aghaidh caran an t-sionnaich. Sgaoil i a sgiathan ’s a thiota bha i aig a’ bhaile san robh ’n t-suiridhe dol air a h-aghaidh, agus ghabh i còmhnuidh ann an uaimh a bha mu choinneamh tigh a’ chait. ’S iad na beathraichean-sgiathach na beathaichean a’s seòlta ’s a’s beartaiche sam bith, agus mar so tha mòr mheas aig na beathaichean eile orra, ged tha iad co grànnda. Rinn tighin na beithir-sgiathaich ma ta, fuaim mhór air feadh a’ bhaile. ’S gann a bha i gu math air suidhe ’na tigh udlaidh dorcha ’nuair bha pioghaid luath na gleadhraich aig an dorus, a dh’ fheuch sinn ciod a chluinneadh i. “Ciod an naigheachd tha agad dhomh?” arsa ’bheithir-sgiathach. “Cha ’n eil a bheag do naigheachd san àite so, le ’r cead” thuirt ise, “ach mu dhéighinn na ban-oighre rìomhaich so, an cat, a tha ’tionndadh ceann na h-uile fir, ach tha i dol a phòsadh an t-sionnaich mun tig ceann seachdain.” “Ise ’na ban-oighre!” thuirt a’ bheithir, “nam biodh fios agad air na bheil de dh-òr aig mo nighinsa, cha ’n abradh tu gu’n robh aon beairteach ach i féin.” “’Bheil teaghlach agaibh ma ta?” dh’ fheòraich a’ phioghaid. “Cha ’n eil [TD 340] agam ach an aon nighean, agus tha de stòras air fhàgail aice le bràthair dhi a bha sna h-Innsean, gun tighin air na th’ agam féin, nach ’eil fhios aice ciod a ni i ris, agus tha i ’gam shàruchadh le leannain agus suiridhichean a tha ’tighin g’a h-iarraidh.” “Ma phòsas i gun ur ceadsa, am faigh i an t-airgiod?” thuirt a’ phioghaid. “Gheibh na h-uile sgillinn,” thuirt a’ bheithir-sgiathach, “’s ann aice féin a dh’ fhàgadh e, ach feuch nach bi thusa ’g innseadh so air feadh a’ bhaile, oir cha ’n eil toil agam dragh a bhi ’ga chur orm.” “’Ne mise?” arsa ’phioghaid, “cha ’n ann diubh sin mi, cha chan mi facall gu bràth m’a dhéighinn. Moch air an làmàireach ràinig a’ phioghaid tigh a’ chait, agus dh, innis i na h-uile diog mu ’n bheithir-sgiathaich ’s a nighean bheairteach. Chuala ’n sionnach ’s ged nach do ghabh e a bheag air, chuir e roimhe, nam faodadh e, gu’n deanadh e greim air an tochar mhòr a bha ’n so, ’s gu’n leigeadh e leis a’ chat a bhi sealltuinn airson leannain eile. ’Nuair thainig am feasgar chuir e roimhe dol a chur eòlais air nighean na beithir-sgiathaich; ach ciamar a gheibheadh e d’ a h-ionnsuidh? Bha ’n cu air an rathad, agus bha fios aige noch b’e ’n sùgradh dol ’na dhàil. Dé th’ agad air, cha robh sionnach riabh gun char, agus so an dòigh a ghabh e chum an cù chur as an rathad. (Ri leantainn.) SOP AS GACH SEID. Na’n gabhadhmaid uiread a shaothair gu bhi mar bu chòir dhuinn a bhi ’s a tha sinn a’ gabhail gu bhi ’cur falaich air an ni a thà sinn, dh’fhaodamaid a bhi coltach ruinn fhéin gun bhi aig an dragh a bhi falach ni sam bith. Tha e mòran ni’s fhusa a’ cheud mhiann a chumail fodha na na miannan a leanas a riarachadh. Cha robh duine riamh ann ’s cha mhò bhitheas a fhuair a h-uile mi a réir a mhiann gun dad a thighinn na aghaidh. Tha ’n duine eas-onorach a’ ceiltinn a lochdan uaithe fhéin cho maith ’us o chàch; is aithne do’n duin’ onorach iad, agus a bharracd air sin aidichidh e iad. Bha duin’-uasal araid aig bàl dannsa agus o nach robh e na dheadh dhannsair bha feadhainn thall ’s a bhos a’ magadh air. Cha robh so a’ còrdadh ris, ’s mu dheireadh thionndaidh e le feirg ’s thuirt e ri neach a bha laimh ris, “Ged nach ’eil mi gle mhaith air dannsa tha mi anabarrach maith air sabaid.” “Ma ta,” ars’ am fear eile ’s e freagairt, “’s e mo chomhairle-sa dhut a bhi sabaid an còmhnuidh ’s gun a dhol gu bràth tuilleadh a dhannsa.” Bithidh daoine deanamh uaill as an gnìomharaibh mòra; ach tha iad air an toirt gu buil na’s trice le tuiteamas na le rùn. ’S e cothrom, saighdear a’s fhearr na dànadas. Bha Frangach deaghfhaclach ann uair eigin aig an robh seann each a bha gu tuiteam as a sheasamh leis an laige, ’s air dha bhi là àraid a’ dol thar aon de dhrochaidaibh na Séimhaimhne co thachradh ris ach oifigeach airm ’s e marcachd eich a bha ro eireachdail agus meanmnach. “Cuiridh mi deich buinn òir air a’ gheall riut,” arsa ’m Frangach, “gu’n toir mi air an t-seann each, bhochd, lag so, rud a dheanamh nach dean an t-each bras meanmnach sin agadsa dh’ aindeoin ’s na tha mhoit ort mu dhéidhinn.” “Mata,” ars’ an t-oifigeach, “cuiridh mi riut e.” Air so thàinig am Frangach air làr ’s chuir e ghualainn ris an each ’s thilg e leis an amhainn e. “Mur toir thusa air d’ each fhein a leithid sid a dheanamh,” ars’ esan, ‘grad phàigh dhomhsa ’n geall.’ Phàigh an t-oifigeach an geall. Bha oifigeach ann air an robh cas mhaide ’bha air a deanamh cho fior mhaith ’s nach aithnicheadh neach sam bith nach i cas cheart a bh’ innte. La dha bhi ’s a’ bhlàr thug peilleir gunna mhòir air falbh a chas-mhaide. Mhothaich saighdear dha ’tuiteam ’s ghlaodh e, “Rach air tòir an lighiche cho ealamh ’s is urrainn dut ’s an t-oifigeach air a leonadh.” “Cha teid,” ars’ an t-oifigeach, gu socrach, “an saor a tha dhìth orm.” [TD 341] LITIR ’US CRONAN BHO’N BHARD MAC-COLLA. A GHAIDHEIL IONNCHUINN, IS cuimhne leam, air dhomh bhi fathast ann am ghiullan beag, a bhi ’g éisteachd le toileachas mòr ri séisd an òrain so a leanas ’ga sheinn, le mnaoi chòir a b’ aithne dhomh, mar òran-cadail do leanabh-cìche. Air dhomh a bhi nis a’ cur an ceangal ris rannan freagarrach do spiorad a chiùil, b’e mo mhiann crònan cho milis a chumail gun dol air dì-chuimhne. So agul, ma tà, an oidheirp a thug mi air sin a dheanamh. EOGHAN MAC-COLLA. CRONAN-CADAIL LEANAMH BEAN-A-CHIOBAIR. FONN— “Siùd ó, siùd ì, sùid uallachan Cha chiùrr mi thu, ’s cha bhuail mi thu.” O bà, O bà, mo cheallan beag! Gu’m bheil mi air mo phianadh leat! O bà, O bà, mo nianag bheag, Cha’n fhaigh mi fear am bliadhna dhut! O caidil clis, mol chìocharan,— Ged ’s faoin dhomh bhi ga ’innseadh dhut! ’S olc thug do chéile ciobaire A cuibheoill a bhi dìomhanach. O bà, O bà, &c. Ma thig an latha phòsas tu, Bi’dh féum air plaidean clòimh agad; ’Us gheabh thu sin, ma’s beò mise, Le deise bhreacain còmhla ris. O bà, O bà, &c. Cha taghainn-sa mar chéile dhut Fear-malairt carach, béul-bhreugach; ’S e b’ annsa leam ri d’ thaobh geal-sa, Fear-baile a’s crobh-laoigh aige. O bà, O bà, &c. Am fear a gheabh mo leanabh-sa, Bi’dh tochradh aige ’dh-fhanas leis ’Na dreach ’s ’na dòighean banalta,— B’e dual a dream bhi ceanalta. O bà, O bà, &c. Uist! uist! a ghràidh ghil, uaineinich,— Cha b’ àill e le d’ mhà’ir bhi gruamach riut, ’S a bhlàth na d’ chruth ’s na d’ ghruaidhean riut, Gur h-ann o Nèamh a fhuair mi thu. O bà, O bà, &c. Nis! nis! gun taing do ’m rùnan-sa Tha do dhà shùil bheag dùinte nis! ’Nuair thig, a ghràidh, tìm dùsgadh dhut Bi’dh broilleach làn ga ’rùsgadh dhuit? O bà, O bà, &c. [TD 342] ORAN A’ PHRIONNSA. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. [Ceòl] SEISD.— Hùg ó, laill ó, Hùg ó, ho-ró ’n àill leibh, Hùg ó, laill ó, Seinn ó ho-ró ’n àill leibh! MOCH ’s a’ mhadainn ’s mi dùsgadh, ’S mor mo shunnd ’s mo cheol-gàire, Bho’n a chuala mi ’m Prionnsa Thigh’nn a dhùthaich Chlann-Rànuill. Hùg ó, etc. Bho’n a chuala, etc. Gràinne-mullaich gach rìgh thu! Slàn gu’n till thusa, Theàrlaich! Hùg ó, etc. Grainne-mullaich, etc. ’S ann tha ’n fhior-fhuil gun truailleadh Anns a’ ghruaidh is mor nàire! Hùg ó, etc. ’S ann tha ’n fhior-fhuil, etc. Mar-ri barrachd na h-uaisle, ’G éirigh suas le deadh nàdur. Hùg ó, etc. ’S na ’n tigeadh, etc. ’S na càiricht’ an crùn ort, Bu mhùirneach do chàirdean. Hùg ó, etc. ’S na ’n càiricht, etc. Biodh Loch-iall mar bu chòir dha, ’Cur an òrdugh nan Gàidheal. Hùg ó, etc. Bhiodh Loch-iall, etc. A’s Clann-Dònuill a’ chruadail, ‘Choisinn buaidh anns na blàraibh. Hùg ó, etc. A’s Clann-Dònuill, etc. ’S iad a chumadh a’ chòmh-strith Ri luchd chòtaichean màduir. Hùg ó, etc. ’S iad a chumadh, etc. Sud a’ chuideachd bhiodh foirmeil, Le boineid ghuirm a’s coc-ard innt’. Hùg ó, etc. Sud a’ chuideachd, etc. ’S bhiodh am féile ’s an fhasan, Mar-ri gartana sgàrlaid. Hùg ó, etc. ’S bhiodh an fhéile, etc. Féile-cuaich air bhac-easgaid Paidhir phiostal, ’s lann Spàinteach. Hùg ó, etc. Féile-cuaich, etc. ’S na ’m faighinn mo dhùrachd Bhiodh an Diùc * air dhroch càramh! Hùg ó, etc. ’S na ’m faighinn, etc. Gu ’m biodh “Buidsear” na feòla. A’s a’ chròcach m’ a bhràghad! Hùg ó, etc. Gu ’m biodh “Buidsear,” etc. A’s gu ’n gibhtinn “A’ mhaighdean,” Mar oighreachd d’ a bhràthair! Hùg ó, etc. A’s gu ’n gibhtinn, etc. Ach slàn gu ’n tig thu ’s gu’ n ruig thu, Slan gu ’n tig thusa, Theàrlaich! Hùg ó, etc. * Cumberland. [TD 343-352] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 353] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. V. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. [60 AIR. LITREACHAS NAN GAIDHEAL. IV. NA LAOIDHEAN. Dughall Buchannan. Anns an linn anns an do shaoithrich Dughall Buchannan, Mac-Mhaighstir-Alastair, Donnachadh Ban Mac-an-t-saoir, agus Rob Donn, bha luchd-aiteachaidh Gaidhealtachd na h-Alba air deireadh air luchd-aiteachaidh a’ chorr de’n rioghachd ann am foghlum agus am fiosrachadh mar tha iad air an là diugh agus mar bhitheas iad a reir coslais anns gach linn ri teachd. Ach, cho fada agus is leir dhomh, cha robh na Gaidheil, ceud-gu-leth bliadhna roimhe so, cho fada air deireadh air na Goill anns na feartan so agus a tha iad a nis; agus tha aobhar againn a chreidsinn gu’m bi cothrom aig ar daoine, ceud-gu-leth bliadhna ’na dheigh so, air a bhi na’s dluithe air an coimhearsnaich anns na cuisean so na tha againne an diugh. Ann an tìr leth-oireach, neo-thorach, mar tha Gaidhealtachd na h-Alba tha e soilleir gu’m bi cor an t-sluaigh air deireadh air cor luchd-aiteachaidh machraichean torach taobh deas na rioghachd. Agus cho fada agus a bhitheas foghlum an t-sluaigh ri fhaotainn, anns a chuid is mo, ann an sgoilean agus an leabhraichean bithidh cothrom a’ Ghoill os cionn a’ Ghaidheil ro mhor. Tha cumhachd na sgoil agus an leabhair mor an diugh; bithidh iad gun teagamh na’s mo fathast. Ach cha’n urrainnear sgoilean maith a chur far an ruig gach balach ’us caileag anns a’ Ghaidhealtachd orra; agus bithidh bochdainn an t-sluaigh ’nan aghaidh airson a bheag de leabhraichean a cheannach. Ach tha fiughair, mu’n tig ceann ceud-gu-leth bliadhna no ceann leth-cheud bliadhna gu’m bi modh-teagaisg nan sgoilean air a chothromachadh ri feum an t-sluaigh air dhoigh agus gu’m faigh clann Ghaidhealach buannachd o’n sgoil nach ’eil comasach an diugh. Agus bithidh fiughair ann am beagan uine gu’m bi barrachd leabhraichean freagarrach airson teagasg Ghaidheal r’am faotainn na gheibhear a nis, agus bithidh fiughair gu’m fas a’ chleachduin na’s cumanta am measg ar sluaigh na tha i, a bhi cosd roinn d’an tuarasdal ri leabhraichean agus ri paipearan-naigheachd. Ceud-gu-leth bliadhna roimhe so cha b’ann an sgoilean no á leabhraichean a bha ’n sluagh a’ faotainn a’ mhor chuid d’an eolas, gu sonruichte anns a’ Ghaidhealtachd. ’N ar latha-ne is duine aineolach duine gun sgoil; ach cha robh a’ chuis mar so o shean. Cha bhi an duine nach leugh ’na dhuine fiosrach gu brath tuilleadh; ach am measg ar n-aithrichean bha daoine gu tric ri fhaotainn nach b’urrainn leughadh no sgriobhadh a chuireadh ann an eolas agus an tuigse naire air moran d’an cloinn. Mar is mo a leigeas tu do thaice ri d’ leabhar agus ri d’ mhaighstir-sgoil airson d’eolais a mheudachadh agus [TD 354] buaidhean d’ inntinn a ghiullachd, is ann is lugha a chuireas tu earbsa annad fein, ann ad luchd-eolais, agus anns an t-saoghal mu’n cuairt dhuit—meadhonan airson fior-iunnsachaidh a tha ann an rathad na’s feumaile agus na’s cumhachdaiche na na maighstirean-sgoil agus na leabhraichean is fearr. Cha ’n ’eil teagamh nach robh goinne nan cothroman a bha aig na seann daoine a’ toirt air a’ chuid a b’airde buaidhean ’n am measg buil a b’fhearr a dheanamh de na beagan chothroman a bha aca. Agus bha cothroman aig daoine o chionn ceud bliadhna anns a’ Ghaidhealtachd nach ’eil againne an diugh. Do dhuine aig a’ bheil inntinn bheo cha ’n eil modh-iunnsachaidh is cumhachdaiche na bhi dol air thurus do dhuthchannaibh coimheach. Creididh mi gu bheil an diugh fichead Gaidheal a’ dol air thurus do bhailtean mora na h-Alba ma choinneamh an aon a rachadh air an turus cheudna ceud bliadhna roimhe so. Ach tha mi cho dearbhta ás gu’n robh, do dhuine geur, tuigseach, aon turus anns an àm ud cho buannachdail, airson cuid iunnsachaidh dheth, agus a tha fichead turus a nis. A dh’aon ni bheireadh aon turus anns an àm ud suas dlù air fhichead uiread de thìm agus a bheir e an diugh. Thigeadh ort a mhor chuid de’n t-slighe a choiseachd. Thigeadh ort feitheamh aig aisig. A dh’aindeoin meud do dheifir, cha bhitheadh do cheum ach mall. Dh’ fhasadh tu eolach air an t-slighe gun taing dhuit. Agus bha cunnart an turuis mor gu leoir airson gu’m feumadh tu a bhi an comhnuidh air d’fhaicill, deas gus an cunnart a choinneachadh. Ach cia mar tha chuis an diugh? Ann an là no dhà air a chuid is mo bheir bata-na-smuid do’n bhaile mhor thu. Theid thu o cheann gu ceann no o thaobh gu taobh de’n rioghachd leis a’ charbad-iaruinn ann am beagan uairean de thìm. Ged bhiodh toil agad dheth, cha ’n ’eil moran cothrom agad air d’inntinn a bheathachadh air an t-slighe. Agus saoilidh mi nach ’eil neach a chunnaic ar luchd-duthcha ann am bata-smuid no an carbad-iaruinn nach feum aideachadh gur ann air beathachadh na h-inntinn mar is trice a bu lugha a bha d’an aire. Theid gille òg do Ghlascho an diugh ás a’ chearn is iomallaiche de’n Ghaidhealtachd cho luath agus cho saor agus air cho beag gnothuich agus a rachadh a shean-athair do’n bhaile-mhargraidh a b’fhaisge; agus bheir e, mar is trice, na’s lugha de mhaith dhachaidh. Chi thu e gu tric a’ cur seachad na tìm air an t-slighe ag òl no ’n a chodal. Fhad agus a tha e anns a’ bhaile-mhor tha a cheann ann an tuainealaich. Faic e leth-bhliadhna an deigh an turuis, agus nach eigin gu minic aideachadh ma ghleidh e air chuimhne dad de na dh’iunnsaich e, gur e eolas air am b’fhearr a bhi aineolach. A rìs cha ’n fhaod sinn a dhi-chuimhneachadh gu’n robh moran fiosrachaidh agus fior-iunnsachaidh air a thoirt seachad o shean ann an rann agus an sgeul o bheul gu beul. Chaidh a’ chleachduin so ann an tomhas mor a dhìth; ach cha ’n eil mi meas gu’n d’thainig, ’n ar measg-ne, cleachduin is fearr ’na h-aite. Their cuid gur e na sgoilean a chuir ás do’n chleachduin so; their cuid gur e na ministearan a chuir ás d’i. Creididh mi gu’n robh lamh aca le cheile anns a’ chuis; agus gu’n robh aobhar no dhà eile ag oibreachadh a chum na crich cheudna. Co-dhiu dh’fhalbh i; agus cha till i. Feudaidh e bhi gu’n robh moran de’n eolas a bha air a thoirt seachad air an doigh so air bheag feum. Feudaidh e bhi gu’n robh cuid dheth [TD 355] cronail. Air bheag feum airson a bhi beathachadh agus a’ comhdach a’ chuirp gun teagamh bha e; agus aidichear gu’n robh roinn dheth a dh’fhaodadh a bhi, airson foghluim ’us iunnsachaidh, na b’fhearr na bha e. Ach cha ’n i so a’ cheist idir. Is i an fhior cheist, an d’thainig na b’fhearr an aite na cleachduin? Is e mo bheachd gur eigin aideachadh thar cheann nach d’thainig. Tha cor an t-sluaigh gun teagamh air iomadh doigh na’s fearr. Tha biadh na’s pailte; tha tighean na’s blaithe; tha eudach na’s riomhaiche; tha tuaireasdail na’s airde; tha beatha ’us ni an t-sluaigh na’s tearuinte. Is mor na beannachdan so; agus bu choir dhuinn a bhi na bu taingeile air an son na tha sinn air uairean deas gu bhi. Ach is e mo bheachd gu’m faigheamaid na beannachdan so ged nach rachadh a’ chleachduin a tha mi ag iunndrain a dhìth. Bha a’ chleachduin sin a’ beathachadh agus ag iunnsachadh na h-inntinn ann an doigh ro shonruichte. Do’n roinn mhor de’n t-sluagh cha d’thug na sgoilean fathast seachad am foghlum agus an t-iunnsachadh a bha iad a faotainn o’n chleachduin ud; agus their cuid nach mo a lion an eaglais an t-aite a dh’fhag díth na cleachduin falamh. Bha inntinn bheo aig na seann daoine a gheibheadh tlachd ann an seanachas, an sgeul, agus an rann; a dh’eireadh os cionn nithean ’us cuisean an tìm ’s an là ’s an colla fein. Tha a leithid so de inntinn ri fhaotainn ’n ar measg an diugh, taing do’n Fhreasdal; mur bitheadh bu truagh da rireadh cor moran d’ar daoine. Ach tha e coltach gu’m faighteadh an tiodhlac luachmhor na bu trice o shean am measg an t-sluaigh na gheibhear an diugh i; agus ma tha so fior, bha ar n-aithrichean ’nan daoine na b’fhoghluimte na tha an clann. Bha aon chothrom eile a dh’ainmicheas mi aig na seann daoine nach ’eil againne a bha fior chumhachdach airson iunnsachadh an t-sluaigh. Bha ceangal ’us eolas ’us baigh air a ghleidheadh suas eadar gach teaghlach ’us fine ’us inbhe nach faicear a nis. Cha ’n ’eil teagamh ’s am bith nach b’e an cairdeas agus an comunn dlù so eadar dhaoine a bha cho dealaichte ann an inbhe, am beairteas, agus am foghlum a thug gluasad cho cuirteil agus cainnt cho modhail agus cho blasda do’n Ghaidheal a b’isle staid. Bu shochair mhor do’n t-sluagh a bhi cho tric ann an cuideachd nan uaislean; agus cha bu mheasaide idir na uaislean, a bhi tric ann an cuideachd an t-sluaigh. Thainig atharrachadh a nis agus, anns a’ chuis so co-dhiu, a chum na cuid is measa. Cha ’n ’eil moran comuinn eadar am bochd agus am beairteach an diugh; agus creididh mi nach feairrde am bochd no am beairteach sin. Bha mar so cothrom no dhà aig na seann daoine air a bhi na b’fhoghluimte, a reir tomhais an latha fein, na tha againne. Cha robh an cor air iomadh doigh ach truagh ann an coimeas r’ar cor-ne; ach bha cleachduin no dhà ’nam measg air am bu choir dhuinne greim a ghleidheadh gus an cuireamaid na b’fhearr ’n an aite. Bha na cothroman a dh’ainmich mi aig ar n-aithrichean iomadh bliadhna mu’n do rugadh Mac-Mhaighstir-Alastair, agus is gann a chaidh iad gu leir a dhìth ’nuair a chaochail Donnachadh Ban Mac-an-t-saoir; ach bha aon ni gu sonruichte ann an staid na Gaidhealtachd ri linn nan daoine so a b’aobhar, ann an tomhas mor, a reir mo bheachd-sa, do’n dusgadh chaithreamach a rinn a’ cheolraidh Ghaidhealach anns a cheathrar Bhard a dh’ainmich mi. B’e sin an ni ris [TD 356] an abair sinn aobhar nan Stiubhartach. Bha baigh aig na Gaidheil do na Stiubhartaich mar am fuil fein. An uair a fhuair an seathamh Seumas seilbh air crùn Shasuinn, rinn Albainn gu leir gairdeachas. Ach an uair a thoisich aimhreit eadar a cheud Tearlach agus iochdarain, bha na Gaidheil gu sonruichte air taobh an righ. Is ann le’n cuid arm, ged bu mhaith leinn a dhi-chuimhneachadh, a sharuich an dara Tearlach Eaglais na h-Alba. An uair a theich an seachdamh Seumas á Sasunn, is ann an Eirinn agus an Gaidhealtachd na h-Alba a fhuair e cairdean. Chaidh a chairdean ’us aobhar an lughad agus an laigead. Bha cuid de na Cinn-chinnidh a bu chumhachdaiche anns an tir ’n a aghaidh; ach bha sluagh na Gaidhealtachd thar cheann air a thaobh. An deigh a’ bhais thug iad umhlachd d’a mhac, ged bha e ’n a fhogarrach ann an tir chein; agus an uair a thainig Tearlach òg do’n rioghachd ann an 1745 a thoirt a mach crùn a shinnsearachd, dh’eirich a mhor chuid dhiu leis. A reir coltais bha an sluagh gu leir deas gu eirigh leis na ’n eireadh na cinn-chinnidh. Mar bha cuisean lean moran e gun chead an cinn-chinnidh a ghabhail; agus an uair a bha e ’n a fhogarrach ’n am measg, le airgiod-cinn trom air, cha do bhrath caraid no namhaid e. O’n a thoisich aimhreit eadar a cheud Tearlach agus a’ Pharlamaid gu deigh blàr Chuil-fhodair—os cionn ceud bliadhna de thìm—bha cumhachd agus aite aig a’ Ghaidhealtachd ann an riaghladh na rioghachd nach robh aice ’n a dheigh sin, no, ma dh’fhaodte, ceud bliadhna roimhe sin. Tha e air aideachadh ’n ar measg-ne nach ’eil ni cho freagarrach airson tuigse agus cliu an t-sluaigh ardachadh ri guth a thoirt dhoibh ann an riaghladh na rioghachd. An uair a tha ’n sluagh a’ taghadh gu tuigseach ard-chomhairlichean na rioghachd, tha iad na’s measaile ’n an suilean fein agus an suilean dhaoine eile. Ach ré nan ceud bliadhna a dh’ainmich mi bha na Gaidheil a’ gabhail os laimh cha’n e bhi taghadh chomhairlichean ach a’ taghadh righrean. Bha an Ceann-cinnidh a’ creidsinn gu’n robh e ann an tomhas mor ’n a chomas-san na Stiubhartaich a ghleidheadh air righ-chaithir Bhreatuinn. A thuilleadh air so bha moran de uaislean na Gaidhealtachd a’ gleidheadh suas aig an am so comunn r’an cairdean an Sasunn agus anns an Fhraing. Bha mar so an solus a thoisich air soillseachadh ann an taobh-an-iar na h-Eorpa dà cheud bliadhna roimhe so a’ faighinn do’n Ghaidhealtachd anns an am so air dhà no tri de bhealaich. Agus ma ghleidheas sinn air chuimhne an ceangal dlù a bha eadar na uaislean agus an sluagh, tuigidh sinn an t-ardachadh inntinn agus am fior eolas a bha aig a’ Ghaidheal a b’isle staid anns an àm ud mu riaghladh na rioghachd. Is ann an uair a bha na Gaidheil a’ faotainn an iunnsachaidh so ré dhà ghinealach a dh’eirich na Baird a dh’ainmich mi, agus gheibh sinn dearbhadh an iunnsachaidh ’n an saothair. Bha dhà dhiu ’n an daoine foghluimte—Mac-Mhaighstir-Alastair agus Dughall Buchannan. Ach bha dhà eile dhiu—Donnachadh Ban Mac an-t-Saoir agus Rob Donn—nach leughadh focal de chanain ’s am bith. Cha dearbh an saothair gu’n robh an dithis so ann an tuigse, an eolas, agus ann am fior iunnsachadh a bheag air deireadh air an dithis eile. Cha ’n ’eil mi meas, mur faighteadh anns a’ Ghréig o shean iad, gu’m faighteadh ann an tìr eile sealgair agus buachaille, gun sgoil, cho fiosrach agus cho iunnsaichte ri Donnachadh Ban agus ri [TD 357] Rob Donn. Agus cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu’m biodh e comasach gu’m faighteadh ann an Gaidhealtachd na h-Alba iad ach mu’n àm anns an do shaothraich iad. De’n cheathrar co is airidh, mar Bhard, air a’ chliù is airde? A reir mo bheachd-sa, is e Dughall Buchannan is airidh air an urram so, an dà chuid airson na sgriobh e agus airson na dh’fhag e gun sgriobhadh. Tha fios agam gu bheil a mhor chuid de m’ luchd-duthcha de atharrach barail. Agus tha mi faicinn gu bheil Professor Blackie, anns an leabhar urramach a chuir e mach o chionn ghoirid mu chanain agus mu litreachas nan Gaidheal Albannach, de atharrach barail. Tha Professor Blackie ’n a Bhard agus ’n a bhreitheamh air Bardachd. Dh’iunnsaich e ar canain agus leugh e ar litreachas air dhoigh agus nach ’eil, ma dh’-fhaodte, an diugh Gaidheal ann an Albainn d’an tig e cho maith barail a thoirt seachad mu luach saothrach nam Bard Gaidhealach. Cha bu mhaith leam a bhi ’g ardachadh cliù Dhughaill Buchannan airson gur Bard Spioradail e. Ach cha mho a bu mhaith leam a bhi ’g isleachadh a’ chliu airson an aobhair cheudna. Tha mi a’ lan-chreidsinn gur gann a b’urrainn Dughall Buchannan, ged dh’fheuchadh e ris, “Moladh Bheinn-dòrain” a dheanamh, no “Beannachadh Luinge” Mhic-Mhaighstir-Alastair, no eadhon “Marbhrann Eoghainn” no “Marbhrann do thriuir Sheann Fhleasgach” a sgriobh Rob Donn. Ach tha mi cho dearbhta nach b’urrainn aon de’n triuir Bhard so “Latha Bhreathanais” no’n “Claigeann” no’n “Gaisgeach” no’n “Geamhradh” a dheanamh ged dh’fheuchadh iad ris. A reir mo bheachd-sa tha Bardachd Dhughaill Buchannain a’ toirt barr air gach Bardachd Ghaidhealaich eile a tha againn—a mach, ma dh’ fhaodte, o Oisean Mhic-Mhuirich agus o Sheann Dàna Mhic-a-Ghobhainn—anns na feartan a leanas, am measg fheartan eile a dh’fhaodte ainmeachadh: 1. Tha i so-thuigsinn. Cha’n fhiosrach mi Bard ainmeil Gaidhealach ach Dughall Buchannan is urrainn mi leughadh o cheann gu ceann agus smuain a’ Bhaird a thogail ’s a leantainn anns gach sreath agus anns gach rann. Cha ’n ’eil mi meas gur ann agam fein a tha choire; oir tha canain moran de na Baird Ghaidhealach na’s duthchasaiche dhomh na tha canain Dhughaill Buchannain. Agus saoilidh mi gur cliu agus nach coire do Dhughall Buchannan gu bheil a’ chuis mar so. Na ’m biodh a smuain iosal, faoin, lag cha bu chliu dha gu’n rachadh aige air a’ cur gu soilleir ann an cainnt. Ach ann an coimeas r’ar Baird Ghaidhealach tha smuain Dhughaill ard, domhain. Is cliu mhor dha, ma ta, gu’m faic an leughadair an sealladh a bha fa chomhair an ughdair cho fad agus is urrainn do inntinn lag, chumhann an sealladh a bha fa chomhair inntinn laidir, fharsuing a chuairteachadh. Ach is gann is urrainn dhomh taobh-duilleig de Bhardachd Mhic-an-t-saoir no Mhic-Mhaighstir-Alastair a leughadh agus a radh gu bheil brigh thuigseach fa chomhair m’-inntinn airson gach rann agus sreath. Gu minic faodaidh e bhi gu’n robh sealladh soilleir aig a’ Bhard ’n a inntinn fein air an smuain a tha e feuchainn ri chur an cainnt; ach is e mo bheachd nach do shocraich e air uairean gu ro mhaith ’n a inntinn an ni a bu mhiann leis a radh, agus air uairean eile bhiodh a duilich leam a chreidsinn gu’n robh smuain idir aige fa chomhair na h-inntinn. [TD 358] II. Tha smuain a’ Bhaird, mar is tric, ard; tha i an comhnuidh tuigseach. Bhiodh e faoin a radh, agus cha bhiodh e fior, gu bheil smuaintean Dhughaill Buchannain cho ard air uairean agus a tha iad air uairean eile. Cha do sgriobh e ach beagan de rannan ann an coimeas ri moran d’ar Baird. Cha’n ’eil anns na “Laoidhean” ach gann mile-gu-leth sreath; agus anns a bheagan so, gheibhear caochladh mor ann am fior-chumhachd. A reir mo bharail-sa, tha “Fulangas Chriosd,” “Morachd Dhe,” agus “Urnuigh,” ann an cumhachd Bardachd air deireadh air a chorr de na Laoidhean; agus tha “An Gaisgeach,” “An Claigeann,” agus roinn mhor de “Latha a’ Bhreitheanais” air thoiseach. Feudaidh e bhi nach ’eil Buchannan, an uair is airde e, dad air thoiseach air cuid d’ar Baird Ghaidhealach ma thig e nios riu. Gheibhear aig Rob Donn smuain cho geur, agus aig Donnachadh Ban agus aig Mac-mhaighstir-Alastair cainnt cho maiseach, agus rann cho ceolmhor ’us a gheibhear aig Dughall Buchannan an uair is fearr e. Ach tha Dughall coimhlionta seach na Baird so. Mur ’eil e ’g eirigh na’s airde, cha ’n ’eil e tuiteam cho iosal. Cha ’n ’eil mi an traths’ ag iomradh air na h-aoirean salach a rinn na Baird so; oir anns a’ cheum sin cha ’n ’eil coimeas eadar iad fein agus Buchannan. Tha mi meas gu’n gabh e dearbhadh anns na h-oidhearpan a b’airde a thug iad, an uair a bha an rùn uile gu leir ionmholta, gu’n deachaidh iad mar Bhaird cli. Tha sean-fhocal againn anns a’ Ghaidhlig: “Cha teid thu air d’each mor gu’n dol thairis air.” Tha mi de’n bheachd gu’n do leum Donnachadh Ban agus Mac-Mhaighstir-Alastair gu tric gun airde an eich a thomhas; agus an aite stad gu socrach air a dhruim gu’n do thuit iad anns a’ chlàbar air an taobh eile. Cha ’n ’eil mi ro chinnteach gu bheil Dughall Buchannan an comhnuidh saor o’n chron cheudna. Saoilidh mi gu’m faighear eisempleir air a’ pheacadh so ann an “Latha a’ Bhreathanais” agus ma dh’fhaodte anns a’ “Chlaigeann;” ach cha ’n ’eil peacadh Dhughaill an uair is truime e ach faoin ann an coimeas ri peacadh Mhic-Mhaighstir-Alastair ann am “Beannachadh Luinge” an uair a tha: “An fhairge uile is i ’na brochan Strioplach, ruaimleach Le fuil ’s le gaor nam biast lorcach ’S droch dhath ruadh orra” &c. no ri peacadh Dhonnachaidh Bhain ann am “Beinn-Dorain” agus ann an iomadh oran eile. Ann an tuigse, ann an ciall, agus gu h-araid anns an ni sin ris an abrar anns a’ Bheurla taste, bha Buchannan ma dh’fhaodte, air uairean, an deigh laimh; ach cha robh na Baird a dh’ainmich mi r’an coimeas ris anns na feartan so. III. Tha co-chordadh dligheach air a ghleidheadh, mar is trice, eadar an smuain, a’ chainnt, agus an rann. Tha mi meas gu bheil Mac-Mhaighstir-Alastair, ann an roinn mhor d’a Bhardachd, a toirt dearbhadh air neart ann an smuain agus an cainnt agus air ceol ’na rann is gann a gheibhear ann an saothair aon eile d’ar Baird Ghaidhealach. Agus saoilidh mi gu bheil e fior nach robh aon d’ar Baird aig a’ robh cumhachd Dhonnachaidh Bhain ann a bhi cur cainnt fhuaimneach, bhlasda ann an roinn mhilis, cheolmhor a ghabhadh leughadh agus seinn gun stad gun mhearachd. Ach is eigin aideachadh ged dh’uisnich an dà Bhard ainmeil so gu tric an cumhachd uile gu leir air dhoigh ionmholta, gu’n tug iad seachad air uairean eile ranntachd gun toinisg, mi-sheadhar,—ann an smuain, an cainnt agus an rann. Cha Bhardachd a [TD 359] bhi torradh focal air muin focail, mur ’eil an smuain d’a reir, cia air bith cho ceolmhor agus a tha fuaim na roinne. Dearbhaidh an rann a leanas gu’n robh eolas Mhic-Mhaighstir-Alastair air a’ Ghaidhlig farsuing, agus gu’n robh lan sgil aige air deanamh rann; ach co their gu’n dearbh i fior chumhachd Bardachd? “A bhealltainn bhog-bhailceach, ghrianach, Lònach, lianach, mo ghraidh, Bhainneach, fhionn-mheagach, uachdrach, Omhanach, loinideach, chuachach, Ghruthach, shlamanach, mhiosrach, Mhiodrach, mhiosganach, lan, Uanach, mheannanach, mhaoineach, Bhocach, mhaoiseach, làn ail!” Gheibhear roisgeulaich de’n t-seorsa so ’n ar Bardachd Ghaidhealaich ro thric; ach cha’n fhaighear a leithid ann an Laoidhean Dhughaill Buchannain. Ach tha mi meas gu’n toir Buchannan le aon fhocal no dithis a smuain fa d’chomhair na’s soilleire na bheir cach gu tric le fichead. Anns na samhlaidhean a tha a cleachdadh, bheir Buchannan, a reir mo bheachd, barr air gach Bard Gaidhealach a tha againn. Tha cuid de na samhlaidhean so a tha nis ’n an sean-fhocail. Tha cuid dhu air nach toirear barr ann an canain ’s am bith. Tha ’n tairneanach: “Is fonn-chrith orr gu dol an greim, Mar choin air eill ri am na seilg.” Tha na reulltan air “uideal” anns an speur: “Marmheal air gheig ri h-anradh garbh, A’ tuiteam mar bhraonaibh dh’uisge dlù, ’S an gloir mar shuilean duine mhairbh.” Gheibhear na ficheadan de’n t-seorsa cheudna. Cha’n fiosraich mi gu’m faighteadh sreath is iomlaine na i so ann an canain fo’n ghrein, an smuain, an cainnt no’n ceol: “Cha robh e òg is sean cha bhi.” Cha do chuir duine riamh an fhirinn nach ruig inntinn an duine air an t-siorruidheachd a bhreithneachadh ann an cainnt sho soilleir agus cho greadhnach agus a chuir Dughall Buchannan anns an rann so: “Ged aireamhainn uile reulltan neimh, Gach feur ’us duilleach riamh a dh’ fhas, Mar ris gach braon a ta ’s a’ chuan, ’S gach gaineamh chuairteachas an traigh; ’S ged chuirinn mile bliadhna seach, As leth gach aon diu sud gu leir, Cha d’imich seach de’n t-siorruidheachd mhoir, Ach mar gu’n toisichidh i ’n dè.” Tha mi meas gu’n do-dhearbh Dughall Buchannan a chliu mar Bhard, agus gu sonruichte a thuigse, leis an rann agus leis na fuinn a thagh e airson a Laoidhean. Dh’ainmich mi cheana gun do rinn Donnachadh Ban mearachd an uair a chuir e Cumha Choire-Cheathaich ri fonn Flowers of Edinburgh. Gheibhear mearachd no dhà de’n t-seorsa cheudna ’n ar Bardachd. Ach tha Dughall Buchannan, mar bu choir dha, a’ taghadh rann shocrach, throm airson “Mòrachd Dhe,” “Latha a’ Bhreitheanais,” agus “Urnuigh;” agus ag atharrachadh an fhuinn ann am “Fulangas Chriosd,” “An Claigeann,” agus “An Geamhradh.” Saoilidh mi ’n am biodh atharrach fonn aig a’ “Bhruadar” agus aig a’ “Ghaisgeach” gu’m b’fheairrde an gnothuch e. Ach cha ’n e mhain gu bheil Buchannan a’ cumadh fhuinn r’a steigh, saoilidh mi gu bheil air uairean fuaim na cainnt a freagradh do’n smuain. Gheibhear eisempleirean air a’ bhuaidh so anns a’ Bhardachd Ghreugaich agus Romanaich. Tha cuimhne agad air rann cheolmhor Mhilton an uair a tha e ’labhairt mu neamh, agus air sgread na caìnnt a tha ’g innseadh mu ifrinn. Gheibh sinn ann an Oisein: “Fhreagair an sonn mar thonn air carraig.” Tha mi meas gu’n robh a’ bhuaidh cheudna ann am beachd Dhughaill [TD 360] Buchannain an uair a sgriobh e m’un Bhreitheamh: “Mar thuil nan gleann tha fuaim a guth;” mu na seangain: “A null ’s a nall, gun fhois gun tamh;” agus saoilidh mi gu bheil e ’g aithris air séid na nathrach anns an roinn so: “A nathraiche millteach ’s oillteil srann Cha bhinn leam ceol ’ur srannraich ard, ’S cha ’n eisd o’r teangadh ghobhlaich cliu Le driuchd a’ phuinnsein air a barr.” A reir mo bheachd-sa bhiodh cliu Dhughaill Buchannain mar Bhard na b’airde na tha i, agus bhiodh a chumhachd a chum maith anns a’ Ghaidhealtachd na bu mho na tha e na’m biodh a theagasg anns na Laoidhean na b’fharsuinge, agus na’n seinneadh e Orain cho maith ri Laoidhean. Tha mi meas gu’n robh talann no dha aige a dh’fholaich e anns an talamh. Ach cha ’n ann mar so a thuig e fein a “theachdaireachd;” agus feudaidh e bhi gur e fein a thuig gu ceart i. Mar tha a chuis, tha mi smuaineachadh gu’n do roghnaich mo luchd-duthcha gu ceart an uair a chuir iad a “Laoidhean” air thoiseach air gach leabhar Gaidhlig a tha againn ach am Biobull ’n a aonar. O chionn ghoirid chuireadh suas ann an Raineach carragh eireachdail mar chuimhneachan air an duine urramach, agus bha’n t-am dha. Ach is iad na “Laoidhean” cuimhneachan is fearr agus is buaine. An uair a bhitheas a’ chlach air crionadh gu luaithre, tha mi ’n dochas gu’m bi na “Laoidhean” a’ toirt solais, misnich, ’us rabhaidh do Ghaidheil mar thug iad cheana ré dheich agus cuig fichead bliadhna. D. M‘K. PIOBAIREACHD MHIC-A-PHEARSAIN. LE EÒGHAN MAC-COLLA. Rinneadh an t-òran-molaidh so do Dhòmhnull Mac-a-Phearsain, Ard-phiobaire Fusileers na h-Alba, air do ’n Reiseamaid ainmeil sin bhi air a gairm dhachaidh bho Chanada, ’s a’ bhliadhna 1866. AIR FONN—“Mac Griogair o Ruadh-struth.”—Gu bhi air a shienn leath-aithris air gach sreath. Sgeul gun iarruidh, gun dùil ris, An sgeul ùr so dhùisg m’ acain. Tha lionn-dubh mar throm-lighe Air mo chridhe-sa ghlachadh: Mac-a-Phearsain, ma’s fior e, Tuille ’s tìr so cha’n fhaic sinn! Null thar cuan nan tonn beucach Ghluais an laoch a dh’fhàs smachdail,— Fear thug tric dhomh o’n Oinsich Bruidhinn bhòidheach an nasguidh. Co, le seòltachd an fhiùrain, Nis a dhùisgeas dhuinn feachd-cheol? Co, ’n uair b’ fheàrr leinn ceòl-cumha, Fear, ’nad dheighidh, bheir tlachd dhuinn? Cuine chuireas ceòl-dannsuidh Caothach cheann agus chas oirnn? Chaill sinn corrag an fhilidh Anns gach binneas bha beairteach,— Fear nan feadana fuaimneach Ann an cuairtean na Glas-mheur: B’e sud ceòl gun a leithid! Cainnt gach cridhe ni chlaisteachd, B’e ’m fear bodhar a dh-éisdeadh Gun fhuil a’s fhéithean a’ bras-leum. Ged a b’ ainmeil Mac-Cruimein ’S gann bha ribheid cho blasda! ..... Fear mo chridhe ’m fear dàicheil Chinn gu fàilteachail, feartail! Ann am Breacan siol Chluainidh’ ’S ioma gruagach ghabh tlachd dhiot. Fear is deise measg sluaigh thu Ann ad shuaicheantas gaisgeil,— Féile preasach ma d’ shliasaid, Geal a’s ciar air deagh bhreacadh,— [TD 361] Osain gheàrr air trom-chalpa Mar bhreac tarragheal nan cas-shruth,— Brògan-fraochain a’s sporran O bhian mollach nan glas-ghob’r,— Crios le biodag gheur, ghuineach ’S dà dhag ullamh neo-chneasda,— Leug o bheannta nan làn-damh ’Boillsgeadh ’m bràisde do bhreacain,— Lus-nam-braoileag ’nad bhoineid, ’S ìte iolair ’an taic sud! Sud è ’m fleasgach a dh’fhalbh uainn Leis na dearbh laoich ’ghabh tlachd ann,— Laochraidh ghasda nan cruaidh-bheum, B’e bhi buadhach an cleachduinn. ’N àm toirt stàilinn o thruaillibh, B’e ’n càs uamhais am faicinn. Mar dhubh-dhoirionn na fairge Coltas colgach nam macan. Mar bheum-sleibh no leum-tuinne Sud am meadhon gach gleachd iad! Gach aon laoch mar Cuthchullin, H-uille buille toirt seachd as! Fhir, ’n am seasamh na Gàidhlig, ’S tric a dh’ ardaich mo bheachd ort. Ged a rinn thu ur fàgail— Toil na bàn-righ mar reachd dhuit, Bi’dh mo chridhe-sa làn dhiot, Gus an càirear fo lic mi. FREAGRAN DO LEISGEULABH AIRSON AN OIL. 1. Their cuid gun d’ thug am Freasdal deoch laidir do dhaoine airson an leas, agus nach coir cùl a chuir rithe gu tur, ged a tha iomad neach ’g a h-òl thair cuimsè. Chan eil an leisgeul so fior. Cha d’ thug Freasdal alcohol do dhaoine airson biadh na deoch: ach thug e ciall duinn, chum gun seachnamaid gach ni cronail; agus chunnaig sinn a cheana gur ann diu sin alcohol gun teagamh. Tha clachan feumail airson thaighibh a’s rathuidibh mora, ach cha bhiadh iad; agus tha sàile math airson iomad ni, ach cha deoch e. Chruthaich Dia gach puinnsean air thalamh; ach chan eil aon diu freagarrach airson biadh na deoch. A thaobh alcohol, chan ’eil boinne dheth an ni fallain air bith; ’s ann bho ghroide amhain a gheobhar e. Chan ’eil ann ach siùcar grod. Seargaidh an fhion-dhearc, agus grodaidh an t-eorna, gun aon bhoinne alcohol a thighinn asda, mur buin daoine riutha. Chan fhaighear fion goirt as an dearc, mur brughar gu meadhon i, agus mur cumar am fion milis car seal ann an aile nach ’eil aon chuid fuar na teth, cha ghoirtich e; agus cha ghabh uisge-beatha toirt a eorna, mur deanar braich dhe, agus mur cuirear beirm ris a bhrailis a thig aisde. ’S ann bho innleachd dhaoine, agus chan ann bho ’n Fhreasdal, a thainig alcohol. 2. Tha fear ag òl airson leighis, a reir a bharail. Ach tha e am mearachd. Ma tha feum air leigheas, ’s e siùcar fallain gu mor is fhearr na siùcar grod. Cuiridh e sin teas air feadh a chuirp gu leir, am feadh ’s nach ’eil e a drudhadh air an eanachainn no a losgadh, mar a ni alcohol. Osbarr tha e mòran ni ’s saoire agus ni ’s taitniche. Tha stuth eile, mar an ceudna, a sgaoileas teas feadh na crè, gun a bhi cronail, agus ’s e sin sallann. Ma tha t’ fhuil am feum blàthachadh, feuch ri beagan sgadain, no feoil air a deagh shailleadh. Agus mur leoir sin, gabh ìm saillte leotha, agus mo ghealladhsa dhut gun cuir iad sin teas gu leoir a’ t’ fhuil, mur deach i thair leigheas. Tha saill no reamhrachd air bith a cur teas caoin agus buan air feadh na fala; agus ma chuirear sallann rithe, foghnaidh sin.* * Bha creideas mòr aig na Seann Ghaidhil an cè ’s an ìm, mar leigheas; agus bho sin thainig na sean-fhacail: “Uraireachd na bò, amach ’s a staigh, [TD 362] Tha cuid de lighichibh a comhairleachadh dibhe air uairibh, mar a tha iad fhein cuideachd ag òl: ach ’s e cron is trice a tha tighinn as; agus, mar a chithear iomad uair, ’s e ’n leigheas is miosa na ’n galar. Tha na h-uaislain ag ionnsachadh an òil, agus na lighichean ’g a marbhadh fhein leis an dibhe. Tha moran lighichean a nise air faighinn amach gun gabh gach tinneas leigheas ni ’s fhearr gun an t-òl na leis; agus tha fios aig iomad neach gun d’ fhalbh an galarsa nuair a leig iad diu an deoch a bha iad a gabhail airson leighis. Agus tha cunntas againn air moran a ghiorraich an saoghal le bhi ’g òl mar leigheas. Cha bu chòir do dhuine a bhi deanamh sin a cheann gum bheil e fhein am barail gur fheaird e deoch. Oir bheir neach a tha deigheil oirre a chreidsin air fhein ro ealamh, gum bheil i feumail dha, nuair, math a dh’ fhaoidte, tha i ’g a thoirt sios thun na h’ uaighe. Nuair a leigeas am pòiteir dheth an t-òl, tha e deas air a bhi crosda, anfhulangach car seal, mar a thachaireas leis gach droch cleachda eile; ach ma sheachnas e an deoch gu tur, falbhaidh sin an uinè ghearr; agus fasaidh a mhothachadh ni ’s geirè agus fhaireachdainn ni ’s taitnichne na bha iad a roimhe, mar a dh’ aithnich milltean gu ’n leas. Tha e corr uair a tachairt gum bheil duine a bàsachadh, an deigh’ an deoch a leigeil dheth; agus uimè sin their cuid gum bheil so cunnartach: ach ’s ann a tha ’n cunnart anns an deoch a leantuinn, gus am bheil i a losgadh agus a grodadh duine, air dhoigh’ ’s nach ’eil dol as mur leighis sin an Gaidheal chan ’eil a leigheas ann;” agus, “Leigheas air gach tinn, creamh a’s ìm a chéitein.” Dh’ fheudamaid iad sin a leudachadh ’s a’ cheartachadh mar so: “Bheir siàcar, sallan agus sult fior bhlàs do fhuil gach neach.” aige, mar a thachair do na daoine a bhàsaich air an dòigh ud. Tha anail bhrèin a mhisgeir a feuchainn gum bheil an t-òl ’ga a ghrodadh, ionan ’s ’g a losgadh. Tha daoine euslan gu tric a dol am feothas, am feadh ’s tha iad ag òl beagan dibhe gu ’n leigheas; agus uime sin saoilear gur fheaird iad i. Ach tha buaidhean dibhe, cho math ri faireachduinn mòran euslan, a sheachainn i, a feuchainn gur fhearr leigeil leithe. Nuair bha mise ag ionnsachadh, an Oil-thaigh Dhun-eideann, ghlac fiabhrus garg mi, o bhi suidheadh an caiseart fhluich. Nuair a bha mi air taobh an fheothais, thuirt an lighich’ gun robh e mar chleachda fion orduchadh an sin, ach gun comhairlichadh esa uibhean, an aite an eorna. Lean mi a chomhairle, agus thainig mi thuige na b’ ealamh na luchd an fhiona. 3. Tha cuid ag òl air sgàth cridhealais a’s fearas-chuideachd, agus chum nach abrar gur spiocairean iad. Ach is milleadh air fior chridhealas an t-òl: oir tha e a toirt dhaoine gu bhi deanamh ’s ag radh iomad ni mi fhreagarrach, feargach, a tha togail trod, agus math a dh’ fhaodte caonagan fuilteach, mar is tric a thachair. Mar sin tha cuideachd nach òil ni ’s suilbhearra agus ni ’s beusaiche na iasda a dh’ òileas. Agus de gach sluagh air thalamh, gu cinnteach ’s iad na Gaidheil a bhiodh cridheil: chan iadsa a dh’ fheumas deoch g’ am brosnachadh gu bhi suilbheir. Tha cuid a blas dibhe air uairibh, agus ’g a tairgeadh do dhaoin’ eile, chum nach bi sluagh a fanoid orra, agus ag radh gum bheil iad spiocach. Ach mar a their an seanfhacal Sasunnach, “Gaireadh iadsa a choisneas.” Chan ’eil aobhar fanoid aig daoine nuair a tha cuid de ’n teachlaichibh fhèin a dol a dhith leis an òl, mar a tha gu tric a tachairt. Is amaideach [TD 363] suim air bith a ghabhail de thagradh dhaoine a tha fior aineolach mu ’n chuis: agus ’s iad sin amhain a choiricheadh neach nach òil ’s nach tairg. Oir tha beagan a deanamh cron, air doigh no dha, agus ’s e sin a tha treoireachadh dhaoine gu mòran. Ma tha duine cairdeil fialaidh an cuisibh eile, agus deas gu gnothach math a dheanamh d’ a choimhearsnach, nuair tha sin ’n a chomas, chithear gu soilleir nach spiocair e, agus gur e cairid a’ ’s fhearr na ’m fear a choiticheas deoch orra. Ma sheasas esa gu daingionn ris a chòir agus a dhleasnas, ’s ann orrasa a gheobh coire dha a bhios nàire air a cheann thall. 4. Their corr fhear nach b’ urrainn dàsa tighinn beo air a cheaird, mur oileadh e boinnè. Math a dh’fhaoidte gur ann mar sin tha chuis, a thaobh ghrùdairean, a’s osdairean. Ach ma ’s ann, bu choir dhaibh an ceaird no ’n doighean a mhùthadh. Tha mallachd Dhé an cois nan daoine a tha deanamh ’s a reiceadh dibhe. Tha cuideigin de ’n teaghlaichibh a dol a dhith leis a mhillteir; agus ma ni iad airgiod, cha soirbhich leis. “Chan ’eil tairbhe ann an ionmhasaibh aingidheachd.”* A thaobh an airgid a tha iad a pàidheadh do ionmhas na rioghachd, tha daor cheannach air. Tha corr a’s coig ceud mile misgear ’s na tri rioghachdaibh; agus tha bàs aithghear a tighinn air corr a’s coig mile fichead dhiu gach bliana. Cia lion teaghlach a tha iad sin a cumail am bochdainn ’s an truaighe? Agus ma tha firinn ’s a Bhiobull, ’s e piantan gun chrich a tha feitheamh orra fhein gu léir. Tha ’n t-òl a toirt moran tuille call air an rioghachd air iomad doigh; agus nan sguireadh e, bhithedh coisneadh ni * Gnath-fhocail. Caib. x., v. 2. b’ fhearr aig luchd-oibre a’s fir-ceairde; agus bhiodh saoibhreas na tire gu mor air a mheudachadh, am feadh ’s a bhiodh a costus air a laodachadh. Osbarr thigeadh gach òsdair air am bheil ’feum beo gu math air a bhi cumail fardaich, biadh a’s deoch ri ’n aoidhibh, gu’n luaidh air alcohol, mar tha moran diu a deanamh. Ma tha duine deanadach, modhail, agus gun toir e freagra siobhailt, nuair a choitichear deoch air, coisnidh e, an aite call oir earbar gnothach ris, a raoghainn air fear na dileig. A thaobh a bhi mealladh dhaoine le dibhe am barganaibh ’s aig rubainnibh, chan ’eil ann ach smior na slaidearachd. 5. Tha cuid ag òl o bhròn a’s briste-cridhe. Ach ’s gearr ’s is truagh an comhfhurtachd a gheobhar bho alcohol, agus is ro dhaor a phaidhear air a shon. Chan ’eil an leigheas ach a deanamh na cuis ni ’s miosa; oir tha an corp ’s an inntinn araon air an ciurradh ’s am feargnachadh; agus tha duine ni ’s neo-fhoisniche na bha e an toiseach. Deanadh daoine fo bhròn a’s iomaguinn mar a tha an Slanuighear ag iarraidh orra, agus gheobh iad fior chomh-fhurtachd buan. “Thigibh a’ m’ ionnsuidhse,” tha e ag radh, “sibhse uile a ta ri saothair agus fo throm eallaich, agus bheir mise, suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlumaibh uam; oir ata mise macanta agus iriosol an cridhe; agus gheobh sibh fois do bhur n-anamaibh. Oir ata mo chuingse so-iomchar, agus ata mo eallach eutrom.”* Ceadaich, a leughadair, facal ’s an dealachadh. Ma tha thu seachnadh an òil gu tur, lean ri d’ chleachda, agus na gabh ort cainnt na doighean luchd an òil. Ma * Mata, Caib. xi., v. 28-30. [TD 364] ghabhas, bithidh aobhar aithreachuis agad. Ma tha thu ag òl beagan, uair air ’n uair, leig dhiot e; ’s ann bho sin a tha misg an t-saoghail ag èiridh. Is tric a tha aithrichean a’s maithrichean a caoidh gu goirt airson pòit a dh’ ionnsaich an clann aig am bòrd fhein. Thoir aire nach dìt do chogais thu, ma thig aon de d’ chloinn gu bhi trom air an dibhe. Tha gach neach a dh’ òileas ciontach ann a bhi cumail suas air droch cleachda o ’m bheil an call uile a sruthadh. Ciamar theid a mhisg a chaoidh air chùl, fhad ’s a bhios daoine ag òl deoch a mhisgeir? Ma tha e furasd dhut deoch a sheachnadh, ’s ann is mugha do chiont mur dean thu sin; agus cha ghabh aineolas do leisgeul. Ach chan aithne dhut neart an t-srutha, fhad ’s a thu dol leis: ni mugha ’s aithne dhut cumhachd dibhe gus an leig thu dhiot i gu tur. Ma tha e duilich dhut sgur dhi, tha thu cheana deigheil oirre; agus gu cinnte ’s mithich cùl a chur rithe, mus an dean i traill dhiot, agus am bi thu air do ribeadh, gun dochas fuasglaidh. ’S gann gun cualas riamh guth air duine a lean air beagan, an deigh dha fàs titheach air dibhe. Is tric a tha ’n deoch ’n a ceap-tuisleadh do dhaoine a tha ’g aideachadh a bhi ’n an cloinn do Dhia; agus tha ministeirean am measg nan anacréideach ag radh nach eil ni eile a ’s mugha a tha cur bacadh air an saothair. Mar is mugha a smuainicheas sinn air a chuis, ’s ann is soilleire a chi sinn gur e ar dleasnus an deoch a leigeil dhinn gu leir, agus ar dichioll a dheanamh air daoine eile a thoirt gu seachnadh a chaoi. Ann an dóchas nach bi mo shaothair airson do leas diomhain, guidheam slan leat. P. MACGRIOGAIR. AM MUILEANN SABHAIDH. GUR mi a tha ’n tràs’ fo mhulad, ’S mi air thuireadan bho chràdh-lot; Fhuair mi mo làmh air a dochunn ’S na lotan ’s na tosgan grannda. N’am bu bhàrd mi dheanainn oran— Cha bhiodh doigh air fuireach samhach; Ged chuirteadh mi dh’Inbhiraora, Dheanainn aoir do’n Mhuileann-Shàbhaidh. Chàininn a’ chuibhle ’s an acfhuinn, ’S gach treallaich a bhuineas dha sud; Chaochail a’ cheud fhear a dhealbh iad, B’fhearr dhomh marbh e na bhi làthair, Mu’n do thùr e ’n innleachd oillteil, Is sàmhl’ e air an Lebhiatan ’N uair a theannas e ri nuallraich, Ni e fuaim co cruaidh ri dragon. ’Nuair a théid maide air a ’bhéul’aobh, ’Sa théid ’fhiaclan an sàs ann, ’Bithidh mise le geinnean cruaidhe, Gam bualadh ri cùl a’ chàirein. Bithidh fear eile ’ga shìr phutadh, ’S cha’n fhurasda fuireach làmh ris. ’Sann ’bhitheas e sgiamhail mar uircean, Anns am biodh iad a’ cur fàinne. Theab an là bhi brònach dhòmhsa A dhol a’n còir an t-sàbhaidh, Dh’ fhaodainn a bhi ’m eirbeallach ri m’ bheò, Mur bitheadh fior thròcair co làidir; Cha robh coire aig duine beò ris Ged a chailinn an dòrn bho’n ghàirdean. Chaoidh cha toir mi beum do’n mhùilleir, ’S ann ro chaoimhneil rium ’bha e. Dh’fhalbh e ’na ruith thun an tighe, ’Sann ro chabhagach a bha e. Thoisich e ri glaodhaich bhréidean, ’S gu’n clùinnt’ e’g éigheach mu’n d’ràinig. Fhuair e léine chaol de’n anart Gu ’cur tarsuinn air mo làimh-sa. Cha robh e fada ’ga stroiceadh; ’S cha bheò a b’urrainn a càireamh. Tharruing sinn a’ sin le chéile, A dh’ iarraidh léigh airson na laimhe ’S ghabh sinn an t-aiseag gu Tomas, Maighstir còir an tigh-thàirne. ’Nuair a fhuair e fios air ’n aobhair Ghlaodh e ris a’ ghille-stàbuil. Dh’ òrduich e an stéud-each ’sa’n carbad, ’Bhi air falbh gu’n tuilleadh dàlach. Dh’ fhalbh sinn a sin le cabhaig, ’S ràinig sinn baile na stàirne; Gearrasdan dubh Inbhirlochaidh, ’N t-àite frògach, ùdlaidh, grannda! [TD 365] Marsantann ’san dorsan dùinte; Tighean ’s an cùlthaobh ri sàile, Gur beag a ghabh mi thlachd dheth, ’S bha mi gu grad air son ’fhàgail. Cha d’fhuair sinn an t-Olladh aig baile; ’S fhan sinn tacan mar a bha sinn; Cha robh e fada gu’n tighinn; ’S fhuair sinn fios a dhol ’na làthair. Bu neo shùnndach a bha mise, ’S mi gu’n fhios agam mar bha i. Bha mo smuaintean-sa ’gam chlisgeadh, ’S bha mo mhisneach ’gam fhàgail. ’Nuair chaidh na cuibhrichean fhuasgladh, ’S ann ro dhuaichnidh a bha i; ’S chàraich mi ’cheist ris an dochtair, An coisneadh i ’n t-aran làitheil? ’Nuair dh’ innis an duine còir dhomh Gu’m bu dorn i a chinneadh làidir, Bha mi toillichte dà rìreadh, ’S cha shòrainn air chìnnt a phaidheadh. Gum b’e sin an sàr dhuin’ uasal, Cha b’ann gruamach rium a bha e, Ach caoimhneil, iriosal, truacant’. Dh’fhidrinn e ’san uair air m’fhàillinn. Mhothuich mi gu’n ghabh e truas rium, ’Nuair a dh’fhuasgail e’n làmh gheàrrta; Thùm e ann an uisge fuar i, ’S rinn e fein, le shuairce a càireamh. C’uim’ an criochnaichinn an duan so? Gun luaidh thoirt air ainm a’ Ghaidheil. Tha e Chloinn an t-Saoir o’n Chruachan, Aonach uachdarach Earraghaidheil. Bithean nach tais ri h-uchd tuasaid, A choisneadh bùaidh anns na blàraibh, Ged chàill iad an còir air Sléibhte, Cha b’ann gun tréuntas a bha iad. ’S ged a dh’eireadh dhomh ’bhi falamh, ’S gun dad ’bhi agam gu ’phaigheadh; Cha b’eagal domh comhl’ rim’ charaid, ’Se nach faiceadh ann an sàs mi. ’S iomadh eàrlaig thig air duine, Ged ’b urrainn, c’arson a dh’aicheadh? ’S buidheach mi m’dheadh bhràthair-céile, Fhreasdail orm fein ’sa chàs ud. Fhir tha ’fuireach aig a’ mhuileann, ’Sa tha daonnan a’m bun an t-sàbhaidh, Mo chomhairle dhuit mar charaid, Thu bhi ’n earalas do làmhan; Seachainn air culag na béist iad ’S ann aig tha déud a’ mhic-làmhaich. Cha d’ fhairich mi ni co géur ris, Ach fuirich o fhiacail tàilleir!* LE ARDGHABHRACH A MHUINNTIR MHUILLE. * Ghearr tailleir, ann an caonnaig, ordag an ughdair gu dona. SUIRIDHE A’ MHADAIDH-RUAIDH, NO ’S I ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULHACHDAN GAIDHEALACH. (Air a leantuinn.) Bha peasan beag do choinean a stigh, a bha ro chuideil mòr as féin, agus thuirt an sionnach ris gu ’n robh an trusdar coin ’ga chàineadh ’s a’ fochaid air, ’s gum bu chòir dha dol a’s gabhail air. “’Ne mise?” thuirt an coinean, “mharbhadh e mi.” “Na biodh eagal air bith ort,” thuirt an sionnach, cha ’n eil ann ach an gealtaire mòr, teichidh e air a’ cheud ionnsuidh a bheir thu air, agus cuidichidh mi féin leat ma’s éiginn. Abair thusa ris do choinneachadh sa’ choillidh ud shuas fo cheann uair, ’s gu ’n toir thu dhà e airson a dhroch theangaidh. Bidh mi féin dlùth do làimh, agus cha ’n fhaic mi beud ort.” Dh’ fhalbh an garrach leibideach ’s thug e dùlan, sùil mu’n t-sròin, do ’n chu. Ghabh an cù ioghnadh nach bu bheag, ach thuirt e o’n bha uiread fheum aig a’ chreutair air modh a theagasg dha, gu ’n coinnicheadh e e mar a dh’ iarr e, ’s gu’n tugadh e fàsgadh dha a chuireadh beagan do’n chuidealas agus do ’n pheasanachd as a choluinn leibidich. Chaidh an cù thun an àite mar a gheall, ach ’nuair a chunnaic an coinean bochd nach d’ thàinig an sionnach air aghaidh, ghrad dh’ fhàilnich a chridhe, ’s theich e stigh do tholl far nach ruigeadh cù no gadhar air. Cha robh aig a’ chù ach tilleadh air ais gu h-aimhealach, cianail, a’ bòideachadh an tuille dioghaltais an aghaidh an t-sionnaich, oir thuig e gu math gum b’ iad a chuireideansan a bha air am feuchainn ris a rithist. [TD 366] Cha luaithe bha an cù as an rathad na thog an sionnach air a dh’ fhaicinn na beithir sgiathaich. ’Nuair chaidh e stigh do ’n uaimh bha leth-cheud do thòrran òir agus airgid air gach taobh, agus cha ’n fhac’ e riabh a leithid. Chuir e mìle fàilte ’s furan air a’ bhan-oighre, a bha ann an àit iomallach do’n uaimh, far nach b’ urrainn e faighinn dlùth dhi, agus mhol e i mar nach biodh a leithid air an t-saoghal. “O! nam b’ urrainn duit m’ fhuasgladh as an àite so, mo thoirt air falbh o’n bhodach m’ athair a tha co dona dhomh, ’s mi bhiodh ann ad chomain, ’s bu leat mi féin ’s na bheil an sin de stòras,” thuirt ise. “’S mi bhiodh toileach, a rìbhinn mo chridhe” thuirt an sionnach, “ach ciamar is urrainn domh a dheanamh?” Cha ’n eil ach aon dòigh air, thuirt ise, ’s e sin m’ athair a chur ’na chadal tròm ’s ’nuair bhios e ’na shuain, teicheadh; ’s cha ’n eil nì a chuireas ’na chadal ceart e ach eanaraich air a deanamh de fheòil cait òig reamhair—feuch thusa ’m faigh thu sin, agus leig a’ chùis leamsa ’na dhéigh sin.” “An dean cat an tighe ud thall gnothuch?” thuirt easan. “Cha ’n iarruinn na b’ fhèarr” ars’ ise. “Ro-mhath ma tà, mu fheasgar am màireach cuiridh mise d’ ar n-ionnsuidh i, ’s feuch an toir sibh làn meadair mhaith do ’n bhodach a bheir air srann a tharruing,” ars’ esan. “Na biodh cùram ort,” ars’ ise, “na fàilnich thusa air do thaobh féin. “An latha chì ’s nach fhaic!” arsa ’n sionnach, “slàn leibh a mhaighdeann àluinn! ’s bliadhna leam gus am faic mi a rithist sibh.” Chaidh an cealgaire so do thigh a’ chait ro-thoilichte le ’thapachd féin, ’s a’ smaoineachadh nach biodh sionnach san dùthaich co beairteach ris fhéin, agus dh’ innis e sgleò mòr do ’n chat, ag ràdh nach robh nighean idir aice, ach gu ’n robh i féin co chaoimhneil, fhialaidh shuairce; gu’n robh i ri cuirm mhóir rìomhaich aighearaich ghreadhnaich, a thoirt seachad an ath-oidhche, ’s gu ’n robh ise ri bhi air tùs agus air toiseach nan aoidhean. “An teid thu ann, a rùin?” ars’ esan. “’S mì théid,” thuirt ise, “’s cha ’n ann’s mi féin g’ a ràdhainn, cha ’n eil mi ’n dùil gum bi aona chàraid ann a’s sgiolta, ’s a’s eireachdaeli na thu féin ’s mi fhéin, a laoigh mo chridhe.” Thàinig am feasgar, bha ’n cat gun amharus air bith air na bha ’feitheamh oirre; agus ged nach robh cogais an t-sionnaich ro shàmhach, cha do ghabh e a bheag air; bha e a’ smaoineachadh gum b’ fhiach beairteas nighean na beathrach-sgiathaich aon dad a b’ urrainn da a dheanamh air a shon. Bha ’n dithis brath falbh cuideachd a dh’ ionnsuidh na cuirme, na ’m b’ fhior, ach ’nuair chunnaic an sionnach an cù san t-sean àite, ghabh e a leisgeul, ag radhainn nach robh toil aige caonnag no aimhreit a dheanamh ’na làthair-se, ach ise dh’ fhalbh air thoiseach ’s ann an ùine ghoirid gu ’n tugadh esan a dheagh ghiullachd do ’n bhéisd choin, ’s an sin gu’n leanadh e i. “Thoir an aire ort féin, a ghràidh,” thuirt ise. “Och, na biodh cùram ort, fheudail ’s a ghràidh,” ars’ esan, “cha ’n fhada sheasas e riumsa.” Dh’ fhalbh an cat ma tà, ach an àite faighinn a stigh do ’n uaimh air dorus ìosal, ’s ann a bha i air a togail suas ann an croidhleig bhig gu uinneig a bha gu h-ard ann an aodann na craige—ach cha do chan i guth ’na aghaidh, agus ann an sin fàgaidh sinn i ’n dràsd. Bha sùil a’ choin daonnan air an tigh san robh a nàmhaid, agus ’dé chunnaic e aig an àm ach gu ’n d’fhàg an cat an dorus fosgailte ’na [TD 367] déigh, agus ghrad-leum e a stigh, a’ deanamh dheth gum biodh a nis aicheamhail aige a dh’ aindeoin cò theireadh e—ach cha robh an sionnach co cearbach ’s a shaoil e. ’Nuair thuig e mar bha a’ chùis thilg se e féin air a dhruim, stiorc e a chasan, thionndaidh e a shùilean, ’s rinn e caoirean bochd, dìreach mar gum biodh e dol a thilgeadh na h-analach. “Och! och! a charaid,” thuirt esan ris a’ chù, ’s e ’g ospagaich mar gum bi h-uile té an té mu dheireadh, “tha do leòir aicheamhail agad a nis, tha mi ’g iarraidh mìle maitheanais ort airson a h-uile droch chuir a rinn mi t’aghaidh—abair gu bheil thu a’ toirt maitheanais domh, ’s bidh e ’na fhaochadh mòr do m’ chogais mu’n toir mi suas an deò.” Bha ’n cù coir diombach ni’s leòir, ach cha chuireadh e fiacaill air a nàmhaid bu mhiosa ’s e ’na leithid de chàs, agus ’s e thubhairt e, “Na cuireadh sin cùram ort, ach ciod is urrainn domh a dheanamh chum do leigheas? tha thu ann an iarguin mhòir.” “Och! tha mi ’gam losgadh leis a’ phathadh,” ars’ esan, “nam faigheadh tu balgam dibhe dhomh, bhithinn a ’d chomain gu siorruidh—O! ’dé so a dh’-èirich dhomh? ’dè se? ’dè so? Tha toll beag—tha toll beag—ach cha ’n urrainn mi labhairt—tha toll beag thall san oisinn anns a’ bheil uisge—cuir do spòg ann agus fliuch mo bhilean air a’ chuid a’s lugha.” Rinn an cù còir mar so, ach cha luaithe bha a spóg san toll na tharruing an sionnach sreang air an robh lùb-ruithe, anns an toll; cheangail e gu cruaidh teann e mu tharuinn a bha sa’ bhalla, ’s bha ’n cù an sàs ann an rib nach b’ urrainn da fhuasgladh. “Beannachd leat!” arsa ’n sionnach, “cha bhi thu co ealamh air do chois a chur an toll an ath uair.” An déigh do ’n t-sionnach feitheamh gus an robh e ’smuaineachadh gum biodh an cat air a deagh bhruicheadh, agus a bheithir-sgiathach ’na suain, chaidh e thun na h-uamha agus rinn e cagar fòil ris an nighin. “Thig a nìos, a rùin” thuirt ise, “tha h-uile gnothuch ceart, agus bidh sinn sona ann an ùine ghoirid.” Leum an sionnach a stigh do ’n chroidhleig, tharruinn ise ’n t-sreang—ach beagan mun d’ ràinig e ’n uinneag, chuir i mach a spòg mhòr, agus an toiseach shlìog i druim an t-sionnaich, an sin shlìog i ’earball, agus mun robh fhios aige ciod a theireadh e ris a’ chnìodachadh so uile, thuit a’ chroidhleag gu làr; ach ma thuit cha do thuit an sionnach—bha sreang gu cruaidh, gramail teann mu ’earball, dìreach mar a chuir esan mu chois a’ choin, agus e’n crochadh air aodann na craige, gun chomas dol as. Cha do thaitinn so ris gu ro mhaith, oir cha ’n eil na sionnaich toigheach air bhi ’n crochadh le ’n cinn fòdhpa; ach ’se leòn uile e gu ’n d’ thainig a’ bheithir-sgiathach féin a mach, gu’n do chruinnich beathaichean a’ bhaile uile mu ’thimchioll, agus gu ’n d’ innis a’ bheithir mhòr dhoibh mar thachair, agus an dòigh anns an d’ thug i an car as an t-sionnach le ’chleasan féin; dh’ innis i nach robh mac no nighean aice, ’s gur h-ann oirre féin a bha ’n sionnach a’ suiridhe airson an airgid. Dh’ innis i mar a thairg e ’dheanamh mu ’n chat—“agus faicibh a nis c’ àit a’ bheil e, an suiridhiche gasda le ’chleasan ’s le ’chuilbheartan,” arsa ’bheithir-sgiathach, ’s a cliathaichean air chrith le gàireachdaich. Cha robh beathach air nach robh craos càm mu ’n mhada-ruadh, agus thug gach aon an greis féin air fochaid air. Thainig an cu an déigh an t-sreang a bhristeadh, ’s cha b’e a ghàire bu lugha no a dhiomoladh a b’ ìsle. Mù dheireadh ’s mo dhiù nuair a [TD 368] bha ’n sionnach air a léireadh ’s air a leòn le ’n sgeigireachd, chuir e a chasan-deiridh am forcadh ris a’ chraig—thug e aon spaghadh garbh le ’uile neart, agus leum e gu làr ach cha do lean ’earball e; dh’fhan sin an crochadh ris a’ chraig. Theich e co luath ’s a bheireadh a chasan e—thàr e as a dh-ionnsuidh a’ chùirn bu dlùithe. A nis na’m biodh an t-earball na bu rìghne, bhiodh an sgeulachd so na b’ fhaide, ach o nach robh, sguiridh sinn le beagan fhacall. Ghabh a’ bheithir-sgiathach chòir deagh chùram de’n chat, dh’ innis i dha co fiachail, dhìleas, fhìrinneach ’s a bha ’n cù. Bha ’n cat, mun do mhealladh i leis an t-sionnach, toileach àir cómpanach onorach, ’s cha b’ fhada gus an d’ rìnn i féin ’s an cù a’ bhanais; agus b’i sin a’ bhanais ghleadhrach aighearach. B’i ’bheithir-sgiathach féin a’ mhaighdeann. ’Nuair a dh’ òl iad deoch-slàinte bean-na-bainnse thuirt am fleasgach, “A chuideachd uile tha ’m làthair, seachnaibh goileamas na pioghaid, gu sònruichte sannt agus carachd an t-sionnaich; leanaibh firinn agus onoir, dìlseachd agus tréibhdhireas, a chum gu ’n éirich gu math dhuibh. “Bheir firinn agus onoir buaidh Air cuilbheartan a’ mhadaidh-ruaidh.” Dh’ fhalbh an t-àm san robh a leithid so de sgeulachdan cleachdta am measg nan Gàidheal, agus ged a dh’ fhaodar cur-seachad ùine ’s fèarr na iad fhaotainn, their sinn mu ’n déibhinn gu bheil iad a’ teagasg fhìrinnean feumail ann an cainnt shnasmhoir; agus gum bu bhrìoghmhor math iad chum an oidhche gheamhraidh a chur thairis, seach na naigheachdan faoine, breugach, tuaileasach, mìrunach, ris a’ bheil ar luchd-dùthcha a nis gu minig ag éisdeachd ’nuair tha iad air chéilidh. Tha na pioghaidean a’ fàs na’s lionmhoire bho’n a sguir na sgeulachdan; tha iad anabharrach lìonmhor air feadh na Gàidhealtachd—luchd-trusaidh agus luchd-sgaoilidh gach sgeòil fhaoin; ach nitear am beatha le iomadh aon a tha fada ’n aghaidh seann sgeulachdan agus dàna na Gàidhealtachd, ach a tha anabarrach déigheil air sgainneal dùthcha.—Cuairtear. SLOINNTEARACHD. (Colletanea de Rebus Albanicis.) Daibit mc Mailcoluim mc Sionnaig mc Singin mc Mailcolm mc Cineta mc Mailcolm mc Domnaill mc Consaitin mc Cineta mc Aidfin mc Domangart mc Domnaill brec mc Eachach buighe mc Aidan mc Gabhran mc Doman guirt mc Fergusa mc Eirc mc Eachach muinreamhair mc Aengusa mc Feilime mc Seancormac mc Cruitenithe mc Finnfeiche mc Aicircirr mc Eachach an trid mc Fiadach mc Eathach riada .i. Cairpre ri fata mc Connaire caeimh mc Mogalama mc Luigeach allaig mc Cairpri mc Daire dommair mc Cairpri fir-maora mc Conair moir mc Eirsgeoil mc Eogan mc Iair mc Aillil mc Deagadh mc Sin ic Rosin mc... ic Rothr mc Earmail mc Maine mc Fergusa mc Feradaigh mc Oiliol arron mc Fiacha firmara mc Aongusa tuirgeach, &c. *...(3)mc Maelsnactan mc Luaigach laech mc Gillacomgain mc Maoilbrigde mc Ruaidri mc Domnaill mc Morgan mc Donaill mc Catmaeil mc Ruadri mc Aircellach mc Fearchair fata mc Fearadaigh mc Fergusa mc Sneachtain mc Colman mc Buadan mc Eachach mc Maredaig mc Loairn moir mc Eirc mc Eachach muinreamhair. Macbiad(4) mc Finnleic mc Ruaidri mc Domnaill mc Morgain. [TD 369] Genelach mc Neachtain.—Muiris mc Maelcolm mc Muiris ic Maelcolm mc Gibuin mc Fearchair ic Gillacrist(5) ic Donaill ic Neachtain ic Isog ic Gillamart ic Aengusa ic Imaired ic Neachtain oig ic Neachtain ic Neactain moir ic Donaill duin ic Fearchair fata ic Fearadaig ic Fergusa ic Neachtain ic Colman ic Buadan ic Eathach ic Muiredaig ic Loairn ic Eirc ic Eoch. muinreamhair. * Do genelach clann an Toisig anso .i. Clann Gillacatan.—Uilliam agus Donaill da mic Uilliam ic Fearchair ic Uilliam ic Gillamitil ic Eearchair ic Disiab ic Gillacrist ic Aigh cobtach ic Eogan ic... ic ic Niell Lochlan ic Suibne ic Disiab ic Leoid ic Tsead ic Fearchair ic Gillachrist ic Maelcolaim ic Donaill renabarta in Caimgilla ic Muircba ic Suibne ic Tead ic Neachtan ic Gillacatan ofiul clann Gillacatan ic Gallbrait ic Diarmada renabarta an fear leigin ic Erc ic Dlait ic Fearchair fata ic Fearadaig. (R’ a leantainn.) SOP AS GACH SEID. Tha aghaidhnean nan uile dhaoine fior ciod sam bith mar a tha ’n làmhan. Tha sinn gu tric a’ dol o ghràdh gu gloirmhiann; ach ’s ainneamh leinn tilleadh o ghloirmhiann gu gràdh. Cha n’ urrainn neach nach robh riamh an cunnart a bhi cinnteach gu bheil misneach aige. A’ neach nach fhaigh toileachadh ann fhéin cha ruig e leas a dhol ga iarraidh an neach eile. Ma gheibh thu fearann anns nach cinn luibh gheibh thu cridhe anns nach cinn mearachd. Nuair tha sinn ag aideachadh lochdan beaga tha sinn a’ cumail a mach nach’ eil feadhainn mhora againn n’ an aideachadh. Nuair a tha na suilean beachdachadh air cusparaibh peacach tha iad a dh’ easbhuidh gleidhidh Dhé. Cha bu choir do dhuine gu bràth naire bhi air airson aideachadh gun deachaidh e mearachd. Tha ’n duine dh’ aidicheas a mhearachdan a’ nochdadh gu bheil e ’n diugh ni’s glice na bha e’n dé. Tha eadardhealachadh mòr eadar cumhachd inntinn agus beothalachd inntinn, agus tha e ro fheumail an dealachadh so a chumail ’s an t-sealladh. Is e cumhachd inntinn an comas a th’ againn air bhi ’smuaineachadh, air a bhi ’faireachduinn, air a bhi beachdachadh, ciod sam bith cho beag ’s a dh’ fheudas an comas sin a bhi. Is e gnìomh a bhi ’cur cumhachd ann an cleachdadh. Tha beothalachd a’ ciallachadh an ealamhachd, beag no mòr ’s mar dh’ fheudas e bhi, leis am bheil an gnìomh air a dheanamh. Is e soirbheachadh beannachd an t-Seann Tiomnaidh, ’s e àmhghar beannachd an Tiomnaidh Nuaidh a tha giùlan a’ bheannachaidh a’s mò thugainn agus a’ toirt dhuinn an taisbeanaidh a’s soilleire air deadh-ghean Dhé. Eadhon ’s an t-Seann Tiomnadh ma dh’ eisdeas sinn ri clàrsaich Dhaibhidh cluinnidh sinn an t-òran-bròin cho tric ris an òran-ghairdeachais; sharthraich peann an Spioraid Naoimh ni ’s mò ann a bhi dealbhadh àmhghairean Iob na sonasan Sholaimh. Tha eagail agus ana-blas ’nan dlù chompanaich do shoirbheachadh; agus tha comhfhurtachd agus dòchas an còmhnuidh dlùth do amhghair. Chuir baintighearn’ uasal a seirbhiseach Eireannach a dh’ iarraidh trusgain uir sioda, a bha ’ga dheanamh air a son le banalaiche araidh. “A nis, Mhorgain,” ars’ a’ bhantighearna ris, “gabh curam ro mhor dhe’n trusgan, agus ma thig an t-uisge, feuch gu’n gabh thu carbad, oir b’ fhearr leam gu mor carbad a phaigheadh, na mo thrusgan a fhliuchadh. An uair a thainig Morgan, agus a shin e an trusgan da Bhan-mhaighstir, bha e gu buileach gun fheum, agus ceart co bog, fliuch ’sa dheanadh uisge e!” “Ciod so, a Mhorgain,” a deir i ris ann an corruich, “ciod so, fhir gun naire, mhill thu gu tur mo thrusgan maiseach, agus tha e gun fheum sam bith. Nach dubhairt mi riut, a bhi cinnteach, n’an sileadh e, carbad a ghabhail?” “Agus nach mise a rinn sin, a bhaintighearn’ uasal; ach am bheil duil agad gu’m biodh do sheirbhiseach-sa co beag naire agus modh, ’s gu’n suidheadh e ann an taobh stigh a’ charbaid, an t-ait a ta air a shonrachadh air son nan uaislean? Cha deanainn idir e, ach shuidh mi air an taobh a mach maille ris a’ charbadair, agus Ochan! fhuair an trusgan agus mi fein ar teann-shath dhe’n uisge.” [TD 370] NA’M FAIGHINN GILLE R’A CHEANNACH. [Ceòl] FONN—“Gaol am Béutanach sùghor.” NA’M faighinn gille r’a cheannach A bheireadh beannachd gu Màiri, ’S mo shoiridh le caoineas A dh-fhios na maidhinn’ a chràidh mi! Ged nach d’ thug mi dhut faidhrean, Ann am foill dhut cha d’ fhàs mi; ’S mura math leam thu fallain, Nara mheal mi mo shlàinte! ’S e d’ fhuran a leòn mi, A dh’ fhàg am bròn so air m’ aigne; A thromaich m’ inntinn fo éislean; Cha dean mi éirigh le gradadh: Tha mo chridhe neo-shunndach; Tha mi brùite fo m’ aisnean; Aig a mheud ’s ’thug mi ’ghaol dut, ’S nach faod sinn ’bhi tachairt. Ged ’chum mi ’m falach an sgéula, Tha mi ’n déigh, o cheann treis’, ort, Aig a mhéud ’s ’thug mi ’ghaol dut, Tha m’ aodann air preasadh; Dh’ fhàs glaise na m’ ghruaidhean;— ’S bochd a’ bhuaidh th’ air an t-seirc sin A chaochail mo shnuagh dhiom, Mar dhuine truagh ’thig á teasaich! Mura faigh mi do bhuannachd, B’ fhearr gu’m buailteadh mi thairis; Gu’n cuirteadh fo lic mi Ann an ciste chaoil dhainginn! Ma ni thu mo thréigsinn, B’ fhearr gu’n éugainn, ’s nach mairinn!— Aig a mheud ’s thug mi ’spéis dhut Cha bhi m’ éibhneas air thalamh! AILEIN DUGHALLACH. [TD 371-380] THE GAEL, ENGLISH DEAPARTMENT. [Beurla]