[TD 1] CLAR-INNSIDH. (CONTENTS OF VOL. II.) [TD 2] [Dealbh] AN T-URRAMACH M. MACAOIDH, LL.D. [TD 3] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] DARA MIOS AN EARRAICH, 1873. [13 AIR. AN T-URRAMACH MACANTOISICH MACAOIDH, LL.D. Ann san aireamh so de n’ Ghaidheal, tha sinn a’ toirt d’ar luchd leughaidh dealbh an Ollaimh Mhicaoidh. Tha sinn a’ cur romhainn o àm gu àm, mar a bhios cothrom againn, dealbhan cuid do na daoine is fiughala agus is aithnichte a bhuineas do fhior shliochd nam beann, a chur ann sa GHAIDHEAL air an doigh cheudna. Chan eil iad ach ainneamh, marbh no beò, is airidh air àite is airde ann am meas agus ann an cuimhne spéiseil nan Gaidheal, na an t-urramach, an t-Ollamh Macaoidh. Mar nach toigh leinn luaidh. air cliu neach air bith ann an cainnt aig am biodh suaip ri miodal no ri brosgul, bheir sinn gearr-chunntas air a bheatha agus air a shaothairean maitheasach, luachmhor, neo-fheineil ann an aobhar leas aimsireil agus spioradail a luchd dùthcha, aig an tigh agus bhuaithe. Rugadh an t-Ollamh Macaoidh air an ochdamh latha deug, de cheud mhios a’ Gheamhruidh 1793, air fearann Dhuaird-bheag, Sgireachd Eadarachaolais ann an Cataobh—an sgireachd ann san robh a sheanair agus a shinn-seanair ’nam ministeirean. An déigh dha dol troimh ’n chursa ghnàthaichte do fhoghlum agus do oileineachadh airson dreuchd na ministrealachd, fhuair e cead searmonachaidh anns a’ bhliadhna 1823. Bha e air a shuidheachadh ann an sgireachd Lagain ann sa bhliadhna 1825, agus air atharrachadh gu sgireachd aonaichte Dhunomhain agus Chille-mhunna ann sa bhliadhna 1832. Chuir uireasbhuidh spioradail na sgireachd ud sar-dheuchainn air ’uile dhichioll; ach cha b’ fhad gus an deachaidh leis Eaglais Dhun-omhainn a mheudachadh, Eaglais sgireachd a thogail ann an Cille-mhunna, Eaglais Theachdarail a thogail aig Toll-aird, agus aon eile aig Aird-an-teine, agus luchd saothreachaidh freagarrach a shuidheachadh gu bhi cuideachadh leis ann an obair na ministrealachd. Aig àm an Dealachaidh ann sa bhliadhna 1843, thug an t-Ollamh Macaoidh suas aon de na beolaindean a b’ fhearr a bha ’s an Eaglais steidhichte; agus ann an dáimh ris an Eaglais Shaoir, rè uine fhad bha a shaothairean ro mhor agus ro luachmhor. Mar fhear-gairm Comuinn nan Seanaidhean Gaidhealach ’o 1844 gu 1847, bha moran d’a ùine air a caitheamh ann an cuairtean air feadh Eileinean iomallach na Gaidhealtachd, ann ’sà bhirlinn—a’ “Bhraidealbunn” a’ searmonachadh an t-soisgeil do ’n t-sluagh; agus aig an am cheudna a’ sgrìobhadh agus ag ullachadh leabhar mìosail da ’m b’ainm “An Fhianuis.” Nuair a bha a Ghaidhealtachd air a fiosrachadh le gorta, le seargadh a bhuntàta ann ’s na bliadhnachan 1846–7 agus 8, thug an t-Ollamh Macaoidh suidheachadh aimbeartach a luchd-dutcha fa chomhair Luchd-gnothuich Ard-sheanaidh na h-Eaglais Saoire, ami san ochd-mhios 1846, agus mar thoradh air a dhian thagradh as an leth bha ciùg mile deug Punnd Sasunach air a thional am measg choithionalan na h-Eaglais, agus tre an robh mòran sluaigh air an tiorcadh o ghorta bhàsmhor. [TD 4] Ann an Seanadh Earra-ghàidheal, ann sa bhliadhna 1845, Chuir e air chois Ionmhas Cuideachaidh do fhoghlumaich airson na ministrealachd, a tha o ’n am ud air a chumail suas, agus o ’n robh Ceud gu leth Punnd Sasunach air a roinn o chionn bliadhna no ’dha air seachd deug do fhoghlumaichibh ann an Oileamhaidean na h-Eaglais; agus ré uine fhada bha e a solar o chairdean fialaidh ’s an taobh deas, sea ceud Punnd Sasunach gach bliadhna gu bhi a cuideachadh le oganaich bhochda Ghaidhealach iad fein oileineachadh airson dreuchd na ministrealachd. Agus le cuideachadh mhnathan uasal cairdeil, chuir e air chois, “Comunn mhnathan uaisle na h-eaglais Shaoir,” airson sgoilean a chumail suas ann an cearnaibh iomallach de na h-eileinean Gaidhealach. Ann sa bhliadhna 1849 bha an t-Ollamh Macaoidh air a thaghadh gu h-aonsgeulach gu bhi na Cheann-suidhe air Ard Sheanadh na h-Eaglais Shaor,—suidheachadh anns nach do dheairmad e leas a luchd dùthcha. Aig ám d’a bheatha anns an robh “sgail an fheasgair ag iadhadh air,” chaidh e cuairt do Australia, far an do dh’fhuiling e ioma cruaidhchas agus uireasbhuidh ann a bhi suidheachadh agus a’ meudachadh Eaglaisean ann an caochladh aiteachan do ùr-threabhachais Victoria agus N. S. Wales. Air dha tilleadh dhachaidh, ghabh e os laimh coithional na h-Eaglais Shaoir anns na h-Earradh, agus an deidh dha moran a chosd ri togail tigh ministeir, tigh sgoil, agus ri caramh na h-Eaglais; fhuair e fear-cuideachaidh d’an tug e suas an t-iomlan de’n obair agus d’a bheòlaind; air dha fhaotainn a mach nach robh a neart co-ionnan ris an obair a bha aige ri dheanamh ann san aite gharbh agus iomallach ud am measg coithional sgapta. Mar Dhiadhair domhain fallain agus tulchuiseach; mar Theangair agus mar ùghdair, tha aite seasaidh ard agus aithnichte aig an Ollamh Macaoidh am measg ard sgoileirean na linn so. Ach mar sgoileir Gailig, is e is dòcha gum bheil e da rìreadh gun leth-bhreac aig an dearbh am so, ged a tha aireamh ann a tha le eud agus adhartachd cliù-thoilltinneach, a leantuinn a cheumanna. Cha ’n ann an diugh no an dé, a thainig an t-Ollamh Macaoidh gu ìre ard agus urramach mar sgoileir Gáilig. Ann an deanamh suas “Foclair mór Gailig Comunn Gaidhealach na h-Alba,” ged a bha an obair air a marasglachadh le sgoileirean ainmeil nach maireann: Dr. Iain M‘Leoid Dhundonuill, le cuideachadh Eoghain Mhic-Lachuinn, Abareadhain, Dr. A. Irvine, Dhun-challionn-bhig, agus leis an Urramach Alasdair Domhnullach, a bha ann an Craoibh; is ann leis an Ollamh Macaoidh a bha an obair air a criochnachadh agus air a ceartachadh mar a bha i a dol troimh ’n chlò. Na shean aois agus na ’laigse, tha e fhathasd eudmhor dichiollach gu bhi togail suas na Gailig, mar chanain, a dh’ ionnsuidh an t-seasaimh ard a tha dligheach dhi am measg chánainean aosda agus ard-ughdarail nan linntibh a thréig. Chan eil ach ro ghoirid bho na chriochnaich e Eachdraidh na h-Eaglais, ann an Gailig, agus a’ dh’ullaich e airson a chlò “Eachdraidh nam Fiughalach Albannach” air a h-eadar-theangachadh gu Gailig leis an Ollamh Mac’ Illebhrà. AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. V.—EARANN. AIR NA REULTAIBH MARS, BHESTA, IUNO, CERES, PALLAS, AGUS, IUPITER. THA oibre a’ chruthachaidh a’ foillseachadh gliocais an Tighearn Dé, [TD 5] eadhon do’n ìnntinn as mi-chùramaiche agus as neo-mhothuchaile! Nach mòr an gliocas a shuidhich a’ ghrìan aig astar co fad o’n talamh, is nach ’eil an tomhas soluis agus teas a ta sinn a’ faotuinn uaipe aon chuid tuilleadh’s mòr, no tuilleadh’s beag? Na’m biomaid na b’fhaisge do’n ghréin na tha sinn, bhiodh an talamh agus sinne air uachdar ar ar crionadh le teas; agus nam biomaid na b’fhaide uaipe, dheanadh reodha agus fuachd ar milleadh gu tur. Ach air d’on talamh a bhi aig astar freagarrach o’n ghréin, tha sinn a’ mealtuinn a feartan air sheòl iomchuidh agus taitneach; agus air da a bhi ’cur char deth air a mhul fein, tha gach rioghachd agus dùthaich air ’uachdar a’ mealtuinn teas agus soluis na grèine ’nan àm fein, gach là dhe’n bhliadhna. Tha solus agus dorchadas a’ teachd an déigh a’ chéile gu riaghailteach, agus tha iad air an aobhar sin chum leas agus comhfhurtachd gach dùil bheo. “Chuir Dia dealachadh eadar an solus agus an dorchadas,” agus mar sin, le gliocas neo-chriochnuichte, rinn e an là chum saoithreach agus oibre, agus an oidhche chum cadail agus foise. Tha’n fhirinn chéudna air a foillseachadh le reultaibh neamhe gu léir, co math is leis an talamh; agus féudar a radh maille ri Daibhidh, “Gur uamhasach iongantach a dhealbhadh, cha’n e mhàin an duine, ach mar an céudna gach ni a ta air aghaidh na cruitheachd.” Tha sinn a nis gu cunntas a thoirt air MARS an ath réult arm an òrdugh. Tha Mars coig uairean nis lugha n’an talamh, ach aig astar mòran nis faide o’n ghréin. Tha Mars mu thimchioll ceithir mìle agus da chéud de mhìltibh troimhe, agus sia fichead agus coig muillean de mhìltibh air falbh o’n ghréin. Tha’n réult so a’ siubhal ’na cearcall fein, dà fhichead agus seachd mìle de mhìltibh ann an uàir, agus a’ criochnachadh a turais ann an aon uair ni’s lugha na sia cead, ceithir fichead agus seachd laithean. Tha bliadhna Mhars, uime sin, ach beag co fada ri dhà de na bliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult so a’ tionndadh air a mul fein ann am fichead agus ceithir uairibh, agus da fhichead mionaid, air chor ’s gu’m bheil là Mhars dà fhichead mionaid ni’s faide na là na talmhainn. Ma tha créutairean réusonta ann am Mars, cha’n fhaic iad a’ ghrian ach leth co mòr is a ta sinne ga faicinn, agus cha’n fhaigh iad ach a leth uiread soluis agus teas uaipe, ’sa ta sinne a’ faotuinn. Ma tha gealach idir aig an réult so, cha’n urrainn sinne a faicinn aig a lughad; ach ma tha créutairean ann am Mars, chi iad an talamh agus a’ ghealach againn-ne, mar dhà ghealach, tè dhiubh beag, agus an tè eile mòr, a’ sìr chaochladh gun a bhi idir làn! Le gloineachaibh-amhairc chithear coslas chuantan agus thìrean ann am Mars; agus chithear, mar an céudna, aogas sneachda air na h-earrannaibh sin deth, a ta air chùl na gréine; agus tha daoine foghluimte a’ co’-dhùnadh gur sneachd a th’ann, do bhrigh gu’m bheil e anabarrach geal, agus gu’m bheil e falbh gu h-iomlan, an uair a bhuaileas teas na gréine air na h-ionadaibh sin far am bheil e ’laidhe gu domhain rè géamhraidh na rèilte so. Air d’i a bhi mòran ni’s faide o’n ghréin n’an talamh, cha’n fhaicear i a chaoidh a’ teachd, cosmhuil ri Mercuri agus Bhénus, eadar an talamh agus a’ ghrian, gidheadh, aig amannaibh sònraichte chìthear i a’ siubhal mu’n ghréin ’na cuairt fharsuing fein! Air an taobh a mach do Mhars tha ceithir réulta beaga a cuairteachadh na gréine, gach aon ’na cearcall fein. ’S iad so BHESTA, IUNO, CERES, agus PALLAS, agus cha’n ’eil am meùd ach beagan ni’s mò na a’ ghealach againn-ne. Tha iad da uair co fad o’n [TD 6] ghréin ri Mars, agus a gabhail a dha uiread ùine chum cuairt a chur air a’ ghréin. Cha’n ’eil ach goirid o’n fhuaradh a mach iad, agus tha iad co beag, agus aig astar co fad air falbh, is nach ’eil dùil aig sluagh gu’n rannsaichear iad a chaoidh a mach air mhodh cìnteach. Fhuaradh Bhesta a mach anns a’ bhliadhna 1807, Iuno anns a’ bhliadhna 1804, Ceres anns a’ bhliadhna 1801, agus Pallas anns a’ bhliadhna 1802. Bheir sinn iomradh a nis air IUPITER, an réult a’s mò agus a’s òirdheirce de na réultaibh uile, air di a bhi mìle uair ni’s mo n’an talamh, agus seachd agus ceithir fichead mìle de mhìltibh troipe. Tha Iupiter ceithir chiad agus sia thar fhichead muillean de mhìltibh o’n ghréin, agus tha e ’siubhal ’na chearcall cuig mìle fichead de mhìltibh anns an uair. Tha’n réult so a’ gabhail aon bhliadhna deug agus deich miosan chum aon chuairt a chur air a’ ghréin, agus air an aobhar sin tha bhliadhna Iupiter ach beag co fada ri dha dheug de na bhliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult mhaiseach so a’ tionndadh air a mul fein ann an naoi uairibh agus sia deug agus da fhichead mionaid, air chor is gu’m bheil an là aice ni’s lugha na leth an latha againn-ne, ged tha a bhliadhna a dha uiread deug co mòr ri ar bhliadhna-ne. Tha ceithir gealaichean aig Iupiter, a ta ’ga chuairteachadh ceart mar a ta na réultan a’ cuairteachadh na gréine. Tha àm laidhe agus éiridh gach gealaich dhiubh so air fhaotuinn a mach air son gach là ’sa bhliadhna, a chionn le so gu’m bheil maraichean a’ deanamh mach an slighean air na cuantaibh mòra. Tha na gealaichean aig Iupiter agus Saturn, uime sin, anabarrach féumail duinne, a chionn gur ann leò sin a’s cinntiche a gheibh maraichean a mach a’ cheart àit air doimhneachdaibh na fairge anns am bi iad na air sheòl sam bi eile. Tha aghaidh Iupiteir air a còmdachadh le fàinnibh, no le criosaibh leathann agus fosgailte, agus tha téallsanaich a’ deanamh mach gur neoil iad a ta air an dòigh iongantach so a cuairteachadh na réilte so! Tha e cinnteach gur mòr am fuachd a ta ann an Iupiter, do brigh gu’m bheil e aig astar co fada air falbh o’n ghréin, is gu’m bi a gathann fann agus lag mu’n comas doibh ruigheachd air an réilt mhòir so; agus tha’n seòl air am bheil Iupiter air a shuidheachadh air a mhul fein, a’ toirt mu’n cuairt nach ’eil a bheag a dh’atharrachadh eadar a Shàmhradh agus a Gheamhradh. Mar a’s mò a labhras sinn air na réultaibh, ’s ann a’s mò tha sinn ’faicinn araon gliocais agus cumhachd an Tì uile-bheannaichte “a labhair, agus bha iad ann; a dh’ àithn agus sheas iad.”—(Salm. xxxiii 9.) Is miorbhuileachd a’ chìnnteachd agus an eagnaidheachd leis am bheil na réultan a’ siubhal ’nan cuairtibh fein air feadh farsuingeachd na cruitheachd; agus leis am bheil gach aon diubh fa leth a’ criochnachadh a turais ’na h-àm suidhichte fein. Tilgibh bhur sùilean air aghaidh na cruitheachd, agus chì sibh gach ni air àrdachadh chum na crìche a’s feàrr. Ach an uair a bheachdaicheas sibh le ioghna air an obair, smuainichibh le iongantas agus le taingeileachd air a’ ghàirdean uile-chumhachdach a rinn an obair sin, agus abraibh maille ris an diadhair Eòin, “Is airidh thusa, a Thighearn, air gloir, agus urram, agus cumhachd fhaotuinn; oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do thoil-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad.”—(Taisb. iv. 11.) SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) [TD 7] MU NA SEANN GHAIDHEIL. VIII. (Air leantuinn o ’n 9mh Aireamh, taobh 223.) Sgriobh Seorus Buchanan Eachdraidh na h-Alba ann an Laidinn agus tha e labhaìrt innte mu thimchioll a’ cheud luchd-aitich a ghabh comhnuidh ann am Breatunn. B’i a bharail-san gum b’e an t-aon sluagh a bha chomhnuidh anns na tiribh ris an abrar a nis an Fhraing, an Spainn agus a’Ghearmailt no an Ollaind, gun do labhair iad an aon chànain, agus gum b’e an t-ainm leis an robh iad aithnichte do na Romanaich Galli no Celtae. Bha iad roinnte ’nam fineachan no ’nan treubhan eadar-dhealaichte o cheile anns an doigh labhairt, ged a bha an aon chanain aca thaobh duchais. A reir beachd Sheoruis Bhuchanain is ann o oirthir thuath na Frainge ris an abairteadh Armorica a thainig a cheud luchd-aitich do cheann deas Bhreatuinn; thainig na ceud dhaoine as an Spainn do Eirinn; agus thainig a cheud sluagh do cheann tuath Bhreatuinn as a’ Ghearmailt no Lochluinn. Ach ged a thainig iad a nall as na tiribh so fa leth gidheadh labhair iad an aon chanain Ghaidhealach le beagan dealachaidh a thaobh gum b’e an aon sluagh a bha a chomhnuidh air tir-mor na Roinn-Eorpa aig an am so. Thachair na nithean so a reir coslais fada mun do thog an sluagh sin an ceann o’n d’thainig na Sasonnaich, na Lochlunnaich agus Gearmailtich an la an diugh. Theirteadh na seann Bhreatunnaich ris an t-sluagh a thainig a nall o Armorica as an Fhraing; b’iad so sinnsearan nam fineachan a tha chomhnuidh ann an Duthaich Wales, agus labhair iad cainnt a tha cosmhil ris a’ chainnt a labhrar anns an tir sin air an la an diugh. Theirteadh na Caledonich no na Pictich mar ainm ris an fheadhainn a thainig gu ceann tuath Bhreatuinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris a’ Ghailig a labhrar an diugh ann an Albainn. Agus theirteadh Scoti mar ainm ris an t-sluagh a thainig as an Spainn do Eirinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris a’ Ghailig Eirionnaich. Chaidh dream araidh dhiubh so a nunn a Eirinn do Earraghael agus ghabh iad comhnuidh am measg an luchd-aitich a bha an sin o chian. B’ann diu so a bha an teaghlach rioghail a thainig gu bhi rìoghachadh os ceann Albainn gu leir ’nuair a chuireadh an rioghachd fo aon riaghladh. Tha Buchanan mar an ceudna ag radh gun d’thugadh Caledoniach mar ainm air an t-sluagh a bha ann a Albainn a chionn gun robh iad a chomhnuidh ann an tir a bha lan de choille challdainn; gum b’e Dun-challdainn no Dun-chailleann ceann-bhaile na rioghachd aca agus gun d’fhuair e an t-ainm so o’n aobhar cheudna. A reir sin tha an t-aimn Caledonaich a’ cialluchadh Calldainnich. Mar so chi sinn gun robh Seorus Buchanan a’ creidsinn gum bu Ghaidhil na Picti, agus gun robh iad fein agus na Scoti cairdeach d’a cheile. Tha e a’ nochdadh gun robh Bede dhe ’n bheachd cheudna ’nuair a tha e ag radh gun d’thug na Picti do na Scoti pairt de ’n tir aca fein anns an earrainn sin a bha air bheag sluaigh no falamh. Tha e ag radh mar an ceudna roimh theachd nan Sasonnach gun robh ach beag an aon chanain air a labhairt le uile luchd-aitich an eilein Bhreatunnaich. D. B. B. (Ri leantuinn.) CALLUM A GHLINNE. EARRAN VII. AIR an oidhche ud nach deachaidh, agus nach teid a’ cuimhne Challum rè a bheatha, fhuair e ann am beagan uairean de thiom, barrachd eolais air [TD 8] cealgaireachd nadar tuiteamach na daonachd na’ fhuair e riamh roimhe. Fhuair e mar an ceudna sealladh agus tuigse fhaireachdail air a laigisnnean modhanail fein. Bha e air a ghluasad, air a luasgadh agus air a lionadh le uamhas roimh an t-slochd uamhainn anns an robh e ach beag air a shlugadh, gun smaoin agus gun amhararus a bhi aige d’a thaobh; cha bu lugha ’bha e air a lionadh le taingealachd airson an rathaid mhiorbhuileach agus fhreasdalach anns an robh e air a thiorcadh. Thug e aghaidh air a chairtealan taimh cho luath ’sa bheireadh a chosan e; ’Nuair a fhuair se e fein an taobh a stigh de a sheomar, ghlais e an dorus, agus thilg se e fein na shìneadh air an urlar, far an do leig e a mach na aonar na faireachduinean buaireasach leis an robh a chridhe air a reubadh agus ’anam air iomluasgadh. B’i oidhche Dhi-Sathuirne a thachair a bhi ann. Greis an deigh a mheadhoin oidhche, ’nuair a bha tomhas do thosdachd agus do shamhchair air toirt aite do n’ ghair agus do ’n utag fhiadhaich, bhorb, allmhara, airson am bheil sraidean Ghlaschu chocomharraichte, gu sonruichte air oidhche ’Shathurna agus air maduinn na Sabaid—dh’eirich Callum o’n urlar, air dha tomhas do fhaothachadh fhaotainn bho ’n teinn-chradh leis an robh a chridhe an impis sgaineadh; thug e mar a b’ abhaist da, lamh air a Bhiobul; ach a dh’ aindeoin a mhothachaidh air a dhleasdenas, cha b’urrainn e aon chuid a shuil no inntinn a shocruchadh air aon fhocal gu a leughadh le urram no le stoldachd iomchuidh. Dhùin e suas agus chuir e seachad “Focal math na beatha”—chaidh e da leabaidh, ach threig fois agus codal a shùilean; ged a bha e air a ghleidheadh gu miorbhuileach o ghniomharan minosach am measg na cuideachd droch-mhuinntir air an robh e tathaich fo threorachadh a dhroch companaich; thug an caitheamh aimsir ud anns an robh e air a chleachdadh, dorchadas cruas agus cionta air a choguis, agus thug a chor air an oidhche chianail ud ’na chuimhne, a bharr air ioma rud eile, cor neach araidh air am bu tric a chuala e ’mhathair chaomh a deanamh iomraidh:—Bu duine e a bha ri aideachadh air an diadhaidheachd—ach ann an aon seadh cha robh a ghiulan air uairibh comhsheasmhach ri ’aideachadh. ’Nuair a thachradh dha tuiteam ann an cuieachd luchd eolais fuasgailte, bha e ullamh gu bhi air a ghlacadh ann an cleachdadh mi rianail na misg, leis an robh gu tric a leithid do dhaorsa agus do dhorchadas a luidhe air a choguis is nach b’urrain e car uine an deigh gach tuisleadh dheth an t-seorsa ud, am Biobul fhosgladh, no a ghlùn a lubadh air ceann a theaghlaich. Bha an oidhche ud do Challum na h-aimsir fhadalaich neo-fhoisneach, air bheag codail no ùrachaidh. Mu ghlasadh na camhanaich dheirich e; sheall e a mach air an uinneig—cha robh duine no ainmhidh r’ am faicinn air an t-sraid. Bha buaireas agus iomluasgadh a choguis fein, an coimeas ris an t-samhchair chiuin choitchionn a bha buadhachadh air gach taobh dheth, na chuis eagail dha. Ann an doimhneachd a theinn agus a thrioblaid, ghrad-las na chuimhne na briathran so. “Co ionnsuidh a theid sinne ach a d’ ionnsuidhsa, oir agadsa tha briathran na beatha maireannaich.” Le fiamh agus le anmhuinneachd neo-abhaisteach, glac e am Biobull—Dh’ fhosgail leabhar nan Gnathfhocal dha, thuit a shuil air aireamh de na h-earranaibh a chomharraich a mhathair mu ’n do dhealaich iad ri cheile; leugh agus bheachdaich e orra le ’uile dhurachd a chridhe. Bha iad a luidhe gu ro fhreagarrach ri a chor; ghlac iad aire air a leithid do dhoigh [TD 9] is gun robh gach focal mar gum bann air an runachadh gu bhi air an seirm na chluais fein amhain, agus gu bhi air an deargadh air a choguis agus air a chuimhne. Air dha an leughadh thairis agus thairis a ris—ghlac e peann agus paipeir, agus sgriobh e an t-iomlan dhiu mar a leanas: “Nuair a theid gliocas a steach ann ad chridhe, agus a bhios eolas taitneach do ’n anam, n’i ciall do dhionadh, coimhididh tuigse thu: chum gun gleidh iad thu o n’ mhnaoi choimhich, o n’ bhan-choigrich a ni brionnal le a briathraibh—Na h-eisd ri mealltaireachd mna; oir mar a chìr-mheala silidh bilean mna coimhich, agus is millse na ’n ola a beul, ach tha a crioch searbh mar a bhurmaid, geur mar chlaidheamh da fhaobhair: tha a cosan a dol sios chum a bhais; ni a ceumanna ghreim air ifrinn. Sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fainear am measg nan oganach, òigfhear gun chiall, a dol seachad air an t-sraid fagus d’a h-oisinn; ghabh e air an t-slighe chum a tighe. Le moran d’a cainnt mhilis thug i air aontachadh, le miodal a bilean chomheignich i e. Tha e dol na deigh gun dail mar theid an damh chum a chosgraidh, no an t-amadan chum peanas a chip; gus an teid saighead troi’ ’anam, mar a ghreasas an t-eun do ’n ribe, gun fhios aige gur h-ann a chum a bhàis a ta e. Suidhidh i aig dorus a tighe, air caithir ann an aitibh arda a bhaile, a ghairm orrasan a bhios a dol seachad air an t-slighe. Ge be neach a tha baoghalta, thigheadh e ’stigh an so; agus ris-san a tha ’dhith tuigse their i: ‘Tha na h-uisgeachan a ghoidear milis, agus an t-aran a dh’ithear an uaigneas taitneach;’ ach cha’n eil fios aige gum bheil na mairbh an sin, ann an doimhneachdan ifrinn gum bheil a h-aoidhean. Threig i oid’-ionnsaich a h-oige, agus dhi-chuimhnich i coimhcheangal a Dè: Air eagal gun cothromaicheadh tu slighe na beatha, tha a ceumanna luaineach, air chor as nach urrainn thu an aithneachadh. Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagus do dhorus a tighe, oir lot agus leag i sios moran; seadh chaidh moran do dhaoine treuna a mharbhadh leatha; is e a tigh an t-slighe gu ifrinn, a dol sios gu seomraichean a bhàis; cha phill duine sam bith a theid da h-ionnsuidh, agus a rís cha’n fhaigh e sligheanna na beatha. Na claonadh do chridhe chum a sligheanna, na rach air seacharan ’na ceumaibh, chum as nach dean thu caoidh mu dheireadh agus gun abair thu, Cionnus a thug mi fuath do theagasg agus a rinn mo chridhe tair air achmhasan? Is beag nach robh mi anns gach olc am meadhoin a chomh-chruinneachaidh agus a choimhthionail.” Nuair a bha Callum a sgriobhadh sios nan earranean ud, aon an deigh aon, ann san rian ’s an robh iad air an comharachadh leis an laimh chaomhail ud a shaothrich ioma latha gu dian agus gu dileas airson a leas, bha cumhachd diomhair neo-fhaicsinneach gan giulan le buaidh agus le eifeachd gu smior ’anama, mar a dh’ ainmich sinn ann an aite eile, bha iad da rireadh air am beannachadh dha. Chaith e a mhaduinn ud ’na sheomar uaigneach mar nach d’rinn e riamh roimhe—aig an uair ghnathaichte, chaidh e do ’n Eaglais, cha b’ ann mar a b’ abhaist dha, a dh’ fhaicinn, agus gu bhi air fhaicinn; ach le beò-iarrtus an deigh air rudeigin a bheireadh furtachd d’a anam leonta, agus a bheireadh saorsa dha bho na saighdean sgaiteach geur a bha an sàs ra’ choguis. Nuair a leugh am ministeir an ceann-teagaisg:—“Is fear comuinn mi dhoibhsan air am bheil d’ eagal agus dhoibhsan a ghleidheas do reachdan.” Smuaintich e nach robh teachdaireachd d’ a leithidsan bho an earrain ud, ach [TD 10] teachdaireachd dìtidh. Dh’ eisd e gu dùrachdach ris gach focal de an t-searmoin. Bha cleachdadh-no ’dha, a bha coitchionn do n’ chothional d’ am buineadh e, a bha air am meas leis riamh on’ thainig e ’n am measg, rudeigin mi rianail agus mi-mhodhail a thaobh an fhir theagaisg agus na seirbheis sholuimte a bu dreuchd dha, mar a tha rocail, sreothartaich agus smotadh snaoisein, agus casadaich; agus mar an ceudna, daoine a bhi ’cumail an adaichean agus am boineidean air an cinn, gus an ruigeadh iad an aiteachan suidhe, eadhon ged a bhitheadh an t-seirbheis air toiseachadh mu ’n tigeadh iad a stigh do ’n eaglais. Bha a chasadaich gu sonruichte, ’na campar agus ’na brosnuchadh dha; oir thainig e le beachdachadh orra, gu bhi a co-dhùnadh nach be aon chuid cnatan no cuing-analach a b’ aobhar do na chuid ’bù mho de’n chasadaich, ach dìreach, cleachdadh fasanta, comhfhulangach, a bha cumanta ’n am measg ri fuachd ’s ri teas, ri blaths an t-Samhraidh co-ionnan ri dùdlachd a Gheamhraidh. Bha gach easordugh de ’n t-seorsa ud n’ am plàigh agus n’ am buaireas sonruichte do Challum air an latha ud; oir bha ’aire agus a chluas gu dian agus gu durachdach an crochadh ri bilibh an fhir-theagaisg, mar gum biodh a bheatha an eiseimeil aon fhocal a dh’ fhaodadh e a chall, no a rachadh seachad air a chluais. Bha am ministeir na fhear teagaisg soisgeulach fallain, dileas, comasach: Na uile shearmoinean, ciod air bith ’bu cheann-teagaisg dhoibh, chluinnte mòran mu chliù Chriosd, agus mu ghloir na saorsa a choisinn e. Fhuair Callum rud-eigin ann an teagasg an latha, a bha mar ola agus mar fhion do lotan ’anama. Chuir na beachdan a leanas, solus dha air aobhar a chruais, an dorchadais agus na h-as-sìth a thug companas nan andiadhaidh air a choguis. Thug am ministeir fainear gun robh luchdaideachaidh òg ullamh gu bhi a saoilsinn nach robh dad do chunnart dhoibh ann an comunn agus ann an companas luchd uilc, cho fad ’sa sheachnadh iad fein an t-olc ann an cainnt agus ann an gniomh. Chuir e solus samhlachail ud, ann an briathran a tha airidh air an cumail air chuimhne. Seall, ars’ esan, air closach ainmhidh a’ grodadh air an raon, tha an fheoil lobhta sin a bha aon uair ’na biadh fallain beathachail, a nis ’na puinnsean marbhtach; cho puinnseanta is gun cuireadh am mir ’bu lugha a dh’itheadh tu dhi, do bheatha ann an cunnart; an saoil thu gum biodh e tearuinte dhuit seasamh no suidhe dhlù do n’ chlosaich ud cho fad ’s a b’aill leat, na ’m be is nach cuireadh tu am mir ’bu lugha dhi na d’ bheul? Gu dearbh, cha bhiodh e idir tearuinte. Ciod e’ tha ann san fhaileadh bhreun ghairsneach a tha thu deothal a stigh troimh do chuinneinean, gu bhi air a chomhmheasgachadh ri d’fhuil agus ri d’ chaileachd? Is e a thann, an dearbh phuinnsean sin a tha ann sa chlosaich ghraineil o’m bheil e ’g eiridh, agus leis am bi do chaileachd ann an tomhas air a truailleadh a cheart cho cinnteach agus ged dh’itheadh tu i. Cha mho tha e comasach do neach air bith eadhoin do anam grasmhor, comunn a chumail ri luchd mì-bheus, gun a chaileachd mhodhanail a bhi air a truailleadh le an conaltradh agus le ’an eiseimpleir, ged a dh’ fheudadh e gach briseadh air lagh na modhanna a sheachnadh gu h-iomlan ann an cainnt agus ann an gniomh. Ma’s miann leat ars’ esan, a bhi air do ghlanadh, agus air do choimhead glan o shalchar na feola agus an spioraid, feumaidh tu coimhcheangal a dheanamh ri d’ chluasan cho math [TD 11] agus ri d’ shuilean. Biodh do chomunn agus do chompanas, uime sin riuthasan a mhain air am bheil eagal an Tighearna. Mun robh an t-seirbheis thairis, dhealraich an solus air inntinn Challum a thaobh ’fhior chor, mar gun leigte gath greine ann am plathadh a stigh do sheomor dorcha. Thuig agus dh’ fhairich e ’nis, mathair-aobhair a bhuaireais agus na h-an-fhois leis an robh e air a luasgadh. Bu bheag a bha dh’amharus aige gus a nis, gun robh a bheusan modhanail air an truailleadh leis a chaitheamh-aimsir anns an robh e air a chleachdadh ann an cuideachd Mhicheil. Mhothaich e da rireadh ’fheum air a bhi air a ghlanadh ann san “tobar a chaidh fhosgladh” cha b’ ann a mhain o chionta a pheacaidh, ach mar an cendna o ’neoghloine mhodhanail. Be an latha ud dhasan, latha nam beannachd; Thainig e mach ann sa mhaduinn fo sgios agus fo throm uallach, a sior ghuidhe. “A priosan m’ anam buin a mach, T’ ainmsa gum molar leam” Thill e dhachaidh le oran nuadh ann am beul anama. “Mar eun a rib’ an aunadair Shaor thusa m’ anam bochd.” MUILEACH. (Ri leantuinn.) AM BUACHAILLE-LAOGH AGUS AM MINISTEIR. Bha balachan òg, mac baintrich bhochd, aon uair ’n a bhuachaille-laogh aig tuathanach araidh. Bha e a’ faighinn a bhidh mar thuarasdal o ’n tuathanach, agus bha a mhathair ’g a cumail fein a suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn di le ’bhi ag obair do na coimhearsnaich, maille ri cuideacheadh beag a bha air a bhuileachadh oirre o am gu am á airgiod nam bochd. Thuit gu ’n robh fearann an tuathanaich a’ criochnachadh ri glebe a’ mhinistir agus co-dhiu a leig am buachaille na laoigh am measg coirce a’ mhinistir, no ciod air bith a b’ aobhar, ghabh e fuath agus gamhlas mor do ’n bhalachan, agus cha ’n iarradh e ach a’ bhi ’g a smadadh a h-uile cothrom a gheobhadh e. Bha aig a’ mhinisteir gille miodalach, trailleil a b’ abhaist da a thoirt leis an uair a bhiodh e, le ’charbad beag, a’ gabhail a chuairt troimh ’n sgireachd. Thachair dhoibh a bhi a’ gabhail sgriob air latha araidh, agus faicidh iad buachaille nan laogh ’n a shuidhe taobh an rathaid mhoir le deise uir aodaich air. Bu mhath a bha fios aig a’ mhinisteir c’ aite ’n d’ fhuair am balachan an deise, agus smaointich e gu ’n gabhadh e an cothrom air a nàrachadh. “Co, mo ghille math,” ars esan, “a chuir ort an deise ur, ghasda sin?” “Chuir,” thuirt am balachan bochd ’s e ’togail a chinn, “le ’r cead a mhinisteir, a’ cheart fheadhainn a chuir an deise sin oirbhse,—chuir an sgireachd. An uair a mhothaich am ministeir a’ chuis air a tilgeil cho deas ’n a aodann leis a’ bhalachan chuir e ’chuip ris an each, agus thàr e as. Ach air dha dol beagan air aghart smuainich e gu ’m bu tamailteach da leigeil leis an ruaig a bhi air a cur air mar so an lathair a ghille fein; stad e an carbad, agus chuir e air ais an gille a dh-fheoraich d’ an bhalachan, an gabhadh e muinntireas gu bhi ’n a bhurraidh aig a’ mhinisteir. Thill an gille le othail mhoir, agus chuir e a’ cheist ris a’ bhuachaille. “Am bheil thusa dol g’ a fhagail?” ars am balachan. “Cha ’n eil,” fhreagair an gille. “Ma ta, mar eil,” thuirt am balachan, “rach air d’ais agus abair ris a’ mhinisteir, gu ’m bheil mise ’meas gu ’m bheil a thighinn a stigh beag gu leoir a chumail a suas da bhurraidh gun ghuth air a’ bhi ag iarraidh an treas fir! “Dh’ fhalbh an gille ’s a theanga ’n a phluic a dh’ [TD 12] innseadh a shoirbheachaidh, agus is i mo bharail nach do chuir e fein no am ministeir a’ bheag tuillidh de dhragh air a’ bhuachaille-laogh. MAC-MHARCUIS. Latha Feill Brighde 1873. AN DARA DUAN DE SGIALACHD NA TROIDHE; Air a thionndadh bho Ghréugais Homeir Gu Gaidhlig Abraich. LE EOBHAN MACLACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus àireamh nam fineachan Gréugach agus Tròidheach. Dhùin gach créutair talmhaidh ’n rosg, Slòigh ’us eachraidh chaidil sèamh, Na dé bhuan na ’n cathraichean òir, Iar claon-aomadh gu ceò-phramh. Bha Iòbh ’na aonar gun suain, ’Inntinn mhòr fo gluasad bras, Gu cliù thoirt do ’n Aicheall thréun, ’S do ’n arm Ghréugach léireadh cas. Comhairl’ iomchuidh dhùisg ’na cheann, Bruadar meallt’ a thogail suas, ’Chur gu righ na Gréig’ a mhiann,— ’S dh’ éubh e ’n Sgail am briathran luath: “Grad-imich, a Bhruadair fhaoin, Dh’fhios a’ chabhlaich aig raon Thròidh; Do shìol Atreuis, righ nam feachd, Thoir mion sgéul air reachd mo bheòil. Tairngeadh e fo ’n airm gun dail, Sliochd na Gréige ’s arbhuidh cùl; Glacaidh e ’n stuaidh fharsuing ard, ’S sgapaidh na liath-charn ’s an ùir. Bho’n rinn Iùno ’n ùrnaigh chruaidh, Tha ’nt aon rùn aig sluagh nan spéur; Thuit Tròidh gu buileach fo bhìnn, ’S thig maom-sgrios air lìnn nam béud.” ’N uair chriochnaich e, léum an Sgail, Sios ’na still gu traigh nan long; Fhuair e ’n rìgh a’s teach na bhùth, Fo mhìn-dhrùchd, ’s e ’n cadal trom. Sheas an dealbh os cionn a chinn, An riochd Nestoir bu bhinn glòir,— Sean-Nestor a ghléidh a ghaol, Thar gach aosda ’measg a shlòigh. An sin labhair Taisbean nan spéur— Shoillsich aithn’ an dé do ’nt shonn: “Am fois dutsa, ghaisgich thréin, ’Ur-mhic Atreuis nan stéud lom? Dim-brigh do chomhairleach glic Do ’m buin cùram bhlar a’s fheachd, ’S mìltean slòigh ag earbs’ á thaic Cian-chaídreamh an cadal leisg. Eisd gu mion-bheachdaidh ri m’ sgéul— ’S mi teachdaire dhé nan dia; Bho’n ’s mòr a thruais diot, a’s ’ùigh, D’ ardachadh an cliù, ’s e mhiann. ’S aill leis thu ghrad-thoirt gu blar Sliochd na Gréige ’s arbhuidh cùl. Glacaidh tu ’n stuaidh fharsuing, ard, ’S sgapaidh na ’liath-charn ’s an ùir. Bho’n rinn Iùno ’n ùrnaigh chruaidh, Tha ’nt aon rùn aig sluagh nan spéur. Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn, ’S thig maom-sgrios air lìnn nam béud. Gabhsa suim de reachd an dé; Smid dhe ’m bheil mo bhéul a’ luadh, Fiach nach leig mi-sgainn air chùl, ’N uair dh’ fhògrar bho d’ shùil ant shuain. Raining na facail a’ chrìoch, ’S grad ás ’fhianuis thriall an sgleò. Dh’ fhag e ’n rìgh ri innleachd cuim, Ag cur mhìltean luim air seòl. Bi dhùil gu’n leagtadh na ’carn Daingneach Thròidh, an là sin fhéin. Umaidh nach d’ fhisraich mar bha, ’S ciod bu brìgh do dhàn nan spéur. Gun smaoin air cho lìomnhor cràdh, Osna, ’s téinn, a’s blar, a’s éug, Bha gu teachd air an da shlògh, An strìth chian nan còmhrag géur. ’S an àm iomchuidh dhùisg an tréun, ’S ghrad-éirich ’n uair thréig a shuain; Thar leis gu’n robh ’n Taisbean àigh A’ sìr-chagar tlàth na chluais. Shuidh e dìreach ’s dhùin mu ’chliabh, A mhin-fhalluinn chiatach, nuadh; ’S thilg e thair uachdar os cinn, Earradh mòr bu rìoghail tuar. Mu ’ dha chois chumadail, chruinn, A bheairt shoilleur shnaim e teann; Claidheamh réul-airgiodach grinn, Chroch sgibidh ri thaobh bho ’n bhoinn. Colbh athraichean tréun’ ’na dhòrn, Slat-riaghailt nan glòir bith-bhuan: Dh’ fhios a’ chabhlaich stiùir e chéum— Tuineadh Gréugaich nan arm cruaidh. Dh’ éirich maduinn òg nan driùchd ’Na ’soillse gu lùchuirt Iòbh; ’S thair còmhnuidh aluinn nan dia, Sgaoil i ’brat de ’nialaibh òir. Chuir an righ air chuairt nan deann, Gairmfhir a b’ oscarra pong, A theanal nan slòigh air ball, Gu comhairl’ aig taobh nan long. Thug iad a’ chaismeachd mar dh’ iarr ’S dhòirt na mìltean siar romh ’n raon: Ach cho-ghairm e, ’n tùs, na seòid A fhuair gliocas còrr bho ’n aois.— Chruinnich iad aig bìrlinn shlìnn Nestoir Phìlich nan radh glic. ’S thionnsgain e, ’n uair shuidh na suinn, A dheilbh luim an dulchuinn thric. (Ri leantuinn.) [TD 13] AN SEOL AIR AN DEANAR AIRGIOD. Leig seachad gnothuch gach neach eile, agus thoir an aire do d’ ghnothuch fein. Na ceannaich an ni sin nach ’eil a dhìth ort. Gnàthaich gach uair chum buannachd, agus feùch gu’n cuir thu t-ùairean diòmhanach gu deagh bhuil. Smuainich a rìs mu’n tilg thu fiu na sea-sgillin air falbh gu h-amaideach, agus cuimhnich gu’m bheil tè eile agad r’a dheanamh na h-àite. Biodh e dhuit mar chulaidh-shùgraidh a bhi ’toirt an aire do d’ ghnothuch fein agus mar sin cha dearmadar do ghnothuch an uair a bhios tu an toir air culaidh-shugraidh. Ceannuich ìosal, reic cothromach, agus gabh cùram de’n bhunnachd. Na biodh do shùil an déigh na sgillin a bheir thu do’n deircean thoiltinneach. Gléidh do leabhraichean-cùnntais gu riaghailteach, agus ma gheibh thu fiù a’ bhònn-sea a’m mearachd faigh a mach agus ceartaich e. Dean ceartas teànn edar duine agus duine, agus ged a bhiodh e ’nad’ chomas na meàll neach eile anns a’ chuid a’s lugha. Na iàrr dà phrìs, ach reic air an aon sgillin ris an uachdaran agus ris an iochdaran. Ged a thuiteadh buille mi-shealbhach ort ’nad’ cheaird fein, gabh cùram fosgail do shùilean, oibrich ni’s cruaidhe, agus ma tha e idir ’nad’ chomas na géill. Còmhlaich cruaidh-chas agus téinn le buan-sheasmhachd gu’n sgìos, agus teichidh iad a’ chuid ’sa chuid air falbh. Agus ged a dh’ fhàilnicheadh thu nad’ ghleacadh ri cruadal, measar airidh air urram thu; ach géill anns a’ chùis, agus, nithear dìmeas ort. Na tig beò os ceann do chumhach, agus ged nach robh agad ach sgillin Shasunnach ’san là, caomhain an deicheamh earrann di. Le bhi ’leantuinn nan riaghailt so, le beannachd, cha’n eagal nach teid a’ chùis leat. Dean ceartas, diòl gu h-ealamh gach fiàch agus mar sin faigh do dhlighe fein. Na rach a’n urras air neach ’sam bith ged bu bhrathair e. Ma ni thu sin cha’n ’eil teagamh nach dean thu do charaid ’na namhaid, a thuilleadh air gu’m fuiling thu càlldach nach fhurasd duit a dheanamh suas. Cùm t-fhocal gu poncail treibhdhireach, cur do dhòchas ann am freasdal an Ti a’s Airde, iarr a bheannachd-san air do dhìchioll, agus cha’n eagal duit. SGIATHANACH. SALM NA BEATHA. LE LONGFELLOW. (Eadar-theangaichte le A. C.) Na can rium am briathraibh dubhach, Beatha ’n duine ’s bruadar faoin; Is tha ’n t-anam marbh a choidleas, ’S cha ’n ’eil ni réir barail dhaoin’. Beatha ’n duine ’s fìor ni luachmor! ’S cha ’n i ’n uaigh dhorch ceann a réis; Ris an anam riamh cha dubhradh, “’S duslach thu ’s gu duslach théid.” Cha ’n e sòlas ’s cha ’n e àmhghar ’Tha mar àrd-chrìch dhuinn fo ’n ghréin, Ach bhi gnìomhach chum bhi fàgail Astair ùir gach là ’n ar déigh. Ealdhain ’s mall ’s tha ùin’ ruith seachad, ’S tha ar crì, ge calm’ is treun, Ghnàth mar dhruma ’bhròin a’ bualadh Caismeachd thiamhaidh thruaigh an éig. Ann an àrfhaich mhòir an t-saoghail, ’N camp na Beatha so na bi Mar an t-ainmhidh balbh a ghreasar! Bi mar ghaisgeach anns an strì! Earbs’ na cuir ’s an latha màireach! ’N ùin’ ’chaidh seach fàg air do chùl! Saothraich anns an àm ’tha làthair, Treun an cridhe ’s Dia a’ d’ shùil! Nochdaidh eachdraidh laoch gu ’m faod sinn Ar beath’ dheanamh buadhach àrd, ’S luirg ar cos ’s an t-saoghal fhàgail As ar déigh ’n uair ’thig am bàs. Luirg ’n uair ’chi theagamh neach eile, ’S e air cuan na Beath’ gun iùl, Bràthair faondrach ’rinn long-bhriseadh, Glacaidh thuige misneach ùr. Eireamaid nis ’s biomaid gnìomhach, Le treun chrì ’bheir buaidh ’s gach càs; ’S fòghlumaid, tre chosnadh ’s leanmhuinn, Dìchioll ’s foighidin gach là. [TD 14] UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. (Air a leantuinn o ’n aireamh mu dheireadh.) Is gann a b’ urrainn dha labhairt mu Shasunn agus Sasunnaich gun ni-eigin searbh a radh mu’n deidhinn. Bha ’inntinn cho làn de dh-euchdan nan laithean ud anns an robh an dà riòghachd an comhnuidh ann an naimhdeas, gu’n do leig e as an t-sealladh gu buileach, an caochladh àigh a thainig ann an lorg na h-aonachd a tha nis eatorra. Bha e ’na ni ro ghoirt leis a ghiùlan gu’m b’e Lunnain, agus nach b’e Duneideann, Priomh Bhaile na rìoghachd, a’s gu’n robh Albainn do ghnath air a cur as an t-sealladh ann an naidheachdan na duthcha a’s iomradh an comhnuidh air a dheanamh air “Arm Shasuinn,” “Cabhlach Shasuinn,” “Banrigh Shasuinn,” &c. Bha dubh fhuath aige air Sasunn a’s air gach nì a bhuineadh dhi. Bu ni ro mhi-fhortanach gu’n robh a’ chuis mar so, oir chuir e grabadh an dà chuid air a shoirbheachadh feín mar fhear sgriobhaidh agus air a chliù mar fhear eachdraidh. Dhearbh e anns an leabhar a chuir e mach air an d’thug e mar ainm, “Tagradh nan Gaidheal,” gu’m b’ aithne dha Beurla a sgrìobhadh air mhodh a dh’ fhoadadh nair chur air imadh aon aig am bheil cliù cian sgoilte mar ughdar; ach chuir a’ chainnt laidir a ghnathaich e, agus am fuath a nochd e a thaobh gach aon a rinn aig àm air bith, éucoir air na Gaidheil, cnapstarra ann an rathad soirbeachaidh na h-obair aige. Ach air a shon so uile tha iomadh nì a’s airidh a chumail air chuimhne ri fhaotainn ann an “Tagradh nan Gaidheal.” Sgriobh e mar an ceudna “Eachdraidh na h-Alba” a bha ri teachd a mach gach mios ’na pairtean aig aon tasdan am pairt. Thainig mu chuig pairtean de ’n obair so a mach, ach chaidh stad oirre le di airgid gu a giulan air a h-aghaidh. Bha an EACHDRAIDH ri bhi air a croichnachadh ann an sia earrannan déug. Cha ’n fhios domh ciod a thainig ris na sgrobhanna so, ach na’m biodh iad ri ’m faotainn, tha iomadh ni annta a dh’ fheudadh a bhi chum feum anns a’ GHAIDHEAL. A chum onair sheann Uilleam biodh e air innseadh gu’n do dhiult e suim mhaith airgid airson na h-obair so, o neach a thoilich a ceannach, a’s feum air bith a thogradh e a dheanamh dhi, ach cha dealaicheadh Uilleam rithe ach air aon chumhnanta, agus b’e sin, gu’m biodh i air a cur a mach direach mara bha i. So cha ghealladh e a’s bho nach gealladh, fhreagair Uilleam “ged a bhàsaichinnise leis an acras fagaidh mi as mo dheigh an obair so mar fhianuis air slaoight, agus an-tighearnas nan Sasunnach. Thig fear eigin a’m dheigh-se a chlo bhuaileas i.” Ged nach urrainn sinn ach meas a bhi againn air an spiorad fhearail so a bha as cionn duais a ghabhail, eadhon, an uair a bha cruaidh bhochduinn agus gainne ga theannachadh, gidheadh cha ’n fhaod sinn aicheadh gu’m bu ni amaideach dha an tairgse ’dhiultadh. Ach cha ’n ann mar Fhear-eachdraidh no mar Fhear Tagraidh nan Gaidheal a bhios cuimhne Uilleam Mhic-Dhunleibhe air a cumail beò ach mar Bhard. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh gu ’n robh e comasach air a’ chlarsach a dhusgadh gu céòl, a’s gu’n do thuit air tonnag aon de na Filidhean a dh’ fhalbh. Tha Earrannan ’san obair aige nach cuireadh naire air Oisein as a sheasas a bhi air an coimeas ri Mac Mhaighstir Alasdair agus Donnachadh Bàn. Tha smuaintean ard’ agus bardail ann am briathra snasmhor, fileanta, reidh ri amas orra air gach taobh duilleig d’ a obair. Is i [TD 15] mo bharail nach eil neach air bith d’ an aithne bárdachd nach tog fianuis gum bheil obair Mhic Dhunleibhe a’ dearbhadh gu soilleir nach e ranntachd amháin a tha innte ach fior bhardachd. Tha aon ni a tha comharraichte mu a deanamh, agus ’se so e, mar a’s trice leughas neach i, ’s ann is deigheile ’dh’ fhasas e oirre, agus cha ’n ’eil uair a leughar i nach eil maise ùr eigin ri fhaicinn innte. Tha sinn beachdaidh as a so nach eil aon a tha mion eolach air a’ bhardachd so, nach tog fianuis gur airidh i air aite fhaotainn taobh nam bard a’s measaile am measg luche-ciùil na Gaidhealtachd. Chuir e ri cheile rannan ann an dealbhan eugsamhla, a’ gnathachadh ranntachd iomadh uair nach eil idir cumanta am measg obair nam Bard Gaidhealach. Ach cha ’n eil oidhirp a thug e nach eil fiughail. Ma bha cogadh a’s creach aige mar chuspair a chiúil, b’ urrainn dha briathran garg’ agus brosnachail a chleachdadh, a’s ma bha tìamhachd a’s bròn mar sheisd an orain aige, b’ aithne dha a ranntachd a ghleusadh da reir. Ach ’se an doigh a’s fearr gu so a leigeil fhaicinn, cuid de na rannan aige a thoirt a lathair. Tha an da ni so agus iomadh dearbhadh eile againn air a chumhachd mar bhard anns an Duan a rinn e mu “Na Lochlannaich ’an Ile.” Anns an dàn so tha e a’ toirt fa’r comhair cabhlach Lochlainn a’ teachd ’sa’ leigeil sios an acair ann an Caladh Loch-na-Dalach, a’ seinn an orain eagalaich so: “So sinne ’s cha ’n fhalbh mar thainig, Tuagh, tuagh, Gheibh sibh ’ur neonach am maireach Le tuagh tuagh, Buidealaich dhearg troimh gach fardaich, Tuagh, tuagh, ’S bhur mnathan, ’s bhur creach gu traigh leinn, Tuagh, tuagh. Bithidh sibh a’ greasadh ’s a teicheadh, Sgian, sgian, Bheir sinne bh’ uaibh lúth nan easgaid, Le sgian, sgian, Na thig dhibh cha till iad am feasda, Sgian, sgian, Cha ’n fhaic iad a’ mhaduinn ’s am feasgar Sgian, sgian. An t-oran fiadhaich, neo-chneasda so bha na biasdan bruideil a’ seinn, ach bha Maithean Ile aig an àm ’a cumail comhairle anns am bheil am Bard air briathra úr-labhrach a chur ann am beul nan uaislean. An deigh na comhairle anns am bheil íad air an inntinn a dheanamh suas coinneachadh ris na borb-dhaoine o Lochlainn air raon sliabh a’ chatha, a‘s air uchdaichean “Ghart Loisgte,” thoisich na h-Ilich air cruinneachadh. Thainig Clann Artair o Phroaig, agus clann Domhnuill as na h-Earradh. Clann Illean o Thorra, agus Clann Aoidh o’n Rionn. ’Se so am port meársaidh a sheinn piobaire Chlann Aoidh, mar bha iad a’ direadh o’n Traigh a suas “Creagan a’ chatha:” “Tha an namhaid a’ tighinn Air an traigh ’se ’gar sireadh, Thug e tair dhuinn mar Fhine, ’S cha tig sinn gun éiric. Tha iad mìl’ mar a’ chiad dhinn, Leis gach cothrom a’s miann leo, Muir a’s tir mar an iarrtus, Maduinn ghrianach a’s reidhlein. Cladach comhnard nach folaich, Uaith ar n’ aireamh ’s sinn annamh, Chi iad cunntas na th’ againn, S bheir iad barail gu’n geill sinn; Cha b ’e bhòsd as a’ bharrachd A ghleidh an còir do na Rannaich, Ach buaidh siol agus claidhìmh A’ toirt a dhaineoin na dh’ fheumadh. Tha na coimhich ’an staillinn, ’S fhada chithear an deárrsadh, Boillsgeadh chlogaid a’s mhaille, ’Teachd air fáire na Gréine, ’Sann th’ againn mar ábhaist A bhi rusgadh nan gairdean, O’n d’ fhuair Clann Aoidh an “Lamh Laidir,” Nuas o laithean na Feinne. Cha chluinn na h-Eileanaich thuathach, A’s Tir mor ’dhruideadh uainn i Le cearcal fairge mu’n cuairt duinn [TD 16] Nach brist cruadal no eigin; Bi’dh so seachad mu’n innsear Do laoich Dhiùra ’s Chinntire Gu’n do ghlèidh sinn ar dileab Far nach lion deoch reite. An lamh làidir gu bualadh Cìnn tri Tuirc agus Ruadh Bhuic, Riochdan gairg’ agus luathaìs, A thoill, a fhuair a’s a ghlèidh sinn, A cheann catha nan Ileach, Tha sinn fhathasd duit dìleas, ’S ged a sgathar gu tri sinn, Cha striòchd sinn ’na dhèigh sud. Ach cha b’ ann amháin ’n uair a sheinn e mu stri a’s mu chogadh a b’ aithne do dh’Uilleam na teudan a ghleusadh. Bha suil aige gu maise naduir ’fhaicinn, a’s b’ aithne dha a dealbh a tharruing le laimh ealanta. Cha ’n eil iad ach tearc a bu ghrinne sheinn maise a’ chéitein na rinn esan ann an oran na Buaile, anns an Dan air ainmeachadh “Cuimhneachan Bhraidalba.” Tha an t-oran so a’ toiseachadh air an doigh a leanas, ’s a’ dol air aghaidh ann am briathran grinne gu maise maduinn chiúin chéitean a chur an ceill: A Righ, gur boidheach an sealladh, Mu’n cuairt do lagan a’ chrò, Doire cubhraidh nam meangan, Mu’n iadh ’sa’ mhaduinn an ceò &c. R. I. (Ri leantuinn.) ORAN. (GUN DUAIS*) [Air Fonn—“Ruidhlidh na Coilich Dhubha,” &c.] Na’m biodh caileag agam fhìn Sìomhalt bu mhath leam i; Fhad ’s a dh’ fhanadh i rium bìth, Bhithinn rithe bàigheil. Is neònach an rud a th’ ann, An-tlachd air banasgail, Is ceòlar an rud a th’ ann, Brioguisean air pàistean. Ma shaothraicheas tu thar o chòir ’S dògh gu’n tig fallus ort; ’S ma theid thu domhain anns an òl, Ni thu bròn am màireach. Is neònach an rud a th’ ann, *Fang mu na boirionnaich; Is neònach an rud a th’ ann, Galar a’ bhuntàta. Féumaidh mnathan uaisle tì, ’S dìth e mur faigh iad sin, Ach fèumaidh iad barrachd mar rìth’ ’S aran, ìm ’us càise. Is neònach an rud a th’ ann ’N sannt th’ air na caileagan ’Bhi seang uile mun a chneas ’Us tomult mu na màsaibh. ’H-uile fear a bhios gun mhnaoi Chaoidh cha bhi piseach air, ’S bòidheach an sealladh mart laoigh ’S coiseachan a’ bà rith’. ’S neònach an rud a th’ ann, Clann aig na deireasaich, Is neònach an rud a th’ ann, Bradain ’bhi ’gän àrach. Ged tha ’gealach fada, shuas, ’S suarach an t-astar e. Nitear inneal dhuinn gu luath, ’Bheir a nuas i làmh ruinn. Is neònach an rud a th’ ann, Frangaich ’us Sasonnaich Do’m b’ àbhaist a cheile ’sgrios A bhi nis’ ’an càirdeas. Nian bodaich d’am bi nì ’S cìnnt’ gu’m bi farraid oirre, ’S nian caillich bhios gu tinn ’S cìnnteach gheibh i sàrach. Is neònach an rud a th’ ann, Bantrach gun mhearachas, ’S neònach an rud a th’ ann, Banarach gun bhlàthaich. Bheir mi taisdeal thar a’ chuan,— Buailidh mi ’Chanada, Ged a tha e fada uainn ’S duaismhor e gu h-àiteach. Is neònach an rud a th’ ann, Gleanntan ar n-ath’richean Aig caoraich a bhi fo reachd, ’Us feachd nan cabar stràiceil. ’H-uile fear aig am bi sluagh Buannaichidh arabhaig, Ach ’s beag cobhair ni an tréud. ’N uair a dh’éireas nàmhaid. Is neònach an rud a th’ ann, Clann gun na ceannardan;— Is neònach an rud a th’ ann, Dìmeas air na Gaidheil. * Tha an t uasal Urramach a chuir an t-oran so thugainn ag’ inseadh gu’n deachaidh a dheanamh le Seumas Mac-an-Roich, ughdar a Ghramair Ghailig, ann an comhstri, do aon de Chomainn Ghaidhealach na duthcha; agus air do’n Chomunn fhaicinn iomchuidh an t-urram a thoirt do neach eile, chuir an t-ughdar a mach an t-oran aige fhein mar so, “Oran, gun Duais.” * Na cearcail. [TD 17] Ged a tha iad math ’s an arm, Garbh aig a’ bhaile iad; Molar iad fa’n glonn ’s an àr ’S smadar iad fa’n àiteach. Is neònach an rud a th’ ann, Sannt air a’ chonach sin; Is neònach nach eil na Flaith A’ deanamh rath no stath leis. Ach, mar thuirt an Guth ’s an spéur, “Tréigidh an gineal so, ’S o’n nach d’imir iad le tùr Thig siol ùr ’nän aite.” Is neònach an rud a th’ ann, Faisneachd ’ga coilionadh;— ’S neònach an rud a th’ ann,— ’S fiù e aire araidh. Oran so air rud sam bith, Mar a shir a’ Chuideachda, ’S c’iu gheibh ’s nach faigh e “duais” ’S uaibhreach air a’ bhard e. Is neònach an rud a th’ ann Teangairean ealanta; Is neònach an rud a th’ ann Simileir gun fhardaich! Chi thu sid mu dheas ’s mu thuath, ’S truagh leat an sealladh e,— Far an d’ arosaich na Fir, Gheibh thu nise ’m màgan! ’S neònach an rud a th’ ann, Ganntar de sgoilearachd: Is neonach an rud a th’ ann, Aineolas ’g ä arach! May, 1858. NAIDHEACHDAN. Cha ’n ’eil a bheag de naidheachd ur no annasach againn ri innseadh air a’ mhios so. Tha Ard-Chomhairle na Rioghachd ’n a suidhe an drast, ach cha deachaidh moran fathast a radh no dheanamh a ’s fhiach dhuinn aithris. Cha ’n ’eil atharrachadh ’s am bith ’s fhiach aithris air prìsean margaidh ach mar a bha iad air a’ mhios a chaidh seachad. Tha rathad-iaruinn (Railway) mor ’ga chur air aghaidh ann an Canada a bhios a suas ri tri mile de mhiltean air fad, agus a bheir cosnadh do mhoran luchd-oibre. Cha ’n ’eil teagamh againn nach cuala cuid d’ ar luchd-leughaidh gu ’n do chaill an righ og a chaidh a thaghadh leis na Spainntich a’ bhliadhna roimhe, a chrun. Tha e coltach gu ’n d’ fhas an t-uachdaran ’s na h-iochdarain sgith d’ a cheile,—“Bu choma leis an Righ Eoghan, agus bu choma le Eoghan co dhiu.” Shaoileadh daoine an deigh na chaidh de fhuil a dhortadh eadar an Fhraing agus Prussia an cois uachdarain freagaraich a chur air leth dhoibh, gu ’m biodh na Spainntich n’ a b’ fhaide riaraichte leis an fhear a shonruich iad fein. Is fior a thuirt an seanfhacal, “Cha ’n ’eil an Righ fein mar bu mhath leis.” Na ’m biodh aige-san ’s an Spainnt, Ceud sagairt gun bhi sanntach, Ceud tailleir gun bhi sunndach, Ceud greusaich gun bhi breugach, Ceud figheadair gun bhi bradach, Ceud gobhainn gun bhi paiteach, Agus ceud cailleach nach robh riamh air cheilidh chuireadh iad an crun air an Righ gun aon bhuille.” Ach o nach robh so aige mheas e gu ’m “B’ fhearr teiche math na droch fhuireach.” Agus dh’ fhag e-fein ’s a Bhan-righ og an rioghachd, agus is docha gu ’n teid e air ais do thigh ’athar, Righ na h-Eadailt. Chaochail an t-Ollamh Urramach, Tomas Guthrie, ministeir aon de Eaglaisean Saora Dhuneidinn, ann an Sasunn aig deireadh a’ mhios a chaidh seachad. Cha robh ann an Albainn duine air am bu mhomha ’bha de mheas aig gach neach d’ am b’ aithne e, no eadhon a chualaig iomradh air. Bha e ro chliuiteach mar shearmonaiche a’s mar fhear-labhairt deas-chainnteach; ach is ann an comh-cheangal ris na sgoilean a bha e ’n a mheadhon air a chur suas air son foghluim agus oilein a thoirt do chlann bhochd nan sraidibh anns na bailtibh mora, a bha a’ fas a suas ann an aineolas agus ann an drochbheart, a bhios deagh ainm agus cliu Ghuthrie gu sonruichte buan-mhaireannach. Chaidh a thiodhlacadh ann an Duneideann agus lean maithean a’s luchd-riaghlaidh a’ bhaile agus aireamh mhor shluaigh, cleir as neo-chleir an giùlan do ’n chladh. ’N am measg uile cha robh suil thioram an uair a sheas buidheann mhor de chlann nan sgoilean a dh’ aiunmich sinn, a thainig a nochdadh na comain fo ’n robh iad da-san a bha ’n a fhear-teasargain ’s ’n a athair dhoibh, agus a sheinn iad aig beul na h uaigh an laoidh bhoidheach, Bheurla, There is a happy land, far, far away. AN INNTINN. Am bheil an inntinn ach ni meanbh? Am bheil na h-innleachd dad ach dealbh? An riochd is fearr a ni i ’thùradh Ciod e ach dlùth-chuir de iomadh dealbh? DIA. Dia na onar, E féin a mhain ’Thug cruth is dealbh do gach ni a ta ’Rinn o thùs iad mar a b’fhearr, A ta ’gan riaghladh an’ cian gu brath. Athair na h-inntinn, Fear-deilbh a’chuirp Rinn athair dhaoine ’na iomhaigh chneasd, Chuir e do’n t-saoghal glan saor o lochd, Ged rinn es’ eucoir da féin ’s da shliochd. Ròidean Dé neo-leirsinn duinn Troìmh an t-solus cha-n fhaic an t-sùil; Nithe rinn Esan dìreach, ceart, Tric bidh sinne cur cas-ma-sheach. D. M‘RAE. [TD 18] CLARSAIR MHUILE.* FHAD s’ bha Rosie dhomh dileas bu shunndach ’bha mi, Mar Shamhradh blath caoimhneil gu ’m b’aoibhneach gach ni, Deas ghleusta mo chlarsach, gu gaireil, neo-throm, ’S b’ iad beusan mo ghraidh-sa do ghnath ’bha ’s an fhonn; Ach a nis tha mi bronach, gun solas, gun sunnd, Ma’s samhradh no geamhradh ’s aon am iad ’s gach cuis, Tha tiugh-neul neo-chiatach ag iathadh mu’n cuairt, ’S fad dilinn nan dilinn tha’n clarsair fo ghruaim. Measg ghleanntan a’s choilltean, neo-aoibhneach, gun tamh, Bi’dh mi ’suibhal gun solas, ach bronach ’s fo phramh, Mo chlarsach nan teud-bhuidhe gleasta gu binn, Co-fhreagrach ri ’m oran mu sholas nach pill; Ach ’ged mheall i mi ’n og-bhean, tha boichead mar ’bha, Tha smuaintean na gruaigich ga m’bhuaireadh gach la, ’Se cuimhne na rìbhinn a dh’fhag mi cho trom, ’Nis a’n gaol air a’bhas dh’fhag i clairsair nam fonn. Ann an trom-chadal bruadarach fuaran nan tom, Thainig m’eùdail gun easlainte, ceutach gu ’bonn, Bha i fathasd ’n am bhruadar mar bu dual di air tùs ’S bha mo chridhe lan sòlais ’s an òigh ud orm dlù Ach bha ’n aisling neo-stéidheil, grad dh’éirich mi suas, Bha mo phiantan air miadach’ s mi fiarasach truagh, Ach ’s gearr gus an cairear mi tra anns an uaigh, Bi’dh an Clarsair aig tamh’s bi’dh a’ Chlarsach gun fhuaim. NETHER LOCHABER. THE HARPER OF MULL. WHEN Rosie was faithfu’ how happy was I! Still gladsome as summer the time glided by; I played my harp cheerie while fondly I sang Of the charms of my Rosie the winter nights lang: But now I’m as waefu’ as waefu’ can be, Come summer, come winter, ’tis a’ ane to me, For the dark gloom of falsehood sae clouds my sad soul That cheerless for aye is the Harper of Mull. I wander the glens and the wild woods alane, In their deepest recesses I make my sad mane; My harp’s mournful melody joins in the strain While sadly I sing of the days that are gane. Though Rosie is faithless, she’s no the less fair, And the thochts o’ her beauty but feed my despair; With painful remembrance my bosom is full And weary of life is the Harper of Mull. As slumb’ring I lay by the dark mountain stream, My lovely young Rosie appeared in my dream; I thought her still kind, and I ne’er was sae blest As in fancy I clasped the dear nymph to my breast; Thou false fleeting vision too soon thou wert o’er Thou wak’d’st me to tortures unequalled before; But death’s silent slumbers my pain soon shall lull, And the green grass wave over the Harper of Mull. TANNAHILL. * A theagamh nach cuala cuid de ar luchd leaghaidh an sgeala a tha cocheangailte ris an Oran so; faodaidh sinn innse ga ’m bheil e air aithris gu’n robh an Clarsair agus a bhean, ribhinn alainn, a folbh na duthcha comhladh, agus air latha araidh thainig tide fhiadhuich ghaileonnach orra, bha bhean gu leigeadh thairis, air a meileachadh leis an fhuachd. Air do ’n Chlarsair bhochd a staid fhaicinn bhris e chlarsach agus rinn e teine dhith airson a bhlàthachadh. Bha iada gabhail air an adhairt goirid an deigh sin, agus thachair marcaich riutha a tighinn air muin eich, agus air dha an ruigsinn stad e air son bruidhinn ris a bhoirionneach, ghabh an Clarsair air adhairt gu neo-amhurasach, ach air dha stad an uine ghoirid agus sealtuinn as a dheigh ’s ann a chunnaic e am marcaiche na dheann ruith air falbh agus a bhean fhein air a chùlthaobh air muin an eich. Ars easan ’s e sealtuinn gu dubhach deurach as an deigh, ga ’m faicinn a dol as fhiannis. “Nach mise a bha gorach a dhol a mhilleadh mo Chlarsaich air do shon.” [TD 19] MUILE NAM MOR-BHEANN. [Ceòl] NOTE.—In some versions of this song the final note of the melody rises to Doh. Am Muile nan craobh tha ’mhaighdean bhanail, D’ an d’thug mi mo ghaol ’s mi faoin a’ m’ bharail; ’S ma chaidh e fo sgaoil ’s nach faod mi’faighinn Gu’n taobh mi caileagan Chòmhaill. SEISD— O’n tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuille: Cha teid mi le muirn gu cuirt nan cruinneag, ’S mo run am Muile nam mor-bheann. Tha maise a’s uaisle, suairceas a’s ceanal, A’ direadh a suas an gruaidh mo leannain; Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh Ni uaigh a’s anart mo chomhdach. O’n tha mi gun sunnd &c. Tha maise no dha ri ’aireamh fhathast Air bean a’ chuil bhain, nam blath-shul meallach; [TD 20] Ma bheir thu do lamh, gu’m fas mi fallain, ’S bu shlainte mhaireann do phog dhomh. O’n tha mi gun suund, &c. Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann, sgoilt’ air mheangan; Suil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana: ’S tu ’n oigh a mhealladh gach oigear. O’n tha mi gun sunnd, &c. Tha smuaine no dha an tràth-s’ air m’ aire; Cha ’n innis mi ’chach ceann-fath mo ghalair: Ged laidheas mi trath, cha tamh dhomh cadal, ’S do gradh ga m’ sgaradh an comhnuidh. O’n tha mi gun sunnd, &c. Gur math’thig an gùn o’n bhùth do’n ainnir, ’S an fhasan is uire ’n cuirt nan Gallaibh;* Troidh ghloin am broig uir—’s i duint’ le barr-iall— Nach lub air faiche am feoirnein. O’n tha mi gun sunnd, &c. Do chul mar an lion ’n a mhile camag, Nach greannach fo chir, a’s siod’ ’g a cheangal: Do dheud mar na disnean, dionach, daingean; Beul binn, a ghabhail nan oran. O’n tha mi gun sunnd, &c. ’S e ’sgar mi o m’ chiall ro mhiad do cheanail, ’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh, nach b’ fhiach leat m’ fharaid: ’S e t’ aogas a’s t-fhiamh ’chuir pian a’ m’ charamh, ’S cha mhiann a bh’ agam air storas. O’n tha mi gun sunnd, &c. FIOR GHAISGE. Dh’ ainmich sinn ’s a’ GHAIDHEAL air a’ mhios a chaidh seachad mu bhas duine oig a mhuinntir Ghoillspidh, agus gheall sinn gu ’n tugamaid tuillidh cunntais mu ’n chuis air a’ mhios so. A reir mar chuala sinne, thachair e mar a leanas.—Chaidh ceathrar dhaoine oga á Goillspidh a mach am am bata beag a sheoladh gu aite a bha mu thuaiream tri mile air falbh. An àm tillidh ’s an fheasgar thainig spreaghadh laidir de ghaoith orra a chuir an car de ’n bhata agus bha iad air an tilgeadh am measg nan tonn. Bha fear dhiubh, iasgair og d’am b’ ainm Mac-Dhomhnuill, dà bhliadhna thar-fhichead a dh-aois, ’n a shnamhdair barraichte agus air dha a thriuir chompanaich a chuideachadh a suas air druim a’ bhata, gun feathadh mionaid, thilg e dheth a chuid aodaich agus ged a bha iad os cionn mile dh’ astar o thir, thilg e e-fein anns a’ mhuir a shnamh air toir cuideachaidh. Gu calma chuir e ’uchd ris an fhairge agus aghaidh air an fhearann. An deigh greis a dh-ùine, an uair a thatar am beachd a bha e dluth air tir, chualaig an triuir a bha an crochadh ris a’ bhata e ’g am misneachadh, a’ glaodhach gu h-ard, “Cumaibh ur greim, tha gach ni gu ceart.” A reir coltais b’ iad sin na facail mu dheireadh a labhair e. Rainig e tir, ach air dha bhi gu buileach air a chlaoidh leis an spairn a bha aige, agus air a mheileachadh leis an fhuachd, thuit e air a’ chladach am feadh a bha e air a rathad a dh-ionnsaidh an tighe ’bu dluithe, agus fhuair e am bas a’s e mar fhad na laimh do chobhair. Chuala daoine air tir eigheach chaich agus chaidh an sabhaladh an cursa an fheasgair, ach cha d’ fhuaradh corp Mhic-Dhomhnuill gus an ath latha, * Lowlanders. [TD 21] agus b’ i a mhathair bhochd fein a’s i ’mach le muinntir eile ’g a shireadh gu doilgheasach an t-aon a dh’ amais air. Tha sinn ro thoilichte a chluinntinn gu ’m bheil tional ga dhéanadh a chuideachadh le ’pharantan d’ am b’e a b’ aon chul-taic anns an t-saoghal, agus gu dearbh tha an t-aobhar airidh. Faodaidh tabhartas ’s am bith air son an aobhair so a bhi air a chur gu ministeir na h-Eaglais Saoire, Goillspidh.* Cho fhad ’s a chi sinn a’ leithid so de fhior fhiughantachd air a nochdadh, cha ’n aidich sinn, mar a their cuid, gu ’m bheil àm na gaisge air dol seachad. Is beag nach fhaodamaid, gun mhi-urram, aithris mu ’n ghille uasal, ghlan so mar a chaidh a radh mu ar Slanaighear, Shaor E daoine eile: E-fein a shaoradh ni ’n comasach E. TOIMSEACHAN UR. Ged shuibhlas tu ’n domhan cha tachair thu orm; Cha’n fhaic thu mi fos anns a’ chuan: Is diomhain do rannsach’ ’s na speuraibh ard, gorm; Cha bhuin mi do ’n ghaoith ’n uair a dh’ eireas an stoirm, No na siòntan ’n uair ’tha iad ’n an suain. Gidheadh, tha mo chomhnuidh ’s an talamh a ghnath. A’s na reultan, cha chuir iad rium cùl: Teas-meadhoin na gaillin, cha ’n fhag mi gu brath; Tha mi ’n toiseach na luinge, am sheasamh, gach trath, ’S aig an sgiobair an sealladh a shùl. An ear no an iar, an deas no an tuath, Ged nach amais thu ormsa am feasd; Gidheadh, tha mi ’g imeachd ’s an dealanach luath: Agus fos anns gach baile, a’s far am bi sluagh, Gheobh thu ghnath mi a’ tathaich gun cheisd. Cha ’n eil mi an Sasunn, no ’n Eirinn ud thall, Ach Albainn cha ’n fhag mi ri m’ bheò; Cha Gaidheal ’tha as m’ eugmhais, a’s idir cha Ghall; Tha mi ’m bilibh nam balbh, a’s an suilibh nan dall, ’S ann an cluaasaibh nam bodhar gun deò. Anns a’ Gheamhradh cho fuar, no ’s an t-Samhradh cho blath, No ’s an oidhche cha nochd mi mi-fein; Gidheadh, ’s mi a’ cheud rud a chi thu ’s an la: Tha mi’ lathair anns gach lus, anns gach duilleach, ’s gach blath; Ach seachnaidh mi dearrsadh na grein’. Ann an cridhe Chuilodair, air latha an air, Air na laoich, is mi-fein a bu cheann; Bha mi ’m meadhon nam peileir, ’s am buillsgean a’ bhlair; A’s an lamhaibh an namhaid ’n uair leagadh na sair, ’S bha mi ’m falach le Tearlach, ’s a’ ghleann. Ged nach iarr mi ’bhi ’n cuideachd no ’n comunn nan daoi, Gheobh thu daonnan mi far am bi òl: Ach faic mi ’s an eaglais a’ tòiseach’ na laoidh! Anns an t-salm ’s mi a’s airde, ’toirt barr air gach saoi; As m’ eugmhais ghrad sguireadh gach ceòl. ’S mi priomh-fhear nan luinneag, ’s tha mi ard ann an cliù Air fidheall ’s air clarsach le chéil’: Ged is gramail am buillibh mi, coma co-dhiù, Do “thoiseach na tapaid” ch ’n fhaic thu mi dluth, ’S ann a roghnaichinn “deire na féill.” Fa-dheoigh, ’n uair a leigeas am bas thu mar sgaoil, Bidh mi ’n doilgheas ’s an trioblaid ro chruaidh: ’S mi ’n cuspair m’a dheireadh a chi thu ’s an t-saoghal; Bidh mi fos aig ceann-adhart do leabaidh fhuar, chaoil, Ach cha ’n fhaic thu mi’ chaoidh anns an uaigh. IAIN MACILLEBHAIN. Freagairtean do na Toimhseachain ’san aireamh mu dheireadh. 1. Fùdar. 2. Suil a’ mhuilinn. 3. Clach an ard-dorais. 4. Coig aig an dara té, ’s seachd aig an te eile. 5. Naoidh daimh dheug, aon chaora, a’s ceithir fichead giadh. * Address, Rev. Charles Mackenzie, Golspie. [TD 22] IEHOBHAH SEDCENU. (Iehòbhah ar Fìreantachd.) Bu choigreach mi aon uair do Dhia is do ghràs, Gun aithn’ air mo chionta, gun eagal roimh ’n bhàs; Ged àrd-mhol mo chàirdean domh Criosd air a’ chrann, Ishòbhah-Sedcénu—bu neo-ni dhomh ’bh’ ann. Le nigheanaibh Shìoin bu deurach mo shùil, ’S na tuiltean dol thairis air ’anam gu dlù— Gun smuain gu ’m b’ e m’ aing’dheachds’ a thàirng ris a’ chrann, Iehòbhah-Sedcénu—bu neo-ni dhomh ’bh’ ann. Bu tric mi a’ leughadh, le éibhneas is deòin, Dàn buadhach Isaiah is càinnt shìmplidh Eoin; Ach eadhon ’n uair ’sgrìobh iad mu Chriosd air a’ chrann, Iehòbhah-Sedcénu—bu neo-ni dhomh ’bh’ ann. Ach ’n uair ’dhùisg saor-ghràs mi le solus o ’n àird, Rinn eagal mo luasgadh is b’ uamhas dhomh ’m bàs; Dhomh fasgadh no furtachd cha robh annam féin, Iehòbhah-Sedcénu b’ fhear-saoraidh dhomh ’m fheum. Roimh ’n ainm ud ’tha milis chaidh m’ uamhas air chùl, Chaidh m’ eagalan fhuadach, is tharruing mi dlù Gil tobar a’ bheò-uisge dh’ òl as gu saor— Iehòbhah-Sedcénu, mo Shlànuighear caomh. Iehòbhah-Sedcénu—m’ uil’ ionmhas is m’ uaill; Iehòbhah-Sedcénu bheir saors’ dhomh o thruaigh’; Air tìr is air cuan bheirear buaidh leam tre m’ Thriath— Mo chàball is m’ acair, m’ uchd-éideadh ’s mo sgiath. ’N uair ’shiùbhlam troimh ghleann agus sgàile a’ bhàis, An t-ainm so ’tha buadhach bheir fuasgladh ’s a’ chàs; ’S o fhiabhrus an t-saoghails’ ’n uair ’shaorar mi chaoidh, Iehòbhah-Sedcénu àrd-luaidheam a’ m’ laoidh. Eadar-theangaichte le A. C. FACAL ’S AN DEALACHADH. Chi ar luchd-leughaidh gu ’m bheil deise ur air a’ GHAIDHEAL air a’ mhios so. Is e a bhi a’ feathamh air an tailleir—a bha cho mairnealach ri tailleir Rob Dhuinn—a chuir gu ’m bheil an GAIDHEAL cho fada gun tighinn air a’ chuairt so. Bheir sinn gach oidhirp air a’ GHAIDHEAL a dheanamh cho buannachdail agus cho tlachdmhor o am gu am ’s is comasach dhuinn; agus tha sinn an dochas, le comhnadh ar cairdean anns gach aite, gu ’m bi aige saoghal fada, deagh bheatha agus soirbheachadh a chum ’s “gu ’m meal ’s gu’n caith e a dheise.” Tha Mac Dhomhnuill Duibh a’ gearan nach ’eil e ’faighinn a ’GHAIDHEAL cho riaghailteach ’s a bu mhath leis. Cha ’n fhios duinn ciod is coireach mur ’eil ’athair a’ faotainn greim air anns an dol seachad. [TD 23-32] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 33] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] TREAS MIOS AN EARRAICH, 1873. [14 AIR. CALLUM A’ GHLINNE. EARRAN VIII. Ann an cliu, agus ann an giulan faicsinneach an iomlain de fhior luchd-aideachaidh na diadhaidheachd, tha comh-ionannachd shonruichte air a thaisbeanadh, a dh-aindeoin gach eadar-dhealachaidh a dh’ fheudas a bhi eatorra ’n an creudaibh agus ’n an oileineachadh. Tha toradh an atharrachaidh shlainteil, gu neo chaochlaideach, a chum naomhachd; agus a’ treorachadh le cinnteachd do-sheachnadh a dh-ionnsuidh na h-aon chriche, eadhoin, a’ bheatha mhaireannach. Gheibhear cuid d’ a thaobh am feudar a radh, gun d’ fhuair iad, a reir coslais, seilbh air saorsa an t-soisgeil gun ach gle bheag de fhaireachduinn a bhi aca riamh air daorsa, fo dhiteadh an lagha; agus aig an robh an casan air an socrachadh air a’ charaig, gun ach ro bheag a dh-aithne ’bhi aca air uamhasan Slochd na mi-mhisnich. Gheibhear cuid, bho thoiseach an aideachaidh, saor o theagamhan agus o amharus mu’n staid; ’n uair a tha cuid eile re uine fhada fo chleachdadh inntinn iomguineach, agus fo eagal nach ’eil aca ach mealladh, no air a’ chiud is fearr, gluasadan blathmhor nach abuich gu brath gu fior thoradh. Ach ged tha mar so, “eadar dhealachadh oibreachaidh ann, is e an t-aon Dia, a tha ag oibreachadh nan uile nithe anns na h-uile.” Ged nach robh Callum ro fhada fo gheur-mhothachadh no fo dhaorsa, cha robh e idir cosmhuil ri moran de luchd-aideachaidh a gheibhear a’ sior-ghearan ri muinntir eile, air an cruas, air an caoile agus air an dorchadas; no ri cuid eile, a’ sior-luaidh air an sith, air an saorsa agus air an lan-dearbhachd. Riamh o’n am ud, b’e “an Criosduidh suilbhir, aoigheil e, biodh daorsa ’stigh no cruas.” Fosgailte mar bha a shuil agus a chail roimhe so, gu bhi ’tarruing toil-inntinn á aillidheachd eugsamhuil obair Naduir, bha e nis a’ faicinn gloir na cruitheachd ann an solus gloire do-thuigsinn agus do-luaidh gliocais, cumhachd agus maitheas an Ti sin a chruthaich na h-uile nithe á neoni, agus leis am bheil iad air an coimhead agus air am mion-riaghladh. Bha cuimhne Challuim mar thigh-tasgaidh air a stòradh le teagasgan fallain sgriobturail o ’oige. Thuig e nis rud-eigin de luach do-labhairt an oileineachaidh a fhuair e o laithean ’oige anns an teaghlach, agus ann an sgoil na sgìreachd. Ged a bha na Sailm agus na Ceisdean ioma latha ’n an sgios agus ’n an an-tlachd dha, bha iad mar shiol maith na rioghachd folaichte ann am fonn a chridhe, a’ feitheamh ris na frasan beothachaidh o’n airde, as eugais nach bi meadhonan nan gras air an leantuinn le toradh, no le buaidh thearnaidh, c’aite air bith, no co air bith leis am bi iad air am frithealadh. Dh’ fheudta nis a radh, da-rireadh, d’a thaobh, “gun deachaidh na seann nithe seachad, agus gun robh na h-uile nithe air an deanamh nuadh.” Bha an saoghal a nis gu buileach, ’n a shaoghal ur dha. Bha buairidhean agus deuchainnean air thoiseach air, nach ruigear a leas ainmeachadh; ach, sgeadaichte le armachd a’ chreidimh, bha a cheumana anns gach [TD 34] suidheachadh air an coimhead bho shleamhnachadh, agus a shuilean o dheuraibh goirt. “Teichidh an t-aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bithidh na h-ionraic dana mar leoghan.” Mar is trice, cha’n fhaighear am measg dhaoine, gealtair is lag-chuisiche ri aghaidh cunnairt no deuchainn, no eadhoin ri aghaidh a chomh-chreutair, na an gaothaire spagluinneach, dulanach nach aidich umhlachd, urram no eagal do Dhia no do dhaoine. B’ amhuil sud giulan Mhicheil. As deigh na h-oidhche ud air an d’ fhag e-fein agus a bhan-chairdean, Callum air curam a’ Pholiceman, cha deachaidh e air ais do ’n bhuth-obair cheudna. Cha b’ urrainn e coinneachadh ri Callum air an t-sraid as deigh sud, gun sèapadh seachad le ’shuil ris an làr. Cha b’ fhada gus an deachaidh e gu buileach as a shealladh, ni mò a chuala e riamh ciod a thainig ris. MUILEACH. (Ri leantuinn.) MU NA SEANN GHAIDHEIL. IX. (Air a leantuinn o ’n aireamh mu dheireadh.) Theid sinn a nis air ar n-adhart gu ’bhi ’feuchainn ciamar, a reir ar barail-ne a chailleadh a’ Ghailig le cuid de shliochd nan Caledonach agus nam Picteach. Dhearbh sinn cheana gu ’m bu Ghaidheil a bha a chomnuidh ann an ceann tuath na h-Alba o laithibh Agricola gu linn Choinnich Mhic Ailpein, agus Chaluim a’ Chinn Mhoir. An uair a bha Calum ’n a righ air Albainn bhuadhaich a’ Bheurla air a’ mhachair agus anns na h-aitibh dlu do ’n mhachair gu tuath air Caolas na Friuth; oir bha a’ Bheurla ann an ceann deas Albainn o linn Ida. An uair a thainig Uilleam nam Buadh a nall á Normandy ’s an Fhraing, cheannsaich e Sasunn agus dh’ fhuadaich e ’mach an teaghlach rioghail Shasunnach maille ri moran de ard-uaislean na rioghachd. Theich oighre na rioghachd Edgar Atheling maille r’a mhathair agus a dha phiuthair agus thainig iad air tir aig Port na-Ban-righ, am fagus do Dhun-farlainn far an robh cuirt rioghail Chaluim aig an am sin. Ghabh an righ riutha gu caoimhneil; thug e didean doibh ’n an airc agus phos e Mairearad, piuthar Edgair, ban-phrionnsa a bha ro mheasail agus fo dheadh chliu air son creidimh. Theich moran de uaislean Shasuinn maille ris an teaghlach rioghail agus lean moran sheirbheiseach iad so, uime sin, thug an Righ, Calum aitean-comhnuidh dhoibh aig taobh na mara. An uair a shuidhicheadh iad anns an tir mar luchd-aitich thainig tuillidh d’ an cairdean as an deigh a theich o ghnnis Uilleam, Righ Shasuinn, ionann ’s gu’n do lionadh Siorramachd Fiofa, taobh deas Pheairt, Montrose, Cinn-chardainn, Abar-eadhain agus taobh na mara air laimh na h-airde ’n ear de dh-Albainn leis na fogaraich so; agus a chionn gu ’n robh iad ’n an luchd-ceairde seolta bha iad feumail anns an duthaich agus ghabhadh riutha gu cairdeil leis na Seann Ghaidheil. Mheasgaich an da shluagh; phos na Gaidheil mnathan Gallda, agus na Goill mnathan Gaidhealach. An ceann aimsir araidh chaill sliochd na muinntir so a’ Ghailig oir cha ’n ionnsaicheadh na Goill a’ Ghailig ach dh’ ionnsaicheadh na Gaidheil a’ Bheurla; oir tha e moran ni ’s usa do Ghaidheal canain chiomheach ’ionnsachadh na ’tha e do Ghall. Uime sin, chaill sliochd nam posaidhnean measgaichte so a’ Ghailig do bhrigh nach robh i air a labhairt le ’m parantaibh. Is ann mar so a tha e a’ tachairt an diugh ann an coilltichean America far am bheil an sluagh measgaichte feadh a’ cheile. [TD 35] A thuilleadh air so, do bhrigh nach robh Gailig aig Mairearad Ban-righ Chaluim sguir iad de labhairt Gailig anns an teaghlach rioghail, agus cha mho a labhradh i ann an teaghlaichibh nan uaislean Gallda a thainig maille ris a’ Bhan-righ á Sasunn. Thoisich mar an ceudna moran de na h-uaislean duthchasach. air labhairt Beurla a chionn gu ’n robh sin fasanta, agus gu ’m b’i cainnt na cuirte rioghail. Mar so chaidh a’ Ghailig ’fhuadachadh a mach uidh air ’n uidh as a’ mhachair agus ghabh i fasgadh am measg nan gaisgeach ann an tir nam beann, far am bheil i air a labhairt gus an latha ’n diugh. Cha b’ iad a naimhdean a chuir as d’i ach a cairdean a sguir de ’bhi ’g a labhairt. Ma bhios a cairdean dileas cumaidh iad a suas i mar dhileab a fhuair iad o’n sinnsearaibh; ach mur bi, gun teagamh buadhaichidh a’ Bheurla anns a’ chuid eile d’ an duthaich far nach do rainig i fhathast, agus ma thachras sin cha chluinnear fonn na canain aosmhoir so ni ’s mo an aite sam bith air thalamh, mur faighear i aig beagan thall ’s a bhos air an sgapadh feadh choilltichean America. D. B. B. TRAITHEAN NA BLIADHNA. I. Tha an Salmadair ann an aite sonruichte a’ labhairt air an doigh so mu dheibhinn an Tighearna, “Shuidhich Thu uile chriocha na talmhainnn; rinn Thu an Samhradh agus an Geamhradh.” Ann an aite eile tha e ag eigheach a mach an deigh dha beachd sonruichte a ghabhail air an tuigse, air a’ mhaitheas agus air a’ chumhachd a tha air an nochdadh le dealbh sgiamhach, iongantach a’ chruinne-ce “Cia lionnhor d’ oibre, a Thighearna, ann an gliocas rinn Thu iad gu leir; tha an Talamh lan de d’ shaoibhreas.” Is ann le ’bhi ’so-crachadh ar n-aire air na h-oibrean cumhachdach leis am bheil sinn air ar cuartachadh; is ann le ’bhi ’rannsachadh gu mionaideach, dichiollach gne agus feum agus eifeachd nan nithean a cruthaich Dia, ’s a tha sgaoilte ’n an uile ailleachd agus ’n an uile mhaisealachd fo chomhair ar suilean, a tha e ’n ar comas dearbh-bheachd a ’s airde agus a’s soilleire a thrusadh mu dheibhinn an De oirdheirc, ghloirmhoir sinn a ghairm air tus gach neach agus ni á neoni, agus anns am bheil againn “ar bith, ar beatha agus ar comas gluasaid.” Ma dh’ oidhirpicheas sinn air an dreuchd shonruichte ’fhaotainn a mach a tha gach ni a’ coimhlionadh ’n a thrath fein agus ma chinneas leinn anns a’ cheasnachadh so, chi sinn gun amharus gu ’m bheil ’fheum fein mu choinneamh gach ni agus gu ’n do rinn Dia na h-uile nithe gu maith ’n an aite fein. Ma dhearcas sinn air lochran aghmhor nan speur le gnuis shoilleir, ghrianaich, chairdeil, agus ma bheir sinn fainear gur i a’ ghrian a tha ’ruagadh air falbh na h-oidhche duirche a bha a’ comhdach an t-saoghail re uine cho fada; ma ghleidheas sinn air chuimhne gur ann bho mhac nan speur a tha blaths a’ tighinn agus an solus glan aghmhor mar an ceudna a tha’ toirt comais do luchd-aiteachaidh na talmhainn seirbheis agus saothair a dheanamh, aidichidh sinn air ball gu ’m bheil na sochairean lionmhor agus priseil a tha gathan blath na greine a’ frasadh air an t-saoghal. Cha ’n ’eil eadhon dorchadas na h-oidhche fein gun bhuannachd mhor ceangailte ris. Is ann aig an am so an deigh do ’n ghrein dol fodha a tha an duine agus ainmhidhean na machrach a’ gabhail fois agus a’ trusadh an spionnaidh ’s an urachaidh sin a tha feumail air son gniomh an latha maireach a dheanamh gu ceart. Is ann aig an am so mar an ceudna, an uair [TD 36] a tha treise agus teas na greine ’fannachadh agus i-fein a’ deifreachadh a dh-ionnsaidh a leabaidh anns an iar a tha an druchd a’ braonadh air an talamh, mar so a’ taiseachadh nan achaidhnean agus ’g an cur ann an uidheam a ’s fearr air son maith a’s buannachd a tharruiug o theas na greine. Tha a shochair, a shugradh agus ’aighear fein ceangailte ris gach trath d’ an bhliadhna. Anns an Earrach tha gach ni mar gu ’m b’ ann a’ dusgadh bho chadal fada trom; tha an talamh ag ath-nuadhachadh a thrusgain gu h-iomlan; guirmead agus boidhchead a’ deanamh gach fonn a’s faiche sgiamhach; uiread agus ailleachd r’ am faicinn air gach coille a’s preas a’s magh; dichioll agus dealas agus tapadh mor air an nochdadh le daoine ann an cur an caochladh oibrichean air an aghaidh. Tha an tuathanach a nis trang a’ deasachadh an fhearainn air son an t-sil. Tha eoin an adhair a’ gluasad gu dichiollach ’n an saothair uaigneach, sheolta fein. Thig an Samhradh le ’bhlaths agus ’aoibhneas agus thig gach geug a’s crann gu luath fo bhlath. Comhdaichidh trusgan aoidheil ann an uine ghearr na barrain a bha dubhach, gruamach roimhe; cluinnear guth binn ceileireach nan eun ag eiridh bho iomadh preas, agus fasaidh suas gu sgipidh toradh brioghmhor na talmhainn. Tha iomhaigh shunndach, shuilbhear, aighearach a nis air aghaidh nan speur agus an t-saoghail gu leir. Is e toileachas a’s aiteas an t-ionmhas a’s momha tha an Samhradh a’ buileachadh agus cha ’n eil trath de ’n bhliadhna a tha pairteachadh uiread sholais agus shonais. Thig am Fogharadh agus tha ’obair fein aige r’ a dheanamh, Tha aig an am so toradh trom, liontach na talmhainn abuich agus deas airson a ghearadh sios. Tha an lon a ghiulaineas na h-achaidhnean air son duine agus ainmhidh ullamh gu bhi air a thional a stigh. Is e am taitneach a tha ann, oir tha na buanaichean dian a’ gearradh sios an arbhair agus tha iadsan a chuir le dochas ann an toiseach na bliadhna’ agus a steidhich an aire air an toradh a bhitheadh aca air son an saothrach, fadheoidh a’ faicinn an iarrtusan air an coimhlionadh agus an seirbheis air a dioladh gu pailt. Is firinnich, is foghainteach agus is freagarach a tha na briathran a chleachd Daibhidh ann an luaidh a dheanamh air an ni so, “Crunaidh Tu a’ bhliadhna le d’ mhaitheas, agus silidh do cheuman saill. Silidh iad air cluainibh an fhasaich agus ni na cnuic gairdeachas air gach taobh.” Ach anns an Fhogharadh ged tha broilleach na talmhainn sgeadaichte le culaidh riomhach, lurach tha sanas air a thoirt seachad gu ’m bheil an snuadh dreachmhor, eireachdail so a’ call a shnasmhoireachd agus gu ’m bheil an uair a’ ruith gu luath anns am fulling deise ghorm nam fonn muthadh mor. Tha na craobhan a’ crathadh an duilleagan gorma ’s tha barr an fheoir a’ seargadh oir tha an Geamhradh a’ tighinn. Is e so an trath anns am bheil dubhachas sgriobhta air aghaidh naduir. Tha maise nam beann ’s nan comhnard air falbh ’s tha na sruthain bhrasa, fhuaimneach air an cuibhreachadh le geimhlean cruaidh. Gidheadh, tha ’ailleachd fein aig a’ Gheamhradh eadhon mar tha e aig an t-Samhradh. “Rinn Thusa O Dhe gach ni maith ’n a am fein; rinn Thu an Samhradh agus rinn Thu an Geamhradh.” CONA. (Ri leantuinn.) [TD 37] COMHRADH NAN CNOC. (O’n Teachdaire Ghaidhealach.) PARA MOR AGUS DOMHNULL A’ BHUTH. DOMH.—Faìlt’ ort a Phàra mhòir. Tha mi ’tuigsinn gu-n robh thu as a’ bhaile; cha-n e ’h-uile là a chuireas tu suas am breacan uaine. Cò as a thug thu ’choiseachd? PARA.—Cha bu mhaith leam droch fhreagairt a thoirt ort, ach ged nach can mi, mar a thubhairt Ailean nan con e, gu-n d’thug as mo chasan, faodaidh mi le fìrinn a ràdh, gur coma leam cò as. Bha mi ’n diugh ’s a’ bhaile-mhòr, ’us cha b’ e baile na biatachd: cùl mo làimhe ris an dà latha so. DOMH.—Shaoilinn thusa ’tha ’chòmhnuidh ann an uaigneas a’ Ghlinn-duibh, gu-m bu bheothachadh mòr dhuit sgrìob a thoirt air uairibh do’n bhaile-mhòr a dh’ amharc an t-saoghail. PAR.—Ma tha ’m baile ud ’n a shamhladh air an t-saoghal, cha-n ìoghnadh leam daoin’ a chluinntinn ag ràdh, An saoghal bochd, mosach. ’S mi nach iarradh a chabhsair tioram, acrach a choiseachd ri m’ bheò. Ged dh’ fhàilnichinn air an t-sràid leis a’ ghorta, cha-n’eil dùil agam gu-m feòraicheadh iad, Ciod a dh’fhairich an duine bochd? DOMH.—An robh thu aig mòd an t-Siorraim an diugh; no’n cual’ thu cionnas a chaidh do dh-Iain bàn agus do Chailleach an òir? PARA.—Cha teichd olcas. Fhuair i ’n lagh air Iain bochd, ’s cha b’e mo roghainn a bha ’n uachdar. Gnothuch nàr, càin a chur air an duine bhochd, air son ruith de ’n teangaidh a thoirt do’n Chaillich ghràinde; agus ’s e ’chuid a’s miosa, ged is ann ris na cnoic a tha mi ’g a ràdh, nach dubhairt e focal ach an fhrìnn. DOMH.—Tha’n fhrìnn fhéin air uairibh searbh; ach is maith gu-m bheil lagh ann; agus nach faod esan no duin’ eile a dhroch nàdur a brùchdadh a mach a réir a mhiann, gun e ’dhìoladh air a shon. ’S e’n lagh fhéin an gille. PARA.—Is minic a chuala mi Gille nan car, agus b’e sin esan; lagh na dunach do gach duine a dh’fheuchas ris. ’S e pailteachd an lagha, gorta na tìre. Bha cáirdeas agus deadh choimhearsnachd, tlus, seirc, agus caoimhneas, onoir agus fìrin eadar duine agus duine, gus an cuala sinn iomradh air na fithich chìocrach sin, na Sgrìobhadairean; creachadairean gun chogais gun iochd; spuinneadairean gun nàire— DOMH.—Thoir an aire dhuit fhéin, a Phàraig, cuimhnich mar dh’éirich do dh-Iain bàn; agus tha prìosan ùr a nis ’s a’ bhaile-mhòr. PARA.—Cha-n eagal domh, tha ’n lagh air mo thaobh, seasaidh a’ bhreug mi. Dean a mach gu ’n dubhairt mi e; cha-n’eil dà fhianuis agad mar bha aig Cailleach an òir. Sin agad an lagh; agus mar thubhairt mi cheana, ’s e milleadh na dùthcha e. Chunnaic mi là, agus bu tèaruinte do dhuine gleadhar de bhata daraich a thoirt do bhalach ’am fad an leth-chinn, na buidseach a ràdh a nis ri Cailleach an òir. DOMH.—Nach mòr am beannachadh sin, teang’ Iain bhàin, agus bata Phàra mhòir a bhi fo’n lagh; agus gu-m faigh an duine a’s bochda ceartas an aghaidh an duine a’s saoibhire. PARA.—Air d’ athais; cha-n’eil an lagh r’a fhaotainn a nasgaidh; mur biodh an t-òr aig a’ Chaillich cha chluinnte iomradh air teang’ Ian bhàin. An t-aon aig am bheil an t-òr gheibh e’n lagh; agus ma tha gamhlas aige ri duine bochd sam bith, cha-n’eil aige ach a h-aon de dh-abhagan an lagha a stuigeadh ris, agus ma gheibh e as gun aileadh am fiacal a bhi ’n a shàil, faodaidh se e-fhéin a mheas fortanach. An cluinn thu, ‘Dhòmhnuill, tha mis’ ag ràdh riut, [TD 38] nach robh anns na Gàidseirean bochda ach feala-dhà an coimeas riu so; fhad ’s a dh’ fhanas duine o ghnothuichean mi-laghail, cha ruig e leas bonn-a-h-ochd a thoirt orra-san; ach ’s gann is urrainn duine a nis e fhéin a ghiùlan saor o lagh, agus tha de chuir’s de lùban ann, gu-m feumadh duine a tha ’n sàs ann a’ bheag no mhòr de ghnothuichean, am Maor Ruadh a bhi ’n a chois gach ceum a théid e. Mo bheannachd air an àm a dh’fhalbh ’n uair nach robh Sgrìobhadair, maor-righ, no tèarraid ’s an dùthaich. ’S mi ’bha thall ’s a chunnaic e. DOMH.—’S beag ’tha fhios agad ciod a tha thu ’g ràdh. Na-m biodh tus’ eòlach air eachdraidh na tìre cha labhradh tu mar sin: an uair nach robh lagh ann, ach focal an uachdarain, agus a dh’fhaodadh e le smèide na corraig leum air cheann a dheanamh air aon neach a thogradh e; agus an uair a bha ’cheatharna bhochd ’n an tràillean. ’S e cothrom an lagha urram na dùthcha. PARA.—Air do shocair a Dhòmhnuill; bha thusa gu deimhinn fad ’an Glaschu, agus tha sgoil agad, agus comas labhairt; ach air a shon sin uile, feumaidh mi cur a’ d’aghaidh; cha-n e cothrom an lagha urram na dùthcha; ach laghanna cothromach, agus ceartas, air am faod daoine bochda ruigheachd gun òr, gun airgiod; agus ’s e so sochair a bh’ aca ’s a’ Ghàidhealtachd m’ am facas riamh Sgrìobhadair no bàta-smùide ’n ar measg. ’S an àm sin an uair a thigeadh eadar dithis (ni a’s éigin tachairt air uairibh), rachadh iad gu h-earbsach an làthair uaislean na dùthcha, na daoine tuigseach, ceanalta, a thogadh, ’s a bha ’chòmhnuidh ’n am measg, a bha eòlach air gnothuichibh na tìre, agus a b’urrainn labhairt ruinn ’n ar cainnt fhein; bha focal nan daoine so dhuinn mar lagh; agus cha do chuir sinn riamh an ag e. Bha ’chùis air a socrachadh gun mhoille, gun chostas; bha réit’ air a deanamh ’s an àm, agus cha robh tuilleadh m’a dhéibhinn. Cha robh smaointeachadh aig duine sam bith, ann an cuid de ghnothuichibh, dol seachad air a’ Mhinisteir agus air an t-Seisein, agus ann an gnothuichibh eile seachad air an uachdaran; ach a nis, ma chaogas fleasgach òg a shùil ri caileig, a suas a’ bhoineid chonnlaich ’s air falbh leatha gu fear-lagha, a’ deanamh a mach gealladh-pòsaidh ’n a aghaidh; agus tha e cho maith do’n ghille bhochd a gabhail agus dol gu lagh leatha. DOMH.—Tha thu ’dì-chuimhneachadh gu-m bheil breitheamhnan anns gach cùirt, agus nach ceadaich iad foirneart a dheanamh air daoinibh bochda. Nach ’eil thu earbsach as an t-Siorram? PARA.—’S mi a tha. Dh’ earbainn r’a fhocal mo chuid de ’n t-saoghal, ged nach ’eil sin mòr; taing do ’n lagh air a shon. Cha-n eagal leam nach bhi ceartas ’n a bhreth; ach is rud a tha mi ’gearan gu-m bi comas aig na Sgrìobhadairean daoine bochd’ a shlaodadh m’a choinneamh gun fhios c’ar son, le duine sam bith leis am miann a’ choimhearsnach bochd a sgiùrsadh le lagh; agus a dhìolas dhoibhsan air son a dheanamh. DOMH.—Cia mar a dh’fhaodas sin a nis a bhith? Cia mar a dh’fhaodainn-se cur as duit-se le lagh? PARA.—Innseam-sa sin duit. Thoir thus’ airgiod leat, agus rach do bhail’ àraidh nach ainmich mi, agus abair ris an Sgrìobhadair leam leat, Cuir Pàra mòr gu lagh; agus ’s meallta mise mur faigh esan dòigh air mis’ a thoirt ’an làthair an t-Siorraim, ged nach biodh de leth-sgeul ann ach gu-n do chrath am mart maol agam a dà chluas riut. Lagh ’n a shochair aig daoine bochda! tha mi ’g ràdh riut, ged a spìonadh tu ’n còta breacain so o’n druim agam, a’ cur an céill gu-m bu leat fhein e, mur b’urrainn domh [TD 39] le cruas nan dòrn a chumail uait, b’ fhèarr dhomh a thoirt duit, seach dol gu lagh, ni ged a bhuidhninn, a bhiodh dhomh ’n a chall. DOMH.—Tha beagan de’n fhìrinn anns na labhair thu; ach air a shon sin, tha daoine ni’s poncaile ’n an gnothuichibh na bha iad; agus bha feum aig na Gàidheil air a sin: cha-n ’eil iad comharraichte air seasamh r’ an latha. PARA.—Mo thruaighe, is duilich dhoibh! Ach an saoil thu an dean lagh ni ’s fèarr iad. Faodaidh e an deanamh gu lùbach, carach, seòlta, ach cha tig an là a ni e fìrinneach, onorach iad. Chunnaic mi latha a bha sgailc air a’ bhois, cho maith ri Bill agus urras; ach dh’ fhalbh an là sin; cha-n fhoghainn a nis ach stamp an ceann gach gnothuich. Am faic thu ’chorrag ud, a Dhòmhnuill; chuir mi ri Bill i aon uair, ach ma chuir, cha chuir a rithist; b’ fhèarr leam a cur air an ealaig fo’n tuaigh; is mis’ a thuig cionnas a tha na Sgrìobhadairean a’ deanamh am beairteis. DOMH.—C’ ar son a tha thu ri gearan ’n an aghaidh-san: ciod e Bill, ach gealladh fo d’làimh gu-n dìol thu na fiachan a tha e ’giùlan air latha àraidh; agus ma sheasas tu ris a sin, cha ruig thu leas puinneag chàil a thoirt air an lagh. “Thig dàil gu dorus,” agus bu chòir dhuit-s’ an là a chuimhneachadh. PARA.—A chuimhneachadh! ’S mi ’bha ’g a chuimhneachadh; ma bha, b’ iad mìosan a bu ghiorra dh’ fhairich mise riamh. Ach sheas mi mo latha. DOMH.—Ma sheas, ciod an smàdadh a tha agad air na Sgrìobhadairean? PARA.—Chuir thu stad a’ m’ sheanachas. Tha cuimhn’ agad sinn a bhi air Roupa Fir-na-Creige an uraidh. Cò nach robh ann? bha an spréidh cho maith, an dàil cho fada, ’s an t-uisge-beatha cho pailt. Chaidh riaghailtean na ceannachd a leughadh ann am Beurla; cha chuala mi aon fhocal a thuig mi ach aon ràn a thug am Maor Ruadh as, “Dàil bliadhn’ a dhaoin’uaisle.” Thuit am mart maol orm fhéin; agus mu fheasgar dh’ iarradh orm dol a stigh maille ri càch. “Am bheil thu maith air an sgrìobhadh,” ars’ am fear-lagha? “Cha-n’eil,” arsa mise, “b’fhèarr leam iomair a’ bholla a tharruing dìreach leis an t-seisrich, na sgrìob, leth-oirleach air fad, a tharruing le peann mar bu chòir dhomh; ach feuchaidh mi ris. Nach e seach puinnd agus còig-deug a tha’n so?” “’S e sin do chuid-se dheth,” ars’ esan, “ach le cion paipeir freagarraich, b’ éigin domh Lachann Mac Fhionnlaidh a chur ’s an aon bhoinn riutsa, ach ’s e’n aon ni e.” “Cha-n’eil teagamh nach e,” a deir mise; “ma dhìolas esan a chuid fhéin, cha bhi mis’ air deireadh.” “Tha mi cinnteach as a sin,” ars’ an Sgrìobhadair le ’pheann fada cùl a chluaise, agus fiamh ghàir’ air a ghnùis. “Thugaibh dram do Phàraig còir, agus cuiribh a stigh Lachann.” Ciod a th’ agad air, ach thàinig an latha, ’s bha mise réidh air a shon. Ruigear Fear-na-Creige, agus tairgear luach a’ mhairt mhaoil: “Ruig” ars’ esan, “an Sgrìobhadair aig am bheil na Billichean:” dhùin e ’n dorus air mo shròin, gun fheoraich an robh beul air m’ aghaidh. Cha robh comas air. Thug mi fhéin am baile-mòr orm, agus ràinig mi mo charaid an Sgrìobhadair. Bha mòd an t-Siorraim gu suidhe, agus cha labhradh e focal rium gu h-anmoch.“Tha ’n sruth,” a deir mis’, “a’ tilleadh agus an latha ’dol seachad.” “Ma tha,” deir esan, “tha latha, agus sruth eile a’ tighinn.” Cha robh comas air! Dh’fhalbh mi ’s a’ bhabhdaireachd feadh a’ bhaile, o uinneig gu h-uinneig. Fa dheireadh thachair am Maor Ruadh orm, agus dh’ innis mi dha mar bha. “Marbh’aisg [TD 40] air an sgadan,” ars’ esan, “’s e ’tha saillte am bliadhna: tha mi air mo chlaoidh leis a’ phathadh.” Thuig mi fhéin mar bha ’chùis, ’s gu-m bu luaithe deoch na sgeul. Chaidh sinn a stigh, bhuail mi fhèin am bòrd, agus glaodhar leth-bhodach de Rum dearg. Fhuair mi mòran seanachais o’n Mhaor, agus gheall e dol leam ’n uair a sgaoileadh am mòd. Rinn e sin; thachair Sgrìobhadair oirnn, agus ultach phaipeirean aige. Lean sinn a stigh e, agus thairg mi dha luach a’ mhairt mhaoil. “Nach ’eil e’n sin agaibh,” arsa mise, “gun pheighinn a dhìth air.” Thòisich e air a chunntas. Chuir am Maor cagar a’ m’ chluais, “Faigh d’ainm as a’ Bhill.” “Tapadh leat,” a deir mise. “Tha do chuid-se de’n t-suim an so,” a deir an Sgrìobhadair; “ach c’àit’ am bheil Lachann?” “Is coma leam c’àit’ am bheil e. Biodh gach fear a’ toirt sgairbh a creagan dha fhéin; thugaibh m’ ainm as a’ Bhill.” “Sin rud, a bhobaig, nach ’eil a’ m’ chomas a dheanamh. Tha mi ’faicinn gu-m bheil e conjunct.” “Ma tha biodh aige, ciod e sin domhsa? Nach do dhìol mise mo chuid féin deth?” “Rinn thu sin, ach tha thu ceangailte air son cuid Lachainn cuideachd; agus mur bhi thusa no esan an so an ceann seachduinn cluinnidh tu uam-sa air dòigh nach bhi ro thaitneach.” “Cha-n ’eil comas air,” a deir mise, “Slàn leibh!” Sin a nis, a Dhòmhnuill, an lagh, as am bheil thu ’deanamh na h-uiread mhòrchuis. DOMH.—Ciod eile ach an lagh, agus ceartas cuideachd. PARA.—Cluipeireachd, a dhuine, agus cha bu cheartas. Nach dubhairt e ’n làthair fhianuisean an là a chuir mi m’ ainm ris nach robh mi ’stigh ach air son mo chodach fhéin. Ach ciod e am fàth ’bhi ’gearan, Cha robh sgillinn aig Lachann bochd air an àm, ach ràinig sinn caraid nam feumach. Fear Acha-da-seillean, mac an deadh athar. Fhuair sinn air ar focal uaithe-san na thog am Bill, ach ma thog, ’s ann ’n a chois a bha ’n sgathadh; cunntas air a tharruing a mach le dubh agus dearg, cho bòidheach ri aon suidheachadh breacain a chunnaic thu riamh’ agus os ceann dà phunnd Shasunnach de chostas. Sin agad a nis an lagh anns am bheil na h-uiread thlachd agad. DOMH.—’N a dhéigh sin uile cha d’ rinn am fear-lagha ach a dhleasnas. Bha ’n lagh air a thaobh. PARA.—Bha ’n rosad air a thaobh; ach cò ’bu shìobhalta na e ’n là a chaidh mi ’stigh a shocrachadh ris. Is duilich leam, ars’ esan, mar a thachair, cha mhaith a fhuaras Lachann ort; ach ma thogras tu bheir mis’ air h-uile sgillinn a dhìoladh le costas. “Cha-n ’eil teagamh agam, ’ille mhaith; ach rachadh Pàra mòr a dh’iarraidh na déirc’ mu-n leigeadh e leat dol an sàs ann an Lachann còir. “Gabh na fhuair thu,” a deir mise, “agus slàn leat.” DOMH.—Sin agad math an lagha; ni e thusa agus do leithid faicilleach ciod a ni sibh, gun ghealladh a thoirt nach co-gheall sibh. PARA.—Tog dheth; na cluinneam tuilleadh mu’n chùis. Na-n saoilinn gu-n ruigeadh mo ghuth gach cèarna de ’n Ghàidhealtachd, o mhullach Beinn-nibheis, dhìrinn i moch am màireach, agus mar so labhrainn:—“Fheara, ’s a dhaoine, sibhse a tha ’g àiteachadh Tir nam Beann, nan Gleann, ’s nam Breacan, éisdibh ri Pàra mòr oir ‘Is minic a thàinig comhairle righ á beul an amadain.’ Seachnaibh an lagh. ’Uachdarana na dùthcha, seasaibh ’ur daoine, agus saoraibh iad o làmhan an luchd-lagha. Cha-n ’eil sgillinn a bheir iad uatha-san nach fairich sibhs’ a chall. A Mhinistirean an t-soisgeil, earalaichibh ur luchd-éisdeachd an aghaidh iad a dhol gu lagh, nochd- [TD 41] aibh dhoibh a chall, agus comhairlichibh iad gu sìth agus réite. A mhuinntir mo dhùthcha, eadar thuath agus cheatharna, ma thig connsachadh ’n ur measg leigibh a’ chùis gu ràdh dithis de dhaoine còire. Tha uaislean fhathast ’n ur measg, a sgoilteas an lagh, agus aig am bheil bàigh ribh, rachaibh d’ an ionnsuidh: agus sibhse a luchd-lagha, agus a Sgrìobhadairean cuimhnichibh gu-m bheil bàs a’ feitheamh oirbh, agus breitheamh os ur ceann d’an éigin duibh cunntas a thabhairt.” T.—O.— AN DARA DUAN DE SGIALACHD NA TROIDHE; Air a thionndadh bho Ghréugais Homeir Gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MACLACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus àireamh nam fineachan Gréugach agus Tròidheach. II. (Air a leantuinn bho ’n àirimh mu dheireadh.) Eisdibh, a chàirdean, le feairt, An ni tha na m’ bheachd a luadh; An raoir tre oidhche nan dealt sèamh Thùirling Cruth bho nèamh gu m’ shuain. Bha ’n Taisbean mar Nestor liath, Thair na chunnacas riamh air féur; A leth-bhreac an guth ’s an triall, A dhealbh cuim, a sgiamh, ’s a mhèinn. Thùr e, ’s e os cionn mo chinn, Na briathran seo, pong air phong: “Am fois dutsa, ’ghaisgich thréin, Ur-mhic Atreuis nan stéud lòm? Dim-brigh do chomairleach glic, Do ’m buin cùram bhlàr a’s fheachd; ’S mìltean slòigh ag earbs’ á thaic, Cian-chadal an caidreamh leisg. Gabh gu mion-bheachdaidh ri m’ sgéul, ’S mì teachdaire dhé nan dia; Bho’n ’s mòr a thruas diot a’s ùigh, D’ àrdachadh ’an cliù ’s e ’mhiann. ’S àill leis thu ghrad-thoirt gu blàr. Sliochd na Gréige ’s àrbhuidh cùl: Glacaidh tu ’n stuaidh fharsuing àrd, ’S fàgaidh na ’glas chàrn ’s an ùir. Bho’n rinn Iùno ’n ùrnaigh chruaidh, Tha ’nt aon rùn aig sluagh nan spéur: Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn, ’S thig maom-sgrios air linn nam béud, Gabhsa suim de reachd an dé, ’S na caill diog de sgéul mo bheòil.” Siod na thùr am bruadar faoin, ’S as mo shealladh thaom mar cheò. Nis a laochraidh nam mòr-éuchd Bho’n ’s òrdugh nan spéur a th’ ann, Grad-dheasaichear sliochd na Gréig’ Gu ’n nochdadh ri stréup nan lann. Dearbham gu faicleach an tùs, Ciod an dùrachd ’s a’ ghnìomh bhuan: Iarraidh mi gu ’n teich iad tràth, Gu ’m fonn thair bhàrc a’ chuain. Fàgam dhuibhs’ ’fheara mo chrìdh, Gu’n grab sibh an ni gun chliù.” Chrìochnaich deagh-cheannard nan triath ’S shuidh na ’mhòrachd sìos na ’chùirt. Dh’ éirich Nestor mannta, mìn, Righ Phìlois nan oitir bàn, Cainntear do ’m b’ iùl gliocas còrr, ’S thug freagairt le glòir neo-bhàth: “’Uaislean àrd-inbheach mo rùin— A stiùireas na mìltean tréun, Bho aon neach eil’ air an raon, Mheaste’ ’m bruadar mar chlaon-bhréig; Ach ’s fios e’ thùirling bho ’n spéur Chum ant sheòid d’ an géill an sluagh. Bhrigh siod, ’s còir a’ Ghréig’ gun dàil Thoirt air blàr fo ’n arma cruaidh.” Labhair e; ’s dh’ éirich a’ chùirt, An ùmhlachd do rìgh nan laoch; Thriall gach triath ’s a cholbh na ’ghlaic, ’S dhòirt na’n déigh am feachd romh ’n raon. Amhuil mar thaosgas na ’n deann, Beachan srannrach bho ’n chraig-chòis; Sìr-shruthaidh na buidhnean luath, Sgaoth air sgaoth thair cluain an fheòir; Chitear am frith-léumraich bhaoth, Bhos a’s thall feadh raon nan driùchd; ’S caignean diubh cruinn air gach bàrr, Mu bhlàthan an Earraich ùir. Sin mar thuil-bhrùchdadh na slòigh, Bho chòmhnuidh nam bùth ’s nan long, Ag gluasad na ’n sréudan cian, Seachad siar ri bial nan tonn, Adh ionnsaidh pubull an righ; Thaosgadh iad romh ’n tìr mar nial. Chluinneadh tu ’g osnaich am fonn, Aig tartar am bonn ’s an triall. Rompa chaidh Alladh na ’léum, Ban-teachdair àrd-sgéulach Iòbh. Dhèarrs i os an cionn ’s an spéur, ’S i mosgladh nan tréun gu glòir. Theanail na deich mìltean cruinn, Le gaoir bhruidhne ’s tailmrich chas. Naoidh maoir gu h-oscarra gairm, Gu ’n sìoladh an toirm gu fois. A chlàistinn toil nan deagh rìgh, Shuidh air bùird a sìos gach tréubh; Bha chomhairl’ iom-loinntreach, làn, ’S ghabh a’ ghleadhraich tàmh gu léir. (Ri leantuinn.) [TD 42] UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. (Air leantuinn.) Bu tiamhaidh a sheinn am Bard Ileach an lom-sgrios a thugadh air Eilein a ghaoil, “Eilean iomraiteach an lagha,” trid fogradh nan Gaidheal an déigh do Thighearna dligheach an fhearainn ’oighreachd mhaiseach a chall. Oir a chum cliù teaghlach urramach Ile, biodh e air innseadh nach b’ ann ri ’n linn-san a chaidh an t-Eilein a chur fàs. So cuid de na h-earrannan anns an d’ thug am Bard iomradh air an fhogradh sin: “Ged a roinneas gathan grèine Tlus nan speur ri blath nan lòn, ’S ged a chithear spreidh air airidh, A’s buailtean làn de dh-àlach bhò, Tha Ile ’n diugh gun daoine,— Chuir a ’chora bailtean fas, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise— Thoir an fios so thun a Bhaird. “Ged a thogar feachd na h-Alba Is cliùiteach ainm air faiche ’n àir, Bithidh Bratach Fhraoich nan Ileach, Gun dol sios ga dion le cach; Sgap mi-run iad thar na fairge ’S gun ach ainmh’ean balbh’ ’nan ait’— Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhaird.” Dh’ fhaodamaid iomadh rann eile a thoirt an lathair a’ leigeadh ris air mhodh soilleir cumhachd a’ Bhaird Ilich, agus maise nam briathran aige ach o’n tha mhiann orm o àm gu àm cuid de ’n Bhardachd aige nach deacha riamh fhathasd a chlo-bhualadh a thoirt an lathair luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL, bithidh cothrom aca fein air breith a thoirt agus air fhaicinn am bheil Mac Dhunleibhe airidh air a bhi air ainmeachadh am measg coisridh chiùil Tir nan Treun. Is cha ’n eil teagamh agam nach i a’ bhreith a bheirear a mach leo, gu’n robh spiorad na bardachd da-rireadh aige. ’N uair a bha duaisean air an toirt leis a’ chomunn Ghaidhealach air son bardachd, bhuidhinn e a’ cheud duais air an da bhliadhna anns an robh iad air an toirt seachad. Cha ’n eil da bharail nach bu duine ro ghleasda e, ach cosmhail ri moran eile aig am bheil gibhtean mòr, bha cuid de neònachas ann a sheas eadar e agus a leithid de shoirbheachadh saoghalta a bhi aige a’s a thoill a bhuadhan. Am measg nan nithean so, bha, an gnathas a bh’aige, amharc air aon taobh a mhàin de cheisd, agus dubh-fhuath a thoirt do gach neach nach cordadh ris anns gach puing; an fhior ghrain a thug e do Shasunn a’s gach nì a bhuineadh da, agus a bhi an comhnuidh a’ saoilsinn gu’n robh aobhar olc aig muinntir ’s an amharc a dheanadh ni air bith as leth nan Gaidheal mar biodh sin air a dheanamh ’n a dhoigh agus ’n a rathad san. Ach air a shon so uile, bha buadhan agus gibhtean aige ’bha anabarrach. Eadhon a thaobh ’fhuath do na Sasunnaich, bheireadh na Sasunnaich fein maitheanas dha air taille nan nithe tapuidh a theireadh e aig àm mu’n chuis. Tha cuimhne agam uair a bha e fein agus neach àraid ann an argamaid mu’n chuis so. Cha’n aidicheadh Uilleam gu’n robh fior Shasunnach riamh ’n a dhuine aig an robh buadhan inntinn a b’ fhiach, oir aon air bith a a bhitheadh air ainmeachadh dheanadh Uilleam a mach gu’n robh fuil Albannach ’n a chuislean, air neo bha ni eigin aige ri ’radh a dhearbhadh nach bu Shasunnach a bh’ ann da-rireadh. Bha fios aig an neach a bha deasboireachd ris a’ Bhard gu’n robh meas aige air Iain Bunyan mar dhuine d’ am b’ airidh urram a thoirt airson a thàlantan. “Nach aidich sibh” deir e “gu’n robh Bunyan ’n a fhior ughdar foghainteach, a’s nach bu Shasunnach e gu cnaimh an droma?” Ach fhuair am bard a’ bhuaidh le bhi ’tionndadh [TD 43] gaire na cuideachd an aghaidh an neach a bha ag argamaideachadh ris, leis an fhreagairt, “Och, bha, esan, an ceard.” ’Nuair a dh’ amhairceas sinn air an dichioll a rinn e gu bhi ’trusadh eòlais, cha ’n fheud sinn gun chliù a a thoirt dha. Dh’ oibrich e a rathad air feadh roinn mhor de dh-Albainn agus cuid de cheann tuath Shasuinn, a chum a’s gu’m faiceadh e air a shon fein na h-àitean anns an robh blàir chogaidh a dhuthcha. An deigh dha Ile fhagail, thuinich e tamul an Dunbreaton, an Srath Liobhann, an Arochar, ’s a suas feadh Siorramachd Pheairt. Ann an Srath Eirionn, am Peairt, fhuair e a’ bhean aige, a’s gu dearbh cha bhiodh e furasda dha ’fhaighinn aon a bu fhreagarraiche air, a’s a b’ fhearr a thuigeadh nadur agus seól a’ Bhaird. Bha iad ’n an cuideachadh iomchuidh d a’ cheile gu crioch an turuis, oir chaochail ise roimhe fein. ’S ann ’s a’ bhliadhna 1870, ann am Mios deireannach an t-Samhruidh a thainig am bàs air a’ Bhard. Cha robh e idir ann an tinneas, ach dh’ fhalbh e gu fior ath-ghoirid. Cheannaich cuid de Ghaidheil Ghlaschu aite tiodhlacaidh dha anns a’ chladh bhoidheach ris an abrar “Janefield,” mach aig ceann na h-airde ’n ear de’n bhaile. Chuir iad suas mar an ceudna carragh cuimhneachain snasmhor aig ’uaigh, air am bheil ainm agus cliù a’ bhaird air an gearradh ann an Gaidhlig ’s ann am Beurla. Ann an siod tha am bard ’n a chadal, a’s cha chuir slaoight Shasunnach, no aintighearnas luchd fuadach nan Gaidheal bruaillean air. Slan leis. Gu’n robh a leabaidh socrach agus a chadal foistinneach. Bha iomadh neonachas aige thubhairt mi. Is ann am measg nan nithe so dh’ fhaodainn ainmeachadh an dòigh anns an do litirich e ’ainm. Cha ’n e Mac-Dhunleibhe ach Mac an Leighe, an t-ainm a tha ’chuid mhor d’a chinneadh ag radh riu fein. Ach sgriobh Uilleam e do ghnath “Mac-Dhunleibhe,” a’s bha e ’s a’ bharail gu’n robh an t-ainm air a thoirt o Dhun araid a tha ’s a’ Ghaidhealtachd. Ach biodh sin mar thogras, tha mi ’s a’ bharail, nach naraich bardachd Uilleim cliu an ainme, ach gur ann a dh’ ardaicheas i an t-ainm Mac-Dhunleibhe—ainm a tha cheana air a dheanamh cho cliuiteach trid euchdan a’ Ghaidheil smearail sin, an t-Olamh Mac-Dhun-leibhe, fear-rannsachaidh fàsaichean Africa. R. I. AN GAIDHEAL DILEAS. Bha na Gaidheil riamh cliùiteach air son am fior-dhìllseachd agus an diàn-thairisneachd. Cha’n e mhàin gu’n robh iad mar sin anns gach cogadh agus cath fuilteach, anns an do ghabh iad comhroinn anns gach cearn de’n t-saoghal, ach mar an céudna, anns gach dréuchd eile far an do thilg am freasdal an crannchur. Chithear so o’n sgéul ghoirid a leanas. O cheann beagan bhliadhnaichean air ais thàinig Sasunnach mòr, uasal, beairteach, a dh-ionnsuidh gharbh-chrioch na h-Alba aig toiseach an fhogharaidh chum na seilge. Bha e uidheamaichte air gach seòl le ’chuid gillean, con, agus gunnaichean, chum na feidh, na gearran, agus na cearcan-fraoich a smàladh sìos ’n an céudaibh air na beanntaibh agus air na gàrbh-raointibh. Cha deachaidh e mach air feadh nan garbhlaichean ach amhàin rè aoin seachduin, an uair a thug na gillean tais, neo-chruadalach, Sasunnach aige thairis gu tur; agus là de na làithibh dhiùlt iad as an aghaidh dol maille ris do’n bhéinn-shéilge. Ghearain iad gu goirt gu’n do thréig an casan iad, agus nach b’urrainn doibh cur suas ni’ b’ fhaide leis an allaban agus an treachladh a dh’fhuiling iad re na seachduinn. [TD 44] Bha an duin’-uasal ceanalta ann am mòr airc, agus glé mhi-thoìllichte le cùisibh, gu’n fhios idir aige cìod a dheanadh e. Cò a thàinig an rathad ’s an àm ach Donull Ruadh Mac Mhuirich, Gaidheal glan, sea troidhean air àirde, òganach ro sgairteil, a bha air a chàramh gu daingean air dà chois cho cuimear, cruinn ’s air an do chuireadh riamh osain ghearra. Chuir e fàilt’ air an t-Sasunnach mar a b’ fhearr a cheadaicheadh a ghainne Béurla dha sin a dheanamh. Thilg an Sasunnach a shùilean air an òganach, agus thubhairt e ris, “Mo ghille tapaidh, am bheil thu dèonach air dol maille riumsa dh-ionnsuidh na beinne, oir thréig mo ghillean fein mi, agus thug iad glan thairis le sgios?” Fhreagair an Gaidheal e, oir thuigeadh e a’ Bhéurla ni b’fhearr na labhradh e i, agus thubhairt e ris, gu’n robh e ro dheònach air dol maille ris air feadh gach gleann agus beann agus fireach a thogradh e a choiseachd. Bha ’n Sasunnach ro thoillichte so a chluinntinn, agus cha bu lugha na sin toilinntinn Dhomhnuill Ruaidh, a thàinig an rathad an toiseach a dh’fhéuchainn am faigheadh e car sam bith r’a dheanamh mu’n t-séilg, d’an robh mòr thlachd aige. Cha do dhealaich an Sasunnach ri Domhnull Ruadh fhad ’s a dh’ fhan e ’s an taobh tuath oir cha b’fhurasd da a leithid eile fhaotuinn. B’fhearr e leis fein na leth-fhichead do na tais-ghillean Gallda ud eile a thug thairis cho luath. An uair a thàinig àm na séilge gu crìch, bha e ro chruaidh air an t-Sasunnach dealachadh ri Domhnull Ruadh. Cha’n e mhàin gu’n robh Domhnull sgairteil, tapaidh, deas chum a làmh a chur ri nì sam bith a bha r’a dheanamh, ach bha e stuama, siobhalta, geanail, agus mòran ni b’fhearr air a ghunna n’a mhàighstir. Air maduinn an latha air an robh an Sasunnach chum a’ Ghaidhealtachd fhàgail, thubhairt e ri Domhnull gu’n robh òighreachd mhòr, fharsuing aige ann an Sasunn, air an robh mòran séilge àraidh, ach mhilleadh i gu mòr le brat-shealgairibh agus creachadairibh diomhain a bha ’spùinneadh na séilge, ’s ’g a reiceadh ’s na bailtibh mòra mu’n cuairt. Agus thubhairt e ni’ b’ faide ris, n’an rachadh e maille ris do Shasum gu cùram a ghabhail de ’n t-séilg gu’n tugadh e duais dhligheach dha air a’ shon. Bha Domhnull Ruadh ro thoileach a dhol maille ris, agus chòrd iad air ball. An deigh do Dhòmhnull a bhi cuig no sea mhiosan ann an Sasunn, bha iongantas air a mhàighstir nach do ghlac Domhull rè na h-ùine sin aon air bith de na spùinneadairibh leis am bu ghnàth a bhi ’creachadh na h-oighreachd air na bliadhnaichibh a chaidh seachad. Cha b’ urrainn e so a thuigsinn. Ach bha ’chùis mar so, ged nach robh fios aig a mhàighstir air, gu’n robh mòr eagal air an luchd-réubainn sin tachairt air Domhnull, air doibh fios a bhi aca ciod a dh’éireadh dhoibh; uime sin, sguir iad a bhi ’taoghal na h-òighreachd. Ach bhuail an t-amharus an duine-uasal nach robh Domhnull co dìleas ’s a bha e ’cumail a mach, agus rùnaich e an gnothuch a dhearbhadh. Uime sin, air òidhche àraidh a bha gu math dòrcha, sgeudaich an duine-uasal e-fein ann an culaidh sealgair, ghlac e gunna na làimh, agus chaidh e mach air na raointibh ’s an dorchadas. Cha do loisg e ach urchair no dha, an uair a rinneadh grad-ghreim air o ’chulaobh, spionadh an gunna as a làimh, thilgeadh air an làr e, bhualadh e le bras-bhuillibh cruaidh, agus bhreabadh gu’n bhàigh leis na cosaibh e, gus an robh e ag aornagan ’na fhuil fein, agus leth-mhàrbh a guidhe air son tròcair. Fhuair e fath mu dheireadh air leigeadh ris cò e. Bha mòr-bhròn air Domhnull air son mar a thachair. Dh’iarr e mìle maitheanas, agus chuir e an céill d’a mhaighstir [TD 45] gu’m b’ e iarrtas a chridhe na crochairean a chur dachaidh le làn an seiche de chnàmhaibh briste, do bhrigh gu’n tugadh sin orra nach tigeadh iad le cabhaig air an ais a rìs. Chuidich Domhnull a mhaighstir dhachaidh, agus bha féum aig’ air, oir bha e ro bhrùite, agus fann le càll na fola. Chaidh e a’m feabhas an ceann seachduin na dha, chuir e fios air Domhnull Ruadh Mac Mhuirich, agus dh’innis e dha, gu’n robh a thuarasdal gu bhi air a dhùbladh o’n là air an do chuir e cas air tìr an Sasunn. SGIATHANACH. AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. EARRAN VI. Féumar aideachadh leis na h-uile, gu’m bheil a’ chruitheachd gu miorbhuileach air a dealbhadh, ach nach mòr ni’s miorbhuiliche na so, cumhachd an Ti “A rinn na neàmha le ’fhocal, agus le anail a bheoil na sloigh uile. (Salm xxxiii. 6.) Ciod e cumhachd criochnuichte an duine? Ciod e cumhachd nan aingeal a’s àirde ann an gloìr, agus nan créutair a’s urramaiche a ta idir ann, an coimeas ri cumhachd neo-chriochnuichte Iehobhaidh? Cha’n ’eil ach neoni agus diomhanas anns gach obair a’s urrainn na daoine a’s innleachdaiche a dheanamh! Cha chomas doibh a’ chlach a’s lugha ’dhealbhadh, no toirt air a’ bhileig fhèoir a’s suaraiche fàs as an talamh! Cia mòr ni’s lugha na sin ma ta, tha cumhachd aca os ceann réulta soillseach neimhe, no os ceann nan cuairt anns am bheil iad gu ciùin a’ siubhal ann an gòrm-astar nan spéur! Cha’n ’eil ach beagan eòlais againn air na réultaibh a ta muilleana de mhiltibh air falbh uainn, ach tha sinn le taingealachd, a’ toirt fainear gach ni a sholair Dia air an réult air am bheil sinne a’ gluasad chum maith an duine, agus gach créutair beò eile. Rinn esan an talamh ’n a aite-comhnuidh iomchuidh air ar son. Tha e ’toirt air gach pòr, meas agus luibh fàs as an talamh, agus toradh feumail do’n duine a thoirt uatha. Trìd òrduigh a riaghlaidh-san, tha a’ ghrian, a’ ghealach, agus na réultan a’ co’-chur ri aoibhneas, sonas, agus toil-inntinn a chréutairean reusonta fein uile. Agus is cinnteach gu’m bheil am freasdal sin, a tha ’deanamh nithe cho miorbhuileach air ar son-ne a’ deanamh solair mar an ceudna air son nan réult, eile oir tha freasdal Iehobhaidh os cionn ’oibre fein gu léir! Chunnaic sinn nach ’eil an talamh againn ach ’n a bhall beag, cruinn, cuairteagach an coimeas ri cuid eile de na réultaibh. Nach suarach e an coimeas ri Iupiter, a tha mìle uair uiread ris; agus nach beag e an coimeas ri Saturn agus Uranus, air an toir sinn a nis cunntas! Tha Saturn dlùth air mìle uair ni’s mo n’an talamh so agus tha i naoi déug agus tri fichead mile de mhìltibh troimpe. Tha ’n réult àluinn so a’ tionndadh air a mul fein ann an deich uairean gu leth. Tha i seachd céud agus ceithir fichead muillean de mhìlltibh o’n ghréin, agus a’ gabhail mu dheich thar fhichead de na bliadhnaibh againn-ne chum aon chuairt a chur oirre. Tha ’n réult so comharraichte thar gach réult eile, le dà fhàinne shòillseach, a tha taobh ri taobh ’g a cuairteachadh, agus le ballaibh dorch air a h-aghaidh, air an taobh a stigh de na fainnibh sin, a chithear gu soilleir leis na gloineachaibh-amhairc a’s fearr. Tha seachd gealaichean aig an réult so, a tha ’g a cuairteachah, agus a’ toirt soluis di, ceart mar a tha an aon ghealach aig an talamh, a’ toirt soluis da. Tha na seachd gealaichean so, co math ris na ceithir gealaichean aig Iupiter, anabarrach féumail do’n mharaiche, agus tha am buannachdan eugsamhla, air [TD 46] an aobhar sin, air an toirt gu cùramach fainear leò-san a tha ’deanamh suas leabhraichean airson sgoil mhara. Ach ged is uamhasach an t-astar a ta ’n réult so air falbh, cha’n ’eil i co fad’ as ri Uranus, an réult a’s faide air falbh o’n ghréin a fhuaradh fathasd a mach. Theirear Herschel ris an réult so, agus mar an ceudna Rionnag Dheòrsa, do bhrìgh gur e an teallsanach Herschel a fhùair a mach i, ri lìnn Righ Deorsa a tri, ann am mios a’ Mhairt 1781. Tha i cuig mìle deug thar fhichead de mhìltibh troimpe, agus ceithir fichead uair ni’s mò n’an talamh. Tha i ochd ceud deug muillean de mhiltibh o’n ghréin, agus a’ gabhail ceithir de na bliadhnaibh againn-ne chum aon chuairt a chur air a’ ghréin. Ged is mòr an reult so, is ana-minic a chithear i leis an t-suil luim, air di a bhi co fad air falbh! Tha sea gealaichean aig an réult so chum dorchadas a h-oidhchean fhògradh air falbh! Chithear beag, soilleir, agus dealrach i gun fhàinne, no crios, no ball dòrch’ air bith, mar a chithear aig Saturn. Agus tha e iongantach gu’m bheil gealaichean na réilte so a’ gluasad ’n an cearcallaibh calg-dhireach an aghaidh shlighean gach reilte agus gealaich eile. Thug sinn cunntas goirid, a nis, air a’ ghréin, agus air gach réilt a tha ’ga cuairteachadh; agus ged a dh’ innis sin an astar ann am mìltibh, cha’n urrainn ar n-ìnntinnean mèud an astair sin a ghabhail a stigh! Tha maise nan réult a’ nochdadh glòire Dhé,—tha am mèud agus an gluasad a’ nochdadh cumhachd Dhé,—agus tha an riaghailt agus an eagnuidheachd leis am bheil iad a’ siubhal co luath ann an spéuraibh nèimhe, a’ nochdadh gliocais Dhé! “Is esan a rinn na neamhan le gliocas; a’ ghrian a’ riaghladh an la; a’ ghealach agus na reultan a’ riaghladh na’ h-oidhche! Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile” (Salm cxxxvi. 8; cxlvii. 4). Tha fios againn nach soirbh le duine aineolach agus neo-fhoghluimte na nithe so uile a thuigsinn mu na réultaibh; ach feudaidh e beachd a ghabhail air am meùd agus an astar o aon a’ cheile, air an dòigh so a leanas. Faigheadh e achadh còmhnard, na loch uisge air a reothadh, tri mìle gach rathad. Cuireadh e peileir mòr, a bhios seachd troidhean mu’n cuairt ann am meadhon a’ chomhnaird sin, air son na Gréine. A ris, gabhadh e sreang leth ceud slat ann am fad, agus deanadh e cuairt mu’n pheileir mhòr a shuidhich e air son na Greine; cuireadh e grainne de shiol mustaird air a chuairt sin, agus nochdaidh sin Mercuri. Gabhadh e sreang eile deich agus ceithir fichead slat ann am fad, deanadh e cuairt air an dòigh cheudna, agus cuireadh e grainne peasrach air, agus nochdaidh sin Bhenus. Deanadh e cuairt eile le sreang seachd fichead slat, agus le grainne peasrach eile air sin, nochdaidh sin an Talamh. Cuireadh e grainne de fhras mheanbh luaidhe air cuairt aon fhichead deug slat o’n pheileir mhòr, agus nochdaidh sin Mars. A ris, suidhicheadh e ubhal cuimseach air cuairt leth-mhìle air astar o’n pheileir a ta’ ciallachadh na gréine, agus nochdaidh sin Iupiter. Cuireadh e ubhal eile, beagan ni’s lugha, air cuairt ceithir cheud deug slat o’n pheileir chéudna, agus nochdaidh sin Saturn. Agus mu dheireadh, deanadh e cuairt mìle gu leth o’n pheileir mhòr, agus cuireadh e peileir muscaid oirre, agus nochdaidh sin Uranus. Mar so feudar beachd a ghabhail leis na daoinibh a’s aineolaich’ air mèud agus astar nan réult, agus air an doìgh air am bheil iad a’ gluasad anns na spéuraibh! Ach tha astar nan réult a’s faide air falbh o’n ghrein do-thuigsinn dhuinne. Ghabhadh peileir gunna-mòir ceithir cheud bliadhna ’n a dheann-ruìth mu’n ruigeadh e o’n ghréin gu [TD 47] Uranus; gidheach cha’n’eil na tha air an taobh a stigh do chuairt Uranuis, an coimeas ri farsuingeachd na cruitheachd, ach mar bhraon beag uisge, an coimeas ri uile chuantaibh an domhain; agus tha a chruitheachd so uile air a lionadh le làthaireachd an Ti sin a dhealbh gach ni air tùs á neoni. Is esan an Ti àrd agus uasal do’n àite-còmhnuidh siorruidheachd”—an Ti sin “a ghabhas còmhnuidh maille ris-san fòs a ta leònta agus iriosal ’n a spiorad” (Isaiah, lvii. 15). “A rìoghachda na talmhainn, seinnibh do Dhia, seinnibh moladh do’n Tighearna: dha-san a tha marcachd air neamhaibh nan neamh o chian” (Salm lxviii. 33). Anns an ath Earrann cuirear nithe eile an céill mu na reultaibh, nithe air nach tugadh fathast iomradh. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) CIOD A DH’ IOCAS MI? Air son ro mheud nan gràsan saor’ ’Tha teachd gach là as ùr O làmhan Chriosd, t’ Fhear-saoraidh caomh, Ciod, anam, ’dh’ ìocas tu? Mo thruaigh’, o chrì mar th’ agam féin Ciod ’dh’éireas ’bheir dha cliù? Mo nithe ’s feàrr tha salach, breun, ’S mo chuids’ gu léir cha ’n fhiù. Gidheadh, so ìocaidh mise dha Air son a ghràsan fial’— Dlù-ghlacam cupan naomh na slàint’, Is gairmeam air mo Dhia. Se ’n t-ìocadh ’s feàrr o neach mar tàims’, Cho gràineil is cho truagh, Do bhrìgh mòr fhialaidheachd a ghràis Bhi ghnàth ag iarraidh uaith. An ùmhlachd chubhaidh thoirt cha tàir ’S is aobhar cràidh mo bheus; Gidheadh, ’s e m’ uaill gu léir is m’ àdh, Gu bràth bhi ’n comain Dhé. Eadar-theangaichte le A. C. MAR A FHUARADH A MACH AMERICA. I. Cha robh eolas sam bith aig sluagh na Roinn-Eorpa mu America gu dlu an coig ceud bliadhna an deigh àm ar Slanuighir, ged a chaidh an tir mhor sin ’aiteachadh bho Asia-an-ear iomad linn roimhe sin. Tha cuid am barail gu ’n robh eolas aig na Lochlannich air America-mu-thuath bho chionn ochd ceud bliadhna, ach cha ’n ’eil a’ bharail sin dearbhta no coltach. B’ e Eadailteach d’ am b’ ainm Cristopher Columbus a’ cheud duine a thug do ’n t-saoghal fios mu America. Rugadh Columbus am baile-puirt mor Genoa an taobh tuath na h-Eadailt anns a’ bhliadhna 1435. Bha e ’n a mharaiche seolta, dan, leanailteach a rinn iomad cuan-thuras mu ’n do smuainich e air an oidhirp dhan ’s an d’ fhuair e a mach an Saoghal Ur, Anns a’ bhliadhna 1470 bha e ann an cath eadar luingis a bhuineadh do Genoa agus ceithir luingis o bhaile mor Venice a bha ’seoladh dhachaidh á Fhlanras, faisg air Rugha Vincent am Portugal. Chaidh an long ’s an robh Columbus ri theine agus leum esan ’s a’ chuan. Shnamh e gu tir agus rainig e Lisbon, ard bhaile Phortugal far an d’ fhuirich e ceithir bliadhna deug. Chuir e an sin eolas air iomad maraiche sgileil a dh’ innis da iomad ni a thug air breithneachadh gu ’n robh tir ’s an iar taobh thall a’ chuain nach robh ro fhada as. Fhuaradh ramh Innseineach air a ghràbhadh gu snasmhor, mu thri cheud deug mile an iar bho Phortugal; chaidh slatan fada cuilc a thilgeil air tir am Madeira a’s craobhan mora giubhais air eileanan Asores; agus fhuaradh da chorp bàithte, eucoltach ri sluagh an t-seann saoghail air eilean beag Flores. Thainig iad sin uile fo ’n iar. Bha fios aig daoine ’s an am ud gu ’m bu chruinne an saoghal ach [TD 48] bha iad am barail nach robh e mar mhoran cho farsuinn ’s a tha e, agus bha luchd-aithris ag innseadh gu ’n robh Asia a’ ruigsinn ni ’s fhaide sios na ’tha e. Uime sin bha Columbus am barail gu ’n gabhadh taobh an ear Asia ruigheachd le dol suas thar a’ chuain bho ’n Roinn-Eorpa agus mar sin gu ’m faigheadh e ’mach slighe ghearr gu India agus na h-Innsean mora ’s an ear mu ’n cuairt di, far an robh or a’s spiosradh. Ach ghabhadh an oidhirp moran airgid oir dh’ fheumadh e luingis agus daoine g’ an reir, nach robh doigh aige air ’fhaotainn gun chomhnadh dhaoine inbheach. Dh’ iarr e iad sin an toiseach bho righ Pbortugal, ach dhiultadh ’iarrtus. Bha e ’nis ’n a bhantraich le mac og ris an abrar Diego, no Seumas. Dh’ fhag e Portugal le ’mhac air lamh aige agus chaidh e do ’n Spainnt, a’ cumail an taic a’ chuain. An uair a bha e dluth air Palos, baile puirt an taobh deas na rioghachd so dh’ iarr e deirc air Iain Peres, sagart fiosrach a ghabh ris air ball, oir, bha e ’n a dhuine urramach, le gnuis uasal, aoidheil. An ath-bhliadhna chaidh e do ’n Eadailt agus dh’ fhoillsich e a run do dhaoine mora Genoa agus Venice, ach chuir iad cul ris. Thill e an sin do ’n Spainnt far an robh Righ Ferdinand agus Ban-righ Iseabal a’ riaghladh. Thug a charaid, Peres litir dha gu sagart na ban-righ, agus fhuair e beagan airgid bho mharaiche ainmeil ris an abrar Martin Pinson; ach cha do ghabh an sagart so suim dheth, agus bha an righ ’s an am sin a’ cogadh ri Mùraich Ghranada, air taobh deas na Spainnt. Gidheadh, thug an righ an gnothuch an laimh do dhaoine fiosrach a bha gus a’ chuis a rannsachadh agus chaidh Columbus maille ri feachd an righ a chogadh ris na Mùraich. Chaidh bliadhna a’s bliadhna seachad, agus cha d’ fhuair Columbus bann no gealladh. Thuirt cuid gu ’m b’ fhaoin do neach air bith a bhi ’smaointeach gu ’m bu ghlioca esan na an cinne-daonna gu leir, agus cuid eile nach robh ’s a’ chuis ach bòilich. Bheireadh Columbus thairis an ghothuch mur biodh e cinnteach gu ’n robh e ceart ’n a bharail. Osbarr, bha e ’n a dhuine crabhaidh a reir eolais. Bha fios aige a reir na faisneachd gu ’m faigheadh Criosd “na cinnich mar oighreachd, agus criochan na talmhainn mar sheilbh,” agus bha e an duil gu ’m biodh e-fhein ’n a mheadhon air an t-soisgeul a sgaoileadh am measg nan criochan sin. Mu dheireadh an deigh do sheachd bliadhna dol thairis thug na daoine aig an robh a’ chuis an laimh, breith ’n a aghaidh. Uime sin, thill e gu Palos a thoirt air falbh a mhic agus a’ runachadh dol gu Tearlach VIII., Righ na Frainge, ach bha Peres agus Pinson an aghaidh sin. Thuirt Pinson gu ’n uidheamaicheadh e-fhein long; agus sgriobh Peres litir do ’n bhan-righ fhein air an robh e eolach. Is e ’thainig as a sin gu ’n deachaidh bann a dheanamh ri Columbus a’ toirt dha tighearnas thar gach tire a gheobhadh e ’mach. Bha e cho dian mu ’bheachd gu ’n ruigeadh e Asia ’s gu ’n d’fhuair e litir bho’n righ agus a’ bhan-righ gu Ard-righ nan Tartarach. Air an treas latha de cheud mhios an fhogharaidh anns a’ bhliadhna 1492, sheol Columbus bho Phalos air a thuras gabhaidh le tri luingis, an Santa Maria, long mhor fo ’chomannda fhein; am Pinta, long bheag fo Mhartin Pinson; agus an Nina long bheag eile fo Vincent Pinson, brathair Mhartin. Air an t-seathamh latha d’ an ath mhios sheol iad a mach bho eileinibh Chanary air a’ chuan mhor, “Far nach d’ eirich breid ri crann A’s nach do reub sroin dharaich tonn.” An uair a chaill iad sealladh air tir agus a thainig an oidhche ghabh [TD 49] iad eagal, agus ghuil iad ag radh, nach tilleadh iad a chàoidh, ach chiuinich Columbus iad agus thug e misneach dhoibh le aithris mu na duthchaibh beairteach a ruigeadh iad. Mar a bha e ’dol air aghart cheil e bho ’n t-sluagh an t-astar a bha iad a’seoladh. Bha sea fichead pearsa gu leir ’s a’ chuideachd. Thug iad an aire gu ’n robh a’ ghaoth bho ’n ear latha an deigh latha agus uime sin bha iad fo eagal nach biodh e ’n an comas tighinn air an ais; ach air an fhicheadamh latha sheid a’ ghaoth bho ’n iar-dheas. Tri laithean an deigh sin dh’ eirich stoirm agus thuirt an sluagh nach bu choir do ’n chomanndair dol an aghaidh an Fhreasdail n’ a b’ fhaide. Thoisich iad a nis air eoin ’fhaicinn a’ leum bho ’n iar ’s a’ mhaduinn agus a’ pilltinn mu anmoch. Cha robh an cuan cho saillte ’s a bha e agus chunnaig iad feamainn a’ snamh mu ’n cuairt. Uair a’s uair shaoil leotha gu ’n do rainig iad tir. O-n a bha iad air am mealladh chaill iad an dochas agus bha cuid a’ comhairleachadh an ceannard a thilgeadh ’s a’ mhuir agus tilleadh dhachaidh. Bha esan an lan mhisnich agus chum e air aghart a’ seoladh siar a’s iar gu deas mar a bha na h-eoin a’ leum air an ais. Air a’ cheud latha deug de mhios deireannach an Fhogharaidh an deigh a bhi deich seachduinean air a’ chuan thog iad as an t-saile mir fiodha air a ghrabhadh gu snasmhor agus geug sgithich le dearcaibh oirre. Bha Columbus, uime sin, cinnteach gu ’n robh iad a nis dlu air tir. An deigh na h-urnaigh fheasgair dh’ orduich e faire dhubailt agus gheall e cleoca sioda do ’n cheud duine a chitheadh tir, a bharr air da fhichead dolar a gheall a’ Bhan-righ. An oidhche sin, mu dheich uairean chunnaig e solus, agus aig da uair ’s a’ mhaduinn chualas gunna mor bho ’n Phinta, comhara tire. B’e maraiche d’ am b’ ainm Ruairidh Triana a’ cheud duine a chunnaig an Saoghal Ur. Anns a’ mhaduinn chunnaig iad eilean coillteach mu shea mile air astar agus sluagh a’ ruith mu ’n traigh. B’ e Columbus fhein a’ cheud duine a chaidh air tir. Chaidh iad uile air an gluinean air an traigh agus thug iad buidheachas do Dhia. An sin sgaoil an ceannard bratach mhor Chastile, rioghachd Iseabail, oir b’ ise a dhiol an costas, agus ghabh e seilbh ’s an tir as a leth-se. Bha na h-Innseinich a’ coimhead orra le h-ioghnadh agus shaoil leotha gu ’m bu diathan iad a thainig a nuas bho neamh. Fhuair iad uapa snath cotain a’s seorsa arain agus thug iad doibh am malairt ailleagain a’s rudan laoghach. Thug Columbus “San Salvador” mar ainm air an eilean ach ’s e theireadh luchd na tire ris “Guanahani” no Eilean a’ chait, aon do Innseadh Bahama a tha air an ear dheas bho Florida agus gu tuath air Jamaica ’s na h-Innsibh shuas. P. MAC-GRIOGAIR. OISEAN AGUS AN CLEIREACH. Oisean. A cléirich a chanfas na sailm, Air leam féin gur borb do chiall, Nach éisd thu tamull ri sgeul Air an Fhéinn nach fhac thu riamh? Cléireach. Air mo chubhas-sa, (a) Mhic Fhinn, Ge binn leat bhi teachd air t’ Fhéinn, Fuaim nan salm air feadh mo bheòil Gur h-e sud ’bu cheòl domh féin. Oisean. Nam biodh tu coimheadadh (b) do shalm Ri Fiannachd Eirinn nan àrm nochd, (c) A chléirich gur làn olc leam Nach sgaranin do cheann re (d) d’ chorp. Cléireach. Sinn fo d’ chomraich-sa, (e) fhir mhòir, Laoidh do bheòil gur binn leam féin; Togamaid suas altair Fhinn, Bu bhinn leam bhi teachd air t’ Fhéinn. (a) Word, Miss Brooke’s copy has “mo chubhais,” my conscience. (b) Comparing. (c) Naked. (d) From. (e) Potection. [TD 50] Oisean. Nam bidheann (a) tu, chléirich chaoimh, Air an tràigh ’tha siar fa dheas, Aig Eas Libhridh (b) nan sruth sèimh, Air an Fhéinn bu mhòr do mheas. Beanneachd air anam an laoich, Bu ghairbhe fraoch (c) anns gach greis, (d) Fionn Mac Cumhail, ceann nan slògh, O ’n ’s ann air a shloinnteadh an t-Eas. Là dhuinne fiadhach nan dearg, ’S nach d’ éirich an t-sealg ’n ar car, Gu ’m facas deich mìle bàrc Air an tràigh a’ teachd air lear. (e) Sheas sinn uile air an leirg, (f) Thionail an Fhéinn as gach taobh, Seachd catha-urchaire (g) gu prap, Gur e dh’ iadh mu mhac nighinn Taoig. Thàinig an cabhlach gu tìr, Greadhain (h) nach bu mhìnear leinn, Bu lìonmhor ann pubull (i) sròil, ’G a thogail leo os an ceann. Thog iad an coisridh (j) o ’n choill; ’S chuir iad orra an àirm ghàidh, (k) ’S ann (l) air gualainn gach fir mhòir, Is thog siad orra o ’n tràigh. Labhair Mac Cumhail ri ’Fhéinn, An fhidir sibh féin cò na slòigh? No ’n d’ fhiosraich sibh cò ’bhuidheann bhorb A bheir an deannal (m) cruaidh’s an stràc? Sin ’n uair ’thuirt Conan a rìs, Cò ’b’ àill leat, a Rìgh, bhi ann? Cò ’shaoileadh tu, Fhinn nan cath, ’Bhiodh ann ach flath no rìgh? Cò ’gheibheamaid ’n ar Féinn ’Rachadh a ghabhail sgéil do ’n t-sluagh? ’S a bheireadh thugainn e gun chleith, ’S gu ’m beireadh e breith is buaidh? Sin ’n uair ’thuirt Conan a rìs, Cò ’b’ àill leat, a Rìgh, dhol ann, Ach Fearghas fìor-ghlic, do mhac, O ’n ’s e ’chleachd bhi dol ’n an ceann? Beir a’ mhallachd, a Chonain mhaoil, Thuirt am (n) Fearghas ’bu chaoin cruth, Rachainnse ghabhail an sgéil Do ’n Fhéinn, ’s cha b’ ann air do ghuth. Ghluais am Fearghas armail òg, Air an ròd an coinneamh nam fear, ’S dh’ fhiosraich e am briathraibh fòil, Cò na slòigh so ’thig air lear? Mànus fuileach, feardha, (o) fial, Mac Rìgh Beatha nan sgiath dearg, Ard-Rìgh Lochainn, ceann nan cliar, (p) Giolla bu mhòr fiamh is fearg. Ciod a ghluais a’ bhuidheann bhorb, O rìoghachd Lochlainn nan colg (q) sean? An ann a mheudachadh ar Fiann A thàinig an triath thar lear? Air do làimh-sa, Fhearghais fhéil, As an Fhéinn ge mòr do shuim, Cha ghabh sinn cumha gun Bhran, (r) Agus a bhean a thoirt o Fhionn. Bheireadh an Fhéinn còmhrag cruaidh Do d’ shluagh mu ’m faigheadh tu Bran; Is bheireadh Fionn còmhrag treun Dhuit féin mu ’m faigheadh tu ’bhean. Thàinig Fearghas, mo bhràthair féin, ’S bu chosmhuil ri gréin a chruth; ’S dh’ innis e sgeula gu fòil, Ge b’ osgarra (s) mòr a ghuth. Mac Rìgh Lochlainn sud fa (t) ’n tràigh Ciod e ’m fàth dhomh bhi ’g a chleith? Cha ghabh e gun chòmhrag dlù, No do bhean ’s do chù fa (u) bhreith. Chaoidh cha tugainnse mo bhean Do aon fhear a ta fo ’n ghréin, ’S cha mhò ’bheir mi Bran gu bràth, Gus an téid am bàs ’n a bheul. Labhair Mac Cumhail ri Goll, Am (v) mòr an glonn duinn bhi ’n ar tosd, Nach tugamaid còmhrag borb Do Rìgh Lochlainn nan sgiath breac? Seachd altrumain (w) Lochlainn làin, ’S e labhair Goll gun fhàs-cheilg, Ge lìonmhor aca-san an sluagh, (x) Diongaidh (y) mis’ am buaidh ’s an leirg. So thuirt an t-Osgar ’bu mhòr brìgh, (z) Diongam-sa Rìgh Innse-Torc, ’S cinn a dhà chomhairleach dheug Leig fa ’m chomhair féin an cosg. (a) Second person singular, consuetudinal present. (b) “Laoi’re” in Gillies’ copy. (c) Rage, fury. (d) Attack. (e) The sea. (f) Dative of “learg,” a little eminence, a plain (O’Reilly). (g) From “cath,” battalion, and “urchair,” shot, cast, throw. (h) A band, troop. (i) Tent. (j) Infantry. (k) For “gàbhaidh” (H. S. Dict.). (l) Gillies’ copy has “dà shleagh.” (m) Conflict. (n) The M.S. is “an,” the Irish idiom. (o) Manly, brave. (p) Of poets. (q) Of pointed weapons, swords. (r) Finn’s dog. (s) Loud, bold. (t, u) The M.S. is “faoi.” (v) The M.S. is “’S.” We adopt “Am” from Gillies’ copy. (w) Nurslings. Above this line is written in the M.S. in English, “Probably the Baltic, which never ebbs.” (x) We have adopted these lines (3d and 4th) from Gillies’ copy. The M.S. is, “’S air libhse gur mòran sluaidh, Bheir mi ’m brìgh ’s am buaidh, gu léir.” (y) Will match, overcome. (z) “Brìgh” has been erased in the M.S., and “prios” substituted for it. Gilles’ copy has “brìgh,” which we prefer to “prios.” [TD 51] Iarla Mhumhain (a) ’s mòr a ghlonn, (b) So thuirt Diarmad donn gun on, (c) Coisgidh mise sud d’ ur Féinn, No tuiteam féin air a shon. Gur h-e ghabh mi féin fos làimh, Ged tha mi gun chàil (d) an nochd, Rìgh Theurmainn nan còmhrag teann, ’S gu’n sgarainn a cheann re (e) ’chorp. Beiribh beannachd ’s buinibh buaidh, Thuirt Mac Cumhail nan gruaidh dearg, Mànus Mac Gharaidh nan slògh, Diongaidh mise ge mòr ’fhearg. ’N oidhche sin duinne gu lò, B’ ainmig leinn a bhi gun cheòl, Fleadh gu farsaing, fìon is céir, ’S e ’bhi (f) aig an Fhéinn ’g a òl. Chunncas, mu ’n do scar an lò, A’ gabhail dòigh anns a’ phort (g) Meirg (h) Rìgh Lochlainn an àidh ’G a togail o ’n tràidh ’n an uchd. Chuir sinn Deò-ghréine (i) ri crann, Bratach Fhinn bu gharg a treis, Lom-làn do chlochaibh òir, Againne bu mhòr a meas. Iomad claidheamh dòrn-chrann òir, Iomad sròl (j) ’g a chur ri crann, ’N cath Mhic Cumhail, Fionn nam fleadh, ’S bu lìonmhor sleagh os ar ceann. Iomad cotan, iomad triach, (k) Iomad sgiath is lùireach gharbh, (l) Iomad tòiseach (m) is mac rìgh, ’S cha robh fear riamh dhiubh gun àrm. Iomad clogad maiseach cruaidh, Iomad tuath is iomad gath, ’N cath Rìgh Lochlainn nam pìos, (n) Bu lìonmhor mac rìgh is flath. Rinneadar an ùrnuigh chruaidh, ’S bhriseadar air buaidh nan Gall; Chrom sinn ar ceann anns a’ chath, Is rinn gach flath mar a gheall. Thachair Mac Cumhail nan cuach Agus Mànus nan ruag (o) àidh, Ri’chéil’ ann an tiugh thuiteam an t-sluaigh, Chléirich, nach bu chruaidh an càs! Gu ’m b’ e sud an tuirleum (p) teann, Mar dheann (q) a bheireadh dà òrd Cath fuileach an dà rìgh, Gu ’m bu ghuineach brìgh (r) an colg! Air briseadh do sgéith an deirg, Air éirigh dhoibh fearg is fraoch, Thilg iad am buill air (s) an làr, ’S thug iad spàirn, an dà laoch. Cath fuileach an dà rìgh, ’S ann leinne ’bu chian (t) an clos; (u) Bha clachan agus talamh trom ’Mosgladh fo bhonn an cos. Leagar Rìgh Lochlainn gun (v) àdh, Am fianuis chàich air an fhraoch, ’S air-san, ged nach b’ ònair rìgh, Chuireadh ceangal nan tri chaol. Sin ’n uair ’thuirt Conan maol, Mac Morna ’bha riamh ri h-olc, Cumar rium Mànus nan lann, ’S gu ’n scarainn an ceann re (w) ’chorp. Cha ’n ’eil agam càirdeas no gaol Riut-sa, Chonain mhaoil gun fholt, O ’n tharla (x) mi an gràsan Fhinn, ’S annsa leam na bhi fo d’ smachd. O ’n tharla thu am ghràsaibh féin, Cha ’n iomair (y) mi beud air flath, Fuasglaidh mi thusa o ’m Fhéinn, A làmh threun gu cur mòr chath. ’S gheibh thu do ròghainn a rìs, ’N uair ’théid thu do d’ thìr féin, Càirdeas is comunn do ghnàth, No do làmh a chur fo ’m Fhéinn. Cha chuir mi mo làmh fo d’ Fhéinn, ’N cian a mhaireas càil am chorp, Aon bhuille t’ aghaidh, Fhinn, ’S aithreach leam na rinneas ort. Mi féin, agus m’ athair, is Goll, Triùir ’bu mhò glonn (z) ’s an Fhéinn, Ged tha sinn gun draosaich (a) no colg, (b) Ach éisdeachd ri h-òrd (c) cléir’. (a) Munster. (b) Exploit, prowess. (c) The M.S. is “gun ghuin.” Gillies’ copy has, “nan con,” but it gives “gun on” (without stain or reproach) in a foot-note. We have adopted “gun on” which is most probably the correct reading. (d) Strength, vigour. (e) From. (f) The Irish past indicative. (g) The M.S. is “ghuirt,” but we have adopted “port” from Miss Brooke’s copy. (h) Standard, banner. (i) Sun-beam. (j) Banner. (k) The same as “triath.” (l) Miss Brooke’s copy has ‘dhearg.” (m) The M.S. is “draoisich.” We have adopted “tòiseach” from the copies of Gillies and Miss Brooke. (n) A silver cup. (o) Pursuit. The same as “ruaig.” (p) Onset, contest. (q) Impetuosity, noise. See Armstrong’s Dictionary. (r) Miss Brooke’s copy has “a mbrìgh ’s a gcolg.” (s) Weapons. (t) Causing pain. (u) Hearing, report (O’Reilly’s Dictionary.) (v) In the M.S. “an” is written above “gun.” Gillies’ copy has “air an tràigh” for “gun àdh.” (w) From. (x) Came, happened. (y) Play, inflict. (z) Prowess. (a) ? Craoiseach (spear, javelin). (b) Sword, any sharp-pointed weapon. (c) Miss Brooke’s copy has “dord,” humming, muttering. [TD 52] FAILTE THEARLAICH. A suas, a suas, a shiol nam beann, Le gaisgich thrèubhach air bhur ceann, Le lannaibh geur, biodh suas n’ ur deann, A ghleachd gu teann le Tearlach! Failte ’Thearlaich thar nan tonn! ’S leat fein ar cridh’ ar lamh ’s ar fonn. Failte, ’ris, gu tìr nan sonn! O! Failte ’s buaidh le Tearlach! Feadh bheanntaibh arda tir nam buadh, Am faight’ aon ghealtair’ diblidh, truagh, Fo’ bhratach ard, nach tar gu luath, Gu bas no buaidh le Tearlach! Failte ’Thearlaich, &c. Tha clann nan Gaidh’l am measg nan sliabh, Ri aodann bais nach d’ lasaich riamh; Ni cridh’ gach armuinn leum ’n a chliabh, A’ teachd, ’n uair chi iad Tearlach. Failte ’Thearlaich, &c. Biodh cuach ga traghadh, ’s deoch ga h-ol; Le nuallan ard biodh piob ri ceol, ’S an duisg na cnuic, ’s an cluinn na neoil Ar beoil a’ luaidh air Tearlaich! Failte ’Thearlaich, &c. Ead. le MAC-MHARCUIS. WELCOME, CHARLIE. Arouse, arouse, each kilted clan; Let Highland hearts lead on the van; And forward wi’ your dirks in han’, Tae fecht for Royal Charlie! Welcome, Charlie, o’er the main! Our Highland hills are a’ your ain. Welcome to our isle again! O welcome, Royal Charlie! Amang the wilds o’ Caledon, Breathes there a base degenerate son, Wha wadna tae his standard run, And rally round Prince Charlie. Welcome, Charlie, &c. Auld Scotia’s sons ’mang heather hills. Can nobly brave the face of ills, While kindred fire ilk bosom fills, At sight of Royal Charlie. Welcome, Charlie, &c. Then let the flowing quaich go round, And loudly let the pibroch sound, Till every hill and rock resound The name of Royal Charlie! Welcome, Charlie, &c. SEUN AIR SON DEANAMH LEANNA. Anns an am ’s an robh Righ Seumas VI. ag ionnsachadh nan ealaidhean ann an Cillribhinn fo oileineachadh Dheorsa Bochanain bha gach ard fhoghlum agus eolas air an cunntas mar ghisreagan agus mar dhruidheachd, no mar bu bhitheanta leo a radh ris, “An Sgoileireachd Dhubh,” agus uime sin bha Deorsa Bochanan le ’mhor eolas air a mheas ’n a bhuidsich. Bha boirionnach bochd a’ cumail tigh-leanna ann an Cillribhinn nach robh idir a’ deanamh gu math anns a’ ghnothuch, agus chaidh i gu Deorsa Bochanan chum gu ’n cuidhicheadh e i le ’dhruidheachd. An deigh comhradh durachdach a bhi aca ri ’cheile thuirt Deorsa rithe na ’n leanadh i gu curamach ris an t-seoladh a bheireadh esan di gu ’m biodh i ann an uine ghearr beairteach. Gheall i gu ’n deanadh i sin. “A Pheigi” ars’ an druidh ionnsaichte, “gach am a theid thu a dheanamh leanna tilg a mach as an tuba sea làin ladair do dh-uisge, aig a’ cheart am a’ tionndadh m’ an cuairt ri d’ laimh chli eadar gach lan ladair. An uair a ni thu sin cuir sea làin ladair do bhraich mhath anns an tuba aig a’ cheart am a’ tionndadh ri d’ laimh dheis eadar gach lan ladair. A thuilleadh air a sin bi cinnteach gu ’n caith thu an ceanglachan beag so gun ’fhuasgladh gun ’fhosgladh mu d’ mhuineal gu latha do bhais.” Rinn Peigi gach ni mar a dh’ aithn e dhi, agus ann an ceann bheagan bhliadhnaichean chruinnich i mor bheairteas. An uair a fhuair i am bas chaidh an crios-muineil a thug Deorsa dhi ’fhosgladh, agus fhuaradh an taobh a stigh dheth paipeir air an robh sgriobhta, “Ma ni Peigi leann math Gheibh i dha reic mhath.” Eadar. le D. B. [TD 53] MO CHAILIN DILEAS, DONN. [Ceòl] Gu’ m bu slàn a chi mi, Mo chailin dileas, donn; Bean a’ chuailein reidh, Air an deise dh’eireadh fonn. ’S i cainnt do bheoil bu bhinn leam, An uair bhiodh m’ inntinn trom, ’S tu thogadh suas mo chridh’ ’N uair a bhiodh tu bruidhinn rium. Gur muladach a tà mi, ’S mi nochd air àird’ a’ chuain— ’S neo-shunndach mo chadal domh, ’S do chaidreamh fada uam; Gur tric mi ort a’ smaointeach; As t-aogais tha mi truagh; A’s mar a dean mi t-fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan. Suil chorrach mar an dearcag Fo rosg a dh’ iadhas dlu; Gruaidhean mar an caorann, Fo ’n aodann tha leam ciuin. Mar d’ aithris iad na breugan Gun d’ thug mi fein duit run; ’S gur bliadhna leam gach la O’n uair a d’fhàg mi thu. Theireadh iad mu ’n d’ fhalbh mi, Gu ’m bu shearbh leam dol a’ d’ choir; Gu ’n do chuir mi cùl riut, ’S gu’n dhiult mi dhuit mo phòg. Na cuireadh sud ort cùram, A rùin—na creid an sgleò; Tha t-anail leam ni’s cùraidh, Na’n drùchd air bhàrr an fheoir. Tacan mu’n do sheol sinn, Is ann a thòisich càch Ri innseadh do mo chruinneig-se, Nach tillinn-se gu bràth. Na cuireadh sud ort gruaimain, A luaidh—ma bhios mi slàn— Cha chum dad idir uait mi, Ach saighead chruaidh a’ bhàis. Tha mòran de luchd aimlisg, A’ seanachas an droch sgeoil; An cridheachan mar phuinsean, Cha chuimhnich iad a’ chòir; Ach na creid an sgeula; Ma gheibh a’ chleir oirnn coir; ’S ma dh’fhanas sinn o ’cheile, ’S ’n eigin a bheir oirnn. Tha ’n t snaim a nise ceangailte, Gu daingean agus teann; A’s their luchd na fanaid rium Nach eile mo phrothaid ann:— Am fear aig am bheil fortan, Tha crois aige ’n a cheann, ’S tha mise taingeil, toilichte, Ged tha mo sporan gann. [TD 54] COSAMHLACHD. III. AN CROMAN TINN. Bha croman gu tinn re uine fhada; agus air faireachdainn da nach robh moran coltais gu’n rachadh e n’a b’ fhearr, ghuidh e air a mhathair gu ’n rachadh i do gach eaglais agus tigh-aoraidh anns an duthaich a dh’ fheuchainn ciod a dheanadh urnaighean agus eadar-ghuidhe as a leth. Fhreagair an seann chroman,—A mhic mo ghraidh, dheanainn-se gu toileach ni sam bith a shaoilinn a chaoimhneadh do bheatha, ach tha eagal mor orm nach biodh ach gle bheag buannachd anns an t-seirbheis a tha thu ag iarraidh; oir, ciod an aghaidh leis an urrainn domhsa fabhar sam bith iarraidh o na diathaibh, as leth aoin a chaith a bheatha gu leir ann creachadh agus droch-bheart, agus nach soradh, an uair a gheobhadh e cothrom, eadhon na h-altairean fein a spuinneadh. An Comhchur. Tha an cosamhlachd so a’ tarruing ar n-aire gus a’ phuing chudthromach sin, aithreachas leabaidh-bais. Agus, a chum na h-amaideachd a th’ ann a bhi steidheachadh air bunait cho neo-sheasmhach a nochdadh, cha ruig sinn leas ach a’ cheist fheoraich a chuir an croman anns a’ chosamhlachd: ciamar a’s urrainn duil a bhi aige-san a bha re a bheatha gu leir a’ tabhairt oilbheum do na diathaibh le ghniomhara maslach agus eucorach, gu ’m bi iad reith ris aig a’ cheann mu dheireadh gu ’n aobhar sam bith ach a chionn gu ’m bheil eagal air nach comasach dha a dhrochbheart a chur an gniomh ni ’s mo. “Cha ruig goid air aithreachas.” Ead. le MAC-MHARCUIS. TOIMHSEACHAIN. (Freagairtean ’s an ath aireamh) 1. Slat an coille Alastair, Cha ’n iubhar i ’s cha dharach i; Is tha i sin is tomhais i. 2. Each dubh, dubh, a’ mire ris an t-sruth; ’S cha ’n eil an Albainn no’n Eirinn na léumas air a mhuin. 3. Caora dhubh, dhubh, a thilgeas ceud lomara geal’s a’ bhliadhna. 4. Barr biorach oirre ’s cha mhinidh i, Tha roinn oirre ’s cha scolb i, Tha feusag oirre ’s cha ghobhar i, Tòn odhar oirre ’s cha ’n earb i. 5. Rugadh e m’an do rugadh ’athair ’S shiubhail e m’ an do rugadh a mhathair. FREAGAIRT do ’n Toimhseachan ur ’s an aireamh mu dheireadh. An litir, L. SOP AS GACH SEID. An ni a chi na big ’s e ni na big. Is geal leis an fhitheach ’isean fhéin. Tha fhios aig a’ chroman co uime ’n dean e fead. An rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe. Gheibh foighidin furtachd is gheibh trusdar bean. Mar dean mi spain millidh mi adharc. Is ladurna ’n coileach air a dhùnan fhein. ’S math an latha air an dean am Madadh-ruadh Searmoin. An car a bhios ’s an t-seana mhaide, ’s duilich a thoirt as. Buachailleachd an t-sionnaich air na cearcan. Air do dhuin uasal da ’m b’ ainm Mac-Leoid dol a steach le ’bhàrd mar bu chleachduinn san àm do thigh-òsda, chunnaic iad bàrd eile da’m b’ ainm Conull ’n a shìne fo ’n bhòrd air mhisg. Is coltach gu’n robh e beagan roimhe so a’ tilgeadh agus air tighinn a steach do na coin aig Mac-Leoid thoisich iad air an sgeith ’ithe. Sheall bàrd MhicLeoid air agus air da’ aithneachadh thubhairt esan: “Tha ’m bàrd Conullach gu tinn, ’S e air a dhruim an tigh an òil; ’S ge b’ e phàigh air son na deoch Thug iad biadh do choin MhicLeoid.” Cha robh Conull cho tinn nach cual’ e, agus ars esan: “Thug thu masladh do MhacLeoid ’S dhomhsa cha bu chòir a chleith— Nach fhaighibh a chuid chon de lòn Ach na dheanadh luchd òil a sgeith.” MAC-OIDHCHE. [TD 55-64] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 65] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1873. [15 AIR. AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. EARRANN VII. Anns na h-earranaibh a chaidh air thoiseach rinn sinn dichioll air cunntas a thoirt air a’ ghrein, agus air na reultaibh agus gealaichibh a ta ’g a cuairteachadh. Nochd sinn meud, astar, agus gluasad nan reult mu thimchioll na greine, agus gach buaidh eile is fios duinn a tha dluth-cheangailte riu. Chunnaic sinn gu’m bheil an talamh agus na reultan eile a’ siubhal ann an cearcallaibh mu thimchioll na greine, agus gu’m bheil iad a’ criochnachadh an cuairtean ann an amannaibh suidhichte, a ta ’deanamh suas am bliadhnaichean doibh fa-leth. Tha na nithe so uile, uime sin, iongantach annta fein, agus is dall agus neo-mhothuchail an neach sin do nach leoir iad chum cumhachd agus gliocas miorbhuileach an Ti sin a dheanamh soilleir, “Aig am bheil a slighe ’s an fhairge, agus a cheumanna anns na h-uisgeachaibh mora.” Tha gach reult a dh’ ainmich sinn ri ’m faicinn o’n talamh ann an ait air bith d’ an cuairtibh, agus tha iad gu leir a’ siubhal mu thimchioll na greine ann an cearcallaibh, no air slighibh a tha dluth air a bhi gu h-iomlan cruinn. Ach tha meallan mor soillseach eile ’g an nochdadh fein air amannaibh anns na speuraibh a ta gu h-iomlan eu-cosmhuil ri h-aon air bith a dh’ ainmicheadh, a thaobh an gluasaid, an nadair, agus an coslais. Is iad so na Rionnagan-earballach a chithear aig amannaibh araidh leis an t-suil luim. Tha na h-earbuill sosoilleir mar lasair theine, agus a ghnath a’ dol a mach o na rionnagaibh sin air an taobh a’s fhaide dhiubh o’n ghrein. Tha iad a’ gluasad ann an cuairtibh nach ’eil idir cruinn; oir tha na cuairtean sin air an deanamh ann an cearcallaibh fada, cumhann, a ta ’sineadh a mach air feadh farsuingeachd na cruitheachd. Air an aobhar sin, cha’n fhaicear na rionnagan teinteach so, ach car beagan sheachduinean an uair a thig iad am fagus do’n ghrein. Le luathas do-thuigsinn tha iad a’ siubhal a mach ann an gorm-astar nan speur, agus a’ pilleadh air an ais a ris ’n an amannaibh suidhichte fein. Is miorbhuileach na rionnagan so, a thaobh gach buaidh a bhuineas doibh. Tha iad a’ greasadh air an slighibh fein le luathas do-thuigsinn, agus a’ siubhal air an aghaidh air feadh shlighean nan reult eile air an d’rinn sinn cheana iomradh; agus tha iad air an suidheachadh co cothromach, agus co h-eagnuidh is nach buail iad air aon a’ cheile. Cha’n urrainn teallsanaich a dheanamh mach gu cinnteach ciod an stubh dhe ’m bheil na rionnagan cearbach so air an deanamh suas. Tha cuid anns a’ bharail gur peileirean cruinn teine iad, agus gur lasair an t-earbull aca, a ta ’g a shineadh fein a mach co fada, a thaobh an luathais leis am bheil iad a’ suibhal. Tha cuid eile an duil gur meallan cruinn talmhainn iad cosmhuil ris na reultaibh, agus gu’m bheil iad air an cuairteachadh le adhar teinnteach agus soillseach, a ta ’g a sgaoileadh fein ’n an deigh, agus a’ nochdadh coslais earbuill. An toiseach chithear iad anabarrach [TD 66] beag leis na gloineachaibh-amhairc; ach an uair a dluthaicheas iad a stigh ris a’ ghrein, tha iad a’ fas ni’s mo, agus ni’s dealraiche, agus air uairibh tha sealladh aluinn agus soilleir r’a fhaotuinn diubh. Air do na slighibh aig na rionnagaibh iongantach so a bhi co anabarrach fada agus farsuing, rinn an teallsanach Newton a mach gu’m bheil iad a’ siubhal air feadh nan speur, aig astar moran ni’s fhaide air falbh na iomall cuairte Uranuis, agus gu’m bheil iad a ris air uairibh a’ teachd air an taobh a stigh de chuairtibh Bhenuis agus Mhars. Chunncas rionnag-earballach o cheann naoi fichead bliadhna air ais agus an uair a bha i teann air a’ ghrein, bha Newton a’ deanamh sluaigh cinnteach gun robh a teas da mhile uair ni s teotha na iarunn dearg as an teallaich; agus is teas sin a ta do-thuigsinn dhuinne! Tha na reultairean an duil nach lugha na seachd ceud aireamh nan rionnag earballach sin, a tha ’cuairteachadh na grein’ againne, ach cha’n ’eil fios cinnteach aca mu thimchioll ach aireamh ro bheag dhiubh so. Tha cuid dhiubh a’ criochnachadh an turais mu’n ghrein ann an da bhliadhna, cuid ann an tri, sea, agus deich bliadhna, an uair a tha cuid eile a’ gabhail tri, ceithir, agus cuig fichead bliadhna, agus tuilleadh, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein! Anns a’ bhliadhna 1835, chunncas rionnag-earballach le Halley, agus thugadh an t-ainm sin di, a chionn gur e an teallsair Edmund Halley a rinn a mach gu’n tigeadh i ann am fogharadh na bliadhna 1835. Ceart mar a thubhairt e, thainig i, agus cha’n ’eil teagamh nach cuimhne le cuid de luchd-leughaidh a’ Ghaidheil a faicinn leis an t-suil luim, anns a’ bliadhna sin. Tha i so a’ gabhail tri fichead agus cuig bliadhna deug, agus sea miosan chum aon chuairt a dheanamh, air chor is nach fhaicear tuilleadh i gus a’ bhliadhna 1911, ’s e sin, ochd bliadhna deug thar fhichead an deigh so! Gus an do rannsaich na teallsanaich a mach mu thimchioll nan rionnag siubhlach so, bha iad a’ bualadh dhaoine aineolach, agus saobh-chrabhach ann an iomadh aite le maoim agus eagal. Bha iad an duil gu’n robh Dia ’g an suidheachadh anns na speuraibh mar chomharan air cogannaibh, plaighibh, agus atharraichibh eagallach eile; ach gu sonraichte gu’n robh iad air am foillseachadh mar chomharan air breith no air bas dhaoine gaisgeil agus ainmeil! Mar so, chunncas a h-aon diubh re sheachd laithean an deigh breith Iulius Chesair, agus shaoil an sluagh gu’m b’e anam an duine ainmeil sin a bh’ ann air a nochdadh anns na speuraibh! Chunncas a h-aon eile aig Constantinople anns a’ bhliadhna a rugadh Mahomet. Ghabhadh beachd air rionnag so, Halley co fad air ais ri sea fichead agus deich bliadhna roimh bhreith Chriosd, agus bha i ach beag an sin co dealrach, tha e air a radh, ris a’ ghrein! Chunncas gu tric o’n uair sin i, ach cha robh fios cinnteach m’a timchioll gus an d’ rinn Halley a mach a gne. Ma’n d’ thainig i o cheann ochd bliadhna deug thar fhichead air ais, bha anabharr eagail air moran sluaigh a bha ’g an deanamh fein cinnteach gu’m buaileadh i an talamh, agus gu’n loisgeadh i e gu luaithre! Bha iad fo ’n eagal so, a chionn gu’n robh i gu cuairt-shlighe na talmhainn a ghearradh tarsuing beagan roimh mheadhon oidhche air an naoidheamh la fichead de’n mhios mu dheireadh de’n fhoghar. Ach ged bha ise gu sin a dheanamh, cha d’thainig an talamh dh-ionnsuidh an aite ’n a chuairt anns na robh an rionnag Halley gu dol tarsuing air a shlighe gu maduinn an 30mh la de cheud mhios a’ gheamhraidh; agus aig an am sin bha’n rionnag co fad’ air falbh a’s nach robh [TD 67] aobhar eagail sam bith aig luchd-aiteachaidh na talmhainn, gu’m buaileadh iad air aon a cheile! Mar so rinn sinn ar dichioll chum cunntas a thoirt air na rionnagaibh soilleir, earballach, agus siubhlach so; ach feumar aideachadh nach soirbh an ni beachd soilleir a thoirt do shluagh air nithibh mu thimchioll am bheil a’ chuid a’s mo dhiubh gu tur aineolach. Tha sinn an dochas, gidheadh, gu’n gabh moran de luchd-leughaidh a’ Ghaidheil tlachd ann a bhi ’beachd-smuaineachadh air na nithibh so gu leir, chum gu’n tuig iad ni’s soilleire cumhachd neo-chriochnach an Ti sin a shuidhich iad ann an speuraibh nèimhe. ’N am measg-san a dheanadh mineachadh soilleir agus so-thuigsinn a thoirt seachad air gach oirdheirceas a bhuineas do chruinn-mheallaibh soillseach nan speur, cha’n aithne dhuinn neach d’am b’ fhearr an tigeadh an gnothuch, agus a bheireadh barrachd ceartais da na an t-urramach foghluimte, Bun Lochabar. Is esan a nochdadh gu soiller an seol air am bheil oibre miorbhuileach na cruitheachd a’ cur an geill gloir, morachd agus cumhachd an Ti a dhealbh iad air tus, agus a ta fathast ’g an riaghladh agus ’g an stiuireadh le a chaomh-fhreasdal fein. Thugadh na h-uile, ma ta, gloir do’n TIGHEARNA IEHOBHAH, agus cuireadh iad an ceill a chliu-san, oir is Esan a mhain an Ti a ni nithe iongantach! Anns an ath earrann bheir sinn cunntas air na rionnagaibh suidhichte. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) COMHAIRLE. Na ’n triallar slighe ’ghliocais leat, Coig riaghailtean lean gu dluth; Feuch c’uin—co ris—co uime,—’s c’ ait, A’s ciamar bhruidhneas tu. CALLUM A’ GHLINNE. EARRANN IX. Air eagal a bhi a’ sgitheachadh ar luchd-leughaidh, feumaidh sinn an t-ursgeul so a thoirt gu comh-dhunadh anns an aireamh so de n’ GHAIDHEAL. A dh-aindeoin gach caochladh suidheachaidh, gach soirbheachadh agus gach duil-bhristeadh leis an robh Callum air ’fhiosrachadh anns an fhreasdal, cha do chlaon e bho an run-shuidhichte da-fhillte a chuir e roimhe, ’n uair a dh’ fhag e gleann a dhuthchais:—B’ iad sin, anns a’ cheud aite, a’ chuid a b’ fhearr a dheanamh de gach cothrom a dh’ fhaodadh e ’fhaotainn gu bhi a’ togail foghluim agus fiosrachaidh; agus le bhi ’frithealadh air sgoilean feasgair, le leughadh agus le meorachadh, thainig e ri h-uine gu bhi da-rireadh na dhuine foghlumta ann an Eachdraidh, ann an Litireachd agus ann an caochladh chanainean. Eu-coltach ri moran d’a luchd-duthcha, cha do chaill e a’ Ghailig far nach d’ fhuair e a’ Bheurla. Is ann a choisinn e, le leughadh agus le rannsachadh, tomhas de eolas air a h-eachdraidh, air a daimh agus air a samhlachd ri cànainean aosda, ard-ughdarail eile, air nach d’ rainig moran ’n a latha. Faodaidh e bhi ’n a iongantas le cuid d’ ar luchd-leughaidh, nach do choisrig se e fein do sheirbheis naomh na ministrealachd; ach is coltach nach d’ thainig e riamh gu comh-dhunadh gun robh gairm shoilleir, no barrantas neo-theagmhach aige ’n a inntinn gu ’aghaidh a chur ris an dreuchd chudthromach agus sholuimte ud; mar sin, rinn e suas ’inntinn gu’m fanadh e anns a’ ghairm anns an do ghairmeadh e; agus faodaidh e bhi gun d’ rinn e barrachd feuma ann an aobhar an t-soisgeil mar fhear-aideachaidh agus mar bhall de ’n Eaglais, na ged a bhiodh e ann an dreuchd na ministrealachd. [TD 68] Tha moran anns an t-saoghal aig nach eil mor-thlachd, no mor-mheas air an ni sin is e crioch àraid an duine; agus, aig nach eil dad de chomh-fhulangas ri aideachadh glan comh-aontachail air an diadhaidheachd; nach toir creideas a’s airde do chaithe-beatha naomh agus neo-lochdach mhinisteirean na gu’m feum iad a bhi coltach ri an ceaird; ach nach urrainn teagamh a chur ann an treibhdhireas luchd-aideachaidh eile, ’n uair a gheibhear iad, le an giulan ionraic, le an eud ciallach, cunbhallach, agus le am fialaidheachd fhein-àicheil, a’ nochdadh a mach na diadhaidheachd ’n a maise agus ’n a toradh, gun suil ri buannachd shaoghalta. Cha robh Callum riamh ’n a fhear-aideachaidh bruidhneach no bathaiseach; ach bha e anns na h-uile seadh, “na fhear-deanaidh an fhocail.” B’ iomadh oganach bochd, simplidh d’ a luchd-duthcha d’ an do nochd e fior chairdeas, air dhoibh tighinn mar choigrich do Ghlaschu, agus d’ an robh e ’n a fhear stiuraidh agus ’n a chomhairliche; ’g an dion agus ’g an tiorcadh bho na cunnartan agus bho na ribeachan millteach d’ an robh iad buailteach; agus a threoraich e gu bhi a deanamh na cuid a’s fearr de n’ bheatha ’tha lathair, agus de n’ bheatha ’tha ri teachd. D’a thaobh fein, shoirbhich leis gu math mar fhear ceaird agus mar fhear gnothuich. Dh’ fhoghluim e an “Saoghal a ghnathachadh gun a mhi-ghnathachadh.” Cha do chaill e riamh a thlachd ann an toil-inntinnean modhanail, neochoireach na beatha ’tha lathair. Bha ceol, dealbh-tharruing, gràbhaladh agus nithe de ’n t-seorsa sin, ’n an am agus ’n an aite fein, ro-thaitneach leis; bha suil agus cluas aige gu bhi ’cur meas orra mar ealaidhean a bha taisbeanadh nan comasan agus nam buadhan modhanail leis am bheil an duine, mar chreutair reusanta air a chuibhrionnachadh, eadar-dhealaichte bho chreutairean eile, agus mar sin air a dheanamh comasach a bhi a’ deilbh agus a cumadh le ’laimh, cuspairean solais agus taitneachais d’ a shuil agus d’a inntinn fein. Bha mar an ceudna tomhas de ghibht na bardachd air a bhuileachadh air Callum, ged nach do chuir e moran dhi ann an cleachdadh. Bha e ’n a dheagh bhreitheamh air ciod e sin bardachd, eadar-dhealaichte bho ranntachd a mhain. Cha’n aidicheadh e riamh gu ’n robh a’bheag de chliu na fior bhardachd, dligheach do ranntachd air bith a sgriobh e fein, no a chomhaoisean cho fad ’s a b’ aithne dha, saor o obraichean Uilleam Mhic-Iain-leith, no mar a tha sloinneadh an fhior Ghaidheil fhiughail ud nach maireann air a litireachadh an cumantas—Mac Dhun-leibhe. Ged nach d’ analaich a’ Cheolraidh riamh air Callum am measg gleadhraich agus utag a’ bhaile-mhoir, ’n uair a gheibheadh e air falbh an drasda agus a rithis air chuairt do’n duthaich bha a’ leithid de bhuaidh aig aillidheachd obair Naduir air ’inntinn, agus gur tric a bha e air a ghluasad gu bhi a’ tarruing dealbh-choltas nam beann agus nan gleann, na mara agus nam monaidhean ann an ranntachd nach eil fad’ air dheireadh air cuid de ’n t-seorsa cheudna, aig am bheil ainm agus aite ann an iarmailt na fior bhardachd. Ann san dealachadh cuiridh sinn an sampull a leanas, fo chomhair ar luchd-leughaidh. A’ cheud uair a thug e sgriob do ’n Ghaidhealtachd a dh-fhaicinn a mhathar agus a chairdean, dh’ fhag e Grianaig anns an anmoch, air te de na Smuid-shoithichean tuathach; ach air do’n oidhche bhi fuar agus dorcha, chaidh e gu trathail d’a leabaidh. Dhuisg e mu ghlasadh na camhanaich aig ceann tuath Chaol-Ile. Dheirich e gu grad a dh-fhaicinn c’ait an robh e, agus ciod a bha ri’ fhaicinn; agus sgriobh e na rannan cuimhneachain [TD 69] a leanas, ’n a leabhar poca, air fonn, “Johnny stays long at the fair.” ’N uair dhirich mi suas gu clar-uachdair na luinge, Aig braighe Chaol-Ile—bha ’n lionadh air mhire, ’G a togail gu siubhlach bho Dhiura gu Muile, ’S a curs’ air Loch-buidhe nan seol. O! chi, chi mi na tulaichean, Creach-bheinn nam fiadh ’s nan liath-charn mulanach, O! chi, chi mi na tulaichean; Chi mi Beinn-bhuidhe fo cheo. Chi mi na stuadhan nuallach, baidealach, ’Bualadh gu trom ri bonn a’ Ghăraidh, ’S ri Othirne chiar nan liath-chreag carrach; Tha leaba ’n daimh-alluidh ’g a còir. O! chi, chi mi, &c. Chi mi Beinn-Charsaig ’s braighe Ghlinn-bathair, Leth-fholaicht fo shrol de cheo na maduinn; A’s lunn an Iar-chuain le fuaim a’ sadadh Ri Carr’-bhulag stallach nan còs. O! chi, chi mi, &c. B’e an dara run-suidhidhte bho nach do chlaon Callum, agus idir nach do dhearmaid e, a dhleasdanas d’a ’mhathair. Cha deachaidh seachduin riamh seachad oirre ’n a h-aonarachd gun litir ’fhaotainn uaithe. Thainig i fa-dheoidh ’n a seann aois agus ’n a h-anmhuinneachd gu bhi gu buileach an crochadh ris airson a beolaind, agus cha b’ ann gu h-aindeonach no gu spiocach a fhritheil e d’a h-uireasbhuidhean; chum e suas i ann an comhfhurtachd agus ann an eireachdas gus an do chriochnaich i a cuairt anns an fhasach. ’N uair a leagadh sios i leis an tinneas o’ nach d’eirich i, dh’ fhag e a ghnothuichean fo mharasglachadh a luchd seirbheis; chaidh e gun dail g’ a faicinn, agus cha deachaidh e a null no a nall uaipe gus an do thilg i an anail, le a ceann air a ghairdean. ’N uair a thaisg e a corp fo’n fhoid ann an uir a sinnsearachd, agus a chuir e suas clach-chuimhneachain eireachdail thairis oirre, ghabh e a chead deireannach le tir a dhuthchais; agus cha b’ fhada gus an do lean e a bhraithrean agus a pheathraichean do Chanada, far an d’ fhuair e iad ann an suidheachadh soirbheachail. “Ni lamh an dhichiollach beairteas”—“Gun bhi leasg ann an gnothuichibh: durachdach ’n a spiorad; a’ deanamh seirbheis do ’n Tighearna,” cha b’ ann le sporan falamh a dh’ fhag e Glaschu, far an robh e ro-mheasail aig a luchd-eolais anns an t-saoghal; agus aig a bhraithrean anns an Eaglais. Cheannaich e oighreachd luachmhor ann an Canada, far am bheil e ann an socair, a’ mealtuinn toradh a dhichill, agus adhartachd onorach, eiseimpleireach a chaithe beatha agus a ghiulain; ’n a fhear-misneachaidh, na chomhnadh agus na chul-taic d’a luchd-duthcha mu ’n cuairt da. Anns a’ chomh-dhunadh, dh’ iarramaid ar taingealachd do’n GHAIDHEAL aideachadh gu treibhdhireach, airson na comain fo ’n do chuir e sinn, leis an fhoighidinn agus an fhialuidheachd a nochd e dhuinn o mhios gu mios ann a bhi a’ toirt aite faicsinneach do ’n ursgeul so, mabach, liotach agus neo-choilionta mar tha e, le dochas agus le durachd gum faod moran d’ a luchd-leughaidh, gu sonruichte am measg na h-oigridh, taitneas agus buannachd ’fhaotainn bho An sgeul so ’chaidh aithris Mu Challum a’ Ghlinne MUILEACH. AN TELEGRAPH.—Thuirt bean Ghaidhealach bho cheann ghoirid ri duine araidh air am bheil sinn eòlach, gu ’n cuala ise aig na gillean a thainig á Gallabh gu ’n robh innleachd ùr aca an dràsd air son daoine, a thoirt a dh-America; nach bitheadh dad aca ach dol ’n an seasamh air barr slait mhoir iaruinn agus gu ’m bitheadh iad a null air a’ “helegra” nan ceò, ann am prioba na sùla. Thuirt te eile a bha ’s an eisdeachd gu ’m b’ fhearr leithe fhein dol a null air te dheth na seann soithichean, na’n doigh ùr sin; air eagal ’s nach rachadh aice air i fhein a chruinneachadh a rithisd thall. [TD 70] BREITH CHRIOSD. ’N uair ’bha uisgeachan Iordain gu comhnard fo phramh, A’s air sliabh maiseach Shioin ’bha samhchair ’n a tamh, ’N uair ’bha buachaillean Bhetle’m a’ faireadh nan treud, Ri solus nan rionnag ’s gan dion o gach beud. Feuch, fuaimean neo-thalmhaidh gu h-ard os an ceann, Do chual’ iad o chein-astar dorcha nam beann, A’ dlu’chadh le ceol agus moladh ro-bhinn. Ghrad lionadh an cridh’chan le aoibhneas grinn. Ach air amharc a suas dhoibh, ghrad chlisg iad gu leir, Oir, le gathan ur, boillsgeach las gorm-bhrat na’n speur; Dhoirt na Neamhan a mach troimh an geatachan oir, Sluagh gun aireamh de aingle ’s iad sgeadaicht’ le gloir. Air carbadan dealrach, ’s sgiathan geal mar an sneachd, A nuas air an oidhche do thuirlinn am feachd; Chual’ na Neamhan a b’airde buaidh-chaithream na toirm, ’N uair a bhuail iad an clarsaichean, ’s ’sheinn iad le foirm: O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil, Tha an t-am a nis faisg ris am b’ fhad’ ’bha do dhuil, Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s fiamh-ghair air a gruaidh; Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh! Feuch, Trocair, tha ’dortadh á taisg-phraisibh oir, Do luchd-caoidh sruithean solais, gu fialaidh ’s gu leoir; Tha i ’ceangal le curam gach ciurradh a’s leon, A th’ air cridh’chan gun dochas na dream ’ta fo bhron. A chur misnich ’s na cridh’chan lan geilt tha E ’teachd, A thoirt buaidh air an Diabhull—e fein ’s a chuid feachd: Theich an duibhre roimh aghaidh reul oirdheirc an la, Ris tha doireachan Edein gu h-urar fo bhlath! O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil, Tha an t-am a nis faisg ris am b’ fhad’ ’bha do dhuil, Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s fiamh-ghair air a gruaidh; Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh! Eadar. le MAC-MHARCUIS. NA BANCAICHEAN-CAOMHNAIDH. Bu choir do gach duine a dh’ fheumas, le fallus a ghruaidh, a theachd-an-tir fein a chosnadh, beagan a chur mu seach air son an latha fhluich—la a dh’ fheudas teachd air na h-uile an uair a’s lugha a shaoileas iad. Is e an seol a’s fearr chum so a dheanamh, beagan a chur, air a lughad, anns an Ionad-mhalairt, no ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, far an tog e riadh, agus far an gleidhear cruinn r’a cheile e. Anns an aite sin tha e an comhnuidh tearuinte, agus deas gu lamh a chur air ri h-uchd feuma. An toiseach, ma ta, dean dichioll air co beag ri bonn-cruin a chur r’a cheile; thoir an tigh-malairt ort leis, agus gheibh thu an sin leabhran anns an sgriobhar sios am bonn-cruinn agad ri d’ chreideas, agus anns am bheil comas agad tuilleadh a chur an uair a chosnas tu e. Uime sin, dean dichioll air neoni a chur gu riaghailteach a’ d’ leabhran gach mios, no gach seachduin, ged nach biodh, [TD 71] ann ach sgillinn Shasunnach. Cha tuig neach sam bith gus am feuch se e, cia co furast ’s a ta e airgiod a dheanamh air an doigh so, agus tha fios aig na h-uile nach furast a dheanamh air dhoigh eile. An uair a thoisicheas duine air neoni beag a ghleidheadh mar so, tha toil-inntinn aige ann a bhi ’faicinn gu’m bheil a chuid airgid a’ fas mor gu ’n fhios gu ’n aire dha, agus ni e strith chum a mheudachadh. Cuiridh e a nis, le lan chridhe, anns an leabhran, an tasdan a rachadh roimh sin le gleadhraich ’s an stop. Tha’n cleachda taitneach so a’ teagasg do na h-uile a bhi curamach, measorra, agus stuama. Cuiridh iad cul ris gach milleadh, ana-measarrachd, agus caitheamh, agus uile laithean am beatha bithidh iad taingeil air son a’ chaochlaidh a rinneadh air an giulan, agus air an droch-cleachdannaibh. Gu robh iad lionmhor am measg luchd-leughaidh A’ GHAIDHEIL a smuainicheas air so agus a bheir iomadh beannachd dha-san a chomhairlich dhaibh a’ cheud sgillinn a chur ’n an leabhranaibh-malairt. Cha ’n urrainn neach a thuigsinn an toiseach ciod a’ bhuannachd a ta ann do theaghlach sam bith, an uair a bhios ceannard an teaghlaich sin curamach agus glic ann a bhi ’gleidheadh, agus a’ cur mu seach neoni beag an tras’ ’s a ris air son an ama ri teachd. Is cruaidh agus is duilich an obair do chosnach bochd airgiod a dheanamh, ach tha e moran n’is dorra dha an t-airgiod sin a ghleidheadh an deigh dha a dheanamh. Uime sin, ’s e gliocas gach neach aig am bheil a’ bheag no mhor an ceann na seachduin mar thuarasdal air son a shaoithreach, earrann bheag deth a chur ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, agus gun fhios gun aire dha, fasaidh e mor. Cha do ghabh neach aithreachas riamh air son gu’n d’ rinn e so. Tha cor is deich bliadhna fichead o-n thoisich na Bancaichean-caomhnaidh sin, agus is mor am beannachd a bhuilich iad air an rioghachd air fad. Tuigear so ni’s fearr le aon eiseimpleir a thoirt air a’ chuis. Bha bean-phosda og, thapaidh anns an Eilean Sgiathanach a chaill a companach, agus a dh’ fhagadh le triuir nighean, a bha ’s an am gle og. An uair a thoisich gorta mhor ’s an Eilean sin, mar a ta cuimhne aig moran fathast, bha a’ bhean so air a saruchadh gle chruaidh a thaobh gainne an teachd-an-tir. Runaich i air la de na laithibh, air sgireachd a breith fhagail, agus air Baile-cinn na Siorramachd a thoirt oirre, far an robh duil aice ri cosnadh eigin fhaotainn chum i fein agus a caileagan beaga a chumail beo. Rainig i agus ghabh i bothan tighe o thuathanach am fochair a’ bhaile. Bha’n og-bhean so riamh deanadach, dichiollach, agus glic. Cha robh la ’s a’ bhliadhna nach robh i’ faotuinn oibre mu ’n tuathanachas, a’ deanamh gach ni a thigeadh ’n a caradh air na h-achaibh, agus a’ faotuinn duaise bheag, chinnteach air son a saoithreach. An deigh dhi a bhi samhradh no dha a’ cur seachad a h-uine air an doigh so thainig i a stigh do’n bhaile air feasgar araidh, o cheann a nis dluth air fichead bhadhna, agus ghairm i airsan a ta ’sgriobhadh so sios, beagan an deigh dha teachd do’n aite, do bhrigh gu’n robh eolas aic’ air roimh sin ’s an Eilean Sgiathanach. “An ’tu so ’Mhairearad, tha mi ro thoilichte t-fhaicinn; agus cia mar tha thu fein agus do phaisdean?” “Tha sinn uile slan, fallain, gun fhath gearain, ach ciamar tha sibhse? Is mor mo sholas gu ’n d’ thainig sibh a dh-ionnsuidh a’ bhaile so. Ochan! Ochan! is mi tha toilichte an diugh.” An deigh do Mhairearad a h-eachdraidh a chur an ceill gu mion, poucail ann am fior Ghailig, thubhairt i:— “Tha gnothuch beag agam ribh agus tha mi’n dochas gun dean sibh e. So agaibh coig puinnd Shasunnach a chuir mi r’ a cheile o-n thainig mi do’n aite so, agus gleidhidh sibh dhomhsa iad air eagal gu’n caill mi iad.” “Tha mi ro thoilichte gu’n deachaidh a’ chuis co math leat a Mhairearad, oir is fhada ’bhiodh tu ’s an Eilean Sgiathanach mu’n sgriobadh tu na h-uiread r’ a cheile; ach cha ghabh mise an t-airgiod agad idir, agus cha ghleidh mi dhuit e air an doigh sin; ach ma thogras tu cuiridh mi e gu buil n’is fearr dhuit, agus gu buil a bhios chum beagan buannachd dhuit, aig an am cheudna.” “Ciod e sin? Bha duil agam gu’m biodh e chum feuma dhuibh fein, agus is i ur beatha a ghabhail, a chionn gu’m bithinn gle chinnteach as an uair a dh’ fheudadh feum a bhi agam air.” “Cha ghabh mi idir e, a Mhairearad, air an doigh sin, ach cuiridh mi e a’d’ ainm fein ’s a Bhanc-caomhnaidh; gheibh mi leabhar beag air a shon anns an sgriobhar sios e, a ghleidheas mi dhuit, agus togaidh e riadh dhuit an sin.” “Banc-caomhnaidh! Cha ’n ’eil agam idir air na bancaichean sin. Tha eagal orm nach ’eil iad cinnteach, agus b’ fhearr leam gu mor ’n ur laimh fein e.” “Gabh thusa mo chomhairle-se, a Mhairearad, agus theid mi fein an urras air nach eagal da. Ach tha urras n’is fearr agad na mise. Tha Bhanrigh mhaith [TD 72] againn fein an urras air, agus ciod tuilleadh a dh’iarradh tu? Tha na bancaichean sin a’ cur an airgid aca air son tearuinteachd ann an sporan mor na rioghachd, agus gus am brisear an crun Breatunnach, cha’ n ’eagal doibh.” “O, ma ta, tha mi ’g iarraidh maitheanais, ’s ann agaibh fein is fearr tha fios; so agaibh an t-airgiod le beannachd, agus is iomadh fallus cruaidh, goirt a thug e air mo mhalaidh mu ’n do chuireadh r a cheile e.” “A nis, a Mhairearad, an uair a bhios bonn-cruin, no leth-chruin, no sgillinn-Shasunnach agad, gabhaidh am banc e, seasaidh e an sin ri d’ chreideas, togaidh e riadh an ceann na bliadhna dhuit agus bithidh e an comhnuidh a’ fas mor.” “Mo bheannachd agaibh, ach c’uin, no ciamar a gheibhear a mach e a ris?” “Gheibhear a mach e air la sam bith. Gheibhear e gu leir eadar chalp’ agus riadh, no gheibhear co beag ris an tastan as aig an aon am, uair sam bith a dh’iarrar e.” “Nach e tha goireasach, freagarrach, doigheil! ’S i Bhanrigh fein,—gu robh i air a beannachadh!—a dheanadh an gnothuch gu ceart; oir tha mi cinnteach nach deanadh Banc Phort-righ againne sin; ’s e nach deanadh. Cha ghabhadh e suim co beag. Ach feumaidh mi a bhi ’falbh. Mile beannachd,—mile taing,—slan leibh.” A nis, ciod a dh’eirich do’n bhan-Sgiathanach so, agus d’a gnothuichibh anns a’ Bhanc-caomhnaidh? Bha i’ tighinn an tras’ ’s a’ ris le beagan air son a leabhrain fein, agus bha i a’ gabhail tlachd ann, nach robh aice an toiseach. Mu dheireadh dh’fhag i an duthaich agus an tuathanachas, agus ghabh i aite beag freagarrach ’s a’ bhaile. Thoisich i air nithe beaga a reiceadh, mar a ta aran, im, caise, uibhean, coinnlean, biorana-fadaidh, soda, siopunn, agus an leithide sin. Bha i curamach mu cheartas a dheanamh ri ’cuid cloinne. Thug i sgriobhadh, leughadh, agus sgoil-fhuaigheil do no h-igheanaibh aice. Dh’ fhas iad suas ’n an caileagaibh tapaidh, dreachail; phos iad agus tha iad a nis ’n an tighibh fein. Tha Mairearad choir fein ’n a boirionnach laidir tapaidh, sgairteil fathast, a’ cumail a’ bhuth bhig aice mar a b’abhaist, agus gun a bhi idir dearmadach air a leabhar beag fein, anns am bheil a nis a cuid airgid air meudachadh gu gle dhluth air da cheud punnd Sasunnach! Leanadh gach bean agus bantrach, gach oigfhear agus aosda, gach cosnach agus ceannard teaghlaich eiseimpleir na ban-Sgiathanaich dhichiollaich agus ghlic so; agus an uair a dh’ innseas AN GAIDHEAL doibh ann am fior Ghailig ciamar a thainig i air a h-adhart, chi iad, agus tuigidh iad fein, nach biodh, feudaidh e ’bhi, aon sgillinn ruadh aice an diugh, na’n diultadh i ’s an am sin comhairle a caraid a ghabhail; agus na’m fagadh i mar a bha i a’ bagairt, na coig puinnd Shasunnach aice ann an seotal na ciste an aite an cur a stigh do’n Ionad-Mhalairt sin, far an d’ fhas iad uidh air ’n-uidh co mor ann an aireamh ’s a tha iad a nis. ALASDAIR RUADH. AN DARA DUAN DE SGIALACHD NA TROIDHE; Air a thionndadh bho Ghréugais Homeir Gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MACLACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam fineachan Gréugach agus Troidheach. III. (Air a leantuinn bho ’n àirimh mu dheireadh.) Mòralach air tùs gach drèam, Agamemnon dh’ éirich suas. Thog e gu rìoghail na ’dhòrn, An trom cholbh a b’ òrbhuidh snuadh— Dheilbh Bhulcan ant iongnadh grinn Mar thìodhlaic do rìgh nan spéur. Thug Iòbh i do Hermes àigh— Marbhaich Arguis nan sùl géur— Bhuilich Hermes i na ’dhéigh, Ortsa, Phéloips nan stéud luath. ’S bho Phélops thàinig i nìos, Gu deagh Atreus, triath nan sluagh. Atreus dh’ fhàg an dìleab chòrr, ’S mheal Thyestes nam mòr-thréud. Dhealraich i nis ann an cùirt Agamemnoin, iùl nan tréun; Chum ’s gu’m biodh Argos fo ’smachd, ’S gorm-eileanan pailt a’ chuain. Leig e ’thaic air a’ bhall òir, ’S thionsgain glòir bu sheòlta cuairt: “Fheara cuinn cridhe na Gréig’, A dh’ fhoghluim éuchd bho Mhàrs nam buadh, Ormsa chàirich Iòbh, ’s cha b’ àm, Trom-eallach nan ànradh cruaidh. Mo ghuin ’s mo dhìobhuil an gnìomh, Gheall, a’s gheall e—’s cian bho ’n là, Gu ’n lom-sgriosainn Tròidh nan tùr, ’S tilleadh ait gu m’ dhùthaich ghràidh; Nis bho ’n struidh mo mhaoin ’s mo loinn ’S gu ’n d’imreadh orm foill nach b’ fhiùgh, Ni cha dìdein m’ fhuighleach truagh, [TD 73] Ach teicheadh thair chuan gun chliù. ’S e sin òrdugh tì nan tì, ’Bheir air rìgheachd creach no glòir, ’Luaisgeas fann-phruip earbsa dhaond’, ’S romh ’n tuit bàbhuinn nam faoin-thòrr. Ach fàth mo chiùrraidh ’s mo nàir’, Na chluinneas ant àl na ’r déigh; Cho fad ’s a chum pòr gun mhiagh Còmhrag dhian ri feachd na Gréig’. Feachd is mòrach ainm ’s gach tìr, A dh’ fhàs cho dìblidh ri uchd cruais. ’S gun choltas crìche no dùil, Gu ’n crùnar an toisg le buaidh. Na ’n roghnuicheadh Tròidh ’s a’ Ghréig Còrdadh réidh fo cheangal mhionn, Chum ’s gu ’n gabht’ air an dà thaobh Uil’ àireamh nan laoch air cheann,— Gu ’n tàirngt’ air cothrom an lòin Luchd-còmhnuidh baile nan tùr; ’S a’ Ghréig roinnt’ aig cuilm araon, Deichnear laoch mu bhiadh gach bùird; Ged iarr gach deichnear, mar chòir, Aon bho Thròidh gu dìol air fìon, Gheobhteadh fad gach cèarn de ’n bhlàr Ioma tùrlach ’s tràill d’ a dhìth. Ach ’s iad fir ’chomradh ar nàmh— Luchd àitich nam mòr-roinn dhlùth, ’Mhiadaich ar n-allaban cràidh, ’Bhrisd ar crìdh ’s a chnàmh ar lùths. Naoidh Bliadhna nan iorghaill cian, Thriall bho shoir gu siar mu ’n cuairt, Ghrod oirnn fiùbhaidh nan luath-long, ’S ar n-ùr-ghaisreadh tholl a’s bhruan. ’S goirt, tùrsach ar mnathan gràidh, Ar maoth-phàisdean chaill an ciall, Na ’n suidh’ air nochd-làraich fhàis, Gun fhusgais gach là mu’r triall. Dleasnas, tiarainnteachd, a’s bàigh, ’S guth nàdair bho ghrùnnd gach cléibh, Ag éigheach: fheara mo rùin, Gu ’n dìobramaid cùis gun fhéum. Teichibh ás, le ’r breòchaid bhàrc, Gu àrois ur gaoil thair tuinn. Tha Tròidh fo dhìdein nan spéur, ’S do ’r neart-ne cha ghéill i chaoidh.” Labhair e, ’s cho-ghluais am feachd,— Mhiad ’s nach d’ fhiosraich beachd an rìgh: Shaoil mar aon gu ’m bu bhreith cheart, ’S teas-ghràdh caoimhneil las na ’n crìdh. Ghluais iad mar neart nan garbh thonn, Cuan Icaria doirbh fo ghreann; Deas a’s ear a’ taosgadh shian, Romh bhaideal nan nial le srann. Mar ghéilleas trom-arbhar dlùth Romh bhras-thùirling nan gaoth niar; Raoin a’ luath-shiubhal fo’n stoirm, Na ’n tuinn tholgach, fada ’s cian;— Sin mar chìteadh mìltean slòigh, A’ dòrtadh a chòir nan long; Ceò-snìomhain bho ’n smùraich ruaidh, Mhosgladh suas le tartraich bhonn. Ag glanadh claisean nam bàrc; Greadhnach an gàir—mòr an uaill, Air ghléus grad-tharruing gu sàil, Fhreagair an spéur àrd do ’m fuaim. An sin, thilleadh a’ Ghréig gu tìr, Cheart aindeoin gach ni bha ’n dàn, Mur b’ e gu ’n d’ thug Iùno ’n éubh Air ban-dia éuchdach nam blàr: “Mo léir-chreach, ’s mo mhianas truagh! A nighean Iòbh is uaibhreach sgiath, An teich Gréugaich ás thair chuan, Fad romh ’n àm gun bhuaidh, gun diol? ’S iad a dh’ fhàgadh fàth na h-uaill, Do chùirt uaibhreach ’s do thuath Thròidh. Helen chéutach nam miann cràidh, A ghluais bàs do mhìltean slòigh, Liuthad Grèugach gaisgeil, ùr, A dh’ éug cian an dùthaich ghaoil. ’S Paris gun ath-dhìol ’g a chionn, An seilbh toradh a mhionn claon; Ach togs’ ort, ’s bi sìos na d’ léum, Gu feachd Gréugach nan arm cruaidh; Grab an triall le d’ bhriathran còrr, Los nach sgaoil iad seòl thair stuaidh.” (Ri leantuinn.) SGEULACHD DO’N OIGRIDH. (O’n Bheurla.) Is e m’ ainm Agib. Is mi mac Righ nan Turcach. An deigh a bhais ghabh mi seilbh air a rioghachd gu leir agus dh’ fhan mi anns a’ bhaile anns an do rinn e comhnuidh. Tha mo rioghachd air a deanamh a suas de aireamh de oighreachdan aluinn air tir-mor cho math ri moran de eileanaibh luachmhor. B’ e a’ chiad rud a rinn mi an deigh seilbh a ghabhail, cuairt a thoirt do na h-oighreachdan air tir; an deigh sin dh’ orduich mi mo chabhlach gu leir a bhi air an cur fo lan uidheam agus chaidh mi do na h-eileanaibh a chum agus gu ’m buidhinninn le m’ lathaireachd gean-math mo chuid iochdarain agus gu ’n daighnichinn iad ’n an dillseachd agus ’n an tairiseachd. Thug na turais-cuain so dhomh deigh mhor air seoladaireachd, anns an do ghabh mi a’ leithid de thlachd gu ’n do chuir mi romham gu ’n gabhainn an saoghal mu ’m cheann ’s gu ’m faicinn ciod a bha ’gabhail aite an taobh a mach de m’ rioghachd fein. [TD 74] A chum na criche so fhuair mi deich luingis a chuir an ordugh, chaidh mi air bord air te dhiubh, agus sheol sinn air falbh. Bha ar turas ro thaitneach agus gun bhacadh fad da fhichead latha; ach air a’ chiad oidhche thar da fhichead sheid a’ ghaoth ’n ar n-aghaidh cho doinionnach ’s gu ’n robh sinn an impis a bhi air ar call. Dh’ aithn mi gu ’n stiuireamaid air ar n-ais d’ ar duthaich fein; ach thug mi an aire aig a’ cheart am nach robh fios aig fear-iuil na luinge c’ aite ’n robh sinn. Air an deicheamh latha an deigh so thug aon de na maraichean a chuir sinn do bhar a’ chroinn dh-fheuch am faiceadh e fearann, sanas duinn nach bu leir dha ni ach an speur ’s an cuan, ach direach air thoiseach oirnn gu ’n robh ar leis tiugh dhorchadas. An uair a chual’ an stiuradair so ghrad mhuth e ’chruth agus a’ tilgeadh a chomhdach-cinn air clar-uachdair na luinge leis an darna lamh, bhuaile an lamh eile air ’uchd agus ghlaodh e, “O, fheara, tha sinn uile caillte; cha teid aon againn as; agus le m’ uile theomachd agus eolas cha’n ’eil e am chomas ar tearnadh.” Dh’ fheoraich mi dheth ciod a b’ aobhar do leithid de an-dochas. Fhreagair e, “Tha an doinionn air ar toirt cho fada as ar slighe agus gu ’m bi sinn mu mheadhon latha am maireach dluth air a’ Bheinn-dhubh, no mèin na cloich-tharruing a tha eadhon a nis fein a’ slaodadh do chuid luingis g’a h-ionnsaidh a chionn na tha de dh-iarunn ann ad shoithichibh; agus an uair a thig sinn mar astar araidh do ’n bheinn tha cumhachd na cloich-tharruing cho laidir ’s gu ’m bi na tairnnean uile air an spionadh a cliathchaibh agus urlar nan soithichean, agus leanaidh iad ris a’ bheinn air alt agus gu ’n tuit do chuid luingis as a cheile agus theid iad fodha. A thuille air a so tha e eu-comasach a’bheinn a dhireadh. Air a mullach tha comhdach de phrais ghrinn air a chumail a suas air ceithir puist phrais agus air ’uachdar sin tha each prais ’n a sheasamh le marcaiche air a dhruim agus clar luaidhe air ’uchd air am bheil sgriobhainean druidheachd air an gearradh. Tha seann eachdraidh ag radh gur iad am marcaiche agus an t-each so is aobhar gu ’m bheil de shoithichean agus de dhaoine air an call ’s an aite so, agus gu ’m bi e sgriosail do na h-uile a thig dluth dha gus am bi e air a thilgeadh sios gu lar.” Air do’n stiuradair sgur, ghuil e as ur; rinn an sgioba gu leir an ni ceudna agus dh’ fhag iad beannachd aig a cheile. An ath mhaduinn chunnaig sinn gu soilleir a’ Bheinn-dhubh. Mu mheadhon latha bha sinn cho dluth ’s gu’n do mhothaich sinn gu ’m b’fhior na chuir an stiuradair air mhanadh; oir leum na bha de iarunn agus de thairnnean anns na soithichibh a dh-ionnsaidh na beinne le fuaim chruaidh; chaidh na soithichean as a cheile agus chaidh an luchd fodha ’s a’ chuan. Bha mo dhaoine uile air am bathadh, ach bha Ni-math trocaireach dhomh-sa agus chaidh agam air mi fein a thearnadh air mir briste d’ an long a sheid a’ ghaoth gu tir, direach aig iochdar na beinne. Cha d’ fhuair mi an goirteachadh a bu lugha; agus mar a b’ fhabhorach bhuail mi an cladach aig aite far an robh mar gu’m b’eadh staidhir a’ suas gu mullach na beinne. Rainig mi am mullach gun sgiorradh sam bith; chaidh mi a stigh fo ’n chomhdach phrais agus a’ tuiteam air mo ghluinibh thug mi buidheachas do Dhia airson a throcairean. Chuir mi seachad an oidhche an so. Ann am chadal thainig seann duine far an robh mi agus thubhairt e “Eisd, ’Agib; cho luath ’s a dhuisg- [TD 75] eas tu cladhaich anns an talamh fo d’chasaibh: gheobh thu bogha prais agus tri saighdean luaidhe. Tilg na tri saighdean air an each, agus tuitidh e fein agus a mharcaiche anns a’ mhuir; air d’a so a bhi deunta eiridh an cuan a nios gu ruig am pailliun. An uair a dh’eireas e, chi thu bata le aon duine innte agus ramh aige anns gach lamh; tha an duine so mar an ceudna de mhiotailt, ach eadar-dhealaichte bho ’n fhear a thilgear sios; leum air bord, ach gun Ni-math ainmeachadh, agus leig leis do stiuradh. Bheir e ann an deich laithean thu do chuan eile far am faigh thu cothrom air tilleadh dhachaidh do d’ dhuthaich fein, air chumhnant mar a dh’ aithn mi dhuit, nach tig thu thairis air ainm Ni-math fad an turais.” An uair a dhuisg mi dh’ fhairich mi mi fein gu mor air mo chomh-fhurtachadh leis an taisbeanadh agus rinn mi gach ni mar a dh’ iarr an seann duine orm. Thog mi am bogha agus na saighdean as an talamh, loisg mi air a’ mharcaiche agus leis an treas saighead leag mi e fein agus an t-each. Aig a’ cheart am dh’ eirich a’ mhuir uidh air n-uidh. An uair a rainig i casan a phailliuin a bha air mullach na beinne, chunnaig mi, fada uam, bata ag iomram g’am ionnsaidh agus thug mi taing do ’n Fhreasdal. An uair a bhuail am bata tir chaidh mi air bord, a’ toirt aire mhaith nach ainmichinn Ni-math, ni mo a labhair mi aon fhacal. Shuidh mi, agus thoisich an duine air iomram air falbh o’n bheinn. Dh’ iomair e gun sgur gus an naoidheamh latha ’n uair a chunnaig mi eileanan eigin, a thug dhomh dochas gu ’m faighinn as o gach cunnart roimh ’n robh eagal orm. Bha m’ aoibhneas cho mor ’s gu ’n do dhi-chuimhnich mi an rud air an deachaidh mo chur an earalas; “Is mor maitheas an Fhreasdail, cliu gu ’n robh dha!” a deir mi. Cha luaith a bha na facail as mo bheul na chaidh am bata agus an duine fodha agus bha mi air mo thilgeadh am measg nan tonn. Shnamh mi gu oidhche, ach mu dheireadh an uair a bha mo neart ’g am threigsinn, thilg tonn cho ard ri beinn mi air talamh tioram. B’e a chiad rud a rinn mi m’ aodach a thilgeadh dhiom agus a thiormachadh. Air an ath mhaduinn chaidh mi air m’ aghaidh a dh’ fhaicinn ciod a’ ghne dhuthcha anns an robh mi, cha deachaidh mi ach gle bheagan astair an uair a chunnaig mi gu ’n robh mi ann an eilean fasail, ach aillidh, agus e lan de chraobhan agus de gach seorsa toraidh. Thug mi mi fein a suas do Dhia agus ghuidh mi air gu ’n deanadh e rium a reir a thoile. Air ball chunnaig mi long a’ tighinn o thir-mor, a ruith leis, direach a dh-ionnsaidh an eilean. Chaidh mi suas do chraoibh a chum, o mheasg an duillich thiugh gu ’m faicinn gun a bhi air m’ fhaicinn. Thainig an long a stigh do chamas beag, far an d’thainig air tir deich traillean a’ giulan chaibeachan agus innealan eile air son cladhach an talaimh. Chaidh iad air an aghaidh gu meadhon an eilein, far an do chladhaich iad uine mhor gus an d’ thainig iad air dorus a ghabhadh togail. Thill iad an sin thun an t-soithich agus chuir iad air tir caochladh sheorsachan de bhiadh agus buill airneis a ghiulain iad a chum an aite anns an robh iad a’ cladhach; chaidh iad an sin a sios do ’n ionad-chomhnuidh fo ’n talamh. Chunnaig mi iad a’ dol a ris a chum an t-soithich agus a’ tilleadh goirid as a dheigh le seann duine a throraich air lamh giollan og, eireachdail mu thuaiream coig bliadhn’ deug a dh-aois. Dh’ fhosgail iad a’ chomhla agus chaidh iad air fad a sios. An uair a thainig iad a nios a ris, dhuin [TD 76] iad an dorus, chuirnich iad e le uir agus thill iad thun a’ chamais far an robh an long; ach cha ’n fhaca mi an gille og’n an cuideachd. Thug so orm a chreidsinn gu ’n d’ fhuirich e as an deigh anns an uaimh. Chaidh an seann duine agus na traillean air bord; thog iad an siuil, agus stiuir iad an cursa gus an tir o’n d’ thainig iad. An uair a chunnaig mi iad cho fad as agus nach b’ urrainn doibh m’ fhaicinn, thainig mi ’nuas as a’ chraoibh agus chaidh mi direach a dh-ionnsaidh an aite aig an faca mi an talamh air a bhristeadh. Thog mi an uir a lion beag a’s beag gus an do rainig mi leac, mu dha no tri’ throidhean air fad ’s air leud. Thog mi ’suas i agus chunnaig mi staidhir chloiche. Chaidh mi ’sios, agus fhuair mi aig iochdar na staidhreach seomar mor, soillseach, le brat-urlair; suidheachan grinn le obair ghreis agus cluasagan sioda air an robh an duine og ’n a shuidhe. An uair a chunnaig e mi bha e fo mhor iomaguin; ach rinn mi umhlachd dha agus thuirt mi ris, “Na biodh eagal ort. Is righ mise, agus cha dean mi dochann sam bith ort. An aite sin, is ann is docha gur e do dheadh fhortan a stiuir an rathad mi gu d’ shaoradh as an uaigh eagalaich so, far am bheil thu a reir coltais air do thiodhlacadh beo. Ach is e is mo ’tha cur de ioghnadh orm (oir cuimhnich gu ’m faca mi a’ h-uile ni a ghabh aite o-n thainig thu do ’n eilean) gu ’m fuilingeadh tu thu fein a thiodhlacadh anns an aite so gun strith gun chur ’n a aghaidh.” Air cluinntinn so do ’n duine og ghabh e beagan misnich agus le gnuis shuilbhear dh’ iarr e orm suidhe r’a thaobh. An uair a shuidh mi thubhairt e, “A Phrionnsa, cuiridh m’ eachdraidh iongantas ort. Tha m’ athair na fhear-malairt sheudan. Tha aige moran thraillean, agus luchd-ionaid ann an iomad cuirt rioghail a’ reic a chuid usgraichean. Bha e uine mhor posda m’ an robh teaghlach aige. Bhruadair e gu ’m biodh mac aige ach nach biodh a shaoghal ach goirid. Greis an deigh so rugadh mise, ni a bha ’n a aobhar air mor aoibhneas anns an teaghlach. Ghabh m’ athair geur bheachd air am mo bhreith agus chuir e a chomhairle ri teallsanaich mu thiomchioll na bha an dan domh. Fhreagair iad e, ‘Bidh do mhac beo gu sona gus an ruig e aois choig bliadhn’ deug ach aig an am sin coinnichidh e ri cunnart o ’m bi e cruaidh dha dol as. Ach ma bhios e cho fortanach ’s gu ’m faigh e thairis air an am sin bidh e beo gu aois mhor.Tachraidh so’ ars iadsan ‘aig an am anns am bi an t-each prais a tha air mullach na Beinne-duibhe air a thilgeadh anns a’ chuan le Prionnsa Agib, agus, mar a tha na reultan a’ cur air mhanadh bidh do mhac-sa air a mharbadh leis a’ phrionnsa sin, deich agus da fhichead latha as a’ dheigh sin.’ “Ghabh m’ athair mor dhragh ann am oileineachadh gus a’ bhliadhna so, agus is i so a’ choigeamh bliadhna deug de m’ aois. Fhuair e sanas an de gu ’n deachaidh an t-each prais a thilgeadh anns a’ chuan o chionn deich laithean. Chuir so mor iomaguin air; agus a thaobh faistinneachd nan speuradairean, dh’ ullaich e an t-aite-comhnuidh uaigneach so chum mise ’fhalach fad nan deich agus da fhichead latha an deigh d’an each phrais a bhi air a thilgeadh a sios; agus uime sin o-n tha nis deich laithean o-n thachair so, thainig e le cabhaig gu m’ fhalach, agus gheall e tilleadh an deigh da fhichead latha agus mo thoirt air m’ ais. Air mo shon fein, tha mi lan dochais, agus cha ’n urrainn domh a chreidsinn gu ’n tig Prionnsa Agib gu m’ shireadh ann an uaimh fo ’n talamh, agus sin ann am meadhon eilein fasail.” An uair a chriochnaich e thuirt [TD 77] mi ris le mor chairdeas, “Mo ghille caomh, earb ann am maitheas Dhe, agus na biodh eagal ort roimh ni sam bith. Cha ’n fhag mise thu gus am bi an da fhichead latha air dol seachad mu thiomchioll an robh na speuradairean a cur eagail ort; agus ni mi a’ h-uile seirbheis dhuit a tha ann am chomas; an deigh sin le cead t-athar agus thu fein gheobh mi de chomhstath an t-aiseag a ghabhail anns an long agaibh a dh-ionnsaidh tir-mor; agus an uair a thilleas mi gu m’ rioghachd fein cuimhnichidh mi mo chomain duibh agus bheir mi oidheirp air mo thaingealachd a nochdadh air mhodh freagarrach.” Chuir na briathran so misneach anns a’ ghille og agus lion iad e le earbsa. Thug mi ’n aire mhath nach d’ innis mi dha gu ’m bu mhise a’ cheart Agib roimh an robh geilt air, air eagal ’s gu ’n togainn fiamh no amharus. Fhuair mi e ’n a oganach ro thuigseach agus chompairtich mi d’a chuid loin de ’n robh gu leoir aige a dh-fhoghnachdainn fada os cionn da fhichead latha ged a bhiodh tuillidh ’s mise de dh-aoidhean aige. A dh-aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug thar fhichead anns an ionad-chomhnuidh uaigneach so cho taitneach s ged bhitheamaid ann an luchairt an righ. Thainig an da fhicheadamh latha; agus anns a’ mhaduinn an uair a dhuisg an t-oganach, thuirt e rium le toil-inntinn agus aoibhneas nach b’ urrainn da a chasgadh, “A Phrionnsa, is e an dingh an da fhicheadamh latha, agus cha ’n eil mi marbh, taing do Dhia agus do d’ dheadh chuideachd-sa. Cha dean m’ athair dearmad air a thaingealachd a leigeil ris dhuit air son do chaoimhneis dhomhsa agus bheir e gach goireas agus gach ni a bhios feumail dhuit chum tilleadh gu d’ rioghachd fein. Ach,” ars esan “am feadh ’s a tha sinn a’ feitheamh a thighinn, a phrionnsa mo ghaoil, dean de dh-fhabhor siucar agus measan a thoirt dhomh chum ’s gu ’n ith mi beagan g’ am fhionnarachadh.” De na measan a bha air am fagail ghabh mi a’ chuid a b’ fhearr agus chuir mi air trinnsear iad; agus o nach b’ urrainn domh amas air sgian g ’an gearradh, dh’ fheoraich mi d’an ghille og am b’ aithne dha caite ’m faighinn te? “Gheobh,” ars esan “anns a’ bhosdan gu h-ard os mo chionn.” Chunnaig mi an sgian gu h-ard, ach ann am chabhaig an uair a bha i agam am lamh, air do m’ chas dol an ribeadh anns a’ bhrat-urlair thuit mi gu mi-fhortanach tarsuing air an oganach bhochd, agus chaidh an sgian anns an uchd aige gu ruig an cridhe. An uair a chunnaig mi ciod a thachair ghlaodh mi gu craiteach. Bhuail mi mo cheann, m’ aodann agus m’ uchd; reub mi m’ eudach; thilg mi fein air an talamh le doilgheas agus bron do-labhairt. Na ’n taisbeanadh am bas e fein domh aig an am dh’ fhailtichinn gu toileach e—ach an ni a dh’ iarramaid ma’s math no ma’s olc e, cha tachair e a reir ar miann. Gidheadh, air cuimhneachadh dhomh nach tugadh mo dheoir no mo bhron air ais an t-oganach grinn, agus, air do ’n da fhichead latha bhi nis air tighinn gu crioch, gu ’m faodadh athair teachd orm gun fhios, dh’ fhag mi an t-ionad uaigneach, chuir mi an leac air beul an tuill agus chomhdaich mi thairis le uir i. Chaidh mi a suas air m’ ais do’n chraoibh a chuir fasgadh orm roimhe. Is gann a bha mi shuas an uair a chunnaig mi an soitheach a’ dluthchadh ris a’ chladach. Thainig an seann duine agus na traillean air tir gu togarach agus thainig iad, le gnuis lan dochais, a dh-ionnsaidh an aite anns an d’ fhag iad an t-oganach; ach ’n uair ’chunnaig iad gu’n robh an talamh air ur [TD 78] charachadh, mhuth iad neul, gu sonruichte an seann duine. Thog iad an leac agus chaidh iad a sios an staidhir. Ghairm iad an duine og air ’ainm; ach cha d’ fhuair iad freagradh. Lion mor eagal iad. Rannsaich iad m ’an cuairt, agus mu dheireadh fhuair iad e ’n a laidhe air an leabaidh agus an sgian troimh a chridhe, oir cha robh de mhisneach agam na spion as i. Air faicinn so dhoibh dh’ eigh iad a mach air mhodh cho craiteach ’s gun do shil mo dheoir as ur. Bha an seann duine truagh cho fada ann an neul ’s gun d’ thug iad duil-thairis d’a bheatha; ach thainig e thuige mu dheireadh. Thog na traillean leotha corp a mhic, dh’ eudaich iad ann an deise riomhach e, agus air dhoibh uaigh a chladhach chuir iad innte e. Thilg an seann duine ’s e ’n a sheasamh le taice dithis de na traillean agus a shuilean a’ sruthadh le deoir, a’chiad uir air a’ chorp agus an deigh sin lion na traillean a suas an uaigh. Air d’a so a bhi seachad, thug iad a nios an airneis gu leir agus chuir iad i maille ris na bha air ’fhagail de bhiadh, air bord air an long. Chaidh an seann duine, agus e air toirt thairis le bron, a ghiulan air cro-leabaidh a dh-ionnsaidh an t-soithich; thog iad a siuil rithe agus ann am beagan uine bha iad as an t-sealladh. MAC-MHARCUIS. MARBHRANN DO ’N ARD CHEANN-FEADHNA, AN RIDIRE RAIBEART DICK, K.C.B., K.C.H. A thuit am feadh ’s a bha e air ceann a reiseamaid a’ misneachadh a chuid daoine aig blar Shobraon, anns a’ bhliadhna, 1846. (Chaidh am Marbhrann anabarrach a leanas a dheanamh le DOMHNULL MAC-FHEARGUIS an Dailcharn. Chaidh MAC-FHEARGHUIS a mach do New Zealand agus cha’n’eil fios againn am beo e. Mur beo, tha sinn toilichte gu’m bheil an cothrom so againn clach a chur air a charn-cuimhneachain le aite ’thoirt do’n mharbhrann anns a’ GHAIDHEAL.) Air bruachaibh na Sutlish tha armailtean Bhreatuinn, Air trom-shreath an naimhdean a rìs air toirt buaidh:— Le beo-thein’ an sinnsear, a’ sguabadh na h-ar-fhaich, Mar fhaloisg an aonaich air aird’ an taoibh-tuath. Mar phriomh-eun na h-ealtuinn, mar leogh’n air a dhusgadh,— Mar bhras-shruth a’ gharbhlaich, thun mor-shlios a’ triall, Tha snas agus giulan feachd ainmeil ar duthcha, Ioghn’-chuspair na cruinne, a’s iul-reul gach ial! Cha phrabar la-feille ’tha ’sireadh na comhraig;— Cha dhearrsadh la-faiche ’tha nis air teachd dluth;— Cha throm-chinn gun eolas, cha bhorb-ghraisg gun ordugh;— Is minig air ar-fhaich’ a bhuannaich iad cliu. Ach gaisge a’s seoltachd a’ choigrich, is faoin iad A’s Breatunn ’n a cumhachd a’ trialladh g’ a choir; Th’ ar bratach neo-chearbach, gun smal a’s gun bheuma, A’ snamhadh gu buadhmhor air cein-thur Lahore. [TD 79] Ach ’s faileas a’s faoineis ar laithean ’s a’ chuairt so;— Tha iad mealltach mar chaoin-shruth—ri sgeulachd, cho gearr; An dochair is searbh i—am milis cha bhuan e,— Tha copan an dochais ’n a bhloighdibh air lar. Le ainneart na doininn tha ’n darach ag aomadh, ’N uair ’s boidheach ’s is ur-dheas caomh-neoinean an loin; Tha ’n laibhreis gu h-uaine a’ crunadh an ard-fhlath, Ach faic air a cul-thaobh, craobh dhuaichnidh a’ bhroin! Nis fhuair sinn buaidh-larach—buaidh ghlormhor mar ’s abhaist,— Ach dubh-bhrat’ tha ’sgaileadh iar-eilean ar ruin; Tha ’n t-eilthireach bosdail aig Breatunn fo cheannsal,— Ach ’s dubhach gach aogas—is deurach gach suil. Tha Albainn a’ caoineadh nan gaisgeach nach maireann, ’S tha ’n trom-ghaoir a’ meudach o mhachair gu gleann; Is tiamhaidh gach tir-ghradhaich’ an luchairt na morachd, ’S am bothan na saorsa, fo dhubhra nam beann. Ach, ’Adholl nan gorm-chluain, nan dlu-choill’ ’s nan ard-fhrith, Trom-bhuille do dheuchainn co ’s urrainn a luaidh? Tha cuspair ard t’ earbsa ’n a shuain ann a mhorachd,— Thuit e ’s a’ chomhrag ’n àm glacaidh na buaidh. Cha bhreisleach na h-oidhche, cha chlo-shuain na maduinn A sgaoileas mar mhin-cheo ’n uair dh’ eireas an lò;— Sir Raibeart cha bheo e;—O, duibhre na doruinn! ’Thulaich-mhaighte cha phill, O cha phill e ni ’s mo! An caol-thigh na samhchair tha ’n gaisgeach ’n a shineadh, Fad’ o dhuslach a shinnsear, Tulaich aluinn a ghaoil; Cian-astar o ’chairdean ’s o ’n chomunn bu chaomh leis A choinneach’ aig euchd-chluich air gorm-bhrat an raoin. D’ a dhuthaich bu bheo e,—’s ’n a h-aobhar a thuit e; A fior mhac gach am e, an comhrag ’s an sith; ’S bidh ’ainm mar an t-ur-dhealt air moch-thrath a’ Cheitein; Luaidh-molaidh gach beul e ’s dearbh dheadh-mheas gach crìdh’. Uile bhuaidhean do naduir, ’shar-cheannaird a b’ ordheirc’, Cha ’n fhilidh le ’mharbhrann a chuireas an ceill;— Glic, fearail, cruaidh, calma an comhairl’ ’s an gniomh thu; Tha ar-fhaich a’ choimhich ag innseadh an sgéil. A’ stiuradh feachd Bhreatuinn le dealas chum comhraig, Mar bu teinne an strith rinn do mhoralachd fas! An ionad a chruaidh-chas bha ’n t-armunn air ’fhaotainn, Le misneach, a’ brosnach’ chum buaidh no chum bais. Tha ’n coigreach fein-speiseil, le uaill a’s le morchuis A’ dulan an leoghainn a ’s buadhaile fiamh; Le ’steud-each le ’àr-bheairt ’s le ’throm-shreath gun aireamh A’ glacadh a sheudan le saobh-eud a mhiann.— Tha ’n aisling air teicheadh,—tha Breatunn ’nis ullamh,— [TD 80] A gairdean tha ruisgte, ’s a bratach an aird; Air raon-chath do roghnachaidh, ’eilthirich uaibhrich, R’ a cumhachd an gleachd thu fo chuairt-reul an la? Tha ’n aisling air teicheadh,—fo cheannsal Shir Raibeart, Tha mor-euchd na ’n ard-shonn a ris air toirt buaidh; Mar phriomh-iul na comhraig, fhuair teachdair’ a’ bhais e,— Tha rogha nan sar air a charamh ’s an uaigh. Mor an ard-thlus a naduir—faic nis ann a bhas e, Le h-iolach a’ caithream fo chradh-ghuin a leoin;— A neart dluth ’g a threigsinn, tha ’mhorachd ag eiridh: Tha ’n curaidh ’nis paisgte an trusgan a ghloir! An eachdraidh, a thir-bhreith, bidh ard-ainm sior-mhaireann; Bidh ’fheartan air iomradh, le mor-thlachd ’s le speis, Fo ard-ghrian nan Innsibh, air dus-raon na h-Eiphid,— B’ e ’h-aobhar a chùis-san ’s dearbh iul-chairt a reis. Air euchd-shlios na h-Eorpa, chuir Breatunn fo dhuibhre An sgiùrs-reul a b’ airde, ’s chuir gath-nimh air chul; Am measg nam flath, bhuain e ard-onair a’s mor-chliu Aig Burgos a’s Maida ’s air faich’ Waterloo. Dual, dual dhomh am blath-fhleasg an onair an armuinn,— An t-seamrag, am fothannan, ’s an t-ur-ros fo bhlath: Tha Sir Raibeart nis clo-bhuailt’ air altair a dhuthcha; A dhillseachd bu mhaireann ’s a chaoimhneas bu tlath. A chairdeas bu phriseil, ’s a chairdean bu lion-mhor;— A’s namhaid cha b’ eol da ach naimhdean a thir’; A mach rè gach cian-linn, bidh Sobraon ainmeil Mar thraigh fhad’ Chorùna, ’s mar chaol Aboukir. A bheanntan gorm, urar, O caoinibh! nis caoinibh; O caoinibh an gaisgeach ’s tric ’dhearc air ur snuadh! A ghleanntan tlath, iosal fo dhubhra na dlu-choill’, O caoinibh am fior Ghaidheal, treun cheannard nam buadh! ’Ard chomuinn bu ghnath leis a choinneach’ an Adholl,— A chomhlain ’bu chaomh leis, O caoinibh an laoch! An eilid no ’n ruadh-bhoc, ’chaoidh tuille cha shealg e, A’s euchd-chluich cha dhearc e, air ailleachd an raoin. A thuath-cheatharn ’bu dlu dha, ’s a chairdean ’bu dileas, Bhur soraidh bhuan tha ’g eiridh do chuspair ur graidh: Is cianail, is leointe, is trom-chridheach, bronach A’ chuideachd a b’ eol da an Tulaich an aigh. ’Thulaich-mhaighte ro-aluinn, bu leatsa an sar-shonn; ’S dorch, duaichnidh air t’ ailleachd a dh’ eirich an lò;— An caol-thigh a’ choimhich tha Sir Raibeart ’n a shineadh, ’S chum talla a shinnsear cha phill e ni ’s mò! [TD 81] DH’ FHALBH MO NIGHEAN CHRUINN, DONN. [Ceòl] Dh’ fhalbh mo nighean chruinn, donn, Uam, do ’n Iuraidh; Dh’ fhalbh mo nighean chruinn, donn— Cneas mar eal’ air bharr thonn— Och a’s och! mo nighean donn, Dh’ fhag thu mi-shunnd orm. ’S truagh nach robh mi ’s mo ghaol Ann an gleann cubhraidh; ’S truagh nach robh mi ’s mo ghaol Ri h-uisg’ ann ’s ri gaoith; ’S fo shileadh nan craobh Bhitheamaid sunndach. Dh’ fhalbh, &c. Nam biodh agamsa spreidh, Bhithinn gle chuirteil, Nam biodh agamsa spreidh Feadh bheann a’ s feadh shleibh, B’ ur a gheibhinn thu fein, ’S cha bu cheil’ umpaidh. Dh’ fhalbh, &c. Ged tha thusa an trath-s’ Ann an gleann Iuraidh, Ged tha thus’ ann ad thamh, Tha d’ aigne fo phramh, Agus mise gun stath, Le do ghradh ciurrta, Dh’ fhalbh, &c. Beir mo shoraidh le gradh Uam do ’n Iuraidh; Beir mo shoraidh le gradh Dh’ fhios na h-oigh rinn mo chradh; ’S o nach math leath’ mar tha, Tha i fein tursach. Dh’ fhalbh, &c. RANNAN DHOIBHSAN D’ AM FREAGAIR IAD. A mhuinntir mo ghaoil, Coithichibh, coithichibh! A mhuinntir mo ghaoil, Cumaibh a suas. Ged bhios sibh ’g ur saruch’, ’S an-dochas ’g ur bathadh, Na geilleadh gu brath dha, A’s gheibh sibh a’ bhuaidh. Ged bhios an saoghal ’G ad thionndadh s ’g ad aomadh, ’S tu bitheanta ’saoilsinn Gu ’m feum thu bhi nuas. Na cuireadh sud sgath ort, Do ’n smuain thoir a’ bhairlinn, A’s seas a’s bi laidir, A’s gheibh thu a’ bhuaidh. Ma ’s curam an t-saoghail, No eagal roimh dhaoine, No smuaintean air faoineis, A chuir thu fo gruaim;— Bi fearail, bi stuama, A’s seas ris a’ chruadal, S bheir Freasdal m’an cuairt e, Gu’m faigh thu a’ bhuaidh. Biodh onair a’s ceartas A’ cumail do neart riut; A’s dochas neo-mheata ’S an lamh a ta shuas; Le creideamh neo-sgathach ’N a fhocal nach failnich,— A’s bheir E gach la thu Troimh ’n fhasach le buaidh. I. C. Dun-bhallaire, Meadhon an Fhogharaidh, 1872. [TD 82] TRAITHEAN NA BLIADHNA. (Air leantuinn o’n aireamh mu dheireadh.) Is ann bho Dhia a mhain a tha sonas agus soirbheachadh a’ sruthadh. Is e a dheasaich solus agus grian, agus a shuidhich uile chriochan na talmhainn. Is e sgaile faoin de ’n ghliocas do-rannsuchadh a tha ’tuineachadh ann fein a tha r’a fhaicinn anns na gniomharan treuna a’s anns na cleachduinnean iongantach air am bheil daoine le ioghnadh a’ smuainteachadh, agus a dh-ionnsuidh am bheil an aire air a tarruing air gach taobh. Ceart mar is e Dia a rinn air tus a’ ghrian a riaghladh an latha, agus a’ ghealach a riaghladh na-h-oidhche; ceart mar is e a roinn a’ bhliadhna ’n a ceithir trathan, is e mar an ceudna is priomh-aobhar do gach soirbheachadh agus àgh a tha daoine mealtuinn. “Rinn Thu ’n Samhradh.” Thug Dia dhuinn buaidhean-inntinn trid am faod sinn toileachas ’fhaotainn bho na seallaidhean gasda, ciatach leis am bheil an saoghal comhdaichte. Faodaidh sinn gliocas mor’ fhaicinn ann an atharrachadh aimsirean na bliadhna, oir as eughmhais na seirbhis chudthromaich a tha gach mios a’s raidh a’ cuir an gniomh gu dileas agus gu h-uaigneach, tha earrach a’s samhradh a’s fogharadh a’s geamhradh le’n caochladh sgeimh a’s grinnead daonnan a’ buileachadh oirnn comasan nuadha airson aiteas a’s toilinntinn fhaghail. Na’m bitheadh an geamhradh gach am ann a’ rioghachadh leis fein thairis air uile mhiosan na bliadhna, dh’ fhasamaid sgith, airsneulach, agus bhitheadh ar cothrom air sonas saoghalta ’fhaireachduinn ’s a mhealtuinn gu h-anabarrach air a lughdachadh. Tha againn anns an ni so fein, mata, nochdadh soilleir agus dearbhadh laidir air cia co grasmhor, caoimhneil, glic ’s a dh’ orduich Dia gach ni. “Rinn Thusa, O Dhia, an Samhradh!” Is e so an trath anns am bheil a’ chuibhrionn a’s momha agus a’s firinniche de aghmhorachd agus de thlusalachd air a mhothuchainn. Tha ’n aimsir a nis ann an tomhas mor ceangailte a’s suidhichte, agus cha ’n’eil na neoil ach ana-minic a’ folach aghaidh na greine. Tha sunnd a’s gean a’s subhachas a’ lionadh an t-saoghail. Cha ’n ’eil e comasach do dhuine air bith, ged dh ’fhaodas e eadhon a bhi air a chradh gu goirt le trioblaid no le euslaint, gun aontachadh ann an tomhas beag no mor leis an ailleachd agus leis an t-sonas a tha air an seideadh le aileadh an t-samhraidh fein. Tha sgeadachadh na talmhainn agus nan speur co-ionnan ann an tosdachd agus ann am boidhichead. Tha ’ghrian anns an iarmailt shuas a’ dortadh a nuas a gathan priseil, dealrach, glan, agus a’ giulan aiteis a’s aoibhneis a dh-ionnsuidh gach neach a’s ni, gach fonn a’s comhnard, gach cnoc a’s fasach. Tha ’n cuan mòr farsuing gun ghruaim, gun stoirm; tha ’thonnan, a’ stri ’s a bheucaich aig fois. Tha sobhraichean a’s neonainean lionmhor anns na h-achaidhean. Tha ’m fraoch gaganach, badanach a’ sgeadachadh mullach nam beann le culaidh riomhach, agus a’ crathadh a chinn agus ag aomadh ann an osag chiuin an anmoich; tha gach faillean a’s fiuran urail, dosrach, agus an og-mhaduinn mar an ceudna luchdaichte le druchd a tha ’dearsadh ann an solus og na greine. Co a ghabhas beachd air so, co a thriallas thairis air a’ liughad comharradh gliocais ’s a tha nis r’a fhaicinn, nach aidich le ioghnadh, gur e Dia a rinn an Samhradh.” Is e Dia a rinn sinn ’n ar creutairean a tha comasach air sonas ard a shealbhachadh. Faodaidh sinn a chreidsinn gu’m bheil tlachd aig bruidean na machrach fein ann an teachd steidhichte an t-samhraidh, [TD 83] gidheadh cha bhuin e dhoibhsan aobhar an atharrachaidh so a thuigsinn no a rannsuchadh. Cha’n ’eil comasan aca air a’ shon. Tha iad nan doigh bhalbh neo-reusonta fein a’ comhlionadh ruin an Ti a cruthaich iad mu’n deibhinn, ach tha iad gu tur aineolach air fior ailleachd a’s maisealachd nan seallaidhean a tha mu’n cuairt doibh. Na’m bitheamaid as eugmhais nam buadhan arda, fiachail a tha ’g ar togail gu mor os-cionn ainmhidhean na machrach, cha bhitheadh comas againn air fiamh a’s grinnead a’s ciatachd an t-saoghail ’fhaicinn, no subhachas inntinn a tharruing asda. Cha bhitheadh e ’n a chulaidh aoibhnis co mor dhuinn a bhi ’dearcadh gu mionaideach air oibrean an Tighearna. Ach chruthaich Dia sinn “’n a dhealbh ’s a reir a choslais fein;” agus air an aobhar so, is urrainn duinn beachdachadh le tlachd air na comharan air gliocas a’s caoimhneas Dhia ’tha traithean na bliadhna ’giulan; is urrainn duinn ar n-aire ’shocrachadh air sgeadachadh fonnmhor, eireachdail na talmhainn, agus eigheach a mach le cridheachan iriosal, taingeil, “Rinn Thusa, O Dhia, an samhradh!” Tha sinn a’ foghlum uaithe so, mar an ceudna, gu’m bheil gach sonas fior agus ceart a’ tighinn bho Dhia a mhain. Is e so firinn a tha clann nan daoine ’n an staid gu nadurra mall a chreidsinn, oir tha iad a’ dearbhadh gu soilleir le’n comhluadar peacach mi-naomha, agus ceannairceach, nach ann an comhlionadh toil an Tighearna a tha iad deonach a’s iarrtusach sonas a shireadh. Tha iomadh dearbhadh muladach, iomadh dearbhadh nach gabh aicheadh no cuir air chul a’ tachairt oirrn an sud agus an so a tha ’foillseachadh gu soilleir nach ’eil ach faoineis agus amaideachd uamhasach ann a bhi ’g iarruidh sonais ann an gnathachadh no ann an gniomh air bith a tha dealaichte bho reachdan naomha an Tighearna. Is e so aideachadh Sholaimh aig an robh maoin a’s beartas ro-mhor an deigh dha ’radh ’n a chridhe: “Teann a nis, dearbhaidh mi thu le subhachas. Uime sin meal am maith.” An deigh dha oibrean mor a dheanamh, garachan agus liosan chrann-mheas; an deigh dha airgiod agus or a charnadh suas dha fein agus ionmhas sonruichte nan righ ’s nam mor-roinn, agus gach ni a mhiannnich a shiulean a thoirt doibh—b’e so a bheachd air a mhorachd shaoghalta uile, nach robh ach diomhanas anns an iomlan agus buaireadh spioraid, agus nach robh tairbhe ann fo ’n ghrein. Cha-n’eil an t-aobhar fada r’a iarruidh a tha ’deanamlh gach maith a’s aoibhneas saoghalta neo-chomasach air sonas a chosnadh. Saoilidh daoine gu minic gu’m bheil sonas aca ’n uair a tha iad air an cuairteachadh le saoirbhreas, le urram a’s onoir; ach cha’n ’eil an dochas a tha iad ag altrum fior no ceart. Oir cia mar’s urrainn do’n spiorad neo-bhasmhor a bhuineas duinn a bhi air a riarachadh no air a shasachadh leis an ni ris an canar aighear saoghalta. Is ann bho Dhia a mhain tha sonas fior a’ sruthadh. Ni esan da rireadh samhradh a chompartachadh riusan a choimheadeas a reachdan gu dichiollach agus gu faicilleach. Faodaidh sinn, fios ’fhoglum bho na briathran so, “Rinn Thu an Samhradh,” gur e Dia ughdar gach soirbheachaidh. Ged dheasaicheas an tuathanach am fearann agus a chuireas e an siol ann, gidheadh cha’n fhas e agus cha ghiulain e toradh as eugmhais nam frasan blatha ’tha ’sileadh air. Chan ’eil e ach a’ gnathachadh nam meadhonan. Buinidh e do chumhachd a’s airde an run a bha aige ann an cuir an t-sil a choimhlionadh agus a chriochnachadh. Ciod e a’s luach do neart ’s do spionnadh dhaoine? Cha ’n ’eil ann aig a’ chuid [TD 84] a’s fearr ach anmhuinneachd agus neoni. Do bhrigh, mata, nach fhaodar so aicheadh, o-n dh ’fheumar aideachadh nach ’eil ach laigse ’s breoiteachd a’s gealtachd anns gach oidheirp a’s dichioll a nithear le daoine, chithear gu furasda ma tha soirbheachadh ri bhi air a mhealtuinn, gu’m bheil iul a’s comhnadh a’s cumhachdaiche a dh-easbhuidh. Ni dichioll a’s durachd moran gun teagamh ann an gnothuichean saoghalta, agus is minic a tha daoine ’tha dealasach, aghartach a’ ruigheachd air seasamh ard ’s air soirbheachadh mor, gidheadh chan’eil soirbheachadh fior a’ sruthadh ach bho aon tobar. Cha ’n’eil ach soirbheachadh mealltach agus neo-sheasmhach a’ tighinn bho aimhnichean an t-saoghail so. Mar dhearbhadh air an ni so, thugamaid fainear a’ chrioch bhronach gus an d’ thainig a choimhlion righ am measg nan Iudhach ’s a shaoil ann an ardan a spioraid ’s ann an morachd a neirt, gun robh eolas a’s tuigse aige fein a chum a dheanadais uile ’riaghladh gu ceart as eugmhais stiuradh an Ti a’s ro-airde. Nach minic a dh ’eirich gu h-olc dhoibh an uair a dh’ inntrig iad ann an comhrag an aghaidh feachdan mora an naimhdean! Nach iomadh bron a’s tuireadh a’s iarguinn chraiteach a thug baoghaltachd nan uachdaran air na h-Iudhaich bhochda! An uair a rinn iad dearmad air stiuradh an Tighearna iarruidh ’s a leantuinn, cha do bhuaidhich iad thairis air an naimhdean, ni mo a phill iad a dh-ionnsuidh an ionadan comhnuidh fein le gairdeachas a’s greadhnachas. Le comhluadar mi-naomha, mi-bheusach a’s ardanach cha shoirbhich Dia am feasda oir tha ’leithid so de ni gu buileach eadar-dhealuichte bho ’nadur fein agus cha ’n ’eil tlachd no speis no baigh aige ris. An dream a ghluaiseas gu direach, coir, a’s a dh’iarras comhnadh a’s cuideachadh an Tighearna, mealaidh esan agus esan a mhain soirbheachadh ceart, firinneach, agus blasaidh e milsead an t-sonais agus an t-soirbheachaidh sin a tha bunaiteach, maiseach a’s tlachdmhor, oir da-rireadh rinn Dia samhradh airson an duine ionraic, choir. CONA. (Ri leantuinn.) MAR A CHUMAR BEO A’ GHAIDHLIG. ’FHIR ULLACHAIDH,—Ceadaich dhomh facal no dha a radh mu dheibhinn na Gaidhlig. Tha a’ cheist gu bitheanta air a farraid—Ciamar a chumar beo i? Bha cuid a’ comhairleachadh Oil-thigh a chur suas ann an I-Chaluim-chille; agus tha cuid, mar tha Comunn Gaidhlig Lunnainn, ag iarraidh Cathair-Ollaimh a bhi air a suidheachadh ann an Dun-eideann no ann an Glaschu air son ard-fhoghlumaiche Gaidhlig. Gun teagamh tha e fior fheumail sin a dheanamh agus sgoilean Gaidhlig a lionmhorachadh. Is fior dhuilich leam a radh gur gle bheag de na tha ’tighinn de Ghaidheil do na cearnaibh so a ’s urrainn an cainnt fein a leughadh, agus iadsan a ’s urrainn a leughadh cha ’n urrainn iad a sgriobhadh no idir cunntas a dheanamh innte. Bu mhiann leam gach Gaidheal sean agus og, firionn agus boirionn, a bhi comasach air cainnt an sinnsearachd a leughadh agus a sgriobhadh air a’ chuid a bu lugha. Bhiodh e mor-fheumail gu’m biodh iad eolach air cuid de na h-ealaidhean, oir thuigheadh iad n’a b’ fhearr iad anns a’ Ghaidhlig; gu sonruichte Uidhreachdas (Mathematics), Cé-thomhas (Geometry), agus co-dhiubh, dhiubh, Innleachdas (Mechanics). Tha Cé-eolas (Geography) agus Aireamhdaireachd (Arithmetic) ro fheumail mar [TD 85] an ceudna cho math ri moran eile nach d’ ainmich mi. Ach, gu tilleadh a chum na ceist, Ciamar a chumar a’ Ghaidhlig beo? Is i so mo bharail-sa: Ged a bhiodh Cathair Ghaidhlig agus Ollamh Gaidhlig ann an Dun-eideann agus agus ann an Glaschu gu ’n teid a’ Ghaidhlig bas. Cha ’n eil teagamh nach cumadh iad air chuimhne i mar a tha iad a’ cumail na Greugais agus na Laidinn, ach c’ aite ’m bi sluagh a bhios ’g a labhairt? Gun sluagh gun chinneach gu a cleachdadh ’d e an toirbh a bhios ’n a cumail air chuimhne? Cha bhi ach do bheagan sgoilearan ma dh’ fhaoite gu uaill a dheanamh as an aireamh chanainean anns an robh iad ionnsaichte. A nis their mi so ri gach neach a tha deigheil air a cumail beo, “Cum an sluagh a tha ’g a bruidhinn beo agus ri ’cheile; na leig doibh a bhi air an sgapadh do gach cearna d’ an t-saoghal; cum sgoilean ’n am measg; oileanaich iad agus tuinicheadh iad le ’cheile agus cha teid a’ Ghaidhlig bas.” Cha ’n ’eil mi a’ciallachadh an cumail an Gaidhealtachd Albainn, ’s mi nach ’eil; tha tuilleadh ’s a’ choir de bhochdainn ann, ach ’s e ’tha mi ’ciallachadh, an fheadhainn a tha deigheil air a cumail air mhaireann, gu ’n deanadh iad doigh gu’m biodh na Gaidheil a dh’ fhagas an duthaich cruinnichte anns an aon tir far an gnathaich iad an canain fein. Shaoilinn na ’m biodh na Gaidheil “gualainn ri gualainn” mar a bha iad ri linn nan Roimheach aig a’ Mhonadh-Gharbh gu ’n rachadh aca air Tuineachas (Colony) a chur air aghart doibh fein far am biodh a’ Ghaidhlig air a steidheachadh mar chainnt na duthcha; far am biodh am Parlamaid ’s an Cuirtean-lagha a’ labhairt na Gaidhlig; far am biodh am marsanta a’ cumail a leabhraichean ’s a’ chainnt cheudna; far an ionnsaicheadh iad an cuid cloinne anns gach foghlum agus ealaidh ann an cainnt bhrioghmhor nan Gaidheal. Faigheamaid tir anns an dean sinn tuineachas agus rachadh gach Gaidheal a dh’ fhagas a dhuthaich a chomhnuidh innte. Deanadh na Gaidheil mar a rinn am brathairean Cuimreach (Welsh) mu ’n bhliadhna 1860, ma ’s math mo chuimhne; nach do rinn iad a suas Cuideachd gu Tuineachas a shuidheachadh gu cumail a suas an canain? Fhuair iad fearann o ’n Argentine Republic, America-chinn-a-deas. Tha e ’n a chumhnant eatorra gu ’m bi iad air an aideachadh mar Stata an uair a ruigeas an aireamh fichead mile anam. Tha faisg air deich mile de Chuimrich anns a’ chearn sin d’an t-saoghal a’ gnathchadh an canain fein anns gach gnothuch a’s malairt. Leanadh na Gaidheil an eiseimpleir; faigheadh iad tir; deanadh iad Tuineachas; imricheadh iad agus fanadh iad ann gus am bi iad ’n an cinneach ’s ’n an sluagh le an canain bhlasda fein beo agus ’g a labhairt aig gach am agus anns gach aite. Faigheadh iad am fearann air shaor-chunradh mar gheibh iad ann an Canada. Cha ’n e idir fearann a nasgaidh a tha ’dhìth orra ach comas imrich agus lon a chumas iad gus am faigh iad as an talamh e, agus an sin paigheadh iad uiread ’s an acair gus am bi am faradhan lon agus a riadh paighte; na dheigh sin buineadh am fearann doibh fein. Cha ’n ’eil teagamh nach rachadh gu leoir ann de dhaoine a bhiodh comasach air am faradh fein a dhioladh agus d’am faoidte tuilleadh fearainn a thoirt; ach cha ruig mi leas bruidhinn mu laghannan fearainn ma ’m faigh sinn am fearann. Aon ni their mi agus is e so e, ma chuireas sibh air aghart Cuideachd Tuineachas nan Gaidheal (a Gaelic Colonizing Company), agus gu ’n sgaoil sibh an sgeul feadh nan duthchanaibh so, tha mi ’smaointeachadh nach bi Gaidheil [TD 86] Australia air deireadh gu comhnadh a dheanamh ribh,—co dhiubh, am fear nach deanadh, cha b’ fhiach e Gaidheal a radh ris agus bu mhath an airidh ged a dheantadh traill dheth uile laithean a bheatha! Na ’n deanadh iad a suas cuideachd chuirinn f’an comhair gu ’m bheil eilean aig ceann tuath Australia a tha mile de mhiltean air fad agus tri chiad mile air leud, a bhuineas do Bhreatunn, anns nach ’eil neach ach daoine dubha, fiadhaich, ach a tha a reir gach cunntais a fhuair sinn fior reachdmhor ann an talamh agus ann am mèinean. Theagamh gu ’n tugadh an uachdaranachd doibh e, agus bhiodh farsuingeachd gu leoir aig na Gaidheil gu fas lionmhor ann. Tha mi an dochas gu ’n tog sibhse ar guth ’s an aobhar o-n ’s ann agaibh a ’s fearr comas labhairt. Co-dhuinidh mi an sgriobhadh so le guidhe gu ’n eirich gu math dhuibh anns an oidheirp a tha sibh a’ toirt air leas nan Gaidheal a chur air ’aghaidh.—Is mi ur caraid dileas, D. B. Australia, Ciad mhios na bliadhna, 1873. TOIMHSEACHAIN. 1. Theid e ’s an teine ’s cha loisgear e; Theid e air bord ’s cha ’n ithear e; ’S theid e ’s a’ chiste ’s cha ghlaisear e. 2. Tighean beag soluis ’s a dha dhorus duinte. 3. Crioga-tu, craga-tu cruaidh, ’S cruaidh craiceann do dha lamh; Do shuilean am meadhon do chleibh, A’s t’ fheoil am meadhon do chnamh. 4. Bean bheag mhoganach, Suidhidh i taganach, Bidh i torach ’h uile bliadhna, ’S bidh laogh beag, geal aice. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh:—1, Nathair; 2, Roth a’ mhuilinn; 3, Groideal; 4, Luachair; 5, Abel mac Adhaimh agus Eubha. NAIDHEACHDAN. Tha Naidheachd chianail air tighinn a nall á Nova Scotia mu challdach ro dhiubhalach a thachair air corsa Halifax. Ruith smuid-shoitheach anabarrach eireachdail d’ am b’ ainm an Atlantic air tir agus chaidh or cionn coig ceud pearsa a chall. Tha Albainn gu leir o Mhaol Chinntire gu Barra air ghluasad an drast a’ cur air leth nan comhlan a tha gus na sgoilean a riaghladh fo ’n achd ur a thainig a mach an uiridh. Tha sinn an dochas gu ’m bi an t-achd, fo stiuradh nan comhlan so, ’n a bhuannachd mhor do Albainn agus ’n a mheadhon air eolas agus fiosrachadh a chraobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuingeachd am measg oigridh na duthcha. Tha gach gne loin agus theachd-an-tir fhathasd ro ard am pris ach tha sinn toilichte ’radh gu ’m bheil gu leoir de cheird ’s do chosnadh anns gach aite, cho math ri tuarasdail arda. Tha gual agus iarunn gu math a nuas ann am pris ach tha e mor orra gu ’n tig iad am feasd air an ais cho iosal ’s bha iad. Facal ’s an Dealachadh. LACHUNN CLAON.—Tha Lachunn Claon a’ gearan gu ’m bheil sinn a’ toirt tuilleadh ’s a’ choir de aite do chuid d’ ar cairdean anns a’ GHAIDHEAL, agus nach ’eil obair cuid eile ri ’faicinn idir. Ma tha an ni a gheobhar againn fallain agus blasda nach coma le Lachunn co bho ’n d’ thainig e. Tha a’ chuid mu dheireadh d’a ghearan fior gu leoir: tha moran d’ am math a b’ urrainn cuideachadh leinn nach ’eil a’ deanamh a’ bheag air bith ach a’ talach air muinntir eile; mar a bha an cu anns a’ phrasach, nach itheadh an siol e fein agus nach leigeadh le creutair eile ’itheadh. Cuireadh Lachunn coir rudeigin g’ar n-ionnsaidh as a bheairt fein agus chi e gu ’m faigh sinn aite dha. SEUMAS.—Cagar beag: Na bi cho deas gu burraidh a dheanamh de d’ sheise, gun fhios nach faod cuid-eigin eile burraidh a dheanamh dhiot fhein. Tha ar cairdean tuilleadh ’s lionmhor air son buidheachas fhaighinn fa leth air an ainm. Mile taing do Alasdair Ruadh; chi e gu ’n do rinn sinn buil de chuid de na chuir e thugainn agus tha sinn an dochas gu ’n dean ar luchd-leughaidh buil mhath d’a chomhairlean. Buaidh a’s piseach leis! [TD 87-96] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 97] [Blank] [TD 98] [Dealbh] EOGHAN MAC COLLA, BARD LOCH-FINE. [TD 99] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1873. [16 AIR. BARD LOCH-FINE. Anns an aireamh so de n’ Ghaidheal, thug sinn do a luchd-leughaidh dealbh Eoghainn Mhic Colla, d’an goirte gu coitichionn le ’chomhaoisean an tir a dhuthchais, “Clarsach nam beann.” Rugadh e anns a’ Cheann-mhor, ri taobh Loch-fine anns a’ bliadhna 1812. Ged nach robh a pharantan ro shaoibhir, bha iad ann an suidheachadh ni b’fhearr na moran de ’n comh-inbhich anns a’ Ghaidhealtachd. Bha iad fo dheagh chliu a thaobh bunailteachd an treibhdhiris mhodanail, agus iomraideach a thaobh na fialaidheachd, agus nan subhailcean teaghlachail airson an robh agus am bheil fardaichean nan Gaidheal cho comharraichte. B’e Eoghan an dara mac a b’ oige de ’n teaghlach. ’N a leanabuidheachd thaisbean e ciocras do-chiosaichte an deigh air bardachd agus seann sgeulachdan na Gaidhealtachd. Cha robh mor chothrom aige air a bhi a’ sasuchadh a mhiann air foghlum agus air fiosrachadh litireachail, coma co dhiu, rinn e a’ chuid a b’ fhearr de gach cothrom a bha so-ruigsinn dha; gheibhte e gu tric as deigh ’obair-latha ann an uaigneas nan cluaintean samhach leis an robh a dhachaidh air a cuartachadh, a’ leughadh agus a’ cnuasach gach leabhair air am faigheadh e greim; ach gu h-araidh a’ deoghal a stigh smuais agus bladh clarsaireachd a dhuthcha. Is coltach gun robh aig ’athair—Dughall Mac Colla, meas cubhaidh air foghlum; agus mar nach robh na gheibhte dheth ann an sgoil na sgireachd ro airidh air an ainm, ’n uair a bha Eoghan mu dheich bliadhna dh’ aois, dh’ fhasdaidh ’athair oid-ionnsuich airson a theaghlaich car bliadhna no ’dha, ged nach robh e idir ro chomasach air a’ chosdas a dhioladh. Fo oileineachadh an oid-ionnsuich ud, cha b’ fhada gus an d’ thainig Eoghan gu bhi na dheagh sgoileir Beurla, ni a dh’ fhadaidh ’n a bhroilleach ciocras lasanta an geall air litireachd. Mu’n am ud, choinnich ’athair ri aon de fhigheadairean Phaisley a bha air éigneachadh le dìth cosnaidh gu sgriob a thoirt feadh na Gaidhealtachd a reic seann leabhraichean. Cheannaich “Laoch a chuil bhain,” an t-iomlan de n’ phac o’n fhigheadair, ni a bha do Eoghan ’n a ulaidh thaitnich. A thuilleadh air leabhraichean luachor eile, fhuair e ’n am measg “Am fearr-seallaidh—Spectator—Bardarchd Bhurns, agus an t-Oraideach Breatunnach—British Essayist. Leugh agus chnuasaich e iad le gionachd dhealasach; dh’ fhosgail iad suas, mar gum b’eadh, saoghal ur fa ’chomhair, agus thug iad dian-bheothachadh do-chaisgte do’n ghradh nadurra a bha aige air bardachd agus air rannaidheachd. Mu ’n am ud, chuir e ann an deilbh a cheud oran,—oran molaidh air maighdean og a ghoid a chridhe, ach ma dh’ fhaoidte, nach do ghleidh e. Bha e mar sud car bhliadhnachan a’ cuideachadh ’athar ri obair an fhearainn agus ri iasgach. Anns a’ bhliadhna 1837, thainig e mach gu follaiseach mar bhard ann an duilleagan an Teachdaire Ghaidh- [TD 100] ealaich, da ’n robh e na fhear comhnaidh aithnichte. Choisinn luach agus feothas a bhardach a’ leithid de mheas agus de mhor thlachd a luchd-duthcha, a’s gun do dhuisgeadh iarrtus coitchionn ’n am measg airson gum biodh a chuid oibre air an cur a mach ann an leabhar leotha fein, agus mar sin ’n uair a bha Eoghan ach fhathasd ’n a oganach, chuir e mach “Clarsach nam beann”—anns am bheil aireamh nach beag de orain-ghaoil agus de dhain eile ann an Gailig agus ann am Beurla a tha airidh air aite ro ard ann an iarmailt na fior-bhardachd. Cha ’n aithne dhuinn ann an cainnt aosda, uasal nam beann bardachd is oirdheirce, is milse, no is druightiche na “Loch-aic,” “Loch-dubhaich,” agus “Rannan air bas bana-chairid.” ’N a ranntachd Bheurla cha ’n ’eil e idir air deireadh, mar a chi ar luchd-leughaidh ann an duilleagan a’ Ghaidheil. Goirid an deigh do “Chlarsach nam beann” tighinn a mach, tre chaoimhneas dithis de ard-uaislean a dhuthcha—MacIlleasdair nan Dunan, agus Caimbeulach Ile, fhuair Mr. Mac Colla suidheachadh measail comhfhurtachail ann an seirbheis Tigh-cuspiunn Liverpool. Ri h-uine, chaidh e thairis do America, far am bheil e a nis anns an t-suidheachadh cheudna fo Uachdranachd Chanada ann an Tigh Cuspuinn Kingston. Cha do chroch e fhathasd a chlarsach air na geugan, mar is aithne d’ar luchd leughaidh. Tha sinn ro thoilichte a chluinntinn gu ’m bheil a run air ’oibrichean a chur a mach as ur. Co aig ann bheil eolas troi a sgriobhaidhean air oirdheirceas a bhuadhan inntinn neo-chumanta, nach guidheadh dha saoghal fada, sona, sunndach! MU NA SEANN GHAIDHEIL. X. INNTREACHDAINN AN T-SOISGEIL. Do bhrigh gu ’n do dhearbh sinn cheana gu’m b’iad na Seann Ghaidheil sinnsearan nam fineachan sin a tha chomhnuidh an ceann tuath na h-Alba, bidh e iomchuidh a nis beagan a chur sios mu inntrinn an t-soisgeil ’n am measg. Cha ’n ’eil fios cinnteach againn c’ uin a thachair so, ach a reir coslais an uair a bha deisciobuil Chriosd air an geur-leanmhuinn leis an uachdaranachd Romanach, bha e dualach dhoibh teicheadh gu tuath thar a’ bhalla a bha eadar na Romanaich agus fineachan Chaledonia. Gun teagamh bhiodh iad sin eudmhor a chum an soisgeul a chraobh-sgaoileadh am measg nan Gaidheal a ghabh riutha agus a thug didean doibh o an-iochd nan naimhdean; agus mar so bha iad ’n am beannachd do ’n tir, agus ’n am meadhon air an t-soisgeul a thoirt a steach innte. Do bhrigh gu ’n d’ fhuair iadsan fasgadh o stoirm na geur-leanmhuinn, threoraich iad an sluagh a thug so dhoibh a dh-ionnsaidh an Ti sin a tha mar ionad-fasgaidh o ’n ghaoith agus mar dhidean o ’n doinionn. Cha ’n ’eil dearbhadh sam bith againn mu thimchioll an àm anns an d’ thainig na ceud theachdairean soisgeulach do ’n tir, ach, mu ’n bhliadhna A.D. 209, tha Tertullian ag radh, “Anns na h-aitibh sin de Bhreatunn far nach b’ urrainn na Romanaich teachd tha an soisgeul a’ buadhachadh ionnas gu ’n do gheill iad do Chriosd; agus tha ainm agus rioghachd Chriosd a’ ruigsinn a dh-ionnsaidh aitean a thug dulan do fheachd na Roimhe.” Tha Origen a’ toirt fianuis air an ni so mar an ceudna agus sgriobh esan mu ’n bhliadhna A.D. 230. A reir teisteanais nan ughdar so chi sinn gu ’n robh eolas an t-soisgeil air a chraobh- [TD 101] sgaoileadh gu ruig Caledonia mu dheireadh na dara linne no mu thoiseach na treas linne; ach cha ’n eil cunntas cinnteach againn mu na ceud theachdairean so a chuir an ceill sgeul aoibhneach na slainte do ar sinnsearaibh. Is e Ninian a’ cheud neach air am bheil iomradh sam bith againn; aon de na seann Bhreatunnaich a rugadh mu ’n bhliadhna A.D. 360 agus a thainig a shearmonachadh do cheann deas na h-Alba mu’n bliadhna A.D. 400. Tha an t-Eachdraiche, Bede ag radh “Gu’n deachaidh na Pictich dheas iompachadh o iodhol-aoradh agus an toirt gu eolas na firinn le Ninian, duine naomh de na Breatunnaich.” B’ iad na Pictich dheas na Gaidheil a bha firinneach, air taobh deas nan Garbh-bheanntan (Grampians) anns an tir a tha ’deanamh ’suas siorramachd Fiofa, pairt de shiorramachdan Pheairt, Shruithleadh agus Aonghais. B’ anns na h-aitibh so gu sonruichte a bha Ninian) a’ searmonachadh an t-soisgeil, gidheadh is cosmhuil gu ’n robh e ’dol air thurasaibh n’a b’ fhaide gu tuath, do bhrigh gu ’m bheil moran eaglaisean no chilltean air an ainmeachadh airsan agus cuid diubh sin an ceann tuath na Gaidhealtachd. An deigh Ninian thainig Palladius mu ’n bhliadhna A.D. 432. Bha esan air tus a searmonachadh ann an Eirinn, ach á sin thainig e nall do dh-Albainn far an do shearmonaich e an soisgeul agus fhuair e bas ann an siorramachd Chinn-Chardainn ann an tir nam Picteach, am measg nan seann Ghaidheal. Gidheadh, a reir teisteanais nan seanchaidhean eaglaiseach bha teachdairean am measg nan Gaidheal roimh na daoine so a shearmonaich an soisgeul, a theagaisg an creideamh agus a fhritheil na sacramaidean dhoibh ged nach ’eil an ainmean an diugh air an cumail air chuimhne. Re fad da cheud bliadhna roimh theachd Niniain bha an creideamh Criosdaidh am measg nan Gaidheal a reir briathran Thertulliain agus is cosmhuil do bhrigh gu ’n robh an luchd-teagaisg so a’ tuineachadh ann am bothanaibh agus an cuiltibh uaigneach, fasail gu ’n d’ thugadh “Na Cuiltich” mar ainm orra le luchd-aiteachaidh na tire,—ma dh’ fhaoidte ann an sgeig mar a thainig an t-ainm Puritans ann an linnibh an deigh so. Bha na Cuiltich ’n an daoine diadhaidh, foghluimte; agus chuir iad seachad an uine ann an ath-sgriobhadh nan Sgriobturan naomha, ann an urnuigh agus ann an trasgadh. Bha iad a’ searmonachadh do na Gaidheil a bha ann an taobh deas na Gaidhealtachd; ach bha na Gaidheil ’s an airde tuath—anns an duthaich ris an abrar a nis siorrramachdan Inbhirnis, Rois, Chataobh, agus Ghallaobh, maille ris na h-eileanaibh mu thuath agus an iar, air an comhdach le dorchadas an aineolais, agus le tiugh cheo an iodhol-aoraidh gus an d’ thainig Calum-cille d’ an ionnsaidh le sgeul aoibhneach na slainte. D. B. B. AN DARA DUAN DE SGIALACHD NA TROIDHE; Air a thionndadh bho Ghréugais Homeir Gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MACLACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus àireamh nam fineachan Gréugach agus Tròidheach. IV. (Air a leantuinn bho ’n àirimh mu dheireadh.) Chuala Pallas nan gorm-shùl, ’S thùirling i romh nèamh na still Bhàrr mullach Olimpiuis àird, Gu luath chabhlach nam bàrc grìnn. Fhuair i mac Laerteis mhòir— Saoidh mar Iòbh an gliocas cìnn; A làmh cha do shìn an sonn, Chum a long thoirt sìos gu tuinn. Chunnacas a sheasamh leis fhéin, Crìdh a’ ghaisgich thréin fo cheal; [TD 102] Sheas Minerbha ceart ri ’thaobh, ’S rinn seanchus ri laoch nam fear: “Mhic Laerteis is mòr brìgh, A chìnn ghlic nan ìnnleachd géur, An teich sibh gun chliù, gun àgh, Na ’r n-aon mhaoim thair sàil gu léir? ’S sibh a dh’ fhàgadh fàth gu uaill, Aig cùirt uaibhreach ’s aig tuath Thròidh. Helen chéutach nam miann cràidh, A ghluais bàs do mhìltean slòigh, Liuthad Gréugach gaisgeil, ùr, A dh’ éug cian bho ’n dùthaich ghaoil; ’S Pàris gun ath-dhiol d’ a chionn, An seilbh toradh a mhionn claon! Greas, greas ort, Ulisseis àigh, Fuadaich tàmailt, bac an triall; Fiach uile dheas-chainnt do bheòil, ’S leig dàn Thròidh gu mèinn nan dia.” Labhair i; ’s dh’ aithnich an laoch Guth na ban-dé nach b’ fhaoin brìgh; Ghrad-ruith e, ’s tilgear air fonn Fhalluing throm bu sgiamhach lìth. Euribat, fear-gairm ant shuinn, Thog ant earradh ’s phaisg le sgoinn: Ach dh’ imich e fhéin na ’dheann Gu Mac Atreuis, righ nan lann. Choinnich e ’m flath ’s ghlac a làmh Colbh neo-bhàsmhor, sìol nam buadh; ’S ràinig far ’m bu dlùth, na ’n sréud, Luingeas Gréugach nan arm cruaidh. ’N uair thachradh ris neach a b’ fhiùgh, Mìlidh no ceann ’stiùradh slòigh, Dhruideadh e ris gu teann, teann, ’S an réith-chainnt a b’ fheartach glòir: “Cha tig dhutsa, ghaisgich àigh, Crith-eagail mar thràill gun chlìth. Suidh a’s ìmpich càch bho thriall, Oir ’s ain-fhios dut miann do rìgh. ’S a ghnìomh seo chan bheil air fad, Ach dearbhadh aigne nan tréun; Ge lìonmhor flath th’ anns a’ chùirt, ’S tearc na thuig a rùn gu léir. Gabhaibh toirt—na toillibh fraoch: ’S mòr am baoghall rìgh fo ghruaim, Tha cumhachd a’s neart na ’làimh, ’S aig tì nan nèamh, ’s àrd a luach.” ’N uair chìteadh leis neach ga chòir, De ’n mheasg-shluagh ri bòilich fhaoin, Spaideadh e ’n trom cholbh ri cheann, ’S bhagradh teann le smachd neo-chaoin: “Fosadh ort, ainmhidh gun chéill, Thoir éisdeachd do ’n drèam is fiach; Cha chonn thusa ’m blàr no ’n cùirt: Ach dìobhag gun chliù gun mhiagh. An saoil gach ùmaidh ’s a’ Ghréig, Gur leis fhein an colbh mar chòir? Is riaghailt a chur bun os cionn, Gràisg a chur a stiùradh slòigh. Ceannard na biodh ann ach aon, Righ do ’n toir tì naomh nan spéur, Gliocas a’s lagh, smachd a’s iùl, Gu stiùradh ’s gach cùis le céill.” Mar seo gu ceannsgalach, glic, Chaisg e iom-ghluasad nam feachd. Bho ’m bùthan ’s bho ’n longan tric, Thìll iad gus an cluinnteadh ’n reachd. Bha ’n gaoir a’ dòrtadh romh ’n fhonn, Mar shùmaid ghailbhich a’ chuain, Bhrùchdas mu ’n tràigh fharsuing réith, ’S an grinneal gu léir a’ fuaim. (Ri leantuinn.) COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COINNEACH.—“Failte na maidne dhuit, a Mhurachaidh Bhain, thig-sa, a charaid, agus dean suidhe air a’ chnocan ghlan, ghlas so, an cois, an tobair agus cluinneam do naigheachd. Is fhad o’n la sin, a Mhurachaidh choir; tha mi anabarrach toilichte tachairt ort, gun duil idir agam ris. Dean suidhe, agus leig do sgios.” MURACHADH.—“Cha lugha na sin an solas a ta ormsa, a Choinnich, d’ fhaicinn aon uair eile, air son an t-seann eolais; agus Ochan! Ochan! a Choinnich, is iomadh la a bha sinn cuideachd, agus is iomadh oidhche a choidil sinn le cheile air an aoin leabaidh. Och! ma ta, is lionmhor atharrachadh a thainig air an t-saoghal o’n uair sin; ach a Choinnich, rinn mi di-chuimhne, tha mi ’g iarraidh maitheanais, ciamar tha Seonaid choir agus na paisdean? Tha mi cinnteach gu’m bheil na gillean a nis air fas mor, agus mar an ceudna, na caileagan, oir fagar orra-san, na creutairean laoghach, nach eagal doibh aon uair ’s gu ’n ruig iad, le ’n lamhaibh beaga, air dorus na h-amraidh?” COIN.—“Tha iad uile gu slan, fallain, eadar bheag agus mhor, agus tha mi ’n dochas, a Mhurachaidh, gu ’m bheil iad uile ’n an slainte agad fein.” MUR.—“Tha coir a bhi taingeil, agus is dan a bhi ’gearan, a Choinnich; ach dluthaich rium, a’ charaid [TD 103] choir, agus innis domh do naigheachd. Las do phiob, socraich thu fein, agus suidheamaid cuideachd car tacain.” COIN.—“Cha ’n ’eil ùrachd sonraichte agam idir, a Mhurachaidh, ach a mhain gach sgiorradh, gach long-bhriseadh, agus gach tubaist lionmhor, a tha tachairt air muir agus air tir, trid am bheil na ceudan air an cur a dhith ann am priobadh na sula; ach tha thu fein a’ faicinn mu na nithibh sin uile anns na Litrichibh-Naigheachd, a tha, mo thruaigh! mar tha iad ag innseadh dhomh-sa, lan diubh gach la.” MUR.—“Cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil, ach tha deagh fhios agadsa, a Choinnich, nach teid agam-sa air na Litrichibh-Naigheachd sin a dheanamh mach, dh-easbhuidh na Beurla sin nach urrainn mi aon chuid a leughadh no ’thuigsinn. Tha iad gu tric aig mo chuid mac, a tha ’deanamh mabalaich leughaidh orra, ach is comadh leam-sa co dhiubh, ged tha iad co mor, leathan ri caineab-fhasganaidh, agus gu h-iomlan air an lionadh le nithibh air chor-eigin.” COIN.—“Is call dhuit sin, a Mhurachaidh, call mor gun teagamh, do bhrigh nach fhaic agus nach cluinn thu mu na nithibh a tha tachairt anns an t-saoghal mu’n cuairt duit.” MUR.—“Is mi a chi agus a chluinneas; agus na biodh duil agadsa, a Choinnich, gu’m bheil gach fiosrachadh, ùrachd, agus eolas air an druideadh suas anns na duilleagaibh leathann, leibideach sin. Cha’n ’eil idir, fhir mo ghraidh, agus dh’ innseadh dhomh-sa gu’m bheil moran nithe annta nach ’eil fior—nithe neo-airidh air suim sam bith a ghabhail diubh, oir tha na breugan fein air an clodh-bhualadh, agus tha na breugan a’s mo ni’s taitniche do mhoran n’an fhirinn ghlan; agus creid thusa mise, a Choinnich, tha suilean nan Gall lan fhosgailte gu ’fhaicinn gur iad na nithe sin a’s mo air am bi muinntir an toir, na ceart nithe a chuirear fa’n comhair, co aca tha iad fior no nach ’eil.” COIN.—“Direach ceart, a Mhurachaidh, tha thusa mar a bha thu riamh gun tlachd sam bith agad do na Gaill, agus gun earbsadh, gu’n dochas idir agad na d’ chridhe a thaobh nan nithe a theirear, no ’nithear, no ’smuainichear leo! Is i ’Ghailig, agus iadsan tha ’g a labhairt, a bheir mor-sholas do d’ chridhe, agus ge b’e ciod e air nach bi snuadh agus blas nam beann, nan gleann, agus nan gaisgeach Gaidhealach, cha’n ’eil suim agad dheth, agus cha bhi gnothuch idir agad ris. Ach co a tha ’toirt fiosrachaidh dhuit, a Mhurachaidh, air gach sgeul agus eachdraidh air am bheil thu co mion-eolach, an uair a tha thu a’ cur cul ris na Litrichibh-Naigheachd Gallda? Dh’ innseadh dhomh-sa an oidhche roimhe le d’ choimhearsnach fein, Ailean Cam, nach ’eil aithris no ur-sgeul o chrioch gu cruach, air nach ’eil fios agadsa. Nach ’eil sin ceart a nis?” MUR.—“Cha bheag an t-iongantas a tha thu a’ cur orm, a Choinnich, an uair tha thu ’foighneachd dhiom an ni sin air am bu choir deagh-fhios a bhi agad fein! Co a tha ’toirt fiosrachaidh dhomh air gach sgeul agus eachdraidh? Ochan, a Choinnich, b’i ’cheist i! Co ach mo charaid nach treig,—mo dhiulnach laoghach, cuimir, ceanalta, an GAIDHEAL—seadh an GAIDHEAL coir neo-eisiomaileach, a tha teachd air a thuras a’m’ ionnsuidh gach mios lan-luchdaichte leis gach caochladh eolais agus teagaisg a tha freagarrach, feumail, taitneach chum an cridhe agus an inntinn a lionadh? O! b’e ’n gille e da rireadh, an laoghach glan gun teagamh! Is cinnteach leam, [TD 104] a Choinnich, gu’m bheil thu eolach air.” COIN.—“Tha naire orm a radh nach eil.” MUR.—“Feudaidh naire a bhi ort, a Choinnich, sin ’aideachadh. Ud! Ud! mo chreach! ciod a thainig ort, a Choinnich, agus gun eolas a bhi agad air a’ GHAIDHEAL? Tha esan air bheag naire a thuigeas agus a labhras canain Oisein agus Fhinn, agus nach d’ thug fathast aoidheachd ’n a fhardaich do ’n GHAIDHEAL, agus le uile chridhe fein, nach d’ altaich a bheatha. Na toir suain do d’ rosgaibh, a Choinnich, agus na cur do cheann air cluasaig, gus an toir thu cuireadh cairdeil, fialaidh dha, gu teachd agus failt’ a chur ort le ’naidheachdaibh. Thoir an aire d’a so, ma ta, agus so mo lamh-sa nach gabh thu an t-aithreachas. Cha’n ’eil fios agad ciod a tha ’n saoghal a’ deanamh gus am faic thu an GAIDHEAL, agus gus an cluinn thu a lionmhorachd ur-sgeul!” COIN.—“Mile taing dhuit, a Mhurachaidh, is minic a thug thu deagh chomhairle orm; is minic a ghabh mi do chomhairle, agus gabhaidh mi an tras’ i. Ach c’ait am bheil an GAIDHEAL cliuiteach sin r’a fhaotuinn, agus ciamar a chuireas mi fios d’a ionnsuidh, chum gu’n taoghail e orm ’n a chuairtibh, agus gu’m faigh mi eolas air?” MUR.—“Fag thusa a’ chuis sin a’m’ laimh-sa, a Choinnich, oir is mise tha eolach air, agus is mi nach dean maille no mairneal sam bith chum gu’n tig e agus gu’m faic thu e; agus cha d’ thug thu fein agus Seonaid riamh aoidheachd mu d’ chagailt do charaid ni’s taitniche, no do neach sam bith ni’s comasaiche na esan chum toilinntinn a thoirt do’n teaghlach air fad, eadar bheag agus mhor, eadar shean agus og. Tha comhradh binn, blasda aige-san do na h-uile, agus tha eolas agus gliocas air am foillseachadh ’n a bhriathraibh gu leir! Tha e ’sparradh teagaisg agus fiosrachaidh de gach gne maraon air an og agus air an aosda. Ach mar a thubhairt mi cheana, a Choinnich, b’e’n gille e da rireadh, agus gu mo reidh gach rathad roimhe!” COIN.—“Tha’n Gaidheal a’ d’ chomain, a Mhurachaidh Bhain, oir is deas-chainnteach do bhriathra ’n a chliu; ach is cinnteach mise mar biodh an teisteanas a tha thu ’toirt air da rireadh toilltinneach, nach e Murachadh Ban a dh’ fhosgaileadh a bheul as a leth. Ach innis so dhomh, am bheil cairdeas no daimh sam bith aig do chaomhan, an GAIDHEAL ri luchd-turais a bha ’taoghal gharbh-chrioch na h-Alba o cheann da fhichead bliadhna, agus ris an d’ rinneadh moran solais an uair a thigeadh iad an rathad? Tha deagh chuimhne agam orra-san gu leir, agus cha di-chuimhnich mi a chaoidh a liuthad gaire mor, cridheil, a rinneadh aig a’ bhaile ri Fionnladh Piobaire, Eachann Tirisdeach, Para Mor, agus na h-uiread eile. Ach is fhad’ o’n la sin a nis. Bha balach taitneach ’s an TEACHDAIRE GHAIDHEALACH, ach chaidh e a dhìth ’n a oige, mu’n d’ fhuaradh mor-eolas air. Leanadh e le CUAIRTEAR NAN GLEANN, agus le FEAR-TATHAICH NAM BEANN,—diulnaich cheanalta; ach mo thruaigh! cha robh a h-aon diubh buan, agus bu laoghach iad. Tha cuimhne mhaith agam orra sin air fad, agus feudaidh e bhi gur caraid dhoibh an GAIDHEAL ainmeil sin anns am bheil uigh co mor agadsa, a Mhurachaidh.” MUR.—“Ma ta, a Choinnich choir, is math gun teagamh do chuimhne, oir is fhad’ an uine a nis o laithibh AN TEACHDAIRE, A’ CHUAIRTEAR, agus na cuideachd sin eile nach maireann, a bha co dichiollach ’n an la ’s ’n an linn feinn, chum an luchd-duthcha ’earalachadh agus a theagasg. Gun [TD 105] teagamh, mar a thubhairt thu, tha daimh aig A GHAIDHEAL riu sin, oir tha e mach air an aon ghnothuch; tha e air ’arachadh ’s an aon tir, tha e ’labhairt na h-aoin chainnte, agus tha e air a dheachdadh leis an durachd cheudna chum gach eolas agus ealaidh a dheanamh aithnichte anns gach aite. Ach tuig-sa so, a Choinnich, tha cothroman aig A’ GHAIDHEAL nach robh aca-san, do bhrigh gur iomadh innleachd. tionnsgnath, agus ealaidh air an d’ fhuaradh eolas o na laithibh a chunnaic iadsan; agus tha comus ni’s fearr aige-san na bha aca-san gu barrachd a chur an ceill d’a luchd-duthcha fein. Ach, a Choinnich, sìn a nall an adharc dhubh, oir is feaird sinn deannan dhe ’n t-snuisean an deigh an uisge. Cha’n ’eil omhail idir agad a nis dhe ’n phiob, tha duil agam, ach bha la eile ann, fhir mo chridhe.” COIN.—“A nis, a Mhurachaidh, na dean dearmad air A’ GAIDHEAL a stiuireadh a’m ionnsuidh gun dail. Ach ciamar a dh’ aithnicheas mi e an uair a thig e?” MUR.—“A dh’ aithnicheas tu e! O! a Choinnich, a Choinnich! cha’n fhac thu a mhac-samhuil riamh:— “Fior Ghaidheal e ’n a eideadh, Le ’bhreacan, ’s le ’fheile, ’S e ealanta, euchdach, Le geur-chlaidheamh ’n a dhorn.” COIN.—“Tha thusa, a Mhurachaidh, ri ranntachd mar a bha thu riamh. Tha mi faicinn nach do chaill thu a’ ghride chum bardachd a dheanamh a nochd thu ’n ad oige, an uair a rinn thu an éisg-dhuan shearbh ud do’n tailear chrubach, agus d a’ mhnaoi Ealasaid, air fonn ‘Brigis Mhic Ruairidh!’ Am bheil cuimhne agad air sinn, an uair a chuir Ealasaid an ruaig ort leis an lorg-shuisde, a’ bagradh an t-eanchainn a chur asad n’an deanadh i greim ort?” MUR.—“Bha leithid sin ann, a Choinnich, ach dh’ fhalbh na laithean sin a nis, agus chuireadh cul rium-sa gu buileach leis na ceolraidhean gogaideach sin, a tha ceart co luaineach ris a’ ghaoith, agus nach fan car an tiota a’s lugha chum filidheachd a chur le cogarsaich ’n am chluas, mar a b’ abhaist doibh a dheanamh. Cha’n fhaide air ais na’n la an de, chuir mi romhan focal no dha a chur an altaibh a’ cheile mar chliu do’n chuideachd cheanalta sin a tha ’deanamh cobhair air A’ GHAIDHEAL agus ag innseadh dha lionmhorachd nithe a chuirear an ceill leis d’a luchd-duthcha fein; ach cha tigeadh lide ’n am cheann. Rinn na ceolraidhean gaire-fanoid rium, an uair a bha mi ’g an asluchadh air son cuideachaidh, agus dh’ fhag iad mi co balbh ri Creagan-an-fhithich ud thall. Mu dheireadh, an deigh moran guidhe agus griosaidh rinn te dhiubh snodh-gaire, agus thubhairt i, ‘Rach air t-aghairt, a Mhurachaidh, agus ni mi comhnadh leat re tamuill bhig.’ Ach dh-aindeoin na cuise, cha tugadh ach fior neoni comais dhomh mo bheul fhosgladh, ach rinn mi mo dhichioll.” COIN.—“Agus ciod a rinn thu, a Mhurachaidh, ciod a chuir thu r’a cheile. Cluinneam e, cluinneam e, mar a tha e.” MUR.—“Ma ta, fhir mo chridhe, tha naire orm na rannan aithris a thaobh am miosad, ach o’n tha speis co mor agad-sa do’n GHAIDHEAL, cha mhiste leat a chluinntinn co iad a tha, le dualchas agus duchas ’n an cridhe ’g a chomnadh; oir,— “Is ro lionmhor iad na treubhan, Tha ’n dluth-dhaimhe ris fo’n sgeith’ aig’, Urramaich ro allail, euchdach, Nach dealaich ris, ’s nach treig ri ’m beo! Coisridh fior-fhoghluimt’, ealanta, A streapas gu dian, dealasach Gu bras suas air Parnassus ard, Le ’n ceol, ’s le ’n ceileireachd gun gho. [TD 106] Air eachdraidh tha iad barraichte, ’G a sgriobhadh sios gu h-ath-ghlanta, Le gach seud, seun, is sean-fhacal A chual, no ’chluinnear leo nis’ mo!” COIN.—“Ochan! a Mhurachaidh, is gleusda a fhuaras tu. Tha mi faicinn gu ’m bheil saighdean ’s a’ bhalg fhathast, agus nach do chaill thu idir do chumhachdan filidheachd. Ach innis domh co iad a chomhlan eireachdail so a tha maraon a’ cuideachadh leis A’ GHAIDHEAL?” MUR.—“Cha ’n ann, ann an cromadh an anmoich, an uair a tha ’m feasgair a’ tarruing dluth, agus a dh’ fheumas sinn dealachadh r’a cheile, a thig e dhomhsa leudachadh air a’ chomhlan urramach so, a tha co lionmhor, agus co sgaoilte o cheile, ach feudaidh mi fear no dithis dhiubh ainmeachadh ’s an dol seachad. Tha “Bun Lochabar” an comhnuidh easgaidh, ealamh, deas-chainnteach, leis gach fiosrachadh air barr a chuid meur; agus is iongantach foghlumta an gaisgeach e. Tha mar an ceudna Renton an aigh, curaidh ro cheanalta, dileas, co ealanta, deas air spealgadh bhriathar, agus air an cur, eadar bhun agus bharr an altaibh a cheile. A ris tha sgaoth gun aireamh a’ leantuinn, agus gach aon airidh air cliu. Tha ’m “Muileach,” agus “D. B. B.,” agus “Bard Loch-fine,” agus “H. M‘C.;” tha “Loch-Aillse,” agus “Cona,” “P. MacGriogair,” agus an “Runasdach,” “MacAoidh,” agus “Callum,” an “t-Abrach,” agus an “Gille Dubh,” “D. C.,” agus “MacDhomhnuill Duibh,” “Mac-Oidhche,” agus mar an ceudna “Mac-Mharcuis” nan deas-bhriathar. Tha ’n “Sgiathanach” am measg chaich le ’speuradaireachd, agus na h-uiread eile nach cuimhne leam aig an am. Sin agad comhlan laidir, togarrach, dileas, agus cha’n eagal do’n GHAIDHEAL choir aig am bheil iad uile gu leir co dian air a thaobh.” COIN.—“Mile beannachd agad, a Mhurachaidh, cha chual mi a leithid riamh. Nach iad sliochd nam beann bu choir a bhi taingeil air son gach innleachd agus strith a tha ’g an deanamh aig a’ cheart am so chum a bhi ’g an teagasg, agus ’g an ath-leasachadh. An cual thu gu ’m bheil GAIDHEAL mor eile ’g a uidheamachadh fein ann am baile-cinn na Gaidhealtachd, air son na criche ceudna. Cha ’n fhada gus am bi e deas, agus tha mi ’n dochas gu’n teid e air a thuras gu solasach, aiginneach, agus gu ’n eirich gach cuis gu maith leis re iomadh bliadhna ri teachd? An cual thu gu ’m bheil lionmhorachd chomunn ann, a tha air an suidheachadh anns gach baile mor an Alba, agus ann an Lunnain, air son leas gach ni a bhuineas do na Gaidheil. Cha ’n fhad’ on dhealbhadh comunn ro chumhachdach ann am baile Inbhirnis, aig am bheil mar Run-chleireach MacAoidh an aigh, oganach aig am bheil, mar a thubhairt am bard— “Fiamh na maighdinn air a mhalaidh, ’S e ro aithnichte ’measg chaich.” Is mithich dhuinn a nis a bhi “bogadh nan gad,” a Choinnich, oir tha ’n t-anmoch a’ tarruing dluth, agus tha slighe gach fir againn gle fhada. A mach leis an adhairc dhuibh mu ’n dealaich sin, o nach fhaighear ni ’s fearr air an raon so, ach is maith e. Innis, le beannachd, do Sheonaid gu ’m fac thu a caraid Murachadh Ban, a bha solasach a chluinntinn gu ’n robh i fein agus a paisdean slan, fallain. Na dean dail gus an tig thu an rathad a ris, a Choinnich. Greas ort, agus bithidh iomradh againn air nithibh o chein, agus air gach atharrachadh agus ur-sgeul a dh ’fheudas teachd gu crich.” So, so, “An la a chi ’s nach fhaic”—beannachd leat! ALASDAIR RUADH. [TD 107] ’S FHEUDAR DHOMH BHI BEO. [Ceòl] ’S fheudar dhomh bhi beo, Ged a robh thu ’m dhìth; Ciamar gheobh mi ’n smuairein so Chumail dhiom? ’S fheudar dhomh bhi beo, Ged a robh thu ’m dhìth. ’S muladach a ta mi Mach ri Dail-na-Ceardach, ’S gun a’ ghruagach lamh rium— Gaol a’s gradh mo chridh’. ’S fheudar dhomh, &c. ’S i mo ghaol an ainnir ’S deise theid ’n a h-anart; ’S iomadh diuc a’s baran Dh’ fharraideas, Co i? ’S fheudar dhomh, &c. ’S i mo ghaol an dèideag ’S deise theid ’n a h-eiteadh; ’S coltach ri deo-grein’ i ’N uair a dh’ eireas i. ’S fheudar dhomh, &c. ’S ann ort a tha ’n cul-snìomhain, Nach feum cir g’a chireadh, ’S e mar theudan sioda, Sios mu chul do chinn. ’S fheudar dhomh, &c. Tha ’n t-urram dhuit air dannsadh, Anns gach coisir ghreannar; ’S mor a thug mi gheall duit, Ged a mheall thu mi. ’S fheudar dhomh, &c. ’S muladach a ta mi Dol a stigh do ’n bhata, ’Dhol a nunn thar saile, ’S gu la ’bhrath cha till. ’S fheudar dhomh, &c. Ach ’s e dh’ fhag mi bruite, ’N ainnir a chur cul rium; ’N deigh na rinn i ’shugradh, ’S tursach tha mo chridh’. ’S fheudar dhomh, &c. [TD 108] AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. EARRANN VIII. Cha’n eil ni air bith ’s a’ chruitheachd a dheachdas an inntinn le smuaintibh n’is oirdheirce mu thimchioll moralachd agus co-dhealbhadh nan speur, na aireamh, meud, agus astar nan reulta suidhichte. Tha, gun teagamh, iongantas oirnn an uair a bheachdaicheas sinn le curam air mor-mheud na talmhainn air am bheil sinn a’ gluasad; ach an uair a smuainicheas sinn air cia co suarach ’s a ta am meud sin an coimeas ris a’ chuid a’s mo de na rionnagaibh os ar ceann, agus cia co beag cuairt a shiubhail, an uair a choimeasar e ris na reultaibh suidhichte; an sin, tha smuainte ni’s freagarraiche againn mu fharsuingeachd na cruidheachd, agus mu mheud nan oibre eugsamhla a ta innte! Ged is mor a ta gach reult agus gealach a tha ’g iadhadh mu’n ghrein a’ foillseachadh cumhachd neo-criochnuichte an Ti bheannaichte a dhealbh iad; gidheadh, is beag iad sin gu leir an coimeas ris gach corp dealrach eile a chithear air an suidheachadh air feadh fharsuingeachd na cruitheachd. Tha na rionnagan suidhichte, air nach ’eil againn ach eolas ro bheag a thaobh an astair do-thuigsinn uainn, agus an lionmhorachd do-aireamh, a’ foillseachadh morachd, maitheas, agus cumhachd De air mhodh do-chur an ceill! Cha’n ’eil sinne ’g am faicinn ach mar bhallaibh beaga, cruinn, soillseach, no mar sheudaibh boisgeach a tha air an suidheachadh anns na speuraibh aig astar neo-chriochnuichte air falbh! Gidheadh, is grianan iad so, a tha ’toirt barrachd air grein na talmhainn againne, an am meud agus ann an soillse! Goirear Reulta Suidhichte dhiubh a chionn gu’m bheil iad co fada air falbh a’s nach urrainn reultairean a dheanamh a mach gu’m bheil iad a’ carachadh idir as an aitibh, agus chum eadar-dhealachadh a chur eadar iad agus na reultan mu thimchioll am bheil eolas ni’s cinntich’ air ’fhaotuinn a mach. Tha an aireamh co mor is nach urainn na speuradairean ni sam bith cinnteach a chur an ceill mu’n timchioll. Cha’n fhaicear ach beagan mhiltean diubh leis an t-suil luim, ach fhuaradh a mach gloineachan-amhairc leis am bheil muilleana do-aireamh dhiubh air am faicinn; ach an deigh sin uile, tha e cinnteach gur suarach an aireamh dhiubh a chithear idir, an coimeas ris an lionmhorachd neo-chriochnuichte de na rionnagaibh boisgeach sin, a tha air an suidheachadh aig astar air nach comus do na gloineachaibh a’s fearr ruigheachd. Cha’n ’eil teagamh sam bith nach grianan iad uile aig am bheil solus annta fein, cosmhuil ris a’ ghrein a tha soillseachadh na talmhainn so againne! Tha aobhar againn a chomh-dhunadh, gu’m bheil reultan agus gealaichean a’ cuairteachadh gach greine dhiubh so fa leth, agus gu’m bheil iad air an comhdachadh le coilltibh, feur, agus luibhean de gach gne, agus feudaidh e bhi air an aiteachadh le bithibh reusonta agus tuigseach! Nach miorbhuileach, uime sin, oibre an Tighearna De! Nach soilleir a tha na neamhan a’ cur an ceill a ghloir, agus na speuran a’ nochdadh gniomh a lamh! Tha astar nan rionnag so on talamh, agus o aon a cheile, ceart co iongantach ris an aireamh aca. Tha’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean do mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faigse co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad’ as is gur gann a chithear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar [TD 109] a’ ghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna-moir, dh’ aindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis a dh-ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir, nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach d’ rainig an solus aca fathast an talamh so, o àm a’ chruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a’ chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a tha ’g an stiuireadh ’n an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe! Is ceart a thubhairt an Salmadar, “Is mor an Tighearna agus is mor a chumhachd. Molaibh e, a’ ghrian agus a’ ghealach, molaibh e, ’uile reulta soluis. Molaibh e a neamha nan neamh.”—(Salm cxlviii. 3.) Cha ’n ’eil neach air bith nach tug fa ’near an crios soilleir sin a chithear air oidhche reota, ann an airde nan speur, do’n ainm, “An t-slighe bhainneach.” Cha ’n ’eil anns a’ chrios so, uime sin, ach miltean agus muilleanan do ghrianaibh a tha air an suidheachadh co teann air a’ cheile ’s gu ’m faicear tri mile agus corr diubh ann an leud na gealaich dhe ’n t-slighe dhealraich so. Mar so, chithear na rionnagan sin le gloineachaibh, dluth do aon a’ cheile, ach an deigh sin uile tha e air a dhearbhadh gu ’m bheil muilleanan de mhuilleanaibh mhiltean eatorra! Ghabh na reultairean beachd air buaidh iongantach eile a bhuineas do chuid de na rionnagaibh suidhichte, agus ’s e sin gu ’m bheil iad caochlaideach ’n an soilleireachd. Chithear iad aig aon am anabarrach dealrach, agus aig am eile, ’s ann air eigin a chithear idir iad. Tha cuid eile dhiubh a chithear gu soilleir re uine shonraichte, agus an deigh sin a theid as an t-sealladh; agus cuid eile a tha ’g an nochdadh fein do ’n t-sealladh, nach fhacas riamh roimhe. Sea fichead agus cuig bliadhna mu ’n d’ rugadh ar Slanuighear beannuichte, nochd rionnag shoillseach de ’n ghne so i fein nach fhacas riamh roimhe; agus chunncas rionnag eile tri cheud, ceithir ficheadh agus naoi bliadhna an deigh breith Chriosd, a bha co dealrach ri Bhenus, ach ann an tri seachdainibh chaidh i gu h-iomlan as an t-sealladh! Mar so, tha caochlaidhean ri ’m faicinn ann am feachd nèimh ceart cosmhuil ris gach caochladh a chithear air an talamh. Cha’n ’eil ni air bith seasmhach no bunaiteach fo righ-chaithir an De shiorruidh agus neo-chaochlaidich, a tha ’riaghladh os ceann nan uile. Air an talamh tha sinn ’faicinn gu ’m bheil samhradh agus geamhradh a’ tighinn agus a ’falbh—gu ’m bheil luibhean a’ teachd fo blath agus a’ crionadh—gu ’m bheil linn a’ greasadh linne do ’n uaigh, mar a ghreasar tonn le tonn gu traigh, agus mar so, gu ’m bheil “aon ghinealach a’ siubhal agus ginealach eile a’teachd,” mar dhearbhadh gu ’n “teid sgiamh an t-saoghail so seachad.” Tha e soilleir, uime sin, gu ’m bheil gach ni cruthaichte maraon anns na speuraibh agus air an talamh, buailteach do chaochladh; ach tha ’n Ti ghlormhor sin a dhealbh iad neo-chaochlaideach, oir, maille ris-san cha ’n ’eil atharrachadh no sgaile tionndaidh! Is Esan Iehobhah, “an dé, and diugh, agus gu siorruidh an Ti ceudna.” Tha sinn [TD 110] ’faicinn gu ’m bheil “eadar-dhealachadh oibreachaidh ann, ach is e an t-aon Dia a ta ag oibreachadh nan uile nithe anns na h-uile.” Ann-san, uime sin, cuireadh na h-uile an dochas. “O chian leag Esan bunaite na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair a lamh. Theid as doibhsan ach mairidh Esan; fasaidh iadsan uile sean mar eudach; mar thrusgan caochlaidh se iad, agus bithidh iad air an caochladh; ach is Esan an Ti ceudna, agus cha chriochnaichear a bhliadhnan.” (Salm cii. 25.) Labhraidh sinn ’s an ath earrainn air gluasad agus air dluth-tharruing nan corp-neamhaidh, agus air na seolaibh-mara. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) A’ BHAINTREACH. Bha baintreach ann roimhe, ’s bha tri nigheanan aice, ’s is e n’a bha aice airson am beathachadh, gàrradh cail. Bha each mor glas a’ h-uile latha ’tighinn do ’n ghàrradh a dh’itheadh a ’chail. “Thuirt an te bu shine de na nigheanan r’a mathair theid mise d’an gharradh an diugh ’s bheir mi leam a chuibheal, ’s cumaidh mi ’n t-each as a’ chal.” “Dean,” ars’ a mathair. Dh’ fholbh i mach. Thainig an t-each. Thug i ’chuigeal as a’ chuibheil ’s bhuail i e. Lean a’ chuigeal ris an each, ’s lean a lamh s-ris a’ chuigeal. Air falbh a bha’n t-each, gus an d’ rainig e cnoc uaine, ’s ghlaodh e. “Fosgail, fosgail a chnuic uaine ’s leig mac an righ a stigh. Fosgail, fosgail a chnuic uaine ’s leig nighean na baintrich a stigh.” Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath d’a casan ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh i laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la’r na mhaireach ’n uair a dh’eirich esan, bha e ’dol a shealgaireachd. Thug e dh’ise iuchraichean an tighe air fad, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seomar a stigh fhosgladh ach an t-aon; air na chunnaic i riamh gun am fear sin ’fhosgladh; a dhinneir-san a bhi aice reidh ’n uair a thilleadh e; ’s n’am biodh i ’n a bean mhath gu’m posadh e i. ’N uair a dh’ fholbh esan thoisich ise air fosgladh nan seomraichean. A’h-uile fear mar a dh’ fhosgladh i bha e’ dol n’a bu bhreagha ’s na bu bhreagha, gus an d’ thainig i gus an fhear a bh’air a bhacail. Thair leatha ’d é’dh fhaodadh a bhith ann nach fhaodadh i fhosgladh cuideachd. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e lan do mnathan uaisle marbh, ’s chaidh i ’sios gus a’ ghlun ann am fuil. Thainig i mach an sin, ’s bha i ’glanadh a coise, ’s ged a bhiodh i ’g a glanadh fathast cha b’ urrainn i mir de ’n fhuil a thoirt di. Thainig cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, na’n tugadh i dh’ise deur beag bainne, gun glanadh i i cho math ’s a bha i riamh. “Thusa ’bheathaich ghrainnde! bi falbh romhad; am bheil duil agad nach glan mi fein iad na’s fhearr na thusa?” “Seadh, seadh! leig dhuit! Chi thu ’d é dh’ eireas duit ’n uair a thig e fein dachaidh!” Thainig esan dachaidh, ’s chuir ise an dinneir air a’ bhord, ’s shuidh iad sios aice. Mu’n d’ ith iad mir thuirt esan rithe. “An robh thu a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha,” ars’ ise, “Leig fhaicinn domhsa do chas, ’s innsidh mi dhuit co-aca ’bha na nach robh.” Leig i fhaicinn da an te ’bha glan. “Leig fhaicinn domh, an te eile,” ars’ esan. ’N uair a chunnaic e ’n fhuil, “O! ho!” ars’ e, ’s dh’ eirich e, ’s ghabh e ’n tuagh, s thug e ’n ceann di, ’s thilg e ’stigh do ’n t-seomar i leis an fheadhain mharbh, eile. Chaidh e ’laidhe an oidhche sin, ’s mochthrath an la ’r na mhaireach dh’ fhalbh e gu garradh na baintrich a rithisd. Thuirt an darna te de nigheanan na baintrich r’a mathair. “Theid mi mach an diugh, ’s cumaidh [TD 111] mi ’n t-each glas as a’ gharradh.” Chaidh i ’mach a’ fuaghal. Bhuail i an rud a bha aice ’g a fhuaghal air an each; lean an t-aodach ris an each; ’s lean a lamh ris an aodach. Rainig iad an cnoc. Ghlaodh e mar a b’ abhaist da ris a’ chnoc. Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath d’a casan, ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la’r na mhaireach bha esan a’ folbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithe h-uile seomar a stigh ’fhosgladh, ach an aon fhear, ’s air na chunnaic i riamh gun am fear sin ’fhosgladh. Dh’ fhosgail i h-uile seomar gus an d’ thainig i gus an fhear bheag, ’s air leatha ’d é dh’ fhaodadh a bhith anns an fhear sin ni’s motha na cach nach fhaodadh i ’fhosgladh. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e lan de mnathan uaisle marbh, ’s a piuthar fein ’n am measg. Chaidh i sios g’a glun ann am fuil. Thainig i ’mach, ’s bha i ’g a glanadh fein, ’s thainig an cat beag ma’n cuairt, ’s thuirt i rithe. “Ma bheir thu dhomhsa deur beag bainne, glanaidh mi i cho math ’s a bha i riamh” Thusa, a bheathaich ghrainnde! Gabh romhad! Am bheil duil agad nach glan mi fein i ni ’s fhearr na thusa?” “Chi thu,” ars’ an cat, “’d é dh’eireas duit ’n uair a thig e fein dachaidh.” ’N uair a thainig e dhachaidh chuir ise sios an dinneir, ’s shuidh iad aice. Thuirt esan rithe. “An robh thu a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha,” ars’ ise. “Leig ’fhaicinn domh do chas, ’s innsidh mi dhuit co-aca ’bha na nach robh.” Leig i fhaicinn da ’chas a bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” ars’ esan. Leig i fhaicinn i. “O ho!” ars’ esan, ’s ghabh e ’n tuagh, ’s thug e ’n ceann di. Chaidh e ’laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la ’r na mhaireach, ars’ an te b’ oige r’a mathair, ’s i ’figheadh stocaidh. “Theid mise ’mach le m’ stocaidh an diugh, ’s fairidh mi ’n t-each glas; chi mi ’d é thachair do m’ dha phiuthair; ’s tillidh mi dh’ innseadh dhuibhse.” “Dean,” ars’ a mathair, ’s feuch nach fan thu air folbh.” Chaidh i’ mach, ’s thainig an t-each. Bhuail i ’n stocaidh air an each. Lean an stocaidh ris an each, ’s lean a lamh ris an stocaidh. Dh’ fhalbh iad, ’s rainig iad an cnoc uaine. Ghlaodh e mar a b’ abhaist da, ’s fhuair iad a stigh. Rinn e uisge blath d’a casan ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. An la ’r na mhaireach bha e ’falbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithise na’n deanadh i bean mhath gus an tilleadh e, ann am beagan laithean gum biodh iad posda. Thug e dhi na h-iuchraichean, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seomar a bha stigh fhosgladh ach am fear beag ud,—ach feuch nach fosgladh i ’m fear ud. Dh’ fhosgail i h-uile gin; ’s ’n nuair a thainig i gus an fear so, air leatha ’d é bhiodh ann nach fhaodadh i fhosgladh, ni ’s motha na cach. Dh’ fhosgail i e, ’s chunnaic i ’da phiuthar marbh an sin, ’s chaidh i sios g’a da ghlun ann am fuil. Thainig i mach, ’s bha i ’glanadh a cas, ’s cha b’ urrainn i mir de ’n fhuil a thoirt diubh. Thainig an cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, “Thoir dhomhsa deur crion bainne, ’s glanaidh mi do chasan cho math ’s a bha iad riamh.” “Bheir a chreutair—bheir mise dhuit do dhiol bainne ma ghlanas thu mo chasan.” Dh’ imlich an cat a casan cho math ’s a bha iad riamh. Thainig an righ an sin dachaidh, ’s chuir iad a sios a dhinneir, ’s shuidh iad aice. Ma’n d’ ith iad mir thuirt esan rithe, “An robh thusa a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha mi meadhonach,” ars’ ise, “cha ’n ’eil uaill sam bith agam r’a dheanamh asam fein.” “Leig fhaicinn domh do chasan,” ars’ esan. “Leig i fhaicinn da ’casan. Bha thusa a’d’ bhean mhath,” ars’ esan, “’s ma leanas tu mar sin gu [TD 112] ceann beagan laithean bidh thu fhein agus mise posda.” An la’r na mhaireach dh’fholbh esan a shealgaireachd. ’N uair a dh’fholbh esan thainig an cat beag far an robh ise. “Nis innsidh mise dhuit de ’n doigh air an luaithe am bi thu posd’ air,” ars’ an cat. “Tha,” ars’ ise, “dorlach de sheana chisdeachan a stigh; bheir thu mach tri dhiubh; glanaidh tu iad; their thu ris, an ath oidhche gu’m feum e na tri chisdeachan sin, te ma seach dhiubh, ’fhagail ann an tigh do mhathar, chionn nach ’eil feum an so orra, gu ’bheil gu leoir ann as an ioghnais; their thu ris nach fhaod e gin dhiubh fhosgladh air an rathad, air neo ma dh’ fhosglas gum fag thu e; gun d’ theid thu ann am barr craoibhe, ’s gu’m bi thu ’g amharc, ’s ma dh’ fhosglas e gin dhiubh gu’m faic thu. An sin ’n uair a theid esan a shealgaireachd fosglaidh tu ’n seomar; bheir thu ’mach do dha phiuthar; tairnidh tu ’n slachdan draoidheachd orra; ’s bidh iad cho beo, slan ’s a bha iad riamh. Glanaidh tu iad an sin, ’s cuiridh tu te anns gach cisde dhiubh, agus theid thu fein ’s an treas te. Cuiridh tu de dh-airgiod agus de dh-or anns na cisdeachan n’a chumas do mhathair agus do pheathraichean ceart r’am beo. ’N uair a dh’ fhagas e na cisdeachan ann an tigh do mhathar, ’s a thilleas e, theid e ann am feirg choimheach. Folbhaidh e ’n sin gu tigh do mhathar anns an fheirg so, ’s brisdidh e stigh an dorus. Bi thusa cul an doruis, ’s thoir dheth an ceann leis an t-sabh, ’s bidh e ’n sin ’n a mhac righ cho aluinn ’s a bha e riamh, ’s posaidh e thu. Abair ri d’ pheathraichean, ma bheir e lamh air na cisdeachan fhosgladh air an rathad iad a ghlaodhach, ‘Chi mi thu, chi mi thu,’ air alt, ’s gun saoil’ e gur tusa a bhios a glaodhach ’s a’ chraoibh.” ’N uair a thill esan dachaidh, dh’ fholbh e leis na cisdeachan, te an deigh te, gus an d’ fhag e ’n tigh a mathar iad. ’N uair a thainig e gu gleann far an robh e smaointeachadh nach fhaiceadh ise ’s a’ chraoibh e, thug e lamh air a’ chisde leigeil sios airson faicinn de ’bh’ innte. Ghlaodh an te ’bha ’s a’ chisde, “Chi mi thu—Chi mi thu.” “Piseach air do cheann beag, boidheach,” ars’ esan, “mur am fad’ a chi thu.” B’e so a bu dual dha air gach siubhal gus an d’ fhag e na cisdeachan air fad an tigh a mathar. Nur a thill e dhachaidh air an t-siubhal ma dheireadh, ’s a chunnaic e nach robh ise roimhe, chaidh e ann am feirg choimheach. Dh’ fhalbh e air ais gu tigh na baintrich, ’s ’n uair a rainig e ’n dorus chuir e roimhe e. Bha ise ’n a seasamh air cul an doruis, ’s thug i ’n ceann deth leis an t-sabh. Dh’ fhas e ’n sin ’n a mhac righ cho aluinn ’s a thainig riamh. Chaidh e stigh an sin, ’s bha iad ann an toil-inntinn mhor. Phos e fhein agus ise, ’s rinn iad banais aighearach, shunndach. Chaidh iad dachaidh do ’n chaisteal, ’s bha iad gu math comhla, ’s fhuair a mathair ’s a peathraichean n’a chum gu math r’am beo iad.—West Highland Tales. GAIDHLIG-GHALLDA. FHIR MO CHRIDHE,—Mìle mathanas—fhuair mi do litir bho chionn fhada, agus cha b’ e ’n dearmad no ’n dìochuimhne thug orm gun sgrìbheadh roimhe seo d’ ionnsaidh, ach a’ chabhag. Tha fhios agad, bho ’n chiad là a shìnear crann no coibe toiseach an Earraich, gus am falaichear sùil a’ bhuntàta fo ’n ùir ’s a’ Chéitein, nach i ’chléit is leannan duinn air an dùthaich. Gabh mo leisgeul ma ta an dràsta, ’s chan bheil fhios, an uair a leigeas mi m’ anail, nach innis mi dhut facal no dha mu Dhònull Mac Fhionnlaidh nan dàn; agus ma chaomhnar mi ’n déigh sin, sgial goirid mu Iain Lom [TD 113] —dithis a tha fo ’n fhòid an Tom-Aingeal. Chan bheil teagamh nach d’ thàinig ioma caochladh air Loch-Abar romh linn na Comhachaig; agus ioma mùthadh a’s tionndadh bho bhàs Dhònuill Mhic Fhionnlaidh gus an là an diugh. Co is urrainn ìnnse c’ uine bha Mac a’ Bhrithimh ann—c’ uine Fearghus—c’ uine Torradan—triùir a dh’éug mu’n robh Donnshuil anns an Fhearsaid? An robh an leithid de dhaoine ann? Bhà, agus bha iad a’ fuireach ’s an Fhearsaid mu ’n robh Aonghus MacAlastair Charraich ann; dhearg iad an ainmeannan air fonn na Fearsaid, ged a bhiodh (mar nach bheil) a’ Chomhachag a’ togail fianuise-bréige. Ach nach coma, thriall iad fhein ’s an iarmad uile! De na bha de chinn-fheadhna ’s de chinn-thaighe eadar Cnoc-a’-Chualaich a’s Caolas-Mhic-Phàdruic, agus eadar Clach-an-fhuarain a’s Màm-chlach-àrd faodar a ràdh gun deach iad uile an talamh-toll, ach Mac Dhònuill-Duibh—oighre Shir Eobhan, na ’ònrachd—agus maireann buan da! Mar seo choimhlionadh an fhàisneachd: “An Loch-Abar a thà thu, Ach tràghaidh e mar an gaineamh; Thig linn eile na ’r n-àite— Bàsaichidh linn nam mollachd!” Choimhlionadh—fàisneachd “a’ Ghuth ’s an spéur” a chuala Gille-Moire bha ’n Achadh-a’-mhadaidh ’s e dol seachad air Achadh-na-croise—Chan bheil cleith air. Ach is gann a shaoileas mi gun cuireadh Alastair Carrach as gu buileach do ’nt shluagh agus miagh cho mor air daoine ’s na h-amannan ud. Air an achd chiadna chan bheil e gabhail agam gun do sgriosadh ás na Piocaich. Ach dubh, dona mar a thà sinn, tha ann is miosa cor. Duan gach duine—“Caoirich a’s uain,”—“Luinnseach ghlas am bun gach tuim”—“A’ Ghàidhealtachd a’ dol gu neoni—na Gàidhil ’s an cinn fotha—agus a’ chainnt a dh’ ionnsaich ar màthraichean duinn—am ball-sinnsireachd a bha ruith air gach duine bho ’n d’ thàinig sinn—a Ghàidhlig aosda dol air a h-uilinn, agus sinn fhein (ge nàr e) le ’r coire fhein ga cur aog adh aindeoin! Mo chreach MacLachainn, MacLeoid, agus Munro!” Gun teagamh tha na Goill na ’r measg agus sinne am measg nan Gall. Ach tha ann a their gu ’m bheil iad cho math ruinn fhein; agus mar biomaid cho simplidh ’s a tha sinn, gun ionnsaicheadh iad a’ Ghàidhlig. Is aithne dhomh fhein an ioma cèarna de ’n Ghàidhealtachd teaghlaichean diubh a rinn seo, agus a tha ’n diugh na ’s miaghaile uimpe na an tromlach dhinn fhein! Chan fhaic thu balach is urrainn fead-ghlaic a dheanamh nach fimir e ’chu a leigeadh ’s a stuigeadh am blialum is gann a thuigeas e fhein na ’chù. Cha chluinnear ach: “Cam ear ahent,” “Ger away pack hoot pye,” “Haud taht,” “Laidh toon thêr,” “Cam en to my fuht,” agus griasadan eile air nach cualas iomradh an gleann no ’n coire ri linn ar seanairean. Is culaidh-mhulaid e! Tha fhios agam gun abair thu: Tha chùis gu h-olc. Ach ciod a their thu an uair a dh’ìnnseas mi dhut, mar nach biodh fios agad air, gum bheil na sgoilearan, (a bhuidhe ri Gobha-nan-duan, cha d’ fhuair mi fhein a bheag de sgoil ann agus ’s e ’s lugha dragh) ’s eadh na sgoilearan a’ toirt a h-anma-fàis aisde. Ma leanas iad ach goirid air ant sheòl a th’aca—gun fhios dhaibh fhein, ga cuthainneachadh, mar a theireadh ant shean bhean-chlàd e, le ciasan de ’n ollainn Ghallda—éiridh fhathast, agus a’ Ghàidhlig na ’suain fo ’n lic, Gearmailtich, agus theagamh Turcaich a bheir a chreidsinn air a’ mhac nach d’ rugadh, gur Béurla bh’ aig Gàidhil an latha an diugh—gum bu Ghalldachd a’ Ghàidhealtachd! [TD 114] Nach cuimhne leat balchan beag, breac-luirgneach, leas-ruisgte, bhi air an aon leasan ruinn—Lachann-sgoilear an giullan-siubhail? An uair a ghabh sinne soiridh bhuan leis “An Treòiriche,” agus leis an sgoil, lean esan riutha; chuireadh a mach do Dhun-Eideann e, agus fhuair e air aghart gu h-anbarrach math. Tha e ’n dràst aig an taigh, ’s e ri ’dhìchioll ag ionnsachadh do ’n òigridh Gàidhlig a léughadh agus a sgrìbheadh; agus is ann dà is aithne. Tha e mion-fhiosrach mu gach rudanachd a bhuineas do thaibseachd na Gáidhlig, agus neothar-thaing mur d’ fhuair e làn eòlas mu dheas, air a peathraichean—fhuair ’s air a sinnsearan a chrìoch cian mu ’n d’ rugadh e. Bu cho math leis duine ga bhualadh ’s a’ chamaig-gharraidh le tri dùirn de bhata Dho’ch-an-fhasaidh, ri aon tuisleadh fhaotainn ag céum na Staire-nobha, (is aithne dhut i, os cionn Buinne-Mhic-Bheathain)—“Leathan ri leathan, a’s caol ri caol.” Ach adh aindeoin sin uile tha e fairtleachadh air (ma tha fiach-ris ann) smaoin sa bith a dheilbh ach air uaidnean na beirte-Gallda. Bha e là bha ’n siod am Bruach-Màiri (’s a’ Ghearrastan). Bha soitheach-sgadan a’ fiaradh na Linge-duibhe agus long Lochlannach an acarsaid Chamus-nan-Gall. Bha ’n là fiathail, agus smaoinichear e dol adh fhaicinn na luinge, agus fastaidhear bàta beag. An uair a bha e ga shocrachadh fhein air an tobhta, le tubaist air chor-eigin, tionndaidhear am bàta air a bhial-fotha, agus faighear am fleasgach tumadh math bathaidh, agus atharraichear beachd ’s tillear air’ais. Nise, tomhais cia mar a dh’ innis e seo an oidhche roimhe an taigh an tàillear? “Bha mi,” ars esan (’s e fiachainn geal na sùla) air là àraidh am Bruach-Màiri. Bha soitheach-sgadan a’ bualadh Loch-Linne no Loch-Ial, agus long de Lochlann an Camas-nan-Gall. Bha ’n latha neo-stoirmeil agus shaoil mi dol adh fhaicinn na luinge, agus thuarasdlaich mi bàta beag; ach ann a bhi ga m’ shocrachadh fhein air a’ bheinge, le sgiorradh air chor-eigin, thionndaidh am bàta bun os cionn, agus bha mis iar tumadh math bàthaidh fhaotainn agus threig mi mo rùn ’s thill mi air m’ ais. Is beag sin de Ghàidhlig Lachainn. Ged nach bheil e creidsinn ’s na sìthichean, ’s ged nach d’ ionnsaich e sgialachd riamh, tha e na dheadh chnacaiche—ach bheireadh e ort do chlìth chall ag gàireachdaich—tha e cho frithearra, fada na ’bheachd fhein. Tha e fulangach air fuachd ’s air acras, ach chan fhuiling e ’sheòladh. Is ann a their e “Bhurraidh tha thu ann, siod mar a their iad ’s a’ Bhéurla.” Cha nàr leis idir tighin a mach le briathrachas mar seo: “Stad air son mineid,” an àite “stad beag, moille bheag;” “Leig leam faicinn,” an aite, “Cuimhnich orm,” “Fuirich orm;” “A’ snàmh an àilleas,” an àite, “Air snàmh,” &c.; “Aitean far am bheil a’ Ghàidhlig iar a labhairt” an àite, “Dùthchannan no àiteachan far am beileas,” &c.; “Is coigrich sinn do ’n bhainne,” an àite, “Tha am bainne na annas oirnn,” no “Tha sinn fhein ’s am bainne na ’r coigrich” no “na ’r n-aithnichinn air a chéile,” “Tha sinn ullamh gu bhi faotainn coire do dhaoine,” an àite (ma ’s fàgail no laigse-nàdair a th’ aige na bheachd), “Tha sinn deas air coire fhaotainn do dhaoine.” “Seirbhis-shìobhalta” an àite “Seirbhis na Banrigh” agus “Airgiod-crochaidh” an àite “Pàidheadh-righ”! Cha dad idir am briathrachas làmh ris an fhaclachadh. Chan bheil urad na cloinne-bige nach bheil ag gabhail seirbhe dheth—rinn iad “pioc-an-coimheach” dheth. Chan bheil àite ’s an tachair iad, ge d’ tha e maoidheadh béum-clachain orra, ’s ag innse gur h-ann mar siod a sgribh [TD 115] an Stiubhartach e, nach dean iad “Mìle-Chuartaig” ag gabhail a’ cheileiridh seo: Thuit an gavinn Anns an avinn Oidhche-Shavinn ’S bhris e avach A’s a chnavan! Is duilich leam ri ìnnse dhut nach urrainn do Challum-tàillear gluasad gun na luirg; ’s e an neoni an saoghal! Bha uair a bheireadh e air na maighichean; agus tha Rob ag cur air gun robh geall-réise eatorra. Ach coma, nach bheil cuimhne agad an là chaidh sinn na ’r triùir a choimhead “Clach-an-turramain” agus “Uamha Shomhairle?” Nach bu chlis siubhlach an latha sin e? Tha iadsan an Gleann-Nibheis fhathast, agus a réir coltais bithidh gu “là nan creach” cia dhiubh. Cha do dhùisg a’ chlach as an turra-chadal, agus tha ’n uamha dubh, dorcha ’n siod mu choinneamh Bun-na-Stille—le ’bial cumhang ’s le h-ùrlar farsuing. Dh’ innis cuideigin do Lachann gur h-ann ’s an uamha seo a rinneadh “Cha till sinn tuille,” agus, an latha roimhe, togar air ’s rachar a choimhead na h-uamha. Is aithne dhut fhein Rob—bheireadh e conas as a leth lurgainn. Thuig e gun robh ’n tàillear ag gabhail seirbhe de Ghàidhlig Lachainn, agus iarrar air a’ ghille chòir cunntas a thoirt seachad mu ’thurus do Ghleann-Nibheis. Thòisich Lachann: “Ann a bhi dol dhomh a choimhead ‘Clach-an-fhulaisg,’ air là àraidh, chaidh mi adh ‘Uamha Shomhairle’ a tha farsaing aig a h-ìochdar agus caol aig a mullach. Chunnaic mi”—An uair a chuala an tàillear seo, chaidh ceòl na h-oidhche air feadh na fidhle—chaill e ’chluas-éisdeachd—ruith an fhoighidinn, ’s ghlaoidh e le àird’ a ghuth—“Stop it, Lachie, none of your conundrums here,” ’s thugar togail air a’ chrasgaig, ’s mur biodh Aonghus mòr, còir làmh ris thuiteadh diùbhail a bu lugha na thuit an Cuil-fhodair! Is mithich sgur de ’n Ghàidhlig-Ghallda mu ’n tilg thu orm: “An inisg ga cur ’s a bun aig a’ bhaile.”— Is mi, &c., ABRACH. An Tom Buidhe, Latha Bealltuinn, 1873. NAIDHEACHD. Bha ann an Normandy, ’s an Fhraing, cosnaiche bha air ur phosadh, duine calma sgairteil, agus bha e fein ’s a bhean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhi ’g obair ri latha uisge ’s gaillinn o mhoch gu anmoch, agus thainig e dhachaidh air a chlaidreadh gu goirt le h-obair a’s droch-shid. Bha ’bhean ’n a suidhe aig an teine. “An d’ thainig thu ’ghaoil?” ars’ ise, “nach e sin an latha! tha e air a bhi cho fliuch ’s nach b’ urrainn mise dol a dh’ iarraidh uisge, agus leis a sin cha ’d fhuair mi do dhinneir a dheasachadh; ach o’n tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, bhithinn a’d’ chomain n’an rachadh tu’dh’iarraidh cuinneag uisge.” Thog e ’n da chuinneig, agus thug e’n tobar air; bha ’n tobar greis air astar, ach cha b’fhada gus an do thill e; chuir e aon do na cuinneagan air an urlar, agus thilg e na bha ’s a’ chuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus a’ chuinneag eile air an doigh cheudna. “Sin, a ghraidh,” ars’ esan, “tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, agus tha mi ’n dochas nach misd’ thu dol a dh’ iarraidh an uisge.” Tha deagh fhios againn nach ’eil a’ h-aon do na mnathan Gaidhealach a dheanadh a’ leithid so; ach mar thuirt am Frangach, tha sinn “an dochas” nach misd’ iad an sgeul beag so a chluinntinn. Bha ’m Frangach bochd ’n a dhuine spurtail, tuigseach: cha b’ ionann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di—Cuairtear nan Gleann. [TD 116] AIR LATHA ORDUIGH DHUNEIDEANN. Ged tha mi ’s an Fhraing ’g éisdeachd srannraich na gaoith, B’e baile Dhuneideann ’n diugh m’ eibhneas a’s m’ ùigh, A’s cluig bu bhinn orain ri ceòlraidh do m’ chrìdh, Toirt cuiridh gu cuirm ann an cùirtean an Rìgh. FONN— Air faillirin, illirin, uillirin ò, Air faillirin, illirin, uillirin ò, Air faillirin, illirin, uillirin ò, Mo rùn air a’ chomunn ’s mo thogradh bhi leò! Bhi ’g éisdeachd a’ bhuachaill,* a fhuair mi ’n am fhéum, Gu beanntainnean Bheuladh a’ stiùireadh mo chéum; ’S air tùs chuir a’m’ laimh a’ ghloin’-amhairc de ’n òr, Troimh ’m faca mi sealladh air fearunn na gloir. Air faillirin, illirin, &c. A chuideachd mo ghaoil gabhaibh aòbhach an sògh Th’ air a sgaoileadh le faoilt aig Fearsaoraidh nan Slògh; ’S’ n uair a thig e air dàil dh’ iarruidh bhlàithean a’s meas. Na biodh aon gheug gun phairt oir’ ri aireamh ’n ’ur lios. Air faillirin, illirin, &c. B’e mo mhiann-sa ur cìocras bhi riariucht’ le gràdh ’S ur n’ òl bhi gun airceas fo bhratach an àigh; Ged tha mis’ mar neach paiteach air ard-bheannaibh mòr ’G eisdeachd torman nan caochan ’s nach fhaod dol nan còir. Air faillirin, illirin, &c. A nigheanan Shioin co geal is co dearg, Ged ’s dubh mi seach sibhse na gabhaibh rium fearg; Bidh mise thar chuaintean ga m’ bhualadh le grian, A’s sibhse gu mùirneach le bùthaibh ga ’r dìon. Air faillirin, illirin, &c. Gu ’m b’ annsa na h-orain tha ’n coisri nan saoi, Na osag a’ Cheitein ged ’s éibhinn a laoidh; ’S’n uair thig cruaidh-ghaoth a’ Gheamhraidh ’cur greann air gach dùil, ’S ann o Shinai tha ’m fonn tha ’s gach ponc d’ a cruit-chiuil. Air faillirin, illirin, &c. Ged ’s ciatach leam searmoin nan garbh-thonnan mòr Mu uamhas Iehobhah, mu mhorachd ’s mu gloir; Cha chluinnear a’ luaidh iad air Uan Chalbharì, ’S a chaoidh cha toir cunntas mu Chumhnant na Sìth. Air faillirin, illirin, &c. * An t-Ollamh Maclachainn, Eaglais Chaluim-Chille, Duneideann. [TD 117] Ach leanaidh mis’ céuman ur tréudsa le deoin, ’S’n uair rugeas mi ’n t-aite ’m bi ur tamh mu thra’-neoin, Mar fhior-uisge Elim ’n deigh Mara bhi searbh, Bidh suaimhneas nan cluaintean ’n deigh cruaidh rathaidean garbh. Air faillirin, illirin, &c. MAIRI NIC EALLAIR. Honfleur, anns an Fhraing, Mios mu dheireadh an Fhoghair, 1872. TOIMHSEACHAIN. 1. An uair a chuireas tu ’n t-suil as, is ann is fearr a chi e. 2. Theid e gu bord mor an Righ ’s cha ghabh e fiamh no faiteachas. 3. Tha teanga fhada, chaol, chruaidh Aig mo luaidh, an ribhinn og; Is lionmhor iad le ’m binn a guth, ’S is ioma fear le ’m blasd’ a pog. 4. Baraille gun ton ann, ’s e lan de fheoil duine. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh:—1, Gath-greine; 2, Ubh; 3, Cruban, no Partan; 4, Cnu. SOP AS GACH SEID. Na sia buaidhean a bha cumail suas na Féinne:—1. Agh Fhinn. 2. Làmh Ghoill. 3. Prab-bhuillean Oscair. 4. Iomairt ealamh Oisein. 5. Ruith chruaidh Chaoilte. 6. Suidheachadh Chonain air a’ chath. Trì subhailcean a’ bhàird:— 1. Cìocras coin gu làn a bhronn. 2. Fios fithich a’ ruith gu ròic. 3. Tart frithir gu òl a dhram. Na trì rudan is daoire th’ ann:—1. Uuibhean chearc. 2. Feòil mhuc. 3. Glòir chailleach. Na trì rudan is milse th’ ann:—1. Mo chuid fhìn. 2. Mo bhean fhin. Agus, 3. Tiugainn dachaidh. Mar is còir teine fhadadh:— Séid agus séid an gual, A’s séid gu ruighinn, cruaidh an sop. FUINE. Ged nach dean thu ach a’ h-aon, Dean am bonnach beag; Agus ge do dheanadh tu naoidh, Dean am bonnach-beag a’s crois air. Cha’n ’eil còir aig duine sam bith a dheanamh mar a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an nì sin a ta ceart a dheanamh. AN T-OLLAMH MACAOIDH. Is ann le mor dhuilichinn a tha sinn a cur an ceill d’ar luchd-leughaidh gu ’n do chaochail An t-Ollamh Urramach, Mac-an-toisich Macaoidh air an d’ thug sinn gearr-eachdraidh (le ’dhealbh) ann an aireamh 13 de ’n GHAIDHEAL. Bha e rè breagan bhliadhnaichean air an ais agus gu sonruichte o chionn mios no dha an am fior dhroch shlainte. Chaochail e ann am Portobello dluth do Dhun-eideann air an t-seachdamh latha deug d’an mhios a chaidh seachad aig aois cheithir fichead bliadhna. Ghabhaidh sinn cothrom fathast air cuid de ’eachdraidh a thoirt do luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL, a nis o’n dh’ fhalbh e agus nach ruig leas sgath a bhi oirnn a bhuaidhean ainmeil aithris. NAIDHEACHDAN. Cha ’n ’eil a’ bheag sam bith de naidheachdan ur no annasach againn ri thairgse d’ ar luchd-leughaidh air a’ mhios so. Ged a tha a’ Pharlamaid a nis cruinn o chionn cheithir miosan, cha ’n urrainn duinn a radh gu ’n do chuir iad ach gle bheagan troimh an lamhan. Chaidh a’ chas-bhacain a chur air an Uachdranachd ann an [TD 118] toiseach na chluiche an uair a thilg Tigh-nan-uaislean a mach am Bill a chuireadh air am beulaobh le Mr. Gladstone, Ard-chomhairleach na Banrigh, air son ath-uidheamachaidh agus riaghailteachaidh nan Oil-thighean ann an Eirinn. Cha do chord e ris an tigh; chuir iad cul ris; thilg an Uachdranachd a suas an dreuchdan, agus ged a chaidh iompaidh a chur orra an gabhail air an ais, cha d’ fhuair iad ceart os a chionn fhathast. Is i ar barail nach tig moran cobhair orra gus an teid a’ Pharlamaid a chur mar sgaoil agus a thaghadh as ur—ni a thachras air a’ chuid is fhaide an ath-bhliadhna, oir, cha ’n fhaod i marsainn ach seachd bliadhna, agus tha an uine sin a nis dluth air teachd gu crioch. Tha Ard-sheanaidhean Eglais-na-h-Alba agus na h-Eaglaise Saoire a’ cumail an coinneamhan bliadhnail an drast ann an Dun-eideann. Thatar ag radh, “gur sona an rioghachd a tha gun eachdraidh,” oir, is bitheanta gu ’m bheil eachdraidh rioghachdan gu mor air a deanamh a suas de bhlair, de fhuil-dhortadh agus de euchdan ghaisgeach. Ma tha an ni ceudna fior mu na h-eaglaisean tha iad a’ mealtainn an t-sonais so am bliadhna. Ann an Seanadh na h-Eaglaise Steidhichte tha gach ni thuige so a’ dol air aghart “gun ghuth mor gun droch fhacal;” tha cunntais thaitneach air an tabhairt a lathair mu shoirbheachadh cuisean na h-eaglais an coitcheann air a’ bhliadhna chaidh seachad. Bhuilich a’ Bhanrigh choir—saoghal fada dhi! mar is gnath leatha a h-uile bliadhna, da mhile punnd Sasunnach air an eaglais a chum eolas a sgaoileadh am measg nan Gaidheal d’ am bheil a’ leithid de ghradh aice. Tha an neul dorcha a bha bagairt an Eaglais Shaor a sgoltadh ’n a bloighdibh air a sgapadh air falbh. Tha a’ bhuidheann a chuireadh air leith a’ dheich bliadhna ’n ama so a dh’ fheuchainn am biodh e comasach posadh a dheanamh a suas eadar i fhein agus na United Presbyterians, air a cur mar sgaoil, agus ceisd an Aonaidh a dhuisg a leithid de bhuaireas agus de dh-aimhreit feadh na h-Alba gu leir ri bhi, car tamuill co dhiu, air a cur a leth-taobh. Ciod e air bith am beachd a bhios aig cuid a dhaoine, agus tha dearbh fhios againn gu’m bi ioma barail ann, mu cheartachd agus mu iomchuidheachd an Aonaidh na ’n tachradh e mar bu mhiann le aireamh mhor anns an da eaglais, gidheadh, tha luchd trom air a thogail bharr inntinn ioma aon a bha o chionn uine fhada fo amharus gu’m bidh an Eaglais Shaor air a spealgadh as a cheile; agus tillidh moran a chaidh a Dhun-eideann gu gle smuaireineach, dhachaidh le ceum aotrom agus le cridhe aoibhneach. Shocraich an t-Ard-sheanadh air a’ cheann mu dheireadh gu ’m faodadh ministear de na United Presbyterians a bhi air a ghairm do aon de chomh-thionalaibh na h-Eaglaise Saoire na ’n aontaicheadh e gabhail ris na beachdan a bha i a’ teagasg agus a’ cur an ceill mu dhleasannas an uachdarain shaoghalta do ’n eaglais—ann an aon fhacal, na ’n tionndadh e do ’n Eaglais Shaor agus na ’n fo-sgriobhadh e a riaghailtean mar aon d’a ministearan fein. Facal ’s an Dealachadh. NORVAL.—Tha AN GAIDHEAL ag ol a dheoch-eolais ort. Co thu? Bu mhath leinn greim cridheil fhaighinn air do lamh, oir tha sinn gu mor air ar mealladh mur duine suilbhear, aoidheil thu. Dh’ aithnicheamaid so air mearachas do litreach. Cha ruig thu leas a bhi cho malda mar gu ’m bu nighean og AN GAIDHEAL; cuiridh sinn geall nach ’eil thu cho sgàthach an lathair do leannain. Chuinneamaid uait a rithisd. [TD 119-128] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 129] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] TREAS MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1873. [17 AIR. AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. EARRANN IX. Le bhi ’beachdachadh air oibribh miorbhuileach na cruitheachd, mar a tha iad air am foillseachadh anns na neamhaibh is ceart a dh’ fheudas sinn a radh maille ri Daibhidh, “Cha ’n ’eil do shamhuil-sa am measg nan dia, a Thighearna, agus cha ’n ’eil oibre ann cosmhuil ri t’ oibribh-sa.” “Nach ’eil Dia ann an airde nan neamh? agus faic mullach nan rionnag, cia ard a ta iad.” Is esan an Dia uile-chumhachdach “a ta ’toirt na greine air son soluis anns an la, orduighean na gealaich, agus nan reultan air son soluis anns an oidhche, agus a ta’ deanamh na fairge ciuin tra bhios a’ tuinn a’ beucaich” (Ierem. xxxi. 35). Thug sinn cheana fa’near ann an earrannaibh eile, cuid de na buaidhibh a ta ri’m faicinn air cruinn-mheallaibh soillseach nan speur. Labhair sinn air an aireamh, am meud, an astar, agus an soilleireachd; ach tha buaidhean eile orra, air nach do labhair sinn fathast; agus ’s iad sin, an doigh air am bheil iad a’ gluasad, agus an dluth-tharruing nadurra a ta eatorra. Tha e ’n a bhuaidh air gach ni gu ’m fan e aig fois mur gluaisear e le cumhachd eigin eile. Ged is innleachdach an obair a chithear ann an uaireadair, gidheadh cha ghluais e mur teannaichear a shlabhraidh. Cha charaich am peileir as a’ ghunna, gus an cuirear teine ris an fhudair. Ceart mar sin, cha ghluaiseadh an talamh, no na reultan, mur biodh cumhachd eigin air a ghnathachadh chum an greasadh mu ’n cuairt air an slighibh mora agus farsuing fein. A ris, tha e air ’fhaotuinn a mach gu ’m bheil, a thaobh nadair, dluth-tharruing eadar gach aon ni anns a’ chruitheachd, chum an dluthachadh r’a cheile. Is buaidh so a chithear anns na smuirneanaibh a’s lugha, co math is anns na meallaibh a’s mo ’s a’ chruitheachd. Chithear e anns a’ bhraon a ’s lugha de ’n druchd air an lus mhaoth. ’S e an dluth-tharruingeachd so a ta ’deanamh an druchd ’n a chuirneanaibh cruinn agus boisgeach air bileagaibh an fheoir; agus ’s e mar an ceudna a tha ’gluasad nan cruinn mheall soillseach anns na speuraibh. Tha ’n dluth-tharruingeachd so laidir no lag, a reir meud agus astar nan nithe anns am bheil an cumhachd so air a shuidheachadh. Air do ’n talamh so, uime sin, a bhi ’n a mheall anabarrach mor, tha e a’ tarruing gach mill eile a ta am fagus da, g’ a ionnsaidh fein. Mar so, tilgeadh neach clach suas os a cheann anns na speuraibh, agus tuitidh i gu h-ealamh a nuas dh’ ionnsaidh na talmhainn far an luidh i gun charuchadh. Agus carson? Tha, a chionn gu’m bheil an talamh a’ dluth-tharruing na cloiche d’a ionnsaidh fein! Tha fios againn nach soirbh le moran so a thuigsinn, oir their iad gu ’m bheil a’ chlach a’ tuiteam le ’cudthrom fein; ach, nach ’eil an cudthrom ceudna aice gu dol suas anns na speuraibh, no gu gluasad air slighe sam bith eile? Gun teagamh sam bith dheanadh i sin, mar biodh an talamh ’g a dluth-tharruing a nuas d’ a ionnsaidh fein. Is ann, uime sin, trid na dluth-tharruing so, tha na reulta agus a’ ghrian a’ buanachadh, ’n an aitibh, air an slighibh fein anns [TD 130] na neamhaibh. Tha Dia “a’ crochadh na talmhainn,” agus gach reult eile “air neoni,” agus tha iad a’ buanachadh ’n an cuairtibh fein trid na dluth-tharruing a ta annta agus eatorra fein. Air do ’n ghrein a bhi mor seach na reultan, tha i ’g an tarruing d’a h-ionnsaidh fein, ach tha iadsan, mar an ceudna, a’ tarruing aon a cheile, agus air an tarruing iad fein le reultaibh eile mu ’n cuairt doibh; air chor ’s gu ’m bheil a’ ghrian agus na reulta, mar so a’ comh-chothromachadh a cheile. Tha iad air an socrchhadh ’n an dluth-tharruing, mar gu ’m biodh iad air meidh, air sheol is nach toir a’ h-aon diubh buaidh air an aon eile! Is do-thuigsinn an gliocas a shuidhich iad air an doigh so, air chor is gu ’m bheil iad cosmhuil ri cuidhleachaibh a’ siubhal gu riaghailteach, agus ag oibreachadh gu h-innleachdach an uair a ghluaisear iad le uisge, teine, no toit. Mar so, tha na reultan agus a’ ghrian air an suidheachadh aig a’ leithid a dh-astar o cheile ’s gu ’m bheil iad, trid na dluth-tharruing a bhuilich Dia orra, a’ comh-chothromachadh a cheile le eagnuidheachd mhiorbhuilich. Air doibh a bhi mar so air an socrachadh thug Dia orra gluasad le focal a chumhachd, agus tha iad, uime sin, a’ gluasad le riaghailt agus laghannaibh a tha gu neo-chriochnuichte ni ’s eagnuidh n’an obair-chuidhleachan a’s grinne a rinneadh riamh le lamhaibh innleachdach dhaoine. O! gu ’m moladh na h-uile an Tighearna air son a mhaitheis, agus gu ’n cuireadh iad an ceill a ghniomhara miorbhuileach le luath-ghaire agus gairdeachas! Tha Esan a’ deanamh mar a’s aill leis ann am feachd neimh, agus am measg luchd-aiteachaidh na talmhuinn! Chum a chumhachd neo-chriochnuichte a chur an ceill, tha da eiseimpleir againn far an do chuir e stad air an talamh ’n a chuairt. Tha e air ’innseadh dhuinn ann an leabhar Iosua gu ’n do stad a’ ghrian air iarrtas seirbhisich Dhe, ag radh,—“A ghrian air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin. Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach” (Iosua x. 12). A ris, ann an Dara Leabhar nan Righ, tha sinn ’faicinn, an uair a rinn Heseciah urnuigh gu ’n d’thug Dia comharadh dha le toirt air a’ ghrein dol air a h-ais deich ceumanna air uaireadair-greine Ahais (II. Righ. xx. 11). Chuir Dia an so an toiseach stad air an talamh ’n a chuairt lathail, agus a ris, chuir e air ais ’n a shlighe e deich ceumanna, nithe a ta ’foillseachadh air mhodh miorbhuileach cumhachd an Tighearna Iehobhaidh! Ach ged tha e air a radh anns na h-earrannaibh so dhe ’n Sgriobtur, gu ’n do chuireadh stad air a’ ghrein agus air a’ ghealaich, gidheadh, cha ’n ’eil sinn gu sin a thuigsinn anns an t-seadh litreachail; oir, cha ’n ann air a’ ghrein agus air a’ ghealaich a chuireadh stad, ach air an talamh ’n a chuairt air a mhul fein, agus air a’ ghealaich ’n a cuairt mu ’n talamh. Dh’ innseadh ann an aite eile gu ’m bheil a’ ghrian neo-ghluasadach, agus gu ’m bheil an talamh ag iathadh m’a timchioll aon uair ’s a’ bhliadhna, agus a’ cur cuir deth air a mhul fein gach ceithir uaire fichead, agus mar sinn a’ deanamh la agus oidhche. A nis, an uair a ta e air a radh gu ’n do stad a’ ghrian air Gibeon, tha sin a’ ciallachadh gu’n do chuireadh stad air gluasad na talmhainn air a mhul fein; agus a thaobh a’ chomharaidh a thugadh do Heseciah, cha’n i a’ ghrian a chuireadh air a h-ais, ach an talamh, agus an uair a rinneadh sin, b’ éigin do fhaileas na gréine dol air ais deich ceumanna air an uaireadair-ghreine. Tha na Sgriobtuirean, mar a’s trice, a’ cur nithe an céill ann am briathraibh cumanta, agus a’ gnàthachadh an dòigh-labhairt a’s fearr a thuigear. [TD 131] Ged a dh’ ìnnseadh Maois, far am bheil e ’toirt cunntais air cruthachadh nan cruinn-mheall soillseach neamhaidh, gu ’m bheil a’ ghrian neo-ghluasadach, agus gu ’m bheil an talamh ’g a cuairteachadh, cha chreideadh moran e, ged bha e a’ cur an ceill na firinn, agus air an aobhar sin, tha e air a radh anns na Sgriobturabh gu ’m bheil a’ ghrian ag eiridh agus a’ luidhe, a chionn gur e sin doigh-labhairt choitchionn dhaoine. Chum na dluth-tharruingeachd so air am bheil sinn a’ labhairt a dheanamh ni’s soilleire fathast, bheir sinn eiseimpleir m’a tiomchioll o na seolaibh-mara. Air do’n ghealaich a bhi ni’s teinne air an talamh na na reultan agus a’ ghrian, tha neart na dluth-tharruing aice air a mhothuchadh gu soilleir. Tha i a’ tarruing, uime sin, d’a h-ionnsaidh an aite sin dhe ’n talamh a bhios a ghnath f’a comhair. Air do ’n talamh a bhi ’n a stubh a tha cruaidh agus daingeann cha druigh a cumhachd co mor air; ach air do na h-uisgeachaibh a bhi ni’s fhusa a ghluasad, tha iad gu mor air an luasgadh le dluth-tharruing na gealaich. Tha, uime sin, na h-aitean dhe’n fhairge a tha direach fo chomhair na gealaich air an tarruing le a neart d’a h-ionnsaidh fein, air chor is gu ’m bheil na h-uisgeachan ag eiridh suas ni ’s airde na bha iad, agus an sin their sinn gu ’m bheil muir-lan ann; ach an uair a theid a’ ghealach seachad air an aite shonraichte sin, tuitidh na h-uisgeachan air an ais a ris gus am bi muir-tragha ann. Air an doigh cheudna, tha cumhachd aig a’ ghrein os ceann uisgeacha na talmhainn a chithear gu soilleir aig amannaibh sonraichte. Tha a’ ghealach a’ gabhail mios gu dol timchioll air an talamh, agus air an taobh a stigh dhe’n uine sin, tha i da uair air an aon ruith ris a’ ghrein; ’s e sin, an uair a ta i lan agus a’ caochladh; agus air an aobhar sin, air do dhluth-tharruing na greine agus na gealaich a bhi dol ann an co’-bhoinn r’a cheile, agus a’ tarruing nan uisgeachan air an aon rathad, tha an cumhachd, air an doigh so ni’s treasa, na ’n uair a bhios iad a’ tarruing an aghaidh a’ cheile. Air an aobhar sin, ma ta, tha reothairt agus contraigh ’g ar fiosrachadh gach uile cheithir la deug. Tha ’n lan-mara teann air uair ni’s fadalaich gach la, a chionn, air do ’n ghealaich a bhi ’siubhal ’n a cearcall fein, gu ’n gabh an talamh an uine sin chum an t-aite ceudna anns am bheil muir-lan an diugh, a thoirt fa chomhair na gealaich am maireach. Tha ’n lan-mara ni’s airde anns an earrach agus anns an fhogharadh na aig uair air bith eile dhe’n bhliadhna; do bhrigh, an sin, gu ’m bheil dluth-tharruing na greine agus na gealaich ro laidir a thaobh nan aitean d’a chuairt anns am bheil an talamh anns na h-amannaibh sin dhe ’n bhliadhna. An uair a bheachdaicheas sinn air na nithibh miorbhuileach so uile, deanamaid gairdeachas ann-san a ta ’g an cumail suas le ’fhreasdal fein. Is Esan an Ti “a charnas suas mar thorr, uisgeacha na fairge, agus a chuireas an doimhne suas ’n a thighibh-tasgaidh.” (Salm. xxxiii. 7). Anns an ath earrainn bheir sinn cunntas air dubhradh na grein’ agus na gealaich. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) MU NA SEANN GHAIDHEIL. XI. INNTREACHDAINN AN T-SOISGEIL. Bha taobh tuath na Gaidhealtachd comhdaichte le tiugh dhorchadas an iodhol-aoraidh, agus ain-eolach air Rathad na Slainte troimh Chriosd gus an d’ thainig Calum-cille. Mu ’n bhliadhna A.D. 563, dh’ fhag e Eirinn a chum an Soisgeul a shearmonach- [TD 132] adh do na Gaidheil Albannach agus aig an am sin bha e mu thimchioll da bhliadhna agus da fhichead de dh-aois. Thainig da fhear dheug eile maille ris a chum a bhi ’n an luchd-cuideachaidh aige ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Bha na daoine so cairdeach dha fhein agus is cosmhail gu ’n robh iad air an dusgadh suas agus air an stiuradh leis an aon Spiorad cheudna. Bhuineadh Calum-cille fein do theaghlach rioghail na h-Eirionn, oir b’e Feilim, mac Fhearghuis, mhic Chonuill, mhic Neill naoigheallaich, a bha ’n a cheann-tighe chlann Neill agus ’n a righ air Eirinn, a b’ athair dha. Bha e mar an ceudna cairdeach do theaghlach rioghail nan Scuiteach ann an Earraghaidheal, oir b’ e Feilim, mac Fhearghuis a bha ’n a righ an Earraghaidheal; agus aig an àm sin bha Conull, mac Chomhail, mhic Dhomhanairt, mhic Fhearghuis, a charaid fein ’n a righ air na Scuitich. Bha an righ so ’n a iar-ogha brathar sinn-seanar do Chalum, mac Fheilim. Dh’ fhag Calum agus a chompanaich Eirinn ann an curach no eathar de shlataibh caol air am figheadh agus air an comhdach a muigh le seicheachan. Sheol iad astar fada air a’ chuan gus an d’ thainig iad air tir ann an I-Chaluim-chille aig aite ris an abrar o’n àm sin, Port-a’-churaich. Tha an t-Eachdraiche urramach, Bede ag radh gu ’n d’ thug Bruidhi, Righ nam Picteach, coir do Chalum air Eilean I gu bhi mar sheilbh aige fein air son feum na h-eaglais. Tha feadhain eile ag radh gu ’n d’ fhuair e coir air an Eilean o Chonull, Righ nan Scuiteach, a charaid fein. Faodaidh e bhi gu ’n robh lamh aig an da righ Ghaidhealach so le cheile anns an eilean a dhaingneachadh mar sheilbh do Chalum agus do ’n eaglais, do bhrigh gu ’n robh e mar gu ’m b’ ann ’s a’ chrich eatorra, agus goireasach do gach aon de ’n da rioghachd. An deigh do Chalum-cille e fein a shocruchadh ann an I, chaidh e air thuras gu Bruidhi, Righ nam Picteach a bha aig an àm so a chomhnuidh aig ceann an ear Loch-Nis far am bheil an abhainn Nis a’ fagail an Loch. Bha an turas so ceud gu leth mile air astar bho I-Chaluim-chille. Aig an am sin bha an t-slighe garbh, deacair ri ’siubhal, le beanntaibh agus le aibhnichibh, maille ri caolasan-mara ’n uair nach robh rathaidean-mora sam bith ann, no bàtaichean-aisig ach gann ri ’m faotainn. Chaidh e air a thuras troimh Ghleann-mor-na-h-Alba, seachad air an Apuinn, Coran-airde-gobhar, Inbhir-Lochaidh agus Leitir-Fhionnlaith. Chaidh e troimh Lagan-acha-droma agus Cille-Chuimein; agus thaoghail e an Gleann-Urchadain far an robh seann duine air iompachadh agus air a bhaisteadh. Ghabh e an sin air ’aghart gu ruig am Bàn-ath aig ceann an ear Loch-Nis far an robh caisteal an righ—’s an aite ris an abrar an diugh Caisteal Spioradan. Aig an aite so choinnich e ri Brichean, ceannard nan Druidhneach, sagartan Paganach nan Seann Ghaidheal, a thug ionnsaidh air cur ’n a aghaidh a chum an Righ a thionndadh o ’n chreideamh Chriosdaidh. Ach cha deachaidh so leis, oir thug Calum buaidh air mu dheireadh, agus dh’ iompaicheadh an Righ gus an Soisgeul a chreidsinn. An deigh sin bhuadhaich an Soisgeul am measg an t-sluaigh oir lean iad eiseimpleir an Uachdarain, agus ghabh iad ris a chreideamh aige-san, ni a bha dualach do na Seann Ghaidheil a dheanamh. Ann an uine ghoirid bha na Druidhnich air am fuadachadh as an tir; chuireadh an creideamh aca gu buileach air cul; agus fhuair Calum coir o ’n Righ air na h-aiteachan aoraidh a bha roimhe sin aig na Druidhnich. D. B. B. (Ri leantuinn.) [TD 133] AM MARAICHE TAINGEIL. Tha fios aig gach neach a tha eolach air na maraichean gu ’m bheil iad truacanta, fialaidh. Air dhoibh fein a bhi buailteach do ghabhadh ’s do challdach, tha iad ullamh a shineadh na lamh chum comhnadh a dheanamh do ’n uireasbhuidheach. Mar eiseimpleir air a so, chuala mi an sgeul beag a leanas air ’aithris le ministear a bha bitheanta am measg sheoladairean. Bha seoladair araidh a’ gabhail an rathaid eadar da bhaile-puirt a bha astar o cheile. Thuit an oidhche air. Bha e aineolach air an t-slighe, ach ghabh e air aghart gus am facaidh e solus a bha ’teachd o thigh tuathanaich. Rainig e an tigh agus air dha bhi ro sgith, dh’ iarr e cead suidhe taobh an teine gu maduinn. Bhuin na daoine ris gu ro chaoimhneil. Thug iad da a shuipeir, a leaba agus greim-cuthaig m’ an d’ fhalbh e ’s a’ mhaduinn, agus cha ghabhadh iad ni ach a mhile taing air son an suairceis. An uair a rainig e am baile-puirt gus an robh e ’dol ghabh e air bord luinge a bha gu seoladh do na h-Innsean. Thug i mu thuaiream da bhliadhna air a cuairt. An uair a thill iad, bha companach dha ag innseadh nach bu chuimhne leis gu ’n do leig e seachad latha d’ an uine sin gun iomradh a thoirt air a’ chaoimhneas a fhuair e ann an tigh an tuathanaich. Cha luaith’ a rainig iad cala na thug e a chompanach leis agus ghabh e carbad g’a ghreasad a chum an tighe anns an deachaidh buntainn cho caoimhneil ris. Cha d’ fhuair e an tigh idir mar a dh’ fhag e roimhe e. Bha bean-an-tighe nis ’n a bantraich agus air a’ cheart latha sin bha i gu dubhach, deurach a’ faicinn a cuid airneis ’g a reic a dhioladh a fiachan. Cha robh na seoladairean a’ tuigsinn na cuise—ball an deigh buill d’a h-airneis ’g a thoirt a mach gun a cead n’a comhairle. Mu dheireadh thainig am fear a bha ’freasdal do ’n fhear-reic, a thogail leis na creathaill anns an robh an leanabh aig an àm ’n a chadal. Cha b’ urrainn d’ an t-seoladair an gnothuch a sheasamh n’ a b’ fhaide, “Air d’athais” ars’ e agus e ’dunadh a dhuirn, “cha ’n ’eil mi a’ tuigsinn ciod tha sibh a’ ciallachadh—chuir mi suas leis a so tuilleadh ’s fada. Bean do ’n chreathaill agus cha ’n fhag mi bior slan ann am fiodhrach-tarsuinn do chuirp!” An uair a thuig e gur ann a phaigheadh a fiachan a bha a cuid ’g a chur gu margadh, tharruing e a sporan anns an robh aige, ’n a bhuinn òir, tuarasdal na da bhliadhna agus thuirt e ’s e ’g a thaomadh air an lar, “So, togaibh as a sin na dhiolas a fiachan, agus cuiribh a stigh airneis na mnatha coire ’n a h-aite fein.” J. W. Lag-na-h-abhunn, An Siorramachd Pheairt, 1873. SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. TO THE EDITOR OF THE GAEL. SIR,—The study of folk-lore has become an important branch of literature. Books on the subject would fill a small library, and students need to be linguists and mythologists. As all early history was tradition at first, the study of folk-lore manifestly is important, though it may seem to be frivolous at first sight. In 1860-1862 I contributed to the common stock of knowledge four volumes of Gaelic traditions, orally collected in the West Highlands by myself and by my assistants. I have been gathering ever since. In 1872 I printed a volume of heroic Gaelic Ballads, which you noticed as Leabhar na Feinne, p. 302, Vol. I., GAIDHEAL. My collection of foolscap manuscript, [TD 134] bound, now fills a shelf nearly seven feet long, and the collection grows slowly. Amongst traditions current in the Highlands are,—1st, General popular history, such as the history of the Feinne, of which an example is in the book named. 2nd, Local popular history, of which I sent you a sample, p. 261, Vol. I., GAIDHEAL. 3rd, Supernatural history; of fairies, ghosts, dreams, warnings, voices, apparitions, and such like immaterial matters and things, which unbelievers call “superstitions,” and believers believe to be true. In September, 1870, I left some coin at Tobermory to be expended in writing down traditions of a different kind, which have the greatest value, because they are found all over the old world, but which are condemned as “lies.” Samples are in the “Popular Tales of the West Highlands.” In March, 1873, a manuscript, very well written, by John Macdonald, came to me from Tobermory without explanation, and no explanation has followed it. If you think the contents worth printing, your readers will have a sample of my collections fresh from the quarry; untouched, genuine folk-lore, a bit of the popular mind. All the authorities are named, but I omit the names. No. i. puports to be true, and may be. The four verses appear to be “heroic history,” spoken in the character of the ghost of one of the Feinne. I have no other version of the ballad, if it be an old ballad. No. ii. describes an ancient custom, familiar to all Highlanders, in which I have taken part in my youth. It is the only popular dramatic performance of which I have found a trace in the Highlands, or in Irish writings. The end is a sample of local popular history. It describes a battle, but gives no date. No. iii. is a sample of supernatural history, which may be reasonably explained by the delirium of famine. It is picturesque and interesting. I know that such stories are believed to be true by all classes in all parts of this kingdom, and in most parts of the world. No. iv. is a sample of supernatural history. The belief in fairy sweethearts is common in all Celtic countries. This story also may be reasonably explained, up to a certain point. No. v. is supernatural fairy history. It is a fair sample of a very large class of legends which are believed to be true by thousands of people now living in all parts of these realms. It is a remnant of some forgotten religion, as I believe, whose pagan divinities have been degraded into creatures who cannot withstand Christian symbols, used as spells. The idea is in the opera of Faust, where Mephistopheles is routed by pointing the cross hilts of swords at him. No. vi. is a good, short sample of popular local history. It is minute in detail, but devoid of dates. It may be true in the main, but without the aid of cotemporary writings, or allusions to known events, it is impossible to make “history” of it. Of stuff of this kind I have here six large volumes, collected for the Duke of Argyll by John Dewar, who died at the end of last year. These will be preserved in the library at Inverary. To the best of my belief, no such collection of popular history ever was made in any country. I have myself carefully read and sorted and noted the whole. Icelandic sagas are the only compositions known to me which re- [TD 135] semble Gaelic popular history in style and incident.—I am your obedt. servant, J. F. CAMPBELL. Niddry Lodge, Kensington, London, W., June 16, 1873. I.—SGEUL GOIRID, FIRINNEACH. Bha ann an eilean Mhuile dithis fhear. B’e ainm aon diubh, Dughall Mac-na-faiche; ainm an fhir eile, cha’n fhios domh. Bha Dughall cleachdta ri dol do’n chladh a ghearradh feoir. Cha robh so taitneach le ’choimhearsneach agus bha e toileach stad a chur air gearradh an fheoir. Dh’ fhalbh e agus dh’fholaich se e-fein foidh aon de leacan a’ chladh, agus rinn e an rann a leanas an uair a thainig Dughall le’chorran ’n a laimh: I. “Co thug dhuitse ’Dhughaill ordugh Air tighinn a bhuain feoir do ’n àit’ so? Fuirich bhuamsa fad an iaruinn, ’S na bi ’tigh’n siar air mo charnan. II. Chunnaic mise uair de ’n t-saoghal, ’N uair ’bha Clann-a-Baoth ’s an aite, Dh’ fhalbhadh iad ’s an coin air iallan, ’S bhiodh iad a fiadhach ’s a’ bhraighe; III. Thigeadh iad, ’s an daimh air iomain, Seachad muineal Chnoc tabhaid; Ruigeadh iad Tom-Fhinn na h-aibhne, ’S bhiodh iad ’g an roinn air an cairdibh. IV. Cha robh brailis, leann no caochan, Aig daoine ri fhaighinn ’s an al sin, Ach meadraichean mora foidh ’n cobhar De bhainne nan gobhar bana, ’s a Dhughaill tarr as.” Le so a chluinntinn do Dhughall chlisg a chridhe ’n a chom ’s cha ’n fhacas tuille ’s a’ chladh e. II.—MU BHLAR NA DUNACH. Bha na Gaidheil bho shean cleachdta ri da latha sonruichte anns gach bliadhna a ghleidheadh mar laithean feille. B’ iad sin latha na Nollaige moire agus latha na Nollaige bige. Bha oidhche na Nollaige bige air a gleidheadh ’n a h-oidhche ro shonruichte, agus air a h-ainmeachadh “Oidhche Chollainn” anns an robh a h-uile fear agus bean, fleasgach og agus gruagach air an cruinneachadh aig fleagh am measg an cairdean agus an coimhearsnaich, agus bha an cruinneachadh so air a dheanamh le mor-ghreadhnachas, chairdeas agus fhiughantas anns an doigh a leanas. Bha caora no mult air ’fheannadh le feannadh-builg airson fleagh na Collainn. Bha crioman beag de’n chraicionn air ’fhagail gun fheannadh air uchd a’ bheathaich agus an deigh sin air a thabhairt a mach gu glan agus air ainmeachadh “Caisean Collainn.” Bha an Caisean Collainn an sin air a ghiulan le muinntir na Collainn; bha gach fear agus fleasgach aig uair shonruichte de ’n oidhche a’ cruinneachadh comhla agus a’falbh a dh-ionnsaidh tighean an cairdean agus an coimhearsnaich. Dh’ fheumadh a’ chuideachd uile dol deiseal tri uairean timchioll an tighe, gach fear le lorg ’n a lamh agus ag aithris an rainn so a leanas, mar a bha e ’dol air aghart a’ cuairteachadh an tighe—aig a cheart am a’ slachdadh ballachan an tighe leis an lorg a bha ’n a lamh: “Chollainn, a bhuilg bhuidhe, bhoicinn, buail an craicionn air an totadh. Cailleach ’s a’ chuil—cailleach ’s a’ chill—cailleach eile ’n ceann an teine; bior ’n a da shuil; bior ’n a goile: Eirich agus fosgail dhuinn.” Bha gach fear an sin ri rann a ghabhail ag an dorus m’ am fosgailear dha e. Is e so aon de na rannaibh: “Eirich thusa ’bhean choir, ’S a bhean og a choisinn cliu; Liobhair thusa ’Chollainn uait Mar bu dual dhuit a thoirt dhuinn. A’mhulchag air am bheil an aghaidh reidh, ’S am fear nach do bheum suil; ’S mar ’eil sin deas ad choir, Foghnaidh aran ’s feoil dhuinn.” Bha an dorus an sin air ’fhosgladh le greadhnachas agus fiughantas nach bu bheag; bha an Caisean Col- [TD 136] lainn an sin air a thabhairt air bonn agus prabadh dathaidh air a thabhairt air anns an teine agus air a thabhairt do ’n mhnaoi a bu shine bha ’s an tigh. Chuireadh ise ri ’sroin an Caisean leth dhaite agus rachadh a chur m’ an cuairt air na bha ’s an tigh. Bha bord na cuirme an sin air a chuairteachadh le muinntir na Collainn; bha rogha gach bidh agus dibhe air a’ bhord agus bha cairdeas, greadhnachas agus toil-inntinn ri ’m faicinn am measg na cuideachd. A reir a’ chleachdaidh so dh’ fhalbh tuath Mhic-Ionmhuinn, tighearna Mhisnis a bha ’chomhnuidh ’s an am sin ’s an Eiridh, baile a tha beagan tuath air Tobar-mhuire, air Chollainn gu Mac-illeathain, tighearna Thorloisg, agus thainig tuath fear Thorloisg gu Mac-Ionmhuinn. Rinn Mac-illeathain fiughantas agus suilbhearachd nach bu bheag a nochdadh do chuideachd Mhic-Ionmhuinn; thug e dhoibh rogha gach bidh agus dibhe agus cunntas sonruichte de chrodh a bheireadh iad leotha aig àm pillidh. Cha d’ fhuair tuath Mhic-illeathain bho Mhac-Ionmhuinn ach a mhain na dh’ ith ’s na dh’ol iad. An uair a bha an da chuideachd a’ pilleadh, choinnich iad ann an gleann a tha eadar Darbhaig agus Tobar-mhuire, troimh am bheil abhuinn a’ ruith bho dheas gu tuath ris an abrar, “Abhuinn-tuil-Ghall.” Ri taobh na h-aibhne so thoisich an tabaid—cuideachd Mhic-illeathain a’ tilleadh a’ chruidh a fhuair tuath Mhic-Ionmhuinn. Anns a’ bhlar so mharbhadh seachd fichead Mac-Mhoirein de nach d’ thugadh fiasag. Is e ainm a’ bhlair, “Blar-na-dunach.” III.—SGEUL MU HAOISGEIR-NA-CUISEIG. Bha triuir choimhearsnach ann an iochdar Mhuile aig an robh briuthas. Air dhoibh beagan uisge-beatha a dheanamh dh’ fhalbh iad leis ’n an triuir g’ a reic do Eilean Thiridhe. An deigh dhoibh an t-uisge-beatha a reic phill iad air an ais, ach an uair a bha iad fagus air cladach Mhuile—oidhche na Nollaige bige—sheid a ghaoth ’n an aghaidh le cur ro ghailbheach shneachda. Bha an oidhche dorcha, agus am fuachd do ghiulan, ionnas gu ’n do bhasaich dithis de na fir mu ’n robh iad ach goirid an deigh fuadach a ghabhail. Mhair an treas fear beo agus stiuir e am bata cho math ’s a b’urrainn da. Beagan an deigh mheadhon-oidhche chuala e gairich-cladaich; rinn e air, agus an uair a thainig e fagus ghlaodh fear bho thir ri fear a’ bhata, “Gabh mar so.” “Co thusa?” “Mise Mac-illeruaidh,” “Gabh mar so,” ars’ an dara guth. “Co thusa?” “Mise Mac-illedheirg.” “Gabh mar so ars’ an treas guth.” “Co thusa?” “Mise Mac-illebhain.” Fhreagair am fear a bha ’s a’ bhata, “Gabhaidh mi a dh-ionnsaidh an aite ’s an cuala mi a’ chiad ghlaodh.” Chaidh e air tir agus chunnaic e gur i sgeir-mhara a nis anns an robh e le gle bheagan talanta oirre. Rinn e toll leis a’ bhiodaig, anns an robh e ’laidhe gun bhiadh gun deoch, ach aon chard de ìm. Chaidh e ’n sin a shealltainn an robh duine no creutair air an sgeir ach e fein; thuig e nach robh. A thuilleadh air a so sheall e air na h-aiteachan bho ’n cuala e na guthanna agus chunnaic e gu ’n robh e eucomasach dol air tir ach a mhain far an robh a’ chiad ghlaodh. Dh’ fhan e air an sgeir bho oidhche Nollaige bige gu Latha Feill-Paruig. Bha e ’teachd beo air bairnich a’ chladaich air am buain le sgithin agus air an cur ris a’ ghrein an uair a bhiodh i ’dearrsadh. Dh’ itheadh e ’n sin iad le beagan d’ an ìm ’n an deigh. A h-uile h-oidhche chluinneadh e glaodhaich agus sgreadail mar gu ’m biodh muinntir ’g am bathadh; ruitheadh [TD 137] e sios gus an cladach ’s an uair a ruigeadh e, cha robh creutair beo air thoiseach air. Lean e mar sin gus an d’ fhas e sgith de bhi air a mhealladh. Bha e air an sgeir gus an do thog bata-iasgaich e an deigh Feill-Paruig agus thugadh e do Uist, far an robh e o thigh gu tigh ’g a eiridinn leis a h-uile caoimhneas gu Bealltuinn. Thainig e air ais gu ruig Muile agus an latha ’thainig e bha a bhean a’ roupadh no a’ reic a’ h-uile ni a bh’ aice. Nochd am fear a bha air a shaoilsinn a bhi baite, e fein ’s thill gach duine na nithean a chaidh a cheannach a dh-ionnsaidh na mnatha. Tha an sgeir air an robh e fagus air eilean Chana, agus is e ’h-ainm, “Haoisgeir.” IV.—SGEUL MU LEANNAN-SITH. Bha ann an iochdar Mhuile fear d’am b’ainm Domhnull Mac Ruairidh-bhain. A’ h-uile oidhche an deigh laidhe b’ eiginn da eiridh agus a bhean-phosda ’fhagail ’n a cadal. Bha e uine fhada mar so. Cha robh fios aig aon neach c’ aite ’n robh e dol no ciod a bha e a’ deanamh. Philleadh e air ’ais aig deireadh na h-oidhche, fuar, fliuch. Cha robh so taitneach le ’mhnaoi ’s throdadh i ris gu sgaiteach, geur airson a bhi air falbh cho tric bho ’leabaidh. Thoisich Domhnull air seargadh as gun fhios aig aon neach ciod a b’ aobhar dha. Mu dheireadh bhris an t-iomradh a mach gu’n robh leannan-sìth aig Domhnull ris an robh e a’ deanamh coinneamh. Chum so a bhacadh choimhairlich iad d’a mhnaoi eolas no soisgeul ’fhaighinn d’ a fear. Fhuair i so agus cheangail i e mu ’amhaich. Thainig an leannan-sìth a dh-ionnsaidh na h-uinneig far an robh Domhnull ’n a laidhe agus thubhairt i, “Tha thusa an sin, a Dhomhnuill, ’s a’ ghealbhain bhoidheach mu t-amhaich.” Dh’ fhan Domhnull an oidhche sin ’s cha ’n fhacas tuille i air a thoir. Moran bhliadhnaichean an deigh sin bha marsanta-siubhail a’ falbh le bathar aig an robh each a’ giulan a’ bhathair. Bha e air a thuras eadar Misinnis agus Cuimhnis; thainig e gu beul-atha aibhne ris an abrar Abhainn tuil-Ghall. Dh’ fhairtlich air an t-each a chur thairis. Mu dheireadh, thuirt am marsanta, “Cuiridh mise thairis thu an anim Tri Pearsa na Trianaid ged robh a’ h-uile deamhan an ifrinn ann.” Air dha so a radh dh’ eirich gurraban beag caillich air taobh thall na h-aibhne ’s thuirt i, Na ’n abradh Domhnull Mac Ruairidh-bhain sin riumsa a chiad oidhche a choinnich e mi cha robh mi cho fada ’g a leanailt,” agus fhuair am marsanta thairis. V.—SGEUL AIR BEAN-SHITH. Bha tuathanach anns an leth iochdraich d’ an eilean Mhuileach agus chaidh aon de ’n chrodh aige air iomrall. Dh’fhalbh e fein agus a mhac a dh-iarraidh a’ mhairt a bha air chall agus ghabh fear gach rathad dh’ fheuch am faiceadh iad i. Air do’n mhac a bhi sgith le ’thuras, shuidh e ri taobh sruthain a tha ’ruith troimh aite ris an abrar Coire-nan-caorach, ann am braigh a’ bhaile ris an abrar Cille-Mhuire. Bha cu aige, ’s bha e ’n a laidhe lamh ris. Thoisich an cu ri deithlean ’s ri comhartaich le braise ro dhian. Thug so air a’ ghille a shuil a thogail feuch co ris a bha an cu a’ comhartaich. Chunnaic e taobh eile an t-sruthain gurraban beag boirionnaich comhdaichte le aodach uaine agus leth-chuinnean a sroine duinte. Bha an gille aig an am a nitheadh a chas anns an t-sruthan. Thug e mach sgian air son ìnnean a lomadh. Lean lus a bha ’n a phoca ris an sgithin an uair a thug e mach i—b’e an lus, Achlasan Chaluim- [TD 138] chille. Labhair a’ bhean-shith ris mar so, “Caisg an cu ’Dhomhuill air neo caisgidh mise e.” “Caisgidh mi fein e.” “Thoir dhomhsa an lus sin.” “Ciod a ni thusa d’ an lus so?” “Ni mi snaoisein dheth.” “Cha ’n fhaic mi aite snaoisein agad.” “Galar luchd-falbh na h-oidhche ort!” “Ciod e ’n galar a bhios an sin?” “Cha bhi sin agad ri ’innseadh do d’ mhnaoi no do d’ leannan, oidhche do sgeoil no do bhainnse.” Dh’ eirich Domhnull ’s dh’ fhalbh e, ach dh’ fhan an cu. Uair anmoch d’ an oidhche thainig an cu dhachaidh agus cha do dh’ fhan rib fionnaidh air agus fhuair e bas, ach dh’ fhan Domhnull beo. VI.—SGEUL GOIRID MU MHAC-ILLEATHAIN DHUBHAIRT. Bha comh-strith eadar Mac-illeathain agus a bhrathair ionnas gu ’m b’ eiginn d’a bhrathair Muile fhagail agus dol gu ruig Eirinn. Thug e tri bliadhna ann an Eirinn air choimhich. Mu dheireadh chuir Mac-illeathain fios a dh-ionnsaidh a bhrathar e a thilleadh dhachaidh agus gu ’m faigheadh e ’sith. Air d’ a bhrathair an naidheachd so fhaotainn thill e do Mhuile ach ’s i ’n t-sìth a bha ’feitheamh air an ceann a chur deth. Dh’ iarr Mac-illeathain air duine foghainteach de theaghlach Chola d’ am b’ ainm Niall Mor, an ceann a thoirt bharr a bhrathar. Thuirt Niall Mor, gu ’m b’ fhearr leis a thoirt air duine eile an gniomh ud a dheanamh na airsan a chionn gu ’n robh goisteachd eatorra. Fhreagair Mac-illeathain, “Mur cuir thusa an ceann deth cuiridh fear eile an ceann dhiotsa.” Thuirt am fear a bha ri ’mharbhadh ri Niall Mor, “Tha fios agam gur duine treun thu agus gu ’m bheil gniomh duine air do laimh, ’s na cum fada mise ann am pein.” Air dha so a radh, bhuail se e agus stad an claidheamh air chor ’s gu ’m b’ eiginn do Niall Mor a chas a chur air a cheann m’ an tugadh e an claidheamh air ’ais. An sin thuirt Mac-illeathain Dhubhairt, “Ged a dh’ orduich mi am buille cha ’n fhuiling mi an tamailt,” agus dh ’orduich e Niall Mor a mharbhadh. An sin theich Niall agus thug e tri bliadhna air theicheadh roimh Mhacilleathain a bha air ti cur as da; agus airson so a dheanamh chuir e fios gu ceatharnach d’ am b’ainm Ailein Mac Dhomhnuill. Thainig Ailein gu ruig Druim-na-croise, am baile ’s an robh Niall Mor a chomhnuidh le coig fir dheug maille ris agus dh’ fhaighnich e an robh Niall aig an tigh. Thuirt a bhean nach robh; gu ’n deachaidh e do ’n cheardaich a dheanamh obair ach gu ’n cuireadh i an treabhaiche air a thoir. Bha Niall ’s an àm so foluichte aig a mhnaoi ann an ceann eile an tighe. Chaidh a bhean a sios am feadh a bha an toireachd a stigh agus thug i nios pios de ghàta iaruinn, ’s ghlaodh i air an treabhaiche ’s thuirt i ris, “Chaidh do mhaighstir do ’n cheardaich ’s dh’ fhag e fios agadsa dol ’n a dheigh le mir iaruinn,” ’s i ’breith air a’ ghàta ’n a laimh, “saoil thu ciod e na dh’ fheumas e, an dean am fad sin gnothuch dha?”—’s i ’comharachadh fad sonruichte d’ an ghàta. Thuirt an treabhaiche gu ’n deanadh. Lub i an sin an gàta eadar a da ordaig agus bhris i e ’s thuirt i ris a’ ghille, “Falbh leis a sin do ’n cheardaich, thoir dha e agus abair ris gu ’m bheil daoine ’stigh a’ feitheamh ris.” “Cha ’n abair, cha ’n abair a bhean,” thuirt Ailein Mac Dhomhnuill cha ’n ’eil a bheag de fheum againne air,” ’s dh’ eirich e fein agus na coig fir dheug a mach ’s thuirt e ris na daoine an deigh dha dol a mach, “Nach e Dia a shabhail sinn a chuideachd, nach robh fios aice an gnothuch air an d’ thainig sinn air neo cha d’ fhag fear againn [TD 139] beo an tigh leis a’ ghàta a bha ’n a laimh.” ’N a dheigh so chur Dubhairt fios gu Niall Mor, e g’ a choinneachadh ’s gu ’n deanadh iad sith. Dh’ innis e so d’a mhnaoi agus thuirt a bhean ris, “Tha tri roinneagan air sroin Mhic-illeathain agus an uair a bhios sith air ’aire bidh na roinneagan ’n an laidhe air a shroin; agus an uair a bhios fearg air bidh na rionneagan air an cruinneachadh comhla.” Dh’ fhalbh Niall agus choinnich iad ri cheile anns an Dubh-leitir aig taobh sruthain ris an abrar, Allt-Dubhaig, ri taobh Loch-Phrìse. Bha na fir reith, sìochail gu leoir ’s thill e dhachaidh agus dh’ fhag e Druim-na-croise ’s ghabh e comhnuidh ann am baile ris an abrar, a’ Chill-bheag, ach thuirt a bhean ris, “An tug thu fa-near ciamar a bha na roinneagan?” “Thuirt e gu ’n robh e cho sìochail ’s a chunnaic esan riamh, agus, ars’ esan, “Buidheachas do Dhia faodaidh mise laidhe ’stigh a nochd agus tha tri bliadhna bho nach do laidh mi roimhe ’stigh.” Fhreagair a bhean e, “Is i mo chomhairle-se dhuit an oidhche nochd a leigeil le cach.” Air an oidhche sin fein thainig an toir air Niall do ’n Chill-bhig. Thainig cuideachd g’ a ghlacadh agus bris iad fosgailte an dorus, ach dh’ fhag Niall iad air bheag dochainn agus theich e rathad a’ Bhealaich-ruaidh agus ghabh e air aghart thairis air a’ Chlachan-dubh. Choinnich an ath chuideachd e an deigh dha dol thar a’ Chlachain-duibh aig cnocan beag agus thoisich iad air săbaid ann an sin agus leth-mharbh iad Niall Mor. Is e ainm a’ chnuic gus an là ’n diugh, Dunan-Neill. Dh’ fhag iad e ann an sin a’ call ’fhola agus ghabh a’ chuideachd air an aghart rathad na h-Airde-duibhe. Ach an deigh ’fhagail thuirt fear a bha anns a’ chuideachd d’ am b’ ainm Dughall Ruadh Mac Ailpein, “Cha d’ thuirt mise nach tig Niall Mor beo fathast.” Thill iad an sin agus fhuair iad e air a dha ghluin agus air basan a lamh; bhuail iad air a rithist agus thug iad ’n a mhirean beaga as a cheile e, air chor ’s gur ann am brata na leapach a thug iad dhachaidh e. CLEASACHD NAN GAIDHEAL. FHIR MO CHRIDHE,—Anns an litir a sgrìbh mi’d ionnsaidh mu dheireadh, thug mi treallan air a’ Ghàidhlig-Ghallda. Bheir mi ’s an té seo, le d’ chead, greis air a’ Chleasachd, agus faodaidh tu a cur an luib do bhreacain-ghuailne an uair a bheireas do chothrom air. Thàinig caochladh mòr air nàdar agus air àbhaistean na h-òigridh bho ’n is cuimhne leamsa. Tha giullain an là an diugh cho glic ri ’n seanairean agus cho sean ris na cnuic, mu’n gann a bhriseas iad air “gàradh-ant-shagairt.” Tha chleasachd iar dol cho mór á cleachdadh ’s nach fhada ’s aithne do na caileagan fhein uibhir ’s cluith air an “Fhrìdeig.” Cha chluinnear guth a Shamhradh, a Gheamhradh, a dh-Fhoghar, no a dh-Earrach, air Cluith-na-brataich, Tomhas-nam-prop, am Madadh-ruadh, Cisteag-òir a’s cisteag-airgid, Falach-a’-phutain, Gille-iùnnsachan, Nead-Ghille-brigein, cha chluinn no air Currac Mhaighistir Péursal fhéin! Leig na sean-ghiullain diubh, ach beag, ant òrd, a’ chlach-neart, a’ chruinn-léum, an léum-ruith, an cabar, ’s Gille-Callum! Cha ’n bheil cuimhne agam c’ uine chuala mi geall-réise ga chur; ’s nach bheil a bhlàth; an àite a’ ghrama-ruith, an cluinnear ach greim-stamaig; agus na lorg cha ’n fhaicear uibhir “ceann-na-h-òrdaig” de ghlas-ghiullan gun àth-aoil na phluic! Tha chamanachd fhathast ag cumail suas a cinn—thà ’s an dallan-dà; ach tha bhuaidh seo air an “dallan”—am fear air an téid [TD 140] e aon uair gur dùth dha fuireach air! Tha cuibheas air a’ h-uile rud; ach am beilear an diugh na’s fhèarr na bhàtar bho shean? Am beilear na’s clise ’s na’s eòlaich air ball-airm a laimhseachadh bho ’n a chuireadh air chùl Cluith-na-brataich, a’s Tomhas-nam-prop? Am beilear na’s teóma air seilg, agus na’s fhèarr a suas ri àmhuiltean ant shionnaich bho ’n a sguir Cluith a’ mhadaidh-ruaidh? An aon fhacal, am beil an Gàidheal na’s lùthmhoire shiubhal an fhirich, na’s fulangaiche air mìmhodh, na’s cruadalaich ri uchd gàbhaidh, na’s carantaiche, na’s dìlse dh’a chompanach, agus na’s fhaide saoghal? Cha do leig sinne tur fhathast an cabar air ant shlinnein; cha ’n bheil oidhche-sheachdain nach fhaigh sinn a’ Ghlas-mhiar bho ’n phìobaire, sgialachd bho Eobhan-mór, agus fios mu ioraltan Mhic-an-tuim bho Dhònull Camron; ach an uair is bàs do dh-Iain mac Ghill-easbaig, tha eagal orm nach cluinn sinn gin tuille de na seann-òrain. Ma ghabh na seann-Ghàidheil saothair ri oileineachadh làmh a’s chas, cha d’ rinn iad dearmad air a’ mheomhair. Mar dhearbhadh air sin bheir mi dhut A’ CHAS-GHOIRT. Féumaidh ochdnar a bhi ’s a’ chluith. Am fear air an tig “stoc a staigh” ’s e bhios na “bhodach;” agus a’ fiachainn co bhios na bhodach, their an rìgh facal de’n rann a leanas, no dhe ’samhuil, ’s e tomhadh a chorraige ris gach fear fos leth de ’n ochdnar, ’s a’ dol deiseal air a’ chròileagan. Is i seo an rann a bhiodh againn, mar is cuimhne leat, an uair a bhimid ag cluith air an “Fhrìdeig.” Féumaidh am bodach seasamh air bialaobh gach fir de ’nt sheachdnar, agus a dhuan a ghabhail ’s a dhanns a dheanamh. Bidh dochair air an fhear theid lideag am mearachd:— Imeadan beag, àmadan beag, Gioba gobha, gioba gadha, gioba gall, Gall-seipein, seipein siùbhlach, Aon bhogh’-Ileach, dà mhiar mheadhoin, Miar Mhic Iain, an ceann ’s a’ chaolan, Dughall glas, ga leigeil ás, Taobh na slaite, ìnnse cruitein, Ainnse meitein, boineid na muice, Stoc a’s taigh! RIGH.—Eirich, a bhodaich, ruig an leathraiche, agus faigh iall a theid air do chois ghoirt. LEATHRAICHE.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? BODACH.—A dh-iarraidh éille theid air mo chois-ghoirt. LEATHRAICHE.—Cha ’n fhaigh thu iall bhuamsa gus am faigh thu sgian bho ’n ghobhainn a ghearras i. GOBHAINN.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? B.—Gobha, gobha bòidheach, Gobha, gobha briagha, Gobhainn a bheir sgian domh, Sgian a bheir mi do ’n leathraiche, Leathraiche bheir iall domh, Iall a theid air a’ chois ghoirt! G.—Cha ’n fhaigh thu sgian bhuamsa mur teid thu thoirt iteig ás a’ chòrr ud shìos a bheir do ’n choill thu a thoirt guail leat. CÒRR.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol? B.—Còrr, còrr bhòidheach, Còrr, còrr bhriagha, Còrr a bheir iteag dhomh, Iteag a bheir mi do ’n choill, Coill a bheir gual domh, Gual a bheir, &c. C.—Cha ’n fhaigh thu iteag bhuamsa mur faigh thu dhomh piseag bho ’n chat ghlas ud thall. CAT.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Cat, cat bòidheach, Cat, cat briagha, Cat a bheir piseag dhomh, Piseag a bheir mi do ’n chòrr, Còrr a bheir, &c. C.—Cha ’n fhaigh thu piseag bhuamsa mur faigh thu dhomh diaran bainne bho ’n mhart mhaol. [TD 141] MART.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Mart, mart bòidheach, Mart, mart briagha, Mart a bheir bainne dhomh, Bainne bheir mi do ’n chat, Cat a bheir, &c. M.—Cha ’n fhaigh thu bainne bhuamsa mur faigh thu dhomh sop bho ’n ghille-shabhail. GILLE-SABHAIL.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Gille sabhail bòidheach, Gille sabhail briagha, Gille sabhail a bheir sop dhomh, Sop a bheir mi do ’n mhart. Mart a bheir, &c. G. S.—Cha ’n fhaigh thu sop bhuamsa mur faigh thu bonnach dhomh bho ’n bhean-fhuine. BEAN-FHUINE.—Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c. B.—Bhean-fhuine bhoidheach, A bhean-fhuine bhriagha, A bhean-fhuine bheir bonnach dhomh, Bonnach a bheir mi ’n ghille-shabhail, Gille-sabhail a bheir sop dhomh, Sop a bheir mi do ’n mhart, Mart a bheir bainne dhomh, Bainne bheir mi do ’n chat, Cat a bheir piseag dhomh, Piseag a bheir mi do ’n chòrr, Còrr a bheir iteag dhomh, Iteag a bheir mi do ’n choill, Coill a bheir gual domh, Gual a bheir mi do ’n ghobhainn, Gobhainn a bheir sgian domh, Sgian a bheir mi do ’n leathraiche, Leathraiche bheir iall domh, Iall a theid air a’ chois-ghoirt! Fiach a nise an cuir thu fhein càch romh ’n “Isein-chirce” agus romh na “Deich amaill,” air ant sheòl chiadna: Cóig stallain dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm; Le ’n cóig earrabuill dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm. Ceithir capaill dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm; Le ’n ceithir searraich dhiag, Dhubha, dhubha, dhùghorm. Trì mnathan diag, geala, Geala, geal-bhreideach. Dà ghille dhiag, bhreac-luirgneach. Aon fheadag dhiag, fhad-speireach. Deich bà ceanfhionna, Croidhionna, làirceach. Naoidh tairbh mhaola, Dhonna, chorc-chluasach. Ochd cailleachan miogagacha, Magagacha, màgach. Seachd gobhair ghiorragacha, Gharragacha, dhàite. Sia mucan-biadhta. Còig fainneachan òir. Ceithir sraibh-mhuillcinn. Trì eòin-ghura, Dà chrann-lacha, ’S isein-circe, ’s a chas briste, ’S beairt air a mhuin! Cuir seachad seo. ’D é th’ ann an seo? Isein-circe ’s a chas briste, ’s beairt air a mhuin. Cuir seachad seo? Agus mar sin sìos. Deich amaill a’s deich tuill Na ’n deich cinn. Naoidh amaill a’s naoidh tuill Na ’n naoidh cinn. Ochd amaill a’s ochd tuill Na ’n ochd cinn. Seachd amaill a’s seachd tuill Na ’n seachd cinn. Sia amaill a’s sia tuill Na ’n sia cinn. Cóig amaill a’s cóig tuill Na ’n cóig cinn. Ceithir amaill a’s ceithir tuill Na ’n ceithir cinn. Tri amaill a’s tri tuill Na ’n tri cinn. Dà amall a’s dà tholl, Na ’n dà cheann. Amall agus toll na cheann. Cuir seachad seo. ’D é th’ ann an seo? Dà amall a’s dà tholl na ’n dà cheann, amall agus toll na cheann. Agus mar sin sìos.—Is mi, &c., ABRACH. An Tom-Buidhe, Oidhch’ Fheill-Eathain, 1873. Bha seann bhanaltrum aig Righ Séumas I., agus ghuidh i air, ag radh, “O! a righ, dean mo mhac-sa ’n a dhuin’-uasal.” “Cha dean, cha dean,” deir an Righ, “ma thogras tu ni mi tighearna dheth, ach tha duin’-uasal a dheanamh dheth os cionn mo chumhachd. [TD 142] AN DARA DUAN DE SGIALACHD NA TROIDHE; Air a thionndadh bho Ghréugais Homeir Gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MACLACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus àireamh nam fineachan Gréugach agus Tròidheach. V. (Air a leantuinn bho ’n àirimh mu dheireadh.) Shuidh càch air cathraichean, cruinn, ’S an àrd-shlinntrich ghabh gu clos; Ach ghlaodh Thersites gun tàmh, Le téis sglannraidh bu bhuan lochd: Bu torach an toibheum beòil— Dòlaire ’n aignidh neo-ghrìnn; Eisgealachd na ùigh ’s gach tràth; Air laoich àigh ag gnàth-chur bìnn. Leis-san bu taitneach an ràdh, A bhrosnaicheadh gàir ant shluaigh; ’S e bu mhì-chliùitiche béus, De na sheòl bho ’n Ghréig thair stuaidh. Leth-chas bhacach, sgionn-shùil chlaon, Guaillean crom roimhe na ’n stùic, Ceann gogaideach binneach, baoth, ’S cloimh-ghargach air maoil gun sùgh. Aicheall, a’s Ulisses àigh, Bu ghràin leis thair chàch gu léir: ’S buan a bha dhranndan gun bhrìgh, Mu mhac Atreuis, righ nan tréun. Le reasg-ghuth pìochanach, caol, Dhìt an daormunn flath nam buadh. Aon cha robh am feachd na Gréig, Nach d’ òrduich a chréubh ’s an uaigh. Seo mar bhèuchdadh an craos báth:— “’S eadh! ’s eadh! a chinn àird nan cliar, Ciod fàth nan iarradas dlùth, No ’m beil tiomsach ùr ad mhiann? Liuthad tasgaidh de phrais dhaoir, Ga càrnadh ri d’ thaobh ’s gach bùth; Liuthad ògbhean bho stuaidh àigh; A leag sinn air làr na smùr! Ma bhuannaichd mi fhìn ’s a’ Ghréig, Bannal céutach, no toic òir, Bho Thròidheach an éiric mic A ghlac sinn gu tric ’s an tòir; An àill leat am bun ’s am bàrr, ’S ciad roghainn nan sàr-bhean caoin, Luigheachd nan toillteanach tréun, A chaidreamh riut fhéin an gaol? Is inisg an ceann air tréun an fheachd, Righ mìothor fo smachd a mhiann: Fhad ’s a bhios tus’ air an stiùir, Cha dògh gu’m bi cliù na ’r gnìomh. A mhnathan sleamhain gun mheas, De nach gairmear fir nas mò, As thair chuan sibh gu ’r tìr fhéin, ’S fàgaibh rìgh nan éuchd aigTròidh; Fàgaibh e ’gur air ur toic, Cosnadh docrach nan cath cruaidh; A’s tuigidh e ’n sin c’iù rinn féum A lámh fhein no neart a shluaigh. Làmh do ’n riaghailt neart gun cheart, ’Thug mì-mhodh do ’n ghaisgeach mhòr. Cha sheis’ thu dhà ’m blàr no ’n ruaig, Ged éignich thu bhuaith a’ chòir. Na ’m b’ fheargach ant Aicheall àigh, Seach laidhe mar thràill fo spìd, Ghrad-bhiodh ant aintheas na thàmh, ’S cha dìoladh tu tàir a rìsd.” Deagh Ulisses, dh’ éirich grad, Colg na shùil mar lasair dheirg; Airsan a chàin rìgh nam feachd, Sheall e gnùth ’s thug smachd na ’fheirg: “A bhriosg-ghlòirich bheadaidh, bhréin; Cuir fosadh air béul gun mhodh: Thusa toirt oilbheum do rìgh. Mar bhuanna ’m biodh clith no blagh,— Leibid cho suarach riut fhéin, Cha d’ aisig bho ’n Ghréig thair chuan; Air leanmhuinn Chlann-Atreuis àigh, Thoirt theas-bhlár do Thròidh nan stuadh. ’S mìr-cagnaidh do dhiù nan éisg, Cinn-fheadhna do ’n éuchdach gniomh: Thu brùchdadh gamhlais do chléibh, ’S ri tuairisgeal bhréug mu’n triall. Is dearbhte gur ceist oirnn gu léir, Mu’n toisg seo, ciod è tha ’n dàn, An cas oirnn, no ’n éirich leinn? An tilleadh dhuinn tinn no slàn? Thusa ga d’ chnàmh ás le tnùth Ri buachaille cùl ant shluaigh, Ga thathann gu tarsuinn béurr, Bhrìgh gu ’n d’ thug gach tréun dha duais! C’ àit an robh do raths’, a thuaisd, An tiomsach, no ’n cruadal gleòis? ’N d’ thug thusa uat riamh a luach, Ach lon luath a’s toibheum beòil? Innseam dhut gu saor an ni— ’S bheirim le fìor-chìnnt gu teach:— Ma thachras tu orms’ air fonn, Ri ath-sgeig bho chom gun bheachd: Nar sheas an ceann s’ air mo chorp, ’S nar éighear orm mac mo ghaoil, Mur fiach mi thu le m’ gharbh-ghlaic, ’S de d’ chairbh bhric gu’n srac mi’m faobh. D’ earradh uachdair a’s d’ arm-bhrat, ’S an léine tha cleith do nochd; ’S d’ iomain ’s an raoicich romh ’n fheachd, Le trom bhéumai créuchdach goirt.” Labhair e; ’s ri ghualuinn chruim, Dh’fhiach e’n colbh le spuinnseadh cruaidh; Chuir esan air amhaich giùig, ’S thaom na deòir gu dlùth le ’ghruaidh. Dh’ éirich meall fala air a chroit, Far ’n do spaideadh ant shlat òir; ’S shiab bho mhùsg-shùil na ronn-dheòir. Chuir aogasg an Aobhair-bhùirt, Iomguin bhròin a nùll ’s a nall; Ag gàireachdaich mu ’n tràill thruaigh, Theab na sluaigh am plosg a chall. [TD 143] HO RO, MO NIGHEAN DONN, BHOIDHEACH. [Ceòl] Ho ro, mo nigh’n donn, bhoidheach, Hi ri, mo nigh’n donn, bhoidheach, Mo chaileag laghach, bhoidheach, Co phosainn ach thu?* A Pheigi dhonn nam blath-shul, Gur trom a thug mi gradh dhuit: Tha t’ iomhaigh ghaoil a’s t’ ailleachd, A ghnath tigh’n fo m’ ùidh. Ho ro, &c. Cha cheil mi air an t-saoghal, Gu bheil mo mhiann ’s mo ghaol ort; ’S ged chaidh mi uait air faondradh, Cha chaochail mo run. Ho ro, &c. ’N uair bha mi ann ad lathair, Bu shona bha mo laithean;— A’ sealbhachadh do mhanrain, A’s aille do ghnuis. Ho ro, &c. Gnuis aoidheil, bhanail, mhalda Na h-oigh a’s caoimhe nadur; I suairce, ceanail, baigheil, Lan grais agus muirn. Ho ro, &c. Ach riamh o ’n dh’ fhag mi t’ fhianuis, Gu bheil mi dubhach, cianail; Mo chridhe trom ga phianadh Le iarguin do ruin. Ho ro, &c. Ge lurach air a’ chabhsair Na mnathan oga Gallda, A righ! gur beag mo gheall-s’ Air bhi’ sealltainn ’n an gnuis. Ho ro, &c. ’S ann tha mo run ’s na beanntaibh, Far bheil mo ribhinn ghreannar, Mar ros am fasach Shamhraidh, An gleann fad’ o shuil. Ho ro, &c. Ach ’n uair a thig an Samhradh, Bheir mise sgriob do ’n ghleann ud, ’S gu ’n tog mi leam do ’n Ghalldachd, Gu h-annsail, am flur. Ho ro, &c. * No, “Cha phosainn ach thu!” AN TAILLEAR AGUS NA BUIDSICHEAN. “Bha e urramach ’n a thaillear.”—Donnachadh Ban. Mur biodh na taillearean gu nadurra cridheil, aighearach, cha bhiodh an sean-fhacal a’ cur “Ciad taillear gun bhi sunndach” am measg nan nithean sin a bha e doirbh, no eadhon eucomasach, ’fhaotainn. Faic an taillear an uair a gheobh e mach air dorus an tighe! An saoil thu an teid e a ghabhail a chuairt gu h-athaiseach, ciallach, cho socair ri fear air tiolacadh? Mo creach, is e nach teid! Is ann a chi thu e a’ toirt nan sinteag ’s nan surdag as thar an reidhlein. Cha chum rathad-mor no callaid ris—cha ’n fheith e ri bhi ’fosgladh cachaileidh no ’streap garadh-tota, ach m’ an abradh tu “Seachd,” tha e thairis orra le duibh-leum cho aotram luth-chasach ri earbag nan tom. Is ann a bheir e am [TD 144] chumhne-se mart a bhios ’g a beathachadh a stigh fad a’ Gheamhraidh, a’ chiad uair a gheobh i mach air maduinn chubhraidh Earraich. Faic i ’s a sailtean os cionn barr a breamain, a’ cur nan car dhi—a ceann ’s a h-earr ri adhar uair mu seach! Agus nach ’eil so gu leir mar a bhiodh suil againn, agus mar a bu choir dha? Tha e cheart cho nadurra do ’n taillear, no do fhear sam bith a tha air a chubadh a suas ann an tigh fad fin-foineach an latha, e fein a ghiulan air a’ mhodh so, ’s a tha e do ’n bhó bhochd nach fhaca grian no speur fad a’ Gheamhraidh. Tha doigh no dha ann air anail a leigeil agus fois a ghabhail,—direach a reir na dreuchd no na h-oibre a tha aig neach. Ma ’s gobhainn no fear aig am bheil obair throm, ghoirt, a tha ann, is solas agus faochadh dha suidhe am measg a theaghlaich ’s an fheasgar an uair a tha ’obair seachad, no eadhon ceum a ghabhail, le ’bhalachan aige air laimh, a dh-fhaicinn ailleachd agus maise na cruitheachd. Ma ’s cleireach no maighstir-sgoile a tha ann, gabhaidh e ’anail rud-eigin mar a ghabhas an taillear, no ma dh’ fhaoidte ann an tilgeil a’ chabair no na cloiche-neirt. Mar so chi sinn nach e idir dith saothaire no oibre a bhi gabhail fois, ach, iomadh uair gur e muthadh oibre an fhois a ’s fearr agus a ’s freagaraiche do dhuine. Thug ar sinnsearan an aire do ’n ni so, oir, nach d’ thuirt iad anns na sean-fhacail, “An uair a bhios Murachadh ’n a thamh, bidh e ’ruamhar,” agus, “Faochadh gille ’ghobhainn,—bho na h-uird gus na builg.” Cha ’n e mhain gu’m bheil na taillearean an coitcheannas aotram, uallach ’n an giulan ach cha ’n ’eil daoine ann is sunndaiche no is toighiche air amhuiltearachd a’s a’ h-uile gne fhearas-chuideachd,—agus co bheir barr orra air na h-orain? Is math a tha cuimhne agam an t-eagal a bhiodh oirnn, a’s sinn ’n ar clann bheag, an uair a thigeadh an taillear, Donnachadh Mac Neill—agus bu chridheil, laghach e—a dh-obair do ’n tigh againn. Cha b’ urrainn tuilleadh fiamh a bhi oirnn roimh leoghann beucach na bhiodh oirnn ar sron a chur a stigh air an dorus far am biodh e ag obair; agus cha chuireadh urchair á gunna tuilleadh geilt oirnn na chuireadh esan an uair a dhuineadh e an siosar-mor le fead na ’n tigeamaid dluth air. An deigh sin uile cha ’n iarramaid e dh’ fhalbh. Cha ’n fhaigheamaid o cheann gu ceann d’ an bhliadhna àbhachd a b’ fhearr na bhi ag eisdeachd ris ag innseadh n’a chunnaig ’s n’a chual’ e air a thurais, agus b’ iomadh sin, oir, “bu lionmhor tubaist an tailleir.” Innsidh mi aon d’a naidheachdan do luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL:— Bha aig an taillear gille og, ris an abair sinn Cailein, ag ionnsachadh a cheird agus cha ’n iarradh Donnachadh n’ a b’ fhearr na bhi a’ toirt a’ char á Cailein agus a’ cur ghnothuichean neo-chomasach mar fhiachadh air; agus sin uile gun urad agus smeideadh gaire a dheanamh. Air latha araidh fhuair an taillear fios cabhaig gu dol a dh-obair do thigh an tuathanaich ann am Bealach-na-mona. Bha iomradh am fad ’s am farsuingeachd feadh na duthcha gu ’n robh buidseachas air an tigh, agus a mach o ’n taillear fhein agus h-aon no dha eile cha robh a’ bheag d’am b’ aithne an t-aite nach robh a’ toirt lan gheill do ’n bhiubhas. Ma bha buidsichean an aite sam bith eadar Maol-chinntire agus Barra bha iad ann am Bealach-na-mona. Theireadh duine gu ’n robh e air a dheanamh air an son,—aite uaigealta, fasail, air a chuairteachadh le boglaichean ’s le criathraichean ris an deanadh cridhe nan doideagan ’s nan glaistigean teóisinn. Ach cha ’n e [TD 145] mhain gu ’n robh Bealach-na-mona coltach ri aite a thàladh an leithidean so, agus a bha anns gach doigh freagarrach air son an ubagan ’s an iopannan a chur an gniomh,—bha gu leoir de dhaoine ’s a’ choimhearsnachd a bheireadh am boidean ’s am mionnan gu ’m fac’ iad fein agus gu ’n d’ fhairich iad cuid d’ an droch chleasachd an àm a bhi ’gabhail an rathaid chuil, anmoch a dh-oidhche, eadar Tigh-an-triubhais* agus an Caolas. Co nach cuala mar a lobair ’s a liodair ’s a mhi-ghnathaich iad an Drobhair Mor, uair a bha e ’tilleadh dhachaidh anmoch á Tigh-an-triubhais, an deigh a bhi fad an latha air Faidhir a’ Chlachain? Cha d’ fhuair e os a chionn gus an latha ’n diugh, agus tha e ag radh nach gabhadh e an saoghal agus dol air ’ais leis fein a rithist air an rathad cheudna, eadhon ann an geal an la sholuis! Bha lan fhios aig gille an tailleir mar a thachair do ’n Drobhair Mhor agus do iomadh aon eile, ’s cha chluinneadh e an t-iomradh a bu lugha air dol a choir an tighe. Thuirt e gu ’m faodadh an taillear dol ann ma bha e gun suim, gun churam d’a bheatha; ach air a shonsan ged a bhiodh a’ h-uile snathain aodaich ann am Bealach-na-mona air a chaitheadh ’n a luideagan, agus a’ h-uile duine gun snichdean a chuireadh iad m’ an cuirp, nach rachadh esan a dh-obair ann, nach laidheadh, agus idir, idir, nach caidleadh e oidhche ’s an tigh. Dh’ fheuch an taillear an da chuid le durachd agus le fochaid air a chur bharr a bheachd, agus theab ’s gu ’m fairtlicheadh air; ach mu dheireadh, chuir e iompaidh air Cailein gu dol leis, agus moch air maduinn an ath latha thog iad orra,—an taillear gu togarrach sunndach, ach Cailein bochd, lan geilt agus amharuis. Air feasgar a’ chiad latha, rinn Donnachadh-taillear guth air mac an tuathanaich; dh’ innis e dha an t-eagal a bha air Cailein roimh na buidsichean, agus thuirt e ris e ’dhol fo ’n leabaidh anns an robh esan agus Cailein ri cadal, agus an uair a bhiodh iad direach dol a thuiteam ’n an cadal, e ’chur a dhroma fo urlar na leapach agus a togail a suas uair no dha a chur eagail air Cailein. Cha d’ iarr mac an tuathanaich na b’ fhearr, agus goirid m’an do ghabh an taillear agus Cailein mu thamh, chaidh e air a mhagan fo ’n leabaidh agus rinn e deas airson a’ ghnothuich. An deigh dol a laidhe,—an taillear air an taobh-beoil agus Cailein air an taobh-cuil,—cha robh ’shaod air Cailein gu ’n caidleadh e idir ach a’ sior-bhruidhinn air buidsichean, agus an taillear, ma b’ fhior e fein, a’ magadh air airson a bhi cho faoin. “Caidil,” ars’ an taillear, mu dheireadh, “tha mi seachd sgith dhiot fein agus de d’ bhuidsichean,—cha chreid mi gu ’m bheil an leithid idir ann gus am faic no ’m fairich mi iad.” Thionndaidh an taillear a chulaobh ri Cailein, a thug osann throm as, agus shocruich iad iad fein airson cadail. Is gann a neadaich iad an cinn anns na cluasgan, an uair a mhothaich Cailein an leabaidh ag eiridh suas fodha mar gu ’m biodh crith-thalmhainn ann. “Ni-math g’ar teasraiginn, sin iad!” ars’ esan, ’s e ’toirt leum-buic a nunn air meadhon an urlair,—“nach d’ thuirt mi ribh gu’n robh buidsichean ann.” Cha b’ urrainn do ’n fhear a bha fo ’n leabaidh cumail air fhein; rinn e glag gaire, agus ma rinn, rinn an taillear. Bha Cailein bochd fo leithid de bhalla-chrith ’s nach b’ urrainn da toiseachadh leotha no tlachd a ghabhail anns an spurt ged a chunnaig e ciod a b’ aobhar dhi. Ged nach do chaidil e moran an oidhche sin, dh’ aidich e gu ’n do chuir cleas an * An tigh-osda. [TD 146] tailleir—oillteil ’s mar a bha e,—gu buileach as a cheann, o ’n latha sin, gach creideamh ann an buidseachas, gisreagan agus a’ h-uile gne shaobh-chrabhaidh. MAC-MHARCUIS. 10mh la d’an Og-mhios, 1873. AINMHIDHEAN. Tha na sochairean sin gun àireamh a ta air am buileachadh air an duine leis gach beathach agus ainmhidh a tha teachd beo mu’n cuairt da. Tha ainmhidhean na macharach, a’ chùain, agus an adhair, air an dealbhadh le Dia chum maith do’n duine; agus tha na beannachdan agus na sochairean éugsamhla a tha iad a’ co’.pàirteachadh ris an duine co lionmhor ’s nach ’eil e comusach ach fior-bheagan diubh a thoirt fa’near. Tha gach uile chréutair air a chruthachadh, cha’n e mhàin freagarrach air son na staide sin anns an do shònraicheadh e leis an Fhreasdal sin a ta os ceann nan uile nithe, ach tha e air a chruthachadh mar an céudna chum maith soilleir agus sònraichte do’n duine. A thaobh mòrain de na créutairibh a tha air uachdar na talmhainn, cha’n ’eil e furasd a dheanamh a mach ciod am féum a ta air a shònrachadh leò, ach an déigh sin, tha iad gun teagamh chum feum àraidh éigin, oir cha do chruthaicheadh ni sam bith gu diomhain leis-san, tha gu neochriochnuichte glic. Is iad na beathaichean a tha ’solaireadh air ar son nan nithe a’s cudthromaiche a thaobh ar lòin agus ar sgeudachaidh, agus a thaobh gach cuideachaidh eile a tha dhìth oirrn anns an t-saoghal so. Tha iad air mhìle seòl a’ solaireadh chum ar maith, agus tha iad ag oibreachadh le chéile air mhodh miorbhuileach chum ar leas. Tha e soilleir do na h-uile gu’m bheil iad a’ lughdachadh ar saoithreach anns a’ bhaile agus anns a’ mhachair,—a’ giùlan ar n-uallaichean troma,—a’ tarruing gach gnè charbaid agus feuna,—a’ treabhadh na talmhainn,—agus a’ deanamh nithe gun àireamh eile chum ar buannachd! Amhairc air an each, agus nach feumail an crèutair e! Nach lionmhor obair a thig ’n a char? Nach easguidh, ùmhal e ’n a shaothair? Tha e’ deanamh maith dhuinn a thaobh a luathais agus a neirt fein. Is mòr agus is laidir an t-elephant, ach an déigh sin ceannsaichear e, agus nithear e ’n a sheirbhiseach ùmhal. Air an doìgh chèudna tha’n càmhal ro chomusach air fuachd agus teas fhulang; tha neart mòr aige, agus cuiridh e suas rè ùine fhada gun bhiadh, gun deoch anns an fhàsach. Nach lionmhor an nithe maith’ a tha sinn a’ faotuinn o’n chaor agus o’n mhart? Tha olann na caorach a’ deanamh gach gnè éudaich air ar son, an uair a ta feòil na caorach ’g ar beathachadh. Nach ’eil am mart, air an doigh cheudna, chum mòr bhuannachd an dà chiud beò agus màrbh! Nach luachmhor an ni am bainne fein do mhac an duine, agus mar an cèudna, feòil na mairt r’a itheadh, a craicionn air son leathraich, agus na h-adhaircean, na cosan, cnàmhan, agus na ladhran aice air son nithe do-sheachnach annta fein! Air an laimh eile, nach féumail an cù do’n bhuachaille, agus nach ealanta, cùramach, dìleas a ni e a ghnothuch fein mar fhear-faire a’ dionadh ar tighean, agus ar codach o gach gnè luchd-réubainn! Is dìleas, treibhdhireach, càirdeil an créutair an cù; fàgaidh e a chuideachd agus a ghnè fein, dlùthaichidh e ris an duine, agus cha’n àill leis idir dealachadh ris. Ceart mar so, mar an céudna, tha na meanbh-bheathaichean a tha co lionmhor ’s an t-saoghal ro luachmhor annta fein do’n duine, air son leigheis, air son dathanna sònraichte, agus air son lòin do chréu- [TD 147] tairibh eile. Ceart mar so, tha èunlaith an adhar, agus gach eun iteagach a’ coimhlionadh nan nithe a shònraicheadh dhoibh a dheanamh. Agus cò tha comusach air lionmhorachd iasga na fairge a leigeadh ris? Tha iad de gach mèud o’n mhuic-mhara mhor, a sios dh’ ionnsuidh an t-siolaig a’s lugha tha ’snàmhadh ’s na glumagaibh an cois a’ chladaich. Dh’ fhèudadh mòran a bhi air a chur an céill mu na nithibh so chum ar teagasg a thaobh maitheis, cumhachd, agus gliocais an Ti bheannuichte sin a tha riaghladh os ar ceann, ach fàgar sin gu ùair eile. Bhiodh e ro thaitneach na’n gabhadh “Bun Lochabar” an ni so os làimh, a chionn gur tearc iad ri’m faotuinn aig am bheil uiread eòlais ’s a ta aigesan air mòr-bheathaichibh agus air meanbh-bheathaichibh na cruitheachd, agus air gach buaidh agus riaghailt a bhuineas d’an nàdar-san. Ach chaidh ni’s leòir a ràdh chum a dheanamh aithnichte gur e cumhachd agus gliocas neo-chriochnuichte a mhàin a b’ urrainn nithe co miorbhuileach a dhealbhadh agus a chumail suas! Mar sin “Rinn Dia beathaiche na talmhainn a réir an gnè, agus an spreidh a reir an gnè, agus gach ni a shnaigeas air an talamh a réir an gnè; agus chunnaic Dia gu’n robh e maith,” (Gen. i., 25). ALASDAIR RUADH. TALADH AR SLANUIGHIR. (Cuimhneachan do Chloinn Mhùideart.) AIR FONN,—“Cumha Mhic Arois.” Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah. Mo ghaol, mo ghràdh, a’s m ’fhéudail thu, M’ ionmhas ùr a’s m’ éibhneas thu, Mo mhacan àluinn, céutach thu, Cha ’n fhiù mi fein bhi ’d dhàil. Aleluiah, &c. Ge mòr ant aobhar cliù dhomh e, ’S mòr ant aobhar cùraim e, ’S mòr ant aobhar umhlachd e, Righ nan dùl ’bhi ’m laimh. Ge d’ is leanamh dìblidh thu, Cinnteach ’s Righ nan Righrean thu, ’S tu ’nt oighre dligheach, firinneach Air righeachd Dhe nan gràs. Ge d’ is Righ na glòire thu Dhiùlt iad an taigh-òsda dhut, Ach chualas ainglean sòlasach ’Toirt glòir do ’n Tì is àird’. Bu mhòr sòlas agus ioghnadh Buachaillean bochda nan caorach, ’N uair chual iad na h-ainglean ag glaodhaich, “Thainig Slànui’ear thun ant shaoghail.” B’e sin an ceòl, ’s an naigheachd àghmhor ’Sheinn na h-ainglean anns na h-àrdaibh, Ag innseadh gu ’n d’ rugadh Slànui’ear Am Betlehem, am baile Dhàbhaidh. B’e sin sgéula binn nam beannachd, Mu ’n aoidh a rinn téarnadh gu talamh, Cha’n ioghnadh mi bhi mùirneach, geanail, Is gile na ghrian mo leanabh. Dh’ fhollsich réulta do na righrean, Lean iad i mar iùil gu dìleas, Fhuair iad ’n am achlais fhein thu, A ’s rinn umhlachd dhut gu làr. Thairg iad òr dhut, mirr a’s tùis, Thug iad aoradh dhut a’s cliù, B’e turas an àigh do ’n triùir, Thainig a shealtuinn mo rùin. O ’n a dh’ innis aingeal Dé dhuinn Gu ’n robh ’n fhoill an cridhe Heroid, Dh’ fhalbh sinne leat do ’n Eiphit G’a sheachnadh mu ’n deanteadh béud ort. O! ’Heroid a’ chridhe chruaidh, Cha choisinn d’ innleachd dhut buaidh, ’S lionar màthair dh’ fhàg thu truagh, ’S tu dian an tòir air bàs mo luaidh. ’S fhada, fhada, bho Iudea, Téaruinte bho d’ chlaidheamh géur e, ’Measg nam mac cha d’ fhuair thu fein e, ’S fallain, slàn thu, ’s fàth dhomh éibhneas. Dh’ aindeoin do mhì-rùin a’s d’ fharmaid, Bidh mo mhac-sa cliùiteach, ainmeil, Cha chuir e ùigh an òr n’on airgiod, A righeachd cha righeachd thalmhaidh. Gur galach, brònach, tùrsach iad An drast ann an Ierusalem, A’ caoidh nam macan ùra sin, ’S b’e ’n diùbhail ’n cur gu bàs. Tha Rachel an diugh fo bhròn, Ag caoidh a pàisdean àluinn, òg, ’S frasach air a gruaidh na deòir Bho nach ’eil iad aice beò. [TD 148] Tha mi ’g altrum Righ na mòrachd, ’S mise màthair Dhé na gloire— Nach buidhe, nach sona dhòmhsa, Tha mo cridhe làn de shòlas! Thainig, thainig, am Mesiah, Fhuair na fàidhean uile ’n guidhe, ’S fhada bho ’n b’ àill leo thu thighinn, ’S àluinn thu air mo ruighe. A ghnothach gu talamh cha b’ fhaoin e, ’Cheannach sàbhaladh chloinn-daoine, ’S e ’m Fear-réite ’s am Fear-saoraidh, Is e ’n Slánui’ear gràdhach, caomh e. Ciamar a dh’éirich dhòmhsa ’Measg ant shluaigh a bhi cho sònruicht’? ’S e toil a’s cumhachd Righ na glòire Mac bhi agam ged is òigh mi. S mise fhuair an ulaidh phrìseil, Uiseil, uasail, luachmoir, fhìnealt, ’N diugh cha dual dhomh bhi fo mhìghean, ’S coltach ri bruadar an fhìrinn. Cha tuig ainglean naomh no daoine Gu là deireannach ant shaoghail Miad do thròcair a’s do ghaoil-sa, Tighinn a ghabhail coluinn daonda. Bheir mi moladh, bheir mi aoradh, Bheir mi cliù dhut, bheir mi gaol dhut, Tha thu agam air mo ghairdean, ’S mi tha sona, thair cloinn-daoine. Mo ghaol ant shùil a sheallas tlà, Mo ghaol an cridh’ tha liont’ le gràdh, Ged is leanabh thu gun chàil ’S lionmhor buaidh tha ort a’ fàs. M’ ulaidh, m’ aighear, a’s mo luaidh thu, Rùn, a’s gaol, a’s gràdh ant shluaigh thu; ’S tus’ an Tì a bheir dhaibh fuasgladh Bho chuibhreach an nàmhaid uaibhrich. ’S tu Righ nan righ, ’s tu naomh nan naomh, Dia am Mac thu ’s sìorruidh d’ aois; ’S tu mo Dhia ’s mo leanabh gaoil, ’S tu àrd cheann-feadhna ’chinne-dhaond’. ’S tusa grian gheal an dòchais, Chuireas dorchadas air fògairt; Bheir thu clann-daoin’ bho staid bhrònaich Gu naomhachd, soilleurachd, a’s eòlas. Thigeadh na slòigh a chur ort fàilte— Dheanamh umhlachd dhut mar Shlànui’ear, Bidh sòlas mòr am measg siol Adhaimh— Thainig am Fear-saoraidh, thàinig! Thig a pheacaich, na biodh sgàth ort, Gheobh thu na dh ’iarras tu ’ghràsan; Ge d’ bhiodh do chionta dearg mar sgàrlaid Bidh d’ anam geal mar shneachd nan àrd-bheann. Hosanah do Mhac Dhàbhaidh, Mo Righ, mo Thighearna, ’s mo Shlànui’ear, ’S mòr mo shòlas bhi ga d’ thàladh, ’S beannaichte am measg nam mnài mi. ANT URRAMACH RAONALL MAC RAING. Ant 8mh Mìos, 1855. CARN NAN DRUIDHEAN. A CHARAID IONMHUINN,—Tha mi an deigh AN GAIDHEAL a chur as mo laimh, anns an robh mi ’leughadh mu sheann chleachdainnean nan Druidhean, agus smaointich mi nach bu mhisde le cuid de leughdairean a’ GHAIDHEIL iomradh a chluinntinn air aon de na cuirn aca, a chaidh fhosgladh anns an aite so o chionn ghoirid. Tha mi am barail gur e an carn so carn a bu mho an Albainn. Thachair gur mise a’ cheud neach a chaidh sios ann, ’s e is docha leam, o chionn corr agus da mhile bliadhna. Thachair do dhuin-uasal, d’ an ainm Dr. Smith á Manchester, a bhi air chuairt an so, agus bha ’aire air a tarruing a dh-ionnsaidh a’ chuirn, oir tha e a’ cur uidh mhoir ann an rannsachadh a mach ni sam bith a dh’fhaodas solus a thilgeadh air seann chleachdainnean ar sinnsearachd. Fhuair e cead o ’n uachdran, Caimbeulach Loch-nan-eala, an carn fhosgladh. Chuir e da dhuine ’n a thaice agus thug iad dluth air seachdain a’ cladhach m’ an do rainig iad an t-iochdar, ach an uair a rainig iad e, agus a fhuair iad ceann-saor, bha Dr. Smith air a dheadh phaigheadh airson a dhragh agus a chostais. Thachair dhomhsa a bhi ’n a chuideachd, comhladh ri aon no dha eile, an uair a chaidh clach a thogail, a leig ris dhuinn gu h-iosal fodhainn uamh no seomar mor, dorcha. [TD 149] Chaidh coinneal fhaotainn agus a feuchainn a sios an toiseach, dh’ fheuch an robh an t-adhar glan. An uair a chunnaig sinn gu ’n robh, chaidh mise a sios do ’n uaimh agus cha ’n urrainn domh innseadh na faireachdainnean a bha agam an uair a rainig mi shios,—am sheasamh anns an aite a chaidh a dhunadh a suas o chionn, mar a thuirt mi cheana, ma dh’ fhaoidte corr agus da mhile bliadhna! Bha sreath de chlachan mora air gach taobh a’ deanamh balla an t-seomair, agus cha ’n eil fios aig mac duine ciamar a chaidh an leithid a ghiulan ann. Os an cionn so bha sreath eile de chlachan a cheart cho mor, ach mu thuaiream oirlich no dha na b’ fhaide stigh, agus air oir nan clachan mora a b’ isle bha sreath de chlachan beaga mu mheudachd uibhean chalaman ’s a’ h-uile aon diubh cho geal ri sneachd aon oidhche. Bha an t-aite cho aitidh a’s gu ’n robh druchd fliuch orra, agus le solus na coinnle bha iad a’ dearrsadh mar dhaoimean. Bha da chuach no miasan de chreadh air an urlar—aon air an taobh an iar agus aon air an taobh an ear d’ an t-seomar. Os cionn nan cuach bha da chloich ghil a’ beantainn ri ’cheile—bha cach beagan oirleach o ’cheile—agus bha clach bheag anns gach cuach. Bha am mullach air a chlachaireachd beagan a stigh, agus leac ’g a chomhdach. Is e an ceann a b’ fhaide stigh a chaidh fhosgladh an toiseach, agus bha e mar a bha na taobhan air a dhunadh le clachan mora. Aig a’ cheann eile, bha da chloich ’n an seasamh mar charraighean, a deanamh mar gu ’m b’ eadh da ursann; clach coltach ri cluasag ’n a sineadh eadar an da ursann so; trannsa caol, iosal a dh’ fheumadh neach dol troimhe air a mhagan, agus an sin seomar eile mar a’ chiad fhear. Bha ciaradh na h-oidhche ann an uair a chaidh an carn fhosgladh, agus cha robh mi tri mionaidean air tighinn a nios ’n uair a charaich aon de na clachan air an taobh a mach, agus a nuas thuit na tunnachan salchair a dhuin a suas am fosgladh, agus mur bithinn a mach ’s an àm, is an leis na Druidhean a chuir mi seachad an oidhche. Slan leat an drast. Is mi, leis gach deadh dhurachd, do charaid, IAIN CAIMBEUL. An Leideag, Toiseach a’ Gheamhraidh, 1872. NAIDHEACHDAN. Is beag nach i an aon naidheachd a tha anns gach beul an drast—turas Righ nam Persianach do Shasunn. Cha ’n eil fhios againn ciamar a tha e fein ’g a sheasadh ach cha mhor nach deachaidh daoine buileach ’n am breislich m’ a thimchioll o ’n thainig e nall. Chaidh a’ Bhan-righ chaomh againn fhein a ghairm as a dachaidh anns a’ Ghaidhealtachd a thoirt aoidheachd do ’n eilthireach uasal a bha air a chuairt, do ’n Roinn-Eorpa. Bha na Rioghachdan fa leth troimh an d’ thainig e a’ comh-fharpais co bu mho chuireadh de urram air, agus cha ’n ’eil a choltas oirne bhi air deireadh. Chaidh ar cabhlach ’s ar saighdearan a tharruing a mach ’n a lathair fo ’n lan uidheam agus tha sinn cinnteach nach fhacaidh e riamh sealladh cho eireachdail. Tha iad ag radh gu ’n do mhol e gu sonruichte na saighdearan Gaidhealach. Cha ’n ann a mhain a dh’ fhaicinn sheallaidhean agus greadhnachais de ’n t-seorsa so a thainig e nall oirnn. Is ann a ghabh e an turas so os laimh a chum ’s gu ’m faiceadh e ann an duthchannan na h-airde ’n Iar nithean a bhiodh a chum buannachd a chuid iochdaran ann am Persia. Tha e ’n a Uachdran foghluimte, tuigseach e fein agus [TD 150] aig breathnachadh dha gu ’n robh a chuid sluaigh fada air an ais ann an coimeas ri muinntir na h-airde ’n Iar, agus gu sonruichte iochdarain Victoria; dh’ fhag e a luchairt ’s a dhuthaich agus thainig e nall dh’ fheuch ciod a dh’ aobharaich an ceannas a tha againn orra. A thuilleadh air an run mhath a bha aige anns an dragh so a ghabhail tha e glic do ’n Rioghachd so buntainn gu furanach, fiughantach ris agus a dheagh-ghean a chosnadh ’s a ghleidheadh. Is i a rioghachd-san aon chnap-starra a tha eadar Russia agus Impireachd Bhreatainn anns na h-Innsean-an-ear; agus tha amharus mor air daoine gu bheil suil aig Russia anns an duthaich aluinn, thoraich sin, Ciod air bith a thug a’ so an Shah, mar a their iad ris, tha dochas againn rach mill sinn e le toirt air a smuaineachadh nach ’eil air an t-saoghal gu leir uachdran is airde na e fein. Is e ar ’n iarrtas gu ’m faic agus gu ’n cluinn e na ’s fheaird e; gu’n righich e le tuilleadh iochd n a ’bha aige roimhe, agus gu ’n soirbhich leis anns gach oidhirp a bheir e chum leas agus buannachd a rioghachd—’s a’ sin cha mhaoidh sinn costas na h-aoidheachd. Tha ’n t-sid ro fhreagarrach air son na duthcha agus tha iomradh math air a bharr anns gach cearn; gu sonruichte am buntata. Bu choir dha so gu ’n tugadh e nuas prisean ghnothuichean, agus tha feum air, ged a tha ceird a ’s cosnadh fhathast pailte. TOIMHSEACHAIN. 1. Latha dhomh ’s mi ’siubhal bheann, Chunnaig mi na b’ ioghnadh leam— Fichead suil ’s an aona cheann, ’S deich teangannan a’ bruidhinn rium! 2. Thainig e á feoil, ’s cha ’n ’eil feoil ann, Innsidh e naigheachd ’s gun teanga ’n a cheann! 3. Theid mi nunn air drochaid ghloine, ’S thig mi nall air drochaid ghloine; ’S ma bhristeas an drochaid ghloine, Cha ’n ’eil an Ile no’n Eirinn, Na chaireas an drochaid ghloine. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh:—1, Uinneag. 2, Gath greine. 3, Tromb. 4, Meuran tailleir. SOP AS GACH SEID. An uair a ni duine dioghaltas, tha e ’g a chur fein ’s an aon inbh r’a nàmhaid; ach an uair a bheir e maitheanas, tha e an sin a’ toirt grad bhuaidh air, agus a’ cur éibhle teine air a cheann. Gléidh do mhisneach le deagh rùinte ’n ad chridhe. Gabh tlachd ann an comunn nan càirdean a’s dillse dhuit. Anns gach toil-inntinn bi stuama. Bi do ghnàth glic agus cùramach ’n ad ghniomharaibh saoghalta,—ceart ’n ad ghnothuchaibh ri muinntir eile,—seasmhach ’n ad gheallannaibh, ma’s miannach leat suaimhneas agus fois. Na labhair gu h-olc mu neach sam bith air a mhiosad. Buin ri t’ eascaraid le siobhaltachd, agus druid do chluasan an aghaidh gach droch sgéil. Tha tuaileas a’ màrbhadh air tri dòighean. Tha e a’ màrbhadh an ti a tha ’g a labhairt,—an ti mu’m bheil e air a labhairt, agus an ti a tha ’toirt cluais da. Facal ’s an Dealachadh. C. C. MAC PHAIL.—Moran taing airson nan oran. Tha eagal oirnn gu ’m bheil fear dhiubh tuilleadh ’s fada; ni sinn feum d’ an fhear eile. Thig oirnn a rithisd ged a b’ ann le sgeulachd. D. B.—Thainig do litir, ach bha i tuilleadh ’s fada gun tighinn airson a’ GHAIDHEIL air a’ mhios so. Gheobh i aite an uine ghoirid. DONNACHADH BAN.—Fhuair sinn do litir mhi-mhodhail, chrosda. Is neo-airidh thu air ann ainm a tha agad; cha bu tu d’ fhear-cinnidh. Cha ’n ’eil sinne a’ coiteachadh a’ GHAIDHEIL ort agus ged a sguireas tu ’g a ghabhail—goirt ’s mar a bhios am buille—tha dochas againn gu ’m faigh sinn os a chionn. Is iomadh se-sgillinn a tha thu a’ cur ann an rud is suaraiche. CAILEIN OG.—Bheireamaid a chomhairle ort, agus air moran eile d’ ar cairdean a thug Donnachadh Ban air Uisdein, “Leig dhiot a bhi ’m barail gur bard thu.” Leig seachad ranntachd agus sgriobh rudeigin eile, oir is geal is urrainn duit—tha do Ghaidhlig snasmhor, blasda. [TD 151-160] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 161] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] CEUD MHIOS AN FHOGHARAIDH, 1873. [18 AIR. AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. EARRANN X. Cha chomas duinn ar n-inntinn a shuidheachadh air ni faicsinneach sam bith na ’s oirdheirce agus na ’s maisiche na air na soluis sin, a ta air an sgaoileadh a mach air feadh farsuingeachd do-rannsuchaidh na cruitheachd! Is leoir gu cinnteach an sealladh so gu thoirt oirnn a radh maille ris na Lebhithich o shean, “Is Tusa ad aonar an Tighearna; rinn Thu na neamha; neamha nan neamh, agus an sloigh uile, an talamh, agus gach ni a ta air, na cuanta, agus gach ni a ta annta, agus tha Thu ’g an cumail suas uile” (Neh. ix. 6). Is minic a bheachdaich Salmadar binn Israeil le greadhnachas air na reultaibh soillseach! Is tric a thog e ’inntinn bharr na talmhainn agus a shocraich se i air na h-ionadaibh iomallach agus fada ás sin, a ta, gidheadh, air an lionadh le lathaireachd agus le oibribh a’ Chruitheir. Bha iongantas air nach do dhi-chuimhnicheadh creutair co suarach ris fein am measg ailleachd nan nithe a bha mu ’n cuairt da; agus air da fior-mhothuchadh a bhi aige mu thimchioll a neo-airidheachd fein, thog e a shuilean suas gu neamh, agus thubhairt e, “Co e an duine gu ’m biodh Tu cuimhneachail air, no mac an duine, gu ’m fiosraicheadh Tu e?” An comas do ni air bith a bhi na ’s freagarraiche chum umhlachd a dhusgadh anns a’ chridhe, no chum an inntinn a dheachdadh le smuaintibh diadhaidh, na a bhi ’beachdachadh le curam air a’ ghrein, a’ ghealach, agus na reultaibh? Nach do-chur an ceill an aireamh? Nach do-thuigsinn an astar? Nach anabarrach am meud? Nach oirdheirc an soilleireachd? Nach iongantach an luathas leis am bheil iad a’ siubhal ’n an cuairtibh? Nach eagnuidh a ta iad air an cothromachadh ’n an slighibh fein, ás nach comas doibh claonadh leud na roinneig? Agus O, nach miorbhuileach a ta iad a’ cur an ceill cliu, cumhachd agus gloir an De Uile-bheannaichte sin a labhair am focal, agus leum iad suas gu bith! Am measg nam buaidhean agus nan atharraichean a chithear air meallaibh soillseach nan speur, tha aon ann air nach tugadh fathast iomradh, agus is e sin an seol air am bheil iad, air amannaibh, air an comhdachadh le duibhre. Cha lionmhor iad nach do ghabh beachd air dubhradh na greine agus na gealaich’, trid an robh an dearrsadh re tamuill air a dhorchadhadh mar le sgaile doilleir. Air duinn uiread a labhairt cheana mu thimchioll na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, tha sinn an duil a nis, gur soirbh an ni toirt air luchd-leughaidh a GHAIDHEIL a thuigsinn gu soilleir, ciod is aobhar do’n dubhradh so a dh’ ainmich sinn. Feumar a chuimhneachadh, gidheadh, chum so a thuigsinn gu ceart, gur i a’ ghrian tha ’toirt soluis do ’n ghealaich, ceart mar a ta ise a’ toirt soluis do ’n talamh, agus do na reultaibh sin eile a tha ’g iadhadh mu ’n cuairt di fein. Is e is aobhar, uime sin, do dhubhradh a bhi air a’ ghealaich, gu ’m bheil an talamh a’ dol direach eadar i agus a’ ghrian, air chor is [TD 162] nach comas do sholus na greine ruigheachd oirre. Agus air do ’n talamh a bhi na ’s mò ann am meud na ’ghealach, comhduichidh faileas na talmhainn barrachd na leud na gealaiche, agus air an aobhar sin, feudaidh e bhi gu ’m mair an dubhradh oirre re uine fhada. Cha ’n urrainn dubhradh teachd air a’ ghealaich ach an uair a bhios i lan, do bhrigh, aig am sam bith eile, nach ’eil an talamh direach eadar i agus a’ ghrian; agus cha ’n ’eil an talamh mar sin anns a’ cheart shuidheachadh sin gach uair a ta ’ghealach lan, oir n’ am biodh, rachadh dubhradh fhaicinn air a’ ghealaich gach mios d’ an bhliadhna. Air uairibh cha tuit faileas na talmhainn ach air earrainn bheag d’ an ghealaich agus chithear an sin i mar gu ’m biodh mir air a ghearradh aisde; ach ann am beagan uine theid an talamh à rathad soluis na greine, agus nochdaidh an sin a’ ghealach i fein lan, cruinn, agus dealrach, mar nach tachradh ni sam bith dhi. Ach air an laimh eile, tha dubhradh a’ teachd air a’ ghrein, an uair a theid a’ ghealach eadar i agus an talamh, agus mar sin a chumas i solus na greine uainn-ne. Cha ’n urrainn so tachairt ach aig caochladh na gealaiche, do brigh aig uair sam bith eile, nach comas di a bhi direach eadar a’ ghrian agus sinne. Tha e ’tachairt gu ’m bheil a’ ghealach, mar is trice, a’ siubhal ’n a cuairt an darna cuid beagan na ’s airde, no beagan na ’s isle na ’n talamh, oir mar biodh a’ chuis mar sin, bhiodh dubhradh gach mios air a’ ghealaich an uair a bhiodh i lan, agus dubhradh eile gach mios air a’ ghrein aig caochladh na gealaiche. Air do ’n ghealaich a bhi na ’s lugha ann an leud na ’ghrian, cha chomas di, air uairibh, aghaidh na grein’ a chomhduchadh gu h-iomlan, agus air an aobhar sin, cha ’n fhaicear de’n ghrein ach fainne caol, dealrach, d’a h-oir a mach, nach urrainn a’ ghealach a chomhduchadh. Bha dubhradh mor air a’ ghrein air a’ chuigeamh la deug de cheud mhios an t-Samhraidh, 1836; agus bha dubhradh eile oirre dhe ’n ghne cheudna, agus a chunncas ’s an duthaich so, air a’ chuigeamh la deug de Mhart na bliadhna 1858; ach bithidh dubradh iongantach mor oirre, leis an comduichear ach beag a gnuis gu h-iomlan air an naodhamh la deug de cheud mhios an Fhogharaidh, 1887, ’s e sin ceithir bliadhna deug an deigh so. Tha dubhradh mar an ceudna, a’ teachd gu tric air gealaichibh Iupiteir, agus Shatuirn, a ta ’n a fheum mor do ’n mharaiche, a chionn gur ann le àm dubraidh nan gealaichean sin, tha e gu h-innleachdach a’ faotuinn a mach a shlighe fein air na cuantaibh fada agus farsuing. Tha e soilleir gur annabarrach a’ chinnteachd leis an d’ fhuair na reultairean a mach slighean agus cuairtean nan reult, na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, do brigh gu ’n innis iad an la, an uair, agus a’ mhionaid anns an tachair dubhradh air bith, ma thogras iad, gu ceann mile bliadhna an deigh so. Gabhadh neach miosachan air son bliadhna sam bith, agus chi an sin, air an ainmeachadh roimh laimh, gach dubhradh a thachaireas air a’ bhliadhna sin, agus mar an ceudna na h-aitean de ’n talamh anns am faicear iad. Is lionmhor beachd saobh-crabhach a ghabh na cinnich o shean air dubhradh na greine agus na gealaiche. Bha iad an duil gu ’n robh gach sealladh a chitheadh iad de ’n ghne so ’n a mhanadh air olc, agus ag eirigh o aimhreit eadar na diathan agus cumhachdan an dorchadais. Cha ’n fhaiceadh iad dubhradh air a’ ghrein, no air a’ ghealaich, ach an uair a bhiodh iad, ’n am barail fein, cinnteach gu’n tigeadh dosgainn eagalaich, eigin orra, agus gu ’m biodh iad air am [TD 163] fiosrachadh le gorta, plaigh, no cogadh! Anns a’ bhliadhna 431 m ’an d’ rugadh ar Slanuighear bha dubhradh iomlan air a’ ghrein, agus smuainich an sluagh gu ’m b’e sin a b’ aobhar do ’n phlaigh sgriosaich a bha ’s an am sin ann am baile na h-Aithne! Tha treubhan am measg Innseanach na h-aird-an-ear, a tha a’ deanamh a mach gu ’m bheil dubhradh na gealaiche air a thoirt mu ’n cuairt le nathair mhoir a ta a’ cur char di air aghaidh na gealaiche, agus tha an sagairtean a’ cur an ceill doibh gu ’m fuadaich iadsan na nathraichean air falbh, agus nach dean iad cron sam bith do chreutair air an talamh. Mar so, tha moran de ’n chinne-daonna air an dalladh le ’n aineolas fein, agus air an truailleadh leis an t-saobh-chrabhadh a’s miosa. Ach anns gach duthaich Chriosdaidh, tha eolas de gach gne air a chraobh-sgaoileadh am measg an t-sluaigh, agus tha gach fiosrachadh air ’fhaotuinn a mach mu ’n mhathair-aobhair o’m bheil caochlaidhean na greine agus na gealaiche, agus nithe eile, a’ teachd mu ’n cuairt; air chor a’s nach aobhar eagail ni’ s mò na seallanna sin anns na speuraibh, a bha ’bualadh nan Cinneach o shean le h-uamhunn co mor! Chriochnuich sinn a nis, a GHAIDHEIL urramaich, gach ni a chuir sinn romhainn a labhairt mu chruinn-mheallaibh soillseach nan speur, agus tha sinn an dochas gu’m bi na’ sgriobhadh air na nithibh taitneach so, chum mor-bhuannachd do uile luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL, agus gu ’n toir e orra a bhi deidheil air tuilleadh agus tuilleadh a rannsachadh a mach a thaobh uile reulta neimh. Tha fios againn nach soirbh an ni fiosrachadh de ’n ghne so a dheanamh soilleir agus so-thuigsinn dhoibhsan nach robh air an cleachdadh ri bhi ’gabhail beachd sam bith air gluasad sholus nan speur, agus air na riaghailtibh leis am bheil iad air an suidheachadh ’n an cuairtibh eugsamhla! Tha, gidheadh, dochas againn nach bi ar dichioll chum beagan eolais a thoirt mu na cuspairibh oirdheirc so, gu h-iomlan diomhain; ach gu ’n duisg na nithe a labhradh a suas iarrtas agus togradh ann an inntinn mhoran; chum gliocas, maitheas, agus cumhachd neo-chriochnuichte Iehobhah, a rannsachadh a mach ann an oibribh a’ chruthachaidh agus an fhreasdail. “A Thighearna, air urram do ghloire, air urram gloire do mhorachd, agus air t-oibribh iongantach labhradh na h-uile; foillsicheadh iad am measg nan sluagh do ghniomhara; agus thugadh iad buidheachas duit, oir tha Thusa maith, agus gu brath mairidh do throcair!” SGIATHANACH. ORAN. MU ’N CHOINNEAMH-CHOMHRAIDH A BHA ANN AN DUNEIDEAN AIRSON CATHAIR GHAILIG FHAOTUINN ANNS AN ARD-OIL-THIGH. AIR FONN—“The Laird o’ Cockpen.” Dean, a dhùthaich nan tréun, iolach éibhneis ás ùr, Chualas nuallan nam pìob an tigh rìomhach nan tùr; A’s t-uaislean na ’n céudan gu h-éudmhor ’tighinn cruinn, ’Chumail suas na cainnt bhuadhar bha dual do na suinn. Chruinnich bantighearnan mìn-gheal na’n sìoda ’s na ’n sròl, ’S iad a’ boisgeadh le séudan, mar réultan ’s na neòil; Am maise ’s an àilleas ’toirt bàrr air a chéil; ’S an gaol air a’ Ghàilig ’g a ghnàth chur an céill. [TD 164] O! lìonaibh dhomh còrn, a’s gu ’n òl mi le fonn Deoch-slàinte nan uaislean, sliochd uaibhreach nan sonn; ’S air tùs cuiream fàilt’ air an t-sàr bh’air an ceann, Am Morair bho Chollasadh nan gorm-ghleann ’s nam beann. A shliochd nan leòghann tréun ’chleachd ’s an téugbhail a’ bhuaidh, Tha subhailcean gun àireamh a ghnàth ort ri luaidh; ’S ’n uair ’bhios maithean ’s gach àit anns an “Ard-thigh” le chéil, Cha bhi aon ann bheir bàrr air a’ Ghàidheal, Mac-Nèill. ’S bha Cluainidh gu h-uaibhreach le ’shuaicheantas féin, Ceann-feadhn’ g’ am bu dualach bhi cuantachail, tréun, Bha na Pearsonaich riamh, ri àm déuchainn, ro chruaidh, S’ bhiodh am brataichean sgaoilt’ air na gaoithean le buaidh. ’S tha fuil uasal o ’mhàthair ag éirigh na ’phòr; Dream nach reiceadh an fhìrinn air nì no air òr; Na Camshronaich mheamnach bha ainmeil ’s gach strìth, Bhiodh na ’n leòghainn ’s an tuasaid, ’s na ’n uain ’n àm na sìth. ’S bha ’n Siorram Mac-Neacail am breacan bha grìnn, Gaisgeach rìoghail nam buadh, ’sheinneadh duanag gu bìnn; Crì’ fearail an t-saighdeir, ’s mar mhaighdinn le ciùin’, Suil mar lainnir nan léug bhios air éideadh mo rùin. Sealgair an daimh chràcaich ’s an àrd-chreachunn ghlas, ’S ’bheireadh bradan gu bruaich as an fhuar-linne chais; Bidh ceartas a’s tròcair ’triall còmh’ riut tre ’n t-saoghal, A’s claon-bhreith gu bràth cha toir àrmunn mo ghaoil. ’S a stùchdannan ceòmhor, ur neòil cuiribh dhìbh, Ged b ’fhad’ ann an dòlas ’s am bròn a bha sìbh; Tha ’ghrian bhuidhe ’dòrtadh a h-òr air gach sliabh, ’S a gathannan àigh mu gach àrd-bheinn a’ sniomh. Thugadh clàrsach nan téud nis bharr ghéugan a’ bhròin, ’S cha leig sinn rithist annt’ i, ri ’r n-àm no le deòin. Buailidh sinn gu h-àrd i le gàirdeachas mòr, ’S sinn a’ cluinntinn na Gàilig bhi fàs ann an treòir. A chànain mo mhàthar, a chànain mo ghaoil, Bidh tu fàs ann an sgiamh, gus ’m bi crìoch air an t-saoghal; ’S ged bha thu gu tìnn, gheibhear cìnnteach dhuit léigh, ’S bidh tu luinneagach, bìnn feadh gach lìnn ’thig na ’r déigh! ’S tric a chuala mi dàn a rinn Bàrd do shiol Duinn, ’S e, mu mhac mu dheireadh Adhaimh, ri fàidhdearachd dhuinn,— E bhi labhairt ris a’ ghréin ’s iad le chéil dol gu bàs; ’S ann an Gàilig is cìnnt leam a dh’ innseas e ’chàs! MAIRI NIC-EALLAIR. Dunéidean, Mìos Deireannach an Earraich, 1873. [TD 165] TUIREADH. FHIR MO CHRIDHE,—Rinneadh an Tuireadh seo le mnaoi a chaidh do ’n tràigh a bhuain bhàirneach a’s duilisg; ach cha ’n fhiosrach mi c’ àite. Dh’ iadh an làn mu ’n sgeir air an robh i mu ’n d’ thug i an aire dha, agus ged a bha i griasad air a mnaoi-mhuinntir cobhair oirre, cha d’ thug i feairt oirre—bha a sùil an cuilidh a maighistir agus na ’spréidh. Ach fhuair a’ bhanasgal a toillteanas: dh’ éirich amharus mu ’n chùis;b’ éudar dh’i an dùthaich fhàgail agus a ceann a thoirt fotha. Is ann bho Dhònull Mac-Iain, uasal ceanalta de mhuinntir Shollais an Uithist, a fhuair mi e an oidhche roimhe.—D’ fhaicinn slàn, ABRACH. An Tom-buidhe, La Fhéill Brèanainn, 1873. TUIREADH BEAN MHIC-ANT-SHAOIR. [Ceòl] A nighean ud thall. Hùg ó, An cois na tràghad, Hao-rì, hó-ró:† Nach truagh leat fhéin, Hùg ó, Bean ga bàthadh, Hao-rì, hó-ró? Cha truagh, cha truagh, Hùg ó; ’S beag do chàs d’e, Hao-rì, hó-ró. Sìn do chasan, Hùg ó; Fair do làmh dhomh, Hao-rì, hó-ró. Fiach bheil agad, Hùg ó; Buille shnàmha, Hao-rì, hó-ró. ’S daor a cheannaich, Hùg ó, Mi na bàirnich, Hao-rì, hó-ró. An duileasg donn, Hùg ó, Rinn mo bhàthadh, Hao-rì, hó-ró. Mo thruaighe nochda, Hùg ó, Mo chuid phàisdean, Hao-rì, hó-ró. Fear dhiubh bliadhna, Hùg ó, ’S fear a dhà dhiubh, Hao-rì, hó-ró. ’S tha fear eile, Hùg ó, An ceann an ràidhe, Hao-rì, hó-ró. ’S buidhe ’n mhnaoi òig, Hùg ó, Théid am àite, Hao-rì, hó-ró. ’S briagh mo sheileir, Hùg ó, Ime ’s chàise, Hao-rì, hó-ró. † Aithris gach ceithreamh dà uair. [TD 166] Mo chrodh-laoigh, Hùg ó, Dol gu àiridh, Hao-rì, hó-ró. ’S mo chrodh-seasga, Hùg ó, Cùl a’ ghàraidh, Hao-rì, hó-ró. Thig ant eathar, Hùg ó, ’N seo am màireach, Hao-rì, hó-ró. Bidh m’ athair ann, Hùg ó, ’S mo thriùir bhràithrean, Hao-rì, hó-ró; Bidh Mac-ant-Shaoir, Hùg ó, Air ràmh-bràghad, Hao-rì, hó-ró. Gheobh iad mise, Hùg ó, An déigh mo bhàthadh, Hao-rì, hó-ró: Mo chuailein donn, Hùg ó, Feadh na tràghad, Hao-rì, hó-ró. NOTE.—The esteemed friend to whom I am indebted for the words of the foregoing Wail, explains, in his accompanying letter, the incident to which it owes its origin. It is represented as having been addressed to her servant maid upon the beach, by a woman who had gone to the shore at low water to gather shell-fish and dilse, but was caught and surrounded on a rock by the rising tide. The cruel-hearted maid, in the expectation of being herself in due time installed in her mistress’ place, lent a deaf ear to her entreaties, refused to render any assistance, and allowed the hapless woman to perish in the rising billows. The miscreant’s purpose was frustrated, however; her heartless conduct having been suspected, or having become known, she became the object of such universal execration that she was obliged to remove from the district, in order to escape the treatment which she so richly merited. The music attached to the Wail is exceedingly touching and simple; and notwithstanding that it contains none of the sad or sensitive tones of the scale—consisting as it does almost entirely of do, me, and soh—it has a most weird and desolate effect. I should like that some one of the best versifiers or translators among your contributors would furnish a version of it for the benefit of English readers. A most interesting reminiscence connected with this Wail is, that it was sung by an Easdale man, now no more, while ferrying Her Majesty and the Prince Consort across Loch Tay, in a barge under the command of Macdougall of Lorn, on the ever-memorable occasion of the Queen’s visit to the late Marquis of Breadalbane at Taymouth Castle, in 1842. In chronicling the unparalleled splendours of the princely welcome and entertainment which she then received, the Queen herself pays a tribute to the singing of the rowers. She says, in Leaves from the Journal of our Life in the Highlands, “The boatmen sang two Gaelic boat-songs, very wild and singular; the language so guttural and yet so soft.”—J. W. CEOL NAN GAIDHEAL. FHIR MO CHRIDHE,—Tha na gillean-truisirnis cho lìonmhor, falbhanach, ’s nach ’eil annas agam dhut an turas seo. Mu ’n gann a dh’ aithrisear sgial-ùr, gheobhar air ais ás a’ Ghalldachd e air na carbaid thoite ’s each, na ’eige de chlòth-dubh Chille-Math-Chùc; a bhuidheachas sin daibhsan, na gillean ceanalta, agus do ’n dealan a tha nis, ach beag anns gach baile. Mur teid mi chromadh air “a’ bhalg-thionail,” ma ta, cha ’n ’eil fhios agam ciod a thairgeas mi dhut. Na ’m biodh tu làmh-rium ghabhainn port-à-bial dhut, bho ’n “Is tric a bhà sinn, fhir mo chridhe, Gun phìob gun fhidhill a’ dannsa.” Cleas ioma rud eile, tha na pùirt a’ dol air chall. Gheobhar, gun teagamh, móran diubh an leabhraichean-ciùil, agus sin gu tric fo ainm Gallda. Ach c’ àite bheil na facail a tha na camagan dubh ud a’ riochdachadh? Is culaidh-ioghnaidh nach beag gu ’n leigteadh aog fuinn agus puirt a bha flaithin ’s an daoine bho linn gu linn ag éisdeachd ’s ag cluith mu seach air a’ chlàrsaich ’s air a’ phìob, gun urad ’s lorg am buinn fhàgail. Is ann de bhuaidhean a’ chiùil, mar is math tha [TD 167] fios agad, an ìnntinn a chur ionann ’s thairis am plathainn-éibhneis. As aogais nam facal a tha e ’riochdachadh, cha ’n ’eil ann ge tà, ach faileas—cha ’n ’eil an ìnntinn, ach mar gu ’m b’ eadh, an nial-cadail; ach cho luath ’s a dh’ aithrisear na ’chois na briathran, mosglaidh i ás a ceal, thig i g’ a h-ionnsaidh fhein, agus, na ’geal-fhaireachadh, blaisidh i gu riochdail air cupan milis a h-àidh. Is fior-thaitneach an rud an ceòl. Agus co a b’ fhèarr a thuig sin na ar sinnsirean. Eadar a bhreith ’s a bhàs, cha robh rud ris an cuireadh an seann-Ghàidheal a làmh, aig a’ bhaile no bhuaithe, ag cuallach na spréidhe no ag àiteach an fhuinn, nach robh fonn no port freagarrach aige mu ’choinneamh. Ma ’s ann ag altrum an naoidhein mhaoth ’s an uchd, nach robh an Tàladh mùirneach aig a’ bhanaltruim, a chur gean a’s cadail air. Anns a’ bhuailidh a’ bleoghan na spréidhe, nach cluinnteadh “Gaol-ant-aghan” air bilean gach banaraich. Aig a’ bhrathainn, no cur àird air calanas, am biodh bean gun a Crònan fhéin. Latha-breith an oighre, nach rachadh a’ Phìob ath-ghléusadh a chluith cuairte air an Fhàilte chridheil, chùirteil an làthair an fhlath. Ma ’s ann ag cruinneachadh nan daoine, nach robh an Co-thional ga chur suas—cuimhneachan air buaidh-làraich, no ma dh’ fhaoite, air éucoir a rinneadh uair-eigin air a’ chinneadh. Ma ’s ann air astar mara no tìre, a chumail an còrach riutha, no thoirt a mach na h-aichmhealach, nach robh an Iorram no ’n Spaidsearachd ann a bheothachadh neart agus spéirid nan alt lùthmhor. Ma ’s ann ri uchd an nàmhaid, nach robh am Brosnachadh caithreamach, sùrdail ann, a dhùsgadh cuimhne air cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig iad. An tigh na féille, nach robh na puirt ruithleumach, mhireagach dhannsa ann, a dh-fhuadach smuairein ’s a dh-altrum càirdeis. Agus an uair bu bhàs do ’n triath, nach robh an Cumha tiamhaidh ga chur suas—a’ brùchdadh à grùnnd a’ chridhe—gach beag a’s mór, sean a’s òg ag caoidh a chùil-thaice. An uair a chluinneas an Gàidheal, ’s e air aineol, ceòl na pìoba, ciod a tha toirt air a chridhe éirigh ris? An e binnead a’ chiùil? Is gann gur h-è, bìnn, leadarra ’s mar a thà e, ach gu ’m beil e dùsgadh suas dha seann chuimhneachain air an àm a bha e an tir nam beann ’s nan gaisgeach. Tha ’chridhe a’ blàthachadh ris a’ cheòl agus le h-ath-ghuth ga fhreagradh:— “’S e siod am fonn a chuala mi An uair a bha mi òg.” Tha “An uair a bha e òg” ga h-ùrachadh na chuimhne. Chì e, mar gu ’m b’ ann an sgàthan, Tìr-nam-beann. Chì e ìomhaigh a leannain dh’ an do gheall e bhi tairis—a phiuthar-chridhe nach do thuig e riamh a gaol da—a bhràithrean—a chompanaich—a dhìlsean, ’s a chàirdean—an fhàrdach ’s an do rugadh e—gach béinn, a’s gleann, a’s coire, a’s coille, ’s ionad a b’ aithne dha, ’s gach ni a bha annta—chì e sin uile ’s athair, ’s e ’n dùil gu ’m beil e faireachadh anail bhlàth a mhàthar ’s i ga thàladh gu beadarrach, mùirneach na h-uchd mar a b’ àbhaist! Creid mi, fhir mo chridhe, is culaidh e g’a chumail bho dhroch-stil. Cha ’n ’eil féum ’s an iomchoire; ach nach saoileadh tu gu ’m bu chòir ant shéinn a theagasg do ’n òigridh anns gach sgoil ’s a’ Ghàidhealtachd? Nach tog thu do ghuth na h-aobhar? Cha ’n ’eil teagamh agam nach toirear feairt ort. Tha fhios agam gu ’m beil daoine còire air feadh na dùthcha a bheir a chreidsinn air sluagh baoghalta nach ’eil ’s na puirt ach faoineis, rudan air bheag bhrìgh, ’s gur còir an grad-leigeadh air dìochuimhne. Faodaidh iad a bhi ceart; ach air mo shonsa dheth, cha léur dhomh coire no [TD 168] dolaidh sa bith annta, ma ghabhar le cuibheas diubh, agus sin na ’n àm fhéin. Dh’ fhaoiteadh cùnntas gun àirimh a chur fhathast cruinn de na puirt, na ’n rachteadh seòlta mu ’n cuairt de ’n chùis. Tha mòran an comas nan “Comunn,” na ’m biodh an toil ’s an dùrachd aca; agus gun dol fada bho ’n tigh, tha bean chòir ’s a’ bhaile seo, ’s na ’n rachadh i ceart air ghléus, chuireadh a’s chumadh i “gun phìob gun fhidhill” “a’ chléir fhéin, ge sianta ’n còta,” air an ùrlar bho Luain gu Sathurna. Gun tuilleadh cagnaidh ma ta, chuir mi fhìn am ònrachd còrr a’s ceithir fichead diubh cruinn; ’s cha ’n ob mi an toirt seachad a nasgaidh do dhuine sa bith a shaoileas mi a ni deadh fhéum dhiubh. Bheir mi nise, le d’ chead, cuairt dhut:— TALADH. Ba-hó, mo leanabh Ba-hó, ba-hó; Ba-hó, mo leanabh, Ba-ho, ba-hó; Bà, hi-rì, hill-ù, hill-arum, Gu ’n tìll iad fallain, Na dh’ fhalbh air sàil’. Ba-hó, &c. Gur h-ioma cruaidh-fhortan Tha ’n lorg nam màth’r; ’S gu ’m beil mo chuid-sa A nochd na m’ làimh: An àite bhi mùirneach, Sùnntach, aighearach, ’S ann tha mi na m’ laidhe Fo phràmh, fo phràmh. Ba-hó, &c. LUINNEAG. Iù hóileagan, iù, Hó, m’ aghan; Iù hóileagan, iù, Hó, m’ aghan; Iù hóileagan, iù, Hó, m’ aghan; Mo chrodh-laoigh a’s aighean, Air gach taobh de ’n abhainn. M’ fhéudail de ’n chrodh, Gur h-i ’Ghuaill-fhionn; Cha b’ i ’Cheanfhionn, Bó bu shuaraich’. Beannachd banaraich A’s buachaill’, Cha bhiodh tu duilich A chuallach. Iù, &c. Is math a b’ aithne Dhomh do mhàthair, Nighean Glasaig— Ogha Blàraig. Is tù a lìonadh An stòp càirt domh, ’S cha bhiodh air Mo mhùirnein fàillinn. Iù, &c. DANNSA A’ CHLAIDHIMH. Gille-Callum, dà pheighinn, Gille-Callum, bonn-a-sia. Gille-Callum, dà pheighinn, Gille-Callum, bonn-a-sia. Gheobhainn bean air dà pheighinn, Gheobhainn bean air dà pheighinn, Gheobhainn bean air dà pheighinn, ’S tagha ’s rogha air bonn-a-sia! Rug an luchag uan boirionn, Thug i dhachaidh cual chonnaidh, Mias mhine, cliabh salainn, Gille-Callum, bonn-a-sia! &c., &c. RUIDHLEADH NA COILICH-DHUBHA. Ruidhleadh na coilich-dhubha, ’S dhannsadh na tunnagan. Ruidhleadh na coilich-dhubha, ’S dhannsadh na tunnagan, Ruidhleadh na coilich dhubha, Air an tulaich làmh ruinn. Air an tulaich againn fhìn. Air an tulaich urad ud. Air an tulaich againn fhìn, Air an tulaich làmh ruinn. O, ruidhleadh, &c. Tha cuimhne agad air an fhear seo; ach tha eagal orm nach ’eil e agam ceart, ’s cha ’n ’eil am pìobaire aig an tigh an diugh gu m’ sheòladh. CUMHA MHIC A AROIS. No Cumha Mhic-an-Toisich. Céud nan creach, Leag iad thu! Och nan och, Leag iad thu! Céud nan creach, Leag iad thu ’M bealach a’ ghàraidh! Céud nan, &c. [TD 169] Leag ant each ceanfhionn thu, Leag ant each ceanfhionn thu, Leag ant each ceanfhionn thu, ’M bealach a’ ghàraidh! Leag ant each, &c. Am fìon bha gu d’ bhainis, Am fìon bha gu d’ bhainis, Am fìon bha gu d’ bhainis, Am fìon bha gu d’ bhainis, Gu ’n d’ òladh air d’ fhairir’ e! Dheagh mhic a Arois. Céud nan creach, &c. Ach is éudar sgur. Mu ’n d’ thuirt am fear nach maireann e, “Dh’ fhaoiteadh leabhar gàbhaidh a sgrìbheadh mu ’n chuis seo na ’m biodh duine ann aig am biodh làn-eòlas, pailteas ùine, agus na bu leoir de dh-airgiod gus a chur a mach a nasgaidh!”—D’ fhaicinn slàn, ABRACH. An Tom-buidhe, Là Mhartainn-bhuilg, 1873. DIOCHUIMHNE.—Bu chòir dhomh ant shamhuilt a leanas a thoirt dhut roimhe seo. Cha ’n ’eil ìnnte ach ant shlige, ’s cha ’n ’eil ùine agam air fìnid a chur oirre. Tha mi ’n dùil nach ruig mi leas a mìneachadh dhut; agus ma shaoileas tu gu’m bi i na h-ìmpidh air seann-nòs a’ Bhràghad a chumail na d’ chuimhne, faodaidh tu dìol na codach eile dheanamh rithe. A. FLATH.* Suaicheantas. Dà ite-fìrein. Breith an Oighre. Fàilte. ’Inbheachd agus Togail-Dhaoine. Co-thional. Turus. Spaidsearachd-Chàirdeis . . . “Gillean an fhéilidh.” Spaidsearachd-Dhùlain . . . “An rathad mór.” Blar. Brosnachadh-Catha. Dannsa. Dannsa a’ Chlaidhimh . . . “Gille-Callum.” Na Tulaichean. Dannsa-cruinn. Posadh. A’ dol do ’n eaglais . . . “C’ ar son a bhimid muladach?” A’ tilleadh dhachaidh . . . “Mo thruaighe mi thug dhachaidh thu.” Fear-na-bainnse air an ùrlar . . . “Bog an lochain.” A’ dol a laidhe . . . “Thig a laidhe laochain.” A’ sgaoileadh . . . “Robag an spuinnsich.” Bas. A’ togail a’ ghiùlain . . . “Cha tìll mi tuille.” Ga chàramh ’s an uaigh . . . “Cumha-na-peathar.” * Or, The Brærian Ceremonial. [TD 170] COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MURACHADH.—Failte na maidne dhuit, a Choinnich; is solas gun duil ris, thusa fhaicinn, agus tachairt ort ’s an aite aonaranach so cho trath ’s an latha. Deanamaid suidhe fo sgaile na creige so, agus cluinneamaid naigheachdan aon a cheile, o’n chomhlaich sinn cuideachd roimhe. Tha mi ’n dochas gu ’n d’ fhag thu Seonaid agus an teaghlach air fad slan, fallain, agus gu ’m bheil an crodh agus na caoraich a’ cinntinn, agus gach cuis mar bu mhaith leat. Dean suidhe, a Choinnich, agus gabh deannag d’ an t-snaoisean as an adhairc dhuibh, agus cluinneam do sgeul. COINNEACH.—Ma ta, a Mhurachaidh, cha ’n ’eil briathran agam, chum a chur an ceill cia cho toilichte ’s a tha mi do chomhlachadh an diugh, oir cha di-chuimhnich mi am fad ’s is beo mi, am fiosrachadh a thug thu dhomh a thaobh iomadh ni air an robh mi aineolach, an uair a chomhlaich sinn roimhe ’s a’ Ghleann-Mhor,—tha cuimhne agad. Tha deagh fhios agad-sa, a Mhurachaidh, gu ’m bheil mo dhachaidh-sa ann an cearn ro iomallach,—dealaichte aireamh mor mhiltean o gach tuineachas eile; agus air an aobhar sin, gu ’m feud an saoghal dol bun os ceann gun fhios gun aire dhomh-sa, agus atharraichean mora ’teachd mu ’n cuairt, mu ’n cluinn mi lide dheth. Ach a nis, a Mhurachaidh choir, tha sin uile, trid do chaoimhneis-sa, air atharrachadh gu tur, oir stiuir thu an GAIDHEAL urramach am ionnsaidh, agus, mu lamh-sa, nach bi Coinneach Ciobair agus a theaghlach tuille ann an aineolas air cuisibh an t-saoghail, agus air uile naigheachdaibh na rioghachd. MUR.—Tha mi ro thoilichte, a Choinnich, gu ’n d’ fhuair an GAIDHEAL a mach thu, agus gu ’m bheil e air gach seol taitneach dhuit. Bha deagh fhios agam-sa gur ann mar sin a bhiodh a’ chuis, agus tha deagh fhios agam, mar an ceudna, gur dall, aineolach, amaideach, agus caoin-shuarach muinntir ar du’cha gu leir, an uair nach toir gach tigh agus teaghlach aoidheachd-cridhe do’n GHAIDHEAL, agus an uair nach ceadaich iad dha an suilean fhosgladh chum gu’m faic agus gu ’m fiosraich iad uile chuisean an t-saoghail mu ’n cuairt doibh. Ach cha ’n e sin a mhain, a Choinnich, na rinneadh o cheann ghoirid chum do mhaithe, ma’s maith leat e; oir dh’ eirich suas brathair do ’n GHAIDHEAL ann am baile Inbhirnis, air an d’ thugadh mar ainm an t-Ard-Albannach, agus ged nach ’eil e ach gle og, is diulnach sgairteil, tapaidh, deas-bhriathrach e, a ta ro airidh, mar an ceudna, air aoidheachd agus deagh-ghean fhaotuinn anns gach aite. COIN.—Gle cheart, gle cheart, a Mhurachaidh, b’ fhearr leam dealachadh ri leth mo chodach, agus mo loin, na dealachadh ris a’ GHAIDHEAL tuille—b’ fhearr gun teagamh, oir tha e caomhail, cairdeil, coir! Tha ’bhriathra-san co so-thuigsinn, a sgeula co taitneach, agus a chomhradh gu leir co lan fiosrachaidh agus eolais, ’s gu’m bu chall gun chiall dealachadh ris. Mile taing dhuit do bhrigh gu’n do chuir thu am charaibh e. Ach, a Mhuracaidh, ciod a thuirt thu mu ’n Ard-Albannach, brathair a’ s oige mo dheagh-charaid? Am bheil Gaidhlig aige—am bheil e daimheil, cinneadail, cairdeil, agus airidh air ’ainm fein? Ma tha, ann an ainm an aigh, stiuir a’m ionnsaidh e mar a rinn thu a bhrathair coir, agus bithidh mise gle fhada ’n ad chomain. MUR.—Am chomain-sa, a Choinnich, ’s e do bheatha, da-rireadh. Cuiridh mise an t-Ard-Albannach ’n [TD 171] ad ionnsaidh gun dail, agus chi thu le d’ shuilean, agus cluinnidh tu le d’ chluasan, gu ’m bheil Gaidhlig aige, agus Beurla cuideachd, agus gu’m bheil e daimheil, cinneadail, cairdeil, agus airidh air ’ainm fein. Chi thu gur dithis oganach iad do nach faighear samhladh air gach cnoc, agus a tha gun choimeas dian ’n an durachd, agus ’n an dealasachd, chum maith a dheanamh d’an luchd-duthcha fein. Feumaidh sinn, a Choinnich, a’ h-uile dichioll a dheanamh air gach eolas fhaotuinn a reir ar comais re na h-uine ghearr a cheadaichear duinn, ’s an t-saoghal so; agus chum na chriche so, deanamaid gach greim ’n ar comas orra-san a ta ullamh agus ealamh chum an t-eolas sin a chraobh-sgaoileadh ’n ar measg. COIN.—Cha ’n ’eil ar n-uine fada gun teagamh, ach is solasach an ni nach ruig sinn leas a bhi gu tur aineolach air cuisibh an t-saoghail mu’n cuairt duinn, ma tha deigh sam bith againn air eolas fhaotuinn. MUR.—Ma ta, cha ruig, a Choinnich, agus na ’m faiceamaid e, is lionmhor maighstir-sgoile tha againn chum ar teagasg, na’n tugamaid geill doibh. Tha eunlaith an adhar ’g ar teagasg, oir tha eolas aca-san air an gluasad fein. Tha e air innseadh dhuinn ann am Focal na firinn, gur “aithne do’n chorra-bhain anns an adhar a h-am fein, agus is aithne do’n choluman, agus do ’n chorra-mhonaidh, agus do’n ghobhlan-ghaoithe am an teachd; ach cha ’n aithne do m’ shluagh-sa,” deir Dia, “breitheanas an Tighearna.” Tha ’n seangan beag a’ sparradh dichill agus gliocais oirnn, agus tha ’n seillean a’ deanamh an ni ceudna, na’n tugamaid geill doibh. Is anabarrach beag da-rireadh na maighstirean-sgoile iad so, ach is dileas, treibhdhireach, cinnteach iad. Is dian a tha iad ag earaileachadh an aghaidh na leisge; agus tha fios agad mar thubhairt an duine glic:— “Eirich a lundaire gu grad, ’S thoir ort an seangan beag gun stad; Oir ged nach d’ fhuair e riamh fear iùil, No neach ’g a ghreasadh air a chùl; Fa chomhair geamhraidh ni’ e deas, A’ cuimhneachadh gun tamh a leas; ’S an t-samhradh trusaidh e a lon, ’S an fhoghar, iomlan tha a stor.” COIN.—Ochan! a Mhurachaidh, cha ’n ’eil teagamh agam nach deanadh tu searmoin ceart co maith ri Maighstir Uisdean, ar deagh mhinisteir fein, na’n gabhadh tu ’n ad cheann e; ach tha mi cinnteach à so, na ’n rachadh tu suas do’n chrannaig agus na’n toisicheadh tu, an sin, air searmonachadh gu’m biodh barrachd ’g ad eisdeachd na dh’ eisdeas ri Maighstir Uisdean coir, ged is comharraichte, ainmeil am fear-teagaisg e! MUR.—O, a Choinnich, a Choinnich, mise a’ deanamh searmoin! B’olc a thigeadh e orm, agus bu dona mo ghnothuch ris. Is leoir dhoibhsan sin a dheanamh a chuireadh air leth air a shon, agus is leoir dhomh-sa a bhi am fhear-eisdeachd, na ’m biodh run agus toil agam gliocas a nochdadh le bhi ’g eisdeachd mar bu choir dhomh a dheanamh. Ach mar a thubhairt mi cheana, shonraich am Freasdal a tha os ar ceann lionmhorachd luchd-teagaisg dhuinn am measg nan ainmhidh na’n tugamaid geill doibh. Nach fhac thu mar a mhinich an GAIDHEAL so gu soilleir dhuit an la roimhe, agus mar a thug e air an aghaidh eiseimpleirean so-thuigsinn chum a dhearbhadh?” COIN.—Ud! Ud! chunnaic mi sin a Mhurachaidh; labhair e air cleachdannaibh nan ainmhidh mar shamhladh dhuinne ’n ar giulan fein, agus b’ aluinn, taitneach a bhriathra. MUR.—Nach solasach, ma ta, a Choinnich. a bhi ’beachd-smuaineachadh air na nithibh sin a thugadh co soillear f’ ar comhair; agus tha deagh chuimhn’ agam fein, an uair a bha mi am bhalachan, air moran a chuala mi am measg nan seann daoinne ’s a’ [TD 172] Ghaidealtachd air cleachdannaibh nan ainmhidh mar chomharan air an aimsir. COIN.—Is mise a chual agus a chnunaic sin, agus a ghabh beachd sonraichte air, ’n am thurasaibh am measg nam gleann agus nan garbh-chrioch. MUR.—Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil cleachdanna nan ainmhidh ’n an comharaibh neo-mhearachdach air a’ ghne aimsir a ta ri teachd, mar a tha deagh fhios agadsa, a Choinnich, agus tha duil agam gu’m feuch sinn a nis co am fear againn a’s fearr cuimhne air na cleachdannaibh sinn air an do ghabh muinntir beachd chum na criche so. COIN.—Tha mi ro thoileach ma ta, agus bithidh stòp anns a’ cheud tigh-osda ’s an tachair sinn air an fhear d’ an dithis againn a dhiobaireas an toiseach, agus a dh’ failnicheas ann an eiseimpleiribh a thoirt seachad. So ma ta a Mhurachaidh, thig air t-aghaidh—buaileam ort! An cual’ thu riamh an uair a chithear na h-ialtagan na ’s lionmhoire na b’ abhaist doibh, agus ag itealaich ’n an cuairtibh re uine na’s fhaide na bu ghnath leo, gu ’m feudar a bhi cinnteach gu’m bi an ath latha teth, grianach, ciuin? Agus air an laimh eile, ma chithear iad a’ gabhail fasgaidh ann an tuill, agus an cuiltibh, agus an cosaibh nan creag, agus ma chluinnear iad ag eigheach agus a’ gearan, tha e cinnteach gu’m bi an ath latha gu trom a’ sileadh, agus ro anradhach, fliuch. MUR.—Direach, ceart, a Choinnich, air leam gu’n cuala mi mo shean-mhathair ag aithris nan nithe sin mu na h-ialtagaibh; ach an cual’ thusa, an uair a chluinnear a’ chomhachag, no ’chailleach-oidhche, mar a their iad rithe, ag eigheach ann an droch aimsir gu ’n tig deagh aimsir gun dail? COIN.—Tha sin co ceart ris an fhirinn, agus co cinnteach ri airgiod a’ bhaistidh, oir is minic a ghabh mi fein beachd air, agus a rinn mi solas ri sgread neo-bhinn na comhachaig. Ach stad ort, a ghille mo chridhe, an cual’ thusa, an uair a bhios na fithich a’ rocail gu cruaidh, agus ag itealaich ’n an grad-chuairtibh am measg a cheile, gur cinnteach e gu ’m bheil toiseach aig deagh aimsir? MUR.—Cha ’n ’eil ro bheachd agam air sin a chluinntinn, a Choinnich, ach gabh thusa beachd air so,—gur e do ghliocas a bhi ’deanamh deas air son uisge agus doininn an uair a chithear na tunnagan agus na geoidh ro luaineach agus mi-fhoisneach, agus a’ sior dhol fodha ’s an uisge, agus a’ grad eirigh a ris. COIN.—Is deagh fhaidhean na h-eoin-uisge air fad a thaobh so, agus is lionmhor na rabhaidhean a tha iad a’ toirt seachad mu ’thimchioll; ach creid thusa mise, a Mhurachaidh, gu’m bheil an t-uisge am fagus, an uair nach dean na seilleanan ach turas goirid o na scip re an latha; agus tha an ni ceudua cinnteach an uair a thig iad ’n am mor-sgaothaibh chum nan sgeap m’an crom an t-anmoch, agus gun aca ach luchdan beaga, eutrom. MUR.—Tha mor-ghliocas, gun teagamh idir aig an t-seillean ged is beag e, agus is dan, dall an ti a chuireas an suarachas e air a lughad; agus tha na columain a’ nochdadh an ni cheudna. Ma philleas iad gu h-anmoch a dh-ionnsaidh an dachaidh fein, tha e cinnteach gu’m bi an ath la fliuch, gaothar, agus ro anradhach. COIN.—Ma tha na nithe sin uile fior, a Mhurachaidh, cha ruig neach sam bith leas a bhi aineolach la ’s a’ bhliadhna, air gach trath agus aimsir, oir tha na faidhean beag, iteagach sin, a tha ’cur gach ni an ceill roimh laimh, gle lionmhor agus gle fhagus duinn. MUR.—Air do shocair, a Choinnich, agus creid thusa mise, cha ’n ’eil iad [TD 173] co lionmhor agus co fagus ’s a tha thu ’s a’ bharail. A nis, a charaid, innis domh am fac thu ialtag riamh? Am fac thu cailleach-oidhche riamh? Ach co dhuibh a chunnaic no nach fhaca, tha e cinnteach nach fhaic thu na seilleanan na h-ialtagan na cailleachan-oidhche, na fithich, na gealbhonna, agus gach eun eile air an do ghabhadh beachd, gach uair air am bu mhiann leat eolas fhaotuinn air an aimsir ri teachd. COIN.—Tha fios agam nach fhaic, ach an deigh sin is iongantach an nadur a thug an Cruithear do na h-aimhidhibh sin trid am bheil iad, gun fhios gun aire dhoibh fein, a’ deanamh nithe a tha co anabarrach miorbhuileach ann an suilibh dhaoine. Tha ’n GAIDHEAL a’ labhairt gu soilleir mu’n ghride, no mu’n chiall-ghne a ta air a shuidheachadh anns gach ainmhidh fa leth, leis an deanar nithe eug-samhla mar gu’m biodh iad air an stiuireadh le reuson agus tuigse. MUR.—Ro cheart, a Choinnich, ro cheart; tha deich mile eiseimpleir againn air so, agus tha aireamh mhor leabhraichean againn air an sgriobhadh mu thimchioll nan nithe so, agus i tha na leabhraichean sin ro thaitneach, gun teagamh, dhoibhsan uile aig am bheil gu leoir dhe ’n Bheurla chum an tuigsinn. COIN.—’S eadh, ’s eadh, a Mhurachaidh, cha ruig thu leas labhairt riumsa mu na leabhraichibh Beurla sin, agus deagh fhios agad fein nach ’eil lide dhe ’n chainnt choingheallaich, thais sin na m’ cheann. ’S i a’ Ghaidhlig mo chanain-sa, a’ Ghaidhlig chomharraichte chumhachdach, agus chruaidh—a’ Ghaidhlig sin a shruthas gu binn, blasda o bhilibh, agus o chridhe nan treun-ghaisgeach a dh’ araicheadh ann an garbhlaichibh ar tire fein! Leabraichean Beurla, ma seadh! Ochan! Ochan! cha b’ iad mo GHAIDHEAL cuimir, ceanalta fein, aig am bheil lionmhorachd sgeul, leis am bheil an cridhe air a theagasg, agus air a thiomachadh. Ach, a Mhurachaidh, am bheil thu air ruith a mach a thaobh nam faidh iteagach, agus ceithir-chosach agad, no am feud duil a bhi againn gu’n cluinn sinn tuilleadh mu na cleachdannaibh aca a thaobh na h-aimsire? MUR.—Tuilleadh! An e sin a tha thu ’g radh, a Choinnich? Tha, fhir mo cridhe, tha agam-sa mu’n timchioll na chumadh sinn a’ comhradh ra’cheile re shealaithean na seachdain, agus tuilleadh,—tha gun teagamh. COIN.—Thoir duinn beagan tuilleadh dheth a nis, ma ta, oir is taitneach leam a chluinntinn. MUR.—Gheibh thu sinn, a Choinnich gus am bi thu sgith. Am fac thu riamh an cat ’n a shuidhe gu stolda air lic an teinntein, a’ gabhail orain, agus gu dian a’ nigheadh agus a’ suathadh ’eudainn le ’smoig fein? Ma chunnaic no ma chi, dean deas air son an uisge, oir cha ’n fhada gus an sil e gu frasach. Dean an ni ceudna gach uair a chi thu na gealbhuinn a’ cruinneachadh ’n an sgaothaibh cuideachd, agus a chluinneas tu iad a’ bideil gun sgur, gun fhois. COIN.—Direach ceart, a Mhurachaidh, ach an cual’ thusa riamh gu’m bheil an t-uisge am fagus an uair a chithear na cearcan ’g an aornagain fein anns an duslach, ’g a chladhachadh gu domhain, agus a ris ’g a sgapadh a mach? Seadh, tuilleadh, tha aimsir fhliuch cinnteach an uair a ghoireas na coilich aig uair mhi-nadurra ’s an oidhche. MUR.—Dean socair, a Choinnich, dean socair—so, gabh deannag ás an adhairc dhuibh. Gu cinnteach is iongantach na nithe sin uile, agus tha iad gle fhior. Is minic a chuala sinn gur comhar neo-mhearachdach air droch aimsir a bhi ’faicinn nan gobhlanna-gaoithe a’ sgiapadh gu luath seachad air uachdar an uisge, no na talmhainn; ach ma dh’ eireas [TD 174] iad gu h-ard anns na speuraibh, feudaidh duil a bhi againn gu’m faigh sinn gun dail uair thioram, le mor-theas. COIN.—Tha mi ’toirt geill dha sin, a Mhurachaidh, agus mar an ceudna, do’n chleachdadh sin aig na cuileagaibh, leis an lot iad gu searbh an uair a bhios aimsir anradhach a’ teachd am fagus. Air an laimh eile, ma chithear na meanbh-chuileagan a’ cruinneachadh ’n am meallaibh aig dol fodha na greine, agus a’ deanamh chuairtean am measg a cheile am fochair na talmhainn, bithidh na laithean a leanas teth agus tioram. MUR.—Stad, stad, a’ Choinnich, biodh uair mu’n seach againn chum nan nithe so a thoirt air an aghaidh. Tha e cinnteach, ma ta, gu ’m bi an aimsir fiadhaich, salach, fliuch, ma bhios na losgannan a’ ruchdail gun lasachadh, agus a teachd gu lionmhor a mach ’s an fheasgair as na tuill aca. COIN.—Tha ’n ni ceudna cinnteach ma nochdas na daolagan iad fein air bharr na talmhainn, a’ snagadh gun fhois a null ’s a nall; agus ma chithear an t-seilcheag agus am famh gu dian a’ strith, an t-aon ’g a thoirt fein ás gu mall, mar a dh’ fheudas e, agus an t-aon eile a’ togail a’ chuid tolm leis gach dichioll ’n a chomas. Seadh, tuilleadh—tha ’n t-uisge dluth air laimh ma bhios an crodh agus na cearcan a’ cruinneachadh a stigh r’a cheile, agus a’ seasamh gu mairnealach ’s an aon ionad. MUR.—Tha mi ’cluinntinn agus a’ tuigsinn sin uile, a Choinnich, ach an cual’ thusa ma bhios an spreidh agus an fheudail ag ionaltradh air na raointibh, agus ma bhios iad a’ spionadh an fheoir le ciocras na’s mo na b’ abhaist doibh, gu’n tuit an t-uisge ’n a thuiltibh gun dail? COIN.—Tha mi an duil, a Mhurachaidh, gu’n d’thug sinn le cheile na’s leoir air aghaidh an diugh mu chleachdannaibh nan ainmhidh sin a tha ’faotuinn creideis gu bhi ’n an speuradairibh ro chinnteach. A reir coslais tha iad toilltinneach air a’ chliu sin fhaotuinn air am bheil iad co airidh, agus cha ’n ’eil deoin agad-sa no agam-sa air a chumail uatha. MUR.—Cha ’n ’eil idir, ach an aite sin, bu ro mhath leinn gu’n cuireadh an t-Albannach sin, seadh, an t-Ard-Albannach ionmhuinn sin ann an Inbhirnis, agus an GAIDHEAL ceanalta agad fein, a Choinnich, an lamhan treuna fein ris a’ gnothuch so, agus gu ’n tugadh iad air aghaidh moran tuilleadh mu speuradaireachd nan ainmhidh agus nan euun. ’S ’e Bun Lochabar fein an diulnach a tha gun choimeas, foghainteach chum an gnothuch so a rannsachadh a mach o ’bhun gu ’bharr, agus cha b’ iad Murachadh Ban agus Coinneach Ciobair! Ach an deigh sin uile, bha ’n dichioll a rinn sinne, o’n shuidh sinn am fasgadh na creige so, chum gach ni a chuimhneachadh, gle thaitneach dhuinn fein. Bheir sinn la eile air fathast, a Choinnich, ma chaomhnar sinn gu comhlachadh r’a cheile; agus ma theid an gnothuch leinn, bheir sinn tuilleadh air aghaidh chum ar speuradairean beaga a leigeadh ris, agus chum an creideas a thugadh dhoibh le muinntir ar ducha a deanamh aithnichte. Eirich, a Bhun Lochabair threin, duisg, eirich, agus thoir an t-sreang dheth beul a’ bhuilg, agus bras-bruchdaidh a mach, am measg a’ cheile, gach seun agus sean-fhocal, gach dubh-cheist agus toimhseachan, gach fiosachd agus faisneachd, agus gach gnath, cleas agus cleachdadh a bhuineas do’n Ghaidhealtachd. COIN.—Mo mhile beannachd orra-san uile a tha ’craobh-sgaoileadh eolais dheth gach gne am measg ar luchd-duthcha. Mile beannachd gu robh air na fir dheas-bhriathrach sin a tha cuideachadh leis a’ GHAIDHEAL, [TD 175] leis an Ard-Albannach, agus leis gach curaidh eile aig am bheile fior-leas shliochd nam beann ’n an cridhe. Mile beannachd gu robh orra gu leir a bhos a’s thall! MUR.—Is math a thubhairt thu, a Choinnich, ach is mithich dhuinn, a nis, a bhi ’cur ceum ann, oir tha ’n t-slighe fada, agus bithidh an oidhche dorch. Slan leat, fhir mo chridhe, slan leat, agus gu’m bu math a chith sinn a cheile a ris. ALASDAIR RUADH. UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Gheall sinn o am gu am earrannan de bhardachd Uilleim Mhic-Dhunleibhe a thoirt seachad anns a’ GHAIDHEAL. Chaidh iomradh a thoirt air cliu Uilleim mar bhard an uair a thug sinn cunntas gearr air eachdraidh a bheatha, a’s cha ’n ’eil feum air ni a radh a nis mu ’n chuis. Ach feumaidh sinn, a radh gu ’n robh aon ni a chuir an da chuid ioghnadh agus duilichinn oirnn iomadh uair a thaobh bardachd Uilleim, agus b’ e sin, cho beag luaidh ’s a rinn e ’n a obair, aig am air bith, air firinnean a’ chreidimh Chriosdaidh. Is gann a dh’ aithnicheadh aon a leughas an obair aige, gu ’m bheil a’ leithid de ni ris a’ chreideamh Chriosdaidh anns an duthaich. Bha so a’ sruthadh o ’n aobhar so—gu ’n robh Uilleam do ghnath, ann an smuain, ag àiteachadh nan linntean fada-thall ud anns an robh curraidhean do-chiosnaichte na Feinne a’ cathachadh ri feachdan Lochlainn, a’s anns an robh Oisean a’ gleusadh a chlarsaich ann an talla Shelma a’ chiuil. Is mor am beud gu ’n robh a’ chuis gu buileach mar so, oir, trid so bha cuspair a dh’ fhaodadh eadhon inntinn an umaidh a dhusgadh gu ceol, agus a tha ’toirt air na h-ainglean fein an clarsaichean a bhualadh le dealas dubailte, air a sheachnadh gu h-iomlan le ceolraidh a’ Bhaird Ilich. Tha so gu sonruichte air fhaicinn anns an rann a leanas, oir ma bha dan idir ann far am biodh suil gu ’n deanteadh iomradh air a’ chuspair sin, b’ ann ann am Marbhrann Criosdaidh; agus da-rireadh bhuineadh an t-ainm sin dhasan a tha air a mholadh anns na h-earrannan so, oir cha ’n ’eil iad ach tearc a dh’ fhaoilsich ann an doigh cho soilleir, ann am beatha ’s ann am bas, spiorad seirceil, siochail, ciuin an t-soisgeil, ris-san a mheas am Bard airidh air a’ charragh-chuimhneachain so. R. I. RANN MARBH-THAISG DHONNACHAIDH MHIC-BHLAIR, Tuathanach ann an Ile, a chaochail, Mios Meadhonach an Earraich, 1867. GUTH. An cluinn thu’ tearnadh o chnoc na faire, Fuaim nan cas-cheum tiamhaidh trom, ’S an ceol tursach ag aomadh, “Cha till mi tuille” gu saoghal nam beo? Tha ’n caomhan Criosdail, Gu h-iosal gun chlaisteachd gun iul, Air muthadh o bheatha gu bas. FREAGRADH. Ged a dhearrsas grian air corsan cian nan speur; ’S ged a ruitheas dealanach nam biorag dearg, A’ sgoltadh rathad a thoirm ’n a dheigh; Ged a thogadh crith-thalmhainn, O ghrund an domhain, le freoth-theine, Beanntan Albainn as ur, ’S an sughadh a rithisd ’n an comhnard; Ged a sheideadh ceithir ghaothan na cruinne, A’ togail, ’n a h-aon bhuinne colgach, An fhairge mhotharach gu h-iomall a meud; Ged a thilgte, ’n am pronnach mean, Creagan ailbhinn nam beann An slugadh farsuing a’ chuain; Ged a sgoilteadh an talamh, Gu iasga nan uisgean mora Falaicht’ an diomhaireachd a’ chuain; Ged a rachadh caraig Dun-an-Righ ’N a gaineamh mhin an Loch-eite; Ged a dh’ eireadh armailt nam fineachan, ’S an leoghann dearg, buadhach, Le smachd rioghail na h-Alba, [TD 176] A’ casgairt gach namhaid Aig an robh de dhanachd a dhusgadh; Ged a sheideadh ran na dudaich, O bhunait gu barr nan stucan liath, Ag iarraidh a mach nan Gaidheal, Aluinn ’n an cruth, ard ’n an gniomh, Treun, uasal, dileas, gun mheatachd, Na gaisgich o na frithean coillteach, A’ greasadh le graoinneachadh Crois-tarra, Gus an arfhaich, a ghleidheadh a’ chruin Do nighean rioghail Righ Seumas, Na h-Ailpeinich ’s na dh’ eirich dhiubh Gu steidh a morachd; Ged thigeadh so uile, cha chluinn ’S cha duisg e o chadal udlaidh sgail a’ bhais. Sint’ an uaigh dhorcha na tosdachd, Tha ’n caomhan baigheil fo ghlais nam marbh, ’S ’aite falamh aig cagailt an aoraidh— Far nach feudadh mi-bheus labhairt, ’S nach d’ thug fasgadh riabh do mhi-run. GUTH. Bhrist freumhach aosd’ de chraobh Chlann-Bhlair; Bithidh so air ’fhagail air a lic; Cliu nach ’eil tric, ach is fior a dh’ innsear Leis na fhuair air eolas: Aoidheil, caoimhneil ri bochd; Uasal, macanta ’n a bheus; Firinneach, dileas, gun fhoill, A thug an dlighe mar a thoill Do gach aon. Bha beannachd luchd-tuarasdail Duit air tir ’s air muir, Mar a thuit do chrannchur. Thus’ a shiubhlas cuan nan gabhadh, Faic ’s an lar, ’n a chaisil-chro, Maraiche cruadalach, dana, A bu tric a sheas anradh gaoithe a’s fairge, Air tonnan feargach sruith a’s seididh. Thus’ a ghleidheas an treud Air aisir nan sleibhtean lusrach, Tog a nall o sgurr an eas, Neoineag gheal, eagach an fhasaich; Cuir an so i air uaigh A’ bhuachaille d’ am bu duchas Còmhall corrach nan treudan lionmhor. Bha ’m fear dileas so an sud ’n a oige, Aig cro ’s aig creachann ’g an cuallach. Seas air a lic a’s guidh do chrioch A bhi le sith mar a thugadh dhasan. Glaschu air Cluaidh, An 28mh là de Mhios deir. an Earraich, 1867. DONNCHA CAIMBEUL. (Bho ursgeulan Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) Dh’ fhag Donncha Caimbeul a’ Ghaidhealtachd an uair a bha e mu shea bliadhna dh’ aois, gu bhi a’ fuireach le piuthar a mhathar, seann mhaighdean a bha ’chomhnuidh ann an Duneidean; far an deachaidh a chur do sgoil. Chaochail a mhathair greis roimh an am ud; ach cha b’ fhada gus an robh a h-aite air a lionadh suas, oir thug ’athair a lamh ann an ceangal-posaidh do aon de na searbhantan. Cha robh mor-umhail aig Donncha do ’n chaochladh ud, no do ni air bith eile, saor bho shearrach dubh a bhuineadh d’a athair, agus cu mor, toinnisgeil d’ am b’ ainm Oscar, a bhuineadh do aon de na ciobairean. Bho nach robh giullan eile ’s an teaghlach ach e fein, bha Donncha agus Oscar ’n an dluth chompanaich—le a ghartan ceangailte mu amhaich Oscair, agus le clar ceangailte ri’ earball mor, dosach, bhiodh Donncha gu tric ’g a iomain mu ’n cuairt an àilein, ’g a thoileachadh fein le bhi a’ saoilsinn gun robh each agus cairt aige fo a stiuradh. Bha an caitheamh-aimsir ud, a reir coslais, cho taitneach do Oscar ’s a bha e d’a chompanach. An uair a rachadh Donncha air a dhruim gu bhi ’g a mharcachd, cha b’ fhada gus an tilgeadh Oscar gu lar e, le aon chuid dol ’n a dheann-ruith, no le e fein a roladh air an àilein. An uair a bhagradh Donncha air, shealladh e gu h-iriosal, diblidh air, agus dh’ imlicheadh e ’aodann agus a lamhan; an uair a leagadh e a’ chuip air, chrubadh e aig a chosan,—ach cha b’ fhada gus am biodh cuisean a rithisd air an reiteachadh eatorra. Gheibhte Oscar gu bunailteach gach oidhche ’n a luidhe aig dorus seomar-cadail Dhonnchai; agus b’an-aoibhin do fhear no mhnaoi [TD 177] a dh’ fheuchadh ri dol a stigh do ’n t-seomar aig amaibh mi-iomchuidh. An uair a chuir Donncha cul a chinn ri dachaidh a leanabuidheachd cha robh mulad no smuairein air aig dealachadh ri’athair, no ris na seirbhisich. Cha robh e coltach gu ’n robh a’ bheag de smuain aige mu ’n t-searrach dhubh; ach ’n uair a chunnaic e Oscar a’ sealltuinn gu muladach ’n a aodann, shil a dheoir gu frasach o ’shuilean. Phaisg e a lamhan mu a mhuineal, chniadaich agus phog se e—“Oscair, Slan leat,” ars’ esan, agus e a’ caoineadh; “gu ’m beannaicheadh Dia thu, Oscair mo ghaoil.” Coma co dhiu, b’ fheudar dealachadh ri Oscar. Bha an gille agus an t-each aig an dorus, chaidh Donncha a chur air pillean air cul na diollaide, agus mharcaich iad air falbh. Lean Oscar iad gus an d’ rainig iad mullach a’ mhaim, far an do shuidh e sios, a’ tuireadh agus a’ donnalaich. Ghuil Donncha gus an robh a chridhe an impis sgaineadh. “Ciod e ’tha cur ort?” ars’ an gille. “Cha ’n fhaic mi gu brath m’ Oscar dileas, bochd,” arsa Donncha, “agus cha ’n urrainn mo chridhe a ghiulan.” Dh’ fhuirich Donncha car bliadhna ann an Duneidean, ach cha d’ rinn e mor adhartachd ann am foghlum. Cha robh e idir toigheach air an sgoil, agus bha piuthar a mhathar cho beadarach uime a’s nach foirneadh i do ’n sgoil e an aghaidh a thoil. Air latha araidh, bhuail tinneas obann i—bha aon de na searbhantan a’ frithealadh oirre gu bunailteach, agus bha Donncha air ’fhagail ’n a aonar. Bha e an comhnuidh air a mheas ’n a dhragh leis na searbhantan; cha robh dad de thlachd aca dheth, agus mar sin bha iad am bitheantas coimheach agus reasgach ris. Bha e nis air a chur thuige gu mor; is gann gu ’m faigheadh e de bhiadh no de dheoch na chumadh an deo ann. Beagan laithean an deigh do phiuthar a mhathar fas tinn, chaochail i. Bha gach ni troimh a cheile, agus bha Donncha bochd ann an impis basachadh le acras. Cha robh creutair ri ’fhaicinn air feadh an tighe, ach air dha tartar a chluinntinn ann an seomar peathar a mhathar chaidh e stigh, agus ciod e a bha na searbhantan a’ deanamh, ach a’ righeadh cuirp a chaomh bhan-charaid! Bu leoir e. Bha e air a lionadh le tomhas de uamhas nach b’ urrainn broilleach basmhor a ghiulan, leum e sios an staidhir, agus sud a mach ’n a dheann e cho luath ’s a bheireadh a chasan e; ruith e sios an t-Sraid-Ard, agus thairis ann an Drochaid-mu-Dheas, a’ sior chaoineadh agus a’ bas-bhualadh. Cha chuireadh e a chas tuille air stairsneach an tighe ud ged a bheirte an saoghal dha mar dhuais. Rinn neach eigin greim air; chruinnich comhlan mu ’n cuairt air; dh’ fheoraich cuid ciod e ’bha cur air? ach cha b’ urrainn iad freagradh fhaotainn uaithe ach, “O, mise ’n diugh! Mise ’n diugh!” An uair a fhuair e fa sgaoil, ruith e air ’adhart, gun smuain gun umhail c’ aite an robh e dol, ach dol cho fad ás ’s a bu chomasach dha bho an t-sealladh uamhasach a chunnaic e, gun suil gun fhiughair ris, ann an seomar peathar a mhathar. An uair a fhuair se e fein air taobh a mach a’ bhaile, bha e a’ saoilsinn gun robh e air an rathad do ’n Ghaidhealtachd; ghabh e direach air ’adhart, gus an d’ rainig e far an robh da rathad a’ coinneachadh a cheile air taobh deas Geata-cise na Grainneich. Shuidh e ri taobh an rathaid. Cha b’ fhada gus an do shiolaidh a bhuaireas-inntinn gu seimh-chianalas; sguir e d’a chaoineadh, ach bha fhathasd a chliabh air a luasgadh le osnaidhean trom, ospagach, agus le ’shuil ris an lar, thoisich e ri sgrioban a tharruing le ’mheur anns an smuraich. Cha robh e ro fhada anns an [TD 178] t-suidheachadh ud gus am fac e sealladh a thug tomhas faothachaidh d’a chridhe trom, aonarach—drobh mor de chrodh Gaidhealach. B’ iad sud na ceud chreutairean cosmhuil ri luchd-eolais a chunnaic Donncha re an iomlain de an bhliadhna a chaidh seachad. Dhuisg sealladh dheth an adhaircean geal agus an sprogain leathann faireachduinnean maoth, measgaichte de sholas agus de chianalas ’n a chridhe. Mar a bha iad a’ dol seachad, thug e fainear gun robh iad dùr, gruamach ’n an coltas; ghrad thuig e an t-aobhar. Bha iad ann an seilbh nan Sasunnach—’n am fogaraich bhochd, coltach ris fein—a’ dol fad air falbh gu bhi air an casgairt agus air an itheadh, agus far nach faicte leo gu brath beanntaibh na Gaidhealtachd. An uair a chaidh iad uile seachad air, sheall Donncha as an deigh agus thoisich e ri caoineadh as ur; ach bha ’aire air a grad thionndadh air falbh uatha le rudeigin a bhean gu tlath ri ’chasan; ghrad sheall e mu ’n cuairt—’s e a bh’ ann, cu bochd, crubach, acrach a’ crubadh ris an lar agus ag imlich a choise, agus air bainidh le sulas agus le aoibhneas buaireasach. Iongantas nan iongantas! Co a bh’ ann, ach a sheann chompanach ionmhuinn, dileas, Oscar, cho blion, cho seargta agus cho crubach agus gur gann gu ’m b’ urrainn dha gluasad! Bha e a nis ’n a thraill bhochd aig drobhair Sasunnach (leis an robh e, ma dh’ fhaoidte, air a ghoid no air a cheannach aig an Eaglais bhric) a bha cho fad air dheireadh air Oscar a thaobh suairceas agus fiughantachd a ghne ’s a bha Oscar bochd air dheireadh airsan ann an neart agus ann an cumhachd. Tha e do-dheanta coinneamh a bu taitniche no bu tlaithe a chur an cainnt; ach ’n uair a chunnaic Donncha na bha de aogas an acrais agus na h-aimbeairt ri ’fhaicinn gu soilleir ann an gnuis a charaid, bha’ chridhe air ’fhàsgadh le faireachduinnean dolasach. “Cha ’n ’eil mir no spruidhleach agam ri ’thoirt dhuit, m’ Oscar bochd! Cha ’n ’eil greim agam air mo shon fein, ach cha ’n ’eil mi cho dona dheth ’s a tha thusa.” Rinn an drobhair fead chruaidh; chlisg Oscar; dhluthaich e gu teann ri broilleach Dhonnchai; leag e a cheann air a ghlun, sheall e gu cianail ’n a aodann mar gu ’m biodh e ’g asluchadh air a dhion o ’n chrochaire an-iochdmhor ud. Chualas gun dail fead eile a bu chruaidhe na a’ cheud te, agus glaodh ard, iargalta o ’n drobhair, a’ gairm Oscair d’ a ionnsaidh. Chriothnaich Oscar bochd o a cheann gu ’bhonnaibh, ach air eagal peanais sheap e air falbh gu h-athaiseach, aindeonach an deigh a shealbhadair an-iochdmhor, a thug fainear gu ’n robh Oscar mar gu ’m biodh e ann an ioma-chomhairle agus a’ sealtuinn as a dheigh; agus air eagal gun teicheadh e uaithe, ruith an drobhair air ais ’n a choinneamh. Chrub Oscar ris an lar, ghlac an drobhair air chluais e, agus leag e strachdan air le bata garbh a bh’ aige ’n a laimh, gus an do luidh e sios leth-mharbh aig a chosan. A reir coslais bha na h-uile ni ag oibreachadh le ’cheile gu bhi ’leon faireachduinnean Dhonnchai, ach bha e air a chur thuige le bruidealachd an-iochdmhor an drobhair ni bu mho na bha e leis gach trioblaid eile leis an robh e air ’fhiosrachadh. Ruith e air ’adhart far an robh Oscar ’n a shineadh agus e a’ gul gu goirt, a’ caineadh an t-Sasunnaich mar bhruid chruaidh-cridheach; agus arsa Donncha ris; “Ma ’s e a’s gu ’n tig mise gu bhi am lan dhuine agus gu ’n coinnich sinn a cheile, bi cinnteach gu ’n cuir mi as dhuit.” Shuidh e sios agus thog e ceann Oscair air a ghlun, a dh-fheuchainn an robh fhathasd an deo ann. Bho nach b’ [TD 179] urrainn an drobhair a’ bheag a dheanamh as eugais a’ choin, dh’ fheith e gu faighidneach gus am faiceadh e deireadh na cuise. Thainig Oscar thuige ri h-uine, agus dh’ ealaidh e air falbh ri sail a mhaighistir gun a chridhe bhi aige sealtuinn air ais. Sheas Donncha far an robh e, ach leag e a shuil gu bunailteach air Oscar, agus mar a b’ fhaide bha e dol uaithe is ann a bu mho a bha e air a bhuaireadh gu a leantuinn. Sheall e null ’s a nall, ach cha robh ni ach falmhaidheachd ri ’fhaicinn air gach taobh, cha robh feum da stad far an robh e, agus mar sin lean e as deigh Oscair agus an drobhair. MUILEACH. (Ri leantuinn.) MU NA SEANN GHAIDHEIL. XII. Shuidhich Calum-cille Tigh-foghluim ann an I, far an robh moran dhaoine oga air an teagasg ann an eolas nan Sgriobtur agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tire. Bhuanaich e re ceithir bliadhna deug thar fhichead a’ searmonachadh anns gach aite air feadh na Gaidhealtachd gus an d’ thainig na Gaidheil no na Pictich thuathach gu leir gu bhi a’ creidsinn na firinn; agus tha e air ’aithris gu ’n do thog e corr agus tri cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh aitean. Theirear “Cilltean” ris na h-aitibh-aoraidh so gus an la an diugh mar a dh’ ainmicheadh iad air tus le Calum. Bha e fein agus a chompanaich a’ saoithreachadh gun sgios am measg an t-sluaigh gus an d’ fhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach as an tir agus an d’ thainig an duthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhi ’creidsinn ann an Criosd. Theirteadh “Cuildich” mar ainm ris an dream a bha ’n an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. Fhuair Calum-cille bas anns a’ bhliadhna A.D. 597, air oidhche Di-Sathuirne, an 9mh la d’ an Og-mhios. Mu mheadhon oidhche chaidh e steach do ’n Eaglais mar bu ghnath leis a dheanamh urnuigh. Chaidh e sios air a ghluinibh aig beulaobh na h-altarach. An ceann beagan uine lean a sheirbhiseach, Diarmad a stigh as a dheigh, agus ghlaodh e a mach “C’ ait’ am bheil thu, athair?” Fhuair se e ’n a shineadh an lathair na h-altarach agus e cosmhuil ris a’ chrich dheireannaich. Thainig na braithrean uile a stigh an sin agus thoisich iad ri gul agus caoineadh an uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhuil ri dol a chum a’ bhais; ach smeid esan riutha le ’laimh o nach b’ urrainn e labhairt, a’ ciallachadh gu’n robh e a’ guidhe beannachd orra, agus goirid an deigh sin thug e suas an deo. An ceann tri laithean chaidh ’adhlacadh ann an Reilig Orain. Bha moran de dhaoinibh diadhaidh ’n an luchd-cuideachaidh aig Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghaidheal. An uair a thainig e air tus a nall á Eirinn thug e leis da fhear dheug ’n an companaich. ’N am measg so bha Diarmad, a sheirbhiseach, agus Beathain mac Bhrèanain, a’ rinneadh ’n a Abba air I-Chaluim-chille an deigh a bhais fein. B’e Brèanan brathair ’athar Chaluim, agus thainig a dhithis mac, Beathain agus Conan, comhlath ris an teachdaire do’n Ghaidhealtachd. A reir coslais is ann mar chuimhneachan air Conan so a thugadh Strath-Chonain mar ainm air aite ann an Siorramachd Rois. B’e Coinneach aon eile dhiubhsan a bha ’n an co- [TD 180] luchd-oibre le Calum, agus an deigh bais Bheathin rinneadh e ’n a Abba air I, mu’n bhliadhna 600. Tha ainm Choinnich air a ghleidheadh air chuimhne ann an aiteachaibh air leth air feadh na Gaidhealtachd mar tha Cill-Choinnich an Cinntire, Cill-Choinnich aig ceann sear Loch-Lagain, am Braighe Bhaideanach, Innis-Choinnich ann an Loch nan Ceal an Eilean Mhuile, Cille-Choinnich (Kilkenny) an Eirinn, agus aitean eile an Eirinn ’s an Albainn. Is ann de mhuinntir Eirinn a bha Coinneach agus bhuineadh e do Chlann-Ruadhraidh ann am mor-roinn Ulladh. B’e Ciaran mac an t-Saoir aon eile de chomhaoisibh Chalum-chille. Rugadh e anns a’ bhliadhna A.D. 515 agus fhuair e bas anns a’ bhliadhna 549 ’n uair a bha e 34 bliadhna dh’ aois. Bha Ciaran ’n a dhuine foghluimte agus diadhaidh, agus bha a chliu air a sgaoileadh am fad ’s am farsuinn air feadh Eirinn agus Albainn. Is ann mar chuimhneachan airsan a thugadh an t-ainm Cill-Chiarain air aon de sgireachdaibh Chinntire, agus Cill-Chiarain (Kilkerran) ann an siorramachd Ara maille ri aitibh eile air feadh na h-Alba. Chithear an uamh anns am b’abhaist da bhi ’tamh am fagus do Cheann-Loch-Cille-Chiarain, anns na creagan laimh ris a’ mhuir air taobh deas a’ bhaile. B’e Donnan aon eile de chompanaich Chaluim-chille. Gheibhear ainm an duine so air chuimhne ann an Cill-Donnain an Eilean Eige, agus Cill-Donnain, sgireachd an taobh tuath Chataobh. Tha e air ’aithris gu ’m b’e Donnan an t-aon neach a chuireadh gu bas air son fianuis Chriosd ann an craobh-sgaileadh an t-soisgeil am measg nan Seann-Ghaidheal. Tha cuid ag radh gu ’n do mharbhadh e fein agus leth-cheud eile ann an Eilean Eige, agus a reir beachd muinntir eile, chaill e a bheatha ann an Cill-Donnain an Cataobh. Thachair so mu’n bhlaidhna 617. Bha na ceud theachdairean soisgeulach so ’n an daoinibh foghluimte, diadhaidh, saoithreachail, agus thriall iad a bhos agus thall air feadh na Gaidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a’ cur an ceill sgeul aoibhneach na slainte do ’n luchd-aitich borb agus aineolach. Bha obair an creidimh agus saothair an graidh gu minic air a bacadh leis na cogannaibh fuilteach a b’ abhaist a bhi eadar na fineachan Gaidhealach, na Scuitich agus na Pictich, ach a dh’ aindeoin gach ana-cothrom agus cnap-starra a bha ’s an rathad bhuanaich iad ’n an saothair gus an do gheill na Gaidheil gu h-iomlan do shoisgeul Chriosd. A mach á I-Challum-Chille chaidh na teachdairean Criosduidh a chum gach cearna dhe ’n duthaich gu ruig Cataobh, Gallaobh, agus Eileanan Arcaimh gu tuath, agus gu ruig an t-Eilean Sgiathanach, Leoghus, Uist, Barraidh agus a’ chuid eile de Eileanaibh na h-Airde ’n iar an Alba. Bha I-Challum-chille ainmeil air son foghluim agus ard-sgoilearachd, agus as a sin bha daoine foghluimte a’ dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air tir-mor na Roinn-Eorpa. Re iomadh ceud bliadhna bhuadhaich an soisgeul am measg nan Seann Ghaidheal; bha Eaglais bheo, spioradail, aig Criosd anns an tir, a bha ro ghniomhach ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nam Paganach Sasunnach, ann am Breatann, agus anns a’ Ghearmailt. Cha ’n ’eil moran cunntais, againn mu ’n deibhinn ann an Eachdraidh, ach tha iomradh am beatha air a sgriobhadh ’s na h-ardaibh ann an lathair na righ-chathrach. D. B. B. [TD 181] COMHRADH NAN IOLAIREAN. Tha e air a radh gu ’n cuala ciobair an Comhradh a leanas eadar seann iolaire agus a h-alach og, am feadh ’s a bha e ’toirt an aire air an treud: “Mo chlann,” ars’ an iolaire, “chunnaig sibh mi a’ tiolpadh nan cearc as na h-iolannan, a’ glacadh na maighich anns a’ phreas, agus a’ togail a’ mhinn o ’ionaltradh. Ach tha cuimhne agaibh blas ’fhaighainn air biadh moran is millse na iad sin—is minig a thug mi dhuibh cuirm de fheoil DUINE.” “Innis dhuinn,” arsa na h-iolairean oga, “c’ aite ’m faighear daoine, agus ciamar a dh’ aithnichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach d’ thug thu duine slan a dh-ionnsaidh na nid ann ad spuirean?” “Tha e tuilleadh ’s dumhail, trom,” ars an iolaire; “an uair a dh’ amaiseas sinn air duine cha ’n urrainn duinn ach ’fheoil a stroichdeadh leinn agus na cnamhan ’fhagail as ar deigh.” “Ma tha an duine cho mor a’s sin,” ars’ an fheadhain oga, “ciamar a tha ’dol agad air a mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimh ’n mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn; ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na h-iolairean thairis air an duine? Am bheil an duine na’ s laige na caora?” “Cha ’n ’eil againn,” fhreagair an iolaire, “neart an duine, agus tha mi air uairibh an teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus b’ ann fior-ainneamh a gheobhadh iolairean cothrom air ’fheoil itheadh mur biodh Nadur, a dh’ orduich e chum ar feum, air buirbe iongantaich a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair air bith eile a tha ’chomhnuidh air an talamh, Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine, criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad agus lionar an t-adhar le teine. An uair a chluinneas sibh toirm agus a chi sibh teine a’ ruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dh-ionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir bithibh cinnteach gu bheil daoine a’ sgrios a cheile; gheobh sibh an talamh dearg le fuil agus cuirnichte le closaichean marbha, agus moran diubh air an srachdadh agus air an gearradh air son nan iolairean.” “Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid creiche,” ars’ na h-iolairean beaga, “carson nach ’eil iad ’g a itheadh? An uair a mharbhas madadh-alluidh caora, cha ’n fhuiling e do ’n iolaire teachd g’a choir gus am bheil e fein air a shasuchadh—Nach e seorsa de mhadadh-alluidh a tha anns an duine?” “Is e an duine,” ars’ an iolaire, “an t-aon chreutair a mharbhas an ni sinn nach ith e, agus is i a’ bhuaidh so a tha ’g a fhagail ’n a charaid cho math do ’n chinneach againn-ne.” “Ma tha an duine mar so a’ marbhadh creiche dhuinn-ne agus ’g a fhagail ann ar rathad,” ars’ an iolaire og, “ciod am feum a tha againn air saothrachadh air ar son fein?” “Tha,” ars’ a mathair, “a chionn gu ’m fan an duine air uairibh re uine fhada samhach ’n a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor dhaoine a’ siubhal comhladh, faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gu ’m faigh sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr.” “Ach stadaibh,” ars’ an iolaire og, “bu mhath leam fios fhaighinn air an aobhar air son am bheil daoine mar so a’ sgrios a cheile. Cha b’ urrainn domh fhein a mharbhadh an ni sinn nach ithinn.” “Mo leanabh,” ars’ a mathair, “an uair a bha mise og, b’ abhaist domh dol a thaghal air seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na creagan ud [TD 182] shuas. Bha i ’tighinn beo o bhliadhna gu bliadhna air mionaichean dhaoine. Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh r’ a cheile leis an doininn a chum gu ’n tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnuthan a thuiteadh dhiubh, gu ’n robh daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an sparradh an aghaidh a cheile a chum ’s gu ’m biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn a’ toirt aire gu ’m bheil fear anns gach treud a tha toirt seolaidh do chach agus a tha a reir coslais a’ gabhail tlachd anabarrach anns a’ chasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir do ’n fhear so air inbh cho ard cha ’n fhios duinn; mar is bitheanta cha ’n è idir fear is momha no is luaithe na cach, ach tha e ’taisbeanadh leis cho dian a’s cho dichiollach ’s a tha e gur esan, gu sonruichte, CARAID NAN IOLAIREAN.” Ead. o ’n Bheurla le MAC-MHARCUIS. TOIMHSEACHAIN. 1. Rugadh e gun anam, ’s bhasaich e gun anam, ’s bha anam ann. 2. Cha ’n ith thu e, ’s cha’n ol thu e, ’s cha tig thu beo as aonais. 3. Maighdean og a’ chota ghil,—mar a’s fhaide ’sheasas i, is ann a’s giorra dh’ fhasas i. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh;—1, Nead dreathain ann an claigeann eich. 2, Peann-iteig. 3, An eigh. SOP AS GACH SEID. Bi cùramach ciod a gheallas tu, ach an uair a bheir thu gealladh, bi cùramach gu’n gléidh thu e. Ceann cnudain, ’s ceann sgadain, ’S ceann goibhr’ air dhroch fheannadh,— Tri cinn air nach ’eil moran itheannaich. SGOLTADH FIODHA. Gach fiodh ás a bhàrr Ach am feàrna ás a bhun. NAIDHEACHDAN. Tha iomradh ann gu bheil a’ Bhan-righ dol a ghabbail cuairt air feadh na Gaidhealtachd an ceann uine ghoirid. Tha i ri seachdain a chur seachad ann an caisteal ur Ionar-lochaidh; an sin tha i dol a dhireadh gu mullach Beinn-Nibheis; agus an deigh sin tha i dol a sheoladh mu ’n cuairt do Ionar-aoradh, far an cuir i seachad beagan laithean fo aoidheachd Dhiuc Earra-Ghaidheal. Ghuidheamaid sìd agus soirbheachadh math dhi air a turas. Tha naidheachd ro thaitneach eile againn air a’ mhios so. Tha dara mac na Ban-righ, am prionnsa Alfred, Diuc Dhun-eidin, an deigh ceangal-posaidh a dheanamh ri ban-phrionnsa eireachdail, nighean Impire Russia. Is e so am fear d’ an Teaghlach Rioghail a tha ’n a sheoladair, ach cha ’n ’eil e fior uime mar a bha e mu ’n fhear a sheinn, “Cha taobh na caileagan mi, O’n sheol mi fhìn am mharaiche,” Tha aon te ann co dhiu a roghnaich esan thar gach fear eile, agus a their uime, “Fear idir cha ghabh mi gu brath, Ach Alfred aluinn—m’ ulaidh e; Maraiche lùth nan tonn ard, A shiubhlas le ’bhàrc gu h-urranta.” Tha iad ro fhreagarach d’a cheile; “Cha ’n ann an coille nan crogan a chinn iad.” Tha an Rioghachd dol a shuidheachadh coig mile fichead punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna air a’ chàraid oig cho fhad ’s is beo iad le cheile, agus sea mile ’s a’ bhliadhna oirre-se an deigh a bhais-san, ma ’s e ’s giorra laithean. Saoghal fada dhoibh le cheile, guidhe dhurachdach gach Gaidheil! [TD 183-192] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 193] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHARAIDH, 1873. [19 AIR. DONNCHA CAIMBEUL. II. Bha ’n crodh sgith, agus a’ gluasad gu h-athaiseach; ghlac Donncha slatag ’n a laimh, agus chuidich e leis na drobhairean ann a bhi ’g an iomain air an turus. Thug fear dhiu sgillinn dha, thug fear eile da sgillinn dha; agus air do ’n oganach aig an robh an drobh air a churam ’fhaicinn cho ealamh agus cho ghrad-charach ’s a bha Donncha, agus an t-astar a chaidh e leo gu bhi ’g an cuideachadh, thug e sea-sgillean dha. Bha sud ’n a mhaoin do Dhonncha. Air dha ’bhi ro ocrach, cheannaich e tri builionnan sgillinn anns a’ cheud bhaile troimh an deachaidh iad; dhith e aon dhiubh; thug e aon eile do Oscar, agus ghiulain e an treasamh aon dhiubh fo ’achlais fa chomhair’fheuma air a thurus. Lean e an drobh gus an d’ thainig an oidhche orra, agus thionndaidh iad a thaobh anns an dubh-thra gu raon ard eadar Uisge Ghala agus Middleton. Leig Donncha e fein sios gu tamh fo fhasgadh seann challaid; roinn e a’ bhuilionn air Oscar, agus dhith iad an greim tioram gu caidreach le ’cheile. Air do Dhonncha ’bhi ro sgith, thuit e gun dail ann an trom chodal, as nach do dhuisg e gus an robh a’ ghrian air direadh ri airde nan speur air an latha ar-n a’ mhàireach. Bha Oscar, an drobh agus na Sasunnaich air falbh agus as an t-sealladh. Fhuair Donncha bochd e fein ’n a aonarach air raon lom, fasail, gun fhios dha ciod an duthaich no an rioghachd anns an robh e. Shuidh e car greis ann am breislich iomadanach neo-umhaileach, a’ suathadh a shul agus a’ tachas a chinn; cha b’ urrainn e ’inntinn a dheanamh suas ciod a dheanadh e, no c’ aite an rachadh e. Anns an dùiseal chianail ud, co a chunnaic e a’ tighinn air ais d’a ionnsuidh, ’n a dheann-ruith, ach a chaomh-charaid Oscar; oir ged a b’ eiginn dha air gairm a mhaighistir, Donncha ’fhagail leis fein ’n a shuain fo fhasgadh na callaid, far an do chaith iad an oidhche ann an asgailtean a cheile, bu choltach gu ’n do ghabh Oscar fath air a’ cheud chothrom a fhuair e gu teicheadh air ais gus far an d’ fhag e a chompanach. Olc no math a dh’ fheudadh tighinn ’n a dhàil, chuir Donncha roimhe, na ’m bu chomasach e, dealachadh a chur eadar Oscar agus a dhroch mhaighistir; smaointich e nach robh ni ’b ’fhearr fo ’ailghios na teicheadh air falbh bho ’n rathad mhor cho luath ’s a bheireadh an cosan iad le ’cheile, agus an aghaidhean a thoirt air monadh fiadhaich a bha ’sineadh a mach ris an aird-an-iar. Cha deachaidh iad da fhichead ceum thar an rathaid, gus am faca e an Sasunnach a’ tilleadh air ais gun ad gun chota, le a bhata togta ri ’ghualainn. Chriothnaich Donncha gu bonnaibh a chos, fo eagal gu ’n cuireadh an Sasunnach, ’n a fheirg agus ’n a bhruidealachd, na h-eanchainnean as fein agus á Oscar. A reir coslais, cha d’ thug an Sasunnach an aire dhoibh, air dha a bhi ’n a dheann-ruith agus a’ sealltainn direach roimhe. Luidh Donncha sios fo thoman fraoich, agus chrub Oscar gu teann ri ’bhroilleach. Bha am fraoch cho fada ’s gu ’n do chomhduich e iad le cheile; leum an Sasunn- [TD 194] ach thar an rathaid a dh-ionnsuidh an aite ’s an do chuir Donncha agus Oscar an oidhche seachad, ach cha d’ fhuair e ann ach nead fhalamh. Sheall e mu ’n cuairt, agus ghairm e air Oscar; chlisg Oscar, agus dhluthaich e ri broilleach Dhonnchai; chunnaic Donncha e ’tighinn direach an taobh a bha iad, ’aodann laiste le feirg agus le aimheal, le a bhata suas ri ’ghualainn. An uair a thainig e dluth dhoibh sheas e; sheall e a null ’s a nall, chuir e a mheoir ’n a phluic, rinn e fead-ghlaice, agus bheuc e a mach: “Oscar, gheo, ho” Chriothnaich Oscar, agus chrub e ni ’bu dluithe ri broilleach Dhonnchai. Bheireadh Donncha an saoghal, ged ’bu leis e, airson gu ’n sluigeadh an talamh e. “Gonadh agus droch comhdhail air,” arsa ’n Sasunnach: “Na ’m faighinn greim air dheanainn e fein agus an slaoightear beag, bradach daor aig pris sam bith. Cha ’n urrainn iad a bhi ro fhada air falbh; ar leam gu ’m bheil mi ’g an cluinntinn.” Sheas e ’n a thosd a dh’ eisdeachd car tiota, ach aig an dearbh mhionaid ud thainig tuathanach air muin eich suas ris, agus dh’ fheoraich e dheth an do chaill e a chu? Thuirt an Sasunnach gu ’n do chaill, gu ’n do ghoideadh e le biasd bhalaich a choinnich riu air an rathad. Dh’ innis an tuathanach dha gu ’n do choinnich e ri giullan agus cu ’n a dheigh mu thuaiream mile air adhart. Air dhoibh a bhi mar so a’ comhradh ri ’cheile, chaidh cu an tuathanaich suas gu uirigh Dhonnchai, chuir e a shron air fein agus air Oscar, choc e ’earball, thug e cuairt no ’dha timchioll orra, a grunnsgail gu bagarrach. Mu ’n d’ fhag e iad bhuin e gu mi-mhodhail ri Donncha, ach air eagal an drobhair, ghiulain Donncha gu foighidneach leis an oilbheum a thug cu an tuathanaich dha. Cho luath agus a chuala an drobhair sgeul an tuathanaich mu’ n ghiullan agus mu ’n chu ghreas e air adhart gun suil a thoirt thar a ghuala gus an deachaidh e as an t-sealladh. An uair a fhuair Donncha e fein agus Oscar aon uair eile saor á lamhan an drobhair, bha ’uchd air a lionadh agus air a luasgadh le tomhas de sholas agus de thaingealachd, a chuir gach cruaidhchas troimh an deachaidh e riamh, as a chuimhne; agus cho luath ’s a chaidh an Sasunnach as an t-sealladh dheirich e fein agus Oscar, thog iad ris a’ mhonadh, agus cha b’ fhada gus an d’ rainig iad gu tigh ciobair, far an d’ fhuair e aran agus meog air son a bhidh-maidne. Cha bu chuimhne leis gu ’n do bhlais e riamh diota no urachadh cho milis no cho taitneach; ach ocrach mar bha e fein, cha d’ aicheidh e air Oscar a roinn de ’n chreich. Tur aineolach air an duthaich anns an d’ fhuair Donncha e fein a nis, ’n a fhogarrach allabanach gun pheighinn ’n a phoca, cha robh dad a b’ fhearr na a’ bhaigeireachd fo ’ailghios; mar sin bha e corr agus bliadhna a’ dol mu ’n cuairt o thigh gu tigh air feadh nan tuathanach timchioll monadh Herriot, a’ fuireach, ma dh’ fhaoidte, bho aon oidhche gu ’dha no tri ’sheachdainean anns gach aite fa leth a reir an tomhais do chaoimhneas a gheibhte leis. Cha ghabhadh e gu dona tair no dimeas a dheante air fein, ach far am faigheadh Oscar beum no buille, no na ’m faighte coire do ’n chairdeas chaidreach a bha air altrum le Donncha dha, bu leoir sud gu bhi a’ gluasad Dhonnchai gu bogadh nan gad, ciod air bith cho fialaidh ’s a bhiodhte ris fein. Dh’ fhuirich e mios no ’dha ann an aite d’ am b’ ainm Dewar, far an robh, na ’m b’fhior an sgeul, tannasg piobaire a’ tathaich; chaidh am piobaire a chur gu bas moran bhliadhnachan roimh an am ud, agus air mhodh eigin a dh’ fhuirich riamh ’n a dhiomhaireachd; agus b’ ainmig [TD 195] oidhche anns a’ bhliadhna nach robh am piobaire air a chluinntinn no air ’fhaicinn le cuid-eigin timchioll an tighe. Bha a leaba aig Donncha ann an oisinn de ’n bha-thigh, agus bha e air a sharuchadh gu h-eagalach leis a’ phiobaire. Bhiodh e ’g a chluinntinn gu tric a’ sgriobadh am measg nan taobhan agus nan sailean, agus air uairibh a’ ròcail mar gu ’m biodh neach a’ tilgeadh na h-analach, no mar mhart ’g a tachdadh anns an nasg; ach fa dheireadh, air oidhche araid chunnaic e am piobaire ri a thaobh, ni a chuir a leithid de uamhas air a’s gu ’m b’ eigin dha an t-aite ’fhagail an deigh dha ’bhi re ioma latha ann an tinneas fiabhrusach. Bheir sinn an sguel so ann am briathraibh Dhonncha fhein, mar ’bu tric a bha e air ’aithris leis: “Air feasgar araid, air dhomh a bhi ag iomain cruidh gu mullach Willenslee, thuit an oidhche orm mu ’n d’ fhuair mi air m’ ais. Bha mi a’ smaointeachadh ’s a’ smaointeachadh cho cruaidh-chridheach ’s a bha e, am piobaire bochd a mharbhadh—a theanga ’ghearradh a mach as a bheul, agus a throimh-lotadh o’n taobh-chuil. Smaointich mi nach b’ iongantach ged a ghabhadh a thannasg gu ro dhona e. Ann am priobadh na sul, thug mi fainear solus air thoiseach orm. Shaoil mi gu ’n robh an t-slatag a bha ’n am laimh ri theine, agus thilge mi air falbh i, ach chunnaic mi an solus, a’ snamh gu h-athaiseach seachad air mo chois dheis agus a’ dearrsadh air mo chulthaobh. Cha robh dad de eagal orm, agus thionndaidh mi mu ’n cuairt a shealltuinn air an t-solus, agus ciod a chunnaic mi ach am piobaire ’n a sheasamh lamh rium air mo chulthaobh, agus air dhomh tionndadh mu ’n cuairt, sheall e direach ’n am aodann. Bha e coltach ri corp marbh; ach cha d’ fhuair mi ach plathadh dheth; oir ann an tiota dh’ fhas gach ni mu ’n cuairt dhomh cho dorcha ri slochd! Dh’ fheuch mi ri ruith, ach thuit mi ’n am ghlag air an lar, luidh mi sios ann an seorsa de dhùiseal, cha ’n fhios cia cho fada ’s a bha mi ’n am shineadh; ach ’n uair a thainig mi thugam fein, dheirich mi agus dh’ fheuch mi ri ruith, ach cha tugainn da cheum gun bhi ’n am shineadh a rithist. Cha robh mi ceud slat o’n tigh, agus tha mi lan chinnteach gun d’ fhuair mi corr agus ceud leagadh mu ’n d’ rainig mi e. Air an la ar-n a’ mhàireach bha mi ann an ard fhiabhrus; rinn na searbhantan leaba air mo shon ann an oisinn de ’n Chidsin, far an robh mi ’n am luidhe re mhoran laithean, a’ fulang gach oidhche fo eagal agus fo uamhas, a’ sior shaoilsinn gu ’n robh an piobaire a’ cromadh tharam air an aon taobh no air an taobh eile. Cho luath agus a fhuair mi comus gluasaid dh’ fhag mi Dewar; ach fada na dheigh sud, cha b’ urrainn dhomh codal am aonar ’s an oidhche, no fuireach ro fhada lean fhein eadhon re an latha.” MUILEACH. (Ri leantuinn.) LITIR O RUNASDACH. A GHAIDHEIL RUNAICH,—Cha ’n ’eil feum ann a bhi ’toirt seachad leisgeulan air son a bhi cho fada gun sgriobhadh g’ ur n-ionnsaidh. Tha barail agaibh fhein air an aobhar cheana, a’s cha ’n eil buannachd ann an tuilleadh a radh. An uair a thoisich mi air sgriobhadh thugaibh a thaobh seann chleachdan agus saobh-bharailean a bha, aig aon am, coitchionn ’n ar measg, bha a run orm litir a chur g’ ur n-ionnsaidh gach mios, oir cha deachaidh ach gle bheag dhiubh a thoirt a lathair fhathast; a’s tha iad airidh air an cumail air chuimhne, mar nithe a bhuineas do ’n aimsir a bha. Sgriobh [TD 196] mi litir g’ ur n-ionnsaidh air son na h-aireamh mu dheireadh, a’ toirt iomraidh air na cleasan agus na gnathan leis am b’ abhaist do na Gaidheil an oidhche fhada, gheamhraidh a chur seachad; ach bha an litir tuilleadh ’s fada air dheireadh, a’s cha do chuir mi air falbh i. An uair a thainig an GAIDHEAL a steach chunna mi nach robh feum a cur thugaibh idir, do bhrigh ’s gu ’n d’ thug Abrach cunntas seachad air a’ cheart ni. Ann an aite na litreach sin a chur thugaibh, air eagal gu ’m biodhmaid a reir aogais “am bad a cheile,” a’s cha ’n ann “ri guaillibh a cheile,” bheir mi dhuibh sgeulachd bheag no dha a tha ’nochdadh cuid de na nithe a bha aon uair air an creidsinn. Tha mi ro thoilichte ’fhaicinn gu ’m bheil Triath Ile, an Caimbeulach smearail, air cuid d’ an stor mhor a tha aige a thoirt a lathair—Buaidh a’s piseach air! Is mor a’ chomain fo ’m bheil e air gach aon aig am bheil tlachd do ’n chanain aosda, a chur. Cha ’n ’eil iad ach tearc a chruinnich ri ’cheile a’ choimhlion rann agus sgeul ’s a thionail esan. Chuireadh e comain a bu mhomha air a luchd-duthcha, na ’n oidhirpicheadh e air an teagasg no an fhirinn a tha ’n a laidhe aig steidh nan sgeulachdan a chomharachadh a mach; oir tha mi ’s an lan bheachd gu ’m bheil aobhar sonruichte aig gach sgeul—gu ’m bheil iad aona chuid ’n an doigh bhardail air teagasg eigin a thoirt seachad, no gniomh araidh a chumail air chuimhne. Tha moran diubh ’n am mineachadh air nithe nadurra, a’s cuid diubh air an toirt mar reuson air son coslais agus dealbh na duthcha. Tha na sgeulachdan so cho ceangailte ris na h-ainmean aig aitean a’s gu ’m bheil e neo-chomasach an t-ainm a thuigsinn gun eolas a bhi aig neach air an sgeul. Tha a sgeul fein am bitheantas aig gach cnoc, aig gach gleann, agus aig gach staca. Tha luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL uile eolach air an doigh anns an deachaidh call na luinge Spainntich a chumail air chuimhne, ann an sgeulachdan nan Gaidheal. Tha an sgeul sin air ’innseadh cho snasmhor leis an Ollamh Mac-Leoid, a’s gu ’m bheil mi beachdaidh nach ann aon uair a bha e air a leughadh leis gach Gaidheal. Tha an sgeul so a’ leigeil ris an rathad anns am bheil, aig moran de na h-ursgeulan faoin a bha air an innseadh an uair a chruinnicheadh muinntir air cheilidh, an steidh ann am firinn. So agaibh sgeul a bha air a lan chreidsinn aon uair am measg nan seann daoine. Tha loch aillidh ann an aon de eileanan na Gaidhealtachd. O’n loch so tha sruthan a’ ruith a chum na mara; a’s ged nach ’eil eas no bacadh air bith ’s an rathad tha e air aithris nach ’eil bradan ri ’fhaotainn air an t-sruthan sin. A nis cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil so fior; a’s ma tha e fior, feumaidh gu ’m bheil aobhar eigin ann an Nadur air a shon; ach so agaibh an t-aobhar a thug na seann sgeulachdan seachad a thaobh na cuise. Bha, latha araidh, duine ag iasgach air an t-sruthan sin. Thug e uine fhada air iomairt na slaite a’s air siapadh na cuileige, ach iasg cha d’ thug plub, agus ceann cha do ghlac e. Mu dheireadh thainig seann duine coir far an robh an t-iasgair. Bha an duine comharraichte air son maldachd a ghnuise agus suairceis ’aogais. Co bha ’s an fhear-thurais ach Calum-cille, a bha aig an am air chuairt anns na cearnaibh sin a’ searmonachadh an t-soisgeil. Chuir e failte le modh duin’-uasail air an iasgair. An deigh dhoibh a bhi greis a’ seanchas, dh’ iarr Calum-cille air an iasgair a’ chiad bheathach a ghlacadh e. Gheall an t-iasgair sin a dheanamh. Cha bu luaith’ a thug e an gealladh na [TD 197] ghlac e bradan ciatach. An uair a chunnaic e cho eireachdail ’s a bha an t-iasg a thug e air tir, ghabh e aithreachas d’ an ghealladh a thug e do ’n choigreach, a’s thuirt e ris, “Gleidhidh mi am fear so, a’s gheobh thu an ath aon a ghlacas mi.” “Bitheadh e mar shin,” arsa Calum, a’s ann am priobadh na sul’ bha bradan moran na bu mhomha na ’chiad fhear aige air ghiuran. A rithisd thug sglamhaireachd agus sannt air a ghealladh a bhristeadh; “Bheir mi dhuit,” ars esan, “an ath iasg a gheobh mi.” “Bitheadh e mar sinn,” arsa Calum. Ann an uine ghearr bha bradan tar-gheal, fada na bu mhomha agus na b’ fhearr na ’n dithis eile, aige air a dhubhan. Thug e gu tir e, agus fhuair sannt a’ bhuaidh an treas uair air an iasgair; agus a rithisd dh’ fhailnich e ’n a fhacal. Las corruich Chaluim; mhallaich e an t-uisge, agus o’n latha sin gus a so cha deachaidh bradan a thoirt gu tir air bruaich uaine an t-sruthain so. Tha e soilleir do gach aon nach ’eil an sgeul so fior, ach gidheadh, tha e ’n a dhoigh bhardail air ni nadurra a chumail air chuimhne, a’s tha e aig a’ cheart am a’ toirt seachad leasan moralta ro mhath; tha e ’leigeil ris cho graineil ’s a tha ceilg ann an gnothuichean; a’ foillseachadh cho taireil ’s a tha sglamhaireachd agus sannt, agus a’ teagasg gu ’m pill ceilg, breugan, carachd agus lubachd shnagach le dioghaltas dubailte air cinn na dream a chleachdas iad. Cha ’n ’eil teagamh agam nach teagaisgeadh sgeul d’ an t-seorsa so do shluagh aineolach na b’ fhearr na ma dh’ fhaoite iomadh searmoin, cho feumail ’s a tha e an fhirinn a labhairt aig gach am, a’s gach gealladh a bheirear seachad a choimhlionadh. Tha e, mar a tha ’fhios agaibh ’n a sgeula cumanta gu ’n do chuir Paruig an ruaig air na nathraichean á tir na h-Eirionn. Tha e so-thuigsinn do gach neach nach ’eil an sgeul sin fior ann an seadh litreachail, ach faodaidh e bhi fior gu leoir ann an rathad eile; oir, tha sar fhirinn air a cur an ceill anns an sgeul ma ’s e ’s gu ’n robh e fior gu ’n robh na Gaidheil aon uair a’ toirt aoraidh do ’n nathair. Ma tha e fior, mar tha cuid dhiubhsan a tha ’toirt aire do sheana cleachdainnean ag innseadh dhuinn, gu ’n robh nathair-aoradh air a chleachdainn am measg nan Ceilteach; an sin tha e da-rireadh fior gu ’n do chuir Paruig ruaig air na nathraichean trid toirt a steach na h-aidmheil’ Criosdaidh. Cha ’n ’eil aon air bith nach cuala mu dheibhinn na h-altarach a fhuaradh o chionn beagan uine dluth air Loch-nan-eala, ann an sealladh tri binneinean Chruachain—Ban-righ nam beann. Tha an altair so, ma ’s fhior; air dealbh nathair mhoir, agus tha iad ann a tha tarruing uaith so gu ’n robh aoradh air a thoirt do ’n bhiasd shnagaich le ar n-athraichean anns na linntean fada-thall. Ma ’s e agus gu bheil so fior, oir cha ’n eil mi dol a thoirt barail’ a thaobh na cuise, tha e soilleir mar a chuir Paruig an ruaig air na nathraichean—trid a bhi ’n a mheadhon air creideamh a b’ fhearr agus eolas a b’ airde a thoirt a steach do ’n duthaich. Tha cuid ann a tha ag aicheadh gu ’n d’ thug na Gaidheil aoradh, aig am air bith, do ni no neach ach dhasan d’ an dlighe aoradh: their iad gur tuaileas a tha air a chur orra an uair a theirear mu ’n deibhinn, gu ’n robh iad a’ toirt aoraidh do Bhàl no do ’n ghrein. Tha iadsan a tha de ’n bharail so ag radh nach ’eil na facail, “Bealltainn”—Bàl-teine, agus “miorbhuil”—meur-Bhàl, a’ dearbhadh ni air bith, oir, gur e “Beuil,” ’s e sin beatha-uile, an t-ainm leis an do chomharraich na Gaidheil a mach an Ti ud a ’s e Ughdar gach ni. Tha iadsan a tha [TD 198] d’ an bharail so a’ faicinn, eadhon anns na h-altairean ud, mar a tha an altair faisg air an Oban, dearbhadh cha ’n ann air iodhal-aoradh, ach air an fhior aoradh. Tha na h-altairean so do ghnath air am faotainn ann an sealladh beinne eigin, aig am bheil tri barranna no binneinean; agus tha a’ chuid d’ an altair air an robh an iobairt air a tairgseadh air mullach cinn na nathrach. Tha a’ bheinn, deir iad, ’n a samhladh air an Trianaid bheannaichte—’n a triuir, ach fhathast ’n a h-aon; agus an altair air ceann na nathrach a’ leigeil ris na buaidh’ a bha ri bhi air a toirt leis an Ti ud a b’e “Siol na mnatha a bhruth ceann na nathrach.” Cha ’n ’eil teagamh nach robh cuid de fhirinn air a measgadh leis gach seorsa saobh-chreidimh agus iodhal-aoraidh; agus bhitheadh e ’n a chuspair gle fhreagarrach do chuid de na h-ard-sgoilearan gleusta a tha ’deanamh comhnaidh leibh, oidheirp a thoirt air solus a chur air eachdraidh bharailean agus ceud-chreideamh nan Gaidheal. Bheir mi nis seachad sgeul beag eile trid an d’ thug na seann daoine oidherp air ni ann an Nadur a mhineachadh. Tha eilean beag ’n a laidhe faisg air corsa aon de eileanan mora Innse-Gall, anns am bheil e air a radh, nach fhan nathair beo. Cha ’n ’eil fhios agam am bheil so fior, ach tha gu leoir de nathraichean nimheil anns an eilein mhor. A nis, tha a’ cheart ni air a radh do thaobh Eirinn. So agaibh an seol air an do mhinich na seann sgeulachdan a’ chuis. Tha e air a radh gur e mir de dh-Eirinn a tha ’s an eilean bheag—gu ’n robh air maduinn Shamhraidh araidh, anns na linntean ud anns an robh famhairean ag aiteachadh nan cearna so, aon de mhnathan-uaisle nan curaidhean uamhasach sin a’ miannachadh sgriob a thoirt a nall á Eirinn do dh-Albainn. Ann an aite dol air bord luinge no bata, chuir i truisealadh oirre fein a’s ghabh i nall troimh linne bhuaireasaich nam beuchd, mar gu ’m biodh neach a’ dol thar aite tana na h-aibhne. An uair a bha i ’tarruing dluth air cladaichean na h-Alba leig i sios an truisealadh a bha oirre; agus ’d é a bha ach an t-eilean beag aice ann an luib a sgiort gun fhios aice air, ged a tha mu dha chota-ban fearainn ann. Thuit an t-eilean an sud, agus an sud tha e fhathast. Tha cuimhne agam aon uair a bhi ’labhairt ri seann duine coir a bha a’ lan chreidsinn an sgeoil so. Dh’ oidheirpich mi air a dhearbhadh dha cho tur an aghaidh naduir ’s a bha an ni. Cha rachadh agam air a chur as a bheachd fein aon lide; agus thar leam gu ’m bheil mi a’ faicinn fhathast mar a las suil an duine choir le lan bhuaidh, an uair a chuir e ceisd rium a bha e lan chinnteach a thilgeadh bun os cionn mo mhi-chreideamh anns an sgeul. “Ciamar, mata,” ars esan, “a mhinicheas tu a’ chuis nach fan nathair beo an Eirinn, agus nach momha dh’ fhanas aon beo anns an eilean so?” Cha d’ thuirt mi fhein diog, oir bha ’fhios agam gu math ged a dhearbhas tu ni an aghaidh a thoile air neach, gu ’m bi e gun chaochladh bharail ’n a dheigh sud uile. Is iomadh uair uaith sin a smaointich mi gu ’n robh reusonachadh an duine choir a chearta cho diongmholta ris a’ cho-dhunadh a chum am bheil daoine foghlumta a’ teachd a thaobh iomadh aon de na ceisdean deacair ud a tha an comhnuidh a’ teachd f’ar comhair; oir, ged a ni sinn gaire fochaide air creideamh an t-seann duine mar ni amaideach, agus a dh’ ardaicheas sinn beachdan nan teallsanach leis na h-ainmean, foghlum, agus ealainn, tha cuid dhiubh a cheart cho gorach ri naidheachd an eilein. Cha ’n ’eil ach bliadhna no dha o ’n thug aon de luchd-teagaisg Oilthigh Ghlaschu [TD 199] seachad barail a thaobh na doighe anns an d’ thainig beatha a dh-ionnsaidh an t-saoghail so againne air tus a bha mile uair na bu mhi-choltaiche na ’n sgeul mu ’n bhan-fhamhair; oir gorach agus mar ’tha a’ bharail, bha e a cheart cho daicheil gu ’n d’ thug ise an t-eilean ’n a h-uchd agus gu ’n d’ thainig sioga do sin seanair Adhaimh a chum an t-saoghail so air tus mar dhaol, an crochadh ri spitheig bhig a bha air a siapadh o shaoghal eigin eile a chaidh ’n a bhloighdean anns an iarmailt. Chaidh fuadach air barailean faoin nan Gaidheal, ach cuin a threigeas na teallsanaich am beachdan amaideach ’s a shiubhlas iad anns an t-solus fhior a tha ’dearrsadh o ghrein an aigh? Slan leibh!—Is mi, le gach durachd, bhur caraid dileas, RUNASDACH. Glaschu, 20 mh la de Threas Mios an t-Samhraidh, 1873. MU NA SEANN GHAIDHEIL. XIII. LINN OISEIN AGUS NA FEINNE. A reir an riaghlaidh a bha am measg nan Gaidheal bha comas aig na cinn-fheadhna an lagh a chur an gniomh ach b’ iad na Druidhnich na Lagh-thabhartairean. Air uairibh chuireadh iad luchd-riaghlaidh air chois agus bheireadh iad dhoibh pairt de ’n ughdarras aca fein; bheireadh iad doibh mar an ceudna tiodal no ainm Righ; ach ged a bhiodh an t-ainm Righ aig an luchd-riaghlaidh, bhiodh cumhachd an Righ aig na Druidhnich. ’N uair a thigeadh cogadh no teinn sam bith air an tir, thaghadh na Druidhnich fear a bhiodh ’n a ard-cheannard air na cinn fheadhna eile. Theireadh iad “Fear-gu-breth” mar ainm ris an neach so. Is ann o’n fhocal so a thug Iulius Cæsar an t-ainm “Vergubretus” mu ’m bheil e ag iomradh anns an eachdraidh a sgriobh e air cogadh Ghàl. ’N uair a sguireadh an cogadh leigeadh am Fear-gu-breth sios a chumhachd, agus an rioghalachd. Bha an t-ughdarras so fada ann an laimh nan Druidhneach. Is ann mu thoiseach na Dara Linne, A.D. 100, a thainig iad gu bhi call an cumhachd. B’ abhaist do chlainn nan ard-uaislean a bhi ag ionnsachadh an cuid foghluim o na Druidhnich, ach o’n a thoisich an cogadh ris na Romanaich cha robh uine aca ri sheachnadh gu fantuinn ri foghlum fhaotainn. A chuid ’s a chuid bha na Druidhnich a’ call am meas. Rachadh am Fear-gu-breth a thaghadh as eugmhais an aonta, agus air uairibh an aghaidh an toile. Aus an uair a chosnadh e ughdarras agus cumhachd am measg nan ceann-feadhna eile dh’ fhanadh e ’s an dreuchd an deigh do ’n chogadh sgur, agus chumadh e aige fein mar oighreachd an ni a fhuair e air tus le roghainn chaich. Is cosmhuil gur h-ann mar so a bha a’ chuis ’n uair a roghnaich na Druidhnich Garmul mac Thairne ’n a Fhear-gu-breth. Ghleidh Treunmor, sinn-seanathair Fhinn an dreuchd so leis an laimh laidir; agus righich Trathul, a mhac ’n a aite. Thainig Garmul a dh-ionnsuidh Thrathul, agus dh’ iarr e air, ann an ainm nan Druidhneach, an rioghachd a thoirt dha fein. Dhiult Trathul so a dheanamh agus mar sin dh’ eirich cogadh eadar e fein agus na Druidhnich, agus b’e an deireadh gu ’n do sgriosadh na Druidhnich ach beag gu h-iomlan mu ’n do sguir an cogadh. Am beagan a dh’ fhuirich beo dhiubh theich iad do chuiltibh agus do choilltibh uaighneach, agus dh’ fhas iad fuathmhor do ’n rioghachd uile. Cha ’n ioghnadh ma ta ged a robh fuath aig Oisean do na Druidhnich mar a bha aig ’athair, Fionn, agus agus aig a sheannathair Cumhal, agus a shinn-seanathair Trathal, a [TD 200] chionn gun robh iad a’ cur an aghaidh an teaghlaich so a dh’ fhaotainn na rioghachd. Feudaidh e bhi gur h-e so aon de na h-aobharan air son am bheil Oisean a’ deanamh cho beag luaidh air diadhachd ’n a chuid dhan, seach mar tha bàird nan duthchannan eile a’ deanamh. A reir coslais bha Oisean beo anns an linn an deigh do na Druidhnich a bhi air an cur fodha, agus mu ’n d’ thainig an Creideamh Criosduidh a stigh do ’n Ghaidhealtachd. Oir cha ’n ’eil e deanamh luaidh air aon sam bith de na grathannaibh aig na Criosduidhibh. Ach cha ’n ’eil fior chinnte cuin a thainig an soisgeul am measg nan Gaidheal. Tha cuid a’ smuaineachadh gur ann ri linn na geur leanmhuinn a rinneadh le Dioclesian air pobull Chriosd ’s a’ bhliadhna 303, a thainig an creideamh air tus do thaobh tuath Bhreatuinn, ’n uair a bha na Criosduidhean a’ faotainn fasgaidh an sin o’n gheur-leanmhuinn. Is cosmhuil gu ’n do ghabh na naomh-theachdairean so tamh anns na Cuiltibh uaigneach a bha aig na Druidhnich roimhe sin ’n uair a theich iad o ghnuis Thrathuil mhic Threunmhoir, agus gur h-ann o ’n ni so a fhuair iad an t-ainm “Cuiltich.” Tha e air aithris gun robh connspoid aig Oisean ri fear dhiu so ’n a shean aois. Ma tha sinn fior dh’ fheumadh gu ’n robh Oisean ann mu dheireadh na treas agus mu thoiseach na ceathramh linne. Ann an aon de dhànaibh Oisein, Dan Chaomh-mhala, tha iomradh air cath a chur Fionn ann an laithibh òige ri Carucul, ais an abrar, “Mac Righ an Domhain.” A reir na h-uile coslais b’e am fear ud Caracalla mac an Impire Romanaich, Severus. Anns a’ bhliadhna 210, phill Severus o’n Chath-thurus air an deachaidh e an aghaidh nan Caledonach ’n uair a rainig e gu tuath cho fada ris a’ Chaol Mhuireach. Dh’ fhas e tinn aig Baile York an ceann Deas Bhreatuinn; ghabh na Caledonaich agus na Magh-aitich misneach an sin, agus ghlac iad an cuid arm gu cogadh an aghaidh nan Romanach. Chuala Severus mu thimchiol so agus dh’ àithn e d’ a mhac Caracalla imeachd an aghaidh nan Caledonach gus an sgrios gu tur. Chaidh Caracalla air a thurus ach cha d’ rinn e iarrtus ’athar a choilionadh, oir bha fiughair aige gu ’m faigheadh ’athair am bas agus gu ’n glacadh e fein an Impireachd. Air an aobhar sin bha e dealbh innleachdan air son a bhrathar, Geta a chur ás a sheilbh. Cha bu luaithe bha a chas air criochaibh nan Caledonach na chuala e gu’n d’ fhuair an t-Impire Severus, ’athair bas. Rinn e an sin sith a nasgadh gu h-obunn ris na Caledonaich agus thug e air ais doibh an tir a thug ’athair uatha a reir mar tha Dion Cassius ag radh. Tha Oisean a’ deanamh iomradh air cath a chuireadh aig abhainn Charuinn, oir tha Fionn ag aithneadh do na baird “Togaibh gu h-ard am blar aig Carunn; theich Caracul ’s a shluagh o m’ lainn.” Cha ’n ’eil teagamh nach e an Caracul, ris an robh Fionn a’ cogadh, Caracalla mac an Impire Severus, ris am maith a dh’ fhaoidteadh “Righ an Domhain” a radh. Cha ’n ’eil uine cho fada eadar a’ bhliadhna A.D. 211, ’n uair fhuair Severus bas, agus toiseach na ceathramh linne, ’s nach faodadh Oisean mac Fhinn na ceud Theachdairean Criosduidh fhaicinn an deigh an ioma-ruagadh le Dioclesian thairis air criochaibh Impireachd na Roimhe gu tir bheanntail nan Caledonach. Oir dh’ fhaodadh Fionn a bhi cogadh ri Caracalla ’n uair a bha e ’n a ghille og mu ’n do phos e mathair Oisein, agus tha e soilleir gur ann ’n a sheann aois a bha Oisean a’ cur ri cheile nan dan, ’n uair a dh’ fhagadh e ’n a aonar an deigh na Feinne, ’n a sheann duine bochd, dall, bronach. [TD 201] A reir gach coslais, ma thachair an ni idir, is ann aig an am sin a bha an comhradh eadar Oisean agus fear de na teachdairibh Criosdaidh no de na Cuildich, ris am bheil e ag radh “aonaran liath nan creag.” D. B. B. ORAN. Trath a rugadh mac-oighre do Mhoraire Gilleasbuig, dara mac Dhuic Earraghaidheal chaidh fios a chur gu Ionar-aora leis an “sgeul-dhealan.” Bho ’n a b’e Moraire Gilleasbuig a bu Chaiptin air a’ Cheatharna-shaor-thoil aig Ionar-aora; rinn a Cheatharna gairdeachas ris an sgeul a chluinntinn, agus chuir iad an ordugh gu ’m bitheadh fleagh agus subhachas aca, a chum urram a chur air an Caiptin; agus chaidh iarraidh mar ghean-math air oranaiche a bha ’s a’ chuideachd, e a chur an ordugh duanag gu a seinn anns a’ chuideachd air son tuilleadh cridhealais. Rinn an t-oranaiche an duanag a leanas:— AIR FONN. An te sin air am bheil mi’n geall A gruaidh mar chaorann dearg air chrann. SEISD. Thainig sgeul o thir nan Gall, A thog aoibhneas feadh nan Gleann; Sheinn na h-eoin air bharr nan geug, ’S bha mire-leum aig feidh na ’m beann. Mar aiteal grein’ o àird nan speur, Thainig an “sgeul-dhealan” le spéid, Ag radh gu ’n d’rugadh oighre òg; Iarmad Chailein-mhòir a bh’ ann. Thainig sgeul, &c. Faillean òg ri craobh nam buadh, A’ chraobh a sheas gach teas a’s fuachd; A’s mar a b’ aosda ’bha i ’fàs, Bu mhò a blàth gu aird nan crann. Thainig sgeul, &c. B’ i sud a’ chraobh a thrus na meoir, Thair gach craoibh anns an Roinn-Eorp’; Tha ’h-urram ard an cùirt nan Righ, ’S fhuair i ’brigh an tìr nam beann. Thainig sgeul, &c. Tha ’n t-oighre òg de shliochd nan Lèogh ’nn, A sheas Albainn riamh ’s gach còir; Siol Dhiarmaid a’s Righ Raibeart cruaidh. ’Thug iomadh buaidh le cruadh ’s an lann. Thainig sgeul, &c. ’N uair a chuala sinn an sgeul, Las an fhuil ’s a’ h-uile fèith, Shuidh na Saor-thoilich gu fèisd A’s ’n a dheigh bha ceòl a’s danns’. Thainig sgeul, &c. Dh’ òlainn slaint’ a’ cheannaird chòir, Slainnt’ a mhic ’s a cheile phosd’; ’S ghuidhinn sonas, solas buan, Agus buaidh leo anns gach am. Thainig sgeul, &c. C. C. MAC-PHAIL. COMHAIRLE AN T-SEANA-GHIULLAIN. Ma ’s fhoir na seana-ghiullain ’s e ’n gliocas a tha ’g an cumail o phosadh. Cha ’n ’eil iad a’ faicinn nighinn oig sam bith gun choire no faillinn air chor-eigin. Tha e coltach gur gann a bhiodh iad riaraichte le te leis gach buaidh a’s subhailc a dh’ ainmich Solamh ’s na Ghnath-fhocail. Bha fear dhiubh a’ toirt comhairle air fear a bha ’sealltainn air son mnatha, e a dh’ fheuchainn am faigheadh e te a bhiodh coltach ris na tri nithe a leanas, agus gun i bhi coltach riu:— 1. I bhi coltach ri Uaireadair mor stiopaill—riaghailteach ’n a gluasad; ach gun i bhi coltach ris an Uaireadair mhor, le a teanga ’bhi ri ’cluinntinn thar a’ bhaile. 2. I bhi coltach ri Mactalla—i ’fhreagairt an uair a rachadh bruidhinn rithe; ach gun i bhi coltach ri Mactalla, anns an fhacal mu dheireadh a bhi aice daonnan. 3. I bhi coltach ris a’ creutair a tha ’s an fhaochaig—gun i bhi ach ainneamh ás a tigh-comhnuidh fhein; ach gun i bhi coltach ris a’ chreutair sin, air bheag suim do gach ni ach na bha i ’giulan air a druim. J. W. Lag-na h-abhunn, Lunasdal, 1873. [TD 202] GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN. [Ceòl] NOTE.—The melody of this song bears a very strong resemblance, amounting indeed to complete identity in some of its phrases, to a song attributed to a Mr. Covert, a living American composer, entitled Jamie’s on the stormy sea.—J. W. SEISD— Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gun chrodh-laoigh gun chaoraich agam; Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gheobh mi fhathast oigear grinn. Fhir a dh’ imicheas thar chuantan, Giulain mile beannachd uamsa, Dh’ ionnsaidh oigeir a’ chuil dualaich, Ged nach d’ fhuair mi e dhomh fhìn. Fhir a dh’ imicheas am bealach, Giulain uamsa mile beannachd; ’S faod ’s tu innseadh do mo leannan, Gu ’m beil mi ’m laidhe so leam fhìn. ’Fhleasgaich thainig nall á Suaineart, Bu tu fhein an sar dhuin-uasal; Gheobhainn cadal leat gun chluasaig, Air cho fuar ’s g’ am biodh an oidhch’. Ged nach ’eil mo spreidh air lointean, Mo chrodh no mo chaoraich bhoidheach, Bheirinn tochar dhuit an ordugh, Cho math ri te og ’s an tir. Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich, Cha ’n ’eil mi gun mhaise ’m aodann; Dh’ fhithinn breacan a bhiodh caol dhuit, ’S dheanainn aodach a bhiodh grinn. Och! cha teid mi thun na faidhreach; Cha bhi fearaibh og ’g am fhoighneachd; ’S ann a chaill iad uile sgoinn diom, ’S cha bhi foighneachd air bo-laoigh. Naile! ’s mise tha fo mhulad, A’s mi ’tamh ’s an t-seomar mhullaich; An leannan bh’ agamsa an uiridh, ’S ann tha ’n diugh rium cul a chinn. Naile! ’s mise th’ air mo leonadh, Mu oigear a’ chuil bhachlaich, bhoidhich; Gur e sud an sgeul a leon mi, Thu bhi ’giulan còt’ an Righ. Naile! ’s mis’ tha dubhach, deurach, ’N seomar ard a’ fuaigheal leine; Chaidh mo leannan gu Jamaica, ’S ciod am feum dhomh bhi ’g a chaoidh? MAC AN TUATHANAICH ALBANNAICH, A GHOID EACH, AGUS NIGHEAN AN EASBUIG, AGUS AN T-EASBUIG FHEIN. (Bho Sgeulachdan Gaidhealach Le I. F. Caimbeul.) Bha triuir mhac aig tuathanach Albannach. ’N uair a thainig am fear a b’ oige dhiubh gu aoise ’dhol ri ceaird, chuir e tri cheud marg mu choinnimh gach aon dhiubh. Dh’ iarr am fear a b’ oige a chuid d’ a fhein, gu ’n robh e ’falbh a dheanamh ’fhortain. Thug e baile mor Lunnuin air. Bha e greis ann an sin ag ionnsachadh a bhi ’n a ghille duine uasail. Chuir e forthas mu dheireadh c’ aite am faigheadh e maighistir. Chuala e gu ’n robh gille a dhith air Probhaist Lunnuin. Rainig e e, chord iad, ’us rinn e muinntireas aige. Bha am Probhaist a’ dol na h-uile la ’s an t-seachduin a choinneachadh Ard-easpuig Lunnuin ann an aite sonruichte. Dh’ fhalbh an gille le a mhaighistir, oir bhitheadh e mach leis daonnan. ’N uair a sgaoil iad a’ choinneamh a bh’ aca aon la, thill iad, ’us thubhairt an gille r’a mhaighstir air an rathad, “Is maith,” ars’ esan, “an t-each donn ud a th’ aig an [TD 203] Easbuig, le ’ur cead, a mhaighistir.” “Seadh, a laochain,” ars’ a mhaighistir, “tha an t-each is fhearr ’an Lunnuin aige.” “Saoil mi,” ars’ an gille, “ciod e ghabhadh e air an each na ’n reiceadh e e.” Uh, amadain,” ars’ a mhaighstir, “shaoil leam gur balach ceart a bh’ annad, is iomadh fear a dh’ fheuch ris an each ud a cheannach ’us dh’ fhairtlich orra fhathasd.” “Tillidh mise ’us feuchaidh mi ris,” ars’ esan. Thill a mhaighistir comhluadh ris a dh’ fhaicinn. Is ann air Diardaoine a a thachair so. Thubhairt an gille ris an Easbuig, an reiceadh e an t-each. Ghabh an t-Easbuig ardan ’us miothlachd, us cha robh fiuthar aige gu’n ceannaicheadh esan e. “Mata ciod e am beathach bhitheadh agadsa no aig duine eile nach fhaodar a cheannach,” ars’ an gille? “Bhuraidh gun tur,” ars’ an t-Easbuig, “tha thu amaideach: rach dhathigh, cha cheannaich thu m’ eachsa.” “Ciod e an geall a chuireas tu,” ars’ an gille, “nach bi e agamsa an dar-sa maireach?” “’N e m’ eachsa bhitheas agad?” ars’ an t-Easbuig. “Is e d’ eachsa bhitheas agam,” ars’ esan, “ciod e an geall a chuireas tu rium nach goid mi e?” “Cuiridh mi coig ceud marg riut,” ars’ an t-Easbuig, “nach dean thu sin,” “Mata,” ars’ an gille, “cha-n ’eil agamsa ach aon phunnd, ach cuiridh mi sin, ’us mo cheann riut gu ’n goid mi e.” “Is bargan e,” ars’ an t-Easbuig. “Thoir an aire,” ars’ esan, “tha mi cur mo chinn agus am punnd riut, agus mu ghoideas mise e, is e mo chuid fein a bhitheas ann.” “Bithidh e mar sin cinnteach,” ars’ am Probhaist. “Tha mi ag aontachadh ri sin,” ars’ an’ t-Easbuig. Chaidh iad dathigh an oidhche sin. “Ghille bhochd,” ars’ a mhaighistir ris air an rathad, “bha thu cordadh gu maith rium on fhuair mi thu. Tha mi duilich do chall a nis. Tha thu amaideach. Bheir an t-Easbuig an aire nach goid thusa no fear eile an t-each; cumaidh e faire air,” Dh’ fhalbh an gille ’n uair thainig an oidhche ’us ghabh e air; chaidh e gu tigh an Easbuig; fhuair e mach gun robh an t-each stigh ann an seomar aige, agus daoine ann an sin ’g a chaithris ag ith ’us ag ol. Sheall gille a Probhaist timchioll air ’us smuanaich e gu ’m feumadh e fear tapaidh eile fhaighinn comhluadh ris. Suil d’ an d’ thug e uaith, chunnaic e fear a bhitheadh ri cron daonnan feadh a bhaile. “Ma theid thu comhluadh riumsa,” ars’ esa’, “beagan uine, bheir mi rud eigin duit airson do shaothrach.” “Ni mi sin,” ars’ am fear eile. Dh’ fhalbh esan ’us air a cheud dol a mach “rainig e fhein ’us an gille a fhuair e an crochadair, a bha ’s a’ bhaile, “An urrainn thu innseadh dhomhsa,” ars’ esan, “c’ aite am faigh mi duine marbh?” “Is urrainn,” ars’ an crochadair, “chaidh duine a chrochadh an diugh fhein an deigh mheadhoin latha.” “Ma theid thu ’us gu ’m faigh mise e,” ars’ esa, “bheir mi rud eigin duit.” Dh’ fhalbh e leis ’us rainig iad an corp. “An aithne dhuit a nis,” ars’ esan, “c’ aite am faigh mi ball mor fada, laidir?” “Is aithne dhomh sin,” ars’ an crochadair, “tha am ball a chroch an duine an so goireasach dhuit ’us gheibh thu e.” Dh’ fhalbh e leis, e fhein ’us an gille eile a fhuair e, ’us thug iad leo e. Chaidh iad gu tigh an Easbuig. Thubhairt e ris a’ ghille ’n uair a rainig e, “fuirich thusa an sin ’us thoir an aire da so, ach an d’ theisd mise suas air mullach an tighe.” Dh’ fhuirich an gille, ’us chaidh esan suas air mullach an tighe. Chuir e bheul ’us a chluas ris an t-siomalair ach am faigheadh e mach c’ aite an robh na daoine, agus bruidhinn labhar aca leis an ol. Fhuair e mach far an robh iad. “Cuir am ball,” ars’ esan, “timchioll air amhaich an duine mhairbh, ’us tilg an ceann eile aig ormsa.” Shlaod e an duine marbh leis gu mullach an t-siomalair. Bha na daoine bha ’s an t-seomar a’ faireachduinn na bha de shalachar ’s an t-siomalair a tuiteam. Bha esan a leigeadh leis ’s a leigeadh leis an dhuine mharbh gus am faca e mu dheireadh an solus breagh bha aig luchd na faire’ tighinn air cosaibh an duine mhairbh. “Faicibh,” ars’ iadsan, “ciod e tha so.” “Oh, am meirleach Albannach,” ars’ iadsan, “nach e thug an oidheirp! B’ fhearr leis a bheatha chall mar so na a cheann bhi aig an Easbuig; an ionnsuidh thug e air fhein! “Leis an t-siomalair thainig an gille le cabhaig. Am meadhon nan daoine bha e a stigh, ’us mar thainig an t-each mach air an dorus b’e a’ cheud lamh bha ’an srian an eich, esan. Dh’ fhalbh e leis an each ’n a stabull ’us thuirt e riu gu ’m feudadh iad nis dhol a chodal, gu ’n robh iad sabhailt gu leor. “Tha mi creidsinn,” ars’ esan ris a’ ghille eile, “gu bheil thu ’n ad ghille tapaidh, bi aig lamh an ath oidhche ’us chi mi ris thu.” Phaigh e an gille, ’us bha an gille ro thoilichte. Dh’ fhalbh esan dhathigh gu stabull a mhaighistir le each donn an Easbuig. Ghabh e mu thamh ’us ge bu mhoch a thainig an la bu mhoiche a thainig a mhaighistir gu dorus an stabuill. “Cha bu ghearan leam mo shaothair na ’m bitheadh m’ Albannach bochd romhan an so an diugh.” “Tha mi ann a’ so, a mhaighistir, mhaith,” ars’ esan, “agus each donn an Easbuig agam.” “Ud, a laochain, a [TD 204] ghille thapaidh,” ars’ a mhaighstir “bha meas agam ort roimhe, ach tha meas mor a nis agam ort.” Rinn iad reidh an la so rìs dhol a choinneachadh an Easbuig ’us b’ e so Di-haoine. “Nis,” ars’ an gille “dh’ fhalbh mi gun each an de, ach cha-n fhalbh mi mar sin an diugh.” “Mata, a laochain, o ’n a fhuair thu fhein an t-each bheir mise diollaid duit.” Dh’ fhalbh iad an la so ris ’an coinneamh an Easbuig, a mhaighistir ’us esan air muin da each. Chunnaic iad an t-Easbuig a tighinn ’n an coinnimh ’us coltas a’ chuthaich air. ’N uair a thainig iad an lathair a cheile, chunnaic iad gu ’n robh an t-Easbuig air muin eich eile nach robh cho maith r’a each fhein. Chaidh an t Easbuig ’s am Probhaist an coinnimh a cheile le failte. Thionndaidh an t-Easbuig ri gille a Probhaist, “Shlaotir,” ars’ esan, “’us a dhearbh mheirlich.” “Cha ’n urrainn thu tuilleadh a radh rium,” ars’ gille a Probhaist, “cha ’n ’eil fhios agam an urrainn thu sin fhein a radh rium le ceartas, thaobh, dh’ innis mi dhuit gu ’n robh mi dol g’a dheanamh; gun tuilleadh de do sheanachas cuir an so mo chuig ceud marg am ionnsuidhse.” B’ eigin d’a sin a dheanamh ged nach robh e toileach. “Ciod e a their thu,” ars’ an gille, “ma ghoideas mi do nighean an nochd?” ’S e aon nighean a bh’ aige ’us cho robh bu bhreagha na i ’an Lunnuin. “Mo nigheansa, a bhiasd,” ars’ an t-Easbuig, “cha ghoid thu mo nigheansa.” “Cuiridh mi,” ars’ an gille, “an cuig ceud marg a thug thu dhomh ’us an t-each donn gu ’n goid mi i.” “Cuiridh mise deich ceud marg,” ars’ an t-Easbuig, “nach goid.” Rinn iad cordadh. Dh’ fhalbh esan ’us a mhaighstir dhathigh. “Laochain,” ars’ a mhaighistir, “bha mi a’ saoilsinn gu maith dhiot uairegin, ach rinn thu turn amaideach a nis, ’n uair a fhuair thu thu fhein ceart.” “Coma leibhse, a mhaighistir mhaith,” ars’ esan, “bheir mi an ionnsuidh co dhiubh.” ’N uair thainig an oidhche, thog gille a Probhaist air, ’us chaidh e air falbh gu tigh an Easbuig. ’N uair a rainig e tigh an Easbuig, chunnaic e duine uasal ’tighinn a mach air an dorus. “Oh,” ars’ esan ris an duine uasal, “ciod e so aig tigh an Easbuig an nochd? “Tha gnothuch mor, sonraichte,” ars’ an duine uasal, “Albannach mosach tha an sud, agus e maoidheadh a nighean a ghoid. Gu dearbh cha ’n ’eil gin an Albainn a ghoideas i leis an fhaire a th’ oirre.” “Uh, tha mi cinnteach nach ’eil,” ars’ an gille, agus thionndaidh e uaith. “Tha fear an Sasunn an trathsa,” ars’ esan, “a dh’ fheumas feuchainn ris co dhiubh.” Dh’ fhalbh e, agus e taillearan an teaghlaich rioghail air. Dh’ fharraid e dhiubh an robh dad de dheiseachan deas aca do uaislibh mora. “Cha ’n ’eil,” ars’ an taillear, “ach deise a th’ againn do nighean an righ, agus te d’a maighdean choimheadachd.” “Ciod e,” ars’ gille a’ Probhaist “dh’ iarras tu air iad sin fhein car da uair a dh’ uine?” “Oh,” ars’ an taillear, “tha eagal orm nach faod mi an toirt duit.” “Na bitheadh eagal air bhith ort,” ars’ gille a’ Probhaist, “paighidh mi thu agus bheir mi an da dheise gun bheud, gun mhilleadh air an ais. “Gheibh thu ceud marg,” ars’ esan. Shanntaich an taillear an t-airgiod mor ud us thug e dha iad. Dh’ fhalbh e ’us fhuair e an gille bh’ aig an oidhche roimhe. Chaidh iad dh’ aite sonruichte ’us fhuair iad iad fein a chur’ an uidheam ’s an da dheise. Dh’ fhalbh iad ’n uair a fhuair iad iad fhein cho maith ’us bu mhaith leo gu dorus an Easbuig. Fhuair e mach mu ’n d’ rainig e an dorus, ’n uair a thigeadh aon air bith de ’n teaghlach rioghail gu tigh an Easbuig, nach e an dorus a bhualadh a dheanadh iad, ach sgriob a thoirt le barr an coise aig bonn an doruis. Thainig esan a dh’ ionnsuidh an doruis agus rinn e sgrioba. Bha dorsair aig an dorus an oidhche sin, ’us dh’ fhalbh e ’n a ruith dh’ ionnsuidh an Easbuig. “Tha aon de ’n teaghlach rioghail aig an dorus,” ars’ esan. “Cha ’n ’eil,” ars’ an t-Easbuig, “is e th’ ann am meirleach Albannach.” Sheall an gille troimh tholl na h-iuchrach ’us chunnaic e gur e coslas da bhean uasail a bh’ ann. Dh’ fhalbh e dh’ ionnsuidh a mhaighistir ’us dh’ innis e dha. Chaidh a mhaighstir dh’ ionnsuidh an doruis ’us sheall e fhein. Bheireadh an gille a bha mach sgriob an trathsa ’s a ris, ’us e a cath-throd ris an Easbuig, air son’ amaideachd. Sheall an t-Easbuig ’us dh’ aithnich e gur e guth nighinn an righ bha ’s an dorus. Fosgailear gu grad an dorus, ’us deanar a chromadh gu lar rithe. Bhuail nighean an righ ris air son a nighean chur ann an geall ’s am bith, gu ’n robh feadhain a’ gabhail brath air airson a leithid a dheanamh. “Cha mhor a b’ fhiach thu a dheanadh a leithid gun fhios domhsa, ’us cha ruigeadh tu leas a leithid a dh’ othail ’us a dh’ amaideachd a dheanamh.” “Gabhaidh sibh mo leithsgeul,” ars’ esan. “Cha ’n urainn mi do leithsgeul a ghabhail,” ars’ ise. Stigh thug e nighean an righ do ’n t-seomar ’s an robh a nighean ’us an fheadhain a bha ’g a faireadh. Bha ise ’am meadhon an t-seomair air caithir ’n a suidhe ’s cach ceithir thimchioll oirre. Ars’ nighean an righ rithe, “Mo ghaol, ’s e d’ athair an duine gun [TD 205] tur a chuir ’s a’ chunnart thu, ’us na ’n d’ thug e fios domhsa ’us do chur far an robh mise, aon s ’am bith thigeadh a d’ choir, rachadh an crochadh ’us a bharrachd air sin, an losgadh. “Falbh,” ars’ ise ris an Easbuig, “a chodal, ’us cuiribh fa sgaoil a’ chuideachd mhor so mus bi iad a’ magadh oirbh.” Thubhairt an t-Easbuig ris a’ chuideachd gu’m faodadh iad gabhail mu thamh, gu’n d’ thugadh nighean an righ, ’s a maighdean choimheadachd an aire dh’ a nigheansa. An uair a fhuair nighean an righ uile gu leir air falbh iad, “Thig thusa, a nighinn mo ghaoil, cuide riumsa gu tigh righ na rioghachd.” Mach a thug nighean an rìgh; bha an t-each donn goireasach aice, agus cho luath ’s a fhuair an t-Albannach mach i far an robh an t-each donn, tìlgear dheth ann an aite dorch an deise. Chuir e uidheam eile air as ceann ’eudaich fhein ’us air muin an eich chuir e i. Cuirear dhathigh an gille leis na deiseachan dh’ ionnsuidh an tailleir. Phaigh e an gille ’us thubhairt e ris a choinneachadh an sud an ath oidhche. Leum esan suas air an each dhonn aig tigh an Easbuig, ’us air a thug e gu tigh a mhaighistir. Ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaigistir a dh’ ionnsuidh an stabuill. “Bha esan us nighean an Easbuig ’n an luidhe ’n a leabaidhse, ’us dhuisg e ’n uair dh’ fhairich e a mhaighistir.” “Cha bu chall leam mo shaothair,” ars esan, “na’m bitheadh m ’Albannach gu bochd romhan an so an diugh.” “Eh, bheil mi,” ars’ esan, “agus nighean an Easbuig agam ann a so.” “Oh,” ars’ esan, “bha meas agam ort roimhe, ach a nis tha meas mor agam ort.” Be sin Di-sathuirn. Bha aige-san agus aig a mhaighistir gu dhol a choinneachadh an Easbuig an la sin cuideachd. Chaidh an t-Easbuig agus am Probhaist an coinnimh a cheile mar a b’ abhaisd. Na’m b’ olc an coltas bh’ air an Easbuig an la roimhe, bha e na bu mios’ uile an la sin. Bha gille a’ Probhaist’ n a each ’us ’n a dhiollaid an deigh a mhaighistir. An uair a thainig e far an robh an t-Easbuig cha robh aig ris ach “a mheirlich ’us a shlaoitir?” “Faodaidh tu do bheul a dhunadh,” ars’ an gille, “cha ’n urrainn thu sin fhein a radh rium le ceartas. Cuir a nall mo dheich ceud marg an so.” Phaigh e an t-airgiod. Bha e’g a chaineadh. “Oh dhuine,” ars’ esan, “leig dhiot do chaineadh, cuiridh mi an deich ceud marg riut gu’n goid mi thu fhein an nochd.” “Gun goid thu mise, a bhiasd,” ars’ esan, “cha ’n fhaigh thu a chead.” Chuir e an deich ceud marg ris. “Gheibh mi an deich ceud marg ud air ais,” ars’ ant-Easbuig, “ach cuiridh mise cuig ceud deug marg riut nach goid thu mise.” “Ni mi cordadh riut,” ars’ an gille. Cheangail am Probhaist am bargan eadorra. Dh’ fhalbh an gille ’us a mhaighistir dhathigh. “Laochain,” ars’ a mhaighistir, “bha meas mor agam ort gus an diugh, caillidh tu na fhuair thu dh’ airgiod agus cha ’n urrainn thu an duine ghoid.” “Cha ’n ’eil eagal sam bith orm a sin,” ars’ an gille. ’N uair thainig an oidhche dh’ fhalbh esan, ’us thug e timchioll tigh an Easbuig air. “An sin smuainich e gu’n rachadh e far an robh iasgairean a bhaile, dh’ fheuchainn ciod e chitheadh e acasan. ’N uair a thainig e far an robh na h.iasgairean dh’ fharraid e dhiubh, an robh dad de bhradanan aca air an ur-mharbhadh? Thubhairt iad ris, gu’n robh. “Ma dh’ fheannas sibh,” ars’ esan, “na h-uiread so a dh’ iasg, bheir mi dhuibh na h-uiread so dh’ airgiod, no airgiod sam bith a ’s coir dha bhi.” Thubhairt na h-iasgairean gun deanadh, ’us rinn iad e. Thug iad dha de chroicinnean eisg na shaoil leis a dheanadh cleochd, am fad ’us an leud a shir e. Dh’ fhalbh e an sin dh’ ionnsuidh nan taillearan. Thubhairt e ris na taillearan, an deanadh iad deise dha de chroicinnean an eisg, a chionn da uair dheug a dh-oidhche, ’us gum faigheadh iad paigheadh air a shon. Dh’ innis iad dha ciod e an t-suim a ghabhadh iad. Ghabh iad tomhas a’ ghille ’us thoisich iad air an deise. Bha an deise ullamh an ceann na da uair dheug. Cha ’n fhaodadh iad ’bhi na b’ fhaide; bha an Domhnach ’tighinn a stigh. Dh’ fhalbh e leis an deise ’us ’n uair a fhuair e e fhein goirid o eaglais an Easbuig chuir e uime an deise. Fhuaire e iuchair a dh’ fhosgladh an eaglais ’us chaidh e stigh. Chaidh e do ’n chrannaig air ball. Suil de ’n tug an dorsair uaith ’us faire mhor air an Easbuig, dh’ fhalbh e, ’us thubhairt e gu ’n robh solus ’s an eaglais. “Solus,” ars’ a mhaighstir, “rach thusa null ’us faic ciod e an solus a th’ ann. Bha e an deigh da uair dheug an so. “O,” ars’ an dorsair ’us e tighinn, “tha duine a’ searmonachadh ann.” Tharruing an t-Easbuig ’uaireadair ’us chunnaic e gu’n robh toiseach an domhnaich a tighinn a stigh. Dh’ fhalbh e ’n a ruith dh’ ionnsuidh na h-eaglaise. ’N’ uair a chunnaic e an soillse bha ’s an eaglais ’us na h-uile car chuir an duine bha ’searmonachadh dheth, ghabh e eagal. Dh’ fhosgail e beagan an dorus ’us chuir e a cheann stigh dh’ fhaicinn ciod e an coltas a bh’ air. Am fear bha ’s a chrann-cha robh canain bha fo na rionnagan nach robh e toirt treis air. ’N uair a thigeadh e dh’ ionnsuidh na h-uile canain a thuig- [TD 206] eadh an t-Easbuig is ann ’cur iomchar air an Easbuig a bha e gu ’n robh e air call a cheill. Sud stigh an t-Easbuig agus theirigear air a ghlunan aig bonn na crannaig. Thoisich esan air asluchadh ann an sin ’us ’n uair chunnaic e an dearrsadh bha ’s a’ chrannaig ghabh e gu curam leis na bha e ag radh ris. Mu dheireadh thubhairt e’ ris, na ’n gealladh e dhasan gu ’n deanadh e aithreachas glan ’us gu’m falbhadh e leis-san gu’n d’ thugadh e maitheanas dha. Ghealladh an t-Easbuig sin da. “Falbh leamsa,” ars’ esan, “gus am faigh mi beagan uine ort.” “Falbhaidh,” ars’ an t-Easbuig, “ged a b’ ann as an t-saoghal dh’ iarradh tu orm falbh.” Dh’ fhalbh e leis. Dh’ fhalbh an gille roimhe. Rainig iad stabull a’ Phrobhaiste. Fhuair e aite suidh do ’n Easbuig. Shuidh e fhein; cha ruigeadh iad a leas solus, oir bha eudach a ghille ’deanamh soluis far an robh iad. Bha e ’mineachadh do ’n Easbuig an sin ann an canainean a thuigeadh, agus ann an cuid nach tuigeadh e. Bha e mar sin gus an robh an t-am d’a mhaighistir tighinn ’s a’ mhaduinn. ’N uair bha an t-am teann air laimh, thilg e dheth an deise, lub e ’us chuir e am folaich i. oir bha e ris an t-soillearachd. Bha an t-Easbuig samhach an so, ’us thainig am Probhaist. “Cha bu ghearan leam mo shaothair na’m bitheadh m’ Albannach bochd romham an so an diugh.” “Eh, gu bheil mi,” ars’ esan, “an so ’us an t-Easbuig agam.” “Ud, a laochain,” ars’ a mhaighistir, “is maith a gheibhear thu.” “Oh, a dhaor-shlaoitir,” ars’ an t-Easbuig, “’n ann mar so a rinn thu an gnothuch orm?” “Innsidh mise dhuit mar a tha,” ars’ am Probhaist, “is fhearr dhuit deanamh gu maith air, no bhi ’g a chaineadh; tha do nighean aige, agus tha d’ each aige, agus d’ airgiod, agus air do shon fhein, cha ghleidh esan thusa, ach is fhearr dhuitse esan a ghleidheadh. Thoir e fhein ’us do nighean leat ’us dean banais dhoibh le h-eireachdeas. Dh’ fhalbh e ’us chaidh e dhathigh leis an Easbuig, ’us fhuair e e fhein ’us a nighean a phosadh gu ceart ’us rinn e gu maith ris. Dh’ fhag mise an sin iad. TRAITHEAN NA BLIADHNA. (Air leantuinn Aireamh 15.) “Rinn Thusa, O Dhia, an Geamhradh.” Is e so an trath de ’n bhliadhna anns am bheil dubhachas air ’fhaireachduinn, oir tha nadur gu h-iomlan a’ caochladh cruth, agus tha na seallaidhean sin aig an robh comas co mor air aighear a’s gean a’s toileachas a dhusgadh, a’ gabhail gu luath seachad. Tha gach lus a’ seargadh agus a’ crionadh. Tha na craobhan a bha comhdaichte le deise co lurach re uine co fada a’ crathadh an duilleagan diubh agus a’ comhdachadh an lair leis na nithean a thug dhoibh boidhichead roimhe. Na sruthain agus na h-aibhnichean a bha le torman ceolmhor a’ ruith bho na-h-aonaichean agus ann an slighean cam-lubach ag imeachd air feadh nam fonn ’s nan achaidhean—tha iad anns a’ gheamhradh a fas mall ’n an gluasad agus gu minic tha ’n reis air a stad gu buileach. Air magh ’s air achadh cha ’n ’eil coslas pailteis no toraidh. Tha ’n talamh uile mar gu ’m b’ ann fas. Faodar eadhon a shaoilsinn gu ’m bheil nadur fein sprochdach, smalanach an deigh gnuis thaitnich an t-samhraidh agus pailteas mor an fhogharaidh. Anns an t-sealladh so gu leir, anns an atharrachadh mhor a tha teachd a’ gheamhraidh fhuair ag oibreachadh air feadh an t-saoghail, tha samhradh laidir a dh’ fhaodas gach neach leis an aill a bheachd a steidheachadh air, r’a fhaicinn gu soilleir air seann aois, maille ri trioblaid agus deuchainn. Ged tha ’n teachdaire neo-bhaigheil agus fuileachdach nach gabh lethsgeul no diultadh, trang aig gach am de ’n bhliadhna, anns gach ionad agus am measg uile chinnich na talmhainn; ged tha ’m bas a’ gearradh sios gun acarachd, aireamh mhor de’n t-sluagh anns gach mios; gidheadh, is ann an uair a tha ’n geamhradh am fagus a tha ’m boidhichead a’ treigsinn nan achaidhean, guirmead nam blar a’ gabhail seachad, agus duilleagan nan craobh a’ tuiteam chum an lair, is lionmhoire agus is pailte ’tha na braighdean a tha air an tasgadh ann an cuibhricheann an-iochdmhor a’ bhais. Tha mar gu ’m b’ ann cumh- [TD 207] achd dorcha, dubhach a’ riaghladh na h-aimsir, a’ falach nan speuran gorma, a’ deanamh na fairge luasganach, a’ siubhal troimh ua h-achaidhean, a’ glaodhaich a mach ann an gaoith stoirmeil na h-oidhche, a’ goid ’s a’ spionadh air falbh gu h-obann blath an t-samhraidh bho ghruaidhean an leinibh agus a’ toirt air seann aois fein criothnachadh; a’ dol a’ dh-ionnsuidh iomadh aite adhlaicidh agus a’ roghnachadh iomad uaigh air son nan daoine a tha’ tuiteam sios fo chorran geur a’ bhais. Is e Dia a tha’ gabhail a chuairt bhliadhnail ’s a’ tional suas nan daoine ’rainig na laithean ann an tir nam beo a bha air an orduchadh doibh. Tha, mar an ceudna, comh-chordadh r’ a fhaicinn eadar an geamhradh a tha’ criochnachadh na bliadhna agus a’ giulan sgeimh mar gu’m bitheadh nadur fein air call a treoir ’s a treubhantais, agus eadar an duine aosmhor liath a tha ruigheachd ceann a thuruis talmhaidh, a cheann geal le sneachd nam bliadhnachan; oir chunnaic e nis “an tri fichead bliadhna ’s a deich.” Cha ’n ’eil aobhar a’ chomh-chordaidh so duilich ’fhaotainn a mach, do bhrigh gu bheil co-ionannachd air a thaisbeanadh ann an iomadh seadh agus fo iomadh doigh le oibrean an Tighearna gu leir. Teagaisgidh solus reusoin duinn cho fada ’s is urrainn da imeachd, na nithean ceudna ’tha solus dealrach nan scriobtuirean a’ deanamh aithnichte. Am bheil Dia ’n a fhocal ag iarruidh oirrn maith a dheanamh agus olc a sheachnadh; am bheil E ag innseadh dhuinn gur ann a dh-ionnsuidh bochduinn agus truaighe ’tha ruidhtearachd agus peacadh a’ treorachadh? Tha na firinnean ceudna air an caramh mu ’r coinneamh le solus naduir ann an gnathachadh an t-sluaigh. Dearbhaidh an ni so fein ann an tomhas mor gur e an t-aona ghliocas a dhealbh maise ’s riaghailtean iomadach na talmhainn, agus a thug seachad le faidhean a’s filidhean a bha air an uidheamachadh leis an Spiorad Naomh air son na h-oibre cudthromaich so, foillseachadh air a thoil agus air a’ ghne bheatha ’s ghiulain a thigeadh e do dhaoine ’chaitheamh. Co fada, mata, ’s is urrainn do na sgriobturan agus do sholus naduir cuideachd a cheile ’ghleidheadh; co fada ’s a tha iad a’ cur an ceill firinnean a tha ’giulan cordaidh air bith r ’a cheile, cha ’n ’eil dealachadh eadar iad, Mar so, mata, chi sinn gu’m bheil an geamhradh a tha’ sgeadachadh na talmhainn le trusgan sneachdach, reota ’giulan samhlaidh laidir air na laithean liatha-reotha tha ’g iadhadh mu chinn mhoran—laithean a tha ’nochdadh gu ’m bheil an duine ’fas abuich airson na h-uaighe, amhuil mar tha ’n t-arbhar trom tha’ cinntinn anns na h-achaidhean a’ fas deas airson corran a’ bhuanaiche. Ach, ged is e dubhachas an ni’ dh’ fhaodar fhaicinn an toiseach anns a’ gheamhradh; ged shaoileas sinn nach ’eil brigh no math no comhfhurtachd idir ceangailte ris, is eiginn gu ’m bheil e ’comhlionadh aobhair sonruichte, oir tha e air innsidh dhuinn “gun d’ rinn Dia ’n Geamhradh.” Tha, mar so, raidh dubhach na bliadhna’ deanamh maith ’s a’ cur air aghaidh criche mhoir air chor-eigin; agus tha na trioblaidean aimsireil a tha air an samhlachadh leis a’ gheamhradh a chum buannachd, mar an ceudna, dhoibhsan a tha ’g am faireachduinn. Faiceamaid co ann ’tha ’n stàth so a co-sheasamh. Ged tha ’n talamh a reir coslais a’ gabhail fois anns a’ gheamhradh; ged tha cinneas marbh, a’s lusan a’s craobhan na macharach air stad ’s air crionadh; ged nach ’eil innealtruidh a nis idir ann, gidheadh tha ’n grunnd a’ trusadh buannachd bho shuain ’s bho thamh a’ gheamhraidh. Anns a’ bhliadhna’ chaidh [TD 208] seachad, chaidh moran de spionnadh an fhearainn a chaitheamh ’s a chur gu feum; agus air an aobhar so, tha beairteas a’ ghruinnd n’ is lugha. N’ am bitheadh an talamh air ’oibreachadh gun tamh, ann an uine ghearr cha ghiulaineadh e toradh idir; cha bhitheadh brigh, no dreach, no buannachd ann. Tha raidh tosdach na bliadhna, mar so, a’ lionadh suas seirbhis fheumail ann am freasdal Dhe. Leis an t-samhchair a tha air a mealtuinn, tha ’n tir air air a h-uidheamachadh airson barr briogh-mhor, trom a thoirt seachad a rithist. Eadhon an sneachd a tha ’g amharc co fuar agus co mi-chaoimhneil, tha esan a’ gleidheadh uchd nan achaidhean blath, agus a’ toirt tearruinteachd bho gach stoirm a’s gaillionn do ’n bharr a dh’ fheumas dubhlachd na h-aimsir fhulang. Le tosdachd thiamhaidh a’ gheamraidh tha mar so gniomh feumail a’s priseil air a dheanamh. An trath a smuainticheas neach aig am bheil tearmunn a’s seasgaireachd a’s dion bho fhuachd ’s bho mhi-chaoimhneas na-h-aimsir air a liughad creutair diblidh, truagh aig nach ’eil fardach no doigh air bith trid am faod iad fasgadh ’fhaotainn bho ’n ghaillionn, fasaidh a chridhe tais agus seirceil, agus miannuichidh e comhstadh a dheanamh leo, sinidh e mach lamh-chuideachaidh dhoibh ’n an eiginn. Mar a’s fuaire’ tha ’n aimsir a’ fas, is ann a’s blaithe ’bhitheas cridheachan dhaoine, agus a’s iarrtasaiche bhitheas iad air cor an comh-chreutairean a tha ann an inbh a’s isle agus ann an suidheachadh a’s truaighe, thoirt fainear. Bithidh co-fhulangas a’s momha aig an duine shaoibhir ris an duine bhochd, agus bithidh e ealamh gu cobhair a dheanamh air ’n a theanntachd. Aidichidh sinn nach e ni caomh no tairis no caoimhneil a tha ann an trioblaid leis am faod sinn a bhi air ar feuchainn. Cuiridh deuchainn snuadh eile air aighear, air gean ’s air soirbheachadh; comhdaichidh geamhradh a’ chruaidhchais samhradh ar sonais le dubhachas an aite aoibhneis agus le mi-ghean an aite subhachais; tiormaichidh reotha cruaidh na trioblaid na sruthain sheimh bhaigheil a b’ abhaist sonas a’s toileachas co fior a dhortadh ’n ar cridheachan. Thig teachdaireachd uamhasach a ghairmeas air falbh ball no ceann teaghlaich, a dh’ iomaineas air falbh gun iochd, gun truacantachd neach d’ am bu nos le ’chairdeas fior chaidreamach cridheachan a luchd-daimh a dheanamh ait,agus le ’chomhluadar stuama, beusach mor mheas a’s urram a chosnadh doibh; agus cha ’n ’eil iadsan ach tearc nach amhairc air tachartas mar so mar ni bronach agus muladach. Ach tha dearbhaidhean araon laidir a’s lionmhor againn nach ann gun run suidhichte eigin, tha cupan sonais an t-sluaigh air a mheasgadh co minic le searbhachd agus le doilgheas. Tha e air innseadh dhuinn, “ged nach tig amhghar a mach as an duslach agus nach fas càrraid as an talamh, gidheadh rugadh an duine chum càrraid mar a dh’ eireas na srada suas.” Bho ’n a briathran so fein faodaidh sinn fhoghlum gu ’m bheil a’ h-uile cradh a’s iarguin a thachras do phobull an Tighearna air an orduchadh leis-san, agus a’ coimhlionadh aobhair eigin. Thubhairt an Tighearna e fein mu dheibhinn Iob “nach robh neach ann, cosmhuil ris air an talamh, duine coimhlionta agus direach air an robh eagal De agus a’ seachnadh uilc.” Ged bha ’n duine so co diadhaidh, ionraic,chaidh ’fhiosrachadh le deuchainn chraitich, ionnus gu ’n do ghabh e slige chreadha g’a sgriobadh fein leatha, agus gu ’n do shuidh e ’measg na luaithre. Chaill e ’mhic agus a nigheanan; threig gach sonas saoghalta e; agus da-rireadh [TD 209] bu bhronach, bochd a chor. Ged bha e air ’fheuchainn co goirt, agus a bha a staid co anabarrach truagh, cha d’ rinn e monmhur an aghaidh an Tighearna, ach thubhairt e, “Co fhad ’s a bhios m’ anail annam agus spiorad Dhe ann am chuinneinibh, cha labhair mo bhilean aingidheachd agus cha chan mo theanga cealg.” Fhuair e fuasgladh fadheoidh as gach teanntachd anns an robh e; dh’ eirich grian aghmhor an t-soirbheachaidh air a rithist, agus “bheannaich an Tighearna deireadh Iob n’ is momha n’a thoiseach.” Tha eisimpleir eile againn ann an Daibhidh, neach a roghnaich an Tighearna gu bhi ’n a righ thairis air na h-Israelich, ’a thug e bho bhi’ leantuinn nan caorach ann an cearna iomallach d’ an tir gu onoir mhoir a mhealtuinn. Bha ’n t-slighe air an do thriall e cuairtichte le iomadh cunnart agus gabhadh. Bu tearc na h-amannan anns am b’ urrainn do Shalmadair binn Israeil gairdeachas a’s greadhnachas a’ dheanamh do bhrigh gu ’n robh aige tearuinteachd a’s seasgaireachd. Bu lionmhor, bu treun, agus b’ fhuileachdach na naimhdean a bha’ tuineachadh mu thimchioll na rioghachd air an robh esan ’n a uachdaran; agus mar so, is iomadh cath a’s cogadh cruaidh a bha aige r’ a chur. Ach bha eascairdean eile am measg a luchd-daimh, eadhon am measg a theaglaich fein a dhuisg dragh a’s aimhreit anns an rioghachd; agus a mheudaich tomhas thrioblaidean Dhaibhidh. Is e so aidmheil fein mu dheibhinn amhgharan, “Is maith dhomhsa gu’n robh mi ann an amhghar chum gu foglumainn do reachdan. Tha fhios agam, a Thighearna, gu ’m bheil do bhreitheanas ceart agus gur ann am firinn a chlaoidh Thu mi.” Agus ma dh ’fheoraichear, ciod e an t-aobhar gu ’m bheil Dia a’ deanamh geamhraidh gu minic de bheatha na muinntir sin a’s ionmhuinn leis? is e so am freagradh. Gur ann trid fulangais a tha ’n oighreachd neamhaidh a tha neo-thruaillidh, neo-shalach agus nach searg as, ri bhi air a cosnadh. Bu deurach, bronach, iom-cheisteach a chaith Ceannard ar slainte a laithean air an talamh. “Bha e ’n a dhuine dhoilghiosan agus eolach air bron.” Ma bha e feumail dhasan a laithean a chaitheamh gu trioblaideach, am meas a luchd-leanmhuinn e ’n a ni uamhasach agus eucorach, gu ’m bi iadsan mar an ceudna air am fiosrachadh air a’ mhodh cheudna? “A mhuinntir mo ghraidh,” deir Peadar, “na biodh iongantas oirbh a thobh na deuchainn theinntich a thig oirbh chum bhur dearbhadh, mar gu ’n tarladh ni eigin do-ghnathach duibh; ach do bhrigh gu bheil sibh ’n ur luchd-compairt do fhulangaisibh Chriosd, deanaibh gairdeachas, chum mar an ceudna ann an am foillseachaidh a ghloire gu ’n dean sibh gairdeachas le h-aoibhneas ro mhor.” Tha Paul ag radh, “gu ’n comh-oibrich na h-uile nithe chum maith do ’n dream aig am bheil gradh do Dhia, eadhon dhoibhsan a ghairmeadh a reir a ruin.” Mar so, tha geamhradh a’ bristidh a stigh air teaghlaichean ’s a’ milleadh an sonais saoghalta. Mar so tha sluagh an Tighearna air am fiosrachadh le deuchainnean a chum gu ’n tilg iad dhiubh na ceanglaichean a tha ’g an nasgadh ris an t-saoghal a tha lathair, agus gu ’n cuir iad muinghinn a’s momha ’s a’s dilse ann an geallaidhean ’s ann an comhfhurtachdan an Tighearna, ’s gun suidhich iad an aigne air na nithean a tha shuas. “Rinn Thusa, O Dhia, an Geamhradh.” Faodaidh sinn mar an ceudna, samhladh air staid grais ’fhaicinn anns a’ gheamhradh. Tha an sneachd gun choimeas ann an gilead agus ann an gloinead. An uair a thuiteas e gu pailt air cnoc a’s comhnard, [TD 210] agus a ghealaicheas e ’aodainn na talmhainn gu-h-iomlan, ciod e an ni a dh’ fhaodar a chur am an coimeas ris air son sgeimh a’s gloinead. Cha ’n ’eil smal no spot no sal r’a fhaicinn air, an uair a tha e ’n a laidhe mar bhrat no thrusgan a’ comhdachadh nan achaidhean. Cia dileas an samhladh so, air fireantachd Iosa Criosd—an fhireantachd air son an d’ thug e a bheatha luachmhor mar eiric—an t-ionmhas do-labhairt sin a shaoras peacaich “bho lagh a’ pheacaidh agus a’ bhais.” Cha ’n ’eil eideadh a’ gheamhraidh—an fhalluinn shneachdach air a sgaoileadh thairis air cuibhrionn no cearna de ’n talamh; tha e ’sgeadachadh na tire gu leir, agus air a’ mhodh so, tha e ’n a shamhladh air cia co fiughanta, farsuing, fial ’s a tha teachdaireachd na sithe agus na sochairean a choisinn Iosa do dhaoine. Cha ’n ’eil eadar-dhealachadh air bith air a dheanamh anns a’ chuireadh ghrasmhor a tha Iosa toirt seachad. Tha e air a thairgseadh gu saor, gun airgiod agus gun luach, do gach neach a’s fine, eadhon mar tha ’n sneachd—comharradh cinnteach agus companach dileas’ a’ gheamhraidh—a’ tuiteam ’s a’ comhdachadh gach aite. Cha ’n fhaodar aicheadh gu’m bheil seadh ann—seadh muladach—anns am bheil an geamhradh eadar-dhealaichte gu tur bho na fiosrachaidh bhronach sin a tha ’tionndadh soirbheachadh a’s sonas dhaoine gu bron, gu dubhachas a’s mi-ghean. Rioghaichidh an geamhradh thairis air aghaidh naduir re na h-uine gnathaichte, agus fadheoidh leaghaidh an sneachd agus an reotha air falbh; mosglaidh gach machair, gach craobh a’s lus ás a’ chodail dhomhain anns an robh iad; ath-nuaidhichear aghaidh naduir gu buileach, agus toiseachaidh saothair a’s dichioll le durachd ur, gus am faicear ann an uine ghearr snuadh dreachmhor aoidheil air an talamh. Ach cha ’n ann idir mar so, a tha ’n geamhradh a bheir am bas a dh-ionnsuidh duine no teaghlaich. Aon uair ’s gu ’m bheil an duine air a thasgadh anns an tigh chumhann, agus tosdachd a’ seulachadh a bhilean, cha ’n ath-nuaidhichear a neart ’s a bheatha le teachd steidhichte earraich no samhraidh. Coidlidh e ann an suain nach aithnich bruadar no dusgadh. Ni cluarain an raoin sgiamhach uchd na h-uaighe agus seididh fafan an anmuich thairis oirre, ach cha ’n fhairich fear-comhnuidh an tighe gheamhraidh ni air bith de so. Bithidh, fadheoidh, dusgadh ann anns an liobhair gach uaigh na fhuair i fein. Is ann suilbhir agus aoibhneach a bhitheas faireachduinn an duine aig an robh a’ cheann geal le sneachd nam bliadhnachan a bha air an caitheamh ann an eagal agus ann seirbhis an Tighearna. CONA. SGEULACHD. O chionn cheithir cheud bliadhna roimhe so, rugadh oighre air Gart, g’an d’ thugadh cioch le te de Chloinn-Diarmaid, aig an robh dithis mhac. Bha aon diubh ’n a chomh-dhalta do oighre Ghart, agus am fear eile na bu shine na sin. Dh’ fhas an t-oighre suas ’n a oganach sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a’ bheag sam bith air deireadh air, a thaobh misnich agus tabhachd. Aig an am sin bha an earrann a bu mho de Ghleann-Liobhann le Cloinn-Iabhair, cinneadh dalma agus cruadalach a chaill coir air an oighreachd, goirid an deigh do ’n sgeul a leanas tachairt. Dh’ eirich aimhreit’ eadar am mac a b’ oige ’bh’ aig ban-altrum oighre Ghart, agus aon do Chloinn-Iabhair; agus air do ’n oganach moran tamailt ’fhaotainn, thubhairt e ri Mac-Iabhair, “Mar is beo mise, a Mhic- [TD 211] Iabhair, bheir oighre Ghart ort gu ’n diol thu air son so fathast.” Dhealaich na fir; agus cha do chaill an t-oganach agus a bhrathair uine air bith gus an do thog iad orra gu dol gu Caisteal Ghart, a chur an ceill do ’n uachdaran mar a thachair. Chuala Clann-Iabhair gu ’n do ghabh na h-oganaich air an t-slighe gu Gart, agus chuir iad an ruaig orra. Thainig iad air an da bhrathair gun fhios doibh; ach air dhoibhsan an cunnart fein fhaicinn, ghrad leum iad a stigh do linne dhomhain ann an Liobhann, ’s an dochas nach leanadh Clann-Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachaidh Clann-Iabhair a stigh do ’n abhainn, gidheadh, thilg fear dhiubh saighead air na h-oganaich a bha ’s an linne—leonadh comh-dhalta Ghart gu searbh—thuit e sios do ghrunnd na linne, agus bhathadh e. B’e Domhnull Mac-Dhiarmaid ab’ ainm dha, agus goirear “Linne-Dhomhuill” ris an aite gu ruig an la an diugh. Fhuair an t-oganach eile comas teichidh, agus rainig e Gart. Dh’ innis e do ’n tighearn og mar a thachair, agus air dha a bhi lan corruich air son mar a bhuin Clann-Iabhair ri ’chomh-dhalta, chuir e roimhe air ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhas a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a dhaoine, agus rainig e Gleann-Liobhann air an ceann. Air do Mhac-Iabhair cuisean a thuigsinn, chruinnich esan mar an ceudna a luchd-leanmhuinn fein, agus chomhlaich e fear-Ghart aig meadhon a’ ghlinne. Air do na seoid coinneachadh, chuir iad failt’ air aon a cheile, agus labhair iad dh’ fheuchainn an rachadh cuisean a shocrachadh gun bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart, air an robh taobh dearg agus taobh dorcha, agus thubhairt e r’a chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air an naimhdean, gun mhoille, gun bhaigh, na ’n cuireadh esan taobh dearg a’ bhreacain a mach! Is gann a thug e an aithne so seachad an uair a rinn Mac-Iabhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fo ’n lan armachd, a mach a tom coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri ’n ceann-cinnidh, agus ris na fir a bha comhladh ris a’ labhairt ri fear Ghart. “Co iad sin? (ghlaodh fear Ghart), agus ciod an gnothach an so?” “’S iad sin (arsa Mac-Iabhair) treud de na h-earbaichean agam-sa, a ta leumnaich air feadh nan tom agus nan creag.” “Direach ceart (ars’ an t-oigear eile) ma ’s ann mar sin a tha ’chuis tha ’n t-am agam-sa bhi ’gairm mo mhiol-chon.” Ghrad thionndaidh e an taobh dearg de ’n bhreacan a mach, agus ann am priobadh na sula, bha na fir am badaibh a cheile! Car uine bha ’n tuasaid teth, agus garg; agus bha closaichean gun deo ’n an laidhe gu tiugh air an raon! Mu dheireadh theich a’ chuid a bha lathair de Chloinn-Iabhair. Thug iad na beanntan orra, agus a mach o’n la sin, chaill iad am fearann. Tha e air ’innseadh nach bu mhor a chaill Gart d’ a dhaoine anns an tuasaid sin, ach gu ’n do thuit corr a’s sea fichead de na Liobhannaich. Tha iomadh cuimhneachan air an la fhuilteach sin fathast anns a’ Ghleann ’s an do thachair e; agus cha ’n ’eil teagamh nach bi an sgeul so taitneach do na Liobhannaich air an la an diugh, aig am bheil eolas air an ait anns an do chuireadh an cath deistinneach so, agus a chual a reir coslais, gu minic m’a thimchioll. Mu ’n do thoisich na laoich ri cheile, thilg fir thighearna Ghart dhiubh an cuarain a chum gu ’n ruitheadh iad ni bu luaithe air toir an naimhdean, agus theirear “Leac-nan-cuaran” fathast ris an aite ’s an d’ rinn iad sin. Tha mar an ceudna [TD 212] “Ruisgeach,” “Lagan-a’-chatha,” agus “Camus-nan-carn,” mar ainmean fathast air na h-aitibh sin, far an do ruisg iad an claidheamhan, an do chuir iad an cath, agus an d’ adhlaic iad na daoine a thuit. Tha ’n abhainn fein ’n a cuimhneachan air an la gharg sin, oir roimh an am sin, b’e “Duibh” a b’ ainm do ’n abhainn, agus “Gleann-Duibh” a b’ ainm do ’n ghleann. Ach an uair a phill fear Ghart agus a chuideachd o ’n ruaig, “liobh,” no ghlan iad a ’n claidheamhan fuilteach ’s an abhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin ghlaodh an ceann-cinnidh gaisgeil a mach, ag radh, “Cha ghoirear ‘Duibh’ mar ainm air an uisge so tuille, oir “Bho latha liobhaidh nan arm, Bithidh ‘Liobhann’ mar ainm air ‘Duibh.’” SGIATHANACH. NAIDHEACHDAN. Cha ’n ’eil sgeul ur no annasach aig a’ GHAIDHEAL air a’ chuairt so. Dh’ eirich a’ Pharlamaid aig toiseach a’ mhios a chaidh seachad agus is gle bheag is feairrde sinn an saothair a’ bhliadhna so. Cha do chuir iad moran oibre troimh an lamhan, agus tha beagan coltais air an duthaich gu bheil seorsa de dhiomb oirre do Mhr. Gladstone agus d’ a luchd-cuideachaidh aig an am so; tha aon no dha d’ an bhuidheann a bha ’g a sheasamh air am fagail a mach, agus Tories air an cur a stigh ’n an aite. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil iasgach an sgadain a’ deanamh gu math; tha an sgadan anabarrach math agus gu leoir ann deth. Tha droch cunntas air a’ bhuntata ann an aite no dha; tha an galar—namhaid an duine bhochd—air e fein a nochdadh. Is e ar dochas agus ar guidhe gu ’m fas an aimsir na ’s fhearr, gu ’m faighear fathast am barr a chur cruinn air bheag call, agus gu ’n saorar a’ chuid mhor d’ an bhuntata. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh:— 1, A’ mhuc-mhara a shluig Ionah. 2, An Cadal. 3, A’ choinneal. SOP AS GACH SEID. Mur urrainn duit a bhi ann ad abhainn mhoir a’ giulan luingis lan beannachaidh thar an t-saoghail, faodaidh tu a bhi ann ad fhuaran beag ri taobh rathad-mor na beatha a’ seinn gu ceolmhor a latha ’s a dh-oidhche agus a’ toirt cupan de uisge fionnar do ’n fhear-thurais arsnealach, sgith a bhios a’ gabhail seachad. An duine a bheireadh achmhasan do ’n t-saoghal gu leir bu choir dha fhein a bhi ’n a dhuine do nach b’ urrainn do ’n t-saoghal gu leir achmhasan a thoirt. Na caith gus an coisinn thu. Caomhain chum comas toirt seachad a bhi agad. Saothairich chum gu ’m faigh thu nithe a bhuilicheas tu chum maith dhuit fhein agus do mhuinntir eile. Is deagh riaghailtean iad so do na h-uile, agus is dubh dhoibh-san an latha air an cuir iad cul riutha. Cha taitneach leinn a bhi air ar mealladh le ’r naimhdibh, agus air ar treigsinn le ’r cairdibh, gidheadh tha sinn gu minic air ar mealladh agus air ar treigsinn leinn fein. Far am bheil ceann air a dheagh lionadh le gliocas, gheibh e tamh agus fois air gach cluasaig a dh’ fheudas amhgharan an t-saoghail a chur fodha. Is e faobhar na loinne a tha ’n a dhearbhadh air deagh chlaidheamh, agus cha ’n e grinneas an dorn-chur, no maise na truaille. Ceart mar sin, cha ’n e a’ chuid no a mhaoin a ni duine ’n a dhuine mor agus urramach, ach a dheagh ghiulan agus ’fhior mhaitheas fein. Facal ’s an Dealachadh. Cha ’n ’eil aite againn gu taing a thoirt do ar cairdean lionmhor fa leth aig an am so. Gabhaidh iad ar leth-sgeul. Gu’ m bu fada comasach agus deonach iad air comhnadh leinn! [TD 213-224] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 225] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHARAIDH, 1873. [20 AIR. DONNCHA CAIMBEUL. III. Bha beachdan saobh-chreideach air an deargach air inntinn Dhonnchai leis a’ choinneamh mhi-fhortanach a bh’ aige ri tannasg a’ phiobaire, dheth nach d’ fhuair e cuibhte (a reir coslais) am fad ’s bu bheo e; ni a tha ’nochdadh an curam agus an fhaicill a bu choir a bhi air an cleachdadh ann a bhi a’ toirt cumachd do mhaoth-bheachdan inntinn na h-oigridh. Is e teisteas Ciobair Ettrick mu Dhonncha, nach b’ aithne dha riamh neach air an robh uiread do eagal roimh bhocain anns an dorcha. Bha a leithid de bhuaidh aig na faoin-bheachdan ud air ’fhaireachduinnean agus air a bhreithneachadh, agus nach bu chomasach dha am fuadach air falbh eadhoin le solus a reusain agus a thuigse. Cho luath agus a chiaradh am feasgar, bhiodh e an comhnuidh a’ sealltuinn a mach airson nan creutairean diomhair ud aig nach robh bith an taobh a mach d’ a mhac-meamna fein, le suil eudmhoir amharusaich air gach tom agus preas, air eagal gu ’m faodadh iad a bhi ri feall-fholach ’n am measg, ullamh gu leum a mach ’n a dhail ann an tiota. Na ’n coinnicheadh e ri neach anns an dorcha, no na ’n cluinneadh e fuaim obann air bith, bu leoir e gu a chainnt a thoirt uaithe car uine. Air dha Dewar fhagail, bha e car greis air seabhaideachd bho aite gu aite. Bu choltach gu’ n do choisinn e cairdeas agus comhfhulangas an t-sluaigh air sgath ’oige, a mhaise, a chrannchur aimbeartach, faondrach, agus an gradh a bh’ aige d’ a chompanach dileas, Oscar; oir mar ’bu bhitheanta, bha furan agus caoimhneas air an nochdadh dha anns gach aite air an tugadh e ’aghaidh. Bha cuimhne aige air ainm ’athar agus ’aite comhnuidh; ach mar nach cuala an sluagh air an robh e a tathaich iomradh riamh air aon seach aon dhiu, cha robh a’ bheag de shuim aca do ’n chuis. Dh’ fhuirich e faisg air da bhliadhna ann an aite d’ an goirte Cowhaur, gus an d’ thug creutair suarach a bu chompanach leapa dha, droch laimhseachadh dha, air dhoibh cur a mach air a cheile. Ann an spiorad feirge agus dioghaltais, dhirich Donncha a dh’ ionnsuidh an lobhta, ghearr e ad, brogan agus cota-sabaid a chompanaich ’n an stiallan; agus dh’ fhag e an t-aite mu ’n d’ thainig an oidhche. Bha e air allaban car uine ’n a dheigh sud feadh nan tuathanach timchioll na Tweed agus na Yarrow; ach thainig an caithe-beatha ud gu bhi anabarrach neo-thaitneach dha. Cha b’ urrainn dha cadal leis fein, agus cha bu toigh leis na seirbhisich, mar ’bu bhitheanta, balach fuadain le ’chu a ghabhail mar choimhleabach. Air feasgar fliuch, mu dheireadh an fhogharaidh, thainig Donncha gu tigh m’ athar; cha robh a’ bheag de aodach uime ach seann chota dubh a rinneadh do neach eigin a b’ airde na esan, agus a bha ruigheachd gu ’shailtean; bha ’fhalt riobagach, caisreagach, agus air ’fhailceadh leis na siontan; ach bha ’aodan urail, eireachdail, agus a’ taisbeanadh comharraidhean soilleir air fallaineachd cuirp, agus air cridhe faireachail agus toinisgeil. Bha Oscar ach beag cho mhor ris fein, agus air dath an [TD 226] t-sionnaich, le stiall gheal ’n a aodann, agus cearcal geal mu’ amhaich—cha ’n fhaca mi riamh cu-chaorach eile a b’ eireachdala. Thalaidh mo chridhe ri Donncha a’ cheud sealladh a fhuair mi dheth, agus ghuil mi le aoibhneas ’n uair a chunnaic mi an caoimhneas a nochd mo pharantan dha. Ghabh mo mhathair a leithid de thlachd dheth, agus gu ’n robh a’ chuid bu mho d’ a h-uine air a toirt suas car laithean ann an conaltradh ris. Bha mise gu bunailteach ’n an cuideachd, ag eisdeachd le ioghnadh ri eachdraidh gach allabain troimh an deachaidh e. Cha b’ fhada gus an robh mo pharantan cho uigheil uime agus ged a bu mhac dhoibh fhein e. Sgeadaich iad e le deise ur do dhrogaid ghorm, agus cheannaich iad dha boineid bheag Ghaidhealach, anns an robh e a’ sealltuinn cho ionghradhach, agus nach bu tamh no fois dhoibh e uamsa, gus an d’ fhuair iad dhomh leth-bhreac boineid Dhonnchai. Bha gach ni a theireadh no a dheanadh e, a reir mo bheachdsa, ’n an eiseimpleir dhomh; oir ghradhaich mi e mar mo bheatha fein. Air ’iarrtas, dh’ aslaich agus fhuair mi cead cadal leis, agus b’ ioma latha agus oidhche sholasach a chuir mi seachad le Donncha agus le Oscar. Cho fad ’s is cuimhne leam, cha b’ aithne dhuinn uireasbhuidh do sheorsa air bith; bhiodh ar sonas iomlan, mur bhith na bha do eagal oirnn roi na spioraid. Na ’n tachradh dhuinn toiseachadh air seanachas mu Phiobaire Dhewar, mu Mhaighdean Phlora, no mu Mharsanta-siubhail muillinn Thirlestane, bu tric a luidh sinn le ar cinn fo ’n aodach gus am bitheamaid an impis a bhi tachdte. Bu toigh leinn na sithichean agus na glaistigean; bha sinn rud-eigin baigheil ris na maighdeanan-mara, air sgath an aillidheachd fein, agus binneas an cuid oran; ach bha sinn rud-eigin amharusach mu na h-eich-uisge, agus cha bu toigh leinn dol ro dhluth air na puill eagalach anns an robh iad a’ tuineachadh. Bha fuath cridhe againn do ’n diabhul, ged nach robh mor-eagal oirnn roimhe; ach tannasg! Oh! uamhas nan uamhasan! Bha fuaim bocain, tannaisg no spioraid, mar bheum cluig leirsgrios ’n ar cluasan, agus a’ dol troimh ar cridheachan mar shaighdean fuar a’ bhais. Bha Donncha a’ buachailleachd spreidh m’ athar re an t-samhraidh; bha mise gu bunailteach ’n a chuideachd—cha b’ urrainn sinn fuireach dealaichte bho cheile. Dh’ fhas sinn cho ealanta air iasgach ’s nach rachadh na bric bhallach as oirnn a dh’ aindeoin am furachrais agus an seoltachd. Bu tric a chuir sinn seisdeadh ri aiteachan comhnuidh nan seileinean fiadhaich, agus a spuinn sinn iad dheth an ionmhasan millis, ged nach b’ ann gun fhios c’ arson. Bha na sgeapan cho lionmhor air feadh nan ailein agus gu ’m faighte iad fo gach spagh fheoir agus anns gach tuilmein. Na ’n tachradh dhuinn ionnsuidh a thoirt air sgeap anns am biodh lan-reisimeid, cha b’ ainmig a b’ eiginn dhuinn an ruaig a ghabhail gun chomharradh buaidhe no cobhartach. Bu tric le Oscar a bhi ’g ar cuideachadh anns gach iorghuill de’n t-seorsa ud, agus mur tuiteadh d’ a naimhdean dol an sas ’n a tharr no fo ’earbull, b’ esan am fear mu dheireadh de ’n triuir a ghabhadh an teicheadh. Cha chuimhne leam gu ’m faca mi riamh sealladh eile a b’ abhachdaiche na bhi faicinn Oscair air a chuairteachadh le neul dumhail de sheilleinean fiadhaich, agus e a’ cuibhleadh mu ’n cuairt, a tiolpadh thall ’s a bhos, agus a’ sior-chrathadh a chluasan. Bha aig Oscar tomhas do gheire thoinisgeil a bha ach beag do-chreidsinn; mar sheirbhiseach dileas, bha ’mhisneach agus a shuairceas eiseimpleireach eadhoin do chreutair reusanta. Da uair, thiorc e beatha [TD 227] Dhonnchai; aon uair, bho ionnsuidh a thug tarbh guinideach air, agus uair eile a thuit e thar eich bho chulthaobh m’ athar ann am meadhon aibhne, agus i ’n a lan thuil. Shnamh Oscar a null air thoiseach orra; cha bu luaithe a thuit Donncha, na a leum Oscar a mach as a dheigh; air a’ cheud sathadh rug e air boineid Dhonnchai, ach dhealaich a cheann rithe, ghrad-leig e as i, agus air an ath ionnsuidh fhuair e greim air coileir a chota agus shlaod e gu traigh e. Dhuisgeadh e Donncha gach maduinn aig an am shuidhichte; thilleadh e an crodh gun ordugh, gun ughdarras, na m faiceadh e iad a’ dol cearr. Na ’n tuiteadh an sgian á laimh Donnchai, ghiulaineadh Oscar ’n a bheul i. Na ’n cuirte air falbh e an toir air ni air bith a rachadh air chall, dh’ fhaodte bhi cinnteach nach tilleadh e gun ’fhaotainn. Aig sia bliadhna deug a dh-aois, an deigh dha bhi a dha no tri laithean gu tinn, bhasaich e air oidhche araid fo leaba ’mhaighistir. Mu fheasgar, ’n uair a thainig Donncha a stigh bho an treabhadh, thainig e mach bho ’ionad-foluich, chrath e ’earbull, dh’ imlich e lamh Dhonnchai, agus chaidh e air ais gu leaba a bhais. Rinn Donncha agus mi fein caoidh air a shon le bron gun cheilg; thiodhlaic sinn e aig bun craobh chaorainn air taobh cuil garaidh m’ athar; chuir sinn suas clach cheithir-chearnach aig a cheann, agus an uair mu dheireadh a bha mi anns an aite, fhuair mi i ’n a seasamh, direach mar dh’ fhag sinn i. Le mor shaothair, rinn sinn suas rannan cuimhneachain eadaruinn, a ghearr sinn air a’ chloich. Bha an ranntachd gle mhath, ach bha a’ chlach cruaidh agus an grabhaladh cho eu-domhain, agus gu ’m bheil na litrichean, cosmhuil ri solasan ar-n oige air an dubhadh a mach agus air dol as an t-sealladh. MUILEACH. (Ri leantuinn.) AN GOBHAINN. LE HENRY WADSWORTH LONGFELLOW. Tha cheardach bheag fo sgail na craoibh ’Tha ’cinntinn dluth do ’n stuaidh; Tha ’n gobhainn dreachmhor, laidir, treun, Le neul na slaint’ ’n a ghruaidh; ’S a ghairdean calma, feitheach, mor, Mar ghàd d’ an iarunn chruaidh. Tha ’fhalt dubh, fada, brisgeach, garbh, Tha ’aodann donn mar bhéin; Tha ’bhathais fliuch le fallus trom, ’S e ’n geall air ’obair fein, Gun sgath fo shuil an t-saogh’il air fad, ’S gun e ’n eis’meil neach fo ’n ghrein. O mhoch gu oidhch’, a ghnath ’s gun tamh, Cluinnidh tu ’bhuilg ri srann; A’s slachdraich ghramail an uird-mhoir, Gu riagh’lteach, socair, teann, Mar bhuille cluig ’s a’ chlachan chiuin, Aig ciaradh feasgair fann. [TD 228] Aig dorus na ceardach, clann na sgoil’, Ged ’s aotram, ait an ceum, Seasaidh, le fiamh roimh ’n teine mhor, ’S na builg is toirmeach geum, ’S a’ coimhead nan sradan ’tha, mar mholl Air urlar-bualaidh, ’leum. Di-Domhnaich, an tigh-aoraidh Dhe, ’S a mhic ri ’thaobh le baigh, Suidhidh e ’g eisdeachd Sgeul na Sith,— A’s cluinnidh e ’nighean ghraidh A’ seinn gu binn ’s a’ choisir-chiuil, ’S lionaidh a chridh’ lan aigh. Tha ’guth, thar leis, mar ghuth a math’r, Am Paras Dhe a’ luaidh! Eiridh i suas ’n a bheachd a rìs, Ged tha i sinnt’ ’s an uaigh; ’S le ’laimh chruaidh siabaidh e air falbh Na deura bharr a ghruaidh. Gu saoth’reach,—aoibhneach,—doilgheasach, Tha ’bheatha ’ruith gun tamh; Nì ùr ’g a thoiseachadh gach moch, ’S e deas aig crioch an là; Rud-eigin feuchta, rud-eigin réidh, ’S a dhuais,—trom-chadal tlath. Air son an teagaisg ’fhuair sinn uait, Taing dhuit a charaid chaoin; Mar so, air teallach dhearg an t-saogh’il, Oibrichear crannchur dhaoin’; ’S air innein cruaidh na beatha fos, Dealbhar gach gniomh a’s smaoin. Eadar. le MAC-MHARCUIS. MU NA SEANN GHAIDHEIL. XIV. LINN OISEIN AGUS NA FEINNE. Am measg nan gniomharan iomraiteach a rinneadh le Oscar, mac Oisein, tha air ’ainmeachadh cath a chuir e ri Caros, Righ nan Long. “Ciod a tha Caros Righ nan long a’ deanamh?” arsa Oscar ri Raoine. “Am bheil e a’ sgaoileadh sgiathan uabhair?” “Tha e’g an sgaoileadh,” ars’ am bard, “air culaobh a dhaingnich.” Tha Dan aig Oisean mu thimchioll a’ chogaidh a bha air ’ainmeachadh an so. Tha e ag radh gun do chuireadh an cath air bruachaibh Charruinn nan lùb agus gu ’n do chuireadh an teicheadh air Caros. Cha ’n ’eil teagamh nach e an Caros so, an traoiteir, Carausius, a bha ’gabhail da fein urram agus tiodal an Impire anns a’ bhliadhna 287, ’n uair a ghlac e [TD 229] Breatunn agus a thug e buaidh air an Impire Maximian Herculius, ann an iomadh long-chath. Is ann o an ni so a their Oisean Righ nan long mar ainm ris. Thainig Carausius so agus chairich e suas balla Agricola gu bacadh a chur air na Caledonaich o bhristeadh a stigh air taobh deas Bhreatuinn. Is i Carunn nan lùb an abhainn Carrunn a tha laimh ris a’ bhalla a thog Agricola am fagus do ’n aite ris an abrar an Eaglais Bhreac. A reir coslais ’n uair a bha Carausius a’ daingneachadh agus a’ caramh a’ bhalla so, gu neart a chosnadh dha fein, thainig Oscar agus buidheann de na Gaidheil air agus chuir iad an ruaig air, ’n uair a bha e a’ sgaoileadh sgiathan na h-iolaire, bratach nan Romanach, air culaobh na daingnich chairichte. Dearbhaidh an da ni so a rinn sinn ’ainmeachadh gur h-ann ’s an treas linn a bha Fionn beo. Oir ma bha Fionn a’ cogadh ri Caracul mac Sheveruis ’s a’ bhliadhna 217, aig toiseach na linne, agus Oscar mac Oisein a’ cogadh ri Caros ’s a’ bhliadhna 287, aig deireadh na linne, feumaidh e bhi gur h-i so linn Oisein agus na Feinne. Tha so a’ cordadh ris na h-eachdraichibh Eirionnach, a tha ag radh gu ’n d’ fhuair Fionn mac Chumhail bas anns a’ bhliadhna 283, agus gu’n d’ fhuair Oscar agus Cairbre Ruadh bas anns a’ bhliadhna 296; bha sin mu thimchioll naoi bliadhna an deigh do Charos Breatunn a ghlacadh ’n uair a bha e fein agus Oscar a’ cogadh ri cheile. Tha fios cinnteach againn gu ’n robh an t-Impire Septimius Severus ann an Caledonia, agus gu ’n do choinnich e ri cruadalaibh ris nach robh duil aige, oir chaill e mu thimchioll 50,000 saighdear air an turus so, mar tha Dion Cassius ag innseadh ’s an eachdraidh. Dearbhaidh an ni sin gu ’n robh sluagh lionmhor, treun, gaisgeil, eolach air cogadh anns a’ Ghaidhealtachd, a reir an iomraidh a tha Oisean a’ deanamh orra anns na Danaibh; oir cha do thachair an leithid air na Romanaich riabh ann an aite air bith air uachdar an t-saoghail ged a chuir iad an domhan uile fo cheannsal. Air an aobhar sin cha ruig sinn a leas iongantas a ghabhail gu ’n robh Fionn agus na seann Ghaidheil eolach air cogadh, ’n uair a bha iad a’ coinneachadh ris na Romanaich anns an arfhaich. B’ eigin do ’n Impire Severus pilltinn air ais air a shail agus an duthaich ’fhagail aca fein a chionn nach b’ urrainn iad a cumail leis an laimh laidir. Tha na h-uile coslas aosmhaireachd air Danaibh Oisein. ’N uair a dh’ inntrinneas daoine ann an comunn is i staid na Sealgaireachd a cheud seorsa cuideachd a chuireas iad suas. An deigh sin thig staid na Buachailleachd, agus a ris staid an Treabhachais no na Tuathanachd; agus an ceathramh staid, staid na Co-mharsandachd. A nise chi gach neach a leughas Dain Oisein gur h-i a’ cheud staid anns an robh esan a lathair: cha ’n ’eil ni air feadh a chuid dan ach sealg us fiadhach. Is cosmhuil gu ’n robh staid na Buachailleachd a’ toiseachadh, oir gheibhear iomradh air roinn na treuda ’n uair a dhealaicheas fear agus bean o cheile; ach cha ’n ’eil guth sam bith air Tuathanachd no air Co-mharsandachd air feadh nan Dan uile. Faodar a cho-dhunadh o ’n ni so gu ’n robh Oisein beo ’n uair a bha na Gaidheil a’ toiseachadh ri eolas ’fhaotainn air Buachailleachd agus spreidh. Thachair so mu ’n cuairt do thoiseach na coigeamh linne, ’n uair a thoisich na Gaidheil ri dealachadh a chur eadar an cuid fein agus cuid an coimhearsnaich. Aig an am so thoisich iad ri aitean-comhnuidh seasmhach a thogail doibh fein, agus lion iad na tighean mora so le creach nam Breatunnach deas a bha fo chuing nan Romanach, [TD 230] Anns a’ bhliadhna 426 dh’ fhag na Romanaich Breatunn, agus an sin bha na Breatunnaich ruisgte, gun didean, mar chreich do na Gaidheil. Chuir iad fios a chum nan Romanach air son cobhair, agus an uair nach b’ urrainn do na Romanaich so a dheanamh, chuir iad teachdaireachd a dh-ionnsuidh nan Sacsonach anns a’ Ghearmailt. Thainig na Sacsonaich a nall gu ’n comhnadh, agus phill na Gaidheil dhachaidh gu ’n tir fein. Thoisich an sin na Scuitich agus na Pictich, an da fhine Gaidhealach air cogadh ri cheile, agus air togail nan creach. A nise cha ’n ’eil Oisean a’ deanamh luaidh sam bith air aon de na nithibh so. Uime sin cha ’n ’eil e cosmhuil gu ’n robh maoin air a roinn, agus a chuid fein aig gach neach r’ a linn-san. Uime sin, faodar a cho-dhunadh gu reusanta gu’n robh Oisean ann mu ’n do thoisich an t-eadar-dhealachadh so ann am maoin am measg nan Gaidheal mu thoiseach na coigeamh linne. O na nithibh a chaidh ainmeachadh faodar a chreidsinn gu’n robh Oisein a’ seinn a dhan mu dheireadh na treas no toiseach na ceathramh linne. An t-iomradh a tha e a’ deanamh air na Romanaich cha b’ urrainn bard Gaidhealach an deigh an am so a dheanamh le bhi rannsachadh eachdraidh na Roimhe; oir an deigh na linne so bha na Gaidheil cho aineolach agus air fas cho fiadhaich ’s nach robh e comasach dhoibh a leithid a dheanamh idir. Ach, their neach, ciamar a chaidh na Dain a ghleidheadh air chuimhne, ma rinneadh iad cho trath ris an treas linn, no ris a’ cheathramh linn? Air tus freagramaid, ’n uair a theid a’ chuis fhagail aig beul-aithris, tha e cheart cho furasda rud a chumail air chuimhne fad da mhile bliadhna, agus a tha e fad da cheud bliadhna. Oir feumaidh an t-athair a theagasg do ’n mhac, agus am mac do ’n ogha, agus mar sin air adhart; agus ’n uair is gniomh cuimhne a tha ann tha e an t-aon chuid do ’n mhac ionnsachadh o athair, cia dhiubh is e ’athair fein a rinn e, no is ann a fhuair esan o shean-athair no o a shinn-seanathair an ni a rinneadh le daoinibh eile an linnibh o chian. Gleidhidh a’ chuimhne an dara ni cho maith ris an ni eile. Agus a rithist feumar a thuigsinn gu ’n robh a bhard fein aig a’ h-uile Ceann-cinnidh am measg nan Gaidheal, agus gu ’m b’ i a dhreuchd ghnathaichte a bhi ag aithris nan Dan so air beulaobh nan uachdaran, oir bha so taitneach do na cinn-fheadhna, a chionn gu ’n robh gach aon diubh a’ creidsinn gu ’m b’ iad na gaisgich a tha air an ainmeachadh le Oisein an sinnseara fein. Bha na cinn-fheadhna a’ misneachadh nam bard gus na dain a ghleidheadh air chuimhne le bhi toirt duais do ’n neach bu mho a dh’aithriseadh dhiubh. Mar sin bhiodh na baird a’ stri ri cheile a dh-fheuchainn co dhiu bu mho a ghleidheadh air chuimhne de na Danaibh; agus bhiodh amannan suidhichte aca anns am biodh iad ’g an aithris air beulaobh cuideachd de na cinn-fheadhna. Air an doigh so bha na Dain air an cumail air chuimhne agus leis an tlachd a bha na Gaidheil a’ gabhail annta cha b’ fhurasda leo an leigeil air dio-chuimhne. A thuilleadh air so faodar a thoirt fainear gu ’m bheil a’ chuimhne moran na ’s treise aig an dream sin nach urrainn leughadh no sgriobhadh idir, na tha i aig an dream a tha ag earbsadh ris na treosdain sin gu an cuideachadh. Agus ’n uair nach robh na baird a’ deanamh ni sam bith eile fad laithean am beatha ach a’ seinn nan Dan so cha b’ urrainn iad an leigeil air chall. Tha so a’ dearbhadh mar an ceudna gur h-i a’ Ghailig a labhair luchd-aitich na tire aig an am ud, oir cha ghabhadh iad [TD 231] gleidheadh air chuimhne ach ann an cainnt an t-sluaigh am measg an do chuireadh iad ri cheile o thoiseach. [MEARACHD CLOBHUALAIDH.—Ann an Aireamh 17 de ’n GHAIDHEAL, air taobh-duilleig 132, aig sreath 21 o’n bhraigh, an deigh nam briathran, “Feilim mac Fhearghuis,” cuir a stigh na focail so, “Ogha do Lathurna Mor Mac Earca, brathair Fhearghuis mhic Earca.” A dh-easbhuidh nam briathran so cha ’n ’eil seadh ceart anns an ni a chuireadh sios, oir, cha b’e Fearghus athair Fheilim, ach Fearghus, brathair Lathurna a bha ’n a righ an Earraghaidheal. Phos Fearghus, mac Chonuill nighean Lathurna, brathair Fhearghuis mhoir mhic Earca agus b’ i a’ bhean so sean-mhathair Chaluim-chille, agus b’e Lathurna mor a shinnsean-athair.] D. B. B. (Ri leantuinn.) A NIGHEAN DONN AN T-SUGRAIDH. [Ceòl] SEISD. A nighean donn an t-sugraidh, ’S mo chaileag laghach, shunndach,— A nighean donn an t-sugraidh. Gu ’n siubhlainse air m’ aineol leat. Gur ann oidhch’ Fheill-Bride A bhruadair mi os iosal; ’S ’n uair thionndaidh gu briodal, Cha d’ fhuair mi fhin ach faileas diot. A nighean donn, &c. A’ chiad Di-luain d’ an raidhe Ghabh mi moran graidh ort; Gu ’m fagainnse mo chairdean, ’S air saile rachainn thairis leat. A nighean donn, &c. Tha t’ fhalt a sios mu d’ ghuaillibh, Air dhath an òir, ’n a dhualaibh; Is math ’thig sioda luachmhor, Mu ghuaillibh grinn na h-ainnire. A nighean donn, &c. Do ghruaidhean mar na rosan, Do braghad mar an neoinean; An gaol a thug mi og dhuit! Cha bhi mi beo mur faigh mi thu. A nighean donn, &c. Do phog air bhlas nam figis, Do dheud cho geal ’s an ibhri; Is lionmhor fear ’tha ’n ti ort, ’S gu dilinn nach fhaigh iad thu. A nighean donn, &c. Cha ’n e meud do storais A chuir mi fhin an toir ort; Thug mi gaol ’s mi og dhuit, ’N uair bha mi gorach, amaideach. A nighean donn, &c. Ged bu leam de storas, Na bheil ’s an Fhraing ’s an Olaind, Gu ’m b’ fhearr leam bhi riut posda Na or an Righ ged fhaighinn e. A nighean donn, &c. Is mise ’tha fo eislein, Gach latha ’s mi ag eirigh, A’ cuimhneachadh air m’ eucaig, A’s Mac-a-gheill a’ laidhe leath’. A nighean donn, &c. [TD 232] COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COINNEACH.—Tha moran a’ cumail a mach, a Mhurachaidh, nach ’eil brigh no blagh sam bith ann am bruadar, ach is mise nach creid sin. Chaidh mi an raoir chum mo leapach gle throm, airsnealach, sgith, an deigh dhomh an la fada samhraidh a chur seachad o mhoch gu dubh anns na beanntaibh, agus ’s ann air eiginn a laidh mi sios an uair a thuit mi ’n am throm-chodal. MURACHADH.—Ciod dheth sin, a Choinnich, cha ’n iongantach ged a thuiteadh duine saruichte ’n a chodal mar ’eil ni sam bith a’ cur as da ach fior sgios—ach ciamar a tha do shlainte, ’Choinnich, agus ciamar a chaidh gach cuis leat o ’n chunnaic mi mu dheireadh thu? Is toilinntinn nach beag dhomhsa do chomhlachadh an diugh ’s an aite iomallach so. Ach, a laochain choir, dean suidhe, agus faigheamaid gach urachd a dh’ fheudas a bhi agad, dean suidhe, agus sin thu fein air an tolman thioram, uaine so. COIN—Ma ta, a Mhurachaidh, chuir thu casgadh orm an uair a bha mi ’dol a dh-innseadh dhuit gu ’n deachaidh mi gle sgith gu tamh an raoir, agus Seonaid bhochd, mo dheadh cheile ri m’ thaobh. Air ball thuit mi ’n am throm-shuain, ach chunnaic mi bruadar, agus b’ e sin am bruadar firinneach da-rireadh. Shaoil mi gu ’n d’ thug mi am fireach orm air la grianach, blath ’s a’ Cheitean, agus nach luaith a dh’ fhag mi an tigh na chuala mi glaodh na cubhaige. Ghreas mi orm gu grad, dhirich mi Sron-na-gaoithe, chaidh mi null air Beallach-a’-bhalgair, agus chomhlaich mi mo dheadh charaid, Murachadh Ban air Leitear-nan-cno. Agus nach iongantach an aisling sin a chunnaic mi, oir nach e a’ cheart bhad so Leitear-nan-cno? agus tha fios aig an t-saoghal gu ’r tusa Murachadh Ban, agus mar sin, gun duil idir ris, choimhlionadh mo bhruadar. MUR.—Tha sin gle iongantach, a Choinnich, ach tha thu ’g radh nach luaith’ a chaidh thu mach ’s a’ mhaduinn ’n a chual thu a’ chubhag, agus cha robh sin chum dochuinn ’s am bith dhuit, ma ghabh thu do lon-maidne; ach mur do ghabh, cha ’n ’eil ann ach gnothuch tubaisteach, agus cha ’n ’eil fios agam ciod a their mi mu ’n chuis. Thubhairt fear eigin d’ ar sinnsearaibh glic fein, air da na raointean a thoirt air mar a rinn thusa an diugh:— “Chunnaic mi ’n t-seilcheag air an lic luim, Chuala mi ’chubhag gun ghreim ’n am bhroinn, Chunnaic mi ’n searach ’s a chulaobh rium, A’s dh’ aithnich mi nach rachadh a’ bhliadhn’ so leam.” COIN.—Dean air do shocair, a Mhurachaidh, chuala mi a’ chubhag gun teagamh ann am bruadar, ach cha ’n fhac mi an searach, agus ged a chitheadh bu bheag m’ eagal roimhe. Cha ’n fhac mi an t-seilcheag air an lic luim, ach is iomadh seilcheag bhog, shleamhuinn, shnagach a chithear anns na h-amannaibh so, a mach air feadh an t-saoghail—seilcheagan le lamhan agus cosan, agus cridheachan cealgach,—agus is mise nach iarr an comunn! Ciod a’ ghaoth a sheid an rathad so thusa an diugh, a Mhurchaidh? Is toileachas gun duil ris t’ fhaicinn, fhir mo chridhe. MUR.—Cha robh smuain sam bith agam do chomhlachadh air an la so ann an Leitear-nan-cno: ged a bhruadair thusa sin, a Choinnich, cha do bhruadair mise e, agus cha d’inndrinn e ’n am chridhe gu ’n tachradh e; ach is fhad o ’n chual sinn gu ’n “Coinnich na daoine, ged nach coinnich na cnuic.” Ach innis domh ciod mu ’n robh thu an de, an uair a bha thu co mor air do chlaoidh le sgios. Bha thu a mach air feadh [TD 233] nam beann, mar a thubhairt thu, ach ciod ris an robh thu? COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh choir, chaidh mu ’mach mi ’n d’ eirich a’ ghrian, maille ri Uilleam forsair agus a chuid con, chum a bhi ’g an cleachdadh ri ruagadh nan fiadh, gu bhi ’deanamh deas air son na faoghaid aig deireadh an fhogharaidh. Feumaidh na coin a bhi air an cleachdadh gu trath ris an obair, agus tha Uilleam forsair dichiollach chum sin a dheanamh, agus uine sin, chaidh mi air ’iarrtas maille ris an de chum na beinne, agus ’s ann aig mo chosaibh tha fios. MUR.—Ro cheart, a Choinnich, ro cheart, ach ged a leudaich thusa agus mise ’n ar suidhe ann an Coire-nan-gobhar o cheann shea seachdain air ais air cleachdannaibh nan ainmhidh, tha mi fein gle aineolach fathast air gach ni mu shealg nam fiadh; ach tha thusa eolach air cleachdannaibh nam fiadh, agus air riaghailtibh na faoghaid agus nam miol-chon sheanga a theid a mach air an toir. Chual mi cuid ag radh gur mor an aois chum an ruig na feidh ma leigear leo. COIN.—Cha ’n ’eil teagamh air sin. Tha e cinnteach gu ’m bheil feidh anns na beanntaibh eadar Siorramachd Pheirt agus Earraghaidheal a rainig ceithir, cuig, agus sea fichead bliadhn’ a dh-aois, agus is mor sin. Mu leth-cheud bliadhna roimhe so dh’ fhalbh Mac Mhic-Alasdair agus duin’-uasal eile a mach chum na seilge, agus cha b’ fhad gus an do leum damh mor a mach as a’ choille dhuibh a bha ri ’n taobh. Ghrad loisg Mac Mhic-Alasdair, agus thuit an damh mor, aluinn, crocach ’n a ghlag marbh air an raon. Rinn e caoidh agus gul re seal mar leanabh mu ’n deachaidh an anail as, agus bu chianail, tiamhaidh a ran. Ghrad leum Gleann-Garaidh, an t-uasal a bha maille ris, agus Seumas-mor am forsair aige suas dh’ ionnsuidh an tolmain, far an robh an damh alainn ’n a luidhe, le ’chosaibh sinte mach, agus a cheann mor le chabairibh crochdach, biorach gu domhain an sas ’s an talamh. “Thig an so, a Sheumais, agus innis domh ciod an comhar-cluaise so tha mi ’faicinn air an damh.” “Sin agaibh,” arsa Seumas, “comhar-cluaise Eoghain Mhic Iain Oig a bha ’n a fhorsair aig bhur sinn-seanair, agus a dh’ fhag an saoghal so o cheann sheachd fichead bliadhna; air chor a’s gu ’m bheil an damh gun teagamh ceud gu leth bliadhna a dh-aois, no feudaidh e bhi moran tuilleadh.” Bha ioghnadh gun teagamh air na daoin’-uaisle, agus chuir iad mu dheibhinn an damh, anns an robh deich clachan fichead cudthroim, a thoirt dh’ ionnsindh caisteal Ghlinne-Garaidh far an do ghleidheadh na cabair aige gu curamach air balla an tallaidh-mhoir.” MUR.—Tha eagal orm, a Choinnich, nach ’eil anns na nithibh sin ach faoin-sgeulan, agus fior bhoilich! Cha ’n urrainn mise a chreidsinn gu ’n ruig fiadh air aois co mor, agus ged a ruigeadh na ’n leigteadh leis, ciamar re na h-uine fhada sin, tha e comusach do ’n ainmhidh bhochd e fein a theasairginn o laimh a naimhdean guineach agus gamhlasach? COIN.—Dh’ fheudadh tu a radh ceart co math, ciamar tha e comasach nach rachadh saighdear a dhìth anns na blaraibh fuilteach, an uair a bha na peleirean a’ feadaireachd seachad air a chluasaibh, agus gach inneal marbhtach eile ’g am bras-iomairt air gach taobh mu ’n cuairt da; agus trid an Fhreasdail araidh sin a ta ’g a dhionadh, is iomadh saighdear a tha air a theasairginn, gun an leonadh as lugha fhaotuinn, as na cathannaibh a ’s teotha, agus a ’s deine a chuireadh riamh. Am bheil duil agadsa nach gabh am Freasdal araidh ceudna curam dheth na feidh, agus dheth uile bheathaichean eile na machrach? Tha iomradh [TD 234] am measg luchd-seilge air agh a chunncas fad thri linntean ann am frith Loch-treig. Bha i co geal ri sneachd nam beann, agus co furachair, seolta, ’s nach robh e idir comusach do na sealgairibh a bha bliadhn’ an deigh bliadhna ’n a deigh aon urchair ’fhaotuinn oirre. Is iomadh rann agus oran a ta ’cur an ceill aois nam fiadh, agus is minic a chual thu fein an sean-fhocal, no an rann sin a rinneadh, agus a chreideadh le ’r sinnsearaibh fein:— “Tri aois coin, aois eich, Tri aois eich, aois duine, Tri aois duine, aois feidh, Tri aois feidh, aois fir-ein, Tri aois fir-ein, aois craoibh-dharaich.” Cha ’n ’eil fios againne, a Mhurachaidh, ach gu cinnteach cha ’n fhurasd an sean-fhocal a bhreugnachadh, agus cha ’n fhurasd mar an ceudna an tlachd agus an ciocras sin a thuigsinn a ta aig an luchd-seilg gu bhi ’dol a mach air toir nam fiadh. Cha ’n aithne dhomh briathra ni ’s taitniche annta fein, agus ni ’s freagarraiche chum so a dhearbhadh na briathran Ailean Ruaidh, forsair a bha aig seann Ghleann-Garaidh, an uair a bha e air cromadh le h-aois. Thubhairt Ailean, “Tha mi nis aosmhor, os ceann cheithir fichead bliadhna; ach tha mo thur a’s mo thoinisg agam, mo chiall is mo mheodhair mar a bha riamh. Tha da-rireadh a’ choluinn air fas breoite, ach tha an inntinn beothail, togarrach, agus ait. ‘Cha dirich mi bruthach, ’s cha siubhal mi mointeach’ ni ’s mo. Tha mo cheum goirid, agus is beag a bheir an anail do ’n uchd; ach tha mo chridhe fathast ’s a’ bheinn, agus aisling na h-oidhche am measg nan stucan arda! Duisgidh an smior am chnamhaibh aosmhar, an uair a chluinneas mi ‘tailmrich dhos, a’s chon, a’s shreang.’ Is minic, an uair a shuidheas mi ri grein fo dhubhar a’ bharraich, no am shineadh air na neonain aillidh, a thig cuimhne nan laithean a dh’ fhalbh mar aisling na h-oige air m’ anam. “’N sin chi mi air leam an gadhar A leanadh mi anmoch a ’s moch; ’S na sleibh bu mhiann leam bhi taoghall, ’S na creagan a fhreagradh do ’n dos.’” MUR.—Ubh! Ubh! a Choinnich, is tu a fhuair an t-eolas air na feidh agus air an sealgairibh! An uair tha na nithe sin uile ro thaitneach, is anabarrach do mheomhair agus do chuimhne, an uair a tha e comusach dhuit an aithris mar a rinn thu; ach chum ar n-inntinn a shuidheachadh car tacain beag air rud eigin eile, innis domh ciod na naidheachdan bhriagha a chunnaic agus a leugh thu ’s a’ GHAIDHEAL, no ’s an Ard-Albannach, no an aite sam bith eile o ’n chunnaic sinn a cheile roimhe. COINN.—Ma ta, a charaid ionmhuinn, agus b’e sin thusa, tha, gun teagamh, moran, moran aig a’ GHAIDHEAL agus aig an Ard-Albannach ri radh, agus is iad a dh’ aithriseas an sgeulachdan fein le tlachd, agus le beothalas gun choimeas. B’ iad fein na gillean a b’ urrainn. Is laoghach le cheile iad; agus air doibh a bhi ’n an dithis bhraithre, rachadh iad a mach cuideachd, agus thugadh iad misneach do aon a cheile gu bhi dian, tairis, foighidinneach, agus cliu-thoilltinneach. MUR.—Is mor a ta aca r ’a dheanamh, agus is iad a dh’ fheumadh an luchd-cuideachaidh. Cha ’n ’eil e an comas do aon neach leis fein, dh’ aindeoin a thapachd, greim a dheanamh air na h-uile nithibh, no aite a thoirt doibh ’n a eanchainn fein, ged a bhiodh a cheann co mor ri guit-fhasgnaidh! Cha ’n ’eil, oir feumaidh e cuideachadh; tha e ’faotuinn sin, agus gu mo fada, fada ’gheibh. Is cumhachdach Renton Mor fein, agus is dian, dichiollach, deas e chum gach bun agus barr, gach meacan agus freumh a bhuineas do ’n chanain, [TD 235] a tholladh a mach, agus a thoirt am follais air uachdar na talmhainn. COIN.—Tha na ficheadan eile ’s a’ champ-chuideachaidh, agus ’n am measg-san an seann Sgiathanach, aig am bheil a reir mo bheachd-sa, seillean ’n a cheann, oir mar biodh, c’ arson a chuireadh e faoineis agus boilich an ceill mu na rionnagaibh anns na speuraibh, ag radh gu ’m bheil iad co mor, agus co fad as; agus a thuilleadh air sin, ag innseadh dhuinn gu ’m bheil an talamh a’ dol mun cuairt, agus a’ ghrian ’n a seasamh gun charuchadh! Co a chual riamh baothaireachd agus gleormas cosmhuil ri so! An talamh a’ dol mu ’n cuairt! Nach ’eil mi ’faicinn Rudha-na-caillich, agus Sroin-nam-aighean, agus Beinn-a-chuarain far am facas riamh iad? An talamh a’ dol mu ’n cuairt! Ochan! ’s e nach ’eil;—ach tha eagal orm gu ’m bheil an creutair, Sgiathanach sin air a thruailleadh le saobh-chrabhadh a dhuthcha fein mu’n abradh e nithe co mi-chosmhuil, agus co direach an aghaidh theisteanais nan sul. MUR.—O, a Choinnich, a Choinnich, tha eagal oran a dh-aindeoin nan nithe a tha thu a’ leughadh nach ’eil thu ’g an tuigsinn gu ceart. Na ’m biodh, cha ’n abradh tu gur faoineas an reultaireachd a chuireadh sios fa d’ chomhair, ach nithe fior agus cinnteach. Ni mi dichioll air so a dheanamh soilleir duit uair eigin an deigh so, ach cha ’n inndrinn mi air an duigh. Bu ro mhaith leam a nis, a Choinnich choir, gu ’n cuireadh tu an ceill began tuilleadh fathast mu chleachdannaibh nan ainmhidh mar chomharraibh air an aimsir, mar a rinn thusa agus mise an uair a chomhlaich sinn mu dheireadh r ’a cheile goirid o ’n aite aonaranach so. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, feumaidh mi aideachadh nach ’eil aig an am so a’ bheag agam air mo mheomhair, a thaobh nan nithe iongantach sin; ach cha ’n ’eil teagamh agam nach tig nithe chum mo chuimhne uair eigin an deigh so; agus ma thig, bheir mi seachad iad. Ach am bheil cuimhn’ agad fein, a Mhurachaidh, air neoni air chor-eigin mu na cleachdannaibh iongantach sin, do bhrigh gur tusa a ’s fiosraich’ agus a ’s foghluimte na mise. MUR.—Feumaidh mi ’aideachadh, a Choinnich, an uair nach robh duil agam gu ’n tachradh sinn an diugh r ’a cheile mar a rinn sinn ann an Leitear-nan-cno, nach do shuidhich mi m’ inntinn fein air na cuisibh taitneach sin. Feudaidh mi ’ainmeachadh, gidheadh, gu ’m bheil na comharan ceudna mu ’n aimsir air an tarruing o nithibh eile mu ’n cuairt duinn anns an t-saoghal ceart co maith ’s a ta iad o chleachdannaibh nan ainmhidh. COIN.—Cha ’n ’eil mi ’g ad thuigsinn, a Mhurachaidh, agus uime sin minich dhomh na nithe a tha thu ciallachadh le eiseimpleir no dha a thoirt seachad mu ’n timchioll. MUR.—Ni mise sin, a Choinnich, agus an uair a mhinicheas mise na nithe a ta agam ’s an amharc, cha ’n ’eil teagamh agam nach cuimhnich thu fein air nithibh eile de ’n ghne cheudna. A nis, ma ta, a Choinnich, an do ghabh thu riamh beachd air so a thaobh lasair na coinnle? Ma chi thu an lasair sin a’ sradadh agus a’ leaghadh ’n a sliseagaibh beaga, cruinn, geal, gu ’m feud thu a bhi cinnteach nach ’eil an t-uisge fad as? COIN.—Feudaidh sin a bhi ro cheart, a Mhurachaidh, ach a dh-innseadh na firinn, cha tric tha coinnlean sam bith am fhardaich-sa, ach na coinnlean sin nach ith na coin, ’s iad sin na coinnlean, maith, tiorom giubhais. Air amannaibh, gun teagamh, bheirear coinneal na dha a’ buth Chaluim Thaileir an uair [TD 236] a thachaireas paisd a bhi aig Seonaid, ach a mhain aig na h-amannaibh sin, cha ’n ’eil sinn a’ cur dragh air na coinnlibh geala. MUR.—Tha mi ’g ad thuigsinn gu gasda, a Choinnich, ach cha ’n ’eil na h-amanna sin idir tearc no ainneamh, oir tha mi air mo mhealladh mur d’ thug Seonaid choir ortsa iomadh coinneal a cheannach, agus gu mo fad a ni ise sin, a bhean cheanalta! Ach, a Choinnich, an d’ thug thu riamh an aire gur comhar air droch aimsir an uair a thuiteas an suith sios ’n a bhruchdaibh as an t-simileir a’ dalladh na muinntir a ta ’cuairteachadh na cagailte, feudaidh e bhith a’ leughadh a’ GHAIDHEIL, no an Ard-Albannaich? COIN.—Tha sin ro cheart, a Mhurachaidh, is minic a ghabh mi beachd air sin, agus is minic a chunnaic mi an suith a’ taomadh a nuas as an luidheir ’n a bhras-shruth, a’ lionadh agus a’ milleadh na poit-lite, agus a’ salachadh gach paisde agus pearsa mu leac an teinntein. Ghabh mi beachd air so, mar an ceudna, ma loisgeas a’ mhoine ’s an teine le lasair ni ’s sgairteile na b’ abhaist, gur comhar cinnteach air gaoith sin. MUR.—Seadh direach, ach air an laimh eile, a Choinnich, an uair a chithear an lasair fann, iosal, agus gorm, cha ’n ’eil an reodha fad air falbh. COIN.—Is minic, mar an ceudna, a ghabh mi beachd, an uair a bha mi maille ri Coirneal Uilleam goirid o Ghlaschu, agus is fad o ’n la sin, na ’n cluinnteadh fuaim nan clag aig astar fad as, gu ’m bu chomhar air gaoith e, agus air atharrachadh na h-aimsire. MUR.—Direach sin, agus ma bhios a’ ghaoth gu tric a’ caochladh ’s an aon la, ’s e a ’s glice a bhi ’deanamh ullachaidh air son doininn anradhaich. Ach, a Choinnich, eisd ri so, ma dh’ fhasas salann, no clachan-marmoir, no iarunn, no gloine, fliuch mar le druchd, is comhar sin air uisge, no air aiteamh. Air an doigh cheudna, ma dh’ atas fiodh nan dorus, no nan uinneag air chor ’s nach duinear gu furasd iad; no ma dh’ fhasas na cruaidh-bhuilg air ordagaibh nan cas ro ghuineach, goirt, tha ’n t-uisge ’s an t-aiteamh am fagus. COIN.—Tha e ro cheart co dhiubh mu adhaircibh nan ordag, a Mhurachaidh, oir is iomadh ceum crubach thug iad orm a dheanamh; agus air an t-seol cheudna, tha iadsan a tha air an claoidh leis a’ ghreim-loinidh mar na gloineachan-aimsire chum gach sian agus doinionn a chur an ceill roimh laimh. MUR.—Tha mi ’faicinn gu ’n toir thu barr orm, a Choinnich, le d’ fhiosrachadh mor. Tha mi cinnteach gur ann ’s a’ GHAIDHEAL, no ’s an Ard-Albannach a chunnaic thu sin, ach is comadh co dhiubh an uair tha fios agad air. An do ghabh thu beachd gu ’m bi na gaothan a thoisicheas air seideadh anns an latha an comnnuidh ni ’s fiadhaiche agus ni ’s bunailtiche na iadsan a thoisicheas anns an oidhche; agus mar an ceudna, gu’ m mair an reodha a thoisicheas le gaoith, moran ni’s faide na reodha na ciuine. COIN.—Ghabh mi beachd, mar an ceudna, nach tric leis an aimsir atharrachadh mur atharraich a’ ghaoth an toiseach; agus ma chithear nithe a ta fad as ni’s soilleire gu mor na b’ abhaist a bhi ’g am faicinn, agus ma shaoilear gu ’m bheil iad ni ’s faigse a laimh na tha iad, cha ’n ’eil teagamh sam bith nach tig an t-uisge gun dail, agus, feudaidh e bhi, aimsir ghailbheach. MUR.—Cha dean so an gnothuch, a Choinnich, oir cha ’n ’eil thusa no mise a’ smuaineachadh gu ’m bheil an t-anmoch a’ cromadh, agus gu ’m bheil astar nach beag aig gach fear againn r ’a dheanamh. Uime sin, mu ’n fag mi beannachd leat, aithrisidh mi [TD 237] sgeul beag a thainig chum mo chuimhne air an teallsanach ro fhoghluimte sin, an Ridire Isaac Newton. Ma ’s fior an sgeul, ma ta, bha e air la araidh a ’dol thar beinne air muin eich, agus ri taobh an rathaid chunnaic e balachan a’ gleidheadh chaorach, Bha ’n la grianach, teth, air chor ’s gu ’n robh fallus air an Ridire agus air an each! Stad e re tamuill bhig, agus labhair e ris a’ ghiullan buachaille. Thubhairt e gu ’m bu taitneach, grianach, blath an la a bh’ ann. Fhreagair am balachan, agus thubhairt e ris an Ridire, “Tha ’n la mar sin, le d’ chead, tha ’n la tioram, teth, grianach gu ’n teagamh; ach ma tha fad agad r ’a dhol, a dhuin’-uasail, bu choir duit do chasan a thoirt as, oir cha mharcaich thu cuig mile gus am bi thu co fluich ’s a ni uisge thu, mar ruig thu ceann t-uidhe roimhe sin.” Rinn an Ridire snodha-gaire ris a’ bhalachan, gun a bhi creidsinn focal de na thubhairt e, ach air da bonn beag airgid a thilgeadh d ’a ionnsuidh, thug e an rathad mor air, a’ greasadh an eich mar a dh’ fheudadh e. Cha robh an teallsanach urramach tri mile air falbh o ’n aite far an do chomhlaich e am balachan, gus an do thuit an t-uisge ’n a thuiltibh as na speuraibh, agus air da a bhi ann an aite far nach robh tigh no fasgadh ri ’m faotuinn, bha e fluich dh’ ionnsuidh a’ chraicinn ann an uine ghoirid. Ach, fliuch mar a bha e, bha iongantas co mor air a thaobh an rabhaidh a thug am balachan dha, ’s gu ’n do thionndaidh ceann an eich agus mharcaich e air ais chum am balachan ’fhaicinn, agus chum fios ’fhaotuinn uaith mu ’n doigh air an d’ aithnich e gu ’n robh an t-uisge gu teachd. Rainig se e, agus fhuair se ’n a shineadh e am fasgadh cloiche. “Thig an so, mo ghiullan math,” ghlaodh an Ridire, “thig an so, agus bheir mi bonn cruin duit, ma dh’ innseas tu dhomh cia mar a bha fios agad gu ’n robh an t-uisge gu tighinn.” Ghrad leum an t-oganach suas air a chosaibh loma, agus thubhairt e ris an duin’-uasal, “Chunnaic sibh gu ’n d’ thainig an t-uisge ged nach creideadh sibh mise ’s an am.” “Thainig e gu ’n teagamh, a bhalachain, ach innis domh gu saor ciod an seol air an robh fios agad-sa air sin.” Thug e am bonn airgid an sin do ’n bhalachan air son an robh e ro thaingeil, agus thubhairt e ris an ard-uasal, “Am bheil thu ’faicinn an reithe dhuibh sin thall air a’ chnocan ud fad’ chomhair? Gach uair, ma ta, a chi thu e a’ tionndadh earbuill ris a’ ghaoith, feudaidh tu a bhi co cinnteach ris a’ bhas gu ’n tig an t-uisge trom an ath-ghoirid.” Dh’ eisd, agus dh’ fhalbh an Ridire foghluimte, an duil gun teagamh nach d ’fhuair e anabarr fiosrachaidh aon chuid o ’n eolas a thugadh dha leis an reith dhubh, no leis-san a bha ’gabhail curaim dheth, agus a’ creidsinn ann. COIN.—So, so, is taitneach do bhriathran gun teagamh, a Mhurachaidh, ach is eiginn dealachadh; tha ’n t-slighe fada, bithidh an oidhche dorch, agus mo mhile beannachd leat gus an comhlaich sinn a cheile a ris. ALASDAIR RUADH. BLAR SHUNADAIL. LE UILLEAN MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Cha robh an Dan a leanas riabh ann an clo, agus tha mor thoil-inntinn oirnn cothrom a bhi againn air a chur fa chomhair luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL. Tha e fada, agus air an aobhar sin feumaidh e bhi air a thoirt a lathair ’n a earrannan,—cuid anns gach aireamh d’ an GHAIDHEIL. An uair a bhios e uile air a chur fa [TD 238] chomhair muinntir a tha comasach air breith cheart a thoirt air saothair nam filidh, agus a leughas iad e aig aon am o cheann gu ceann, tha sinn ’s a’ bharail gu ’n aidich gach aon diubh gu bheil an oidheirp mu dheireadh a thug am Bard airidh, agus nach d’ thainig mairneal no meirg air a chlarsaich, eadhon gu crich a thurais. Mar mhineachadh air an Dan, faodaidh sinn a thoirt fainear, nach fhios dhuinn gu bheil iomradh, aon chuid ann an eachdraidh no ann am beul-aithris na duthcha, gu ’n deachaidh blar riabh a chur aig cladach Shunadail: tha gach ni ’s an Dan air a chruthachadh le macmeamna a’ Bhaird. Tha eachdraidh an Dain mar a leanas:—Bha oileanach araidh air an robh am Bard fior eolach air cead searmonachaidh ’fhaotainn, agus air a thaghadh le muinntir sgireachd aonaichte Shadail agus Sgiobnais, mar fhear-cuideachaidh do ’n mhinisteir. Smaointich am Bard gu ’n tugadh e sgriob do Chinntire a dh-amharc a charaid. Rainig e tigh a’ mhinisteir far an robh an searmonaiche og a’ tuineachadh aig an am. Chaidh a bheatha a dheanamh, agus bha am ministeir coir cho riaraichte leis an eolas a nochd am Bard a thaobh seann eachdraidh, agus fhuair e de dh-abhachd o sheanchas Mhic-Dhunleibhe, gu ’n d’ iarr e air fuireach seachdain no dha maille ris. Rinn Uilleam so gu toileach; agus air dha bhi ’manran timchioll a’ chladaich agus feadh nan creag, thainig e air aon no dha de laraichean nan tur ud a bha, a reir aogais, mar chearcall aig aon am a’ cuartachadh cladach Chinntire. Tha fhios aig gach aon a tha eolach anns a’ cheann sin de dh-Earraghaidheal cho lionmhor agus a tha na laraichean sin fad an rathaid mu ’n cuairt o Rudha-Sgiobnais gu Dun-sgeig aig beul Loch-an-Tairbeirt chuil. Bha cuid de na duin ud gun teagamh air bith ’n an turan-faire, agus cha b’ ann ’n am baidealan dion, ach tha feadhainn eile dhiubh a bha air an daingneachadh gu laidir mar chaistealan tearmuinn. Am measg an t-seorsa mu dheireadh feudaidh sinn an fheadhainn a leanas ’ainmeachadh:—Caisteal an Tairbeirt, far an d’ fhuair Raibeart Bruce fasgadh an uair a tharruing e a bhirlinnean trasda o’n loch chuil; Caisteal mor Sgiobnais, a tha fhathast ann am mor chuid ’n a sheasamh; an Dun air Rudha-Charadail; Caisteal Shadail, anns an robh muinntir gus o chionn dha no tri ’bliadhnachan a chomhnuidh; Dun-abhartaidh, a tha cho iomraiteach ach beag ri Gleann-Comhann fein air son a’ mhuirt uamhasaich a rinneadh ann; agus Dun-sgeig os cionn beul Loch-an-Tairbeirt-chuil. Cha ’n eil aon diubh sin nach b’ fhiach an t-saothair do neach dol a’ h-uile ceum o Ghlaschu g’ an coimhead. Tha dithis diubh—Dun-sgeig agus an Dun aig Rudha-Charadail, d’ an t-seorsa ris an abrar ’s a’ Bheurla, vitrified forts. Ach cha ’n ann ris na seann chaisteal a tha ar gnothuch aig an am, ach ri obair a’ Bhaird. Thachair, mar thuirt sinn, aon no dha de na laraichean ud air a’ Bhard agus chuir iad e gu smuaineachadh air na amannan borb anns an robh cabhlach Lochlainn mar eoin sgriosach a’ sgaoileadh an sgiathan air a’ ghaoith, agus a’ teachd air corsaibh agus air cladaichean Albainn mar sgaoth locuist, a’ spuinneadh agus a’ milleadh. Tha na cinn-fheadhna a chuir am Bard thairis air muinntir Chinntire air am faotainn am measg nan daoine coire a tha fhathast a’ tuineachadh timchioll “cladach bearnach” Shunadail, ach is cinnte leinn nach bi aon diubh diombach air son a bhi air an ainmeachadh ann an doigh cho urramach le Uilleam coir. Feudaidh sinn sgeula beag ’innseadh an so mu dheibhinn a’ Bhaird, a tha [TD 239] air mhodh sonruichte a’ foillseachadh cho Gaidhealach ’s a bha na faireachdainnean aige. Bha e air ’aithris mu aon charaid ainmeil a bha aig na Gaidheil, na ’m biodh an cridhe aige air ’fhaicinn, gu ’m biodh e sgeadaichte anns an fheileadh! ach na ’m biodh cridhe Mhic-Dhunleibhe air ’fhaicinn, bhiodh e, cha ’n e mhain aodaichte ’s an fheileadh, ach ann am feileadh breacain, le breacan-guaille ioma-dathach, peitein de chloth glas Ileach, boineid leathann le bad fraoich innte, agus biodag a’s claidheamh air a leis! Is e so an sgeul a bha sinn dol a dh-aithris:—An uair a rainig Uilleam Cinntire, aig an am air am bheil sinn ag iomradh, bha astar coig no sea mhiltean aige ri ’choiseachd m’ an ruigeadh e ceann-uidhe a thurais. Bha e ann an slainte bhreoite aig an am, bha a sporan aotram, a’s cha b’ urrainn da dioladh airson carbad no each; cha mhomha ’chuir e fios gu ’n robh e tighinn, no bhiodh neach ’g a choinneachadh. Cha robh aige air ach an t-astar a choiseachd. Dh’ fhas e sgith fann air an rathad; leig e e fein ’n a shineadh air tom fraoich. “Laidh mi ann an sud,” ars’ e fein, “a’ saoilsinn gu ’n robh a’ chrioch air tighinn; ach, aonaranach, cianail mar ’bha mi, bha aon aobhar comhfhurtachd agam, agus b’e sin, gu ’n tiomnainn mo spiorad suas air fraoch glan, Gaidhealach.” Is gann a b’ urrainn gaol an fhraoich a’s nam beann dol ni b’ fhaide. Tha so a’ toirt ’n ar cuimhne comhairle a thug Uilleam aon uair air oganach Gaidhealach anns a’ bhaile so. Bha an duine og a’ suidhe ann an aon de dh-eaglaisean Gaidhlig a’ bhaile, agus, airson aobhar eigin, ghabh e diomb ris a’ mhinisteir—mar is tric a ni muinntir iomadh uair air gle bheag aobhar—a’s bha e doll a dh-fhagail na h-eaglais anns a’ mhiann e fein a cheangal ri aon de na h-eaglaisean Gallda. M’ an deanadh e so chuir e a chomhairle ri Uilleam, agus so agaibh an earail a thug am Bard air:—“Ud, ud, a laochain cha ’n fhag thu an eaglais, far am bheil Gaidhlig air a searmonadhadh! Bi thusa a’ dol do ’n eaglais, agus leugh na Baird Ghaidhlig, agus theid mise an urras nach eagal duit.” Is iomadh doigh neonach agus neo-choltach, mhearachdach agus mhealltach, airson sonas bith-bhuan a ruigheachd, air an cuala sinn iomradh, ach bu naidheachd ur da-rireadh, gu ’n robh leughadh nam Bard Gaidhealach ’n a mheadhon eifeachdach a chum flaitheanas a ruigheachd: ach cuimhnicheamaid air son so uile nach b’ e aineolas ach neonachas a thug air a’ Bhard a’ chomhairle a thairgseadh. R. I. BLAR SHUNADAIL. A Shunadail a’ chladaich bhearnaich, Ged is corrach glas do shlios, ’S ged nach robh thu tric an saothair nam bard, M’an teirig do sgeul creiche ’s blair Bithidh tu ’measg chaich ’g ad iomradh. Do rudha ciar-dhubh, ’bia’dh nam bairneach, Sguabta, baite, ’s co d’an ioghnadh? ’N uair a sheideas Alasaid a fuaradh, A’ sguabadh tonnan Chaolais-Bhranndain; Mullaichean mara le stoirm faoiltich, A chunnaic mi o thaobh Dhun-leabhair; Onfhadh na doimhne shalainn A’ stealladh mu d’ cheann gun sgios, A’ tuiteam ’s a’ direadh mu seach; Trom mhothar slachdraich stuadhan fairge, A’ criothnachadh do charaigean cleiteach, dubh, Air nach laidh dus a’ Mhairt. Co nach sireadh do ghlacan uaine, A chunnaig aon uair iad ’N an culaidh shamhraidh— Cruitheachd nan lusan, mar gu’m b’ann, a’ stri Co ’s riomhaiche a sgeadaicheas Gach isleach a’s bruaich, Bho tholman nead na h-uiseig’ Gu aisridh doireachan nan earb! Do ghleanntan coillteach far an cluinnear Na miltean iteach fo dhuilleach Nan crann cubhraidh, air bruachan Nan sruithean nach traoigh, [TD 240] A’ taomadh an uchd do thragha, A tha ’nis am measg chaich an iomradh. An laithean Choinnich mhoir na h-Alba— ’S chualas gach gniomh a thug an t-ainn dha— Bha Rurach Mac Chracaig ’s nan streipe, ’N a righ an Ath-cliath an Eirinn— Lochlannach cruadalach, seolta. B’ iomadh buinne doirbh a sheol e; B’ iomadh uamha, coill’ a’s cladach Anns an do sheid e turlach rathaid; B’ iomadh buaile mhor a chreach e, ’S bu lionmhor fear garg a ghleachd e Eadar Tir-Chonuill a’s da Arainn, Gleannaibh na Rut’ a’s Manainn— Eilean tri-chasach nan Gaidheal. Tha crioch orr’ annad, ’s b’fhad an dail ud, Ghlachd Rurach thu le ’chabhlach, ’S sheisd e do Dhun dion le ’armailt ’S an uair a shaoil e gu ’n do striochd thu Ghairm e gu comhairl’ a dhilsean. De ’n chuid diubh ’ rainig a’ choinneamh So an ainmean’ borb gun sloinneadh— Meargadal, Gargan, a’s Brosdan, Beolan, Eardadh, a’s Torcull, Lorgan, Rasan, a’s Crogach Ugadal, Mugan, a’s Dornan. ’N uair ’choinnich iad aig Carn-a’-ghrianaidh Thug Rurach mar so dhaibh ’iarrtas: “Chi sibh an diugh grian an Earraich A’ boillsgeadh air muir ’s air talamh, Ag innseadh gur am dhuinn gluasad A chuir na gheibh sinn ris na fhuair sinn. Thog sinn cheana creach na h-Eireann, An iomadh cearn, ’s cha d’fhuair iad eiric Ach rocail an fhithich air an cairbhean, Air tir-mor ’s an innsean fairge, Cais’meachd na tuaidhe ’s gaoir nan lasair Ag innseadh co dhinn a thachair Air na dh-fhag sinn sgathta roiste, ’S de ’na fhuair sinn nach robh beo dhiubh, Eadar Sligeach ’s Carraig-Fhearghais, Na thogadh an coir’ air eallachain! Tha Manainn gun chrodh gun aireach, ’S cha ’n fhada bhuainn creach Earra-ghaidheal— Ceann-tire torach, feurach, gleannach, Fonn-altrom nam fiadh ’s nan coileach. Tha ’n fhairge ma ’n cuairt gach taobh dheth, Domhain, glan, gun bhristeadh caolais, Far am faigh ar Cabhlach seoladh Gun ghrabadh timchioll a’ chorsa. O Bheinn-an-Tuirc gu Loch-an-Tairbeirt. Le soillse maduinn ’s ciar an anmoich, Siubhlaidh sinn airdean a’s comhnard A’ gabhail mar thig creach a’s torachd. Faicibh a nis co ’n taobh dheth Is laige dion ’s is lugha ’n daoine, ’S an doigh is fearr air a ghlacadh, Ma ’m faigh a mhuinntir cultaice. A Ghargain, an toiseach so do bharail— Is tu an Ceann-feadhna is sine th’ againn. GARGAN.—“Aig do sheirbhis mar mo chomas; Ach ’s deacair an comharadh sin ’amas: ’S fior gu ’n do thog sinn creach na h-Eireann, ’S nach d’ fhag sinn aon a dh’innseadh sgeul air; Bha ’n tuadh a’ srachdadh sgrath nan cairean, ’S am foid lasrach ris gach fardach; Cha d’ fhag sinn mart air beinn no faiche, No each no lair a dh’fhas an seiche; Theich na h-Eireannaich a’ sianail Gu bonn na speur ’s ni b’ fhaide dh’ iarradh! ’S an uair ghabh iad an casan mar urras, B’ e ’m port ciuil, ‘Cha till sinn tuille.’ Ach ’s meallta so a thoirt mar shamhladh Air Gaidheil laochail na h-Alba. Ma theid thu ruisgte troimh thom droighinn, ’S coiseachd cas-lom air preas cuilinn, Cadal gun lein’ air an eanntaig, ’S racadal itheadh gun draing ort, ’S usadh dhuit sud na dol a’ spionadh Friodhan stailinn Chinne-Tire. Ach o’n ’s comhairle ’s nach comhrag Is feumaiche ’s an am g’ ar seoladh, Mar ’s lugha a their ’s is mo a ni sinn ’S ann is airde a bhitheas gach gniomh dhuinn. Tha ’n so da fhear dheug de’ d’ chairdean A lean riut riamh ’s a nis nach fag thu; Tha da bhirlin ann ad chabhlach Co maith ’s a chuir druim air fairge— Da she-ramhach dhionach laidir, ’S theid sinne, seisear anns gach bata. Faigh slatan iasgaich agus liontan, Aibh osanach a’s eangach sgriobaidh. Theid thu ma ’n cuairt Cinntir’ mar iasgair, ’S chi thu deas a’s tuath, mar t’ iarrtas, Gach port a’s traigh, gach uig a’s cala, Gach caisteal, tur a’s bealach-faire; ’S ma thig iad ’s gu’m feoraich iad, Co sinn, Tha Gaidhlig Arannach aig coig dhinn, A’s triuir eile a bha ’n Leogh’s ’n an oige ’N uair dh’ iarr na Lochlannaich coir air; ’S aithne dhuit sinn. Gabh air t’ adhart— Cha chreid mi nach soirbhich an oidhirp.” “’S maith thu, fhir ghairg,” arsa Rurach, “Is treise foill aig am na dubhlan. Beartaichaibh Sron-nam-fuaradh Le ’druim dhireach, ghniomhach nach d’fhuaradh A’ tilleadh air roinn cholgach rudha. Siomadh tonn a sgoilt i dhuinne, Sruth a’s gaoth da’n d’thug i gualainn,— Cha’ fhacas fathast seise luathais dhi; S mur tig Mac-Iain-ghearr g’ ar torachd’ Cha ghlacar le luath’s ramh na seol i!” (Ri leantuinn.) [TD 241] FACAL AS LETH NAN GAIDHEAL. A GHAIDHEIL URRAMAICH,—Tha e a’ cur leamhadais agus gruaim orm a bhi cluinntinn nan Sasunnach anns na cearnaibh so d’an t-saoghal. Tha na h-Albannaich ’n an suilibh mar dhaoine borb, a chiosnaich iad, agus a tha iad a’ càlachadh. Ma thuiteas do dh-Albannach no do dh-Eireannach bochd droch-bheart a chur an gniomh, faodar a bhi cinnteach gu’n teid a chur an ceill ’s na paipeirean ann an litrichibh mora; ach ma ’s e Sasunnach a ni lochd, cha teid an t-iomradh is lugha ’thoirt ciod an duthaich d’am buin e. Cha ’n fhaod na h-Albannaich no na h-Eireannaich, agus gu seachd-sonruichte na Gaidheil, laidhe mar so fo throm-lighe. Cuireadh na Gaidheil an guaillean ri cheile, slaodadh iad a dh-aon rathad mar a rinn ann sinnsearan aig a’ Mhonadh-Gharbh, an uair a thug iad dulan do uile chumhachd na Roimhe, ged bha an saoghal aithnichte gu leir fo chis doibh, agus cha ’n eagal nach eirich buaidh leotha, ged tha iad “Air an sgaoileadh Mar bhaidne chaorach air iomairt, An iar ’s an ear.” Tha seann ràdh ’s a’ Ghaidhealtachd agus is e sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.” A reir an ràdh so bha an Fheinn aig aon am fo gheasaibh ann an uamh araidh nach b’ fhiosrach do neach beo. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus na ’n robh de mhisnich aig an neach a gheobhadh a mach iad an dùdach, a sheinn tri uairean, dh’ eireadh an Fheinn beo, slan. Air do shealgair araidh dol air seacharan ann an ceo, thainig e air an uamha anns an robh an Fheinn. Chunnaic e an dudach, agus chuimhuich e air an t-seann ràdh, gu’n robh an Fheinn fo gheasaibh, agus ge b’e neach a sheideadh an dùdach tri uairean gu ’n duisgeadh e iad. Bha e ’g am faicinn ’n an laidhe ’s an uamha: rug e air an dùdaich, agus sheid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor ioghnadh a thug e fainear gu ’n do dh-fhosgail gach aon diubh an suilean agus iad a’ dur-amharc air ’s an aodann, agus thug e fainear mar an ceudna, le oillt, gu ’n robh an suilean mar shuilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach, sheid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad dh’ eirich gach aon air ’uilinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu leir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd dh’ innis e a sgeul d’ a chairdean, agus ghabh iad a mach comhladh, ach cha b’ urrainn doibh amas air an uaimh tuille, ’s cha d’ fhuaras riabh i gus an latha ’n diugh. Theirear bho sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.” A nis, a GHAIDHEIL urramaich, tha mi ann an dochas gu ’m bi sibhse a’ seideadh dùdaich ann an cluasan sliochd na Feinne, sliochd nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach, agus nach stad sibh le da no tri sgalan a sheideadh, ach gu ’n lean sibh air, gus am bi iad air an casan a sheasamh an coirichean ’s an dlighe fein; agus ’n a dheigh sin, air eagal gu ’n teid iad a rithist a chadal nach sguir sibh a sheideadh gus am bi na Gaidheil air an cruinneachadh as gach cearna d’an chruinne, do dh-aon tir, far am bi iad ’n an aon sluagh, a’ labhairt agus a’ deanamh an gnothuichean gu leir anns an aon chanain bhinn, bhlasda, a’ Ghaidhlig!—Creidibh gur mi, le mor mheas, Bhur seirbhiseach dileas, D.B. Australia a’ chinn-a-deas, Deireadh an Earrraich, 1873. [TD 242] DEAS FHREAGAIRTEAN. Is iongantach cho ealamh, ’s cho sgaiteach ’s a gheibh cuid de dhaoine freagairt facail. Thuit dhomh fein a bhi ann an aite araidh far an robh cruinneachadh mor dhaoine. Thainig neach an rathad le steud-each briagh aige ’g a nochdadh. Am measg iomadh maise eile, bha sguab mhor earbuill air an each. Thuirt fear a bha ’n a sheasamh dluth dha, uair no dha, “Nach aluinn an t-earball a th’ air!” Thionndaidh am fear a bha an ceann an eich ’s thuirt e gu spideil, “Am faca tu earball eich riamh roimhe?” “Cha ’n fhaca riamh roimhe,” ars’ am fear eile, “’s ann a chunuaic mi e daonnan ’n a dheigh!” Latha a bha Sir Walter Scott a’ marcachd thainig e gu cachaileith dhuinte. Bha Eireannach dluth a laimh a dh’ fhosgail a’ chachaileith. Chuir am marcaiche a lamh ’n a phoca air son sea sgillinn, ach cha robh aige na bu lugha na tasdan; shin e do ’n Eireannach e, ag radh, “Tha sea sgillinn agam ort.” “Ma ta,” ars’ esan, “gu ’n robh sibh maireann gus am paigh mi sibh!” Air do dha dhuin’-uasal a bhi ’gabhail an rathaid aon latha thachair Eireannach orra agus air do thoil a bhi aig fear dhiubh beagan feala-dha a dheanamh ris an Eireannach, thuirt e ris, “Na ’m faigheadh an Droch-Spiorad a roghainn an ceart uair, co a shaoileadh tu a bheireadh e leis—thu fein no mise?” “Mise, gu cinnteach,” ars’ an t-Eireannach. “C’ arson sin?” ars’ an duin’-uasal. “A chionn gu bheil e cinnteach asadsa aig àm ’s am bith!” J. W. Lag-na-h-abhunn, Meadhon an Fhogharaidh, 1873. An tì ta suas òltar deoch air, An tì ta sìos buailtear cos air. —Seann Ràdh Eireannach. CONN MAC AN DEIRG. Sgeul air Conn mac an Deirg Air a lìonadh le trom fheirg, Dol a dhìoladh ’athar gun fheall Air chrìochaibh (a) ro-mhòr na h-Eirinn. Aithris duinne, Oisein nàirich, Mhic Fhinn uasail, sho-ghràdhaich, Sgeulachd air Chonn feardha (b) fearail, An sonn calma, ciùin, ceanail. Cia ’bu mhò Conn na’n Dearg mòr Oisein nam briathra binn-bheòil? No ’m b’ ionann dealbh dha (c) is dreach ’S do ’n Dearg mhòr, mhear, mheanmnach? Bu mhò Conn gu mòr mòr, Tighinn an garadh (d) ar slòigh, Tarruing a luinge a steach An cumhang cuain is caolais. Shuidh e air an tulaich ’g ar (e) còir, Am fìùbhaidh (f) curanta (g) ro-mhòr, ’S ghabhadh e dh’a chleasaibh (h) garga Siar ann am bailcibh nan iarmailt. Chaidh e ’m friothlannaibh (i) nan neul Os ar cionn (j) anns an ath-mheud; Is ni ’m b’ àille neach fo ’n ghréin Na Conn nan àrm faobhar-gheur. (k) Gruaidh chorcur mar iubhar caoin, (l) Rosg gorm fo mhala chorraich chaoil, Falt òr-cheardail, amlach, (m) grinn— Fear mòr meanmnach, fearail, éibhinn. (n) Colg nimhe (o) re (p) liodairt (q) chorp Aig laoch teugmhaileach (r) nam mòr olc; Bhiodh a chlaidheamh re (s) sgath (t) sgéithe Aig an laoch ri aimhréite. Buaidh ’s gach ball (u) an robh e riamh, Air ghaisge, air mheud a ghnìomh; Ghabh e coimhlion, neart gun sgìos, Re (v) tabhairt géill is (w) mòr-chìs. a in the MS., “uislibh ’s air mhaithibh” (uaislibh ’s air mhaithibh) is written, in a more recent hand, over “chrìochaibh ro-mhòr.” Gillies’ copy has “Air uaislibh ’s air m(h)aithibh na Féinne.” b Manly, brave. c The MS. has the Irish “dho” for “dha.” d For “an gar,” near to. An gar (in Irish orthography a ngar) governs the genitive. e The MS. is “gar.” f Prince, hero. g Courageous. h Feats. i Streamers. j For ciunn, old dative of ceann. k Of the sharp-pointed weapons or arms. l Crimson cheek like polished yew. m The MS. is “grinnail,” but we have adopted “amlach,” curled, from Gillies’ copy. Dr. Young’s copy has “’n a amlaibh,” in curls. n The second syllable of “éibhinn,” when accented rhymes with “grinn” in the third line. o Gen. of nimh, poison. p Ir. for ri. q Tearing in pieces. r warlike, contentious. s Ir. for ri. t Sgathadh. u Place. v Ir. for ri. w The MS. has “a.” Dr. Young’s copy has “’s,” for “is” or “agus.” [TD 243] Gu ’n tugainnse briathar cinnteach, A Phàdruig, ge nàr r’a inns’ e, Gu ’n (a) d’ ghabh an Fhiann eagal uile Nach do ghabh iad riamh roimh aon duine. Re (b) faicinn (c) doibh confadh (d) Chuinn Mar onfadh (e) mara le tuinn, Agus falachd (f) an fhir mhòir, An coinnimh athair a dhìoladh. ’S e thuirt Conan maol mac Morna, “Leigear thuige a’ cheud uair mi, ’S gu ’m buininn an ceann a mach Do Chonn dì-measach (g) uaibhreach.” Marbh-phaisg (h) ort, a Chonain mhaoil, Nach sguir thu (i) d’ lonan (j) a chaoidh; Cha bhuineadh tu ’n ceann do Chonn,” So thuirt Osgar nam mòr ghlonn. (k) Gluaisidh (l) Conan ’n a (m) mhi-chéill, Dh’ aindeoin na Féinne gu léir, An coinnimh Chuinn bhuadhaich bhrais, Mar char tuathal (n) g’ a (o) aimhleas. ’N uair ’chunnairc Conn ’bu chaoin dealbh, Conan a’ dol an sealbh ’àirm, Thug e siocadh (p) air an daoi ’S e teicheadh gu luath a dh’ Albhaidh. (q) B’ (r) iomad crap, is bailc, is meall, ’Bha ’g at a suas air droch cheann, Air ceann Chonain mhaoil gu reamhar, ’S na còig caoil (s) ’s an aon cheangal. “Beannachd air an làimh a rinn sin,” ’S e labhair Fionn nan cruth nuadh, (t) “’S gu ma (u) turus gun éirigh dhuit, A Chonain mhi-chéillidh gun fhalt.” ’N sin so comhairle ’chinn doibh, Deadh mhac Fhinn ’bu bhinn glòir (v) Chur ghabhail sgéil [do] ’n fhear dhocair: (w) Gluaisidh Fearghas binn-fhoclach. Gluaisidh Fearghas binn, bàdhach, (x) Glic, ciallach, mòr-dhàlach, (y) Air comhairl’ ’athar, mar bu chòir, Ghabhail sgéil do Chonn ro-mhòr. “A Chuinn mhòir, bhuadhaich, bhrais, Fhir shùgaich ait éibhinn, Ghabhail sgéil thànas (z) o Fhionn, Cia fàth do thuruis dh’ Eirinn?” “Innsimse (a) sin duit gu beachd, Fhearghais, agus buin e leat, Eirig m’ athar b’ àill leam uaibhse, O mhaithibh teaghlaich ’ur mòr-uaisle. Ceann Fhinn ’s a dhà mhic mhòra, Ghoill, Ghridhe, agus Gharaidh, ’S cinn chlanna Morna gu h-uile, Fhaotainn an éirig aon duine; No Eirinn o thuinn gu tuinn A ghéilleachdainn do ’m aon chuing, No còmhrag chòig ceud d’ ar fine Fhaotainn air mhadainn am màireach.” Gluaisidh Fearghas thugainn féin, A Phàdruig, ni ’n canam breug, Gu ’n do thosd an Fhéinn uile Re (b) cluinntinn sgéil an aon duine. “Cia do sgeul o ’n fhear mhór,” ’S e ràite Fionn, flath an t-slòigh, “Aithris duinne e gu prabadh, (c) ’S na ceil oirnn e a dh’ aon olcaid.” “’S e mo sgeul o ’n fhear mhòr, Gur àill leis còig ceud d’ ar slòigh Fhaotainn air mhadainn am màireach, Gu còmhrag na dioghbhàile.” (d) ’S e labhair còig ceud d’ ar fine, “Caisgidh sinne a luath mhire;” Cha robh sud doibh mar a ràdh, Bhi dol anns an iomarbhàidh. (e) Thug e mach claidheamh an Deirg mhòir Le confadh (f) catha a’ cheud uair; a The MS. is “Gur ghabh,” an Irish idiom. b Ir. for “ri.” c “Faicsinn” in MS. d Rage. e Rage, fury. f Bloodiness, spite, grudge. See “folachd” in O’Reilly’s Dictionary. g Contemptuous, haughty. h An imprecation, lit. “Death-shroud on thee,” “evil betide thee.” i The preposition “do” or “de” is omitted before “d’” for the sake of the measure. j Boasting, prattling. k A deed of valour, exploit. l Conan moves. The Gaelic future is the Irish analytic present. m In his folly. In the MS. “le” has been written above “ma,” the latter obviously a mistake. n Unlucky, sinister, lit. towards the north, as “deiseil” is towards the south. o The MS. is “ma.” p A sudden personal onset. See “sic” or “sichd,” the same word. The MS. is “sioca.” q The MS. has “Albhidh,” for, as we suppose, “Almhuin,” Finn’s palace in Leinster. r The MS. is “’Se.” s The five smalls are the two ankles, the two wrists, and the neck. t Dr. Young’s copy has “’S e labhair Fionn a chrò-shnuaidh.” “Crò-shnuadh” is “saffron-hue.” u “’S gu ma,” “Is gu ’m bu,” or “Agus, gu ’m bu.” The “ma” has arisen from m eclipsing b. There are other traces of eclipse in modern Scottish Gaelic. In the Island of Lews certain letters are still regularly eclipsed. v Speech. w Hard, grievous. x Loving, friendly; famous, noble. y Majestic. Also written “mòralach,” “mórdhalach.” Here the accent must be placed according, to Irish usage, on the second syllable, for the sake of the rhythm. z For “thàinigeas.” a The Irish synthetic present. b Ir. for “ri.” c “Gu prab,” quickly. d The MS. is “diothmhaileadh.” The word is “dìoghbhail,” destruction, and is the same as “dìobhail,” loss, destruction. It is compounded of di and gabhail, anciently gabal. e Strife, contention. The MS. has “iommairt bhaite.” Gillies has “iomarbhaidh,” which we adopt. f Rage, fury. [TD 244] Thug e ruathar (a) fhir an gràin, Mar sheabhaig measg ealta mhìn-eun (b) B’ iomad fear ’s a’ ghàir a bhos, Iomad làmh ann is leth-chos, Iomad claigeann ann is ceann, Cuirp gun choigleadh (c) air a’ bhall. Còig ceud eile ged bhiodh ann Gu ’n tuiteadh iad air aon bhall, Is Conn a’ calcadh a sgiath (d) ’G iarraidh còmhraig, ’s gu ’m an-riar. (e) Thagh sinn seachd fichead fear mòr Do mhaithibh teaghlaich ar mòr-shlòigh, Thoirt a’ chinn do mhac an Deirg, ’S dh’ aithnich sinn fear fo throm fheirg. Chaidh ar seachd fichead ’n a dhàil, ’S ann orra ’thàinig an dioghbhàil; (f) Thug e ruathar fir forthuin; Bu luaithe e na roth Gall-mhuilinn. (g) Thuit ar seachd fichead fear mòr, B’ aobhar tuirse e ’s do-bhròin; Gu ’n d’ leig an Fhéinn gàir cruaidh Ri dìothachadh’ (h) a’ mhòr-shluaigh. “Fhir a chleachd mo chabhair riamh, Ghoill Mhic Morna nam mòr ghnìomh, ’Bu mhiann sùla gach ’b’ àille, ’S a Phrionnsa Thola na dioghbhàile. (i) ’S dàna leam Conn bagradh ort, ’S air Clanna Morna gu h-uile; Nach buineadh tu ’n ceann deth gu fearail, Mar rinn thu de ’athair roimhe.” “Dheanainnse sin duitse, Fhinn, Fhir nam briathra blàtha, (j) binn, Chur gach fuath ’s falachd (k) air chùl, ’S gu ’m biomaid uile dh’ aon rùn. Ged mharbhadh tu m’ Fhéinn uile, Gu dìothachadh (l) an aon duine, Bhithinn féin ’s mo threuna leat, A rìgh na Féinne gu d’ chabhair.” Gluaisidh (m) Goll ’n a chulaidh chruaidh, Ann am fianuis a’ mhòr-shluaigh; Bu gheal dearg gnùis an fhir, ’N a thorc garg dol an tùs iorghuill. (n) Shuidhich iad an sin na cip-chat ha, (o) A dhol a thabhairt an àrd latha; ’S na h-àirm sheunta a bha ’m braid, (p) Thog Mac Morna mìleanta (q) iad. ’N uair ’chaidh iad an dàil a chéile, Cha ’n fhacfas riamh ann cho baobhail; (r) Na curaidhean ’bu gharbh cith, (s) Chuir iad an tulach air bhall-chrith. Dìth (t) fola do chnàmhaibh an cuirp, Dìth (t) teine do ’n àrmaibh nochd, (u) Dìth (t) cailce do sgiathaibh an àidh, Dol siar anns na h-iarmailtibh. B’ iomad caoir do theine ruadh Teachd o fhaobhar nan àrm cruadh’, (v) Os cionn nan ceann-bhearta (w) corrach, ’S iad a’ cuimhneach’ na mòr-fhalachd (x) An dà churaidh bu gharbh cith, (y) Chuir iad an tulach air bhall-chrith, Le ’m beumnaibh ’bu leòr meud, ’S bha ’n Fhéinn uile ’g an éisdeachd. Seachd laethe (z) agus aon trà deug, ’Bu tuirseach mic agus mnài, Gus ’n do thuit le Goll nam beum An sonn mòr air cheart éigin. Gàir éibhinn gu ’n d’ rinn an Fhiann Nach d’ rinneadh leò roimhe riamh, Re (a) faicinn doibh Ghoill Mhic Morna ’N uachdar air Chonn treun-tòireach, ’S e tabhairt Chonain an sàs An dèigh (b) lonain a’ mhi-ghràis; Naoi ràidhean do Gholl an àidh ’G a leigheas mu ’n robh e slàn. Ar seachd fichead ’s ar còig ceud, A Phàdruig, ni ’n canam breug, Gu ’n d’ thuit sud le mac an Deirg, Is bu chruinn ar Féinn ’n a dhéigh. (c) CRIOCH. [The above ballad is from the Rev. D. M‘Nicol’s MS. Collection of Gaelic poetry.—A. C.] a Violent onset. b Among flocks of small birds. c Sparing. d “Sgiath” to rhyme with “riar,” instead of “sgéithe,” the genitive. e Wrong gratification. f Destruction, loss. See above. The rhythm requires the accent on the second syllable, according to Irish usage. g Mill. Lowland or foreign mill. h Destruction. The MS. is “dioghugha”—Ir. “dìothughadh.” i See above. The rhythm requires the accent on the second syllable. Gillies’ copy has “A laoich làidir na teugmhaile.” “Teugmhail” is battle, contest. j Sweet. k See above. l The MS. is “diothugha.” m See above. n Fray, strife, contest. o “Ceap-catha,” rallying point in battle. p Hidden, concealed: also, charmed. q Warlike, brave. r Savage, fierce, mad. s Rage, fury, t In these places Dr. Young’s copy has “cith,” shower, stream, for “dìth.” u Naked. v Genitive of cruaidh, steel. w Helmets. x See above. y See above. z An Irish form of the plural of “là.” a Irish for “ri.” b The MS. is “’N diaghaidh” for “An deaghaidh” = “an déigh.” c The MS. is “na dheaghaidh.” [TD 245] SEANN SGEULACHD. Mu’n bhliadhna 1430, thainig tighearna Aird-ghobhar air sgriob do Raineach, agus phos e nighean do thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Donnachaidh. An uair a thug fear Aird-ghobhar a bhean leis gu ’chaisteal fein, chuir fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an cairdean dileas dh ’i, agus anns am feudadh i a h-earbsa ’chur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn do ’n chuignear oganach sin dluth d’ a aite-comhnuidh fein, agus rinn e gach ni ’n a chomas chum gu ’n soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Aird-ghobhar, air sgath na baintighearna do ’n robh mor speis aca; agus cha ’n ’eil teagamh nach gabhadh iad fein agus an sliochd ’n an deigh, comhnuidh air fearann Aird-ghobhar mur b’e mar a thachair. Bha gach aon de ’n choignear a chaidh o Raineach, treun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air cach uile, do thaobh gaisg’ agus tapachd, agus gu sonruichte do thaobh a theomachd euchdaich le bogha agus le saighead. B’e Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh a b’ ainm do ’n oganach ealanta so, agus cha b’ fhada gus an do dhuisg a luth-chleasan, eud agus gamhlas ’n a aghaidh ann an cridheachan luchd-leanmhuinn Aird-ghobhar. La de na laithean, dh’ eirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus oganach sgiamhach eile de mhuinntir Aird-ghobhar. Chaidh na fir a’m fionnsgan a’ cheile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an an t-oganach gun deo air an raon! Cha deanadh fuireach feum tuille—b’ eigin do Mhac-Dhonnachaidh am fireach a thoirt air gun dail sam bith. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tamh, no fois, gus an d’ rainig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Ian Dubh Gearr,” no mar a theireadh cuid ris, “Iain Dubh nan lann,” a bha ’gabhail comhnuidh ann an Gleann-Duibh—ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh’ innis e do ’n treun-laoch Iain Dubh mar a dh’ eirich dha an Aird-ghobhar; agus thubhairt Iain ris, “Cha ’n eagal duit a Mhic-Dhonnachaidh, gabh fasgadh fo ’m sgeith-sa, agus ma thig mac mathar o Aird-ghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh-innseadh a sgeoil.” Fagaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a’ tighinn air an gniomhara gaisgeil fein f’ a seach, agus theid sinn le ’r sgeul, car tamuill bhig, gu Srath-ghlais ann an Siorramachd Inbhirnis. Air la araidh bha ’n Siosalach, uachdaran Shrath-ghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air dhoibh a bhi air an sarachadh le siubhal nam beann chaidh iad a steach, aig cromadh an anmoich, do bhothan bantraich thruaigh a bha ri taobh an rathaid, agus, gun a cead iarraidh, mharbh agus dh’ ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stigh ’s an am ach duine bochd o Ghleann-Liobhainn a bha ’siubhal o aite gu aite ’g iarraidh na deirce. Cha robh na cuisean a’ cordadh ris an duine bhochd air chor sam bith, agus thoisich e ri bhi cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach agus thubhairt e, “Ciod a tha cur ort, a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Cha ’n ’eil a’ bheag (deir an duine bochd), ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluintinn—tha fios agam far nach biodh a cridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, “Innis domh a bhodaich [TD 246] dhona c’ ait nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Is soirbh an ni dhomhsa sin a dheanamh (ars’ am bodachd bochd), oir ann an duthaich ‘Iain Duibh nan lann,’ dh’ fheumadh tu a bhi umhal.” Mhionnaich an Siosalach gu ’m biodh dearbhadh aige-san air sin mu ’n rachadh moran laithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cuisean reidh; agus cha do chaill e uine sam bith gus an d’ rainig e “Iain Dubh nan lann,” agus gus an d’ innis e dha focal air fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor do ’n duine bhochd air son a luathas-teanga, ach thug e maitheanas da, agus thoisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dail ’s a’ ghnothach; oir cha deachaidh seachdain thairis an uair a bha fir Shrath-ghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraithibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ ghlinne a mach a’ gabhail beachd air gach bealach, agus chunnaic iad na tuathaich naimhdeil a’ tarruing am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach aite-taimh freagarrach air a shon fein agus air son a cheatharnaich, chuir e teachdaireachd a dh-ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh-amharc air o ’n Airde-tuath,—“agus mar bi,” ars’ an Siosalach; ach cha d’ thubhart e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu ’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh—“ach ma thig,” ars’ Iain Dubh, agus stad e ’an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu ’n robh na cuisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh uidheamachadh air an son. Chaidh na Siosalaich gu faicilleach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh Gearr mar gu ’m b’ ann air eutromas le mireadh-chatha chum deannal cruaidh, teith a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, agus bu treun iad. Bha iad ’n an oganaich co clis agus ealanta ’s a ghiulan riamh iughar agus dorlach. Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis an ’athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, a bha comharraichte ’n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighead. Theirinn an Siosalach air ceann a dhaoine chum na h-aibhne an uair a bha na Liobhannaich thall f’ an comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Srath-ghlais air’ eideadh o bharr gu ’bhonn le luirich lannaich, clogaid agus ceann-bheairt, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha ’n latha grianach—agus chunnacas gathanna na greine miltean air astar, a’ dearrsadh mar ghrad bhoisge an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogad suas os cionn a shul, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clar an aodainn ceannard nan Siosalach. Ghrad sparr an duine leonta a lamh air an lot, agus ghlaodh Mac-Dhonnachaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chulthaobh;” ach bha ’n Siosalach gun chomas freagairt—oir thuit e marbh air an laraich! Tha ’n t’ aite far an d’ thug e suas an deo fathasd air a chomharrachadh a mach le cloich, ris an abrar gus an la’ n diugh, “Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimhdean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cul air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh an ruaig [TD 247] orra, agus cha d’ fhagadh mac mathar diubh beo ach am piobaire a mhain. Thugadh cead dasan dol dachaidh a dh-innseadh sgeul a bhroin d’ a chairdean agus d’ a chinneach. Goirid an deigh sin, thug “Iain Dubh nan lann” a nighean ’n a mnaoi do Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, agus tha e air ’innseadh gu ’m bheil an sliochd fathasd lionmhor anns na criochan sin. SGIATHANACH. MARBHRANN Do Pheigi Nic-Illeathain, nighean do Dhonnachadh Mac-Illeathain, Thamh-nithe, agus Ealasaid Nic-an-Uidheir, a bha chomhnuidh an Dail-lic, ann an Gleann-da-ruail. Shiubhail an nighean chliuiteach, eireachdail so goiridh romh Nollaig anns a’ bhliadhna 1836, air an latha ’bha i ri bhi air a posadh. Bha na rannan a leanas air an deanamh le Seonaid Nic-Dhomhnuill, de naisinn Bhun-Atha, bean Dhomhnuill Mhic-Ille-dhuibh a tha chomhnuidh, e fein agus a bhean chaoimhneil, ionnsaichte agus mhodhail, gus an latha ’n diugh, ann an Clachan Ghlinn-da-ruail. ’S ann an drast tha ’n sgeul craiteach ri chluinntinn ’s an aite, Tha ’n nìgh’nag is aille ’s is maisiche gnuis Air a righeadh ’s a caradh an ciste chaoil chlaraidh, ’S i ’n diugh air a fagail le ’cairdean ’s an uir. Gur truagh leam an t-oig-fhear, chaill e mhisneach ri ’bheo e, Tha ’chrìdh air a sgaradh, gur dubhach a ghnuis; A bhean-bainnse bhoidheach le lic air a comhdach, ’N a laidhe ’s an talamh, ’s i falaicht’ bho ’shuil. Bu chaoimhneil ’s bu teo-chridheach leamsa a failte,— A nìgh’nag a b’ aill’, ’s ann ort fein a bhiodh fonn; Do ghruaidhean mar sgarlaid, ’s mar ros ann an garadh, ’S do chneas mar an eala air bharraibh nan tonn! Gur truagh leam do chairdean, gu sonruicht’ do mhathair; Chaill i ’h-aighear ’s an t-saoghal, gu brath, a’s a sunnd; ’S gur tric i ’g ad chaoineadh, ’s gun thu aice ri fhaotainn, ’S cha ’n eirich a crìdh ged tha tìgh’nn a’ bhliadhn’-ur. A nis sguir ’g a bron, thu fein a’s a cairdean,— Tha ise gu h-ard ann am Paras nan dul; ’S tha sinn uile an dochas gu bheil i ’n diugh posd’ Air ar Slanaighear glormhor, ’s a ghnath ’seinn a chliu. Dun-Othainn, Ciad Mhios an Fhogharaidh, 1873. NAIDHEACHDAN. Cha mhor nach b’ e turas na Ban-righ do Lochabar a b’ aon sgeul am beul gach duine air a’ mhios a chaidh seachad. Dh’ fhag i a luchuirt aillidh ann am Balmoral air Di-Mairt an 9mh latha agus air an fheasgar sin fein rainig i Caisteal Ur Ionar-Lochaidh far an do chuir i seachad beagan laithean fo aoidheachd Mhorair Abinger. Ged bha a’ chiad latha no ’dha d’ an uine fliuch agus neo-thlusar cha do chum so idir a’ Bhan-righ bho [TD 248] i fein a nochdadh d’ a cuid iochdaran agus neo-ar-thaing mur do thaisbean iadsan an tairiseachd dh’ ise. Cha robh craobh no crann eadar Cinn-a-ghiuthasaich agus Gleann-Comhann nach robh air an sgeadachadh leis gach gne bhratach a’s shuaicheantas; cuid a’ tairgse Ciad mile failte, agus cuid eile a’ guidhe Slainte ’s fallaineachd do ’n Bhan-righ! Ri taobhan an rathaid-mhoir bha na cinn-chinnidh le ’n cuid daoine air an tarruing a suas an ordugh agus air an eideadh gu h-eireachdail ann am breacan an fheilidh. Cha luaithe rainig i Caisteal Ionar-Lochaidh na dh’ eirich teineachan-eibhinn o bharr nan cnoc a’ sgaoileadh an sgeoil air feadh na tire gu leir. Chaidh a’ Bhan-righ a dh-fhaicinn seana Chaisteal Ionar-Lochaidh, Acha-na-caraidh, Baile-chaolais agus Gleann-Comhann far an do chuir i ri ’bilean cuach airgid a bha aon uair aig Prionns Tearlach, agus as an d’ol am Prionns Albert nach maireann anns a’ bhliadhna 1857. Chaidh i mar an ceudna do Ghleann-fionain, an t-aite anns an do thog Prionns Tearlach a bhratach agus an do thionail e g’a ionnsaidh na Gaidheil chalma, dhileas a bhoidich gu ’m buadhaicheadh no gu ’m basaicheadh iad ’n a aobhar. Air a rathad dhachaidh do Bhalmoral thaghail a’ Bhan-righ ann an Inbhirnis far an robh gach ullachadh air a dheanamh gu failte chridheil a chur oirre. Dh’ aidich i i fein lan-thoilichte le ’turas agus tha i a’ cur an geill cliu nan Gaidheal air son na tairiseachd agus an deadh dhurachd a nochd iad dh’ i anns gach ceum d’ a cuairt. OISINN BHEAG NAN TEAGASG FALLAIN. Tha moran ann a labhras ni ’s lugha gu mor na smuaincheas iad. Tha iad a’ deanamh sin gu glic. Tha moran eile ann nach smuainich air darna leth na labhras iad. Tha iadsan a’ deanamh gu h-amaideach, agus bithidh a’ bhuil orra. Tha fior shaorsa a’ co-sheasamh ann a bhi sealbhachadh nan nithe sin air am bheil ceart-choir againn fein, agus ni h-eadh ann a bhi ’milleadh nan nithe sin air am bheil coir aig muinntir eile. A charaid, mu ’n iarr thu comain air neach sam bith eile, thoir na tri nithe a leanas fainear. An toiseach, an urrainn duit a sheachnadh? A ris, am bheil e comusach do ’n ti air am bheil thu ’dol g ’a iarraidh a thoirt seachad? Agus ’s an treas aite, an deanadh tusa air son do charaid, na ’m biodh e ’n ad aite-sa, a’ cheart ni sin a tha thu mar chomain ag iarraidh airsan? Uime sin, smuainich air na nithibh so, agus feudaidh e bhi gu ’n atharraich thu do bharail. Cha deanadh na breugan ach cron gun diùgh mur faigheadh iad creideas air son na firinn. Tha saothair ’n a leagheas ach beag air son gach truaigh. Na bi-sa aonaranach, diomhanach, cianail. Cha d’ thugadh beatha do mhac an duine, gu bhi air a caitheadh ann am bruadaraibh, agus am faoin-smuaintibh, ach air son dichill bheothail, ghniomhaich; seadh, air son dichill a thig chum maith aig a’ cheann thall dhoibh-san uile a chleachdas i. Facal ’s an Dealachadh. Taing do Mhairi Nic-Eallair; gheobh a h-oran grinn aite ’s cha ’n fhada thuige. ABRACH.—Fhuair sinn Maol-Ruainidh agus bu mhor am beud mur tugamaid aite dha. Cluinnidh tu e ’g a chrònan aig luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL ’s an Tom-bhuidhe m’ an tig an Fheill-Martuinn. SRATH-LIUCHAIDH.—Bheir sinn aite do chomhradh Cailleach-Bheurr ’s an ath GHAIDHEAL. FEAR DO GHAIDHEIL GHLASCHU.—Cha d’ innis thu dhuinn co thu, no c’ aite an amais sinn ort; uime sin cha ’n urrainn duinn buil a dheanamh do d’ litir. Cluinneamaid uait a rithist. [TD 249-256] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 257] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1873. [21 AIR. MU NA SEANN GHAIDHEIL. XV. LINN OISEIN AGUS NA FEINNE. Tha e ’n a cheisd mu ’m bheil dealachadh barail am measg nan seanchaidhean cia dhiu a thainig na Gaidheil ’a h-Eirinn do dh-Albainn, no a chaidh iad a nunn á h-Albainn, gu Eirinn. Is e beachd nan Seanchaidhean Eirionnach gur h-ann á Eirinn a thainig iad air tus, agus gu ’m b’ ann maille ri Fearghus Mor Mac Earca a thainig iad a nall. Gidheadh, cha ’n ’eil a’ bharail so idir cosmhuil ris an fhirinn no so-chreidsinn; oir bha Gaidheil ann an Albainn mu ’n do rugadh Fearghus no ’athair no a shean-athair. Agus dhearbh sinn mar tha gu ’m bu Ghaidheil na seann Chaledonaich a bha a’ cogadh ri Agricola mu dheireadh na ceud linne, agus mar sin is eiginn gu ’n robh na Gaidheil a chomhnuidh ann an Albainn mu ’n do rugadh ar Slanuighear. Tha e moran na ’s cosmhuile ris an fhirinn agus na ’s fhusa a chreidsinn gur h-ann á Albainn a chaidh na Gaidheil air tus a dh-Eirinn. Tha an t-Eachdraiche Cambden a’ cumail a mach gur h-ann á Breatunn a chaidh a’ cheud luchd-aitich a nunn do dh-Eirinn, do bhrigh gu bheil an t-aiseag cho goirid eadar an da Eilean. Freagraidh so moran na ’s fearr do dh-Albainn na ni e ri Wales, oir cha ’n ’eil ach astar goirid cuain eadar Eirinn agus an da rudha ann an Albainn ris an abrar Maol Chinntire agus Maol Ghalloway. ’N uair a lionadh ceann tuath Bhreatuinn le sluagh tha e ro choltach gu ’n deachaidh buidheann diubh a nunn ann an curachaibh o Mhaol Chinntire agus o Mhaol Ghalloway, o ’m feudar Eirinn ’fhaicinn o na cearnaibh sin a dh-Albainn ri latha soilleur, grianach. B’ iad na Gaidheil a’ cheud sluagh a thainig thairis o thir-mor na Roinn-Eorpa do ’n Eilean Bhreatunnach. ’N an deigh-san thainig na Cuimrich ris an abradh na Romanaich na Seann Bhreatunnaich. Thug so air na Gaidheil triall gu ceann tuath an Eilein, do ’n duthaich ris an abrar Albainn a nise, agus ghabh iad comhnuidh an sin gus an d’ fhas iad cho lionmhor a’ s gu ’m b’ eiginn doibh sealltuinn a mach air son aitean-comhnuidh eile do bhrigh gu ’n robh an tir ro chumhang air an son. Uime sin, b’ eiginn doibh aghaidh a chur air a’ chuan, a chionn nach robh fearann tuilleadh air tir-mor. Chaidh cuid diubh a mach do eileanaibh na h-airde ’n ear, agus chaidh cuid eile dhiubh a nunn do dh-Eirinn, agus ghabh iad comhnuidh an sin. Tha na h-Eirionnaich fein ag radh gu ’m b’ ann as an Spainnt a thainig iad air tus maille ri Mili, ach cha ’n ’eil an sgeul so ro chosmhuil ris an fhirinn, do bhrigh nach robh co-chomunn sam bith eadar Eirinn agus an Spainnt aig am cho trath so dhe ’n t-saoghal; oir bha cuan gabhaidh ri ’sheoladh eadar an da thir, agus cha robh luingeas aig an t-sluagh a bha freagarrach air son an astair. Ach bha e furasda gu leor dhoibh dol thairis o Mhaol Chinntire, oir cha ’n ’eil ach astar goirid eadar an da fhearann. Dh’ fhaodadh an imrich so tachairt eadar coig ceud agus mile bliadhna roimh [TD 258] theachd an t-Slanuighir, oir is cosmhuil gu ’n robh Gaidheil ann an Albainn cho trath sin. Agus mar an ceudna faodar aithris an so gur e an t-ainm a their na Welshich ri luchd-aiteachaidh Eirinn agus Albainn na “Gwydhil,” na “Guidhil,” no “Gaidheil,” agus b’ e e sin an seann ainm duthchasach a bha air a’ chinneach. Agus o ’n is e an t-aon ainm a bha orra, tha e soilleur gu ’m b’ e an t-aon sluagh a bha annta, agus tha e moran na ’s cosmhuile gu ’m b’ i Albainn a’ cheud duthaich anns an robh iad, agus nach b’ i Eirinn, ged a dh’ fhaodadh buidheann diubh pilltinn air an ais á Eirinn le Fearghus Mor an ceann ochd no naoidh cheudan bliadhna an deigh a dhol a nunn do Eirinn air tus. D.B.B. (Ri leantuinn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MURACHADH.—A Choinnich, an cluinn thi mi? A Choinnich dean stad,—a charaid, dean air do shocair. Is an ort tha ’chabhag. Ciod i a’ ghaoth a sheid an rathad so thu an diugh? Cuin a thainig thu do ’n bhaile so? Gha ’n fhuirich thu gu comhradh a dheanamh ri d’ sheana charaid. COINNEACH.—Ma ta, a Mhurachaidh, feudaidh mi an ni ceudna fhoighneachd diotsa, oir ged a chithinnse Sgeir-na-Ban-tighearna ud thall ’n a lasair theine, cha bhiodh barrachd iongantais orm na ’n uair a tha mi ’g ad fhaicinn-se air an t-sraid mhor ’s an Oban. Ochan! Ochan! a Mhurachaidh choir, cuin a dh ’fhag thu do dhachaidh, agus ciamar tha ’n teaghlach air fad? MUR.—Gu surdail, gasda, a Choinnich, agus gun fhath a bhi ’gearan. Ach dean fuireach beag, agus innis domh ciod tha thu ’cur romhad a dheanamh an nochd? An tog thu do chairtealan ’s a’ bhaile so, no am bheil ni sam bith eile agad ’s an amharc? Seadh, fhir mo ghraidh, innis domh. COIN.—Is mi nach fan ’s an Oban an nochd, ach bheir mi Liosmor orm anns an toit-luing aig sea uairean mu fheasgair, agus theid mi a chur seachad na h-oidhche, agus feudaidh e bhith la no dha eile maille ri Domhnull Mor, brathair-mathar dhomh fein ’s an eilean sin; agus ma theid thusa maille rium ’s e Domhnull Mor a ni an solas ri d’ fhaicinn, a Mhurachaidh. Dean deas, ma ta, agus gabhaidh sinn soitheach na smuide ’n ar dithis cuideachd. MUR.—Tha mi gle dheonach, a Choinnich, oir cha robh mi air tir an Liosmor riamh. Tha mi gle eolach air brathair do mhathar, agus bu ro mhaith leam ’fhaicinn aon uair eile. Ach tha na h-uiread nithe agam r’ a cheannach do’ n mhnaoi agus do na paisdean; seadh, brogan, boineidean, snathadan, cirean, agus rudan eile do na caileagaibh nach fios domhsa air an t-saoghal ciod iad,—rudan ris an abair iad,—ris an abair iad—stad gus an cuimhnich mi—seadh, rudan ris an abair iad Dolly Vardens. COIN.—Dolly Vardens! mo chreach, is maith m’ aineolas orra! Is cinnteach gur gne uaireadairean a th’ annta—Dolly—Dolly—Vardens. Is docha leam an deigh na h-uile cail, gur seors’ iomhaigh no dealbh-leinibh a tha air a chiallachadh leis an Dolly sin, ach innsidh an ceannaiche dhuit, a Mhurachaidh. MUR.—Anns a’ cheud dol a mach, chi mi mu na nithibh sin; agus a ris thugamaid ’n ar dithis an toit-long oirnn, mar a thubhairt thu, a Choinnich. Ach ciod an leabhar aluinn a th’ agad an sin? Is maiseach an taobh a mach dheth co dhiubh. [TD 259] Ubh! Ubh! is iomadh riochd agus cumadh anns an teid t-or fein. COIN.—An taobh a mach dheth! seadh, agus an taobh a stigh dheth! Sin agad an GAIDHEAL, a Mhurachaidh, an GAIDHEAL glan, ceanalta le trusgan ur; agus is maith an airidh air e. Chuir mi a’ cheud da aireamh dheug dheth do ’n bhaile so o cheann mios a chum an ceanngladh suas cuideachd ’n an aon leabhar, mar a ta thu ’g a fhaicinn, agus nach ’eil e toiltinneach air gach urram is urrainn innleachd dhaoine a chur air? MUR.—Direach ceart, a Choinnich, thubhairt thu gu ro mhaith, agus is tu a b’ urrainn. Am bheil cuimhn’ agadsa an uair a chomhlaich mi thu ann an Lagan-nan-eilid, agus a dh’ innis mi dhuit gu ’n robh a leithid de dhiulnaich ann ris a’ GHAIDHEAL agus an Ard-Albannach, agus a gheall mi an stiuireadh air t-fhardaich fein, agus rinn mi sin? COIN.—Is ann agam tha cuimhn’ air sin, agus bithidh gu brath, oir gus am faca mi iad, bha mi co aineolach air cuisibh an t-saoghail, ri loth na h-asail fhiadhaich, ach is iomadh ni air an d’ thug iadsan agus thusa eolas domh. Ged nach biodh anns a’ GHAIDHEAL ach litrichean an Runasdaich fein, is lionmhor taitneach, grinn na nithe air am bheil e a’ toirt iomraidh. Cha ’n ’eil fios agam co e an Runasdach coir sin, ach ’s ann aige tha ’n ceann, agus is cinnt leam gur ministeir e, oir tha mi ’faicinn sreang aluinn, dhiadhaidh a’ ruith troimh nan litrichean aige air fad—sreang mar shlabhruidh dhe ’n or a ’s fior-ghloine, ris am bheil na teagasgan an crochadh ’n am bagaidibh torrail, air am feud an neach a ’s aineolaiche greim a dheanamh, agus maith ’fhaotuinn uatha. MUR.—Is tu tha ealamh, deas-chainnteach, a Choinnich, agus is ro mhaith leam gu ’m bheil thu a’ deanamh deagh fheum mar sin de gach ni a tha thu a’ leughadh agus a’ cnuasachadh. Tha mi toilichte gu ’m bheil an Runasdach urramach a’ cordadh riut co maith; ach tha mar an ceudna luchd-teagaisg eile agad, a tha gu leir gle thaitneach—am Muileach an t-Abrach, Renton, Mac-Mharcuis, D. B. B., Cona, an Sgiathanach, agus moran eile, a tha gu leir ro thaitneach, mar a thubhairt mi, agus is cinnt leam gu ’m bheil thu ’g an cur air fad gu deagh bhuil. COIN.—Is mise tha, a Mhurachaidh, tha speis agam dhoibh air fad. Is e an Sgiathanach sin ’n a aonar an t-aon a mhain anns am bheil mi ’cur teagamh; tha eagal orm nach ’eil e ceart leis gach goileam agus glorais a labhair e mu na rionnagaibh, a’ ghealach, agus an talamh. Am bheil duil aige nach ’eil tuigse aig muinntir; agus ged a dh’fheudadh car a bhi ’n a cheann fein, am bheil e ’s a’ bharail gu ’n creid sluagh ciallach na faoin-sgeulan a ta air an aithris leis-san? MUR.—Ud! Ud! a Chonnich, tha thu tuilleadh ’s trom air an Sgiathanach bhochd, leig direach leis, agus mar creid thu e thoir cead a choise leis; agus an uair a dh’ ionnsaicheas tusa reultaireachd cha bhi do dhiteadh co searbh. Ach tha ’n uine ’dol seachad; feumaidh mi na nithe a ta ’dhith air a’ mhnaoi agus na paisdibh ’fhaotuinn gun dail, oir cha ’n fhad gus an cluinn sin gleadhraich na toit-luinge, agus cha ’n ’eil uine ri chall. COIN.—Thoir do chasan as, ma ta, Mhurachaidh, agus comhlaichidh mise thu aig an rathad tharsuing ud shuas an ceann uair gu leth an deigh so. MUR.—Tha sin uile ceart, agus uime sin, bheir mi na buthan orm, agus ni mi a’ chuid a ’s fearr dhe ’n uine a tha romham. [Cha robh Murachadh Ban ach tacan beag air falbh an uair a thainig an toit-long a’ séideil agus a’ sitirich a dh-ionn- [TD 260] suidh na h-acarsaid, agus cha ’n fhac aon d’ an dithis i a’ tighinn a stigh, do bhrigh nach robh duil aca rithe co luath. Dh’ fhalbh an long smuideach air a gnothuch fein; ach, Ochan mo chreach! dh’ fhag i Murachadh agus Coinneach mar dhithis amadain ’s an Oban ’n a deigh! Bha Coinneach aig an rathad tharsuing, agus rainig Murachadh aig an uair a gheall e.] COIN.—Mo chreach! a charaid choir, ciod so? MUR.—Ciod ’nis a tha ’cur ort, a Choinnich? COIN.—A’ cur orm! An e sin a tha thu ’g radh? Nach d’ innseadh dhomh direach an tràth-s’ le sgimileir balaich a chaidh seachad gu ’n d’ thainig agus gu ’n d’ fhalbh soitheach na smuide. MUR.—Ma thainig agus ma dh’ fhalbh, tha ’chead aice, gu robh buaidh leatha! Cumaidh an t-Oban thusa agus mise car oidhche, a Choinnich. Bheir sinn direach tigh Ealasaid, nighean Ruairidh oirnn. Tha mise gle eolach air a’ mhnaoi choir, agus altaichidh i ar beatha. Togaidh sinn ar cairtealan an sin, agus an uair a gheibh sinn ar leoir bidh agus dibhe, cuiridh sinn am feasgair seachad le bhi ’cur cheist air aon a cheile. Gu dearbh, cha dorran leam idir gu ’n d’ thug an toit-long i fein as, agus gu ’n d’ fhag i sinne ’n a deigh. COIN.—Rachamaid a nis, ma ta, chum nan cairteal againn a Mhurachaidh choir. MUR.—Is e so an tigh, agus chi sinn am bheil Ealasaid a steach. EALASAID.—An tu so, a Mhurachaidh Bhain, mo dheagh charaid? Is fhad o ’n da la sin; rach a stigh, agus amhairc ort fein, agus air do charaid mar aig a’ bhaile. Is i bhur beatha le cheile. Rachaibh a steach. MUR.—Nach doigheil an t-aite so, a Choinnich? Cuir dhiot do chuid bhrog, oir tha thu sgith, agus tha fallus air do chosaibh. Bheir Ealasaid greim suipeir dhuinn le beannachd, agus an deigh sin chi sinn ciod air an tig sinn chum am feasgar a chur seachad. COIN.—Feuchamaid co againn a ’s fearr aig am bheil cuimhn’ air sean-fhoclaibh Gaidhealach. MUR.—Racham riut, ma ta, a’ charaid. “Cha ’n e an seol air an glacar an t-eun, eagal a chur air.” COIN.—Ro cheart, cha ’n e gun teagamh, ach “Cha ghlacar na seann eoin le moll.” MUR.—Bheir iad an aire air sin; ach an cual thu, “An uair a dh’ iarras caraid comain, cha ’n ’eil am maireach idir ann?” COIN.—Cha ’n ’eil, ach “Tha esan a deir gu ’m faic e mu ’n chomain a tha thu ’g iarraidh air, a’ gabhail uine chum do dhiultadh, agus sin air mhodh eireachdail nach cuir fearg ort.” MUR.—Gle fhior, ach a nis, a Choinnich “Feumaidh esan spain fhada a bhi aige, a tha ’cur roimhe a shuipeir a ghabhail maille ris an Droch-fhear.” COIN.—Co fad gun teagamh ri lorg-shuisde; ach ciod a nis a their mi Mhurachaidh, tha thu ’tighinn tuilleadh ’s bras orm. An cual thu riamh, “Gur mathair an deagh fhortain, Dichioll?” MUR.—Ro mhaith, a Choinnich, ach, “Is e Ionracas a’ chrìonnachd a ’s fearr.” COIN.—Gun teagamh, ach “Is miosa Uaisle gun chumhachd, na fior Bhochduinn fhollaiseach.” MUR.—Bu tu fein an gille tapaidh, a Choinnich, ach cuimhnich “Gu ’m bheil teangadh amadain fada gu leoir chum a sgornan a ghearradh.” COIN.—Ud! Ud! b’ fhearr da a bhi gun teangaidh idir, cosmhuil ri clag eaglais an Torrain-uaine. Ach stad ort gus an cuimhnich mi ni-eigin eile. Tha e agam, “An ni sin [TD 261] a thig dochaireach, gu dochaireach siubhlaidh e air falbh.” MUR.—Direach mar sin, agus, “An ni sin a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge.” Ach a Choinnich, cuimhnich gu ’m bheil “Satan a’ greasadh a chuid muc gu droch mhargadh.” COIN.—B’ e fein a’ mhuc ghrannda dhubh; is lionmhor aimhleas a rinn e, agus is mairg a chreideadh e a tha co deas chum dochunn a dheanamh air an og agus air an aosda. Ach faigheam focal eile, “Seachain an t-slat, agus mill do leanabh.” MUR.—Thubhairt righ Israeil an ni ceudna ann am briathraibh eile, “An ti ’chaomhnas a shlat, is beag air a mhac; ach an ti leis an ionmhuinn e, smachdaichidh se e ’n a thrath.” COIN.—B’ e Solamh fein a chuireadh rogha caoin air comhradh; ach aithris thusa sean-fhocal eile. MUR.—“Cha ’n ’eil fios aig neach far am bheil a’ bhrog a’ gramachadh ach aige-san a ta ’g a caitheadh.” COIN.—Focal ni ’s firinniche na sin cha do labhradh riamh; ach tha mise air ruith a mach. Cha ’n ’eil direach fathast, “Is milis corag theth, ach ged is milis cha mhaith.” MUR.—Thoir an aire da so, a Chonnich, “Caillidh tri do charaid le bhi ’g a thaghal tuilleadh ’s tric, agus tuilleadh ’s ainneamh.” COIN.—Caillidh gun teagamh, ach an cual thu riamh, gu ’m “Freagair an cu fead?” MUR.—Chual gu tric; ach tha e ceart co fior, “Nach aithnichear na daoine bochda le ’n cairdibh ach an uair a chi iad fein iomchuidh.” COIN.—Is iad nach aithnich idir; ach nach firinneach an sean-fhocal a deir, “An uair a thig bochduinn a stigh air an dorus, grad theichidh gradh a mach air an uinneig?” MUR.—Co a thubhairt, a Choinnich, “Aig gach duine tha a luach fein?” COIN.—Cha ’n fios domh, gidheadh, tha e ceart; ach am bheil cuimhn’ agad a chluinntinn, “Far nach dean a h-aon, nach urrainn dithis aimhreite a thogail.” MUR.—Is iongantach a’ mheomhair a th’ agad, a Choinnich, a thaobh nan gnath-fhocal sin,—cuiridh tu as domhsa leo, ach stad ort, gus an cuimhnich mi focal eile. “’S e ’n dara buille a ni an tuasaid.” COIN.—Is tric a rinn; ach “Is minic a fhuair fear na h-eadairginn dorn.” MUR.—Is minic; ach thugadh e an aire dha fein. Co a thubhairt gu ’n “Dean na h-uisgeacha tana am barrachd fuaim?” COIN.—Ro cheart, a Mhurachaidh, ach ni am buideal falamh an ni ceudna. MUR.—Nach firineach focal a deir, “Gur truagh an tigh far an goir a’ chearc ni ’s treise n’ an coileach?” COIN.—Ochan! is truagh; ach cha ’n ’eil sin agadsa ri radh, a Mhurachaidh, oir is ceanalta a’ bhean a chuir an Freasdal mor ortsa. Am bheil thu ’creidsinn, “Mar cladhaich thu as an talamh am bun, gu ’m fas am feur” MUR.—Fasaidh; agus na fiadh-luibhean mar an ceudna a thachdas am barr. Ach am bheil e ceart, gu ’n “Cluinnear an cagar coig mile air falbh?” COIN.—Cluinnidh deich, seadh, fichead mile air falbh; ach am fior e, “An uair a theid bior ’s an losgann gu ’n dean e sgreach?” MUR.—Tha ’n t-aobhar aige an creutair truagh; ach an d’ fhairich thu riamh “Gur goirt a phiocas a’ mhial ocrach?” COIN.—Ud! Ud! a Mhurachaidh choir, tha ’n t-am againn stad a dheanamh, oir tha mi fein sgith, agus tha mo storas air teirigeachdainn. Tha da-rireadh, oir cha ’n ’eil guth agam tuille ’nochd.” Cha ’n fheumar an [TD 262] t-each maith a sharuchadh;” gabh mo leisgeul, agus bheir sinn na sean-fhocail thairis le beannachd gu am eile. MUR.—Deanamaid sin, ma ta, a Choinnich, mar a thubhairt thu le beannachd—ach bheir mise deagh chomhairle ort, a’ charaid ionmhuinn, agus feuch gu ’n gabh thu i—“Seideadh na gaothan, agus eireadh tonna an amhghair mu ’n cuairt duit mar a dh’ fheudas iad, ach na gabh suim diubh. Rach air t-aghaidh air slighe na firinn agus a’ cheartais, agus bithidh tu daingeann mar chreag. Suidhich thu fein air treibhdhireas, agus cuir gach aimhleas agus anradh gu ’n dulan. Ma dh’ eireas luchd-tuaileis mu ’n cuairt duit le ’n teangaidh nimhnich, agus ma ni iad an dichioll chum smal a thoirt air do dheagh chliu, na toir feairt orra. Amhairc orra gu dian an clar an aodainn, agus na abair smid. Giulain thu fein gu direach, ceart; biodh do chaithe-bheatha ionraic, glic agus subhailceach; agus thugadh ciuineas do ghnuise, agus macantas do bheatha a’ bhreug dhoibhsan air fad, leis am bu mhiann do chlaoidh, do sharuchadh, agus do smaladh as. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, mile taing dhuit air son do dheadh chomhairle, agus, Ochan, b’ i ’chomhairle i! Chuireadh tu fallus air an Runasdach fein te a b’ fhearr thoirt seachad. Ach tha ’n t-am againn a nis a bhi ’cur ar cuid cheann far am faigh sinn ’s a’ mhadainn iad, oir tha rud-eigin sgios orm fein, agus biomaid a’ dol mu thamh, an uair a chairicheas sinn sinn fein air curam an Ti a ’s Airde. MUR.—Ma ta, a Choinnich, tha duil agam nach miste thu fein agus mi fein drudhag bheag, bhlath mu ’n teid sinn gu tamh, agus chi mise am bheil an coire beag, dubh a’ goil’ aig seann Ealasaid, agus gach goireas eile. Is feaird sinn e, a charaid choir, chum na sean-fhocail a dhaingneachadh ’s a’ chridhe, agus chum codal a thoirt oirnn. COIN.—Tha mi gle thoilichte, a Mhurachaidh, oir tha tacan maith a nis o nach deachaidh boinne blath thar mo sgornach. Cha ’n fhaca mi e, gu ’n ghuth air a bhlasadh, o ’n bhaisteadh Seumas Beag, agus tha bliadhna gu leth o sin a nis; ach tha gach trocair maith ’n a am fein. MUR.—Tha, Choinnich, olaidh an t-each dhe ’n uisge na riaraicheas e, agus na ni feum da, agus cha ’n ol e tuilleadh. Deanadh an duine an ni ceudna, agus cha ’n eagal da. Biodh e measorra ann an itheadh agus ann an ol, agus anns na h-uile nithibh; iarradh e beannachd an Ti a ta riadhladh os ceann nan uile, mar a ta sinne ag iarraidh ’s an fhardaich so an nochd, agus soirbhichidh gach cuis leis. ALASDAIR RUADH. DONNCHA CAIMBEUL. IV. Bu tric a chuala mi mo mhathair, le solas dealasach a’ cur an ceill mar bha deagh bhuadhan inntinn Dhonnchai, agus soilleireachd a bhreithneachaidh air an taisbeanadh dhi fein agus do m’ athair air tus, ged is eigin dhomh fein ’aideachadh nach robh m’ aire air a glacadh leis na buadhan ud, a dh’ aindeoin gach ard-mheas a bh’ agam air. Bha e ’n a chleachdadh bunailteach aig m’ athair a bhi a’ cumail aoraidh anns an teaghlach gach feasgar; ag iocadh taing do ’n Uile-chumhachdach airson a chaoimhneis dhoibh re an latha, agus ag asluchadh a dhion thairis orra troi fhairibh dorcha, tosdach na h-oidhche. Cha ruig mi ’leas ’innseadh do m’ luchd-leughaidh, gu ’n robh an dleasdanas ionmholta ud a’ cosheasadh ann a bhi a’ seinn earranan de [TD 263] shalm, anns an robh guth gach sean a’s og air an togail suas ann an comh-sheirm le guth m’ athar. An deigh sin, leughadh e caibibeil de ’n Bhiobul, a’ dol direach troimhe gu deireadh nan Sgriobturan. Bha aoradh gach oidhche air a chriochnachadh, le urnuigh, anns an robh sgrios an Ana-Criosd air ’asluchadh le dian dhurachd; ministeirean an t-soisgeil air an cuimhneachadh, agus anns nach robh caraid no coimhearsnach a dh’ fhaodadh a bhi ann an cruaidh-chas, air a dhearmad. Ann an cumantas, bha e air a cheadachadh do na seirbhisich dol a luidhe gun a bhi a lathair aig an aoradh, na ’m be sin a bu roghnaiche leo; ach cha rachadh Donncha air achd sam bith d’ a leabaidh as eugais na h-urnuigh, eadhoin ged a bhiodh e fliuch agus sgith, agus ged a bhiodh mo pharantan ’g a ghreasad d’ a leabaidh air eagal gu ’n glachdte e le fuachd. Cha robh e riamh ro dhuilich mise a chur a luidhe mu ’n am ud. Bu tric a theireadh mo mhathair gu ’n robh mi gle bhuailteach do ghoirteas eigin mu m’ chridhe aig an am ud de ’n oidhche, leis an robh mi air m’ eigneachadh mo leaba a thoirt orm mu ’n toisicheadh an t-aoradh. Is e is docha, gu ’m b’ e sud a dh’ aobharaich m’ aineolas air gluasad-inntinn Dhonnchai fo eisdeachd an aoraidh. Le millseachd chomharraichte, sheinneadh e ard-phairtean fuinn aosda na h-eaglais, oir bha a ghuth binn, fonnmhor, ceileireach; agus re na h-uine a bhiodh m’ athair a’ leughadh a’ chaibidil, na ’m b’ ann an earrann air bith de leabhraichean eachdraidheil an Sgriobtuir a bhitheadh e, leigeadh e a thaice air a’ bhord agus shealladh e ’n a aodann, a’ slugadh gach focail le gionachd dhein agus dhurachdaich. Air oidhche araidh, air do m’ athair a bhi a’ leughadh a’ chuigeamh caibidil thar da fhichead de Ghenesis, ghuil e cho goirt a’s gu ’n do chur e stad air an leughadh, agus air do m’ athair ’fheoraich ciod a chuir a leithid de bhuaireas air? thuirt Donncha ris, nach b’ urraim e ’innseadh. Uair eile, air do m’ athair ’n a chursa leughaidh tighinn gus an naoitheamh caibideil deug de Leabhar nam Breitheamhna ’n uair a thoisich e air a leughadh, bha Donncha ’n a shuidhe air taobh eile an tighe, ach mu ’n d’ rainig e meadhon a’ chaibidil dh’ ealaidh e suas dluth d’ a uilinn. “Beachdaichibh air, gabhaibh comhairle agus labhraibh,” arsa m’ athair, agus dhuin e an leabhar. “Air adhart, ma ’s e ur toil e,” arsa Donncha, “air adhart, agus cluinnemid ciod a thubhairt iad mu ’thimchioll.” Sheall m’ athair le gruaim air Donncha, ach air dha ’fhaicinn gu ’n do ghabh e naire airson neo-iomchuidheachd a ghiulain, gun aon fhocal a radh, dh’ fhosgail e am Biobul, agus leugh e an fhicheadamh caibideil, fada ged a bha e. Air an latha-ar-na-mhaireach bha Donncha a’ dol mu ’n cuairt leis a’ Bhiobul fo ’achlais, ag iarraidh air gach neach a choinnicheadh e, a leughadh dha thairis agus thairis a ris. Bha mo pharantan air an gluasad leis an tuiteamas ud gu comh-labhairt dhurachdaich eatorra fein mu chosdas agus mu thairbhe foghluim; agus mar thoradh air a chomh-labhairt ud, air an ath sheachdain chuir iad Donncha agus mi fein do sgoil na sgireachd, far an do thoisich sinn le cheile ri ionnsachadh na cuid sin is toirteile agus is bunabhasaiche de ’n litireachd—an A.B.C.; ach bha mo phiuthar, Mairi, a bha ni bu shine na mise, cheana ’n a ban-leughadair eagnaidh, chuimsich, fhinealta. Tha so a’ toirt gu m’ chuimhne mion-sgeul eile a chuala mi gu minig air ’aithris mu Dhonncha, agus air [TD 264] am bheil deagh chuimhne agam, air mo chosd fein. Air oidhche araidh a thachar do m’ athair a bhi air falbh aig faidhir, ’n uair a thainig am an aoraidh, dh’ iarr mo mhathair air aon de na sgalagan aite m’ athar a ghabhail ann an ceann an dleasdanais; ach dhiult e a ghabhail os laimh, agus sheap e air falbh d’ a leabaidh. “Mo thruaighe!” arsa mo mhathair, “gur eiginn dhuinn uile dol a chadal an nochd gun urnuigh; cha chuimhne leam c’ uin a thachair dhuinn a bhi anns an t-suidheachadh cheudna roimhe so.” “Tha mi a’ saoilsinn,” arsa Donncha, “gu ’m faodamaid a’ chuis a mharasglachadh eadaruinn,” agus ghabh e fein os laimh gu ’n seinneadh e salm, agus gu ’n rachadh e an dail na h-urnuigh, na ’m be a’s gu ’n leughadh Mairi an caibideil. Dh’ aontaich mo mhathair, ann an rathad a bha car teagmhach, ri tairgse Dhonnchai, “Ach,” ars’ ise, “ma ni thu urnuigh mar is fearr is urrainn dhuit, le cridhe treibhdhireach, cha ’n ’eil teagamh nach faigh thu eisdeachd cho pailt agus ged a bhiodh d’ iarrtasan air an cur ann am briathran ordail, fileanta,” Cha robh Donncha aig an am ud comasach air a’ bheag a leughadh, ach air dha cuid de na sailm a thogail air a chuimhne, le Mairi a bhi gu tric ’g an leughadh dha, dh’ aithris agus sheinn e an treasamh salm thar an fhichead o cheann gu ceann, gu rianail, binn. Leugh Mairi caibideil d’ an Tiomnadh Nuadh; lub sinne ar gluinean lamh rithe, agus thoisich Donncha ris an urnuigh mar a leanas:—“O Thighearna, bi thusa ’n ad Dhia dhuinn, ’n ad fhear stiuraidh, agus ’n ad dhion dhuinn gu am ar bais, agus troimh ’n bhas”—briathran a b’ abhaist do m’ athair a bhi ag aithris gu tric ’n a urnuighean. Rinn Donncha greim orra; agus thoisich mo mhathair ri smuainteachadh nach robh Donncha ’n a choigreach do chleachdadh na h-urnuigh:—“O Thighearna, is tusa”—ars’ esan, ach stad e gun dol ni b’ fhaide; mhair an tosdachd ud car mionaid no ’dha, gus an do bhrist mise a mach le glag-ghaire. Dh’ eirich Donncha le cabhaig, agus le ceann crom; thug e a chasan as gu a leabaidh a’ caoineadh agus a’ suathadh a bhasan. Cha do stad mise de ’n ghaireachdaich gus an do leag mo mhathair strac air mo dhruim leis a’ chlobha. Mar sin, thainig ar n-aoradh air an oidhche ud gu crich mhi-shealbhaich. Lean mise air sail Dhonnchai, a’ caoineadh ni ’bu ghoirte na esan, ach ’g a smadadh airson ’urnuigh gun sta, as leth an d’ fhuair mise a leithid de smachdachadh, agus a reir mo bheachd fein, gu neo-chiontach. Mu ’n d’ fhag sinn an sgoil, gu bhi a’ buachailleachd a’ chruidh air an ath shamhradh, rachadh againn air a’ Bhiobul a leughadh gu gle mhath le ’cheile. Ach bha Donncha moran ni bu turaile na bha mise; agus bha e cho toigheach air leughadh eachdraidhean a’ Bhiobuil, a’s nach robh caitheamh-aimsir eile a bu taitniche leinn na a bhi ’g a shior leughadh. Bu tric a shuidh Mairi, esan agus mise, fo ’n aon bhreacan, ri taobh an arbhair, a’ leughadh caibidil mu seach re iomadh uair de gach latha mu ’n am ud, a’ gul thairis air laigsinnean agus tuislidhean dhaoine diadhaidh, agus fo iongantas mu chumhachd eugsamhuil ghaisgeach na ’n seann linnteann. Cha robh duine riamh air a lionadh le solas ni bu mho na bha Donncha ’n uair a thainig e gu eachdraidh Shamsoin, Dhaibhidh agus Gholiah. Cha b’ urrainn e ’bhi riaraichte gus an do leugh e iad do gach neach a b’ aithne dha, a’ saoilsinn gu ’n robh iad cho ur agus cho annasach do mhuinntir eile ’s a bha iad dha fein. Bu tric a chunnaic mi e ’n a sheasamh lamh ris na cailean ’n uair a [TD 265] bhiodh iad a’ bleodhan a’ chruidh, agus e a’ leughadh dhoibh mu eachdraidh Shamsoin, agus a’ sarachadh gach fear agus bean a bha anns a’ choimhearsnachd le ’chuid leughaidh. Air laithean na Sabaid, b’ abhaist do m’ pharantan a bhi a’ dol a mach leinn air feadh nan raointean, agus a’ gabhail pairt anns a’ chaitheamh-aimsir thaitneach ud. MUILEACH. (Ri leantuinn.) GUTH O NEAMH. An cluinn thu, anaim, an cluinn thu, An cluinn thu idir, nach cluinn thu, An cluinn thu, anaim, nach cluinn thu, An guth tha o nèamh ad ionnsuidh? Oir tha thu gach mionaid le cabhaig a’ triall, Gu cathair a’ Bhreithimh ’thug bith dhuitse, Dia, ’S ma thu gun churam mu ’n chùis so ort riamh O! ’s mithich dhuit ciall a nis ionnsach’. Ged tha thus’ gun chùram tha d’ uine a’ triall; ’S O! ’s goirid do latha gus ’n luidh ort a’ ghrian; ’S ma ghlacas am bàs thu ad nàmhaid do Dhia, ’S iad lasraichean dian do chuibhrionn. Tha Dia ann a fhirinn ag innseadh gach là, ’S a’ pheacadh gu ’n d’ ghineadh thu ’n innibh do mhàth’r, ’S gu bheil thu ’thaobh nàduir ro ghràineil ’n a láth’ir, ’S gur leanabh do ’n bhàs thu cinnteach; ’S gu bheil thu o d’ òige a’ stòradh dhuit féin Dian chorruich Iehòbha tha ’n tòir ort ’s gach ceum, ’S tu ’bristeadh gun sòradh lagh glòrmhor nan nèamh, ’Bheir mallachdan Dhé ’s gach linn ort. Nach cluinn thu Iehobhah, àrd mhòr-bhreitheamh an t-saoghail, Bho lasraichean Shinai ag innseadh do dhaoin’ Gur mallaicht’ gach aon ’ni o àithintibh-san claon’, ’S nach coimhlion gach aon ni tha annta. Nach cluinn thu ’Cheud àithne a ghnàth riut ag ràdh, Gun Dia sam bith eile bhi agad ’n a làth’ir; ’S am faod thu le fìrinn ’n a fhianuis a ràdh, Nach d’ rinn thu o ’n àithne so tionndadh? Nach cluinn thu an Dara a’ sparradh gu teann, Gu ’n lean thu ’n dòigh aoraidh thug Dia dhuit ’s gach àm, Gun aomadh le cleachdadh no reachd a tha càm, Nach fhaigh thu o ’laimh ’s a’ Bhiobul? [TD 266] Tha ’n àithne so ’dìteadh nan iomhaighean faoin, ’S do dhaoine bhi strìochdadh do innleachdaibh dhaoin’; ’S tha focal na fìrinn, ag innseadh gu saor Gu ’n sgriosar luchd-aoraidh iodhail. Nach cluinn thu an Treas té a’ bacadh nam mionn, Ainm Dhé thoirt an diomhain ’s gach uil’ anacainnt; ’S mar robh thusa faic’lleach mu d’ fhoclaibh ’s gach àm Do ’n Dia th’ os do chionn bheir cunntas. Tha ’n Ceathramh ag àithneadh gu ’n naomhaich thu ’n là A bheannaich an Tighearn, ’s gu ’n gabh thu air tàmh; Gu ’m builich thu d’ ùine, ’s a’ chuil ’s am measg chàich, ’Toirt ùmhalachd do Ard-rìgh Shioin. ’S cha ’n fhaod thu bhi tighinn air bruidhinn mu ’n t-saogh’l, No ’riarachadh t’ fheòla le sòlasaibh faoin, No ’caitheamh na h-ùine ri sùgradh mi-naomh, A ’s Breitheamh chloinn daoin’ cho teann ort. Tha ’n Cuigeamh ag iarraidh gu ’n ìoc thu a ghnàth An t-urram ’tha dligheach do d’ athair ’s do d’ mhàthair Gu ’n toir thu dhoibh ùmhlachd le dùrachd ’s le gràdh, Ma ’s miann leat fad làithe gun teanndachd. Tha ’n Seathamh ag iarraidh nach tog thu do làmh Gu ’bheatha thug Dia dha a bhuintinn o d’ nàmh; A ’s measar mar mhortairean uile là bhràith, Gach aon a bheir àit’ do ghamhlas. Tha ’n t-adhaltras bacte ’s an t-Seachdamh a rìs, ’S gach nì a tha truaillidh an cleachdadh ’s an crìdh’, ’S tha ’m focal ag innseadh gu ’n tilgear a sìos, Gu truaighe gun chrìoch luchd neo-ghloin. Tha ’n t-Ochdamh a’ bacadh na gad’achd do dhaoin’, ’S an ni sin nach buin duit a chumail dhuit féin; ’S ma ’s toigh leat do nàbaidh na lughdaich a mhaoin, Ach saothraich ’s na fàs ad lunndair. Tha ’n Naoitheamh a’ dìteadh bhi ’g innseadh nam breug, No mi-chliù a sgaoileadh air aon tha fo ’n ghréin; ’S tha ’n fhìrinn ag innseadh gu’m bi luchd nam breug, An ionad na péin, fo chuibhreach. Tha ’n Deicheamh ag iarraidh nach miannaich thu ’d chrìdh’ An t-àit’ aig do nàbaidh, ’bhean àillidh, no mhaoin; ’S an cuibhrionn thug Dia dhuit, leis riaraicht’ gu ’m bi, Le cumail riut bìdh a ’s eudaich. ’S e ’s suim do na h-àithntibh ar gràdh thoirt do Dhia, Le ’r cridhe ’s le ’r n-inntinn gun chlaonadh ’s gun ghiamh, ’S ar gràdh thoirt d’ ar nàbaidh a ghnàth mar dhuinn féin, ’S nach dean sinn aon bheud a chaoidh dha. [TD 267] ’S am faod thu le misnich a nis rium a ràdh Gu ’n d’ ghléidh thu gach tiota gach reachd agus àithn’; Nach d’ rinn thu riamh peacadh an cleachdadh no ’n gnàth, ’S nach eagal leat bàs no ganntair? Ach ma tha ’n fhianuis ’chuir Dia ann ad chrìdh’, Ag innseadh mar tha dhuit, gu ’n deachaidh tu clìth, O! ’s mithnich dhuit teicheadh gu teasraiginn Chriosd, ’S na lasraichean sìorruidh teann ort. Ach, anain, nis pill rium a chluinntinn an Sgéil ’Thug sòlas do mhìltibh ’s na linnibh o chéin, ’S gu ’n d’ thugadh ’n a ìobairt an Ti so, Uan Dhé, ’S na chreideas an sgeul bidh slaint’ ac’. Tha naidheachd ro phrìseil ’s a’ Bhiobul so fior,— Gu ’n d’ bhàsaich an Iobairt a dhiol ceartas Dhia; ’S ma chreideas tu ’ni so ’s leat fìreantachd Chriosd, A’s maithear gu sìorruidh t-aingidheachd. ’S ma dhiùltas tu ’n Tì so tha ’n fhìrinn ag ràdh Nach fàgar dhuit ìobairt gu d’ dhìonadh o chràdh; Ni mallachd na Trianaid gu sìorruidh ort tamh Gu d’ chumail an sàs ’s na piantaibh. The above Hymn was composed by the late Mr. Donald Cameron, Gaelic Teacher, North Uist, who had also composed many more, and left them ready for the Press before he died. Mr. Cameron was very much esteemed for his intelligence and piety, as well as for his general demeanour, by all who knew him. MAR A FHUARAS AMACH AMERICA. [We consider it due to the author of this article to state that he is not responsible for the orthography of the first part, which appeared in No. 14 of the GAEL. In the present one we have, at his request, adhered to his own orthography.] Bha sluagh na duthcha aineolach air iarunn; ach chunnaig na Spainnich mailleagan òir ’n an cluasaibh agus thuig iad gun d’ thainig ant òr bho thir gu deas. Uime sin stiuir Columbus gu deas; agus an uine ghoirid, an deigh iomad eilein beag fhaicinn, rhainig e innis mhor Chuba. Sheol e sear an sin gus an d’ rhainig e ceann shios an eilein. Fhuair e mach gun robh òr air an eilein ach gun robh e na bu phailte an eilein eile taobh na h-aird an ear. Chaidh e air tòir an eilein so; agus fhuair e mach Haiti a dh’ ainmich esa Hispaniola (An Spainn Bheag) ris an abrar a nise San Domingo. Bha na h-Innseinich a teicheadh uapadh le eagal; ach an deigh do na Spainnich fear dhiu a theasraiginn bho bhàthadh, ghlac iad misneach agus chuairtich iad na longan ’n an sgoth- [TD 268] aibh. Fhuair na Spainnich meas agus òr uapadh am malairt airson mirean de ghloin dhaite agus nithean eile air bheag brìgh. Stiùir Columbus, an sin sear, agus an uine ghoirid bhuail an Santa Maria air sgeir, agus chaillear i; ach shaorar e fhein ’s a dhaoine; agus chaidh iad air bord na Nina. Thog e an sin daingneach le fiodh na Santa Maria anns an d’ fhag e ochd fir dheug air fhichead agus dh’ fhalbh e air a thurus dhachaidh le beagan Innseineach ’n a chuideachd. An deighe bhi am mòr chunnart bho ainneart cuain, rhainig e Palos am meadhon a Mhàrt. Ghabh iad ris an sin le mòr aighear; agus air a thurus gu baile-mor Bharselona, far an robh a chùirt ’s an am sin, bha sluagh a ruith as gach taobh g’ a fhaicinn. Dh’ aithris e do ’n righ ’s do ’n bhan-righ gach ni a thachair; agus dh’ fheuch e dhaibh na h-Innseinich agus an t-òr a fhuair e. Bha iad ro aoibhneach gun doshoirbhich a chuis; agus dhaingnich iad da gach coir a’s urram a thug iad da air tùs. Chaidh cabhlach de choig longan deug uidheamhachadh a nis leis an do sheol e bho phort Chadis mu mheadhon an fhogharaidh, ’s a bhliana 1493, marrai coig ceud deug pearsa a bha dealasach air òr a’s cliù. Sheol e gu deas air cursa a cheud turuis; agus toiseach a gheamhraidh, chunncas eilein do ’n tug e ant ainm Dominica, cheann gum b’ ann air an Domhnach a fhuair iad amach e. Stiuir iad an sin gu tuath; agus aig eilein Ghuadalupe, chunnaig iad le h-uamhas, feoil dhaoine ’g a ròsdadh airson cuirm. B’ iad na Caribean, daoine ro bhorb, alluidh, a bha ’g aiteachadh nan eileinean sin, anns an do sgaoil iad bho thir-mor America-mu-Dheas. Sheol iad a nis gu Hispaniola far an d’ fhuair iad amach gun do lhoisg na h-Innseinich an daingneach agus gun do mharbh iad gach neach a dh’ fhag Columbus ann. B’ iad eucoir a’s ainneart nan Spainneach fhein aobhar an sgrios. Thog e an sin baile air an d’ thug e ainm na ban-righ, teann air beinn Cibas, far an robh moran òir, a reir aithris. Chaidh e nise gu Cuba; agus sheol e astar mor suas air taobh deas an eilein. Bha e a faoineachd mu òr; agus fhreagair daoine na tire le comharaibh, gum faighear sin an duthaich fharsuing gu deas. Uime sin stiuir iad air ant slighe sin; agus an uine ghoirid, chunnaig iad eilein mor Jamaica, le bheanntaibh arda, gorm ’s a choilltibh aillidh. Bha an sluagh n’ a bu cholgaire na gu tuath; agus bha sgothan aca air an dealbh a aon chraoibh deich troidhean fichead air fad. Ach cha d’ fhuaras òr ’s an eilein. Uime sin thill iad gu Cuba; agus sheol iad suas mar air tus. Bha Columbus am barail gum b’ ann de thir-mor Asia Cuba, gu latha a bhais. Cha robh fios aige riamh gun d’ fhuair e mach saoghal ur, agus gun robh cuan mor farsuinn eadar e a’s Asia. Bha e ’n duil gun rachadh aige air an Roinn-Eorpa a rhuigheachd le seoladh siar air an airde sin. Ach chaill a dhaoine am misneach agus bha a lhongan an cunnart dol nan sgealbaibh; agus b’ eiginn tilleadh, nuair a bha e teann air ceann shuas an eilein. Thog cruadal agus iomaguin trom-ghalar a nise do ’n cheannard, air dhoigh ’s gun robh e dluth do ’n bhas. Ach nuair a rhainig e Hispaniola thachair e air a bhrathair, Parlan, duine tapaidh, misneachail; agus thu so faochadh dha; agus fhuair e slainte. Ach cha robh a chor sona. Bha neart de na thainig amach marris an duil gum faigheadh iad pailteas òir agus gach ni fiachail gun dragh no saothair; agus nuair a fhuair iad amach nach robh a chuis mar sin chuir iad a choire air Columbus; agus [TD 269] sheol cuid diu sin gu diomhair do ’n Spainn, far an d’ rhinn iad casaid chruaidh ris a chuirt ’n a aghaidh. Uime sin chaidh duine d’ am b’ ainm Iain Aguado a chur amach chum a chuis a rhannsachadh. Bha an duine so ’n a nhamhaid do Cholumbus; agus thug e cluas do gach ni a chaidh agairt ’n a aghaidh. Uime sin thill Columbus marris do ’n Spainn. Nuair a rhainig e a chuirt bha cuid a labhairt ’n a aghaidh, agus a deanamh tàir air a ghniomhaibh. An sin fhuair e ubh, agus dh’ iarr e orra ant ubh a chur ’n a sheasamh air a cheann. Nuair a dh’ fhailnich orrasan sin a dheanamh, ghabh esa ant ubh, agus thug e gnogag dha, agus mar sin chuirear ant ubh air ball ’n sheasamh air a cheann. “’S urrainn do neach air bith sin a dheanamh,” ars iadsa. “An deighe dhomhsa a dheanamh” ars esa. Dh’ fheuch e an sin do ’n chuirt aobhar an draigh agus an doigh ’s am bu choir buntuinn ris na daoine a chaidh mach, air chor ’s gun do chuir e eascairdean ’n an tosd. An ceann da bhliana dh’ fhalbh e air a threas turus, le sè longaibh. Stiuir e nise fada gu deas; agus uime sin fhuair e mach tir-mor America-mu-Dheas, agus an amhainn mhòr Orinoca. Bha esa am barail gum b’ i sin amhainn Gihon an gàradh Eden. Sheol e ’n sin gu tuath; agus nuair a rhainig e Hispaniola bha cuisean ro aimhreiteach; agus ’s e thainig a sin gun do chuirear esa do ’n Spainn ’n a phriosanach fo gheimhlibh. Nuair a chualas so air feadh na rioghachd, bha daoine gu mor a coireachadh mar a chaidh buntuinn ris; agus chaidh a chur gu h-aithghear fo sgaoil. Ach chuir Ferdinand fear-dreuchd eile ’n a ait, agus cha d’ fhuair e ceartas gu latha a bhais. Dh’ eug e am baile Bhalladolid air an fhicheadamh latha de ’n Mhaigh ’s a bhliana 1506, aosmhor agus bochd, mar a bha e ’g asluchadh am facail nan Salm, “Ann ad lhaimhse tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhe na firinn.” P. MAC-GRIOGAIR. AN T-OGANACH AGUS AM BAS. Tha e air aithris gu ’n d’ thainig am Bas aig am araidh a dh-ionnsaidh gille oig agus dh’ innis e dha gu ’n d’ thainig e g’ a iarraidh. “Cha ’n ’eil sin coltach,” fhreagair an gille, “mise nach do bhlais ach gle bheagan de thoilinntinnean na beatha—thoir thu fein as gu ceann fhichead bliadhna co dhiu, gus am pos mi agus am meal mi tomhas de shasachadh an t-saoghail.” Dh’ fhag am Bas e air an am. Thainig e rithisd mu cheann na h-uine ’chaidh ainmeachadh. “O, bhochdainn!” ars’ an duine og, “an d’ thainig thu cheana?” Fhreagair am Bas, “Nach do dheonaich mi dhuit an dàil a dh’ iarr thu?” “Ach,” ars’ an duine, “nach ’eil thu ’faicinn leis an iomaguin ’s an dragh a th’ agam a’ togail mo theaghlaich nach d’ fhuair mi fhathast a’ bheag d’ an toileachadh ris an robh suil agam,—bi falbh gu ceann fhichead bliadhna eile; bithidh an sin mo chlann air an togail agus comasach air son cothachadh air an son fhein.” Dh’ fhag am Bas e a rithisd ’s cha do thill e gus an robh an duine mu thuaiream tri fichead bliadhna dh’ aois. “Cha ’n fhaod e ’bhi nach ’eil thu nis air do lan shasuchadh leis an t-saoghal,” ars’ am Bas, “air chor agus gu ’n tig thu leam a nis gun do shuil a bhi ’n a dheigh.” “Fhuair mi gu cinnteach uine chuimseach ach bu mhomha mo charraid na mo thoileachadh. Thar leam, a nis na ’n deonaicheadh tu fathasd dhomh beagan bhliadhnachan a chaithinn ann an sith ’s an suaimhneas, gu ’m falbhainn leat air bheag doilgheis; ach [TD 270] cuimhnich gu ’n cuir thu tri comharan am ionnsaidh m’ an tig thu, a thoirt sanais dhomh gu bheil thu ’tighinn.” Mu thuaiream deich bliadhna ’n a dheigh sin thachair am Bas air ann an riochd eile, air choir ’s nach d’ aithnich e gur e bh’ ann. Chuir e failte air an t-seann duine a’s thuirt e, “Tha mi toilichte d’ fhaicinn a’ dol m’ an cuairt cho calma.” “Mise calma!” ars’ an duine cha ’n ’eil mo cheum ach goirid, turamanach;—nach ’eil thu ’faicinn gu bheil mi am feum băta g’am chumail o thuisle.” “Tha do chlaisteachd maith,” ars’ am Bas. “O, cha ’n ’eil mo chlaisteachd ach fior dhona; is ro bheag a chluinneas mi de chomhradh ged a bhios mi gle dhluth ’laimh.” “Tha do leirsinn gle mhath co dhiu,” ars’ am Bas. Gu dearbh cha ’n ’eil; tha mi am feum nan speuclair.” “So so,” thuirt am Bas, ’s e ag innseadh co e, “thig leam gun tuilleadh dàlach.” “Ach nach do gheall thu tri comharan a chur air thoiseach ort?” “Agus nach ’eil thu fein ag aideachadh,” fhreagair am Bas, “gu ’n d’ fhuair thu tri—call do lùth’s, do chlaisteachd agus do leirsinn? Chuir thu uait, o am ga am, gach iomradh air a’ bhas, a’ cur romhad a bhi ullamh an ath uair a thiginn; ach tha mi ’faicinn nach ’eil buannachd ann a bhi cur seachad na ’s fhaide; feumaidh tu tighinn leam a nis, co dhiu tha thu deas no nach ’eil.” Eadar. le J. W. Lag-na-h-abhunn, An Fheill Micheil, 1873. BLAR SHUNADAIL. (O’n aireamh mu dheireadh.) Ghluais na fir thun a’ chladaich, ’S leag iad an airm an tom-falaich. Fhuaradh grad an asaig iasgaich,— Uidheam gun mheang mar a dh’ iarradh. Stiuir iad troimh ’n linne leathain, dhomhain. O Mhanainn gu corsa Chinntire, O ’n d’ thainig an naidheachd mar a dh’ innsear. An Claonaig fhasga’ch nam faoileann Leag iad an acair, ’s phaisg iad aodach Gus an d’ eirich grian air beanntan Arainn, ’S an cinn fo chirb nan neul am falach. Dh’ amhairc Rurach le ioghnadh Air aodainn charaigeach nan aonach Ag eiridh o chomhnard na fairge— Ursannan iomall ard na h-Alba, A chuir an creachadair dana Ionann ’s mar an umhlachd chrabhaidh, Ged a chuir sruth a’s gaoth ’n a dheann e Troimh stuadhan gruamach Chaolas-Bhranndain, ’S e ’faicinn cladach glas Chinntire Le turaibh aosda mar dhion da An sealladh a cheil’ air gach bearradh, Far an dearrsadh teine-rabhaidh ’N uair a thigeadh naimhdean nan Gaidheal— A fhuair an uaigh cho tric ’s a thainig— Corsa sgolbach, geodhach, iargalt’ A chuir Rurach á duil na dh’ iarr é; ’S mur bitheadh comhairle a chairdean Thilleadh e luath mar a thainig. Le gaoth ’n an siuil, ’s raimh ’g an sparradh, Gu dian an iar ag iarraidh rathaid Gu loch fasga’ch Chille-Chiarain— Miann nam bard ’s na chunnaic riamh e! Rainig na seoid Cleit-a’-chaolais, Eadar Eilean-da-bharr a’s Creag-nam-faoileann— Ob fasga’ch, a’s gun tonn air cladach. Thuirt Gargan, “So an t-aite. Stadaibh Gus an cluinnear na ’s aill leibh, ’S bhur comhairle m ’an iarr sinn fardach Eadar giallan an leoghainn A ’s tric a chagainn ar seorsa. A righ Ath-cliath,—ort an luireach— Glac an taoman ’s aom do chulaobh. ’S tu ’nis sgalag a’ bhata, ’S bi bodhar o nach d’ fhuair thu Gaidhlig. Bidh sinne ’smeideadh riut ’s ’gad sheoladh Mar bhalbhan bochd nach cluinn ar comhradh. A dhaoin-uaisl’ am bheil sibh uile toileach An righ a chur mar so am folach?” Fhreagair gach fear, “Biodh sin mar ’tha e: Cha ’n ’eil doigh eil’ air a thoirt sabhailt.” GARGAN,—“Taobh thall d’ an charaig so air fuaradh Chi e gur maith dha na chual e.” Dh’ iomair iad m’ an cuairt an rudha A dh’ fhaicinn na thuirteadh riutha; Rainig iad Eilean-an-da-chaolais, ’S dithist fosgailt’ air gach taobh dheth— Aon diubh lan, domhain, fior-ghlan, [TD 271] ’S an t-aon eile ’tràgh’dh ’s a’ lionadh O ’n linne gu braighe ’chala Air an d’ ainmich na Gaidh’il am baile. Thug Rurach osann throm nach b’ abhaist: ’N uair ’chunn’ e ’n t-eilean, b’ eagal dasan;— Earra-Ghaidhealaich mhor nan casan dearga, ’N an sreathan o bhile na fairge Air leud gach troidh an seasadh duine, O iochdar na creige g’ a mullach;— Plathan soills’ o ’n airm a’ dearrsadh; Srol air a’ bhinneig a b’ airde— Bratach na h-Alba, seadh a morachd D’ an dion aon-adharcach a’s leoghann. Bha slabhraidh aibheiseach trast’ a’ chaolais. ’S a cinn ’s a’ chreig anns gach taobh dheth. So glas a’ chala—stad a Ruraich— Tha cleachdainn nan Gaidheal ur dhuit! Ghlaodh freiceadan, “Co as duibh fhearaibh? ’S coir gn ’n tuig sibh bhur mearachd: So latha-breth Righ Alba; Tha ’n rathad duinnt’ air tir ’s air fairge. Innsibh co as duibh: so an t-ordugh A thug an ceannard ’s an ám dhomhsa.’ GARGAN.—Iasgairean sinne o Arainn: Tha sinn cearr ’s gun ’fhios againn. Slainte ’s buaidh do Righ Coinneach— A’ chroich do na dh’ iarras a choire! Bu duilich leinn ’ordugh a bhristeadh, A laoich mhoir a’s airde misneach.” Dh’ iomair iad a mach gu socair Ag amharc ’n an deigh, ’s cha b’ ann tosdach, Ag iolach ’s am boineidean ’n an lamhan Mar gu ’m b’ eibhneas dhaibh an t-àit’ ud. GARGAN.—“Tha sinn fad nan ramh o ’n charaig; Greasaibh gu luath as an t-sealladh. Ma ghabhas iad amharus ciod e sinn, Gheibh sinn an gad gun stad gun reite. Chroch iad so Greann Mor Mac Iomhair A ghlac iad latha Ghlinne-righ’sdail; Gno-nan-ceann, a’s Srachd-nan-sealbhan, Da bhrath’r m’ athar; Ceud d’ a mhuinntir, ’s iomadh ceannard Nach d’ fhuair fathast an eiric A thogar gun taing ’n uair a theid sinn ’N ar buidhnean-creachaidh feadh na duthcha. Bidh neulan toit’ gach taobh ’g an tuchadh; Sleagh, a’s tuadh, a’s croich, a’s teinne, ’Toirt aichmheil dhiubh airson na ’s leinne. Cha dion a’ chreag ud fad’ an anail, Ged ’s lionmhor iad, a’s sinne ainneamh. Tha la eile ’tarruing dluth dhaibh A bheir Lochlann daibh le aireamh dubhlan Tha, nis, a Righ an ceann-siar ad shealladh; Direach mu d’ choinnimh, so an rathad. Chi thu Dun-abhartaidh ’s na th’ ann diubh, Ach ’s gliocas an seachnadh ’s an am so. So duthaich nan curaidh garg an comhail;— Bheir sinne dhaibh deannal nan sgornan! M’ eibhneas an tuadh an uair a chi mi A faobhar a’ spreadadh an cìobhlan, ’S troimh bhun nan teang ’s gu cul nan cluasan, A’ dioghladh na thug iad bhuainne! (Ri leantuinn.) SONAS NAN AINMHIDH AGUS NAN EUN. Tha e ro thaitneach a bhi ’beachdachadh air suilbhearachd agus air toilinntinn nan ainmhidh agus nan eun, an uair a bhios an aimsir freagarrach air an son. Co nach d’ thug fainear an gairdeachas a nithear leis na h-eoin bheag, agus na binn-cheilearan leis an seinn iad ri blathas an Earraich agus an t-Samhraidh? Is minic, air an doigh so, tha iad ’n an aobhar farmaid do mhac an duine, a tha, air amannaibh, trom, muladach le trioblaidibh, agus saruichte le h-amhgharaibh an t-saoghail aingidh so! Tha moran aig an duine ’n a chomas chum sonas nan creutair sin a mheudachadh, a thugadh dha air son feum araidh; feudaidh e bhi air son loin g’ a bheathachadh, agus air son an earraidh leis am bheil e air a sgeudachadh. Gu cinnteach, uime sin, ’s e dleas ’nas an duine a bhi buntainn gu cairdeil riu. Tha cuid ann, gidheadh, a ta ’gabhail tlachd ann a bhi ’milleadh agus a’ marbhadh nam beathaichean neo-chiontach sin, nach ’eil a’ deanamh cron air neach no air ni sam bith mu ’n cuairt doibh. Tha na h-ainmhidhean comasach air an taingeileachd fein a nochdadh dhoibh-san a bhios cairdeil riu, agus ni iad sin gu treibhdhireach, agus gun fhoill sam bith. Is math a dh’ aithnicheas iad an neach sin a bhios cairdeil agus caoimhneil riu. [TD 272] Fanaichidh a’ mhuc fein an neach a bhios gu riaghailteach ’g a beathachadh, agus air a doigh fein bheir i taing dha. Nochdaidh an crodh an toilinntinn fein an uair a chi iad a’ mhuinntir a bha’ftrithealadh orra, agus cairdeil riu. Crathaidh iad an cluasan agus sinidh iad a mach an srona dubha, fliuch mar chomhar air an taingeileachd agus an deagh-ghean fein. Ni, mar an ceudna, an cu moran othail ris-san a ni dheth, agus a bhios gu maith dha. Agus faicibh an seann each dubh ud a rainig corr is fichead bliadhn’ a dh-aois, agus tha e ceart co eolach air gach neach mu ’n cuairt da ri ’mhaighstir fein. Faicibh e a’ toirt foise d’ a cheann air a’ chachliadh, an uair a tha e’ faicinn fear-an-tighe a’ dluthachadh ris, an duil gu ’m faigh e ubhal no mir arain as a laimh. Mar so, tha e mar fhiachaibh air na h-uile bhi cairdeil ris na bruidibh bochda nach urrainn an uireasbhuidhean fein ’innseadh, agus gun a bhi uair sam bith ’g an geur-leanmhuinn agus ’g an gearradh as. Tha ’n duine glic ag radh mar so, “Bithidh curam aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh, ach is an-iochdmhor truacantais nan aingidh.”—(Gnath, xii. 10.) SGIATHANACH. NITHE NUADH AGUS SEAN. Tha atharrachadh mor eadar an da bheannachd aimsireil sin, Slainte agus Saibhreas. Is e Saibhreas a ’s mo air am bheil muinntir an toir, ach a ’s lugh’ a shealbhaichear leo. Is minic a shealbhaichear Slainte, ged is beag am meas a thu aig moran oirre. Tha e soilleir gu ’m bheil Slainte a’ toirt barrachd air Saibhreas, an uair a smuainichear nach dealaicheadh an duine a ’s bochda tha idir ann r a shlainte fein air son airgid, ach gu ’n dealaicheadh an duine saibhir ri ’airgiod fein air son slainte. Na cuir mor-dhochas anns an duine sin nach cuir a dhochas fein ann am muinntir eile. Cha ’n ’eil cridhe an duine sin glan. Esan aig am bheil amharus an uilc’n a inntinn fein a thaobh sluaigh eile, tha e faicinn annta-san a’ cheart ni a ta e faicinn ann fein. Do na fior-ghloin tha na h-uile nithe fior-ghlan, ach ceart mar sin, tha na h-uile nithe neo-ghlan dhoibhsan a ta neo-ghlan. Dean cinnteach à meud do theachd-a-stigh, agus biodh e mor no beag, thig beo air ni ’s lugha, agus cha bhi thu chaoidh ann am bochduinn. Tha Subhailc a’ co-sheasamh ann a bhi toirt air Miann striochdadh do Dhleas’nas. Is iad săilean-giulain an duine measarrachd, macantas, geamnuidheachd agus fein-riaghladh. Air an laimh eile, ’s i fein-aicheadh an steidh air am bheil na sailean sin air an suidheachadh. S. LITIR. A GHAIDHEIL UASAIL,—Am bi sibh cho math agus cuil bheag a thoirt do’n litir ghoirid so a tha mi a’ sgriobhadh a chum buidheann mheasail de dhaoin’-uaisle air am bheil buille trom air a chur, a dhion? Tha leabhran beag Gaidhlig ris an canar BRATACH NA FIRINN a’ teachd a mach gach mios, anns am bheil coire nach beag air a cur as leth nan Eaglaisean Gaidhealach anns a’ bhaile so airson an dearmad a tha iad a’ deanamh air an dleasdannas. Shaoileadh neach, o ’n chunntas a tha air a thoirt seachad, gu ’m bheil na minstearan, na missionaries, agus na foirfeich Ghaidhealach anns a’ bhaile so cho leisg ’s a tha ri ’fhaotainn, agus na maoir-eaglais cho gruamach ri madraibh crosda. Na ’m b’ e so uile na bha air a radh, cha bhithinn a’ cur dragh [TD 273] oirbh a thaobh na cuise; oir dh’ fheudadh an gnothuch a bhi air ’fhagail gu breith na muinntir a tha mion-eolach air luchd-dreuchd nan eaglaisean Gaidhealach, a’s air an obair a tha iad a’ deanamh; ach tha ni ’s miosa na so air a radh mu ’n deibhinn; tha e air a radh gu ’m bheil foirfeich aca a tha, cha ’n e mhain na ’n osdairean, ach ’n am misgearan, agus ’n luchd-bualadh bhan. A reir aogais, dh’ amais foirfeach air an neach a dh’ innis an sgeul, a chuir e fein agus a thigh an ordugh airson fois na Sabaid le bhi air an dall daoraich, agus le ceann a mhna a ghearradh air oidhche Di-Sathuirne. Na ’m biodh an sgeul fior bu choir ainm a leithid de dh-uile-bheisd a sparradh suas ri dorsan nam eaglaisean Gaidhealach, mar rabhadh do mhuinntr eile. Ach is e is docha leam gu ’m bi a’ cheart teastas aig gach ministear Gaidhlig ’s a’ bhaile so ri ’thoirt a tha agamsa, agus is e sin, nach ’eile a shamhuil sin de fhoirfeach anns an t-Seisein aige. Cha ’n ’eil osdair no misgear am measg aon chuid foirfeich no deaconaibh Eaglais Chaluim-chille. Is i aon de na riaghailtean againn nach taghar neach air bith a chum aon de na dreuchdan sin a tha ’n a fhear-reic dibhe. Feudaidh caochladh bharail a bhi aaig muinntir a thaobh na riaghailt so, ach bitheadh i math no olc, is i an riaghailt a tha aig Eaglais Chaluim-chille. Tha e soilleur mata nach ann ’s an Eaglais Steidhichte a tha “Alasdair-nan-stòp, an t-osdair” a ghearr ceann Iseabal, a mhnaoi air oidhche Di-Sathuirne, ’n a fhoirfeach.—Is mi, &c., MINISTEAR EAGLAIS CHALUIM-CHILLE. Glaschu, 15mh là, Mios deir. an Fhogh., 1873. COMHRADH EADAR CAS-SHIUBHAL-AN-T-SLEIBH AGUS A’ CHAILLEACH BHEURR. Cailleach-bheurr, boirionnach aig an robh moran d’ an t-saoghal, gidheadh a bha anabarrach doicheallach. Cha do thairg i biadh no deoch do dhuine riamh, ’s cha d’ iarr i air air neach riamh suidhe. Chuir Cas-shiubhal-an-t-sleibh geall ri neach gu ’n tugadh i biadh dhasan ’s gu ’n iarradh i air suidhe. Le sin dh’ fhalbh e far an robh i. Bha an tigh lan toit agus thubhairt e:— Gu ’m beannaich an sealbh tigh dorcha deathach! ISE.—Beannaich an fhardach ’s gu ’n tàr thu dol a mach. ESAN.—Chaidh na cearcan air an iris; ’s mithich fanadh. ISE.—Cha ’n ’eil annt’ ach eoin earraich ’s iad lan galair. ESAN.—Tha mise, bho eirigh greine, ’siubhal shleibhtean a’s gharbhlach, ’S ma gheibh mi fasgadh uait fein cha teid mi ceum eile ’s e anmoch. ISE.—Cia as a thainig thu? ESAN.—Thainig mise, ’bhean mo ghaoil, Bho Leachd a’-Chaoil, am beul an anmuich. ISE.—’S cia ainm a th’ ort? ESAN.—Tha, Uilleam Dean-suidhe. ISE.—Uilleam Dean-suidhe! ESAN.—Is math an airidh, ’s bean an tighe ’g a iarraidh. ISE.—Uilleim, dean suidhe, ’s ged shuidheas cha ’n fheaird; Cha ’n fhaigh thu ach don bidh, don dibhe, ’s don fhardach— Lar lom, talamh toll a’s deargaidean loma lan A chriomas do mhas gu h-anshocrach. ESAN.—Ud, a chailleach, thoir dhomhsa biadh ’S leig eadar mi Dia ’s an anshocair. ISE.—Biadh cha ’n ’eil agam: Cha bhi mi fo ghearan craosach; Cha ’n ’eil agam de bhiadh Na ’sheasadh air sgiath na faochaig. ESAN.—Ciod e ’dh’ fhoghnadh dhuit fein, ’S do mhuirichinn gu leir, Nach foghnadh dhomh fein car aon oidhch’? ISE.—Sobhraichean chreag, bairnichean leac, Uisge teth a’s deanntagan. Leig i an so a ceann air a’ bhràth mar gu ’m biodh i a’ tuiteam ’n a [TD 274] cadal, agus i an duil gu ’m falbhadh e ’s thubhart i:— So cadal an doichill. ESAN.—So dusgadh do dhunach. Leum e ’n sin a suas do ’n chuilidh, agus an uair a chunnaic ise nach robh a choslas air gu ’m biodh e furasd’ a chur air falbh, ghlaodh i:— Pill pill, a dhroch dhuine, ’s gheibh thu biadh. Thug i an sin ceann agus casan caorach as a’ chuilidh, ’s dh’ iarr i air an dathadh. An uair a bha iad ullamh dh’ fheoraich e:— Cia nis do chuid fein? ISE.—Na bheir mi fhin a mach le aon rann. ESAN.—Biodh e mar sin fein. ISE.—Da lior, da lèir, Da chluas, da chéir, Da cham pheirceall, Ochd ìnean an duirn, Ard labhrach a’ chinn, Agus ceithir speir luirgnean. ESAN.—’S e dleasadh fear-cosgairt a’ chinn, Suil a’s buisean a’s eanchainn, Cluas a mach o bhun stuic, Peirceall agus leac a’s leth-cheann. An uair a dh’ ith e beagan de ’n cheann ’s de na casan, dh’ fhalbh e ’s chaidh e steach do thigh a bha anns an nàbachd, ’s chuir a dheth na luirichean agus a’ mhaileid. Thug muinntir an tighe air suidhe ri biadh, ’s cha luaith a thoisich e air itheadh na ’thug e ’n aire do ’n chaillich ag amharc thairis air a’ bhalla tharsuing, agus air dha bhi’ cagnadh greim feola a thug e de chnaimh, thuirt ise:— ’S uaigneach a chriomas tu. ESAN.—’S ann am aonar a cheannaich mi. ISE.—’S iomadh fear a cheannaich a thug. ESAN.—Ge b’ e co dhà ’thug thusa do chuid, faigh uaith e. Thog e ’n sin lan spainne dh’ eanaraich gu ’h-òl, agus dh’ eigh ise:— ’S trom an luchd air a’ chois chaoil. ESAN.—Cha ’n fhaide na sin an t-slighe. ISE.—Is direadh e. ESAN.—Cha luaithe direadh na tearnadh. ISE.—Cha chreid mi fhin nach bard a b’ athair dhuit. ESAN.—Cha b’ ard ’s cha b’ iosal, ach ’s a’ mheud mheadhonaich. A version of the foregoing curious dialogue appeared in the Inverness Courier some time ago, selected from the inexhaustible budget of the “Nether Lochaber Correspondent.” It differed considerably from this one. Perhaps a collection of the various versions of it extant may enable some of your readers to arrive at the complete and correct form. The historical note prefixed to the Courier’s is extremely interesting. SRATH-LIUCHAIDH. CEOL NAN EAGLAISEAN GAIDHEALACH: CANNTAIREACHD NA SREATH. A Ghaidheil runaich,—Leugh mi an oraid a chuir H. W. do bhur n-ionnsaidh mu thimchioll leughadh nan sreath an àm bhi ’seinn nan salm ann an Gaidhlig. Tha e coltach leam nach aithne dhasan ach gle bheag mu sheinn Gaidhlig’, agus, mar an ceudna, nach aithne dha an t-aobhar air son an robh e air tus air a chleachdadh. B’ e an t-aobhar, nach b’ urrainn ach ro bheag de ’n t-sluagh leughadh; agus rinneadh e ’n a reachd leis an Eaglais gu’ m bitheadh na sreathan air an leughadh, no air an canntaireachd a reir mar a b’ fhearr leis an Tròraich-fhear. Bha an cleachdadh ceart agus taitneach; agus tha e co feumail air an latha ’n diugh agus a bha e o chionn ceud bliadhna air ais. Tha e fior gu ’n urrainn moran leughadh an diugh seach mar bha e anns an am ud; gidheadh, tha e mar an ceudna fior, nach urrainn ach beagan de’n t-sluagh Gaidhlig a leughadh. Feudaidh tu Mairi bhan a’ Mhinisteir ’fhaicinn agus searbhanta no ’dha, agus leabhran [TD 275] beag Shalm Beurla aca ’n an lamhan, a’ saoilsinn gu ’n urrainn iadsan ’a Ghaidhlig a leantuinn co math ’s ged a bhitheadh leabhar Gaidhlig aca; ach cha ’n urrainn. Faiceamaid an eiseimpleir a leanas bho Laoidh viii., 6,— Ged chrionas lus cha ’n fhaigh e bas, Thig ’fhas ri uine nios; ’S ged sheargas craobh ’s a’ Gheamhradh fhuar, Ni ’n t-Earrach nuadh i rìs. Faic a’ nis a’ Bheurla,— All nature dies and lives again: The flow’r that paints the field, The trees that crown the mountain’s brow, And boughs and blossoms yield: . . . . . . . . Yet, soon reviving, plants and flow’rs Anew shall deck the plain; The woods shall hear the voice of Spring, And flourish green again. Ciod a their muinntir an t-Salmadair Bheurla a nis? Their, “B’ fhearr gu ’n leughadh am precentor na sreathan duinn.” Cha b’ urrainn H. W. eiseimpleir eile ’fhaotainn anns an t-Salmadair Bheurla a bu stallacaiche na an aon a chomharraich e,— As far as east is distant from The west, so far hath He, &c. Cha ’n ’eil a’ Ghaidhlig co rag a so, faic,— Mar tha an aird an Ear ’s an Iar A’ gabhail fad o cheil’, &c. Nach blasda a’ Ghaidhlig! Tha so a’ tachairt o rian na Gaidhlig’ seach a’ Bheurla,—gu ’m bheil a’ verb a’ dol air thoiseach air an nominative; agus tha so a’ fagail ranntachd Gaidhlig co min, agus a’ dol gu furasda an ealpadh a cheile mar rosg no neo-bhardachd. An uair a theid sluagh do thigh an Tighearna gu aoradh, bu choir gach comhnadh a thoirt doibh gu sin a dheanamh ’n an doigh shimplidh fein; agus ma tha precentor cuimseach ann agus comasach air a’ Ghaidhlig a leughadh gu snasmhor, tha canntaireachd nan sreath, no leughadh da shreath mar is tric a tha ’tachairt, ’n a ni a tha gu tric taitneach. Tha H. W. ag radh gu ’n robh mathachadh mor air a dheanamh ann an ceol eaglaisean o chionn bheagan bhliadhnaichean. Theagamh gu ’m meas cuid gu ’n do rinneadh mathachadh mor, ach gu cinnteach cha ’n ’eil mi ’g a aideachadh. Tha mi ’faicinn Coisridh air a cur suas ann an eaglaisean an sud ’s an so, agus an aite e bhi ’n a mhath ’s ann a tha e ’n a chron mor. Tha Coisridh a’ seinn ciuil a thaitneas riu fein, gun suim ciod a fhreagras do ’n t-sluagh; agus is e ’tha ’tachairt gu ’m bheil an sluagh a’ dunadh am beoil, ’s cha ’n ’eil roinn sam bith aca ann an aoradh Dhe. An abair thu mathachadh ris ’sin? Agus co a tha anns a’ Choisridh? tha, gu tric, precentor air am bheil ceol-chuthach, no ’s a Bheurla music-mania; agus mar is tric a’ choisridh tha comhladh ris—cùid dhiubh, peasain as gach co-thional—ma tha guth agus cluas-chiuil mhath aca, tha iad iomchuidh air son na Coisridh! An abair thu mathachadh ri ’leithid sin?—a bhi ’toirt aoraidh do Dhia le seirbhisich, no mar their iad anns a’ Bheurla le proxy, agus glas-ghuib air a cur air an luchd aoraidh! Cha ’n ’eil ni a’s freagarraiche ann an co-thional na gu ’m bitheadh gach neach a’ seinn mar is fearr a’s urrainn e ’n a dhoigh fein. Their thu, c’ arson nach ionnsaich iad, agus classaichean anns gach co-thional? An teid sean daoine air feadh oidhche a dh-ionnsachadh ciuil? am fag am marsanda a mhalairt, an greusaiche a bhrogan, agus mar sin sios? Cha ’n ’eil na coinneamhan oidhche ach air son dhaoine diomhanach agus graisg ceol-chuthach. ARGATHALIAN. Bail’ an Obain, Mios deir. an Fhogh., 1873. [TD 276] MAOL-RUAINIDH GHLINNEACHAIN. [Ceòl] Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh Ghlinneachain, Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhalbh do mhàthair ’s thug i ’m fireach oirr’. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhalbh do mhàthair ’s thug i ’m fireach oirr’. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhàg i ’n gleann ’s na féidh a’ fuireach ann. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhàg i ’n gleann, &c.—Hà, ho-ró, &c. Cìochan geal’ a’s bainne ’sileadh leo. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Cìochan geal’, &c.—Hà, ho-ró, &c. ’S na ma tig ant aon la thilleas i! Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! ’S na ma tig, &c.—Hà, ho-ró, &c. Thug i ’m balg ’s an robh do chuid mine leath’. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i ’m balg, &c.—Hà, ho-ró, &c. Thug i ’chuach ’s an robh do chuid ime leath’. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i ’chuach, &c.—Hà, ho-ró, &c. Thug i ’chearc a bh’ air an iris leath’; Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i ’chearc, &c.—Hà, ho-ró, &c. ’S ciod e, ghaoil, a bhiodh tu sireadh orm; Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Ciod e, ghaoil, &c.—Hà, ho-ró, &c. ’S nach ’eil ìm, no ciath, no min agam? Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! ’S nach ’eil ìm, &c.—Hà, ho-ró, &c. Gheobh thu bainne na bà druimfhinn bhuam; Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu bainne, &c.—Hà, ho-ró, &c. Gheobh thu ciath, a’s iasg, a’s sithionn bhuam; Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu ciath, &c.—Hà, ho-ró, &c. Gheobh thu glùn, a’s mùirn, a’s mire bhuam. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu glùn, &c.—Hà, ho-ró, &;c. ’S tiugainn leam do ’nt Shìthein urad ud, Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! ’S tiugainn leam, &c.—Hà, ho-ró, &c. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh Ghlinneachain, Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! NOTE.—The above song, which is said to belong to the class called “Fairy Melodies,” was communicated to Lieut. Campbell by Mrs. Macdonell, of Keppoch House, a lady who, by her exquisite taste for Gaelic music, worthily represents the genius of the House of Keppoch, so long the abode of music, poetry, and heroism. This song, with music, appeared in Lieut. Campbell’s work on the Language and Poetry of the Highlands, and gave rise to a newspaper correspondence, a few years ago. The music given in the work referred to is the well-known psalm tune Evan, composed by the late Rev. Mr. Havergal, and is quite unsuitable for Maol-Ruainidh in point of accent and rythm. The melody which I have given above is associated with the words, and commonly sung in more than one district of the Highlands. I have here to acknowledge my obligations to my friend Abrach, to whom I am indebted for the complete version of the words. The occasion of the song has been differently stated; Lieut. Campbell represents it as having been sung by a good fairy, as she sat rocking the cradle of a sleeping child, whose mother has deserted it on pretence of having gone “a thilleadh nan gobhar.” J. W. [TD 277] AN ROS. Dhearc mi uair air ros a’ fas Maiseach, ur, fo dhriuchd a’ Mhaigh— “’S dearbht’” thuirt mi “nach bean gu brath Dad do bhlath cho boidheach!” Chaidh mi seachad la ’n a dheigh,— Chaidh a phabadh leis a’ ghaoith Ceann ri leathad air, a’ caoidh, ’S beacha breun ’g a rospadh. Oigh a’s aingealaiche snuadh, Faic ’s an ros do choimeas truagh! ’S ceart co deas tha d’ iomadh buaidh, ’Thogail fuath ri gradh dhuit;— ’S mar an nathair anns an tom, Thoir ceum mearachd, ’s tha Cul-chainnt Deas gu d’ bhruthadh—’s Mi-run lom Togaidh fonn do naire. BARD LOCH-FINE. TOIMHSEACHAIN. 1. Theid e troimh ’n choille ’S cha bhean e do phreas. 2. Damh donn a’ dol troimh ’n choille, ’S cha ’n ’eil slat ’s a’ choille nach bean d’ a dhruim. 3. Tha brathair aig brathair m’ athair, ’S cha bhrathair athar dhomhs’ e. 4. Chi sinne bitheant e; Cha ’n fhaic an righ ach ainmig e, ’S cha ’n fhaic Dia idir e. SOP AS GACH SEID. Millidh tarunn each, ’S millidh each seisireach. ’N uair ’bhios am pobull dall, Ni ’n gille cam ministear. Nead air Nollaig, Ubh air Inid, ’S eun air ’Chaisg; Mur bi sud aig an fhitheach, Bithidh am bas. Tha caraid amaideach moran ni ’s trioblaidiche na namhaid aig am bheil gliocas. Meudaichidh eolas am peacadh, mur bi an cridhe air a theagasg co maith ris a’ cheann. Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eirigh leo; ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig airc agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair. Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh, agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna ’n ad’ thurasaibh ann am fasach an t-saoghail, agus cha diochuimhnichear thu gu brath. Cha ’n ’eil an duine sin ionraic ’n a chridhe a bhios ionraic a mhain an uair a bhios ionracas chum buannachd dha. Cha ’n ’eil ionracas ’n a bhuaidh caochlaideach, ach seasmhach agus bunailteach. Tha ’n duine ionraic, ionraic eadar bhun agus bharr. Cha sleuchd, ’s cha striochd e do ni suarach, agus foill cha chleachd e ri bheo. Cha ’n ’eil ni ann a tha co iongantach ri leabhar, ach duine beo a mhain. Is teachdaireachd dhuinn o’n bhas e. Is aithris e a chuireadh d’ ar n-ionnsuidh le muinntir nach fhac sinn riamh, le muinntir a bha beo o cheann mhilte bliadhna, agus a bha miltean de mhiltibh astair air falbh. Gidheadh tha iad sin anns na duilleagaibh beaga sin, a’ labhairt ruinn, ’g ar dusgadh, ’g ar brosnuchadh, ’g ar teagasg, a’ toirt misnich agus comhfhurtachd dhuinn, agus a’ fosgladh an cridheachan mar ar cairdean a’s dillse! Ciod e saibhreas? Is saibhreas gach ni a tha daoine a’ solaireadh ’s an t-saoghal air son am beo-shlaint agus an toilinntinn fein. Is i saothair a bheir saibhreas gu buil. Tha gliocas a’ cumail saibhreis ’n a criochaibh fein trid am am bheil i’ meudachadh agus a’ fas cumhachadh. Tha na daoine saibhre air an deanamh suas dhiubh-san a fhuair cuid o mhuinntir eile,—dhiubh-san air an do thuit beairteas gun fhios gun aire dhoibh,—agus dhiubh-san a choisinn e dhoibh fein le fallus an gruaidh. Air an doigh cheudna, tha na daoine bochda air an deanamh suasn dhiubh-san a shealbhaich bochduinn o mhuinntir eile,—dhiubh san air an d ’thainig i gun fhios gun aire doibh,—agus dhiubh-san a thug le h-amaideachd orra fein i. Ginidh leisg agus diomhanas bochduinn. Cha saothraich duine, cha choisinn e a’ bheag, agus tha e, uime sin, bochd. Cha ’n ’eil leigheas ann air son na bochduinn sin a ta ’sruthadh o’n leisg, ach dichioll agus saothair. Is coir do na h-uile a bhi dichiollach, ionraic, agus glic. NAIDHEACHDAN. Tha a choltas air an Fhraing, an duthaich mhi-fhortanach sin aig am bheil an crun cho teth agus nach fhada a gheobhar uachdaran g’ a [TD 278] ghleidheidh air a cheann, gu bheil i ’dol a ghabhail cuairt eile d’ an chleas a b’ abhaist a bhi againn ri linn ar n-oige, agus ris an abramaid, Righ ur air a’ Chathair. Bho ’n am ’s an do chuir iad cul ris an Impire, Napoleon III., a chaochail ann an Sasunn a’ bhliadhna roimhe, tha an duthaich fo ’n ghne uachdaranachd ris an abrar Co-fhlaitheachd (Republic), mar anns na Staitean Aonaichte an America, far an bheil aon d’ an t-sluagh air a thaghadh gu bhi ’n a fhear-riaghlaidh car uine shuidhichte; ach a reir a’ chunntais a tha ’tighinn a nall an drast, tha e uile choltach gu ’m bi prionnsa de aon de na seann teaghlaichean rioghail, an Compte de Chambord, air a roghnachadh leis an uachdaranachd, co dhiu a bhios e taitneach do ’n t-sluagh no nach bi, gu bhi ’na righ anns an Fhraing, agus gu suidhe ann an cathair dhocair a shinnsearan. Is duilich leinn ’innseadh gu ’n do chaochail an t-Urramach R. S. Candlish, D.D., aon de dh-athraichean na h-Eaglaise Saoire air an 19mh latha d’ an mhios a chaidh seachad. Bha e ro ainmeil mar shearmonaiche agus mar fhear-labhairt anabarrach deas agus cumhachdach. B’ ann an cuirtean na h-Eaglais, an da chuid roimh am an Dealachaidh agus ’n a dheigh, a nochd e gu sonruichte a bhuadhan mor agus eugsamhuil. Tha a bhas a’ deanamh bearn ro mhor agus do-leigheas anns an Eaglais Shaoir. Ann an Albainn gu leir, am measg na chaill na h-eaglaisean o chionn ghoirid de churaidhean ainmeil agus cliuiteach—agus cha bheag an aireamh—cha d’ thugadh air falbh aon a dh’ fhag tuilleadh d’ a chomharradh air a dhuthaich agus air an eaglais d’ am buineadh e, na an t-Urramach Dr. Candlish. Facal ’s an Dealachadh. BARRA.—Tha an gearan a tha thu a’ deanamh a’ cur mor ioghnadh oirrn. Tha thu ag radh gu bheil an GAIDHEAL tuilleadh ’s baigheil ris na Caimbeulaich—gur gann a tha mios anns nach ’eil sinn a’ moladh siol Dhiarmaid. Am bi thu cho math agus ’innseadh c’ uin no c’ aite an robh an GAIDHEAL a’ moladh no a’ di-moladh sliochd Dhiarmaid no fine air bith eile; agus gu seachd-sonruichte bu mhath leinn gu ’n comharraicheadh tu a mach dhuinn ma tha sinn a’ moladh no a’ caineadh ach an uair a tha e air a thoilltinn. Cha bhuin an GAIDHEAL do aon dream no dream eile; b’ e a run gu ’n ainmichteadh e air teaghlach mor nan Gaidheal anns gach cearn d’ an t-saoghal. Bu math leis a bhi a’ cliuthachadh an uair a chi no a chluinneas e mu a luchd-duthcha bhi ’deanamh gu ceart; agus, air an laimh eile, a cronachadh ma ni iad gu h-olc. Bheir e a dhleas agus a dhlighe fein do gach aon: tha e ag radh, mar thuirt an t-oran,— “Cuiridh mi sìos an Caimbeulach dubh; Togaidh mi nìos an Caimbeulach dubh,” no an Domhnullach dubh, a reir mar a thoilleas e; agus an deigh sin uile,— “Biodh e dubh, no geal, no grìsfhionn Gradh mo chrìdh’-se ’n Caimbeulach dubh!” no fear sam bith de luchd-aiteachaidh Tir nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach. A. C., EISDEAL.—Taing air son oran a’ Ghille dhuibh. Gheobh e aite gun dail. Fhuair sinn sgeulachd EACHUINN MHIC-IONMHUINN an Tuireadh a chuir D.B.B á Canada; oran bho MHAC-OIDHCHE, agus fear eile bho DHOMHNULL MAC-ILLE-MHAOIL; cho math ri moran nithean o chairdean eile a tha ’tighinn oirnn cho riaghailteach ris a’ ghrein, a dh’ eireas gach madainn, air chor ’s gu bheil sinn ealamh gu amharc air a solus agus a blathas mar nithean air am bheil coir againn. Gabhadh iad uile ar mile taing; agus mur urrainn duinn aite ’thoirt dhaibh gu leir cho luath ’s a bu mhath leo fein no leinne, is ann a thaobh gu bheil am bàta cho beag. Cha chum sinn a’ feitheamh an aisig iad ach cho goirid ’s a dh’ fhaodas sinn. Tha sinn an dochas nach do chuir ar caraid T. C., DUNBHALLAIRE a cheann fo ’sgéith. [TD 279-288] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 289] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1873. [22 AIR. DONNCHA CAIMBEUL. V. Bha laithean agus solasan ar n-oige a’ dol seachad le ’cheile; ach bha curaman agus solasan eile a’ feitheamh oirnn. Mar dh’ fhas sinn ann an neart agus ann am bliadhnaibh, chuibhtich sinn a’ bhuachailleachd, gu bhi a’ gabhail ar pairt fein ann an saothrachadh an fhearainn, anns am biodh Mairi gu tric ’g ar cuideachadh. Bha i fein agus Donncha ’n an comhaoisean—bha esan ard, eireachdail, agus aoidheil; agus ma bha aon nighean eile anns an sgireachd a bu bhoidhche na Mairi, cha b’ i sin barail Dhonnchai no mo bharail fein. Bu tric leinn a bhi a’ coimeas gach maighdinn a b’ aithne dhuinn ri ’cheile, a thaobh an eireachdais agus am buadhan, ach b’ fhada uainn a ghabhadh e an te a b’ fhearr dhiu a choimeas idir ri Mairi. Bha i firinneach, simplidh, neo-chiontach; agus na ’m b’ ainneamh iad a bu mhaisich, bu ro ainneamh iad a bha cho math agus cho taitneach, ionmholta ’n an cliu agus ’n an giulan; ach mar bha i a’ fas ann an laithean, chite gu ’n robh i mar an ceudna a’ fas ni bu toighiche air cuideachd Dhonnchai; agus mu ’n robh i thar naoi bliadhna deug a dh-aois, thuit i ann an gaol a thug atharrachadh aithnichte air a giulan, air a spiorad, agus air a slainte. Air uairibh, bhiodh i cho sunndach mhireagach ri piseig, a’ seinn, a’ dannsa, agus a’ gaireachdaich le aotromas deothasach, neo-mheasarra. Air uairibh eile, bhiodh i tosdach, trom-inntinneach, le cianalas marbhanta ’n a gnuis, leis an robh boichead a h-iomhaigh air a meudachadh. Cha bu ghaol gun chomain e; ach chum Donncha ’fhaireachduinnean ’n a uchd fein, ged a bha iad gu soilleir air an taisbeanadh anns an t-suairceas chaomhail, chomhfhulangach a bha e a’ nochdadh gu bunailteach d’ a taobh. Bha Mairi mar sud air a luasgadh le eagal, agus le dochas, aig an robh a leithid de bhuaidh air a h-aignidhean agus air a giulan ’s nach bu chomasach dhi an eucail ioma-ghneitheach a bha a’ reubadh a cridhe simplidh, saor, neo-chealgach, a chumail folaichte. Air do chuisean a bhi a’ seasamh anns an t-suidheachadh ud, thainig tuiteamas ’n ar cӑramh, leis an robh ar sonas air a ghrad luasgadh, agus thainig a nis an t-am anns am b’ eiginn gu ’m biodh bristeadh air a dheanamh air comunn cho chaoimhneil, cho ghaolach, agus cho chaidreach ’s a bha riamh a chomhnuidh fo ’n aon fhardoich. Mu ’n am ud cha robh na caoirich mhora leis am bheil a’ Ghaidhealtachd a nis a’ cur thairis, ri ’m faotainn ach ro thearc an tuath no an iar air Druim-Alba, agus mar sin, bha a’ Ghaidhealtachd ann an tomhas mor an eiseimeil na Galldachd airson cloimhe gu bhi a’ deanamh aodaich d’ a luchd-aiteachaidh. Fad mios no ’dha de gach samhradh, bhiodh sgaothan de “mhnathan-cloimhe” tuathach, mar theirte riu, a’ siubhal air feadh n’ an gabhalaichean chaorach ’s an taobh-deas, a’ malairt sheudan saor, agus faoin-rudan, ann an suaip airson cloimhe; agus b’ ainmig oidhche air nach biodh aon no ’dha dhiu air chairtealan ann an tigh m’ athar. Is ann o dhithis dhiu sud a fhuair Donncha [TD 290] a mach co e, agus ciod a bha e; gur h-e a bh’ ànn, aon mhac agus oighre Tighearna Ghlinneilich, agus gu ’n robh suim mhor air a tairgse do neach air bith leis am faighte ’mach e. Bha deagh fhortan Dhonnchai gun teagamh, ’n a thoileachas-inntinn do m’ pharantan, ach bha e ro chruaidh leotha dealachadh ris; oir bha e cho uigheil aca ri aon d’ an cloinn fein; agus tha mi ’creidsinn, o ’n cheud latha ’chunnaic iad e, gus an latha air an d’ thainig na mnathan-cloimhe ud ’n a rathad, nach do smuaintich iad gu ’n dealaicheadh iad ris. Air mo shon fein dheth, ’s e a b’ fhearr leam nach robh na mnathan ud riamh air am breth; oir bha dealachadh ri m’ dheagh chompanach ’n a sgaineadh cridhe dhomh. Ach cha robh ar faireachduinnean uile ach mar neoin an coimeas ri faireachduinnean mo pheathar, Mairi. O ’n latha a dh’ fhalbh na mnathan-cloimhe, cha ’n fhacas fiamh-ghaire air a gnuis; cha d’ rinn i teugmhail a cridhe aithnichte do neach fo ’n ghrein agus bha i ’n duil gu ’n robh a gaol do Dhonncha fhathasd ’n a dhiomhaireachd do na h-uile neach. Mar theaghlach, luidh dubhachas tiamhaidh air ar caidreamh o ’n am ud; gheibhte sinn latha an deigh latha a’ suidhe agus ag eirigh o ’n bhord gun dad de chonaltradh saor no suilbhir ri cach a cheile. Aon latha aig am dinnearach, bhrist m’ athair a stigh air an tosdachd neo-aoidheil ud, agus thuirt e ri Donncha, “gu ’n robh e an dochas nach robh e ’cur roimhe ar fagail an cabhaig.” “Tha mi an duil,” arsa Donncha, “falbh am màireach.” Thuit an sgian á laimh mo mhathar; sheall i direach ’n a aodann car mionaid. “A Dhonnchai”—ars’ ise, le guth bristeach, agus i ’sileadh dheur—“A Dhonnchai, dh’ fhairtlich orm riamh thuige so ’fheoraich dhiot, ach tha mi ’n dochas nach e do run ar treisgsinn gu buileach?” Phut Donncha a thrinnseir uaithe gu meadhon a’ bhuird—ghlac e leabhar a bha lamh ris air bonn na h-uinneige, agus thoisich e ri tionndadh nan duilleagan. Dh’ fhag Mairi an seomar. Cha do fhreagair Donncha, agus cha dubhairt mo mhathair smid tuilleadh ris aig an am ud; agus mar sin sgaoil ar comunn beag ann an tosdachd mar ’b’ abhaist. An uair a chruinnich sinn a rithist ’s an fheasgar, bha sinn cho tosdach ’s bu ghnath leinn. Thoisich mo mhathair air seanachas mu chaochladh de nithibh, ach bha e soilleir nach robh a bheag de cheangal aig a smuaintean ris na briathran a bha air a bilean. “A Dhonnchai,” arsa m’ athair, “cha ’ n fhada gus an leig thu sinne as do chuimhne; ach tha cuid dhinne nach diochuimhnich thusa ri ’luathas.” Ghrad dh’ eirich Mairi agus chaidh i ’rithist a mach as an t-seomar; cha do labhradh focal tuilleadh re an fheasgair, gus an do ghairmeadh an teaghlaich a dh-ionnsuidh an aoraidh. Bha earrann de urnuigh m’ athar air an oidhche ud na air am bheil fathasd deagh chuimhne agam, focal air fhocal. Faodaidh i a bhi neo-thoirteil ann am beachd mo luchd-leughaidh, ach rinn i drughadh domhain oirnne, agus cha d’ fhag i suil thioram am measg an teaghlaich uile. Bha an earrann ud mar a leanas. “A Dhe, is treud beag, neo-fhiughail sinne a tha an so air ar gluinean ann ad lathair, ach beag mar tha sinn, is e is dòcha nach lub sinn uile ar gluinean le ’cheile ’n ad lathair ni ’s mo anns a’ bheatha so. Bha sinn fada le ’cheile ann an sith agus ann an suaimhneas, agus an dochas gu ’m faodamaid a bhi mar sin moran ni ’b’ fhaide; ach o ’n is i do thoilse gu ’n dealaich sinn, cuidich leinn striochdadh dhi gu bunailteach; agus ged sgapar leat sinn ri ceithir ghaothaibh neimh, biodh do ghairdein uile-chumhachdach mu [TD 291] ’r timchioll airson maith, agus deonaich gu ’n coinnich sinn uile fa-dheoidh ann an saoghal is fearr.” Air an ath mhaduinn, dh’ eirich Donncha gu moch, chuir e uime an deise a b’ fhearr a bh’ aige, agus phaisg e suas caochladh de rudan beaga a bhuineadh dha. Bha mise air mo chur thuige gu goirt, ’n am luidhe ’s an leabaidh agus a’ leigeil orm a bhi ’n am throm chadal. ’N uair a bha Donncha ullamh chuir e ’ultach fo ’achlais, thainig e gu taobh na leapa a dh-eisdeachd an robh mise ’n am dhusgadh. Sheas e car greis a’ sealtuinn an drasd ’s a rithist air an dorus, agus chunnaic mi e uair no ’dha a’ suathadh a shul. Mu dheireadh, chaislich e mi gu caomhail, a’ feoraich an robh mi ’n am dhusgadh. Fhreagair mi e mar gu ’m bithinn ’n am leth chodal. “Mo shoraidh leat,” ars’ esan, agus e a’ sireadh mo laimhe anns an dorcha. “Nach feith thu ri d’ bhraiceas leinn,” thuirt mi ris. “Tha mi ’saoilsinn,” arsa Donncha, “gu ’r h-e is fearr dhomh sèapadh air falbh, oir sgainidh e mo chridhe, mo shoraidh fhagail aig do pharantan agus aig”—“Agus co aige, a Dhonnchai?” arsa mise. “Agus agad fein,” ars’ esan. “Cha ’n e sin is fearr, a Dhonnchai,” arsa mise; “gabhaidh sinn uile ar braiceas le cheile, airson na h-uair mu dheireadh, agus an sin, gabhaidh sinn ar cead de chach a cheile.” Re na h-uine a shuidh sinn aig a’ bhord, bha ar conaltradh mu na laithean a dh’ fhalbh, gle dhruidhteach. ’N uair a thug m’ athair buidheachas, bha fios againn ciod a bha gu tighinn, agus thoisich sinn air sealltuinn an aodannaibh a cheile. Dh’ eirich Donncha, agus air dhuinn a luchdachadh le ar guidheachan cairdeil agus le ar ar beannachdan, phog e m’ athair agus mi fein. Thionndaidh e mu ’n cuairt; chite gu soilleir ’n a shuil, gu ’n robh e ag ionndrainn cuid-eigin nach robh ’s an lathair ach bha a chridhe cho lan ’s nach b’ urrainn e diog a radh. “C’ àite am bheil Mairi?” arsa m’ athair. Bha Mairi air chall. Rannsaich sinn gach cuil a’s cuilidh ’s an tigh, anns a’ gharadh, agus an tighean n’ an coiteirean, ach cha d’ fhuaradh i. Mairi bhochd threigte, leointe, aonarach! Dh’ fholuich si i fein fo sheann chraoibh iubhair a bha dluth do ’n tigh, far am faiceadh i cuspair a ceud ghaoil, agus annsachd a sul a’ toirt cul a chinn rithe, gun i bhi air a faicinn a’ taomadh a mach tuiltean maoimeach a cridhe an deigh Dhonnchai. Mairi bhochd! Bu tric a chuala mi gu soilleir osna throm a cleibh, agus a chunnaic mi a suilean dearg le caoineadh; agus bu leoir e gu cridhe adamaint a leaghadh, am fiamh ghaire fann leis am biodh a h-aghaidh throm, mharbhanta a’ lasadh suas, ’n uair a chluinneadh i aon air bith a’ labhairt gu speiseil mu Dhonncha. Air feasgar an t-seathamh latha an deigh do Dhonncha tigh m’ athar fhagail, rainig e tigh-mor Ghlinneilich, a tha ’n a sheasamh air srath beag, boidheach, coillteach ann an sealladh an Iar-chuain agus Innse-Gall. Bha gach craobh, a’s creag agus frith-rathad fhathasd gu soilleir ’n a chuimhne; agus cha ’n urrainnear faireachduinnean blath cridhe Dhonnchai, mar a bha e ’tighinn dluth air tigh ’athar, a thuigsinn, ach a mhain le cridheachan rud-eigin co-ionann ri a chridhe fein. Dh’ fhoghluim e o dhuine a choinnich ris air an rathad, ach do nach d’ rinn se e fein aithnichte, gu ’n robh ’athair fhathasd beo; ach nach d’ fhuair e riamh an uachdar air call a mhic, airson an robh e ri sior chaoidh gach latha; gu ’n robh a bhean agus a nighean straiceil, cruaidh-chridheach ris, neo-shuimeil mu ’thoil, agus a’ deanamh laithean a shean aois [TD 292] anabarrach mi-shona dha; gu ’n d’ fhogair iad an t-seann tuath agus na coiteirean as an oighreachd, agus gu ’n robh an aiteachan air an lionadh le cairdean cumanta, graisgeil, ladarna na bain-tighearna, o nach robh e a’ faotainn ach ro bheag de mhal, de urram, no de umhlachd. MUILEACH. (Ri leantuinn.) DUAN CALLAINNE. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. FONN.—“Beinn Dòrain.” URLAR. ’S i ’n nochd an oidhch’ is buadhoir A dh’ òrdaicheadh; Dìolaidh sinn na duain Mar is còir dhuinn. Tha bliadhn’ ag imeachd bhuainn, Bliadhn’ tigh’n òirnn á nuadh, ’G inntreachadh le cuartachadh Ordamail. ’S i ’n nochd an oidhch’ is dual duinn Bhi ròiceil; An fhéisd ga cur a suas Air na bòrdaibh; A’ ghloin’ a’ dol mu ’n cuairt, ’S fallain an stuth fuar, Rati an Taoibh-Tuath— Mac-an-Tòisich e. Cridhealas gun ghruaim Aig ar n-óg-fhearaibh; Bannal thogadh fuaim Air na h-òrana, Fidheal ga cur suas— Inneal-ciùil nam buadh, ’Sheinneadh na puirt luatha Bu cheòlmhoire. Guidhim dhuibh ’s gach uair, Ailleas, tlachd, a’s buaidh,— Cleachdainnean nan uaislean ’Thug fòghlum dhuibh. Saoghal fada, buan; Pailt ur bliochd ’s ur buar; Fortan air ur sluaigh Fhad ’s is beò iad. SIUBHAL. O, seinnibh an ealaidh Romh ’n cabhagach sraonadh; An ealaidh bheag ghrad-bhriathrach, Aigeannach, aotrom. Hùganaich chaithreamach, Inntinneach, aithghearr, A thogadh ar n-aigne Bho ghart-ghreann an Fhaoillich. Chollainn seo, Challainn sin, Fheara mo ghaoil-sa! Buailibh am balla Le deannal nan gàirdean! Sàr bhuillean sreallanta, Troma nan gallan, Bheir dìosgan a’s fathrum Air darach nan taobhan, Gu neartmhor a’ slachdraich Ri clachan an aolaich. Mhuinntir tha ’s teach, Do an cleachadh bhi caomhail. Mo dhùrachd do ’r n-aitim Air faidead ur saoghail; Aoibhneas a’s aiteas, Gun éiginn, gun airce, ’S gach nì mar is taitniche, ’S ait leam bhi saor dhuibh. Deadh bhean-an-tighe, ’S a companach flathail, Gu ma fad bhios iad maireann Gu mathas a’ sgaoileadh; Sonas a’s aiteas Bhi leanailt ri ’m macaibh; Am Freasdal mar neart dhaibh, Bho ghlacaibh gach baoghail. URLAR. Ma is math leibh mise leanailt Air an ealaidh seo mar thóisich, Gu ’n innis mi gu grad-bhriathrach, Cho athghoirid ’s bu chòir dhomh,— ’S i ’n nochd an oidhch’ is aighirich A shoillsich réul á athar oirnn,— ’S i oidhche Choinnle, Challainn, Teachd na h-ath-bhliadhn’ As a h-òige. Mar dh’ innseas an luchd-eachdraidh dhuinn An cleachdadh bha bho thòs Aig a’ mhuinntir a chaidh seachad, Mu an Challainn a bhi ròiceil; Gach rìgheachd anns a’ chruinne ’N d’ rinn an cinne-daonda tuineachadh, ’S sulasach gach muirichinn Ga ’m furan thun nam bòrdaibh. ’N uair théid sinn thun ar coimhearsnaich, G’ a choimhead mar bu dóigh leinn, ’S a cholla’nicheas sin aitreamhan Le slachdarnaich nan cròcmhiar, ’S iad briathran fhir-am-tighe ’n sin: “A mhaca nan sonn fathasach, A b’ fhialaidh ri luchd-tathaich, Leam gur taitneach sibh ga m’ fheòraich. A nuas, a bhean, thoir pailteas dhuinn— Biodh Flòiri bhàn ga sgapadh leat, Fear smearach miath nan ceapairean, Na ’chnapaidh air a’ bhòrd dhuinn; A nall am botal urramach, ’S gu ’n òlamaid gu h-urranta, Deoch-slàinte nam fear furanach ’S neo-sgrubail ’s an tigh-òsda.” SIUBHAL. Cumar oidhche na Callainn Gu caithreamach, múirneach, [TD 293] Eireachdail, fearachail,— Leanailt ri ’r dùthchas,— Fiùghantach, farasda, Fialaidh gu sgapadh, Biodh annlann gu taiceil Air ceapairean dùmhail; Riaraichear Raiti, Stuth miaghail na bracha; Biodh breisleach a dheataich An claigeann gach cùirteir; Innsidh mi sgeula— Cha bhréugan gun ghrunnd e— Deanaibh rium éisdeachd, Tha réusan ga ’ghiulan. A mhuinntir na féile, Gun cheasad, gun éiginn, A dhìolas a’ bhannag Do ’n fhear thig g’ a h-ionnsaidh, A chumas le àbhachd Oidhch’ àidh na bliadhn’-ùire, Bidh cridhealas càirdeil, A’s fallaineachd nàdair, A’s piseach gu bràth, Air an àlach gun chunntas. Lìonmhor mar rainich, An stoc air gach baile, Sliochd buan mar an darach Bhios fallain le ’rùsg; Sonas a’s mathas, Na ’n còmhail ’s gach rathad; ’S biodh dùilean an athair Ag gabhail dhiubh cùnntais. AN CRUN-LUATH. Le foighidinn bhig fhathast Bheir mi naidheachd dhut bho ’n chrùn-luath, Gu h-aithghearra mu ’n aitim sin A chleachd a bhi cho gnùtha, Leis ’m bu mhiann gu ’n spadadh iad An eanchainn ás do chlaigeann, Na gu ’n riaraicheadh iad dad ort De ’n phailteas tha ’s na cùiltean, Ged bhiodh gob géur an acrais Am farsuinneachd do ghrùthain, ’S do mhionach beag ga ’chagnadh Le bhi d’ thrasgadh fad a dh-ùine. A mhuinntir sin, cha ’n aithne dhuibh Na bhuineas do bhi ceanalta, Gun eireachdas gun aithne Ach ant shabaid a’s don-ionnsaidh. Cha chluinneadh tu dol seachad orr’ Ach toirm na cige-chaige, Brisdeadh chuigeal mu na claignean Agus cnapadaich nan rùdan. ’N uair thriallas iad bho ’n bhaile Cha bhi breamas anns gach dùthaich, Nach sìn orra ga ’m far-fhuadach Thar thalamh ’tha dhiubh diùmbach; Bidh driodfhortan na dunach orr’ A’ h-uile taobh a chuirear iad. An glumagan ’s an rumaichean Gu ’n tumar iad gu ’n sùilean. Na logaidean ’s na bodaich Bhios ag cogadh ris a’ mhuinntir, Gach tràchran agus glaistig A ni tatraich anns an oidhche, Bidh iorraghiullaich, a’s famhairean, A’s uamh-bheistean, ag comhartaich, Gach ùraisg agus omharlair A’s amharra ni raoiceil. Thig siod orra gu ladarna Ga ’n slaodadh ás na lapaichean, Gu ’n eaglachadh gu bagarrach Le slachdraich a bhios oillteil. A nise bho ’n a dh’ aithris mi Na rannan mar b’ eòl domh, Air m’ fhallainn gur h-e ’n ceanal dhut Mo bhannag chur air dòigh dhomh; Gu ’n bhuannaichd mi gu deimhinn ort An tuarasdal a ghealladh leat— Gloin fhuar de stuth na mearaichinn A baraille na Tòiseachd. IAIN AN FHAMHAIR. Ri linn Righ Artair nam buadh bha tuathanach còir an Cinntìre an Sasonn, an siorramachd Chornwall, aig nach robh ach aon-mhac, agus ’s e Iain a b’ ainm dha. Bha Iain na bhalchan ro fhearail. B’ e ’thoil-ìnntinn a bhi ’g éisdeachd ’s a’ léughadh sgialachdan air buidsichean, ’s air draoidhean, ’s air famhairean, agus air sìthichean; agus cha ’n iarradh e de shòlas ach a bhi cumail cluaise ri ’athair ag aithris mu éuchdan nan cuiridhnean calma—Ridirean a’ Bhuird-Chruinn aig Righ Artair. An uair a chuirteadh Iain do ’n fhireach a bhuachailleachd nam bò ’s nan caorach, bhitheadh e, a chumail ’fhadail dheth fhein, a’ tarrainn bhlàr a’s séisdidh dhaingneach, agus a’ dealbhadh na ’inntinn mar a chìosnaicheadh ’s mar a ghabhadh e fàth air nàmhaid. Cleasachd cloinne-bige cha b’ fhiù leis; agus b’ ainmic e a fhuair a’ chuid a b’ fhèarr dheth ’s a’ ghleachd. Bha e cho deas, seòlta, ’s ged a thuiteadh air uair gu ’n tachradh a sheise air, gu ’n robh buaidh ag éirigh leis anns gach cìnnseal. [TD 294] Anns an àm ud bha famhair mòr a’ fuireach an Cruaich-Mhìcheil an Cornwall—béinn a tha mach ’s a’ chuan astar math bho thìr. Bha e ochd troidhean diag air àirde agus naoidh air liad, agus ùrla cho déisinneach, fiadhaich ’s gu’n robh e na chulaidh-eagail do no coimhearsnaich. Bha e fuireach an uamha dhuibh dhorcha am fas-mhullach na beinne; agus bu nòs da coiseachd romh ’n mhuir gu tìr air tòir cobhartaich. Cha luaithe chìteadh e tighin air fàireamh, na theicheadh an sluagh le ’m beatha ás na tighean. An uair a dh’ itheadh e sheachd sàth de mhairt-fheoil agus de mhuic-fheoil, thilgeadh e leth-dusan damh air a mhuin, agus a thrì urad sin de mhucan agus de chaoraich, cheangladh e air a bhac-stic, agus thrialladh e dhachaidh do ’n uamha. Is e seo a bu bhéus da fad bhliadhnaichean; agus mur do chrean crìochan Chornwall air a chuid chreach! Mu dheireadh chuir Iain gu cruadalach roimhe cur ás da. Togar air, ma ta, le dùdaich, le sluasaid, le piocaid, agus le crùisgein; agus an toiseach na h-oidhche faide geamhraidh snàmhar a null do Chruaich-Mhìcheil, Chaidh e gun mhoille an dàil oibre, agus cian romh latha chladhaich e toll fichead troidh air doimhneachd le a dhìol leòid. Dhùin e bial an tuill le crèubhaich agus le soplach, agus chrath e sgiotan ùrach air uachdar sin gus am famhair a chur ás ’umhail. An sin shéid e dhùdach fhein le sgairt cho mór, onfhach ’s gu ’n do dhùisg e ás a shuain am famhair. Thàinig e air ’imeachd an rathad a bha Iain ’s ghlaodh e le fuaim tàirneanaich: “A pheasain bheadaidh, bidh daor an ceannach agad air mise a dhùsgadh. Cuiridh mi air a’ ghrìosaich thu ’s bidh tu agam gu m’ bhraicmhias.” Gun tuilleadh bhriathran thugar sith g’ a ionnsuidh ’s tuitear na ghleog an comhair a chinn ’s an toll le saidse cho mór ’s gu ’n do luaisg e bhéinn? “O hó, Ghoistidh,” ars’ Iain ’s e coimhead sìos do ’n toll, “an e gu ’n d’ ràinig thu ’nt ìochdar mar thà! Ciod is gléus do d’ stamaig? Am beil dad idir ann a dh’ fhoghnas dhut gu d’ bhraicmhias air a’ mhaduinn fhuair seo, gun Iain bochd a ròisteadh?” Thug am famhair glideachadh air fhein gu éirigh, ach bhuail Iain a’ phiocaid air am mullach a’ chinn agus mharbh e dh’ aon bhéum e. Gun mhoille, gun dàil, thill Iain air ais a thoirt furtachd dh’ a cháirdean le sgial-bàis an fhamhair. An uair a chuala triathan Chornwall mu ’n éuchd seo, chuir iad fios air Iain, agus le aon ghuth thuirt iad gur h-e Iain-an-Fhamhair a bhiodh mar ainm air bho ’n uair sin; agus thug iad claidheamh dha, agus crios-guailne, agus sgrìbh iad air, an litrichean-òir: Is mis’ Iain Còrnach an sàr-chuiridh, Mharbh mi Cormoran le buille. Chualas mu ’n éuchd seo rinn Iain, ’s cha b’ fhada h-uige, anns gach cèarna dh’ àirde-niar Shasonn; agus bhóidich famhair a bha ’n sin do ’m b’ ainm an Buamastair-Sean, a bhi dìoghailte ’s Iain ma bha e gu bràth an dàn da fhaotainn na ghlacan. Bha ’m famhair seo fuireach an caisteal-gheasan ann an coillidh lethoirich. Mu cheithir mìosan an deaghaidh bàs Chormorain, thàinig air Iain, air a thurus do Chuimridh, dol romh ’n choillidh seo; leis an sgìos, rinn e suidhe a leigeil analach aig taobh tobair àluinn, ’s tuitear na shuain-chadail. Anns a’ cheart àm sin thàinig am famhair thun an tobair a dh-iarraidh uisge. Rinn an sgrìbheadh a bh’ air a’ chrios-ghuailne Iain a bhrath; agus is e bh’ ann gu ’n do thog am famhair gu socrach air a mhuin e g’ [TD 295] a thoirt leis do ’n chaisteal. A’ triall dhaibh romh dhlùths na coille dhùisg fuaim nan duilleag e, agus bha e an cruaidh-staid gu leòir an uair a fhuair e e fhein an crògan an fhamhair. Ach cha bu dad idir e làmh ris an an eagal a ghabh e an uair a ràinig iad an caisteal—bha ’nt ùrlar lom-lan de chlaiginn ’s de chnaimhean sluaigh. Thug am famhair a’s tigh do sheòmar mór e anns an robh cridheachan, a’s lamhan, a’s casan, a’s cinn nan daoine bh’ iar an ùr-mharbhadh; agus thuirt e ris, le braoisg sgreamhail, gur cridheachan dhaoine dh’ annlann air pheabar ’s air fhìon-géur, lòn-bìdh bu mhilse leis a gheobhadh e; agus cuideachd, gu ’n robh a shannt air ròic a bhi aige air a chridhe-san. Gun tuilleadh seanchuis, ghlais e Iain ’s ant sheòmar, agus dh’ fhalbh e dh’ iarraidh famhair eile bha fuireach ’s a’ choillidh chiadna gu bhi comaith ris. An uair a bha esan air falbh, ghoir gach cèarna de ’n chaisteal le sgriachail, a’s gearan, a’s glaodhaich a bha oillteil; agus an uair a thàinig balbhadh air sin, chual Iain guth cianail a’ toirt na caismeachd seo dha fhein:— Teich, a choigrich thréin gun dàil— Bidh am Buamastair mu d’ bhàs, Bheir e leis ant athach bréun— Béist is ascaoin’ na e fhein. Theid do riasladh cian gu goirt, ’S do chur gu bàs gun iochd, gun toirt. Fàg, a choigrich thréin, an dùn— ’S cobhartach thu, laoich, do ’n tnùth. Theab an sanas seo cridhe Iain a chur ás a chochull. Thug e léum thun na h-uinneige, ’s faicear an dà ghòsganach ud a’ tighin an achlaisean a chéile. Bha ’n uinneag dìreach os cionn geataichean a’ chaisteil. “Nise,” ars’ Iain, “cha ’n ’eil ann domh ach bàs no beatha cia dhiubh.” Thuit gu ’n robh dà theadhair ’s ant sheòmar, agus chuir Iain mialaire agus lùb-ruith air ceann gach teadhrach. An uair a bha na famhairean a’ tighin romh na còmhlaichean-iaruinn thilg Iain na teadhraichean thair an cìnn agus cheangail e iad gu gramail ris an spàr. An sin tharrainn a’s tharrainn e le ’uile neart gus an robh iad an ìmbis a bhi tachdte. An uair a chunnaic e gu ’n robh iad le chéile dùbh-ghorm ’s an aodunn, ’s gu ’n chaill iad an clìth, tharrainn e chlaidheamh ás an truaill, agus theirinn e air an teadhair, agus sgud e na cìnn de na famhairean: mar seo theasraig e e fhein bho ’n bhàs a bha iadsan ag cumadh ris. An sin rùraich Iain bùilisgean a’ Bhuamastair, agus fhuair e pacan-iuchraichean annta, agus ghabh e air ais do ’n chaisteal. Cha d’ fhàg e cùil no cial gun siubhal gu mean, agus fhuair ann triùir bhaintighearnan an crochadh air fhalt ’s iad an ìmbis fannachadh. Dh’ innis iad dha fàth am pianaidh—mharbh na famhairean na daoine aca, agus bho ’n nach itheadh iadsan am feòil ’s e fannachadh am bàs a shònruicheadh dhaibh. “A bhaintighearnan,” ars’ Iain, “chuir mise ás do ’n uilebheist agus do ’n daoidh a bhràthair; agus an éiric gach droch-dhìol a’s dòruinn a dh’ fhuilig sìbhse, bheir mi dhuibh an caisteal seo agus gach ulaidh a th’ ann.” An sin liubhair e gu suairce dhaibh iuchraichean a’ chaisteil, agus thriall e air a thurus do Chuimridh. Eadar. le ABRACH. LUINNEAG, AIR DHOMH DEOCH DE DHROCH UISGE ’FHAOTAINN. SEISD.— O hi-rì, ho raill ó, Raill ó, ho raill ó; O hi-rì, ho raill ó, Mo chridhe trom, ’s cha neònach. ’S e ’chuir mis’ a dheanamh duain. ’Mheud ’s a chuireadh orm de ghruaim, Leis an deoch de uisge ruadh A fhuair mi an Hanòbhar. O hi-rì, &c. [TD 296] ’S ainneamh ’chaochail sruth os cionn A’ chlabair a bha ann an grunnd Na h-aibhne a bha ruith gun sunnd Le bùrn nach tugadh solas. O hi-rì, &c. Coma leam an t-uisge glas, Coma leam a dhreach ’s a bhlas, ’S mor gu ’m b’ fhearr na feadain bhras A thig bho chais nam mor-bheann! O hi-rì, &c. Cha robh fionnarachd ann riamh Mar bha ’n sruthanan nan sliabh, ’Chuireadh fallaineachd an cliabh Gach iotmhor a ni ol asd’. O hi-rì, &c. ’S i mo run-sa tir nam beann— Abhainn fhior-uisg’ anns gach gleann; Torman binn aig mile allt, ’S iad mar bhean-bainns’ an ordugh! O hi-rì, &c. Comhdach min-fheoir air gach bruaich, Laist’ le ròsan ’s bòi’che snuadh; ’S gur h-iocshlainteach a sruthain fhuar, Nach cruadhaich a’ ghaoth-reoite. O hi-rì, &c. A thir an fhior-uisg’, ’thir mo chrìdh, ’S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh An ròs ’s an lili a’ cur strìth An gruaidhean mìne t-oigridh! O hi-rì, &c. ’S neartmhor t-osag leam, ’s is ur, Ag eirigh luchdaichte le tuis, ’N uair tha ghrian ag ol an druchd Bho d’ thrusgan flùrach, boidheach. O hi-rì, &c. Cha b’ ioghnadh Deorsa ’bhi an diomb Ris an òg d’ an d’ thug thu run; Bu tu ’n neamhnaid ann a chrun, A’s cha b’ i duthaich oige. O hi-rì, &c. ’S ged tha mis’ an so air chuairt, Tha ’n Gleann-Comhann eutrom luath; ’S ’n uair a theid a siuil a suas, ’S ann tuath a ni seoladh. O hi-rì, &c. ’S ’n uair ruigeas mise tir an aigh, Tir mo dhàimh, a’s luchd mo ghraidh, Nàille! theid mi fhein gun dail, A dh-ol mo shàth á Lòchaidh! O hi-rì, &c. MAIRI NIC-EALLAIR. Harburg, Hanòbhar, Meadhon an Fhogh., 1866. COMHRADH NAN CNOC. (Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach.) FIONNLADH PIOBAIRE, AGUS PARA MOR, AN OIDHCHE MU ’N D’ FHAG IAD GLASCHU. FION.—So! so! a Pharuig, tha’n t-am dhuinn cadal. Tha Mhaighdeann-Mhorairneach a’ falbh gu math moch. Chunnaic mi fhein an sgiobair. PAR.—Gruagach mo ghraidh cha b’ e sin ach a h-abhaist; te na moch-eiridh! Ach ged a ghluaiseadh i fhein, ’s a h-upraid m’ am blais an t-eun an t-uisge, ’s e Paruig nach biodh diombach; is fhad an oidhche gu latha gus am fag mi ’n t-uamhas aite so. FIONN.—Cha ’n uilear dhuinn a bhi air ar cois aig ceud ghairm a’ choilich. PAR.—Sin a’ ghairm shurdail nach cuir air do chois ’s an aite so thu. B’ e bhi cur an uain do charn an t-sionnaich, coileach a chur do Ghlaschu. Ged is iomadh cailleach mhor, laidir a tha ’s an duthaich againn, a’ trusadh uibhean a’s chearcan, airson an cur do Ghlaschu, cha chuala mi goc circe, gun ghuth air gairm coilich o ’n thainig mi ann. Ach nach coma co dhiubh, fhad ’s a tha ’n duine truagh ud a’ muigh air a’ chabhsair, a’ spaisdearachd ’s a’ glaodhaich fad na h-oidhche. An cluinn thu ’n drast e? Gu dearbh a fhleasgaich, mar thuirt am mada-ruadh ris an fheannaig, “Cha toir do cheol á cuideachd thu.” Cha ’n ’eil do ghuth ach reasgach, agus cha ’n nar dhuit; cha ’n iongantach thu bhi sgith de ’n chabhsair; agus gu dearbh tha mi fein ann. Tha mi co bruite sgith an nochd fein ’s ged a bhithinn a’ siubhal a’ mhonaidh fad seachdain. FIONN.—Cha d’ rinn mi fhein moran coiseachd an diugh; bha eagal orm, gu ’n caillinn mo rathad, agus cha do leig mi ’n t-each-odhar as mo shealladh fad an latha, am fad [TD 297] ’s a bha mi ’ceannach trealaich bheaga do ’n teaghlach. PAR.—Cha b’ e sin domhs’ e. Cha deachaidh stad air mo chois. Cha bhi mi ’n Glaschu an da la so a rithist; agus thar leam gu ’m faicinn na b’ fhiach ’fhaicinn ann. An saoil thu, a mhic cridhe, nach robh mis’ an diugh air tòrradh. Bha mi ’n sud a’ staraineachd o aite gu h-aite gus an an d’ fhuair mi mi fein ann an luchuirtibh a’ Cholaisde, aite cianail, samhach, far nach do thachair duine orm, gus na bhuail an t-uaireadair mor, agus an sin thoisich dranndan de chlag beag a bha fodha. Ann am prioba na sul, bhruchd sgaoth a mach an sud ’s an so de sgoileirean le ’n tonnagan ruadha, mar gu ’m faiceadh tu tom sheangan anns an sathadh tu do bhata. Tachraidh na daoine ged nach tachair na cnuic. Co ’thainig orm an so ach Calum og. Mac an athar, ’s e rinn an caoimhneas rium. Leig e ris domh iongantais an aite. Chunnaic mi’ n sud barrachd leabhraichean na shaoil leam a bhi air aghaidh an t-saoghail. An uair a rainig sinn an t-sraid, faicear an torradh a’ tighinn a nuas ’n a aon mheall dubh; an carbad mor fein anns an robh an giulan, mar gu ’m biodh cnap soithich ann, ’s a beul foidhpe; ach an uair a theann e oirnn ’s ann an sin a bha ’n riomhadh! Bha an carbad fein air a chomhdachadh le sar eudach dubh; oir de shioda geal mu ’thimchioll; bara-bhidein ard air gach oisinn, le cnaip òir os an cionn; stiallan fada de riobainean sioda crochta riutha; agus mar shuaicheantas broin agus bais, dealbhan chlaigeann agus chnamh air an tarruing air fiamh an òir air gach taobh dheth. Agus cha ’n fhoghnadh sin, marbhaisg orra! ach na h-eich fein, na bruidean bochda, ’s mairg a dheanadh amadain diubh—bha iad an sud agus brat air a’ h-uile fear dhiubh, agus bad de dh-itean dubha ’n a cheann. An saoil thu an robh ’g a chaoidh, ach aon seisear. Bha iad so a’ falbh roi ’n ghiulan; curraichdean maola, dubha air an scrogadh mu mhullach an cinn; sgonn de bhata goirid ann an laimh gach fir dhiubh; agus iad a’ coiseachd, na daoine truagha, gu tursach, trom, le ’n suilibh ri lar mar gu ’m biodh an cridhe gu sgaineadh. “Mo thruaighe,” a deir mise ri Calum, “’s iad so cairdean an fhir nach maireann.” “Cia air bith” ars’ esan “mar tha sin, tha latha math acasan an diugh, air a shailtibh. Ach leanamaid iad do ’n Chladh, agus chi thu ’n sin deireadh a’ ghnothaich.” FIONN.—An ann do ’n Eaglais mhoir a chaidh iad? Nach bochd nach robh mise leat, ’s gun do gheall mi do Lachlann nan ceistean dol g’ a h-amharc. PAR.—Mata, is fiach i a faicinn: ach b’ e sud ait’ an uamhais. An eaglais fein na h-aon mheall mor, glas; uamhachan eagalach le dorsaibh meirgeach, iaruinn a stigh foidhpe, agus iad lan, mar dh’ innse dhomhsa, de dhaoine marbha. Bha ’n cladh so co farsuing ri dail a’ gharbhain, agus leachdan lighe co dlu air a cheile, ’s gur gann a gheibh an iunndagach fein a ceann a thogail ’n am measg. An saoil thu, ged a b’ e ’n latha geal a bh’ ann, nach robh sgath orm; bha fuaim co fas aig a’ h-uile ni. Ma dheireadh ’s ma dhiu, thainig an torradh; ma bha e fada gun tighinn cha robh e fada dol seachad. Bha ’n uaigh reidh, glan, agus an t-urram dhasan air cul sluasaid a bha ’cur a stigh na h-urach. Is fad o ’n chuala mi, “So mar theid na h-eich do ’n mhuileann, sud mar thig iad as.” Air falbh ghabh ’a h-uile carbad diubh sios an t-sraid, ’n an deann ruith. Chitheadh tu ’n carbad mor fein, ’n a ghabard luidneach, mar bha e, ’s an turamanaich sios le each; na claiginn agus na cnamhan mar gu’ n leumadh iad [TD 298] anns na speuraibh; agus cha ’n e sin uile, ach luchd nan curraichdean maola, a ghraisd! bu mhis’ am burraidh bochd, a bha ’gabhail truais diubh; co a bh’ annta achluchd-tuarasdail. Co ach iadsan! ’n an deann ruith a sios an t-sraid, co aoibhinn, aighearach ’s ged a bhiodh iad air banais. Stad thusa gus am faic mise Lachann nan Ceistean; tha mi air mo bhodhradh leis; cha chluinnear aige ach am fasan Gallda, biodh daoine beo no marbh; ach ma tha e ’n dan dhomhs’ ’fhaicinn, cuiridh mi ’ghlas-ghuib air an deigh na chunnaic mi ’n diugh. FIONN.—Tha Lachann gle fhada ’s a’ bheachd sin, agus cha ’n fheudar ’aicheadh nach robh moran eireachdais ’s an doigh thorraidh a dh’ ainmich thu. PAR.—Eireachdas, an d’ thubhairt thu? Gnothach co mi-chiatach ’s a chunnaic mi riamh; an saoil thu na ’m bitheamaid a’ dol leat fein do ’n Chill, am b’ eireachdas e a chuireadh onoir ort, brat-mairbh a chur air an each bhan agad, agus bad fraoich, no dos do itean dubha a chur ’n a mhuinge? Tog dheth. FIONN.—Tha na cleachdan sin tlachdmhor, no mi-chiatach a reir gnaht na duthcha ’s an cleachdar iad. Chunnaic mise la anns nach bitheadh torradh eireachdail ’n ar duthaich fhein gun cheol na pioba; ni ma dh’ fhaoidte, ’chuireadh uiread sgreimh air Gall no air Sasunnach, ’s a chuir na chunnaic thus’ an diugh, ort fein. PAR.—Is e sin iadsan a bhi gun tuigse; agus a bhi gun chridhe. Tha ’phiob a nis a’ dol á cleachdadh air na co-dhailibh sin, agus theagamh gu bheil sin co maith; ach cha chuala mi riamh Baile Dhuneideann agad fein, le nuallan tiomhaidh, ’s tu falbh air ceann na cuideachda do ’n Chill, nach d’ thainig tiomadh air mo chridhe, agus deoir air mo shuilibh. FIONN.—Tha cheart phort sin fein tiomhaidh ni ’s leoir, agus chunnaic thusa latha a chluichinn e co maith ris gach dara fear; ach an cluinn thu mi a Ghoistidh, ’s e an ni a tha Lachann agus am ministeir fein a’ ciallachadh ’n uair tha iad ’g ar n-earalachadh gus na fasain Ghallda a leantuinn, gu ’n gnathaicheamaid an riaghailt agus an stuamachd, agus maraon an t-samhchair leis a’ bheil iad a’ dol mu ’thimchioll. PAR.—Tuigidh mi sin. Gu dearbh bha ’chuid sin de ’n ghnothach mar bu choir dha a bhi. Bha ’n uaigh ann an sud gu h-ullamh, reidh. Cha chluinneadh tu focal ard aig fear seach fear; cha robh connsachadh m’ an cheart leaba, mar is tric a thachras ’s an duthaich againne. Cha robh iad a’ seanachas thall ’s a bhos mu ghnothaichibh faoine; cha ’n fhacas fiamh ghair air gnuis; agus cha do charaich duine o ’n uaigh gus an robh gach ni seachad. FIONN.—Nach robh eireachdas an sin, seach mar tha sinne air uairibh a’ faicinn? PAR.—Gu deimhin thaitinn sin rium gu h-anabarrach, ged bu shuarach leam gach spailpeanachd eile a bh’ ann. B’ fhearr leam bhi air mo ghiulan do ’n Chill air a’ charbad bheithe, air guaillnibh mo luchd-duthcha, na sa charbad is riomhaich’ a dh’ fhalbh riamh air cuibhlichibh; agus bu taitniche leam aon deur a shileadh mo choimhearsnaich air m’ fhoid na ged bhiodh na miltean de ’n chomunn chealgach ud air thuarasdal ’g am chaoidh. FIONN.—Thachair e dhomh. Is dona ’fhreagras cealg agus morchuis aig an uaigh. Ach innis so dhomh a Pharuig, cionnas a chord an Eaglais mhor riut? Co dhiubh is briagha i no cach? PAR.—Chuir thu ceist air Paruig. Bha e co furasda dhomhsa innseadh dhuit co ’n reul is aillidh ’s an iar- [TD 299] mailt, a’s innse dhuit co an eaglais is riomhaiche ’s a’ bhaile so. Tha de dh-eaglaisean ann, na dheanadh baile mor iad fein, agus tha gach aon diubh eireachdail ni ’s leoir; ach air a shon sin uile, is ann a tha i sud, mar a’ ghealach am measg nan reul. Tha te bheag bhinneach, eile lamh rithe nach deanadh tigh-seisein d’ i. Tha mis’ ag radh riut gu bheil cneasdachd direach ’n a gnuis. Tha uiread eadar-dhealachaidh eadar i fein, agus na h-eaglaisean ura, gogaideach a tha iad a nis a’ togail, ’s a tha eadar seana mhinisteir aosda, dreachmhor, le ’shuilibh tla, le chiabhaibh liath, agus sgaomaire de shearmonaich og, a tha fo bharrachd speis da fein, na fo iomaguin mu dhaoin’ eile. Ach ’s i mo bharail fein gu bheil tuile ’s a choir de eaglaisean ann. FIONN.—Cha ’n urrainn sin a bhi. PAR.—Is urrainn. Cha tachair dithis ort a tha dol do ’n aon eaglais; agus nach cluinn thu ’n t-aon chonnsuchadh truagh aca m’ an aidmheil ud, agus m’ an aidmheil ud eile, a’s a’ h-uile fear co fada ’n a bheachd fein ris an fhear eile. FIONN.—Tha leithid sin ann; ach tha dochas agam gu bheil iad am bitheantas a’ togail air an aon steidh ged tha eadar-dhealachadh baralach eadar riu an cuid a nithe. Cha ’n ’eil connsachadh de ’n t-seorsa sin ’n ar measg-ne, ach tha ni co mi-chiatach ann; daoine ’their riut gu bheil iad de chreideamh an athraichean, de chreideamh a’ mhinisteir, an t-sagairt, no an easpuig, nach urrainn innseadh cionnas, no c’ arson. PAR.—Tha an leithide sin ann; agus tha e ’n a dhearbhadh nach ’eil creideamh ceart aca. Far nach ’eil meas air an fhearann, cha bhi fothrais mu na criochan. Ach an creid thusa na chuala mis an diugh, gu bheil corr a’s da fhichead mile anns a’ bhaile so nach ’eil a’ dol do eaglais eadar da cheann na bliadhna. FIONN.—Tha mi ’creideinn gu bheil moran ann gu dearbh a tha gle shuarach mu na gnothaichean sin; ach air a shon sin, is iomad fear, mo thruaigh! nach ’eil a’ dol do ’n eaglais, a chionn nach ’eil aige de ’n t-saoghal na dhiolas airson aite-suidhe. Cha ’n ionann agus sinne. Cha ’n fhaigh daoine ’s an aite so an t-uisge fein gun a cheannach. PAR.—Mata, cha ’n e sin duinne e. Na ’m biodh a’ h-uile goireas eile mar an t-uisge, bha sinn sona dheth. Ach mur urrainn doibh dioladh airson aite-suidhe ’s an eaglais ’s an aite so, is urrainn doibh do reir coslais dioladh air son an oil. Chunnaic mi ’nochd fein, air sraidean Ghlaschu, barrachd grainealachd agus mi-riaghailt na ’chunnaic mi riamh am dhuthaich. Ciod a their thu ris a so a nis? Ach gheibheadh tusa leisgeul dhoibh ged a spadadh iad Mairi agad fa chomhair do shul. FIONN.—Marbhaisg air an olc! cha toilleadh bean mo ghradh sin air neach sam bith. Ach a ghoistidh, ge nach gabh mis’ an leisgeul, anns a’ chas sin, cuimhnich thusa an sluagh anabarrach a tha ann an Glaschu. An saoil thu na ’m biodh a’ h-uile baile beag, mosach a th’ againne air feadh na Gaidhealtachd an ceann a cheile, nach iomad mi-riaghailt a chitheadh tu? Cha ’n e gu bheil iad glan fhalamh dheth mar tha. Tha daoine gle shiobhalt fhad ’s nach ’eil iad a’ tighinn trasd air a cheile, is cha tugainn buidheachas doibh. Nach samhach na caoirich fein ag ionaltradh am fad ’s a tha farsuingeachd an t-sleibh aca; ach dumhlaich a stigh do ’n fhang iad, agus faic mar dh’ eireas iad air a cheile: is ceart mar sin na daoine. PAR—Sin thu rithist. Cha dean mise bealach nach duin thusa. Ge olc ’s a’ bhaile-mhor iad, a’ bheil iad moran ni ’s fearr air an duthaich? A’ bheil cuimhn’ agad co liugha [TD 300] ait’ ’s an do dhiult iad cuid na h-oidhche dhuinn? An cuimhne leat an trusdar cailidh a dh’ iarr orm mo phathadh a thoirt do ’n tobar, agus a’ chuinneag lan aice ’n a laimh? Seall mar theab iad an cleoca sgarlaid sin, a th’ agad mar gu ’m biodh seun ann fo d’ cheann a’ h-uile h-oidhche, a ghoid uait. Ma ’s iad riobainean do phioba, nach do ghoid iad? An cuimhne leat idir mar bha iad a’ crannadh nan dorsan, ’s nan uinneagan a’ h-uile h-oidhche mar gu ’m biodh eagal orra gu ’n tigheadh na Frangaich fo latha, ged a bha mada mor, grannd ac’ air slabhruidh aig ceann an tighe, le craos air a’ bheist a chuireadh eagal air Ailean-nan-con fein, ge gaolach mu na coin e. Bi thus’ a’ bruidhinn, ach m’ eudail an duthaich far an coidheas an oidhche no an latha; agus an am gabhail mu thamh, far an suarach co dhiu a tha ’n crann air a’ chomhla bhreoite no nach ’eil. FIONN.—Mata, ’s priseil sin fein, tha mi ’g aideachadh. PAR.—Dh’ aidich thu mu dheireadh e, a’s cha b’ ann le d’ dheoin—gu dearbh—gu dearbh is tusa ’sheasas na Gaill! FIONN.—Dh’ aidich mi ’n fhad ud, ach air a shon sin cha ’n aidich mi ’m feasd, nach ’eil moran, moran de dhaoine fiachail, cneasd agus ceanalt’ air a’ Ghalldachd. Nach b’ eireachdail an co’-thional a chunnaic thu air an t-sabaid fa dheireadh, agus da-rireadh bu bhlasd an t-searmoin a fhuair sinn. PAR.—Tha na daoine tlachdmhor gu leoir, ach arson na searmoin— FIONN.—Nach do thaitinn i riut? Tuigidh na Gaidheil a nis o gach aite beagan de ’n Bheurla. Tuigidh tus’ i, dh’ aon chuid. PAR.—Cha tuig, Fhionnlaidh, agus is dithis duinn sin, thu fhein, agus mise; ged a bha sinn air a’ mhachair, cha ruig sinn a leas moit a chur as ar Beurla, mar a ni a’ h-uile peasan a chuir a chas air cabhsair. An saoil thu ged a tha gabhail an rathaid mhoir againn, an tuig sinn searmoin; agus a dh-innse na firinn, cha do choinnich a’ Bheurla sin riamh mi fathasd a dhruigh air mo chridhe. Tha i maith gu leoir ann an gnothaichibh, ach tha ’n tubaist oirre ’s a’ chrannaig. Ach o ’n thainig sinn air an t-seanachas, nach don’ an ceartas a tha sinn a’ faotainn a mach air a Ghalldachd, nach ’eil iad a’ toirt duinn teagasg ’s a’ chanain a thuigeas sinn. Is ard, ladarna a labhras na Gaill mur faigh iad Beurla againn, ach feuch co bheir Gaidhlig dhuinne, ’n uair theid sinn a mach? FIONN.—Cha ’n ionann idir an da ghnothach d’ a cheile; ach gun an seanachas a leantuinn ni ’s faide, a’ bheil iomradh idir agad air an tuath chneasd a chunnaic sinn, a’ h-uile fear dhiubh mar mhinisteir ’n a theaghlach, co ciallach, stolda, nach ceadaicheadh facal ard no olc sam bith m’ an timchioll? An do leig thu air di-chuimhn’ an duine beannaichte sin, Mr. Ponton, a thug dhuit an leabhar math sin a th’ agad air do shiubhal; agus a liugha earail agus comhairle mhath a thug e ort am fad ’s a bha thu ’n a theaghlach? C’ ait’ am faigheadh tu a leithid ad dhuthaich? PAR.—Tha iad ann, agus tha dochas agam gur ann an lionmhoireachd a bhios iad a’ dol. Bha esan ’n a dhuine cneasda, gu dearbh; b’ fhearr leam mo shaothair a thoirt dha air a leth-luach, na do dhaoin’ eile air an lan thuarasdal. Mo bheannachd ’n a chuid, ’s na chuideachd! FIONN.—Mar sin. ’S mi tha ’n a chomain; ma chuireas mi duine-cloinne am feasd gu Galldachd, ’s ann ’n a rathad a stiuras mi iad. Na paisdean bochda, ’s eiginn doibh a bhi as mo shealladh uair no uair- [TD 301] eigin. Thainig sinn air a cheile a nis a ghoistidh. Tha uainn a bhi ’cadal. Oidhche mhath dhuit! PAR.—Mar sin duitse, fhir mo chridhe. I. M‘L. BLAR SHUNADAIL. (O’n aireamh mu dheireadh.) Le sruth a’s gaoth a nis ’n am fabhar, Chuartaich iad a’ Mhaol gun fhardal, Gu cladach an taoibh mu thuath dhi. Bha ’n fhairge ciuin ’s a’ ghaoth gun bhruaillean. Chunn’iad Dun-sgéitheag ’s Dun-a-chlachain, ’S gach port a’s uig am fad an astair ’S an cuir birlinn a saidh air fad na Learga,— Ged nach do mheudaich sud an earbsa,— Bhi coimeas nam fear a b’ fhearr a bh’ aca Ri calmaich nan culaidhean breaca A chunnaic iad air feadh nan achadh. ’S cuid eil’ air bruthaichean ’s an glacan A’ trusadh chaorach thun nan cròidhean, ’S an crodh aig buachaillean ’s aig oighean ’G an iomain, gu h-eadradh, do bhuailtean; Na minn a’ mireag air na cluaintean; Eoin na mara ’n cuisle an tràghaidh, A’ glacadh nan iasg meanbh gun aireamh; Faoileann a’ chneis ghil gun smal Ag itealaich, a’ teachd ’s a’ dol, No ’snamh nan tonnan corrach, barra-gheal,— Stuadhan fuaimneach na fairge; Gaoth o ’n iar a’ coinneachadh sruth rabhairt; Greann chaoireach bàthaidh a’ cathadh, A chuir na coimhich bhorb an iomagain, A’ teicheadh le luath ’s sheol’s le iomram, Do Loch-an-Tairbeart fasga’ch, sabhailt, Is minig a thug fois do ’n anra’ch. Thuirt Rurach, ’s e ’g eirigh, “A dhaoin uaisle, Tha mi searbh d’ an luirich fhuair so; Tilgibh i an grunnd a’ bhàta, Gus an seas mi mar a b’ abhaist.” GARGAN.—“Tha sin barrachd ’s is fiach t’ anail, Far a bheil thu ’nochd air t’ aineol.” Cha b’ fhada dhaibh mar so a’ labhairt, ’N uair thainig freiceadain a’ chala, ’S dithist air ceann na cuideachd, Colla Mac-Dhomhnuill nam buillean, Bho Chruach Chòrr-airidh an Ile, ’S am fear eile de Ghaidheil Chinntire, Eachunn Mac Aonghais mhoir a’ Chlachain, Laoch a chaidh ainm fad’ air astar; Theireadh cach ris, Fear a bu treise de na Niallaich! ’N uair leag na h-iasgairean an acair, Thuirt e, mar so, am beagan fhacal: “Co sibh? Thugaibh sgeul gun dail, ’S brigh bhur turuis gu tir Mhic-Dhomhnuill; So comhla ’s iuchair Chinntire; ’S e ’n t-ordugh gu ’n innis na thig ’s na theid An duthaich ’s an cinneadh. Chuireadh sinne mar urrais g’ a iarraidh, ’S fiachan so nach faodar aicheadh.” GARGAN—“’S fios do na Gaidheil gu leir, Fhir threin, gur fior do chainnt ’S gu ’m faigh thu gun taing na dh’ iarr thu, Smachd Mhic-Dhomhnuill ’n a thir fein, S nach eiginn idir do na cairdean ’A bhi dha mar a bha sinn, dileas. Iasgairean sinn o Arainn; Chuir fuadach-mara sinn an taobh so; Chuartaich sinn a’ Mhaol ’s a’ mhadainn Gun tonn air a buinne, ’s a h-uchd Ri speuran gorm gun neul, A’s feith a’ nochdadh a h-ailleachd. Air a cladach, an taobh mu thuath dhi, Dh’ eirich fras fhuaraidh o ’n iar, Garbhan borb nach gabhadh stad. Ruith sinn air fad na linne gàbhaidh, Stiuir ’g a gleidheadh, ’s siuil ’g an togail, ’S raimh a’ cur cobhar m’ an bhord a b’ airde. Tha sinn a nis sabhailt aig talla baigheil Righ Innse-Gall: cha ’n iomradh gainne d’ a mhuinntir. An cead duinn na birlinnean a tharuinn trast an Tairbeart? Tha ’mhaol searbh a dhol ’n a comhail.” EACHUNN, “Bu gharbh a h-anail an diugh ’g ur ruagadh, Thar dromannan gruamach, domhain, colgach. Is cead duibh na birlinnean a tharruinn Gu loch eararach an Tairbeart: Arannaich, luchd-leanmhuinn Mhic-Dhomhnuill, Fasgadh a’s biatachd an coir bhuainn.” Thog na seoid Sron-na-fuaradh Air an guaillean le sar-ghreim calmachd, ’S Druim-direach ’n a deigh, A leag iad reidh ’s an loch chumhann An taobh an ear do mhuineal Chinntire mòir. Co luath ’s a dhruid neoil na h-oidhche Mu ghathan-soillse lochran nan speur, Thog na coimhich gharg na siuil Air barraibh nan sugh ’s an linne rompa Gu Arainn nan iomradh sean. O’n cheann deas deth ghabh iad cursa ’S eagal na croiche ’g an ruagadh— Gad ruighinn seilich Chinntire A’ diosgail ’n an cluasan. Aon eagal eile, ach croich na h-Alba, [TD 302] Cha robh air talamh no air fairge Aig an t’seors’ ud. Garg mar mhadadh alluidh An duthcha, an-iochdmhor mar mhath-ghamhainn Tuathach an Lochlann fuar an t-sneachd, ’S a shoc am bian a chreiche, Acras a’s gairge naduir ’g a stuigeadh— Riochd nan creachadairean borb ud. Rainig iad Manainn gun dochunn, ’S dh’ fhag sud romhainn leth an sgeoil. (Ri leantuinn.) CEOL NAN EAGLAISEAN GAIDHEALACH. CANNTAIREACHD NA SREATH. A Ghaidheil runnaich,—Am bi sibh cho math agus oisinn a thoirt dhomh air son beagan fhacal a radh mar fhreagradh do ’n litir a chuir Argathalian gu ’r n-ionnsaidh air a’ mhios a chaidh seachad. Aidichidh mi aig a’ chiad dol a mach nach ’eil mi cho ealanta anns a’ Ghaidhlig, no am fhear-ciuil cho eolach ’s dh’ fhaodas esan a bhi: air a shon sin uile, cha ’n ’eil mi tur aineolach air a’ chainnt bhlasda sin; agus mur do rinn mi a’ bheag de sheinn leam fein ann an Gaidhlig bha mi eolach gu leoir air a cluinntinn anns an eaglais. A reir mo bheachd fein cha ’n ’eil an droch chluas-chiuil agam, agus cha ’n ’eil mi gun aithne agam air an ni sin a tha freagarrach agus iomchuidh, no cronail agus mi-thaitneach. Tha Argathalian ag radh nach ’eil, a reir coltais, ’fhios agam air an aobhar air son an do thoisicheadh air cur a mach na sreath an toiseach; ach ma sheallas e air mo litir a rithisd, chi e gu ’n d’ ainmich mi a’ cheart aobhar a thug e fein duinn,—nach b’ urrainn do mhoran d’ an t-sluagh Gaidhlig a leughadh, agus gu ’n robh leabhraichean gann. Ged a tha lan fhios agam gu bheil an t-aobhar so ann an tomhas mor a lathair gus an latha ’n diugh, cha ’n ’eil mi idir deas gu ’aideachadh, mar a tha Argathalian a’ deanamh, gu bheil an cleachdadh cho feumail a nis ’s a bha e “o chionn ceud bliadhna.” Cha ’n ’eil dìth leabhraichean air Gaidheil, ma thoilicheas iad an sireadh; agus mar urrainn doibh an leughadh cha ’n e so an doigh a ’s fhearr g’ an teagasg. A thuilleadh air a mhi-thaitneachd, agus cho millteach ’s a tha e do ’n cheol a bu choir a bhi binn thar leam fein, mar a thuirt Donnachadh Mor e, gur “tamailteach do dhuine a theangadh a bhi mar so ann am pluic neach eile;” agus ge b’ e air bith cho liotach no cho aineolach ’s a dh’ fhaodas am Precentor a bhi, gu ’m feum daoine na facail a gabhail uaith mar a thig iad. Cuimhnichibh nach ’eil mi idir a’ cur aineolais no cearbachd as leth nan daoine ro fheumail agus ro dhileas sin a gheobhar ’n an luchd-treoireachaidh na seinn ann ar n-eaglaisean Gaidhealach,—is fada ghabh e bhuam—ach tha iad cho ealamh gu tuisleadh a dheanamh ri muinntir eile. Is minig a chuala mi na ministeirean fein a’ deanamh mhearachdan gle neonach ann an leughadh na Gaidhlig agus cha b’ e ’chiad uair a chuala mi Precentor ag aithris facail nan salm air a’ leithid de dhoigh agus nach robh an teagamh a bu lugha agam gu ’n robh e fein aig a’ cheart am gu tur aineolach air seadh nam briathar a bha e a’ cur mu choinnimh muinntir eile. Ach ged bhiodh iad uile gun mhearachd ’n an leughadh agus ’n an tuigsinn air na sailm tha mi ag radh a rithisd, mar a thuirt mi anns an litir roimhe, gu bheil an cleachdadh so—a bhi a’ leughadh agus a’ seinn sreath mu seach ’n a bhristeadh docharach air rian a’ chiuil agus air seadh nam briathar. Tha Argathalian ag aicheadh gu bheil ranntachd nan salm Gaidhlig cho reasgach ris a’ Bheurla agus tha e ’toirt dhuinn eiseimpler no ’dha, ach mur bhi nach nach bu mhath leam a bhi a’ cur sios ni air bith a shaoilinn a dh’ aobhar- [TD 303] aicheadh dad coltach ri fanoid air na Sailm, dh’ fhaodainn iomadh rann a chur fo ’r comhair a tha a’ h-uile dad cho rag ris a’ Bheurla. Gun dol a nunn no nall seachad air a’ chiad sreath de na Sailm Ghaidhlig, nach ’eil e ’n a mhilleadh air brigh agus seadh nam facal a radh,— “’S beannaicht’ an duine sin nach gluais” agus an t-sreath sin a sheinn leatha fein air a gearradh air falbh o ’n dara sreath? Am feuch mo charaid Argathalian ri brigh nam briathar a leanas a nochdadh do comh-thional air bith ma leughas agus ma sheinneas e iad, sreath mu seach? Ps. xiv. 4,— “Am bheil aig droch-dhaoin’ tuigs’ air bith Tha ’g itheadh suas gu dian Mo phobuill-sa, mar aran blast’, ’S nach ’eil a’ gairm air Dia.” Ps. xv. 4,— “A ni trom-thailceas air an daoi: Ach urram dhoibh a bheir D’ an eagal Dia; ’s nach caochail mionn Ged thigeadh calldach air.” An comharraich e mach o cheann gu ceann d’ an t-Salmadair Bheurla sreath cho rag no cho reasgach ris an te a leanas? Is beag nach cuir i á cnaimh a’ pheircill am fear a dh’ fheuchas ri a leughadh le suil ri còirichean mìn-ranntachd. Laoidh xvii. 7,— “An sin, dearg mar chorcur ged robh.” Ged nach d’ thuirt mi facal mu na Coisridhean-ciuil (choirs) anns an litir roimhe, bu mhiann leam facal a radh as an leth ma cheadaicheas sibh dhomh e, oir chi mi gu bheil Argathalian a’ toirt teastanais ro shuarach orra agus ’g an diteadh air mhodh air nach airidh iad. Cha sheas mi Coisir-chiuil air bith nach seinn ach an ni a thaitneas riu fein, co dhiu a tha e freagarrach no nach ’eil; cha mhol mi peasanachd aig am no an aite air bith, agus gu sonruichte ’s an eaglais; tha mi duilich air son Precentor no fear eile air am bheil cuthach, biodh e ’n a cheol-chuthach no ’n a chuthach eile; ach cha ’n ’eil mi dol a dhiteadh nan Coisridhean no am fir-stiuraidh gu leir a chionn gu ’m faighear air uairibh cuid d’ am buin an cliu sin, na ’s mo na dhiteas mi na Precentors air fad a chionn gu bheil cuid ann a tha ’n am peasain, no air cheol-chuthach, agus cuid eile a tha a’ nochdadh—ni a tha moran na ’s usadh dhoibh na tha e do na Coisridhean—a’ nochdadh cia cho binn agus cho eireachdail ’s a sheinneas iad fuinn riomhach, annasach nach aithne do ’n t-sluagh agus nach urrainn doibh a leantuinn. Far am bheil cubhaidheachd anns an luchd-trorachaidh ma ’s Precentor no Coisridh iad; iomchuidheachd anns a’ cheol agus anns an doigh air an seinnear e, ma dhuineas an sluagh am beoil agus nach gabh iad cuid no gnothach ann, ach gu ’m fag iad aig na seirbhisich no na proxies e, biodh a’ choire agus an cionta orra fein ’s cha ’n ann orrasan a tha a’ deanamh an dichill gu aoradh an Tighearna a chur air aghaidh gu maiseach agus gu cumhachdach. Is truagh leam doille agus buidhre an duine sin nach aidich gu bheil feobhas mor air seinn ar n-eaglaisean o chionn bheagan bhliadhnaichean, agus nach faic ni a’s freagarraiche na gu ’m “biodh gach neach a’ seinn mar a’s fearr a ’s urrainn e ’n a dhoigh fein;” ach is seachd truaighe leam esan a tha lan thoilichte le nithe a bhi mar tha iad agus nach ’eil ag iarraidh leasachaidh no atharrachaidh sam bith. Is bochd leam ri ’fhaicinn cho easguidh agus cho togarrach ’s a theid daoine a mach air feasgar no feadh oidhche a dh’ eisdeachd oran no cluiche, a dh’ ionnsachadh Gaidhlig no Laidinn; ach ma theid classaichean a chur air chois air son dhaoine oga agus sean a theagasg anns an doigh anns am bu choir dhoibh seinn ann an aoradh Dhe, cha tig ach aon no ’dha; tha leisgeulan ullamh aca, [TD 304] “An teid seann daoine air feadh oidhche a dh-ionnsachadh ciuil? am fag am marsanda a mhalairt, an greusaiche a bhrogan, agus mar sin sios? Cha ’n ’eil na coinneamhan-oidhche ach air son dhaoine diomhanach agus graisg ceol-chuthach.” Is fhada m’ am b’ e so an cliu agus an teastanas a thugadh orrasan o shean a “bha fuidh laimh an athar fa chomhair laoidhean tighe Dhe:” tha e air ’aithris mar a leanas umpa (I. Eachd xxv. 7): “Agus b’ e an aireamh maille r’ am braithribh, a fhuair iunnsachadh air laoidhibh an Tighearn, eadhon iadsan uile a bha tùrail, da cheud, ceithir fichead agus ochdnar.”—Is mi, &c., H. W. Braigh-a’-bhaile Toiseach a’ Gheamh., 1873. LITIR A CANADA. A GHAIDHEIL RUNNAICH,—Tha iomadh latha ’nis o ’n bha mi fior-iarrtasach air litir a sgriobhadh do bhur n-ionnsaidh a chum gu ’n innsinn dhuibh cia co toilichte ’s bha bhur cairdean anns an duthaich so an trath a chuir sibh oirbh an trusgan ur, aluinn a tha ’g ur deanamh co sgiamhach. Rinn sibh gu math ’s gu ro-mhath an uair a chuir sibh r’ a cheile air clar ur n-aodainn a liughad comharradh Gaidhealach, araon sean agus urramach, grinn agus snasmhor,—clarsair aodsa a gleusadh ’inneil-ciuil; piobaire foghainteach, le eididh lurach, a’ cur na pioba ann an uidheam; leoghainn mheamnach, churanta: am fothannan fearail, geur; sealgair nam frithean ’s nan aonaichean; rann no ’dha de bhardach cheolmhoir Oisein; crois iomraiteach agus laraichean Iona; cnuic arda; cabhlach nan tonn; sealladh air na soithichean smuide agus na h-eich iarruinn—gu cinnteach is i deise bhoidheach nan iomadh dath a tha sibh a’ caitheamh. Is e taillear ealanta, eolach a rinn trusgan cho freagarrach duibh. Tha sibh mar so a’ tabhairt dearbhaidh seachad gu bheil sibh da-rireadh lan baigh a’s graidh do ’n Ghaidhlig fein ’s do gach deagh abhaist a’s comharradh onorach a bhuineas di. Co an Gaidheal, mata co dhiu a tha e ’tuineachadh ann an Albainn no an duthchannan fad air falbh, nach abair gu bheil sibh airidh air meas mor, air beatha fhada, agus air soirbheachadh pailt. Is gasda an ni sgeadachadh grinn, dreachmhor. Cha ’n e mhain gu bheil sibh fein co snuadhach ’n ur aogas, tha mar an ceudna, aireamh mhor de chairdean foghluimte, comasach agus ur-labhrach agaibh. Co, a nis, a their nach ’eil sgoilearean Gaidhlig ann; nach ’eil ar canain dheas-chainnteach airidh air saothair air bith; agus nach ’eil na Gaidheil, anns an linn ionnsaichte so, a’ deanamh oidheirp mhaith airson ainm a’s eachdraidh an canain fein a rannsachadh agus a mhineachadh gu pongail? Cha ’n ’eil sibh riaruichte an uair a bheir sibh do ’r luchd-leughaidh oraidean Gaidhlig agus fiosrachadh fallain, farsuing; tha sibh mar an ceudna le fior sgoileireachd a’ cur beatha nuaidh ann an “sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh,” agus ag athnuadhachadh bhur n-eolais leis na sinnsearan fior-aosda bho ’n d’ thainig sibh. Tha sinn a’ deanamh gairdeachais anns an tir so, do bhrigh gu ’m bheil sibh fein co sgiamhach, agus gu bheil luchd-cuideachaidh co dileas agus co tapaidh agaibh. Tha bliadhna no dha ’nis on thog sibh an seol-meadhoin agus an do sgaoil sibh ur breidean ris an t-soirbheas. Cha ’n ’eil aobhar agaibh a bhi aon chuid sgàthach no gealtach, oir le bàta co laidir, dionach, agus seoladairean co easguidh, fiosrach, theid agaibh air gach stoirm a’s onfhadh fairge a sheasamh. Saoghal fada, fortan maith, agus soirbheas fabharach gu ’n robh daonnan agaibh! [TD 305] Bithidh sibh, math dh’ fhaoidte, a’ smuaineachadh gu minic air an duthaich anns an d’ rugadh sibh. Cha ’n ’eil sinne ’deanamh diochuimhne gur anns a’ bhaile-mhor Montreal a thoisich bhur cuairt. Cha ghabh sibh fearg an uair a dh’ innseas mi dhuibh nach robh ach meas bochd agaibhse an Sasunn ’s an Albainn air an tir fharsuing so, gus an d’ rinn bataichean eireachdail na smuid farsuingeachd a’ chuain bheucaich a dheanamh furasda. Tha aireamh bhliadhnaichean a nis bho ’n a thoisich bàtaichean na smuid air iomachd tharis air a’ chuan gach seachdain. Tha, mar so, Mor-roinn na h-Eorpa agus America air an tarruing dluth, agus luchd-aiteachaidh bhur rioghachd fein agus na duthcha so a’ fas mion-eolach air a cheile. Tha leud a’s farsuingeachd uamhasach ann an Canada. Gun teagamh tha moran sneachd, a’s fuachd a’s reothaidh againn;—gidheadh tha moran blathais, a’s aoibhneis, a’s pailteis againn mar an ceudna. Tha sluagh gniomhach, dichiollach againn agus cha ’n ’eil aig a’ Bhan-righ uasail, eireachdail iochdararain a’s momha baigh a’s dilseid a’s graidh di fein ’s d’ a rioghachd na sinne. Cha ’n ’eil comas aig beachdan luasgach nan Frangach, no connspoidean amaideach nan Spainnteach air sinne ’ghluasad. Tha sinn uile fior-dhileas do ’n chrun Bhreatunnach agus ro-mheasail air beusan a’s ailleachd na Ban-righ. Cluinnear air uairean seanachus nach ’eil anabarrach taitneach mu dheibhinn na duthcha so, mar nach bitheamaid airidh air meas a’s urram ’fhaotainn bho thir ar n-athraichean. Tha sin a’ tighinn air ar n-aghaidh le ceum cinnteach, laidir ann am maoin ann an eolas agus ann an dichioll. Bho cheann miosa no dha tha iomradh muladach air a dheanamh air an Ridire Mac-Dhomhnuill agus orrasan a tha ’n an luchd-cuideachaidh aige. Cha ’n ’eil mise ’dol a thoirt breith air bith air a’ chuis ach so. Gur e ni eagalach a’s tamailteach a bhi ’faotainn airgid air mhodh nach ’eil ceart, a chum daoine ’cheannach am feadh a tha ’chomhstri dian am measg luchd-riaghlaidh na duthcha. Ma tha an Ridire ciontach is iomadh neach a tha ’s a bha ciontach co maith ris fein. Bha iorghuill ghoirt agus ghuineach air feadh na duthcha so, gus fadheoidh, bho cheann beagan laithean, an d ’thug Mac-Dhomhnuill agus a chuideachd suas stiuradh na tire. Is e Gaidheal tapaidh a tha ’nis ann an aite Mhic-Dhomhnuill, Alasdair Mac-Coinnich is ainm da. Dh’ oibrich e iomadh la mar chlachair, agus do bhrigh gu ’n d’ eirich e le ’thapadh, le ’dhichioll, ’s le ’threubhantas fein bho inbh co iosal gu sealbh co ard agus cumhachdach, tha e gun teagamh airidh air cliu a’s onoir mhoir. Bithidh gach duine aig am bheil speis do dhichioll agus do thapadh, a’ guidhe gu ’n cinn gu maith le Mac-Coinnich, agus gu ’m bi comas gu leoir aige air inbh a’s airde ’chosnadh le bhi ’deanamh moran maith do ’n duthaich. Feumaidh iadsan a tha aig an stiuir a bhi anabarrach tuigseach agus faicilleach, oir rainig sinn a nis an t-am anns an tig e dhuinn a bhi ’leagail gu bunaiteach, seasmhach, agus diongmhalta, na riaghailtean, na laghannan, agus na beusan sin a ghiulaineas torradh brioghmhor trom anns an am a tha ri teachd. Tha obair an aonachaidh a dol air aghaidh air mhodh no ’dha anns na roinnean leis am bheil Canada air a dheanamh suas. Tha na h-eaglaisean, cuideachd, a’ faireachduinn gu ’n tig e dhoibhsan a bhi ’beachdachadh co dhiu a bhitheadh e glic a’s ceart a’s fabhorach neart mor a thrusadh a chum an tir gu h-iomlan ’aiteachadh, le ’bhi ’dol le cheile agus a’ giulan an aon ainm. Tha tri bliadhna bho ’n [TD 306] a thoisich Eaglais na h-Alba ann an Canada agus na h-eaglaisean eile aig am bheil na beachdan agus na riaghailtean ceudna, air barailean a cheile ’iarraidh, a chum ’s gu ’m ’faicear co dhiu bhiodh e comasach a’s glic, dol le cheile. Chaidh cheana moran curaim a’s dragha a ghabhail leis na daoine a’s momha gliocas, a’s eolais anns na h-eaglaisean so, a chum gu ’n cuireadh iad a’ chuis chudthromach so ann an uidheam phongail, cheart. Tha moran aig an am so a’ deanamh luathghair, do bhrigh gu bheil nithean co fabhorach agus co gealltannach, agus gu ’m faod sinn a reir coslais, a bhi earbsach gu ’m bi na h-eaglaisean air an uasgadh gu daingeann r’a cheile. Tha aobhar againn uile ’bhi toilichte gu ’m bi e comasach duinne ar teas-ghradh do dh-Eaglais na h-Alba ’chumail suas, am feadh a bhitheas ceartas saoibhir air a dheanamh ris na h-eaglaisean eile. Is cinnteach a tha mi, gu bheil obair mhor aig gach eaglais anns an duthaich so r’a dheanamh oir buinidh e doibh le dealas blath ’s le eud diadhaidh a bhi ’craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil bheannaichte air feadh gach cearna agus anns gach ionad-comhnuidh anns an tir. Tha na Gaidheil lionmhor anns an duthaich so; tha iad seasmhach, aghartach agus measail. Air an aobhar so tha cinnt agam gu ’m builich sibhse iomadh smuain chaoimhneil, chairdeil oirrn.—Is mise, le mor urram, bhur caraid fior dhileas, CONA. Ontario, Ceud Mhios a’ Gheamh. 1873. LOCHINBHAR. Thainig triath Lochinbhàr as an Iar oirnn gu grad, Air steud-each a b’ àille ’s na crìochaibh air fad; Gun bhall air a shiubhal ach claidheamh deas, treun, A’ marcachd gun armachd ’s a’ marcachd leis fhéin. Cho dìleas an gaol, a’s cho gaisgeil am blàr, Cha ’n fhacas riamh coimeas do thriath Lochinbhàr. Gun chùram do bhacadh, gun eagal roimh nàmh, Far an doimhne an abhainn, rinn esan a snàmh; Ach, Netherby Hall, m’ an do ràinig e thall, Thug a leannan a h-aonta, ’s bha ’shao’ir-san air chall, Oir bha giùgaire ’n gaol, agus cladhaire ’m blàr, Dol a phòsadh na h-ainnir aig triath Lochinbhar. Do Netherby Hall gu neo-sgàthach ghabh e ’steach, Am measg fhleasgach a’s chàirdean, a’s bhrà’rean, ’s gach neach! ’Sin thuirt athair na gruagaich, ’s a lamh air a lann,— (Bha ’m fear-bainnse air chrith, ’s e gun smid as a cheann.) “An d’ thàinig thu ’n sìth no an d’thain’ thu chum àir, No a dhanns’ aig a’ phòsadh, a thriath Lochinbhàr?” “B’ fhad’ a shuiridh mi do nighean, ged dhiùlt thu mo ghràdh; Ach tha ’n gaol mar a’ mhuir, ni e lìonadh a’s trà’dh; A’s thàinig mi dh ’ionnsaidh a’ phòsaidh gun sion, Ach a dhanns’ leis an òg-bhean, ’s a dh-òl leatha fìon. Tha pailteas an Albainn de dh-òighean a ’s fhearr, A ghabhadh gu deònach tighearn òg Lochinbhàr!” [TD 307] Bhlais ise; ghlac esan an cupan gu teann, A’s thilg e á làimh e ’n uair dh’ òl e na bh’ ann; Chrom ise gu màlda ’s a h-aghaidh fo nàir’, Le deur air a sùil, ’s air a bilibh fèith-ghàir’. Ghabh e greim air a làimh dh’ aindeoin bacadh a màth’r, “’Nis theid sinn a dhannsadh!” thuirt triath Lochinbhàr. A chruth-san cho àluinn, ’s a gnùis-se cho briagh; Cha ’n fhacas aon chàraid ’thug bàrr orra riamh. Fo chorruich bha ’h-athair, a màthair, ’s a luchd-dàimh, ’S am fear-bainnse trom, dubhach, ’s a bhoineid ’n a làimh; Rinn na maighdeannan cagar, “B’e moran a b’ fhearr, “I dh’ fhaotainn r’a phòsadh tighearn òg Lochinbhàr!” Air dha beantainn r’a làimh agus cagar ’n a ceann, A mach air an dorus a ghearr iad le deann; Thog e suas air an each i, ’s am priobadh na sùl, Bha esan ’s an dìollaid a’s is’ aig a chùl! “Tha i agam gun taing! Beannachd leibh!” thuirt an sàr, “Bidh iad tapaidh a ghlacas tighearn òg Lochinbhàr!” Chuir na càirdean le cabhag an eachaibh air doigh;— Cuid a’ ruith, cuid a’ marcachd a ghlacadh na h-òigh; Bha ruagadh, a’s réiseadh, thar raointibh a’s shliabh, Ach sealladh d’ an òg-bhean cha ’n fhacaidh iad riamh! Cho treubhach an gaol, a’s cho gaisgeil am blàr, Am facas riamh leithid tighearn òg Lochinbhàr! Eadar. le. MAC-MHARCUIS. FIOR DHILLSEACHD. A GHAIDHEIL URRAMAICH,—Thachair dhomh a bhi ann am baile Dhuneideann o chionn ghoirid a’ cur seachad feasgar Sathurna le m’ dheagh charaid Domhnull-og Charba—is aithne dhuit e. Ann an nochdadh dhomh iongantasan an aite thug e mi a dh-amharc carragh-cuimhneachain a bha air ’ur thogail ann an teas-meadhon a’ bhaile agus anns an do gabh mi mor thlachd. Bha an carragh mu sheachd troidhean air airde air a shnaidheadh gu maiseach—an t-iochdar aige air cumadh mèis eireachdail agus i a ghnath lan agus a’ sruthadh thairis le uisge, agus air a ciallachadh mar aite-òil do choin a’ bhaile. Mu thuaiream thri troidhean os a chionn so bha mias eile agus i mar an ceudna a’ cur thairis le uisge fior-ghlan. Ag eirigh as a’ mhèis so bha carragh caol, agus air a mhullach dealbh abhaig bhig, mholaich, cho riochdail ’s a chunnaic mi riabh. Bheireadh tu do mhionnan gu ’n robh i beo—cha mhor nach tugadh tu ort fein a chreidsinn gu ’n robh thu a’ faicinn a fionnaidh fada a crathadh anns a’ ghaoith. “Co airson idir a tha an carragh so?” arsa mise. Thug Domhnull m’ an cuairt mi thun an taoibh eile; leugh e anns a’ Bheurla agus dh’ eadar-theangaich e dhomh mar a leanas an sgriobhadh a bha an sin air a ghearradh gu snasmhor air clar umha:—“Mar chuimhneachan air [TD 308] treibhdhireachd dhileas Ghreyfriars Bobby. Anns a’ bhliadhna 1858 lean an cuilein caomh so corp a mhaighstir do chladh Greyfriars agus dh’ fhuirich e mu ’n uaigh gus an d’ fhuair e bas anns a’ bhliadhna 1872. Air a chur suas leis a’ Bhan-Ridire Burdett Coutts.” Is iomadh uair a chuala mi iomradh air bron airson chairdean, agus air luchd-tuiridh a bhi ’tighinn an drast ’s a rithist a shileadh dheur air uaighean na muinntir a bu toigh leo; ach thug so barr air na chuala mi riamh; agus tha mi ag aideachadh gu ’n do thiomaich mo chridhe an uair a chuimhnich mi air a liughad latha fuar agus oidhche fhliuch a chuir an creutair bochd thairis air an lar lom a’ feitheamh ’s a’ faireadh gun stàth airson ath-thilleadh a mhaighstir. Nach mor am peacadh do dhuine sam bith a bhuineadh gu bruideil no gu h-an-iochdmhor ri ’leithid so de chreutair? agus an deigh sin uile, nach minig a tha sinn a’ gnathachadh gu cruaidh ar seirbhisich cheithir-chasach nach urrainn gearan no monmhor a dheanamh, ach, ma dh’ fhaoidte, a bhios na ’s duileadh air ar son an uair a dh’ fhalbhas sinn na ar luchd-daimh a’s miodalaiche umainn am feadh a tha sinn beo. Fhuair mi mach gu ’m bu dhuine fior bhochd a bha ann am maighstir a’ chuilean bhig so; cha robh leachd no ainm air ’uaigh; dhi-chuimhnich gach duine a bhuineadh dha c’ aite an robh e air a charamh; ach bha aon charaid aige a bha dileas; a chompairtich d’ a bhochdainn ’n uair bu bheo e; a lean gu tursach e thun na h-uaighe; agus, a chionn gu ’n robh e’nis gun dachaidh—gu n dochaill e aon a bha caoimhneil ris, ’s nach robh e coltach gu ’m faigheadh e a leithid de mhaighstir tuille,—a chuir roimhe nach treigeadh e an uaigh, ach gu ’m biodh e dluth, gun fhios nach cuireadh a charaid feum air. Bha na coimhearsnaich math do ’n chuilein, a’ toirt bidh dha gach latha. Dh’ fheuch cuid diubh ri a thaladh air falbh, agus chaidh iad cho fada aig aon am agus, airson truais, gu ’n d’ thug iad a stigh fo fhasgadh e ri aimsir fhuair, fhliuich, ach cha robh e idir toilichte; cho luath ’s a fhuair e mar sgaoil thug e an cladh air; agus o ’n àm sin, fad cheithir bliadhna deug, a gheamhradh no ’shamhradh, cha do chuir e seachad oidhche air falbh o uaigh a mhaighstir. Bhagair an luchd-cise o chionn bheagan bhladhnaichean gu ’n tugadh iad air an fheadhainn a bha a’ beathachadh a’ choin a’ chis a phaigheadh air a shon, ach, do bhrigh nach b’ urrainn doibh a radh gu ’m bu le duine air bith an cuilein,—ged a bha na ficheadan deas gu paigheadh seach gu ’n rachadh beantainn ris—cha do chuireadh cis air duine air a shon, agus fhuair e cead a dhachaidh a dheanamh anns a’ chladh, far an do bhasaich e, mar a thuirt mi, anns a’ bhliadhna 1872.—Is mi, &c., MAC-MHARCUIS. An Fheill-Martainn, 1873. NA GAIDHEIL AIG ALMA. AIR FONN—“My Name it is Donald Mac-Donald.” O nach robh sinn mar bhà! B’ fhearr gu ’n robh sinn mar bhà! S na ’m biomaid mar bha sinn air fuireach. Gu ’n rachamaid uile gu blar. Tha mise ’so, Ailean o Lòchaidh, ’S mi fada air fògradh feadh Ghall— ’S na’m faighinn o ’n Bhàn-Righ na dh’ fhòghnadh Cha biodh Fear-a-cònaidh air chall— Nan cuirt’ ann an àite nan caorach, Sliochd sgaipte nan Laoch nach ’eil ann, Bhiodh fardaichean fasgach aig faondraich— Bhiodh aiteas a’s aoidh feadh nan Gleann. O nach robh, &c. ’N uair ’bha mi air sràidean Dhun-eideann, Gun airgiod, gun éideadh, a’ triall— Gun chònuidh, gun chosnadh, gun Bheurla, ’S b’ e ’n t-eagal gu ’n tréiginn mo chiall; [TD 309] ’S ann chunnaic mi ’n Reiseamaid sgiolta, ’S gu ’n d’ eirich mo mhisneach a’ m’ chliabh, ’S cha b’ fhiach leam gu bràth Milisi— Ach Dà-a’s-Dà-Fhichead (a) nan sliabh. O nach robh, &c. ’S an Eiphit, ’s a’ Spàinnd ’s thar gach mara— ’S an Fhraing, ’s ann an Canada fuar— ’S gu tric sinn ’s na h-Innsibh ’g ar garadh— Gun chromadh gun chrannadh ’n ar tuar— B’i ’n Reiseamaid bhuadhar ’s gach cath i, Mu ’n deach i fo Chailean gu buaidh, ’S b’ e ’cheann-san a liath ’s a’ chogadh ’Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-Sluaigh. O nach robh, &c. ’S ann òirnn nach tig dichuimhn’ na Faiche, Far ’facas na feara fo ’n cruaidh, ’S fo bhriathran ’s fo bhrosnachadh Chailein, Ar cridheachan laiste gu ’r gruaidh, “’Nis leanaibh-se ’Laochraidh nam beann mi, A’s thugaibh o ’r naimhdibh a’ bhuaidh ’S na tillibh-se ’meadhon a’ bhruthaich. Ach glacaibh na mullaich ’s gu luath.” O nach robh, &c. Deadh Ghillean-an-Fheilidh bu ghreadhnach, Feadh càthair a’s coilltich ’dol suas Ar Pìobairean ’s brataichean srannrach, ’G ar greasad, mar b’ annsa, gu cruas— ’S ged, mharbhadh a steud-each fo ’r Ceannard, Grad laiste bha ’lann-san (b) roi’ Shluagh, ’S le ’r cruaidh, le ’r luaidhe ’s le ’r lasair, Chaidh naimhdean mar chathadh (c) o ’n Tuath. O nach robh, &c. Air leam gu ’n robh Leòghan nan gleachd leinn— An Gaisgeach o ’n Earrachd mar bhà, Le ’cheathairne chliuitich a chleachd e;(d) ’S an Reangaire (e) ’n tarruing gun sgàth— ’S na seòid sin tha ’seóladh ri ’n taice—(f) Na fiùrain ’bu mhaisiche bàrr, Nach fiaradh o ’n dùchas air faiche, ’S nach lùbar le gaiseadh (g) nam blàr. O nach robh, &c. ’S na ’n toisicheadh Alasdair Neacail,—(the Czar.) Ri ’spagluinn (h) air faiche no sliabh Gu ’n toir sinn dha aobhar a ghearain, Mar thug sinn do cheannaircich riabh— ’S mar ’rinn sinn fo Ridire Cailean ’S na Gaidheil ’ga leanailt gu dian— A thràillean a thilleadh le ’r deanual, ’Dhol dhachaidh a dh-fheannadh nam bian. O nach robh, &c. A. M. a 42d, b A Sword. c Drift. d 79th. e Sir Allan Cameron’s Sword. f 93rd embarking for China. g Damage to crop by an autumnal gale. h Haughty demeanour. AN GILLE DUBH. [Ceòl] SEISD.— An gille dubh cha treig mi, ’S le fear a’ chruidh cha teid mi; An gille dubh cha treig mi, O’n thug mi fein mo ghealladh dha. Tha mo chairdean deonach, ’S iad toileach mise ’phosadh, Ri fear airson a storais,— Nach gorach leibh ’n am barail iad! Is e mo ghaol an t-uasal, A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e, M’ an gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich. [TD 310] ’N uair dhireadh tu na stucan Le d’ ghunna caol nach diultadh, Bhiodh coileach dubh na durdail A’ lubadh bharr gach meangain leat. ’N uair theid thu thun na feille Do ’n chlachan ri la greine, Cha ’n fhaicear measg nan ceudan Fear eugais a’ ghille dhuibh! Gur e mo ghaol an t-oigear Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach,— Troidh chuimir am broig chomhnaird Nach toir air feoirnein carachadh. Gur e mo ghaol an t oigear Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach; Gu ’n aithnichinn do cheum comhnard, A mach air lòin a’ bhaile so. Gur e mo ghaol an t-armunn A chaidh a nunn thar saile; Na ’m faighinn cead mo chairdean, Gun dail gu ’n deanainn banais dhuit.* Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n toir ort, ’S do ghruaidhean mar na rosan; Do chneas mar chanach lointean, ’S mar ite ’n eoin do mhalaidhean. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a’ chluasaig— ’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi, Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh. Gur mise th’ air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach air do bhriathran; Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu, Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. Ma rinn thu mise ’threigsinn Le comhairle luchd-breige, Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghrein Ciod am feum a th’ anns an leannanachd. Ma rinn thu mise ’threigsinn Le comhairle luchd-breige, Mo mhile beannachd fein leat O ’n ’s e gu ’m b’ eudar dealachadh. * Gu brath cha do dhealaich sinn. ALASDAIR NAN STOP. [Fhuair sinn litir no dha mu Alasdair ainmeil, ach a thaobh gu bheil e a nis fo ’n fhoid gun suil ri aiseirigh, cha ’n ’eil sinn ’g a mheas airidh air tuilleadh gnothuich a ghabhail ris; cuiridh sinn, uime sin, comhdhunadh air a’ chuis leis na Rannan Cuimhneachain a leanas a thoirt d’ ar luchd-leughaidh:] RANNAN CUIMHNEACHAIN. Air “Alasdair nan stop” nach maireann, a bha o chionn ghoirid, ma ’s fior an sgeul ’n a osdair, ’n a mhisgeir uaigneach, agus ’n a fhoirfeach ann an aon de eaglaisean Gaidhealach Ghlaschu. Cha d’ fhuair e bàs, cha ’n ’eil e beò, A’s riamh cha d’ ol e dram; ’S i ’bhreug o ’n d’ fhuair e ’ainm ’s a bhith;— Cha robh e idir ann. ’S i ’bhreug a leag a chorp ’s an uaigh, Le balgan-suain fo ’cheann; ’S i ’bhreug a sgriobh a chliu air ’lic An cainnt nach tuig na Gaill. ’S i ’bhreug rinn osdair ’s foirfeach dheth, ’S a thug suil-ghorm do Iseabal; ’S i ’bhreug, ma dh’ fhaoidte, ’ghin an t-iomlan De mhic-meamna “E. M. L.” “BOLG-FAS LABHRACH.” SOP AS GACH SEID. Cha ’n ’eil dichioll feumail agus freagarrach a’ co’-sheasamh co mor ann a bhi do ghnath saothrachail, ’s a ta e ann an nithibh cudthromach a dheanamh air ball, do bhrìgh an sin, gu ’n eirich a’ bhuannachd a’s mo asda. Is e a’s glice an saoghal a thuigsinn, na an saoghal a dhiteadh. Is e a’s fearr an saoghal ionnsachadh na a sheachnadh. Is e a’s urramaich’ an saoghal a ghnathachadh na a mhi-bhuileachadh. Agus is i obair shonraichte an duine an saoghal a dheanamh ni’s fearr, ni’s maisiche, agus ni’s sona. Chum na criche so, ma ta, deanadh gach duine a dhichioll. Is ni ro chudthromach ann an tinneas, ann an amhghar, agus ann an trioblaid de gach gne, dichioll a dheanamh air fhaotuinn a mach cia mar a chumar air ais iad. Tha leigheas ’n a ni maith, ach is ni gu mor ni’s fearr dichioll a dheanamh air an euslaint a chumail air ais. Tha trioblaid a’ teagasg, ach ’s e an teagasg a tha aige strith a dheanamh gu fantuinn saor o thrioblaid. Tha gach olc a ta sinn a’ fulang ’n a sgolb o laimh Freasdail ’n ar feoil chum ar dusgadh suas gu curam, agus gu ceartas a dheanamh, agus gu bhi faicilleach, faireil, agus foighidinneach. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an aireamh mu dheireadh:— 1, Glaodh. 2, Spàl figheadair. 3, M’ athair. 4, Neach a ’s airde na e fein. [TD 311-320] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 321] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] TREAS MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874. [23 AIR. A’ BHLIADHN’ UR. Tha AN GAIDHEAL, leis gach deadh dhurachd, a’ cur failte air a chairdean ’s a luchd-eolais anns gach cearn d’ an chruitheachd—Bliadhna mhath, ur dhuibh, agus moran diubh! Tha dorchadas air laidhe air an t-seana bhliadhna; tha i air sìoladh as gu ionad na di-chuimhne, agus a’ ghrian air eirigh air bliadhn’ uir. Tha gleadhraich agus cridhealas na Callainne air toirt aite do ’n fhailte ’s do ’n fhuran a tha air bilean gach neach, a’ guidhe soirbheachaidh d’ a cheile re na bliadhna air am bheil iad a nis air inntreachdainn. Anns a’ ghuidhe so dh’ aontaicheamaid le lan dealas ar cridhe agus ar gaoil. Cha’n fhios duinn ciamar a chaidh dhuibh ann ur dachaidhibh fa leth bho ’n dh’ eirich grian na Bliadhn’ uir mu dheireadh,—co dhiu a bha ur cor aoibhneach no dubhach; co dhiu a bha gach ni ag eirigh leibh mar ur miann—ur cuid ’s ur cairdean a’ fas, agus ur cursa a’ dearrsadh le neamhnaidean lainnireach an t-soirbheachaidh; no ma bha bàs agus bochdainn a’ bualadh aig dorus ur fardaich, agus ur cridhe air a lubadh ’s air a bhruthadh le doilgheas agus le bron. Cha bhuin e dhuinne ar cas a chur an taobh a stigh d’ an chearcall dhiomhair a tha a’ cuairteachadh ur teaghlaichean fa leth.—“Is aithne do chridhe duine searbhas ’anama; agus ’n a aoibhneas cha bhi comh-roinn aig coigreach.” Bha e ’n a chleachdadh aig na h-Iudhaich o shean, an uair a bhiodh iad air thuras, a’ chiad oidhche ’chur seachad air ionad ard ann an sealladh an aite a dh’ fhag iad, agus rannsachadh a dheanamh dh’ fheuch an d’ fhag iad ni no neach as an deigh, m’ an leigeadh iad as an t-sealladh an t-aite sin air an d’ thug iad cul, agus ma dh’ fhaoidte nach faiceadh iad tuille. Air a’ mhodh cheudna dh’ iarramaide, air ciad latha na Bliadhn’ uir, a tha dhuinn mar chloich-mhile a’ comharrachadh a mach mar tha ar beatha a’ ruith air falbh, agus an fhad ’s a tha sinn mar gu ’m b’ eadh fathast an sealladh air a’ bhliadhna a dh’ fhag sinn, ar suil a thilgeadh air ais air an t-saoghal, agus beachdachadh air tachartais shonruichte na bliadhna a tha ’nis air a h-aite a ghabhail am measg bhliadhnaibh na h-aimsir a threig. Bliadhna shealbhach, nach faodamaid a radh rithe; nach do mheal sinn an coitcheann mar dhuthaich re na bliadhna, soirbheachadh nach facas ach beag riamh a leithid? Bha ceird agus cosnadh pailte; ged bha an t-sid re an Fhogharaidh fliuch, cha ’n urrainnear a radh gu ’n robh an droch bharr againn; bha iasgach an sgadain mor agus math—nithe a bu choir taingealachd a thogail ann ar cridheachan dhasan a tha a’ crunadh na bliadhna le a mhaitheas. Ged a b’ e so aogas coitcheann na bliadhna ’chaidh seachad, cha robh i gun tachartais ro mhuladach. Bha calldaichean ro dhiubhalach air tir, agus, gu sonruichte, air fairge—luingis a’ ruith a cheile fodha, agus an luchd priseil de dh-eilthirich agus de luchd-turais, gun sanas mionaide, air an tilgeadh ’n an ciadan ann an grunnd a ’chuain. M’ an robh a’ bhliadhna ach gle og, chaochail Impire mi-fhortanach [TD 322] na Frainge, ann an Sasunn. Chuir an Spainnt cul ris an righ og a thaghar leis an t-sluagh o chionn bheagan bhliadhnaichean. Chaill a’ Ghaidhealtachd an uiridh aon d’ a sar sgoilearan Gaidhlig, an t-Ollamh Urramach Mac-an-Toisich Mac-Aoidh a chaochail ann am Portobello air an 17mh la de mhios Maigh. Mu mheadhon an Earraich thoisich cogadh truaillidh eadar sinn fein agus cuid de threubhan dubha agus cealgach Africa, na h-Ashantees. Cha d’ thainig e fathast gu crich, ach a nis o ’n chuireadh a nunn am Freiceadan dubh againn fein, tha dochas againn nach fhada ’sheasas Freiceadain dhubha nan Africanach an lathair “Ghillean an fheilidh.” A mach o so fein tha sinn ann an sìth ris a’ chorr d’ an t-saoghal, agus coltas air an t-sìth a bhi maireannach. An uair a sheallas sinn air ar n-ais air na sochairean mora agus lionmhor a shealbhaich, agus a mhi-bhuilich sinn air a’ bhliadhna ’chaidh seachad, thigeadh e dhuinn sinn fein ’irisleachadh ’n a lathair-san a tha gach latha a’ dortadh a nuas a bheannachdan air gach math agus olc; agus ann an sealltainn romhainn air a’ bhliadhna a tha ’nis air toiseachadh, bhuineadh e dhuinn a bhi ’g iarraidh a stiuraidh fein a chum agus gu ’n caitheamaid i ’n a sheirbheis. Is ann mar so a mhain, agus a reir ’s mar a chaithear i ann a bhi a’ leantainn iartasan agus a reachdan—a’ seachnadh an uilc agus a deanamh a’ mhaith, a bhios i dhuinn da-rireadh ’n a Bhliadhna mhaith, uir. Comhdhuinidh sinn le ’bhi a’ cur sios rannan freagarrach do ’n àm le ar caomh-charaid Mac-Oidhche— BLIADHNA MHATH, UR. Bliadhn’ eile theich air mheadhon oidhch’, Ghluais uainn gun fhuaim gun ghlaodh; ’N a h-aonar ’dol gu siorruidheachd Mar thaibhs’ gu cuan gun ghaoith. Am math ’s an t-olc ’chaidh chur an gniomh, Leath’ ’n teid iad sios ’n an deann? Cha teid, ach ruith’dh o bliadhn’ gu bliadhn’, Mar shruth o ghleann gu gleann. Ri math, ’s cha ’n ann ri olc, their thù,—Bliadhna mhath, ur! ’S smuaintich fein a’s roghnaich fein, Co riagh’lt dhuit fein a ’s fearr,— ’Bhi deanamh maith a reir do threis, No ’triall air slighe chearr. Tilg naimhdeas uait m’ an abuich e, ’S m’ am fas e dhuit mar lon, Ach mar ghath-ghrein’ air linne dhuirch’ Bi thusa ’n tigh a’ bhroin, A’s abair ris a chridhe chiùirrt’,— Bliadhna mhath, ur! Droch chleachdainn tilg gu buileach uait, A’s mi-run fag ad dheigh; Gleidh math ad ghlaic ach O, an t-olc, Fag leis a’ bliadhna ’threig. Rach sios troimh amannaibh a dh’ fhalbh Mar troimh ghleann dorch nan craobh; Thoir ás gach eiseimpleir a ’s fearr, A’s gleidh iad dlu ri d’ thaobh, ’S mar sin ri d’ chridhe fein their thù,— Bliadhna mhath, ur! DONNCHA CAIMBEUL. VI. Air do Dhonncha a bhi ’dluthachadh ri srath a dhuthchais choinnich e ri ’athair a’ gabhail a shraid-fheasgair, le ’cheann crom agus le ceum athaiseach. Cha d’ thug e an aire do Dhonncha ’s an dol seachad. “Feasgar maith dhuibh,” ars’ esan; chlisg ’athair, agus sheall e ’n a aodann le suil luainich, neo-umhailich. “Feasgar maith, feasgar maith,” ars’ esan, agus e a’ suathadh a bhathais le ’laimh, agus a’ gabhail air adhart. Runaich Donncha nach deanadh se e fein aithnichte gus am faiceadh e cionnus a bha cuisean a’ seasamh timchioll an tighe. Bhuail e gu diblidh aig an dorus-chuil airson cairtealan oidhche, ni a fhuair e gun sòradh. Ri h-uine, thoisich e air saor-chonaltradh ris na seirbhisich. Cha b’ fhada gus an d’ thainig a [TD 323] mhuime agus a phiuthar a stigh ’n am measg. Thug e fainear gu ’n robh a mhuime lan de ’n straic, agus de ’n uabhar aineolach sin a chithear gu tric anns a’ phrabar a gheibh togail suas gu inbhe nach ’eil dligheach dhoibh. Bh’ ar leis, gu ’n robh rud-eigin taitneach ann an giulan a pheathar, ged bha i, ’reir coltais, air a riaghladh gu buileach le ’mathair, a’ teagasg dhi bhi di-measach air a h-athair, air a chairdean, agus air gach neach ’bu toigh leis. Air dhi a bhi a’ frith-chomhradh ri Donncha, oir thalaidh i ris o ’n cheud sealladh a fhuair i dheth, thainig a h-athair a stigh do ’n Chitsinn. “A Lexy, ghaoil,” ars’ esan, “am faca tu mo speuclair?” “Chunnaic,” ars’ ise; “Bha e air do shron aig ám-braiceis.” “Dh’ fhaodaiun,” ars’ esan, “a bhi cinnteach ciod a’ ghne fhreagraidh a gheibhinn uaitse.” “Cia mar is urrainn dhuit labhairt ri d’ athair air a leithid sin de dhoigh,” arsa Donncha; “na ’m bithinnse ’n a aite, chuirinn thu far an ionnsaicheadh tu barrachd modha. Cha mhaith a thig e do mhnaoi-uasail oig, eireachdail, a h-athair aosda a fhreagairt mar sin.” “An e esan,” ars’ ise, “co nach ’eil coma air a shon?—seann slaodaire gun fheum, breisleachail, gearanach neo-thoilichte, ni ’s miosa na leanabh beag.” “Ach smuaintich air ’aois,” arsa Donncha; “is docha gu ’n d’ thainig ioma crois a’s call ’n a charamh, a ghoirticheadh nadur duine a b’ oige na e. Bu choir dhuitse, air gach achd, a bhi caomhail, urramach agus speiseil mu d’ athair.” Bha a’ bhaintighearna a’ farcluais orra, agus thill i ’stigh far an robh iad. “Oganaich mhaith, is beag na chuala tu dheth,” ars’ an seann duine, “O, na ’m b’ fhios dhuit mar tha mo chridhe ’g a fhàsgadh air uairibh; is iomacall a thainig ormsa, da-rireadh.” “O, do challdachsa,” arsa ’bhean; “cha d’thainig call riamh ort nach robh chum do bhuannachd aig a’ cheann mu dheireadh.” “Am bheil thu ’meas mar neoni,” ars’ esan, call mo mhnatha agus mo mhic ionmhuinn?” “Ach nach d’ fhuair thu bean agus nighean ghradhach ’n an aite?” ars’ ise,—“nighean nach mill do chuid mar dheanadh mac strodhail, agus bean a ghabhas curam dhiot, ’n uair nach urrainn dhuit fein sin a dheanamh; call do mhic, gu dearbh! B ’e sin am beannachd is mo de na thainig riamh ort.” “A bhean chruaidh-chridheach!” ars’ esan, “co aig am bheil fios nach aisigear fhathasd air ais am mac sin a dhion ceann liath ’athar, agus gu a leagail le onoir fo ’n uir.” Shil a dheoir, agus ghuil e mar leanabh. Thoisich a bhean ri fochaid air, agus a nighean ’s na seirbhisich, ri gaireachdaich. “A bheistean gun mhodh ’s gun iochd!” arsa Donncha, agus e ag eirigh ’n a sheasamh, ’s ’g am putadh a thaobh; “an dana leibh a bhi mar so ri fanoid air faireachduinnean seann duine, eadhoin ged nach b’ e ur tighearna agus ar maighistir a bhiodh ann? ach thugaibh an aire! ma tha aon ’n ur measg aig am bheil a chridhe a leithid de thàmailt a thoirt dha an deigh so, ròstaidh mi air an teine e.” Dhluthaich an seann duine ris, agus sheall e gu muladach ’n a aodann. “A bhaigeir bheadaidh ladarna?” arsa ’bhaintighearna, “am bheil fios agad co ri ’m bheil thu a’ labhairt?” Thionndaidh i ris na seirbhisich, agus dh’ orduich i a’ bhiast a chur a mach as an tigh agus gach cu a bha ’s an tigh-chon a stuigeadh ann. “Air d’ athais, air d’ athais, mo dheagh bhean-uasal,” arsa Donacha, “thoir an aire nach ann a thionndaidheas mise thu fein a mach as an tigh so.” “Mo chreach, mo chreach! oganaich chaoimh,” ars’ an seann duine, “is beag tha ’dh’ fhios agad ciod a tha thu ’deanamh; as uchd trocair, bi samhach; tha thu’ togail dioghaltais [TD 324] agus aimhleis dhuit fein agus dhomhsa.” “Na biodh eagal oirbh dheth sin,” arsa Donncha; “dionaidh mise sibh air chosd mo bheatha.” “Am faod mi ’fheoraich,” ars’ an seann duine, “co thu, no ciod is ainm dhuit?” “Is sibhse ’dh’ fhaodas,” arsa Donncha, “cha ’n ’eil e beo ’g am bheil a’ choir cheudna ni sam bith fheoraich dhiomsa ’s a th’ agaibhse: is mise Donncha Caimbeul, ur mac fein!” “M-m-m-mo mhac fein!” ars’ an seann duine, agus le clisgeadh buaireasach thuit e ann am paiseanadh air suidheachan a bh’ air a chul-thaobh. Ghlac Donncha e ’n a ghairdeinibh; thainig e thuige gun dail, agus dh’ iarr e air Donncha a chos dheas a rusgadh, air an robh da bhall-dorain fo ’n ghluin; agus air dha sin a dheanamh, phog ’athair e, leag e a cheann air ’uchd, agus ghuil e le aoibhneas. “O Dhe Neimh!” ars’ esan, “is fada o ’n a dh’ fhoghluim mi ’bhi taingeil airson gach trocair, ach a nis tha mi taingeil da-rireadh, oir fhuaradh leam mo mhac, m’ aon mhac ionmhuinn.” Sheall a’ bhaintighearna agus na seirbhisich an aodannaibh a cheile, gun smid as an cinn, ach chaidh Lexy air bainidh le gairdeachas gu ’n d’ fhuaradh a h-aon bhrathair; agus a leithid de bhrathair—cho fearail, cho eireachdail agus cho taitneach ’n a ghne ’s ’n a ghiulan. Anns a’ cheud dol a mach, bha ’mathair air bhoile le feirg agus le duil-bhristeadh; ach air dhi deagh fhios a bhi aice nach robh foidhpe ach a bhi an eiseimeil Donnchai, nochd i dha gach caoimhneas agus urram a bu dligheach dha. Fhuair e gun dail gach ni fo ’mharasglachadh fein, agus fhuair e mach, a bharr air an oighreachd a bhi saor o fhiachan, gu ’n robh suim mhor airgid aig ’athair a mach air riadh, fo bhanntaibh cinnteach, tearuinte. Aig an am ud ’s an robh gach fardoch a’s bothan air oighreachd Ghlinn-eilich, lan gairdeachais agus fleadhachais, bha trioblaidean agus mi-fhortain a’ tuiteam, muin air mhuin, air teaghlach m’ atharsa. A bharr air caochladh fhreasdalan mishealbhach a thainig ’n a charamh, thainig e a dh-aon bheum gu dorus na baigeireachd le ’dhol an urras airson caraid mealltaich, ann an suim nach robh ri ’chul d’ an t-saoghal na dhioladh i. B’ eiginn gach ni a bha ’n a sheilbh a thoirt suas fo cheannas luchd-lagha. Chaidh sinne uile gu ’r dichioll a dheanamh na cuid a b’ fhearr de ’n t-suidheachadh anns an deach’ ar tilgeadh, ach threig a mhisneach ’s a thabhachd m’athair, ach beag gu buileach. Thug Mairi barrachd oirnn’ uile, le a gniomhachas dealasach ann am marasglachadh gnothuichean an fhearainn, agus eadhoin le a comhairlean crionnta geurchuiseach mu nithibh eile. Bu tric a smuaintich mi mu ’n am ud, gu ’m b’ ulaidh luachmhor a leithid de mhnaoi, do chompanach adhartach d’ am biodh fior ghradh aice. A dh’ aindeoin ar ’n uile oidhirpean, cha b’ fhada gus an d’ thainig ar teanntachd gu aon-cheann; fhuair m’ athair litir agartais airson suim nach bu chomasach dha a dhioladh; agus bha fiughair againn, latha an deigh latha, gu ’n tugta uainn e, agus gu ’n cuirt’ am priosan e. Latha de na laithean, air dhuinn a bhi ’n ar suidhe ’n ar seomar beag, a’ cur ar comhairle ri ’cheile ciod a dheanamaid, cha b’ urrainn sinn tighinn gu codhunadh sam bith, oir bha ar cor eudochasach da-rireadh. Thuit sinn ann an seorsa breislich, ach air do ’n uinneig a bhi togta, chunnaic sinn sealladh a thug grad chlisgeadh dhuinn, agus a lion gach cridhe le doruinn—da mharcaiche ’n an deann-ruith a’ deanamh direach air an tigh. “So na maoir a tighinn,” arsa mo mhathair, “ciod a ni sin?” [TD 325] Dh’ eirich sinn uile a dh-ionnsaidh na h-uinneige; ghlaodh gach aon, “Sud am fear-lagha air thoiseach, agus am maor ’n a dheigh.” Dh’ asluich mo mhathair air m ’athair e ’dhol as an t-sealladh, agus e fein ’fholach, gus an rachadh a’ cheud stoirm seachad. “Cha ’n fhag mi,” ars’ esan, “larach na ’m bonn; cha d’ rinn mi ni sam bith de ’m bheil naire orm; seasaidh mi ri aghaidh an fhir is fearr dhiu; deanadh iad na ’s urrainn iad.” Mar sin, cha robh dad ’n ar comas ach suidhe mar bha sinn, a’ feitheamh ris na bha gu tighinn. Gun dail, chuala sinn tartar nan each aig an dorus. “A Sheumais,” arsa m’ athair, “’s e is fearr dhuit dol agus seasamh aig cinn na ’n each, o nach ’eil neach eile aig laimh a sheallas ’n an deigh.” “Ma ’s e ur toil e,” arsa mise, “feithidh sinn gus am buail iad aig an dorus.” Ach air eagal gu ’n rachadh a chobhartach as, cha do bhuail am maor aig an dorus, leum e ’stigh gun chead, gun chuireadh; chaidh farum a chos air an urlar, mar shaighid theinntich troimh gach cridhe; ann am priobadh na sul bha e stigh ’n ar measg.—Co a bh’ ann, ach Donncha! ar Donncha caomh, gradhach fein. Sgread agus chlisg na boirionnaich car tiota, ach dh’ eirich m’ athair gu grad ’n a chodhail. Cha bu luaithe a ghlac e lamh dheas Dhonnchai, na ’bha mise an crochadh ri ’laimh chli, agus da lamh mo mhathar mu ’mhuineal. Ann an tiota sheall e mu ’n cuairt, leag e a shuil air Mairi, agus i ’n a seasamh ann an oisinn de ’n t-seomar cho glaisneulach ri corp, agus air chrith le aoibhneas agus le ioghnadh. Gun naire no athadh, ghlac agus theannaich e ri ’bhroilleach i, phog e i, agus mu ’n robh fios aice c’ aite an robh i, bha a da ghairdein paisgte mu ’mhuineal. “O Mhairi mo ghaoil,” ars’ esan, “cha robh mo chridhe aig fois o ’n latha dh’ fhag mi thu; cha b’ urrainn mi smid de m’ inntinn a dheanamh aithnichte dhuit mu ’n d’ fhalbh mi, gus am faicinn cionnus a bha cuisean air thoiseach orm aig a’ bhaile.” Thug e an sin dhuinn lan chunntas air mar fhuair e gach cuis ’n uair a rainig e a dhachaidh, agus mar dh’ fhag e iad ’n a dheigh. Thionndadh ar dubhachas gu aoibhneas, agus ar teanntachd gu saorsa; dhi-chuimhnich sinn gun dail, gach eiginn agus buaireas leis an robh sinn air ar fiosrachadh, agus fhuaradh sinn, aon uair eile, ’n ar còisir bheag, cho chaidreach, shona ’s a shuidh riamh le ’cheile. Mu ’n do sgaoileadh anart-buird na dinnearach, ruith Mairi a mach do ’n Chitsinn, a dh’ atharrachadh a deise, agus a chireadh a cinn. B’ e a’ cheud ni a choinnich a suil, duin’ uasal og, sgiolta ’n a shuidhe aig an teine, le coileir sgarlaid air a chota, agus bann òir mu ’aid. Cha ’n fhaca Mairi riamh roimhe, duin’-uasal cho finealta; rinn i ’beic gu lar dha, agus dh’iarr i air a leanailt do’n t-seomar; ach le fiamh ghaire, dh’ iarr e gu ’n gabhadh i a leisgeul; gur h-e a bha annsan gille-coise Tighearna Ghlinn-eilich. Dhi-chuimhnich sinn uile an duine-uasal a thainig le Donncha. Chaith Donncha agus Mairi greis de ’n fheasgar a’ sraidimeachd le ’cheile anns a’ ghàradh. An la ’r-na mhaireach, dh’ innis e do m’ pharantan an gnothuch air an d’ thainig e. Air an ath sheachdain rinneadh Donncha agus Mairi ’n an aon, ann an daimh onorach a’ phosaidh. Mu ’n tug e air falbh i o thaobh a mathar phaigh e gu fialaidh fiachan m ’athar gus an fheoirling dheireannach. Chaidh mise ’n an cuideachd do ’n Ghaidhealtachd. An uair a bha mi ’dealachadh riu gu tilleadh dhachaidh cha bu ghnothuch soirbh e; cha ’n urrainn mi idir cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte [TD 326] leis an d’ fhag mi mo mhile beannachd aig companach agus coimhleapach m’ oige, agus aig mo phiuthair chaoin-ghradhaich, Baintighearna Ghlinn-eilich. A’ CHRIOCH. MUILEACH. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn). AN DARA EARRANN. Seachdain a’s la ’n a dheigh, Bha Mac-Iche Shunadail Aig cladach Port an ainn ud, An samhchair madainn’ a’ Mhaigh, ’S a’ chruitheachd ’n a h-ailleachd gach taobh; Saoghal nan lusan a’ comhdach nam bruach; An fhairge an suaimhneas sìth, Gun tonn ri tir ’s a h-uchd, mar sgathan, A’ dearrsadh ri copan cian nan speur,— Sealladh nach annas do na Gaidheil, ’S nach eòl do chach nach faca riamh e. Dh’ amhairc am fear mor ri muir, ’S chunnaic e, ’teachd air sruth a’ chaolais, Birlinn fhada le sè raimh dheug, A’s fear ’g a stiuradh ’s e ’m breacan rioghail na h-Alba. Bha crann ard ’n a meadhon, A’s leoghann dearg am brataich leathain, Air fiamh an òir gun smal, A’ srannail ri cèabhar nan oiteag A thog gluasad na birlinn, A’ sgoltadh an t-sruith le neart iomram, ’S i ’ruith gun fhiaradh air Port Shunadail. Leag na coigrich gun dail an acair Far am fac’ iad fear ard Le failte ’teachd ’n an comhail; ’S labhair le guth duineil:— “Sonas do thurus nan Gaidheal, Bhur beatha gu Dun-sgolb! Cha doirbh dhuibh ’fhaotainn An taobh so bhos d’ an aonach uaine. A dhaoin-uaisle thigibh gu m’ aite; Buaidh a’s slainte dhuibh mar dh’iarrainn.” Ghluais na fir, triuir a’s triuir, ’S an ceannard-rúin air an laimh dheis, ’S Mac-Iche mor ’n a cheann-iuil, Gu Caraig-an-Duin nach faighear ’aois. Dh’ fhosgail fear-faire ’n dorus iaruinn, Eadar an da chreag, ’s an robh an sas A lùgadan laidir gun mheirgeadh Rè iomadh linn, ’s a ghleidh na Cinntirich Le cruadal air iomadh faiche, An iomairt gharg nan cath tric A chuir lamh dheas na h-Alba,— Rudha nan da ghleann deug a dh’ àraich roinn Do chonspuinn gun fhoill Earraghaidheal. Chaidh a’ chuideachd le modh uaislean Do sheomar uachdrach nan cuirm, Far an d’ thubhairt an ceannard og Am briathran stolda ri Mac-Iche:— “Mar urram do chleachdamh nan Gaidheal, So an t-am ’s an coir dhuinn ’innseadh Co sinn a’s aobhar ar turuis, O’n thug thu cuireadh dhuinn gun iarraidh Gu aoidheachd fhialaidh ceann-feadhna.— ’S mise Griogair, Mac Dhomhnuill Ailpeinich, Righ Mhanainn. Sgeula creach a’s ainneart A tha againn ri innseadh; fogradh gun iochd An casgradh gleachd ri naimhdean lionmhor, A dh’fhag sinn gun tir, gun ni, gun daoine, Am mios deireannach an Earraich so dh’ fhalbh, Gun fios, gun rabhadh, Thainig madainn an amhghair, A thug an sealladh cabhlach nam borb, Lan sluaigh, d’ an suaicheantas tuadh a’s teine; Armailt mara a’s tire Ruraich nan creach O Ath-cliath an Eirinn. Dh’ aithnich m’ athair bratach dhubh an fhithich; Ghairm e ’ghillean gu crois-tara,— Rabhadh nan Gaidheal ri àm eiginn;— Dh’ eirich iad uile mar aon fhear; Thainig iad gu aonach uaigneach Mar a fhuair iad an ordugh; Dh’ iarr m’ athair cabhlach Mhanainn A thoirt gu cladach a’ chinn tuath, ’S na h-aosmhoir, mnathan a’s clann ’Aiseag gus a’ chearn a b’ fhaisge ’dh-Albainn,— Gallamha fo sgèith nan tonn, Talamh nan sonn nach do striochd. Laidir, dileas, gun fhoill, Chaidh sinn gun mhoille ’n dail nam borb. Fichead m’ an aon bha iad ruinn. Choinnich sinn iad an tuinn a’ chladaich, Sinne ainneamh ’s iadsan lionmhor. Cha d’ fhuair sinn dion ach fuil nan Gaidheal, A sheas, mar an abhaist, gun aomadh, Gus an do sgaoil neoil na h-oidhche An dubhar thar soillse nan speur. B’ eiginn gluasad gu cul cruaich a bha dluth, Far an robh a’ chomh-stri ùr ’s a’ mhadainn. Ghleidh sinn bealach an sgrios. Cha b’ fhios do na naimhdean ar n-aireamh. Cha do ghearain aon aois no sgios. Ghearradh a sios sinn ’s cha b’ ann gun eirig; [TD 327] Thuit sinn gu leir ach da fhìchead ’s aon. Bha ’n gleannan ’n a chaochain dhearg An uair a dh’ fhalbh sinn Troimh ’n doire sgaileach Gu birlinn Mhic Iain Ghearr an òb uaigneach,— Curaidh uaibhreach a sheas am blar leinn,— Leathaineach laidir, gaisgeil, dileas ’S fhear-cinnidh Righ na misnich, Ailein-nan-sop, A sheas ’s a bhóidich, ‘Cha ’n fhag mi Manainn Gun lasair a chur ri Rurach; Cha dion uamha no tùr am meirleach! Fhir-chinnidh, fan a’s gabh na thig,— Croich, biodag, no tuadh ’s do cheann air ealaig, Mur an dean an cladach ar tearnadh’. MAC IAIN GHEARR.—‘Fanaidh gus an anail mu dheireadh; Cha toir an t-eagal dhuinn bairlinn, ’S mur am faigh sinn eirig gheibh sinn naigheachd A bheir sinn thairis do na braithrean!’ Chaidh an dithist do uamha nam fear; Rainig sinne Gallamha garbh an fhraoich;— ’S Manainn, gun daoine, fo chis namhaid. AN CRANNCHUR. (The Lottery.) O chionn mu thuaiream leth-chiad bliadhna bha seann duine, d’am b’ainm Dà’idh Sùlair, a chomhnuidh faisg air baile-mor araidh. An uair a chiteadh a cheann liath, a cheum sgairteil, agus cho direach, brosglach ’s bha e ’g a ghluasad fein, dh’ aithnicheadh aon air bith gu ’n do chuir e seachad cuid d’ a bheatha anns an arm. Thuit Dà’idh, an uair a bha e ’n a dhuine og, ann an tubaist air chor-eigin; b’ eudar dha a’ choimhearsnachd ’fhagail; ghabh e ’s an arm, agus gle ghoirid ’n a dheigh sin sheol e leis an reisimeid do dh-Innsean na h-airde-n-Iar. Cha b’ fhada ’chuir e seachad an so an uair a thuit e ann am fiabhrus, agus chaidh a chur air ais do ’n rioghachd so. Air do ’n reisimeid d’ am buineadh e tilleadh goirid as a dheigh, chaidh a h-orduchadh a mach do Chanada, far an d’ fhuair Dà’idh bochd a mheileachadh leis an fhuachd, mar a bha e roimhe air a rostadh leis an teas. Am feadh a bha e a’ seirbhiseachadh ann an Canada, mar a bha am mi-fhortan, no ma dh’ fhaoidte, am fortan’s an dan da, fhuair e leon ann an aon d’a luirgnean; chaidh a chur mar sgaoil as an arm, pension a shuidheachadh air, agus a chur dhachaidh d’ a dhuthaich fein a rithisd. A thuilleadh air a phension bha Dà’idh a’ cur peighinn onoraich an drast ’s a rithisd ann an rathad a mhna, Peigi, le saothair a lamhan fein, oir bha e ’n a dhuine turail agus comasach air a lamh a thionndadh ri rud sam bith; chuireadh e slat ann an cliath no cas am poit,—ann an aon fhacal cha mhor a thigeadh cearr air. Bha e, aon latha, a’ dol air ais le sgaileagan sioda a bha e an deigh a chàradh do mhnaoi-uaisil eigin, an uair chunnaic e sanas mor sgriobhte air a’ bhalla—a’ guidhe gu durachdach air gach aon a bha deonach air beairteas a dheanamh a dh-aon bheum, dol agus comh-roinn a cheannach gun dail ann an crannchur (lottery) a bha gu aite ’ghabhail an ceann beagan uine anns a’ bhaile-mhor lamh riutha. Thug a chridhe leum, oir cha do leugh e ach goirid air ’aghaidh ’n uair a chunnaic e gu ’m faodadh neach le fichead punnd Sasunnach a chur a stigh, fichead mile punnd Sasunnach a bhuidhinn. Thog e air gu surdail, liubhair e an sgaileagan, agus thill e dhachaidh an deanna nam bonn a chur a chomhairle ri Peigi. Bha an t-seana chailleach bhochd cho bodhar ’s gu ’n d’ fheum e glaodhaich ’n a cluais le ’uile neart. “An cual’ thu mu ’n chrannchur mhor a tha ri tachairt ’s a bhaile-mhor ud thall? Air son fichead punnd Sasunnach faodaidh tu fichead mile a bhuidhinn.” “Seadh, ach cha ’n ’eil fichead punnd Sasunnach agadsa ri ’chur ann,” ars’ ise. “Cha ’n ’eil, ach tha e agadsa agus is e an aon ni e, nach e?” [TD 328] Cha do fhreagair Peigi car ghreis, agus a’ sin thuit i gu ciuin gu ’m bu ni eile sin uile gu leir. Thug Dà’idh suil aingidh oirre agus thuirt e, “Cha ’n è ma tha mise ’cur romhan an cur a mach anns a’ ghnothach so.” “Cha ni suarach fichead punnd Sasunnach,” arsa Peigi, ’s i ’crathadh a cinn; “is e so na tha againn anns an t-saoghal a bharr air do phension. Gabh mo chomhairle-se a Dhà’idh Shùlair agus na bi ad amadan.” “Smaointich thusa air fichead mile gini òir,” arsa Dà’idh; “a leithid de luchd! nach be ’n carn e! dh’ fhaodamaid sinn fein ’fhalach ann.” Cha robh Peigi ro chinnteach mu ’n chuis; bha i a lion beag a’s beag a’ striochdadh. “Falbh agus cluinn ciod a their Seumas Mor uime,” fhreagair i. “Ciod am math dhomh dol an taobh a tha Seumas Mor ann an gnothach d’ an t-seorsa so,” arsa Dà’idh. “Cha ’n aithne dha ni mu ’thimchioll; cha do ghabh e cuid ann an crannchur riamh.” “Coma co dhiu, cha mhisd’ thu a chomhairle; falbh gun dail.” “Tha mi toileach,” arsa Dà’idh, ’s e ’togail a chomhdach-cinn; “ach cha mhor cudthrom a chomhairle. Ghabhadh e leth-chiad d’ a leithid a chur iompaidh air seann saighdear.” B’ e Seumas Mor a bu thuairnear agus a bu shaor anns an aite. Bha e ’n a dhuine fior chrionnta, ghlic agus fo mhor mheas agus urram aig gach duine d’ am b’ aithne e. Steoc Dà’idh Sùlair direach a suas a dh-ionnsaidh na beirt-thuairneir aig an robh Seumas ag obair. Bha e cho dil air ciod air bith a bha e ris ’s an àm nach d’ thug e an aire do Dhà’idh ’n a sheasamh lamh ris. Mu dheireadh, an uair a bha a shaod air a bhi cho geal ri muilleir no ri fear a bhiodh a mach fo shneachd, leis na mion-shliseagan agus an sadach a bha ag eirigh o ’n bheirt, chuir e a lamh air guallainn Sheumais. Stad e d’ a thuairneireachd agus chuir iad failte air a cheile. “Tha toil agam do comhairle a ghabhail,” arsa Dà’idh. “Chual’ thu iomradh, tha mi ’n duil, mu ’n chrannchur mhor so?” “Chuala, chuala, ach ciod uime?” “Tha thu ’cur a stigh fichead punnd Sasunnach agus a’ buidhinn fichead mile. An comhairlicheadh tu dhomh ’fheuchainn?” “Air na cumhnantan sin, comhairlicheadh, air a’ h-uile cor.” “Gu ’n robh math agad, a Sheumais; bha fhios agam gu ’m b’ e so a theireadh tu; labhair thu gu seadhail, ach cha ’n eisdeadh Peigi.” “Stad ort, ged ’tha,” arsa Seumas, “leig dhomh do thuigsinn gu ceart. Le fichead punnd Sasunnach a chur a stigh, tha thu cinnteach air fichead mile ’fhaighinn a mach?” “Cha d’ thubhairt mi gu ’n robh mi cinnteach.” “O, tha teagamh ’s a’ ghnothach mata? Tha muinntir eile ’s a’ chuis cho math riutsa?” “Cha ’n ’eil mi cur ag, ach——” “Co mend, a bheil ’fhios agad?” “Cha ’n ’eil; cha d’ fheoraich mi.” “’S cha mho a ruigeas tu leas,” fhreagair Seumas Mor gu durachdach. “Tha thusa a Dhà’idh Shùlair, ann ad dhuine bochd mar tha mi fein; cha ’n ’eil e furasda dhuit fichead punnd Sasunnach a sheachnadh. Tha e fior gu leoir gu ’m faod thu buidhinn; ach tha e moran na ’s coltaiche gu ’m faodadh tu call. Dh’ iarr thu mo chomhairle, agus fhuair thu i.” “Moran taing dhuit,” arsa Dà’idh, ’s e a’ falbh; ’s cha robh e idir toilichte. “Bha Dà’idh Sùlair uine mhoir m’ an do chuir e iompaidh air a mhnaoi chuiseil, ’s m’ an d’ fhuair e gu ’n d’ aontaich no gu ’n d’ thug i [TD 329] gnuis do ’n ghnothach; ach mu dheireadh, le ’argumaidean seolta, cha ’n e ’mhain gu ’n do dhearbh e dhi gu ’n robh an ceum a bha e ’cur roimhe ’ghabhail glic agus crionnta, ach bha a’ leithid de bhuaidh aige oirre ’s gu ’n d’ fhas i deich uairean na bu déine mu ’n chuis na e fein. Thog i oirre suas an staidhir gun tuilleadh dalach, chuir i a lamh a suas an simileir as an d’ thug i seann stocaidh dhubh far an robh fichead punnd Sasunnach am falach aice; chuir i an t-iomlan gu toileach ann an laimh Dhà’idh, a dh’ fhalbh, gun mhoille mionaide, ’s a phaigh an t-airgiod do mhuinntir a’ chrannchuir, bho ’n d’ fhuair e air ais cairt bheag—cairt a bha ann an uine ghoirid gu ’chur ann an seilbh air storas mor. “C’ uin a tha an tarruing ri’ bhi?” dh’ fheoraich Peigi. “Seachdain o ’n Dimairt so ’tighinn,” arsa Dà’idh. “Seachdain o ’n Dimairt so ’tighinn? Cha toigh leam sin; tachraidh e air Latha-gnothach-na-cubhaige.” “Sin agad a’ cheart aobhar air son an do thagh iad an latha,” fhreagair Dà’idh ’s e a’ suadh a lamhan; “cuiridh iad fear no dha air gnothach na cubhaige.” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann, co ’thainig a stigh ach Seumas Mor. Thainig e a chur stad air Dà’idh, ’s a dh’ earaileacheadh air gun e ’chur a chuid ann an rud a bha cho teagmhach agus a bha ag aobharrachadh a leithid de sheanchus feadh a’ bhaile. “Tha ’n gnothach a nis deunta,” arsa Dà’idh. “Seall!” ’s thug e a’ chairt as a phoca. Sheall Seumas oirre gu taireil. “Am bheil cuimhne agad air an t-sean-fhacal” ars’ esan. “Cha ’n ’eil, ciod e?” “Is furasda an t-amadan ’s a chuid a sgaradh o cheile,” thuirt Seumas, ’s thug e an dorus air. “Ciod e sud a thuirt e?” dh’ fheoraich Peigi. “Tha, gu bheil sinn cinnteach duais mhor a bhuidhinn,” fhreagair Dà’idh Sùlair. “Feumaidh sinn gach ni a chur fo uidheim uir bho mhullach gu iochdar,” thuirt Dà’idh agus e ’n a shuidhe aig a shuipeir an oidhche sin; “cha fhreagair na seana bhuird agus na cathraichean so dhuinn ann ar suidheachadh ùr agus eadar-dhealaichte. Gheobh sinn buird agus cathraichean riomhach, ùra; sgathain mhora agus cuirteanan aillidh m’ an cuairt na h-uinneagan. Bidh sinn reidh ’s càradh mholtairean a’s phoitean ’n a dheigh sin—agus airson geurachadh shiosar, ——” Thug e breab do ’n inneal-gheurachaidh a bha lamh ris mar a labhair e, ’s chuir e le urchair a dh-oisinn eile ’n tighe e. Chaidh seachdain seachad; thainig an latha Chuir Dà’idh e fein an ordugh moch air maduinn a dhol do ’n bhaile-mhor. M’ an d’ fhalbh e thug e do Pheigi na seolaidhean a leanas:— “Ma theid cuisean mar a tha suil agam, cha tig mi dhachaidh d’ am chois, cuimhnich thusa. Thig mi dhachaidh ann an carbad. Bi thusa a’ faireadh air mo shon aig uinneig uachdaraich, agus an uair a chi thu an carbad a’ tighinn m’ an cuairt an oisinn, tuigidh tu gu bheil mi dluth. Togaidh tu ’n sin a suas an uinneag agus tilgidh tu a’ h-uile ball airneis air am faigh thu greim, a mach air an t-sraid; na caomhain sion; a mach leis gach stob dhi. Tha thu a’ tuigsinn, a bheil? Beannachd leat mata gus an till mise.” Thog Dà’idh Sùlair air, agus e ’n a bheachd fein cheana ann an seilbh air beairteas nach gabhadh tomhas. Choisich Dà’idh Sùlair a stigh do ’n bhaile-mhor le ceum aotrom saighddeir. Bha e ann an surd fuathasach; bha a cheann anns na neoil agus [TD 330] mar a bha e a’ tartraich a sios an t-sraid bheireadh e barr a bhata a nuas le fead a bha ’cur teine as na clachan agus a’ fagail caoir de shradan as a dheigh. Cha robh e ach goirid a’ ruigheachd an ionaid anns an robh na croinn ri ’n tarruing. Bha dumhladas mor sluaigh air cruinneachadh cheana. Bha lan-aighear agus mire a’ toirt mac-talla as na ballachan. Cha robh smuairean air aghaidh neach, oir cha do chaill duine aca fathasd air a’ chrannchur. “Ciod e aobhar an gaireachdaich?” arsa Dà’idh Sùlair ris fhein; “am bheil suil aca gu ’m buidhinn iad uile?” agus car tiota dh’ eirich seorsa de amharus ’n a inntinn mu a shoirbheachadh fein. Thainig fallus fuar air a’ smaointeachadh na ’n cailleadh e; ach thilg e dheth gach teagamh agus sheas e a dh-fheitheamh na crich. Cha d’ fheum e feitheamh fada. Thainig balachan beag a stigh le cuirneachadh air a shuilean agus aon d’ a lamhan ceangailte air a chulaobh; chuir e a lamh lom ann am bocsa, thug e ’mach cairt agus shin e do ’n chleireach i, a leugh a mach a h-aireamh; an sin thog balachan air taobh eile an tighe cairt as a bhocsa fein agus shin e i do chleireach eile, a ghlaodh a mach, “Falamh.” Rinneadh so fichead uair, gus mu dheireadh, an d’ thainig da chiad gu leth punnd Sasunnach air fear eigin. Thog iad iolach ard ’n uair a chual iad so; ghlac a chairdean air lamh an duine fortanach air an d’ thainig an ciad gu leth, ach sheap an dream aig an robh an cairtean “Falamh,” as an rathad.” “Falamh, falamh, falamh, falamh; is i mo bharail gu bheil iad ach beag uile falamh,” arsa Dà’idh ris fein; “cha ’n ’eil so idir mar a shaoil mi; ciod a dheanainn na ’n tuiteadh do m’ chairt fein a bhi falamh? Tha ’n t-am agam a bhi a gluasad a choir an doruis.” Falamh, falamh, falamh, leth-chiad uair eile as deigh a cheile, agus a’ sin, coig ciad punnd Sasunnach do chuid-eigin. “Falbh,” arsa Dà’idh, “is fhiach sin rud-eigin, ach is suarach e lamh ris na tha suil agamsa ’fhaighinn. Ciod sud ach chuala mi? ’S e sin an t-aireamh aig a’ chairt agamsa, a dhaoin’-uaisle, ma ’s e ur toil e; is mise ‘77.’” “Falamh” ars’ an cleireach, agus thuit Dà’idh Sùlair bochd air a bheul ’s air a shroin, mar gu ’n cuirteadh urchair ann. Shaoil iad uile gu ’n robh e glan mharbh, ach cha robh. Fhuair iad a mach c’ aite an robh an duine bochd a comhnuidh; agus, a thaobh gu ’n robh robh e astar air falbh, thairg duin’-uasal a bha ’lathair a charbad fein gu caoimhneil chum Dà’idh bochd a ghiulan dachaidh. Chuir iad anns a’ charbad e ’s dh’ fhalbh iad leis. Bha Peigi fad uair an uaireadair a’ freiceadan aig an uinneig. A chum agus gu ’n rachadh aice na b’ fhearr air orduighean Dhà’idh a chur an gniomh, fhuair i cuideachadh aon de na coimhearsnaich, chruinnich i gach stob airneis a bha ’s an tigh ann an aon seomar-mullaich, agus bha i ’nis ’n a suidhe gu foighidinneach a’ feitheamh a’ charbaid. Mu dheireadh, an uair nach mor nach robh i air toirt thairis, faicidh i an carbad a’ tighinn m’ an cuairt an oisinn! A suas chaidh an uinneag ann an tiota, agus a sios chaidh an airneis car ar char air an t-sraid gu h-iosal. Cathraichean, buird, sgathain, poitean, clobhachan ’s gach ni air an ruigeadh lamh, a sios chaidh iad, muin air mhuin, ’n am mirean air a’ chabhsair. Bha seana bhodach a’ dol seachad aig an am, ’s dh’ amhairc e suas dh’ fheuch ciod a bu chiall do ’n fhrois eagalaich, ach bhuail gob a’ bhuilg-sheididh anns an t-suil e, agus am feadh a bha e ’n a laidhe a’ sporathail thainig ultach [TD 331] de shoithichean creatha ’nuas air a chaol-druim nach mor nach do bhrist a chnaimh-droma. Ruith marsanda a mach as a bhuth air taobh eile na sraide ’s e ’cumail a suas a lamhan ’s a’ smeideadh ri Peigi sgur d’ an obair sgriosaich, ach fhuair e strabhailleadh de chuinneig anns an smig a chuir car dheth anns an eabar. Leum am ministeir, duine mor, sultmhor, ’s e ’dol seachad, a nall a chur casg air a’ bhristeadh uamhasach, ’n uair thainig gùn drogaid leis a’ chaillich a nuas thar a chinn, ’s ghrad thug e ’chasan as le naire. Fad na h-uine so, agus ann am meadhon na h-aimhreite bha Dà’idh Sùlair, agus e ’nis air tighinn gu ’mhothachadh, ’n a sheasamh anns a’ charbad a’ glaodhaich airde ’chinn ’s a’ smeideadh ri Peigi i a stad; ach shaoil ise gur ann a bha e ri iolach ’s ’g a brosnachadh; chuir i roimhpe nach biodh stob a stigh m’ am biodh uine aig Dà’idh air bhi ’nios an staidhir; agus gus an do leum e ’stigh mar dhuine air a’ chuthach ’s an do rug e air chaol da dhuirn oirre, cha do thuig i ciod a bha e a’ ciallachadh. Mu dheireadh dh’ innis e ’n fhirinn bhronach dhi, ’s shuidh iad le cheile a chaoidh an leir-sgrios a thug an goraich a nuas orra. Am feadh a bha iad mar so a’ tuireadh ’s a’ bron an cor bochd, thainig an duine caoimhneil, cneasda sin, Seumas Mor a stigh ’g am misneachadh. Cha d’ thuirt e idir riutha mar a theireadh cuid a dhaoine, “Nach d’ thuirt mi ribh; cha ghabhadh sibh mo chomhairle.” Cha d’ thuirt e ni d’ a leithid, ach ’n uair a chunnaic e mar bha cuisean, dh’ fhalbh e gun fhacal a radh, chuir e tional beag air chois, agus ann an latha no dha thruis e mu thuaiream da fhichead punnd Sasunnach a chuir Dà’idh Sùlair gu comhfhurtachail air a chasan a rithisd. Is ann mar so a bu choir do dheadh choimhearsnaich deanamh r’a cheile. Cha do chuir Dà’idh Sùlair agus Peigi a bhean, sgillinn gu brath tuille ann an crannchur.—Mur do shiubhail iad uaith sin tha iad beo fhathasd. Eadar. le MAC-MHARCUIS. RUAIRIDH BEAG SHABHARI, HO I HO-RO. Rinneadh an duanag so leis an Ollamh Urramach Tormaid Mac-Leoid nach maireann, “Caraid nan Gaidheal.” Failt’ air a’ ghille Le ’chaog-shuilibh biorach, Le ’chota, ’s le ’bhrigisean Gasda de ’n chlo! ’S math dh’ aithn’ear air d’ aogas Gur Leodaich do chinne— Siol Thormaid o ’n Eilein Air an laidheadh an ceo. O, Aonghais ’Ic Ruairidh, ’S tu athair an deadh mhic, ’S tu ’dh’ fhaodadh ’bhi moiteil Na ’m bitheadh tu beo; ’S nach ’eil neach anns an Sgireachd Cho fharasda, fhinealt’ Ri Ruairidh beag Shabhari, Ho i ho-ró. Cha ’n ’eil Cleireach ’s an duthaich A ’s luthmhoire ’shiubhlas; Gu ’n tabhairt gu pùsadh, Bidh tu dluth air an toir. Cha ’n ’eil Cleireach ’s an t-Seanadh Co ro mhaith a stuireas A’ bhirlinn troi’ chuaintibh Nan stuaghannan mor’. ’N uair ’sheideas an doinionn Na siuil o na crannaibh, ’S a chaillear gach cladach Li sioban ’s le ceo; ’Sin eighidh gach maraich’,— O, ’s ro mhaith do ghabhail, A Ruairidh bhig Shabhari, Ho i ho-rò. ’N uair ’sheinneadh tu ’n Iorram, ’S tu’ dhuisgeadh an spiorad Ann an guailibh nan gillean, ’S iad an glacan nan ramh; ’N uair ’sheinneadh tu ’n duanag, ’N sin b’ ait leam ’bhi suas riut, ’Bhi ’m shuidhe ri ’d ghuallainn ’S an t-searrag am laimh. Cha ’n ’eil eadar so ’s Ro-ag A sheinneadh leat ‘Morag,’ ’S tu ’g iomairt le furan Ramh-braghad an Roe; ’N sin their iad ri Ruairidh,— O, piseach a ’s buaidh ort, A Ruairidh bhig Shabhari, Ho i ho-ró. [TD 332] AM BHEIL IAD ’GAM IONNDRAIN O’N BHAILE? Am bheil iad ’g am ionndrain o ’n bhaile? Bu ghaolach le m’ chridhe ’s an àms’, A’ chinnt gu bheil gràdhaich a’ guidhe, “O b’ fhèarr leinn gu ’n robh i so ’n dràst!” Am fios gu ’n robh ’n cròilein mu ’n teallach A’ smuaineachadh orms’ tha air falbh, Dearbh-bheachd gu bheil ionndrain aig bail’ orm, B’ àrd-shòlas gun tomhas än sealbh! B’ àrd-shòlas, etc. ’N uair ’chiaras air feasgar—an tràth sin, ’Tha coisrigt’ do ’n dàn—cian nan cian— ’Bheil neach ann a luaidheas air m’ ainm-sa, ’S a their, “’S fhad air falbh uainn mo mhiann?” ’S am mothaichear meang anns an òran, ’S gun mo ghuth-sa ’bhi ’còmhnadh na tèis’? No ’n dùisg e teud-bhròin anns gach anam Mi ’bhi uapa air m’ aineol, ’an céin? Mi ’bhi uapa, etc. An suidhich iad cathair aig bòrd dhomh, ’N àm èibhnis an teòghlaich ’bhi dlùth, ’N uair lasar na coinnlean a’ s’ t-seomar, ’S na reultan ’s a’ ghorm-speur gu ciùin? ’N uair ’ghabhas gach aon cead d’ a chèile, ’S a thèid iad fa leth ’ghabhail tàimh, ’M bi cuimhn’ air an té ’th’ air a h-aineol, ’S an guidh iad fo smalan dhomh “slàint’”? ’S an guidh iad, etc. A’ bheil iad ’g am ionndrain o ’n bhaile, Trà maidne, trà feasgair, no nòin? ’S na thàrmaich neul duthach mun cuairt doibh, Nach soillsich ä ghruaim ach mo neoil-s’? ’Bheil sùgradh à’s mànran cho taitneach, ’S a bha cian a b’ ait ’bha mi leò? No ’bheil iad o cheal, o ’n nach dòigh dhomh ’Bhi ’n caidribh a’ chròilein ni ’s mò; ’Bhi ’n caidribh, etc. DO THEY MISS ME AT HOME. The foregoing translation of this song is by the late Mr. James Munro, author of many poems of great merit and beauty, and of the well-known Gaelic grammar: Do they miss me at home, do they miss me? ’Twould be an assurance most dear, To know that this moment some lov’d ones Were saying, “We wish he were here.” To feel that the group at the fireside, Were thinking of me as I roam: Oh yes, ’twould be joy beyond measure, To know that they miss’d me at home. To know, etc. When twilight approaches, the season That ever is sacred m song, Does some one repeat my name over, And sigh that I tarry so long? And is there a chord in the music, That ’s miss’d when my voice is away, And a chord in each heart that awaketh Regret at my wearisome stay? Regret, etc. Do they set me a chair near the table, When evening’s home pleasures are nigh, When candles are lit in the parlour, And the stars in the calm azure sky? And when the “good nights” are repeated, And all lay them down to sleep, Do they think of the absent, and waft me A whispered “good night” while they weep? A whispered, etc. Do they miss me at home, do they miss me At morning, at noon, or at night? And lingers one gloomy shade round them, That only my presence can light? Are joys less invitingly welcome, And pleasures less hale than before, Because one is miss’d from the circle, Because I am with them no more? Because, etc. ADHLAICEAN ANN AN CHINA. Do bhrigh nach ’eil aig muinntir China dochas an taobh thall de ’n uaigh, tha iad a’ deanamh caoidh gun choimeas as leth an cairdean a’s dillse an àm doibh am bas ’fhaotainn. Tha gach ni ’g a dheanamh le riaghailt eagnuidh. Tha ’n uine, agus am modh, agus meud amhghair an ti a ta fo bhron, air an sonrachadh gu curamach. Tha an corp, air da a bhi air a chomhdachadh le sgeadachadh maiseach, air a chur ’n a [TD 333] shineadh ann an ciste laidir, far am bheil e air a ghleidheadh air uachdar na talmhainn re aireimh sonaichte laithean, chum gu ’n silear na deoir gu frasach thairis air. Tha na cairdean an sin ’g an suidheachadh fein mu ’n cuairt do ’n chiste, a’ deanamh mor-chaoidh le bas-bhualadh, le ’m folt air a sgaoileadh, le sac-eudach agus le bhi ’cur am beoil ’s an duslach. An uair a roghnaichear aite freagarrach air son na h-uaigh, tha i air a cladhachadh gu domhain, agus tha ’chiste air a leagadh sios gu tosdach an lathair nan uile. Tha ’n t-aite an sin air a chomharrachadh le tuam riomhach, air chumadh crudh eich, a bhi air a thogail thairis air, agus ainm an ti a chaochail air a ghearradh a mach ann an litrichibh soilleir. A thuilleadh air so uile, tha clar-cuimhne air a chur suas ann an talla nan sinnsear aige, agus dh’ ionnsuidh sin thig iad gach bliadhna chum iad fein umhlachadh an lathair tainnisg nam marbh. Tha iad, aig gach am air an tig iad ag ullachadh loin iomchuidh chum ocras nan spiorad nach fhaicear leo a shasuchadh, air doibh a bhi ’deanamh a mach gu ’m fannuich na spiorada sin, mur bi iad mar so air am beathachadh. Tha iad anns na teampullaibh aca, a’ toirt urraim le ’n uile dhurachd do na mairbh. Chum solar a dheanamh air an son, agus chum gach uireasbhuidh a bhuineas doibh a shasuchadh anns an ath shaoghal. Tha iad a’ losgadh paipeir a’ dealradh le h-or, agus mar an ceudna, a’ cur thighean agus charbadan, a rinneadh le paipeiribh oirdheirc, ’n an teine, anns a’ bharail gu ’m bi iad sin uile air an cruth-atharrachadh ’s an ath shaoghal chum airneis iomchuidh a dheanamh do na tainneasgaibh a tha gun fhuil gun fheoil ann an saoghal nan spiorad. Tha am paipeir oir air a thionndadh air an taobh thall do ’n uaigh, gu airgiod freagarrach air son feum spiorad nam marbh! Mar a’s aird’ ann an inbh an ti a gheibh bas ’s ann is faide a nithear caoidh air a shon. Tha ’n t-Impire ri caoidh re thri bliadhna air son a pharanta fein, agus tha gach deagh iochdaran a’ leantuinn ’eiseimpleir-san. Tha na h-uachdarain a’ toirt thairis an dreuchd ri am na caoidh’ ’tha na daoine foghluimte a’ sgur dhe ’n rannsachadh a mach, agus tha na daoine cumanta a’ cur an oibre gu taobh! Is muladach a bhi ’smuaineachadh air saobh-chrabhadh cho cianail ri so; agus tha e ’n a aobhar taingeileachd dhuinne, gu ’n do thilg an Ti a’s airde ar crannchur ann an tir far am bheil solus Greine na Fireantachd a’ fogradh an tuigh dhorchadais sin air falbh, agus far am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum soluis le Soisgeul sorruidh na sithe! SGIATHANACH. FEASGAR FANN FOGHARAIDH. Tha ’n abhainn ag ialladh troimh ’n ghleann, ’S air gach taobh dhi tha ard-bheanna cas, Far an cluinnteadh mor-thorman nan allt’ A’ tearnadh gu calmara, bras, ’N uair a sguabas an doinionn am fraoch, ’S air an aonach a dh’ aomas an fhras. Ach an nochd anns a’ choire ’s beag ceol, ’S ciuin orain nan sruthan m’ an cuairt; [TD 334] Tha gach maol-bhinnein caillte ’s na neoil A tha ’tuirling ’s ’g an comhdach gu luath; Tha gorm-shnuadh an fheasgair ’s a’ ghleann, Agus sìth ’dol gu ard-cheann nan cruach. Tha feadag ri caoidh air an tom— Fead lom, fhada ’s cianaile fuaim— Mar thaibhs’ air a sguabadh o’n tonn, ’S e ’freagairt a tromh-ghuth fad’ uaith, No seann-treun a rinn eirigh bho ’n fhonn, ’S a chuir lom-sgrios a dhuthcha fo ghruaim. O, eala, O, eala mo ghaoil Thar monadh an fhraoich a’ dol seach, Tha thu ’stiuradh gu iar-chuan na gaoith, ’S neoil mhaoth-gheal a’ falach do dhreach; ’N ann a’ freagradh na fairg’ tha thu ’glaodh’ch? ’Bheil a h-anail mu d’ thaobh ’tha mar shneachd? Cha chaoidh thu mar mise ’s an am;— ’S iomadh bard ann an rann ’chuir an ceill Mar a dh’ fhograr luchd-aiteach nam beann, ’S a dh’ fhasaichear aros nan treun;— O, cha chaoidh thu, oir, agads’ gach am, Tha comhnadh na fairge nach geill. Ach c’ uime ’bhi caoidh? oir cha till Ar caoidh-ghuth na gaisgich a dh’ fhalbh; Ach, sinnte ged tha iad ’s a’ chill, Cha ’n ’eil iad ’s na linnte so balbh; Tha ’n gniomhan a’ togail an cinn, ’S ag éigh’ch ruinn mar ghuth o na mairbh. Cha ’n ’eil air na Gaidheil ach ceo, Mar neoil air na sleibhtean ud thall; O mosglaibh gu luath as ur clodh, A’s fasaibh mar og-choill’ nam beann; Deanaibh dusgadh ’s na tuitibh gach lo Mar sheann-choill’ gu mointeach nan gleann! MAC-OIDHCHE. SGEULACHD AIR MAC-AN-RUSGAICH. (Bho Sgeulachdan Gaidhealach Le I. F. Caimbeul.) Bha tuathanach ann uair-eigin agus bha e ro dhona d’ a sheirbhisich, agus tra bhiodh an tìm seirbhis aca dluth air a bhi aig crich, gheibheadh e leisgeul gu connsachadh a dheanamh riutha, ’s chuireadh e air falbh iad gun tuarasdal. Chuir e air falbh moran d’ a sheirbhisich air an doigh sin. Ach bha fear pratail ann d’ am b’ ainm Gille-naomh Mac-an-Rusgaich; chual’ e iomradh air an tuathanach dhoirbh, agus thuirt e gu ’n gabhadh esan tuarasdal aige; gu ’n tugadh e car mu seach as—gu ’m biodh esan cho fada mu thuath ’s a bhiodh an tuathanach mu dheas. Chaidh Mac-an-Rusgaich thun faidhir na Feill-groig ’s ghabh e srabh ’n a bheul, mar chomharradh gu ’n robh e toileach muinntireas a ghabhail. Thainig an tuathanach doirbh an rathad agus dh’ fharraid e de Mhac-an-Rusgaich an [TD 335] gabhadh e muinntireas, agus thuirt Mac-an-Rusgaich gu ’n gabhadh, na ’m faigheadh e maighistir math. “Ciod a bhios agam ri ’dheanamh,” ars’ esan, “ma ghabhas mi agadsa?” Ars’ an tuathanach, “Bidh agad ris a’ mhonadh a bhuachailleachd:” thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” Thuirt an tuathanach, “Bidh agad ris a’ chrann a chumail;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” “Bidh na h-uibhir de ghnothaichean eile agad ri ’dheanamh cuideachd,” ars’ an tuathanach; ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Am bi na gnothaichean sin duilich a dheanamh?” Thuirt am fear eile, “Cha bhi; cha ’n iarr mise ort a dheanamh ach rud a ’s urrainn duit; ach cuiridh mi ’s a’ chumhnant, mur freagair thu gu ’m feum thu dà thuarasdal a phaigheadh dhomhsa.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cuiridh mise anns a’ chumhnant ma dh’ iarras tu orm rud air bith a dheanamh ach rud a ’s urrainn domh gu ’m feum thusa dà thuarasdal a thoirt dhomhsa.” Chord iad uime sin. “Tha mise,” ars’ an tuathanach doirbh, “a’ cur anns a’ chumhnant ma ghabhas a h-aon air bith againn an t-aithreachas gu ’n teid iall a thoirt as a chraicionn o chul a chinn gu ’shail; “’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cuimhnich gu ’n d’ thuirt thu sin, a bhodaich,” ’s ghabh e muinntireas aig an tuathanach dhoirbh, ’s chaidh e g’ a ionnsaidh. B’ i a’ chaid obair a chaidh iarraidh air Mac-an-Rusgaich a dheanamh e a dhol do ’n mhonadh a thilgeadh mona. Dh’ iarr Mac-an-Rusgaich a bhiadh-maidne m’ am falbhadh e, ’s nach ruigeadh e leas tighinn dachaidh air a shon. Fhuair e na bha iad a’ lughasachadh de bhiadh do sheirbhisich aig aon trath, ’s dh’ ith e sin. Dh’ iarr e a dhinnear, ’s nach ruigeadh e leas stad aig meadhon latha. Fhuair e an lughasachadh a bha air-son a dhinneireach, ’s dh’ ith e sin. Dh’ iarr e a shuipeir ’s nach ruigeadh e leas tighinn dachaidh ’s an oidhche. Thug iad sin da, ’s dh’ ith e sin. Chaidh e far an robh a mhaighstir ’s dh’ fharraid e deth, “Ciod is abhaist do na seirbhisich agad a dheanamh an deigh an suipeireach?” Thuirt a mhaighstir ris, “Is abhaist doibh an aodach a chur dhiubh ogus dol a laidhe.” Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich far an robh a leabha; chuir e dheth ’aodach, ’s chaidh e a laidhe. Chaidh a bhana-mhaighstir far a robh fear a’ bhaile ’s dh’ fharraid i dheth, “Ciod an seorsa gille a fhuair thu an sud? dh’ ith e na tri traithean a dh-aon trath, ’s chaidh e a laidhe,” chaidh a mhaighstir far an robh Mac-an-Rusgaich ’s thuirt e ris, “C’ arson nach ’eil thu ag obair?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu ’n d’ thuirt thu fein rium gu ’m b’ e a b’ abhaist do d’ sheirbhisich a dheanamh an uair a gheibheadh iad an suipeir, an aodach a chur dhiubh agus dol a laidhe.” Thuirt a mhaighstir, ’s c’ arson a dh’ith thu na tri traithean mar chomhladh? ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha, gu ’n robh na tri traithean beag gu leoir gu duine a dheanamh sàthach. “Eirich ’s rach gu d’ obair,” ars’ a mhaighstir. “Eiridh,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “ach feumaidh mi mo bhiadh ’fhaotainn mar is cubhaidh dhomh, air neo bidh m’ obair d’ a reir. Cha ’n ’eil orm a dheanamh ach mar is urrainn mi,—feuch a bheil thu a’ gabhail an aithreachais a bhodaich?” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” ars’ am bodach,” ’s fhuair, Mac-an-Rusgaich a bhiadh na b’ fhearr ’n a dheigh sin. Air latha eile dh’ iarr am bodach air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chumail a’ chroinn ann an dail a bha shios fo ’n tigh. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich; rainig e far an robh an crann; rug e air na uaidnean ’n a lamhan, ’s sheas e an sin. Thainig a mhaighstir far an robh e, ’s thuirt e ris, “C’ arson nach ’eil thu a’ deanamh an treabhaidh?” Fhreagair Mac-an-Rusgaich, “Cha ’n e mo bhargan treabhadh a dheanamh, ach a chumail a a chroinn, ’s tha thu a’ faicinn nach ’eil mi a’ leigeil leis falbh!” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort!” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort fhein a bhodhaich! a bheil thu a’ gabhail an aithreachais de ’n bhargan a rinn thu?” “O, cha ’n ’eil, cha ’n ’eil!” ars’ am bodach. “Ma bheir thu dhomh duais eile air a shon, ni mi treabhadh,” arsa Mac-an-Rusgaich. O, bheir, bheir,” ars’ am bodac; ’s rinn iad bargan ur m’ an treabhadh. Air latha araidh dh’ iarr an tuathanach air Mac-an-Rusgaich e ’dhol ris a’ mhonadh a shealltainn am faiceadh e ni air bith air dochair. Chaidh Mac-an-Rusgaich ris a’ mhonadh, ’s an uair a chunnaic e ’thiom fein thainig e dachaidh, ’s dh’ fharraid a mhaighistir dheth, “An robh gach ni ceart anns a’ monadh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Bha am monadh e fhein ceart;” ’s thuirt an tuathanach, “Cha ’n e sin ’tha mise a’ farraid, ach an robh crodh nan coimhearsnach air an taobh fein?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma bha, bha, ’s mur robh leigear dà; ’s e mo bhargansa, am monadh a bhuachailleachd, ’s gleidhidh mise am monadh far a bheil e.” “Na h-uire ’s h-uireandan ort a bhalaich!” thuirt am bodach. “Ma gheobh mise duais eile airson an crodh a [TD 336] bhuachailleachd;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma gheobh mise duais eile gabhaidh mi os laimh, ma chi mi crodh nan coimhearsnach air a’ ghrunnd agadsa, gu ’n till mi air an ais iad, agus ma chi mi do chrodhsa air grunnd nan coimhearsnach, tillidh mi air an ais iad thun do ghruinnd fein; ach ged a theid cuid diubh air chall, cha ghabh mi os laimh am faotainn, ach ma dh’ iarras tu orm dol g’ an iarraidh, theid mi ann ’s ma gheobh mi iad, bheir mi dhachaidh iad.” Cha robh aig an tuathanach dhoirbh air ach cordadh ri Mac-an-Rusgaich, ’s duais eile a thoirt da airson an crodh a bhuachailleachd: agus bha iad reidh re grathunn ’n a dheigh sin. An ath latha ’chaidh am bodach e fein ris a’ mhonadh, cha b’ urrainn da na h-aighean aige ’fhaicinn; dh’ iarr e air an son, ach cha b’ urrainn da am faotainn. Chaidh e dachaidh, ’s thuirt e ri Mac-an Rusgaich, “Is eudar dhuit fein dol a dh’ iarraidh airson nan aighean, a Mhic-an-Rusgaich; cha b’ urrainn mise am faotainn an diugh; ach rach thusa g’ an iarraidh, ’s iarr iad gus am faigh thu iad.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “C’ aite an teid mise g’ an iarraidh?” Thuirt am bodach, “Rach agus iarr iad anns na h-aiteachan anns an saoil thu iad a bhi, agus iarr iad mar an ceudna anns na h-aiteachan anns nach saoil thu iad a bhi.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mise mar sin mata.” Chaidh am bodach a stigh do ’n tigh. Fhuair Mac-an-Rusgaich fàradh, ’s chuir ris an tigh e. Chaidh e ’n aird air an tigh, thoisich e air spionadh an tubhaidh bharr an tighe, ’s ’g a thilgeadh le leathad; agus m’ an d’ thainig am bodach a mach a rithist bha an tubhadh, gu ach ro bheagan, bharr an tighe, ’s na cabair lom, agus Mac-an-Rusgaich a’ spionadh ’s a’ tilgeadh le leathad a’ chorr. Thuirt am bodach, “Na h-unradh ’s na h-urchoidean ort, a bhalaich, ciod e a thug ort an tubhadh a thoirt bharr an tighe?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu bheil mi ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe,” Thuirt am bodach, “Ciamar a tha thu ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe, far am bheil thu cinnteach nach ’eil iad?” Thuirt Mac-an-Rusgaich “Tha gu ’n do dh-iarr thu fhein orm an iarraidh far an saoilinn iad a bhi, agus mi g’ an iarraidh cuideachd ann an aiteachan far nach saoilinn iad a bhi; agus cha ’n ’eil aite air bith far an lugha ’tha de shaoilsinn agamsa iad a bhi na ann an tubhadh an tighe.” Thuirt am bodach, “Na h-unradh’s na h-urchoidean ort, a bhalaich.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Na h-unradh ’s na h-urchoidean ort fein, a bhodaich, am bheil thu a’ ghabhail an aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm na h-aighean ’iarraidh far nach saoilinn iad a bhi?” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” thuirt am bodach; “rach a nis agus iarr iad ann an aiteachan far am bheil e coltach gu ’m faod iad a bhi ann.” Ni mise mar sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich a dh-iarraidh nan aighean; fhuair e iad, ’s thug e dachaidh iad. An sin dh’ iarr a mhaighstir air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chur an tubhaidh air an tigh, ’s e a dheanamh an tighe cho dionach ’s a b’ urrainn da. Rinn Mac-an-Rusgaich sin, agus bha iad reidh re grathunn na dheigh. Bha an tuathanach doirbh a’ dol a dh-ionnsaidh bainnse, ’s dh’ iarr e air Mac-an-Rusgaich, an uair a thigeadh am feasgar, e a chur diollaid air an each, ’s e ’dhol a dh-ionnsaidh tigh na bainnse, gu esan a thoirt dachaidh; ’s thuirt e ris, “An uair a bhitheas e dlu air da-uair-dheug, tilg damh-shuil an taobh a bhitheas mi, ’s aithnichidh mi gu ’m bheil e dlu air an àm gu dol dachaidh. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. An uair a dh’ fhalbh an tuathanach thun na bainnse, chaidh Mac-an-Rusgaich ’s chuir e na daimh a stigh do ’n fhang, ghabh e sgian ’s thug e na suilean asda, chuir e na suilean ’n a phoca, ’s ’n uair ’thainig an oidhche chuir e an diollaid air an each ’s chaidh e gu tigh na bainnse a dh’ iarraidh a mhaighistir. Rainig e tigh na bainnse, chaidh e stigh do ’n chuideachd ’s shuidh e gus an robh e dlu air da-uair-dheug. An sin thoisich e air tilgeadh suil daimh air a’ bhodach ann ceann gach tacain. Mu dheireadh thug am bodach an aire dha, ’s thuirt e ris, “Ciod e a tha thu a’ deanamh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mi a’ tilgeadh suil daimh an taobh a tha thu chionn tha e dlu air da-uair-dheug.” Thuirt am bodach, “Am saoil thu fein gu ’n deachaidh tu a thoirt nan suilean as na daimh?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cha ’n ann ’g a shaoilsinn idir a tha mi; tha mi cinnteach as; dh’ iarr thu fein orm mi ’thilgeadh suil daimh an taobh a bhiodh tu an uair a bhiodh e dluth air an da-uair-dheug, ’s ’d é mar a b’ urrainn mi sin a dheanamh mur tugainn na suilean as na daimh?” “Na h-uire ’s na h-uireandan ort, a bhalaich,” ars’ an tuathanach. “Na h-uire ’s na h-uireandan or fein, a bhodaich; a bheil thu a’ gabhail aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm a dheanamh?” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” ars’ am bodach: chaidh iad dachaidh comhla ’s cha robh tuille m’ a dheibhinn an oidhche sin. [TD 337] Latha no ’dha an deigh sin, dh’ iarr a mhaighistir air Mac-an-Rusgaich e a dhol an aird thun na cachaileidh mhullaich, ’s e a dheanamh stair chasa-caorach. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rusgaich, ’s dh’ fhalbh e. Chuir e na caoirich a stigh do ’n fhang, ’s ghearr e na casan dhiubh, a’s rinn e an stair le casan nan caorach. Chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt a mhaighistir ris, “An do rinn thu sud?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Rinn; faodaidh tu fein dol g’ a fhaicinn.” Chaidh an tuathanach a dh-fhaicinn an stair chasa-caorach a rinn Mac-an-Rusgaich ’s an uair a rainig e ’s a chunnaic e casan nan caorach anns an stair, chaidh e air bhreasadh ’s thuirt e, “Na h-uilc ’s na h-uireandan ort, a bhalaich ciod e a thug ort na casan a ghearradh bharr nan caorach?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Nach d’ iarr thu fein orm stair chasa-caorach a dheanamh, ’s ciod e mar a dheanainn stair chasa-caorach mur gearrainn na casan dhiubh? feuch a bheil thu a’ gabhail an aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm a dheanamh, a bhodaich?” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” thuirt a mhaighistir. “Ciod a tha agam ri ’dheanamh a rithisd?” thuirt Mac-an-Rusgaich. “Tha, ars’ a mhaighistir, na h-eich agus an stapull a ghlanadh ’s a nigheadh an da chuid am mach agus a stigh.” Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich, ’s ghlan e a mach an stapull,—nigh e na ballachan air an taobh a mach a’s nigh e an stapull air an taobh a stigh; nigh e na h-eich, a’s mharbh e iad ’s thug e an taobh a stigh asda, ’s nigh e an taobh a stigh aca. Chaidh e far an robh a mhaighistir ’s dh’ fharraid e ciod a bha aige ri ’dheanamh a rithisd, ’s thuirt a mhaighistir ris e a chur nan each ’n an uidheam anns a’ chrann, ’s e thoirt tacain air an treabhadh. Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cha fhreagair na h-eich mi.” “Ciod e a dh’ fhairich iad?” ars’ a mhaighistir. “Cha choisich iad air mo shon,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Fhalbh agus feuch iad,” thuirt a mhaighistir. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich far an robh na h-eich, chuir e crioman de dh-aon diubh ’n a bheul, chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt e, “Cha ’n ’eil an droch bhlas orra.” “Ciod a tha thu ag radh?” thuirt a mhaighistir. Chaidh e far an robh na h-eich, ’s an uair a chunnaic e iad ’s an taobh a stigh air a thoirt asda, thuirt e, “Ciod is ciall d’ a so?” “Tha,” arsa Mac-an-Rusgaich, “gu ’n d’ iarr thu fein orm an da chuid na h-eich agus an stapull a ghlanadh agus a nigheadh, an da chuid a mach agus a stigh; ’s rinn mi sin. A bheil thu a’ gabhail an aithreachais?” “B’ fhearr leam nach fhaca mi riamh thu,” thuirt an tuathanach. “Ma ta,” arsa Mac-an-Rusgaich, feumaidh tu tri tuarasdail a thoirt domhsa air neo theid iall de d’ chraicionn a thoirt o chul do chinn a sios gu d’ shail. Thuirt an tuathanach doirbh gu ’m b’ fhearr leis iall a bhi air a thoirt as a chraicionn bho chul a chinn gu ’shail na an t-airgiod a thoirt do thrusdar coltach ri Mac-an-Rusgaich; agus, a reir an lagha, chaidh an tuathanach doirbh a cheangal agus iall leathann a thoirt o chull a chinn a sios a dhruim, ’s ghlaoidh e gu ’m b’ fhearr leis an t-airgiod fhein a thoirt seachad na an iall a ghearradh na b’ fhaide; phaigh e an t-airgiod agus b’ eiginn da ’bhi greis foidh na lighichean, ’s cha robh e ’n a dhuine doirbh tuille. (Ri leantuinn.) TOIMHSEACHAN. Chunnaic mi Sagart a’ coiseach na Sraide, ’S measan beag biorach a’ criomadh a shailtean; Le spailpeadh a chaol-chas ’s le craosachd a ghionchain, Shaoilte gu ’n slugadh e ’n Sagart a dh’ aona-bheum! Thionndaidh an Sagart, ’s roi’ chrathadh a laimhe Chriothnaich an cuilein bho ’chuinnein gu’ mhasan; Le miolranachd mhiolusgiach, mhiodalaich thrailleil, Dh’ imlich e casan an t-Sagairt gu cairdeil. Bha falluinn an t-Sagart de anart glan fìnealt, Gun phreasadh, gun fhailling bho ’braighe gu ’h-ìochdar: Ri fraoidhneadh a gilead bha ’m measan lan farmaid, ’S dh’ fheuch e ri ’buaichdeadh le tuaileas “mac-meamnach.” ’N uair ’theann an luchd-faire ri breith air an t-sabhdair, Fhuair iad a mach nach robh dad ann ach taibhse, Chlaon e mar sgaile an dubh-thrath na h-oidhche, ’S thuit a chrios-muineil ’n a ghlag air a’chabhsair! Sgriobht’ air a’ chrios ud, bha ’ainm ann an Gailig— An cuigeamh, an-t-aon-deug, ’s an deicheamh de ’n ABC. Is e Suaimhneas reult-feasgair an anama, agus is i Subhailc a ghrian. Cha dealaichear iad gu brath o cheile. [TD 338] AN NIGHEAN DUBH. [Ceòl] ’Nighean dubh nan gruaidhean craobhach, Bha mi uair ’s bu bheag a shaoilinn, Gu ’n caidilinn an oidhch’ as t-aogais; Chaidh sud aoga ’s chaochail e cruth. Tha thu suarach umam, an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leat mo ghuth; Tha thu suarach umam an diugh. ’N uair a bha sinn anns na gleanntaibh ’Cuallach a’ chruidh-laoigh mu ’n mhainnir Shaoil mi fhein nach robh air thalamh Fear a mhealladh bean a’ chinn duibh. Tha thu suarach, etc. A thé sin a tha aig na gamhna, Bha mi uair ’s bu mhor mo gheall ort; ’S gil’ thu na sneachd air na beanntaibh, Anns an àm ’s am biteadh ’g a chur. Tha thu suarach, etc. Tha mi lag, ged bha mi laidir, Tha mi sgith gu siubhal fhasach; ’S gur e ’thug mo chridhe mhàn, Ro mheud a’ ghraidh a bharaig mi dhuit. Tha thu suarach, etc. Tha do chneas cho geal ’s an fhaoileann Do dha ghruaidh cho dearg ’s an caorann; Suilean meallach, gorm ad aodann, Mala chaol mar ite ’n loin-duibh. Tha thu suarach, etc. Tha thu boidheach, tha thu loinneil, ’S duilich leam gu ’m bheil thu foilleil; ’S binn’ thu na guth ’choilich-choille, Anns an doire ’n goireadh e moch. Tha thu suarach, etc. Is tric a bha saill air seann each, Agus puinsean ann an glainne, Amhuil sin a’s gaol mo leannain, Mar chop geal air bharraibh nan sruth. Tha mi suarach umad an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leam do ghuth; Tha mi suarach umad an diugh! [TD 339] AM FREICEADAN DUBH. [Thainig na rannan a leanas a mach ann am paipear-naidheachd Sasunnach aig an am ’s an robh “Am Freiceadan Dubh” gu seoladh a chogadh ris na h-Ashantees ann an Africa. Cha robh an deise Ghaidhealach air a meas freagarrach do ’n duthaich, agus uime sin dh’ fhag iad as an deigh i.] THE EMBARKATION OF THE BLACK WATCH. Oh, what is the news? Why glengarries and trews? Oh, where are the tartan, the kilt, and the feather? Just laid bye for a bit, since they say they’re not fit For the African jungle and African weather. And whate’er may befall, ’tis not they, after all, That strike such a terror to every beholder; Oh, no! ’tis the men from the mountain and glen, When the Watch-word is—“Highlanders, shoulder to shoulder!” And when the pipes blow and they march on the foe, To the tune of the “Highlanders over the Border,” The lads from the North will step gallantly forth, As if on parade, without haste or disorder. And the blacks will find out, when it comes to a bout, Though in all their fierce tribes none are stouter or bolder, What stern courage is shown when the pibroch is blown, And the Watch-word is—“Highlanders, shoulder to shoulder!” When the moment is ripe, to the skirl of the pipe, The gallant Black Watch will dash into the battle; And silent and strong, cut their way through the throng, And grimly will slaughter the foemen like cattle. And the next time the blacks, are expecting attacks, At the sound of the pibroch their hearts will grow colder— For they ’ll know it denotes that there ’s slitting of throats, When the Watch-word is—“Highlanders, shoulder to shoulder!” —Fun. SEOLADH AN FHREICEADAIN DUIBH. O ciod so an sgeula? Cà ’n d’ fhag iad am féile? C’ uime boineid a’s brigis an àit’ iteig a’s breacain?— Ann an Africa ’n teas, am measg meanbh-choille ’s phreas, Bho nach freagradh iad doibh chuir iad diubh iad car tacain. Ach cha mhill so an cliu; cha ’n i ’n deise co-dhiu, Tha ’cur balla-chrith air naimhdean ’s a’ fuadach an cèille; Cha ’n i! ach na laoich ’thig o bheanntaibh an fhraoich, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” Feuch morachd nam flath ’dol a dh-ionnsaidh a’ chath! Bidh a’ phiob a’ seinn “Bail’ Ionaraora” gu ceòlmhor; Air faiche nam blar chithear gluasad nan sar, Mar aig spaidsearachd-feille, gu h-athaiseach, seòlmhor. [TD 340] ’S iad na naimhdean a chi, ’n uair a thig iad gu strith,— Ged a shaol iad an dubh-threubhan borba nach geilleadh— Meud an gaisge ’s an cruadh ’s ’n uair tha ’n ceol ’g a chur suas, A’s a’ Chath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” ’N am tarruing nan lann,—le piob-mhoir aig an ceann— An sas theid na Gaidheil le deine do-thilleadh; Le ’n gaisge ’n le ’n tréin’ ni iad rathad dhoibh fein, ’S an naimhdean, mar spreidh, bidh ’g an leireadh ’s ’g am milleadh. Na dubh-dhaoin’, am feasd tuille, cha ’n fheith ri aon bhuille; Is leoir dhoibh ma chluinneas iad “Gillean an fheilidh,” Oir bidh aca dearbh-fhios ’n a lorg gu ’n tig sgrios, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” Eadar. le MAC-MHARCUIS. GAIDHEIL GHLASCHU AGUS ALASDAIR-NAN-STOP. “O ’n ’bha esan mar sin domhsa Bidh mise mar so dhasan.”—Donncha Ban. Shaoil sinn an uair a cluir sinn Alasdair-nan-stop fo ’n uir agus leac-lighe air ’uaigh, nach cluinneadh ar luchd-leughaidh guth tuille m’ a thimchioll; agus cha mho ’chluinneas iad a’ bheag uainne mu Alasdair, oir tha duil againn gu bheil iadsan a thug a lathair an toiseach e air fas gle sgith dheth; ach tha E. M. L. a chuir an aithis air eaglaisean Gaidhealach Ghlaschu gu ’n robh Alasdair-nan-stop ’n a fhoirfeach ann an aon diubh, air litir mhi-mhodhail a chur a dh-ionnsaidh BRATACH NA FIRINN, anns an rathad freagraidh do ’n te a chuir ministear Eaglais Chaluim-chille anns a’ GHAIDHEAL, ag aicheadh gu ’n robh Alasdair, no gu ’m burrainn a leithid a bhi, ’n a fhear-dreuchd anns an eaglais aige-san. Mur biodh ann an litir E. M. L. ach a chainnt mhi-shuairce mu mhinistear Eaglais Chaluim-chille cha mheasamaid gu ’m b’ fhiach i buntainn rithe—tha daoine na ’s eolaiche air an duine sin na gu ’m biodh moran buaidh aig beadaidheachd E. M. L. orra—ach do bhrigh agus gu bheil e a’ cur char ann am briathran Mhr. Blair, agus a’ cur earrannan d’ a litir fa chomhair a luchd-leughaidh ann an cruth gu tur eadar-dhealaichte o ’n doigh anns am faighear iad ’s a’ GHAIDHEAL, tha sinn ’g a mheas mar fhiachaibh oirnn, mar cheartas dhuinn fein agus do Mhr. Blair, facal cronachaidh, facal ceartachaidh, agus facal comhairleachaidh a thoirt do E. M. L. Bu mhath leinn an sin ar lamhan a ghlanadh gu buileach as a’ ghnothach; leigeamaid “a shalchar fein leis gach rudha,” oir tha fhios aig ar luchd-leughaidh “gur momhaide ’n salchar saltairt air.” Cha ghabh sin gnothach ris a’ chiad chuid de litir E. M. L.; cha ’n ’eil an teagamh a ’s lugha againn mu ’n deadh run agus an dichioll leis an do chaith e a shaothair agus ’uine am measg Ghaidheal Ghlaschu. Is e an ni a thug oilbheum do dhaoine an toiseach e bhi a’ cur as leth nan eaglaisean Gaidhealach gu ’n robh trusdair coltach ri Alasdair ’n an luchd-dreuchd annta. An uair a chaidh an aithis ’aicheadh le ministear Eaglais Chaluim-chille air son a chomh-thionail fein, shaoil sinn gu ’n rachadh gabhail ri, ’fhacal gun chunnail, ach a nis air do E. M. L. ’fhaicinn [TD 341] nach b’ urrainn da seasamh na b’ fhaide air cul Alasdair agus nach robh dol as aige o’n chronachadh, tha e air gabhail gu bearradaireachd shuaraich agus leibidich air “spiorad agus sgoileareachd” na litireach anns an d’ fhuair e achmhasan agus air a’ mheadhon troimh an deachaidh an litir a chur fa ’chomhair. A thaobh nam “madraibh crosda,” chi duine a sheallas air litir Mhr. Blair nach d’ thug e a leithid de dh-fhar-ainm air daoine sam bith, ach gur ann a thuirt e, na ’m b’ fhior E. M. L., gu ’n robh cuid de luchd-riaghlaidh nan eaglaisean cho gruamach ri “madraibh crosda.” Tha eagal oirnn nach bi e furasda do E. M. L. a thoirt air daoine seadh eile a thoirt as a chuid eachdraidh. Air son an ainm “uile-bheisd,” is dona ’fhreagras e do ’n fhear a tharruing an dealbh tionndadh agus coire ’fhaighinn do ’n fhear a thug ainm cho freagarrach air a’ chreutair eagalach a chuir esan fa chomhair an t-saoghail. Nach e E. M. L. a tha truacanta ri Alasdair mu dheireadh! Is cruaidh cridhe Mhr. Blair an uair a bhagradh e ainm Alasdair a sparradh a suas air dorsan nan eaglaisean Gaidhealach mar rabhadh do mhuinntir eile! An do dhi-chuimhnich E. M. L. gur e fein a sparr ainm Alasdair a suas air Brataich an lathair an t-saoghail an toiseach. “C’ arson nach do sgriobh Mr. Blàr gus a’ Bhrataich?” Ma sheallas E. M. L. gu taobh-duilleig 179 d’ an BHRATAICH chi e gu ’n do sgriobh Mr. Blair thun fear-deasachaidh na BRATAICH; agus ma chuir E. M. L. troimh ’n BRATAICH tuaileas air na Gaidheil cha ’n fhaic sinn neo-fhreagarrachd air bith ann a bhi ’cur inneil a chum an dion ann an laimh GAIDHEIL eile. Cha ’n ’eil fhios aig E. M. L. nach ’eil aobhar eile aig Mr. Blair airson a litir a chur a dh-ionnsaidh a’ GHAIDHEIL. Tha e ag radh, “theagamh nach b’ fhiach leis a sgoilearachd Ghailig ’fhaicinn ann an ‘leabhran beag ris an canar Bratach na Firinn.’” Tha E. M. L. e fein ag radh nach ’eil an sgoilearachd Ghaidhlig ’n a “mor mheas.” Cha b’ uilear ach dha! Bu choir da mile mathanas ’iarraidh air deasaiche na BRATAICH airson a bhi a’ bruidhinn air e ’bhi ’n a irisleachadh do dhuine droch Ghaidhlig a chur a dh-ionnsaidh na BRATAICH. An uair a theid E. M. L. gu sgeig thigeadh e dha an aire ’thoirt nach abair e rud a bhios calg-dhireach an aghaidh an ni sin a chuir e roimhe a radh. Bu choir da an toiseach an sgriobhaiche agus a Ghaidhlig a mholadh, ma bha e ’dol a radh “nach b’ fhiach leis” sud no so a dheanamh. Tha sinn dearbh-chinnteach nach do smaointich Mr. Blair air di-meas no tarcuis a dheanamh air a’ BHRATAICH agus theireamaid gu ’m bu sgallais da-rireadh dha “leabhar mor Gaidhlig” a radh rithe fein no ris a’ GHAIHDEAL. Tha E. M. L. a’ toirt dhuinn, ma ’s fhior, “am mir mu dheireadh” de litir a’ mhinisteir agus e air a chomharrachadh a mach mar gu ’m biodh e againn an sin mar a fhuair e anns a’ GHAIDHEAL e—facail shlàn agus litirichean ann am meadhon fhacal eile air an cois-bhig ’s air an tarsuinn, a nunn ’s a nall mar a bha saighdearan Sgairinish. Chuala sinn iomradh air “clo-bhualadh fiar” ach dh’ amais sinn air mu dheireadh! Agus a bheil mearachd mu choinnimh a’ h-uile facail a tha mar so air a bhonnaibh-beag? Cha ’n ’eil idir; tha ochd facail fhichead anns a’ “mhir” a thug e dhuinn, agus ’n am measg uile cha ’n fhaic sinn ach aon fhacal cearr, agus litir theagmhach ann am facal eile. Am facal a tha mearachdach, (mhnaoi) tha e gu coitcheann air a ghnathachadh mar so ann an cearn no dha de Earra-ghaidheal, agus ged nach dean so ceart [TD 342] e, nochdlaidh e ciamar a chaidh a leigeil seachad gun an aire a thoirt da. An uair a theid neach gu tiolpadaireachd agus gu gearra-ghobachd bhuineadh e dha a bhi ro fhurachail gu ’n tugadh e facail na muinntir air am bheil e ’toirt breith, gun an lide a ’s lugha dhiubh ’atharrachadh. Cha do sgriobh Mr. Blair, “eaglaisean Gàidhleach” ach, “eaglaisean Gaidhealach”; ged dh’ fhaodas “foirbheach” a bhi cho ceart ri “foirfeach” bu choir do E. M. L. am facal ’fhagail mar fhuair e. Cha mho thuirt Mr. Blair gu ’m b’ eiginn “riaghailtean a dheanamh” chum osdairean a chumail a mach as an t-seisein, ach gu ’n robh e ’n a riaghailt aca nach taghar fear-reic dibhe chum dreuchd foirfich no deacoin. Airson na ’s aithne do E. M. L. dh’ fhaodadh an riaghailt so ’bhi aca o ’n thoisich an comh-thional, agus uime sin cha ’n ’eil ann ach peasanachd da ’bhi ’labhairt mu osdairean agus misgeara bhi ’n am “mòr dhragh” ’s an t-seisein. Agus co a nis an sar sgoilear Gaidhlig so a tha ’g a chur fein suas mar bhritheamh air muinntr eile? Is cinnteach gu leoir gu bheil e fein gun mhearachd ann am “freumh-chur” agus ann an “snaim-cheangal na Gaidhlig. Cha ’n ’eil toil sam bith againne toiseachadh air a chuid litirichean a chriathradh; na ’m biodh, cha bu bheag an ceannach-ruidil a bhiodh air ’fhagail. Gun diog idir a radh mu na litirichean roimhe, ged a tha an te mu dheireadh so aige a reir coltais air a deadh ghart-ghlanadh cha bhiodh e duilich dha amas air urad de Ghaidhlig Ghallda agus de chainnt chearbaich innte ’s a bu choir a chumail o thiolpadaireachd gus an ionnsaicheadh e Gaidhlig a sgriobhadh mar a bhruidhneadh a sheana-mhathair i. Cha ’n ’eil fhios againn ciod an gnothach a tha aig litirichean Runasdaich, anns am bheil cunntas fior againn mu chuid de na faoin-bheachdan a bha ’measg nan Gaidheal o shean, agus gus an latha ’n diugh, ri litirichean E. M. L. mu “Ghaidheil Ghlaschu” anns an robh e ri “firinn no dha mu theaghlaichean air an d’ fhuair e eolas” a thoirt seachad ach anns an do tharruing e air a “mhic-meamna” air a leithid de dhoigh ’s gu ’n do chuir e an ceill nithean a dh’ fheum e fein, agus muinntir eile air a shon, ’aideachadh nach do ghabh aite riamh ann an “teaghlaichean air an d’ fhuair e eolas.” Ann an comhdhunadh, chomhairlicheamaid do E. M. L. da ni a sheachnadh agus is iad sin, Gaidheil Ghlaschu, agus Sgoilearachd Ghaidhlig. Tha eagal oirnn nach toir a laimhseachadh air an Sgoilearachd ach beachd iosal do dhaoine air ’aghartas fein innte; agus tha a bhuntainnean ri Gaidheil Ghlaschu air diomb agus miothlachd a luchd-duthcha a dhusgadh suas ’n a aghaidh. SOP AS GACH SEID. Ma tha sinn ag iarraidh a bhi ’togail air steigh chinntich ann an cairdeas, feumaidh sinn ar cairdean a ghradhachadh ni ’s mo air an sgath fein, na air ar sgath fein. Sgriobh t’ ainm fein le cairdeas, gradh, agus trocair, air cridheachaibh na muinntir sin uile ris am bheil do ghnothuch; agus cha di-chuimhnichear thu gu brath. Tha briathra ’n an nithibh beaga ach is cruaidh a bhuaileas iad, agus is goirt a leonas iad, an uair a bruchdas iad a mach a’ beul an tuaileis. Gnathaichear iad co furasd ’s gu ’n di-chiumhnichear na buaidhean agus na cumhachdan foluichte aca. An uair a labhrar iad gu freagarrach, tuitidh iad mar na gathan-greine air la samhraidh, mar an druchd air an lus mhaoth, agus mar an t-uisge tla, a ta ’sileadh gu mall air na raointibh tartmhor; ach an uair a bhras-labhrar iad le nimh agus feirge, tha iad cosmhuil ris an reotha chruaidh, ris na clochaibh-meallain, no ris an doininn sgriosaich a leireas le ’shearbhad, air muir agus tir. [TD 343-352] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 353] AN GAIDHEAL. II. LEABH.] CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1874. [24 AIR. AN CORAL. Mar is mo a bheachdaicheas sinn air oibre an Ti uile-bheannaichte a dhealbh na h-uile nithe le focal a chumhachd fein, ’s ann is mo a bheir sinn fa’near ar n-aineolas agus ar neo-iomlaineachd fein. Is dall da-rireadh an duine sin nach ’eil a’ faicinn gu bheil oibre an Tighearna gu soilleir a’ foillseachadh a mhaitheis, a ghliocais, agus a chumhachd neo-chriochnach fein. Ge b’e ait air an seall sinn chi sinn meur an De uile-lathairich air a nochdadh ann an lionmhorachd do-aireamh nan nithean sin a rinneadh leis. Tha ’chruitheachd lan de chreutairean anns am bheil beatha, a ta air an cumail suas le caomh-fhreasdal an Ti a dhealbh iad. Gheibhear na creutairean sin de gach meud agus dealbh, agus gheibhear aca an nadur agus an cleachdanna fein fa leth. Ma dh’ amhairceas sinn air feadh na talmhainn chi sinn mile de mhiltean creutair de gach gne. ’S an adhar os ar ceann, tha’n eunlaith eugsamhla maraon lionmhor agus iongantach. Ceart mar sin tha creutairean na fairge, far a bheil iad ’n am miltean a’ gluasad a reir an gne am measg nan uisgeachan. Nach ceart a thigeadh dhuinn eigheach a mach maille ris an t-Salmadair? “Is lionmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithe a rinn thu! t’oibre iongantach agus do smuainte d’ar taobh-ne, cha ’n eil e ’n comas a chur a sios an ordugh dhuit; nochdainn agus chuirinn an ceill iad; ach tha iad ni’s lionmhoire na gu’n gabh iad aireamh.” Salm xi. 5. A reir coslais, tha na h-uiread de luchd-leughaidh a’ GHAIDHEIL nach cuala riamh iomradh mu mheanbh-bheathaichean a’ chorail, a ta co ro lionmhor ann an cuanta na h-Airde deas. Tha na beathaichean so co anabarrach beag, ’s gur ann air eiginn a chithear iad leis an t-suil luim; gidheadh beag mar a ta iad, tha oibre air an deanamh leo a ta iongantach, mor. Tha iad a’ togail suas aitreibh de chreagan mora o ghrunnd na fairge, a ta da-rireadh miorbhuileach ri’m faicinn. Goirear riu so creagan a’ chorail; agus mar fhoillseachadh air oibre an Ti uile-chumhachdaich, tha sinn an dochas gu’m bi cunntas air na creagan sin araon freagarrach agus feumail ’s an aite so. Is ann air eiginn a chreidear gu’m b’urrainn creutairean co ro mheanbh ballachan ard a thogail anns a’ chuan, de stuth co cruaidh ris a’ chloich fein, agus na ballachan sin na ceudan mile ann am fad; ach tha e ’n a ni dearbhta gu bheil iad ’g an deanamh, agus is minic a mhothaich maraichean na ballachan chreag sin chum aimhleas dhoibh fein agus d’an longaibh. Tha cuid de mheanbh-bheathaichhan a’ chorail co mor am [TD 354] meud ri fineig, no ri fride, ach tha cuid eile dhiubh moran ni’s lugha na sin, agus cuid co anabarrach meanbh ’s gu feumar gloineachan mu’m faicear idir iad. Is iongantach da-rireadh an cumhachd a thugadh do na creutairean beaga so a chum oibre a dheanamh, nach b urrainn uile innleachd dhaoine a dheanamh gu bràth. Tha cumhachd aca stuth a tharruing a uisgeachan a’ chuain, a ta cosmhuil ann an nadur ri aol, agus cuiridh iad an stuth so ’n a mheanbh-earrainean air a cheile gus am fas e ’n a chreig chruaidh, charraich, lan de sheomraichean beaga a ta aca mar aitean-comhnuidh. Tha na creagan a nithear air an diogh so de’n aon stuth ri slige, agus an uair a loisgear iad, ni iad, mar na sligean fein, an t-aol a ’s fearr. Tha ’aite-comhnuidh fein aig gach meanbh-chreutair dhiubh so, agus tha gne uidheim aige aig dorus a thighe fein, leis an glac e creutairean beag’ eile air feadh na mara air son loin. Chum beachd a thoirt air meud nan aiteachan-comhnuidh aig na creutairean iongantach so, tha e air ’fhaotuinn a mach gu ’n comhduich aghaidh na h-ordaig corr a’s mile aite-comhnuidh, agus gach aite air a dheasachadh air son ’fhir-taimhe fein! Tha na creutairean dichiollach so a’ siolachadh gu ro bhras. Tha ’n oigridh a’ tighinn a uibhean beaga a ta air am beirsinn anns na tuill far a bheil na meanbh-chreutairean a rug iad a’ gabhail comhnuidh. Ann am beagan laithean an deigh dhoibh na h-uibhean ’fhagail, tha iad a’ toiseachadh air aitean-comhnuidh a dheanamh dhoibh fein; agus tha e ’n a ni iongantach gur ann air uachdar nan aite-comhnuidh anns an d’ rughadh na h-uibhean as an d’ thainig iad fein, a tha iad a’ deanamh sin. Air an doigh so, tha ’n linn a chaidh seachad air an druideadh a suas, agus air an adhlachadh beo ’n an tighean fein, as nach urrainn iad a chaoidh faotuinn a mach, le tighean an sliochd. Mar so tha aon linn a’ cur as do linn eile, agus mar so tha creag a chorail a’ fas mor, le sreath an deigh sreatha de na tighean a bhi air an togail air uachdar a cheile! Tha na meanbh-chreutairean iongantach so ag oibreachadh le riaghailt araidh a bhuineas dhoibh fein. Tha fios ag na h-uile air an eagnuidheachd leis an dean na seilleinean na cirean-meala, agus air an dichioll a nochdas na seangana ’n an oibribh fein, a reir an gne; ach tha ’n eagnuidheachd agus an dichioll ceudna air an nochddadh le meanbh-bheathaichean a’ chorail ann an doimhneachd na fairge! Tha na creagan corail air an dealbhadh de gach uile chumachd. Tha cuid ag eirigh suas o ghrunnd na mara mar chraobhan maiseach, a’ sineadh a mach am meuran agus am meanglain air gach taobh. Tha cuid eile a’ fas suas mar phreasanaich, agus mar luibheannach aillidh fo ’n lan bhlath, agus a’ nochdadh nan dath a’s boidhiche agus a’s soilleire. Tha na dathan a chithear air na coilltean corail sin anabarrach maiseach. Tha dearg, donn, buidhe, uaine, gorm, agus gach atharrachadh dreach eile ri ’m faicinn air an cur gu h-innleachdach air feadh a cheile, anns a’ choral. Ceart mar a ta na [TD 355] coilltean de gach gne a’ fas air na beanntan air tir, mar sin tha coilltean corail a’ fas a nios a grunnd na fairge, gu ruig a h-uachdar, far a bheil an doimhneachd na ficheadan aitheamh, agus far a bheil sruthan bras agus laidir! Nach miorbhuileach gu ’n deanadh creutairean co beag obair co ro mhor! Ach feumar a thoirt fa’near gu bheil obair nan creutairean so, ann an cuantan na h-airde deas, gu minic co ro mhor ’s gu bheil iad ’n an cuis eagail gu tric do ’n mharaiche. Ann am meadhon a’ chuain mhoir, na ceudan mile o thir sam bith, gheibhear na creagan corail ag eirigh gu h-uachdar na mara, ’n am ballachan laidir, air an togail ann an cuairtibh mar fhainneachan farsuing, anns am bi a’ mhuir ciuin, reidh ’n am broinn, ’n uair a bhios na tonnan atmhor agus ànradhach air an taobh a muigh de na ballachan sin. Tha na fainnean mora sin a’ cumail fasgadh cuain ’n am broinn fein, an uair a chithear geal-ghaire nan tonn a’ briseadh cruinn-thimchioll nan creag o ’n leth a muigh. Ged nach ’eil an coral fein ag eirigh thar uachdar an t-saile anns na cearcallan iongantach so, gidheadh is minic a thogas an t-anradh-fairge mirean briste de ’n choral suas os ceann nam ballachan, air choir ’s gu bheil eileanan air an deanamh air an doigh so leo. Chum beachd a thoirt air meud nam ballachan so, bithidh iongantas air ur luchd-leughaidh a chluinntinn gur tric a chunnacas iad o cheithreamh mhile gu mile air leud, agus iad sin a’ deanamh fainne no cearcall anns a bheil o fhicead gu sea fichead mile astair mu ’n cuairt. Nach anabarrach mor an soitheach-uisge so, a tha gu minic o thri gu sea ceud troidh ann an doimhneachd! Cha ’n ’eil am ballachan Bhabiloin, balla mor China, agus ann an togalaichean barra-chaol (Pyramids) na h-Eiphit ach mar obair-chluiche na cloinne, an coimeas ri meud nam ballachan miorbhuileach so a ta air an dealbhadh ’s a’ chuan dhoinionnach le creutairean co anabarrach meanbh! Tha, mar is tric, dorus no fosgladh ann am ballachan nan cearcall mora a dh’ ainmicheadh, farsuing ni ’s leoir a chum comas a thoirt da na longan a’s mo, seoladh a steach ’n am broinn, far am faigh iad deadh acarsaid, agus fasgadh o gach gaoth a sheideas. A thuilleadh air na h-oibre mora so am meadhon a’ chuain, tha lionmhorachd eileanan ann a ta air an cuartachadh le ballachan corail aig astar araidh a mach o thir. Tha Eilean na Frainge (Isle of France) mar so air a dhionadh ceithir thimchioll le balla corail, agus iomadh eilean eile a bharr air. Tha e iongantach r’ a smuaineachadh gu bheil a ghnath fosgladh anns na ballachan sin, direach mu choinneamh gach acarsaid agus loch ’s na h-eileanan sin, air an seol na soithichean a stigh gu tir. Chunnaic am Freasdal iomchuidh a’ chuis a bhi mar so, oir na ’m bitheadh na ballachan corail gun fhosgladh ’s am bith, a’ cuairteachadh gach eilean air an doigh ud, cha ’n fhaigheadh soitheach sam bith a choir an fhearainn gun a bhi air a sgealbadh as a cheile. Air taobh na ear-thuath de [TD 356] Australia, tha balla corail mu dheich mile a mach o thir, a tha corr a’s seachd ceud mile air fad, agus is minic a chaidh soithichean a bhriseadh ’n am bloighdean air agus a chailleadh na sgiobairean. Cha ’n urrainn duinn aig an am so gach ni mu ’n choral ainmeachadh. Tha e r’ a fhaicinn fo liutha atharrachadh cumachd agus dealbh, ’s nach ’eil e comasach an ainmeachadh fa leth. Ann an aitean eile de ’n t-saoghal, tha eileanan air an aiteachadh agus air an comhdachadh le craobhan de gach gne a ta air an steidheachadh air na creagan corail. Rinneadh na creagan ud an toiseach gu uachdar na fairge leis na meanbh chreutairean a dh’ ainmicheadh, agus a ris, bha na creagan fein a’ tional gach stuth air an uachdar a bha ’n cuan a’ tilgeadh suas, gus mu dheireadh an d’-fhas an stuth sin daingean, agus an do thoisich feur agus luibheannach de gach seorsa air fas suas gu dosrach agus pailt. Am measg uil’-innleachdan an duine, agus dh’ aindeoin a sheoltachd gu nithe iongantach a dhealbhadh agus fhaotuinn a mach, cha robh e riamh ’n a chomas fearann tioram a dheanamh dha fein ann am meadhon na fairge. Gidheadh rinneadh an gniomh iongantach agus mor so, cha ’n ann leis an duine’ ach le creutair meanbh, a ta mar neoni ’n a shuilean—creutair co ro bheag ’s gur ann air eiginn a tha cumhachd aig suil an duine a leirsinn idir. Ach cha ’n ’eil ni ar bith neo-chomasach do ’n Ti uile-chumhachdach agus uile-bheannaichte aig a bheil a chaomh fhreasdal os ceann ’oibre gu leir. An uair a bhios sinn a’ suidheachadh ar n-inntinn air gach obair mhiorbhuileach a chithear mu ’n cuairt duinn, bu choir duinn beachdachadh le mor umhlachd air cumhachd, gliocas, agus maitheas neo-chriochnach an Tighearna De uile-ghlormhor a dhealbh na h-uile nithe. Tha cumhachd an duine mar neoni, seadh ni’s lugha na neoni an coimeas ri cumhachd an Ti bheannaichte sin a chruthaich e. Cha ’n urrainn sinne, cha ’n e ’mhain na nithe a’s lugha a chruthachadh, ach na nithe a chruthach Dia agus a chairich e fa chomhair air sul, a thuigsinn. Tha sinn a’ faicinn an fheoir air na raointibh, ach cha ’n ’eil fhios againn cia mar tha e ’fas suas agus a’ teachd fo bhlath. Tha sinn a’ faicinn oibre innleachdach gach meanbh chreutair ’s a’ mhuir agus air tir, ach cha ’n aithne dhuinn an seol neo-mhearachdach air a bheil iad a’ saothaireachadh. Tha sinn a’ faicinn nan creagan corail air an dealbhadh am measg nan tonn buaireasach le creutairean ro mheanbh, ach cha mho is urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil cumhachd aca ni co miorbhuileach a dheanamh, na ’s urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil a’ ghrian, a’ ghealach, agus na reultan, a’ siubhal gu neo-mhearachdach ann an gorm-astar nan speur. ’S e ar dleas ’nas, gidheadh, a bhi’ beachdachadh gu curamach air oibre a’ Chruithfhir bheannuichte, chum ar n-irioslachd a dhusgadh, agus a chum gloir a thoirt d’ a ainm naomhasan. Am bi sinn gach la ag [TD 357] imeachd am measg mhiorbhuil na cruitheachd, gun mheur a’ Chruithfhir ’fhaicinn anns gach ni mu ’n cuairt duinn? Na biodh a’ chuis mar so, oir is leoir na nithe a’s lugha air an comas duinn amharc chum ar deanamh umhal, agus agus a chum toirt oirnn eigheach a mach, “Is airidh thusa a Tighearna, air gloir, agus urram, agus cumhachd ’fhaotuinn; oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do thoil-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad.” Taisb. iv. 11. SGIATHANACH. DAN, AIR FOGRADH NAN GAIDHEAL. LE SEUMAS MUNRO. A Mhic-talla na Gàidh’lteachd, Ciod a’s fàth so do ’n ghàir tha ’s a’ Gleann? Cluinneam ciùcharan phàistean Agus ochanaich mhà’irichean ann; Reachdraich dhaoine fo àmhghar, Caoidhrean ògan ’s àilleagan fann;— Leam is tiamhaidh ’cho’-ghairich ’Tha a’ taomadh á d’ àros ’s an am! “Tha thu d’ choigreach ’s na Gleanntaibh, ’Fhir ’tha ’ceasnachadh Sean-ghuth nan càrn, No cha b’ fhàth dhuit ’bhi feòraich Ciod a’s aobhar do m’ chò’-ghair-s’ an trà s’; Tha Luchd-dùchais na Tìre ’S iad ’g am fògairt à ìnnsibh än gràidh! ’N diugh tha ’n Gleann so ’g a sgaoileadh,— Agus sin a’s ceann-aobhair do ’n ghàir! ’S e ’bhi ’g ai’ris gach cómhraidh ’Thig am charabh is dògh dhomh o thùs, Ach tha m’ aigne fo dhòlas A bhi ’g ai’ris air bròn mo luchd-dùch; Rànaich naoidheanan òga, Tùrsa sheann mhnathan breòite gun sùrd, Cnead nan sean fhear fo dhòruinn, Agus ospail a’ chròilein gun lùs! Gu ’n robh m’ ath-sgal neo-aobhaidh ’N àm ’bhi ’g ai’ris na gaoire ’bha Tuath, Agus aitreibh ’g an sgaoileadh A’s an lasair ’n a caoiribh m’ an stuaidh! Tailmrich shaighdeir a’s mhaora, Braghail chabar a’s thaobhan am chluais, Donnal chon’ mar ri caoineadh Nam panal falt-sgaoilte gun tuar! O! cha b’ ionann ’s na fuaimean Sin a b’ éibhinn le m’ chluais ann o chéin,— B’ iad ceol-maidne nan gruagach, Mar ri ceilearadh bhuachaill, mu ’n spréibh; Sgal an t-seannsair ’g am ghluasad Agus fathrum na Tuath ’dol gu féum, Moch, a’s ceò mu na cruachaibh, A’s an dealt air na bruachaibh fo ghréin ’Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid, Dh’ éisdinn cliù as gach fàrdaich ’dol suas A’ toirt molaidh do ’n Ard-righ,— Agus dh’ ai’risinn tlàth air an fhuaim, ’S air na h-ùrnaighibh dìomhair ’Dheant’, gu h-ùmhlaidh, aig ìochdar nam bruach, No fo sgàile nan craobha ’Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan. ’S na ’m biodh Càs ag cur campair Air an Dùthaich, no’ m Frangach ri strìth, Dh’ éireadh sluagh as na Gleanntaibh Anns an àm ud, a chambach mu ’n Rìgh, ’S sin air iarrtas nan uachd’ ran Tha a nise ’g am fuadach á ’n glìnn, Chionn le Gionach na Buannachd, Gur h-annsa na sluagh leotha Nì! Sid dol roinn de na Triathaibh A rinn liansgradh o ’n t-siol a bha ann, ’Meas na Tuath’ mar shliochd diolain, A’s ’g am fuadach gu h-iargalt o ’n rann; Cha ’n ’eil dìdionn no fialachd Tlus a’s ceanal nan riaghlar ach gann; ’Righ! cha b’ ionnan o chian so, ’N uair bha ’Thuath aig gach Triath mar a chlann. Anaghaol sòigh agus mearchais, Mar ri mòr-chuis a’s aintheas a’s pròis, Chuir na Fearainn an ainfhiach, Agus b’ èudar an cearbadh air òr; ’N luchd-lagh’ ’chaidh ’g an teanchdadh, Mar bu nòs, chuir an anacheart am mòid. Gus am b’ éiginn ‘na sealbhan’ Uile ’mhalairt air airgead na ròic! So rinn fàsaichean faoine, Lóm, àiteach gun daoine, ’s an Fhonn ’S an robh dillseachd a’s daondachd Ann an cònuidhibh faoilidh nan sonn;— ’S, far am buainteadh na raointean, ’S cianail mèilich nan caorach ceann-lom ’N ionad dhuanagan gaolach Nan gruagach a b’ aobhaiche fonn! So rinn cònard a’s garbhlach, Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn Sin nan sàr-churaidh garga ’Chùm Triatha nan Garbh-chrioch ’n an greim [TD 358] Le tréun-chalmachd an gàirdean, A’s nach d’ àraich aon àm orra foill!— ’S truagh an diugh leam gu ’n d’ fhàgadh An iarmad air fàrsan, gun sgoinn! Ach, na ’n tòirleamadh Baoghal ’Nuas, a bhagradh nam fraoch-bheann ’s nam frìth, Bhiodh na Maithean ud faondrach, A’s an Cabraich ’s an Caoraich gun bhrìgh, Ach gu lòn do na nàimhdean A ghrad-chìosnadh, gun taing dhoibh, an Tìr, ’S luchd a sheasamh na h-àr’aich (’S do ’m bu ghnàthach buaidh-lárach) d’ an dìth. Tha mo chlann-sa mu ’n cuairt domh, ’S tha mi ’faotainn sgeòil uapa, mar thà Cùisean làimh-riu a’ gluasad Anns na glinn anns an dual dhoibh ’bhi tàmh; Tha mòr-chliù air Triath Chluainidh, Chionn e ’ghleidheadh an dualchais mar bhà, ’S nach do chuir e air fuadach Aon teaghlach de ’n t-sluagh ’tha f’a sgàth. ’S ion bhi ’g iomradh mar chòmhla Air cliù Mhic an Tòisich a’ Bhràigh, ’S Mhic ’ic Eòghain nam mòr-chruach Nach do fhògair an slòigh as an àit; Cliù Mhic Shimi na h-Airde, Agus cliù Mhic ’ic Phàdruic tha sàr; ’S bidh am brataich-san làidir An uair a bhios fàilinn air Càch! ’S ion ’bhi luaidh, mar an céudna, (A’s bu diùbhail mur éight’ e ’s an uair) Gu ’m bi Comunn na Féile Còmhla, cruinn an Dun-éideann gu luath, ’Chumail ciùil agus éididh Agus cainnte nan sléibhtean a suas;— Gu ’n robh cliù agus éibhneas A mhaireas gach ré, dhoibh mar dhuais!” COMHRADH NAN CNOC. AONGHAS, EACHANN, ETC., AGUS AM MINISTEAR. (Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach). EACH.—Tha thug agaibh air, fheara. A bheil guth idir agaibh air sgur? Gu dearbh, Aonghais cha ’n ’eil an stac sin fein furasd a chur as a laraich. AON.—’S ann agam tha fios; ach cruaidh ’s ga bheil e, mar thuirt muileann gliongach a’ ghlinn bhig, Theid againn air, theid againn air. EACH.—Mata is briagh an t-innleachd drochaid fein; is mor am feum a bh’ air te an so. ’S iomadh miobhadh a bha daoin’ a’ faotainn air a’ bheul-atha so. A’ bheil cuimhn’ agad air an oidhch’ a bha sinn air tòrradh brathair do shean-athar? AON.—Fhir mo ghraidh, nach tu bha thall ’s a chunnaich sin. Tha, agus bithidh cuimhn’ agam air. ’S ann air na daoin’ a bha ’n saod math an oidhche sin fein, a’s dh’ fheudadh iad; bha ’n Toiseachd ni bu phailte na tha e ’n diugh. B’ e sin an torradh, ’s cha b’ e torradh spiocach na bochduinn, leis a bheil iad a nis a’ cur dhaoine coire, fiachail fo thalamh. SEUM.—’S i mo bharail, a dhaoine, gu ’m feudadh cuimhn’ a bhi againn uil’ air an torradh a bha ’n sin. Is minic a chuala mi ’m athair a’ seanachas air. EACH.—Tha thu ceart, bha e lathair, agus bu ghramail, sgairteil an ceatharnach e ’s an am sin. SEUM.—Ma ’s fior an seanachas cha ’n fheumadh e a sgairt a bhi ’n a sporan; tha mi ’m barail nach b’ uilear dhuibh uile gach sgairt a bh’ agaibh. EACH.—Bha sgrobadh mosach ann; ach ’s minic a chunnaic sinn ni bu mhios ’s a’ chladh cheudna. Agus ged is cinnteach gur e ’n drama bu choireach, ’s e ’n t-aon siochaire bu leibidich’ a bha ’s an duthaich a thoisich an iorghuill, agus b’ e sin Para saighdear, sgealb de dhuine ’bha cho chrosta ris an dris. Co bha ’n a fhear-freasdail againn ach Iain-na-beinne agus cha b’ e sin lamh na gorta. Mur dean mi breug cha ’n ’eil cuimhn’ agam ciod a fhuair sinn mu ’n do thogadh an giulan; ach tha cuimhn’ agam gun do gabh sinn sgoba math aig Bealach-nan-carn, agus chithe tu corr-fhear gle thulgach air a chasan a’ tearnadh a stigh na [TD 359] catha os cionn na h-eaglais; ach ’s ann air deireadh an latha bu teothadh an cath; thainig am feasgar, agus, a mhic chridhe, luidh sinn air. Ciod a th’ agad air, ach bha Paraig, ’s e ’n a shuidhe air ultaich de chloich chruinn, anns an turramanaich; ann am prioba na sul dh’ fhalbh a’ chlach, agus sios chaidh e fein agus ise car air char leis a’ bhruaich. Mar bha ’n tubaist ann, co bha ’n a shuidhe lamh ri Paraig, ach an ceatharnach coir agus b’ e sin esan, Eoghan mor. Cha chomhdaicheadh an saoghal air Paraig, (agus e ’n a pheasan mar bha e), nach e Eoghan a chuir leis a’ bhruaich e, agus ’n a bhad a bhitheadh e; ach b’ e sin streap a’ mheasain ris a’ mhiol-chu; ach coma leat chaidh an ceol air feadh na fidhle, ’s bha ’n t-sabaid air bonn. Dh’ eirich na h-uile fear gun fhios co bu Chalum, agus bha iad mar sin a’ spionadh agus a’ sgrobadh a cheile, gus an deach an oidhch’ agus an abhainn so fein ’s an eadraiginn. Rainig sinn am beul-atha so, ’s a mach bhiodh na h-uile fear gun suim de ’n chlachran; agus chitheadh tu iad a sios leis an t-sruth, an sas ’n a cheile mar gu ’m biodh coin air lothainn ann, ach feuch riut, ’n uair chaidh iad am bogadh ’s a’ ghlumaig mhoir, mur robh iad gle sgith d’ a cheile; chluinneadh tu iad a’ rocail thall ’s a bhos mar ni an dobhran donn, ach cha luaithe fhuair iad gu tir, na bu bhuidhe leis na h-uile fear a thigh a thoirt a mach mar a b’ fhearr a dh’ fheud e. Och! ’s ann air an duthaich a thainig an da latha. SEUM.—Mata bu ghrannda sin fein a’ measg luchd-duthcha. EOGH.—Coma co dhiu, bha daoine ’cordadh gle mhath airson sin; an dram, fhir mo chridhe, a rinn uil’ e. AON.—Ciod eil’ ach an dram? MINIS.—Ciod so, Eachainn, a rinn an dram? Is iomad olc a rinn e riamh. EACH.—Nach e sin fein an cliu a th’ air; ach mar thachair do ’n Eirionnach, cha ’n ’eil e ni ’s measa na tha ’n t-ainn dha; is sibh a thainig orm gun fhios dhomh; tha ’n rathad so co comhnard reidh ’s nach cluinn duine an t-each donn fein a’ tighinn, ge sunndach faramach a dh’ fhalbhas e: an saoil thu fein Aonghais nach beo an da shuil ’tha ’n a cheann. AON.—Tha Eachann agus mis’ a Mhinisteir a’ tighinn air seann naidheachdan; tha e ’cuimhneachadh dhomh na thachair air torradh bhrathair a shean-athar; agus a’-talach mar tha ’n t-ol a’ dol a cleachdadh air na torraidhibh. EOGH.—Cha ’n ’eil mis, Aonghais, a’ talach air dith drama; ge nach ’eil fhios agam co chuireas ri ’chluais le moit e ni ’s mo na ni mise; cha ’n ’eil mi dad ni ’s deigheile air na daoin’ eile; ach ’n a dheigh sin ’s gu leir cha ’n fhaic mi c’ arson a bhiodhte an aghaidh cuimse dheth an am feuma. MINIS.—’S e sin, am briathraibh eile, an comhnuidh; oir tha fios agadsa far am bi deigh an drama nach robh leith-sgeul an drama riamh air chall. Iarraidh daoine ’s an t-samhradh e chum am fionnarachadh, agus anns a’ gheamhradh gu teas a chur annta. EOGH.—An saoil sibhse ’n uair tha daoin’ a’ saoithreachadh thar muir is monadh, mar is tric a tha iad air torradh, nach feum iad biadh a’s deoch? MINIS.—Feumaidh, ach feudaidh iad biadh a’s deoch a ghabhail ann am measarrachd, gun suidhe sios ann an cladh n’ an cill, agus iad fein a chur air an daoraich; agus is tric a chunnaic mi, nach iadsan is faid’ a thig air astar is cionntaich anns a’ chuis so. Chi mi gur iad na daoin’ is dluithe air a’ chladh is mo a dh-itheas agus a dh-olas. EACH.—Tha sin fior; ach air leam fein, gur grannd an gnothach daoine [TD 360] fiachail a chur fo thalamh mar gu ’m b’ ann gun fhios, gun uiread agus gloin ol mar chuimneachan orra. ‘Tha rathad lamh ris an rathad mhor,’ agus cha ’n fheud e bhith gum bi sibh an aghaidh cuimse. MINIS.—Cuimse, Lachainn, is doirbh a radh ciod ris an abradh tusa cuimse. Nach cianail an gnothach ’n uair a tha bas ann an teaghlach, nach ceadaichear do na cairdibh tursach an deoir a shileadh ann an sith, agus iad fein a striochdadh gu samhach do ’n Ti a smachdaich iad; ach gu ’m feum iad eirigh le cridhe luchdaichte le bron a dheasachadh na fathraire, agus O, bi sin a’ chuirm gun bhlas, do gach neach aig a’ bheil mothachadh. Air mo shon fein, ’n uair a chithinn daoine a’ suidhe sios air chul garaidh anns a’ chill, a’ staoiceadh feola, agus a’ cnuachdadh arain agus caise, agus ag ol le ciocras, is minic a chuir e sgreiteachd orm. Tha misg aig am no an aite sam bith ro ghraineil ach is i mhisg is oillteile misg an torraidh. Ciod an sealladh is uamhasaiche na daoine air an dalladh le daoraich, a’ tuiteam air na leachdaibh sin fo ’m bheil an caomh chairdean ’n an sineadh, agus far am bi iad fein ann an uine ghearr a’ breothadh gu uir. Seadh, agus mar is bitheant a chunnaic thus’ Eachainn, iad a’ dortadh fola cach a cheile air a’ cheart fhoid sin air am fac’ iad deoir nam banntrach agus nan dilleachdan a’ sileadh gu frasach. B’ e so, Eachainn an sealladh graineil, agus cha b’ e a’ mheasarrachd air a bheil thus’ a’ talach. Mo thruaighe sinn! tha sin ullamh ni ’s leoir chum am bas a dhi-chiumhneachadh, ged a chumamaid air chuimhne e an fhad ’s a tha ’n uaigh, a’ chiste, a’ chnuimh, ’s an claigeann ruisgte fa chomhair ar sul. ’S i so an t-searmoin, agus is cruaidh an cridhe air nach druigh i. Tha fas-fhuaim eagallach aig an uir a’ tuiteam air a chistidh bu choir toinisg a dhusgadh suas ’s an duine is neo-mothachala. Tha a teagasg araidh fein aig gach uaigh fa leth, ach tha iomad teagasg cudthromach aca gu leir. Tha gach uaigh fhosgailte ’feoraich dhiotsa, a’ bheil thusa uidheamaichte chum an saoghal ’fhagail, agus a’ cur an ceill duit gur duslach thu, agus a chum an duslaich gum pill thu faidheoigh. Na ’n smuainticheadh daoin’ air so mar bu choir dhoibh, is ann le smuainte stolda a sheasadh iad m’ an uaigh. Cha b’ e fleadhachas na cuirm a dh’ iarradh iad, ach uaigneas agus samhchair anns an guidheadh iad ar Dia na chunnaic iad a bheannachadh chum leas an anama. AON.—B’ i sin an fhirinn; ’s e cridhealas ’bu lugha ’bu choir tighinn fainear dhuinn air a leithid sin de chodhail. EACH.—Aidichidh sinn sin uile, ach gu de dheth sin, cha luaithe thig bas ’s an rathad, na chi mi gur math leis na h-uile h-aon an gradh a nochdadh le dol gu cosdas mar ni daoin’ eile, chum crioch onarach, mar their iad, a thoirt dhoibh. MINIS.—B’fhearr dhoibh an gradh a nochdadh an fhad ’s a dheanadh e feum dhoibh; cha ’n ’eil ann an cosdas torraidh ach straic agus fearas-mhor. Is aithne dhuits’ iad, agus is math is aithne dhomhs’ iad a chosd gu stadail, ’s a chuir iad fein fo ain-fhiach air nach d’ fhuair iad fhathast an uachdar, le torradh an cairdean, m’ an robh iad caoin-shuarach re am beatha; a dh’ fhag an sud iad ’s a’ chuil dhoirche gun suim ’n an deigh. An saoil thu na ’m b’ urrainn doibh an guth a thogail o ’n uaigh, an abradh iad gu’n do chuir stroghalachd an torraidh comain orra? Mur coisinn daoine deadh chliu dhoibh fein ’s an t saoghal so, le giulan teisteil, ionraic, cha dean aon riomhadh torraidh suas doibh e; agus creid thusa mis’, Eachainn, ged a chosgadh [TD 361] tu na th’ agad anns an t-saoghal; ged a rachadh tu do Ghlaschu a dh-iarraidh goireis, is beag buidheachais a bhiodh agad air a shon air a’ cheann fa dheireadh; bhiodh cuid a’ talach agus a’ cur iomchoir. AON.—Ma ta, a Mhinisteir, ge nach ’eil mi ’cur an ag aon fhocal a tha sibh ag radh, feumar aideachadh, gu ’m bi baigh aig daoine ri cleachdadh an sinnsireadh, agus nach ’eil ann am fear aig a’ bheil de mhisnich a bhi air leth o dhaoinibh eile. MINIS.—O! b’ e sin leth-sgeul na truaighe, leis a’ bheil daoin’ air am mealladh anns na nithibh is cudthromaiche; cha toigh le daoin’ a bhi air leth o dhaoine’ eile, ged a tha na daoin’ eile sin a’ dol do ifrinn. ’S e co-fhurtachd an duine dhona air thalamh e; ach an saoil thu, an toir e co-fhurtachd dha ann an siorruidheachd, gu’ n abrar ris ann an dorainn gu bheil e mar dhaoine eile? Cha toigh leams’ a bhi air leth air daoin’ eile anns an ni tha dligheach agus ceart; ach fhad ’s a tha ’n ceartas am thaic, is coma leam ged robh sluagh na duthcha am aghaidh. Is baigheil leamsa cuimhne nan treun o ’n d’ thainig sinn; is measail leam na laraichean briste ’s an robh iad a chomhnidh, agus na leachdan-lighe aosmhar a tha thairis orra; is taitneach leam an deise leis an do shiubhail iad an t-aonach, agus a’ chanmhuinn anns ann deachaidh an teanganna air tus gu comhradh; ach tha fiosrachadh againne nach robh aca-san, agus an lean sinn na h-uile cleachda a chionn amhain gun robh e aig ar n-aithrichean? Cha ’n ’eil an t-am fada thairis ’n uair a shaltair ar n-aithrichean am Biobull fo ’n casaibh, s a lub iad an glun do iodhalaibh breige; ach am miann leat gun deanamaid an ni ceudna? Cha ghabh a h-aon agaibh garbhlach an t-sleibh ud thall, no doimhneachd na h-ath ud thall, a roghainn air comhnard an rathaid-mhoir, ’s air tearuinteachd na drochaid, a chionn ’s nach robh a h-aon seach aon diubh ann ri linn ar n-aithrichibh. Tha baigh againn, agus tha e nadurra a bhith, ri cleachdanna ar n-aithrichibh, ach an e gu ’n stailceamaid sinn fein air larach nam bonn agus gu ’n leigemaid leis an t-saoghal gabhail air aghaidh mar a chitear, ann am fiosrachadh agus ann an eolas; agus nach gluaiseadh sinne a nunn no nall, ach mar ghluais na daoine o ’n d’ thainig sinn. Tog dheth, Aonghais, fhad ’s is beo mi seasaidh mi mach an aghaidh oil agus misg air torraidhean; ged a tha, buidheachas do Dhia air a shon, an cleachdadh narach so a’ dol a nis air cul; gidheadh tha e ’n a thamailt do ’n sgireachd, agus do gach neach a bhuineas di. Ach o ’n a thachair dhuinn tighinn air an t-seanachas so, innis dhomh o ’n a tha sibh uile co deigheil air ur gradh a nochdadh dhoibhsan nach maireann, c’ arson nach ’eil sibh a’ cur leachda-lighe os an cionn, no garadh cloiche m’ an cladh anns a’ bheil iad ’n an sineadh. Cha ruig thu leas innse dhomh gum bu neo-ni sin doibhsan; b’ eadh, ach cha bu neo-ni dhuinne e. Nach bu taitneach an ni ri ciuineachd maduinn na Sabaid, an am dluthachadh air tigh aoraidh an Tighearna, na h-uaighean anns a’ bheil ar cairdean ’n an suain, ’fhaicinn, cha ’n ann, air an stampadh fo chrodh agus fo chaoraich, ach gu tosdach samhach mar bu choir dhoibh fo blath a’ chluarain ghuirm, agus an neonain ailidh. Ann an so, gu dearbh, ghabhta leithsgeul dhaoine ged a chuireadh iad caileiginn de chostas orra fein. AON.—Mata, cha ’n ann a chur cosg air ur seanacaas, ach tha muinntir na sgireachd gu leir ’g a fhaicinn sin ’n a thamailte, agus ’n a ni mi-chiatach, ach tha fhios agaibhse, ‘an gnothach a tha ’n earbsa ris na h-uile fear gu ’m bi e fada gu dean- [TD 362] amh;’ ach n’ an cuireadh sibh fein (leis gach ni math eile ’tha sibh a’ deanamh) mu ’thimchioll, cha chreid mi nach aontaicheadh gach duine ’s an sgireachd leibh; agus ged a bha mis a’ labhairt an diugh mar bha mi, mar bu dùth do sheann duine, a chunnaic iomad atharrachadh ’s an duthaich, cha bhithinn air deireadh ’s a’ chuis sin. Mo bheannachd leibh a Mhinisteir, agus gu ma math a theid sibh dhachaidh, agus cha bhi ’n t-each donn fada ’g a dheanamh. I. M‘L. SGEULACHD AIR MAC-AN-RUSGAICH. (Air aghaidh o ’n aireamh mu dheireadh.) ’N a dheigh sin chaidh Mac-an-Rusgaich a chur gu bhi ’n a ghille aig famhair a bha dona d’ a sheirbheisich. Rainig Mac-an-Rusgaich am famhair, ’s thuirt e, “Tha do ghille air tighinn.” Thuirt am famhair, “Ma ’s gille dhomhsa thu feumaidh tu comh-obair a chumail rium, air neo bristidh mi do chnamhan ’n am pronnan.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ciod e ma dh’ fhairtlicheas mi ort?” “Ma dh’ fhairtlicheas,” thuirt am famhair, “gheibh thu do dhuais d’ a reir.” “Ciod a tha sinn dol a dheanamh ma ta?” arsa Mac-an-Rusgaich. “Tha,” ars’ am famhair, “theid sinn a thoirt dachaidh connaidh.” Dh’ fhalbh iad a’s rainig iad a’ choille. Thoisich am famhair air trusadh a’ h-uile bun a bu ghairbhe na cheile, ’s thoisich Mac-an-Rusgaich air a’ h-uile barr a bu chaoile na cheile a thrusadh. Sheall am famhair air ’s thuirt e, “Ciod a tha thu a’ deanamh mar sin?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mise a los gu ’n toir sinn a’ choille uile leinn, seach a bhi a’ fagail pairt di gun fheum ’n ar deigh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; bheir sinn dachaidh na h-eallaichean so, ach gheobh sinn obair eile a rithisd.” B’ i an ath obair a fhuair iad, dol a bhuain saidhe, a’s dh’ iarr am famhair air Mac-an-Rusgaich esan a dhol air thoiseach. Gheuraich Mac-an-Rusgaich an speal, agus thoisich e ’s chaidh e mu ’n chuairt ghoirid air an taobh a stigh, ’s bha aig an fhamhair ri dol cuairt a b’ fhaide air an taoibh a mach deth. “Ciod e a tha thu a’ deanamh mar sin?” thuirt am famhair. “Tha,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “mise a los gu ’m buain sinn a’ phàirc a dh-aon spadhadh an aite a bhi a’ tilleadh air ar n-ais a h-uile uair a gheuraicheamaid an speal, a’s cha bhi tiom chaillte idir againn.” Chunnaic am famhair gu ’m biodh an spadhadh aige-san moran na b’ fhaide na bhiodh spadhadh Mhic-an-Rusgaich, ’s thuirt e, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn a dh-ionnsaidh oibre eile—theid sinn a’s buailidh sinn an t-arbhar.” Dh’ fhalbh iad a dh-ionnsaidh bualadh an arbhair; fhuair iad na suisdeachan, thoisich iad air obair, ’s trath ’bhuaileadh am famhair an sguab bheireadh e oirre leum an aird thar an sparr, ’s trath ’bhuaileadh Mac-an-Rusgaich an sguab laidheadh i sios air an urlar-bhualaidh ’s theireadh Mac-an-Rusgaich ris an fhamhair, “Cha ’n ’eil thusa ’g a leth bhualadh; nach toir thu oirre cruban mar a tha mise a’ deanamh.” Mar a bu laidire a bhuaileadh am famhair, is ann a b’ airde a leumadh an sguab, ’s bha Mac-an-Rusgaich a’ gaireachdaich air. Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; feuchaidh mi air doigh eile thu. Theid sinn ’s feuchaidh sinn co againn is laidire a thilgeas clach an aodann creige a tha air taobh thall an eas.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fhalbh am famhair ’s thrus e na clachan a bu chruaidhe a b’ urrainn da ’fhaotainn, a’s chaidh Mac-an-Rusgaich ’s fhuair e crèadh ’s rothail e ’n a buill bheaga chruinn’ i, agus chaidh iad a dh-ionnsaidh taobh an eas. Thilg am famhair clach an aodann na creige ’s chaidh a’ chlach ’n a criomagan, ’s thuirt e ri Mac-an-Rusgaich, “Dean sin, a bhalaich.” Thilg Mac-an-Rusgaich dudan d’ an chrèadh agus stic e ri aodann na creige, a’s thuirt e ris am fhamhair, “Dean sud, a bhodaich.” Thilgeadh am famhair cho laidir ’s a b’ urrainn da; ach mar bu mho a chuireadh am famhair de neart leis a’ chloich ’s ann a bu mheanbha a bhristeadh i. Ghaireadh Mac-an-Rusgaich ’s thilgeadh e ball beag eile d’ an chreadh ’s theireadh e, “Cha ’n ’eil thu ’g a leth thilgeadh; nach toir thu air a’ chloich sticeadh anns a’ chreig mar a tha mise a’ deanamh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn ’s gabhaidh sinn ar dinneir, a’s an sin feuchaidh sinn co againn is fhearr a thilgeas a’ clach-neart.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich, ’s chaidh iad dachaidh. Thoisich iad air an dinneir, a’s thuirt am famhair ri Mac-an-Rusgaich, “Mur ith thu d’ an aran ’s d’ an chaise uibhir ’s a dh’ itheas mise, theid iall a thoirt as do chraicionn bho chul do chinn [TD 363] gu d’ shail.” “Dean seachd dheth,” arsa Mac-an-Rusgaich, “air chumha ’s gu ’n teid seachd iallan a thoir as a’ chraicionn agadsa bho chul do chinn gu d’ shail mur ith thu uibhir ’s a dh’ itheas mise.” “Feuch riut ma ta,” ars’ am famhair. “Stad gus am faigh mise deoch,” arsa Mac-an-Rusgaich ’s chaidh e mach a dh-fhaotainn deoch,” agus fhuair e balg leathraich, ’s chuir e am balg eadar a leine ’s a chraiceann, ’s chaidh e a stigh thun an fhamhair ’s thuirt e ris, “Feuch riut a nis.” Thoisich an dithis air itheadh an arain ’s a’ chaise. Bha Mac-an-Rus-Rusgaich a’ cur an arain ’s a’ chaise anns a’ bhalg a bha ’stigh fo ’leine. Mu dheireadh thuirt am famhair, “‘Is fearr sgur na sgaineadh.’” “Is fearr sgaineadh fhein na biadh math ’fhagail,” arsa Mac-Rusgaich. “Sguiridh mise,” ars’ am famhair. “Theid na seachd iallan a thoirt o chul do chinn gu d’ shail,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchaidh mi fathast thu,” ars’ am famhair. “Tha do dha roghainn agad,” arsa Mac-an-Rusgaich. Fhuair am famhair gruth a’s cèa ’s lion e cuman da fein ’s cuman eile do Mhac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is fearr a nis,” ars’ am famhair. “Cha ’n fhada gus am faicear sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is luaithe a dh’ olas na tha ’s a’ chuman.” Dh’ ol Mac-an-Rusgaich a leòir ’s chuir a’ chuid eile anns a’ bhalg, ’s bha e ullamh air thoisich air an fhamhair, ’s thuirt e ris, “Tha thu air deireadh.” Sheall am famhair air ’s thuirt e, “‘Is fearr sgur na sgaineadh.’” “Is fearr sgaineadh fhein na biadh math ’fhagail,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Theid sinn a mach a dh-fheuchainn co againn is fhaide a thilgeas a chlach-neart, m’ an dean sinn tuilleadh,” ars’ am famhair. “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Chaidh iad a mach far an robh a’ chlach, ach bha am famhair cho lan ’s nach b’ urrainn da cromadh g’ a togail. “Tog a’ chlach sin agus tilg i,” ars’ am famhair. “Tha onair toiseach tòiseachaidh gu bhi agad fein,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fheuch am famhair ris a’ chloich a thogail ach cha b’ urrainn da cromadh. An sin dh’ fheuch Mac-an-Rusgaich ri cromadh ’s thuirt e, “Cha bhi a leithid so de bhalg a’ cumail bacaidh ormsa,” ’s tharraing e sgian á truaill a bha ri ’thaobh, chuir e an sgian ’s a’ bhalg a bha air a bheulaobh ’s leig e mach na bha ann, ag radh, “Tha tuilleadh ruim a mach na ’tha ’stigh.” Thog e sin a’ chlach ’s thilg e i ’s thuirt e ris an fhamhair, “Dean sin.” “Nach tilg thu na ’s fhaide na sin i?” ars’ am famhair. “Cha do thilg thusa cho fada ri sin fhein i,” arsa Mac-an-Rusgaich. “A nall a so do sgian,” ars’ am famhair. Shin Mac-an-Rusgaich an sgian aige do ’n fhamhair; ghabh am famhair an sgian agus stob e stigh ’n a bhru i a’s leig e mach am biadh, ’s thuit e gu lar, agus fhuair e bàs. Chaidh Mac-an-Rusgaich a stigh do thigh an fhamhair ’s fhuair e an t-or ’s an t-airgiod aige. Bha e an sin beairteach ’s dh’ fhalbh e dhachaidh lan thoilichte. MU NA SEANN GHAIDHEIL. XVI. CEUD THUS NAN GAIDHEAL. Cha ’n ’eil eachdraidh chinnteach againn a dhearbhas gu soilleir cia as a thainig na Gaidheil. A reir coslais, thriall iad air tus o thir Armenia troimh chomhnardaibh Asia thairis do ’n Roinn-Eorpa aig am cho fada o shean agus nach ’eil cunntas air bith ann an eachdraidh mu ’thimchioll. An deigh sin sgaoil iad air feadh na Roinn-Eorpa gu deas agus an iar, gus an do lion iad an Eadailt, a’ Ghreig, an Spainn, an Fhraing agus a’ Ghearmailt. Gheibhear ainmean Gaidhealach anns gach aon de na duthchannaibh sin, ni a dhearbhas gu ’n robh na Gaidheil uaireigin anns an tir. Mar a bha iadsan a’ triall gus an iar, bha sluagh eile a’ tighinn as an deigh o ’n airde ’n ear, agus bha an ni so ’g an eigneachadh gu sealltainn a mach air son aitean-comhnuidh nuadh, ’n uair a bha na seann aitean ro chumhang, no air an glacadh leis an luchd-imrich ur a thainig as an deigh. Air an doigh so thriall iad air an adhart gus an do rainig iad taobh tuath na Frainge mu choinnimh Bhreatuinn. As an Fhraing thainig iad a nall do thaobh deas Bhreatuinn—oir cha ’n ’eil astar fada cuain eadar an da fhearann; cha ’n ’eil an caolas ach mu thuaiream ceithir mile fichead air leud,—uime sin bhiodh e furasda gu leoir dhoibh [TD 364] tighinn a nall ann an curaichibh mar a bha aca o shean. Lion iad air tus an earrann sin de Bhreatunn ris an abrar Sasonn air an latha ’n diugh, agus an sin sgaoil iad gu tuath gus an do lion iad an t-eilean gu h-iomlan. Tha e cosmhuil gu ’m b’ e “Albainn” an t-ainm a thug iad air an eilean air tus. An uair a thainig sluagh ur a nall as an Fhraing ris an abradh, iad “na Cuimrich” mar ainm, dh’ fhag na Gaidheil ceann deas an eilein aca fein. Mheasgaich an sluagh ur so maille ri cuid de ’n t-seann luchd-aitich, agus an sin thugadh “Breatunn” mar ainm air an eilean; ach ghleidh na seann Ghaidheil an sealbh air ceann tuath an eilein agus lean an t-ainm, Albainn air a’ chuid sin deth oir b’ e so an t-ainm a bha air an eilean gu h-iomlan air tus. An uair a lionadh an duthaich le daoinibh, agus a dh’ fhas i ro chumhang, sgaoil iad a mach gu Eirinn agus Manainn agus eileanaibh na h-airde ’n iar, maille ri Arcamh agus Sealtainn gu tuath. Cha ’n ’eil e soilleir c’uin a thachair an imrich so, ach a reir coslais, feumaidh e bhi corr agns coig no sea ’cheudan bliadhna roimh ar Slanaighear, oir, an uair a thainig Caesar thairis do Bhreatunn, bha na Cuimrich suidhichte anns an tir, agus fhuair Agricola ceann tuath an eilein air a lionadh leis na Caledonaich aig an robh bailtean-mora daingnichte agus armailtean lionmhor sluaigh air son cogaidh. Mar so chi sinn gu ’n robh na Gaidheil suidhichte ann an ceann tuath agus na Cuimrich ann an ceann deas Bhreatuinn an uair a fhuaradh a mach an t-eilean leis na Romanaich. Dh’ fheumadh iomadh linn dol seachad m’an tachradh na nithean so, agus m’an rachadh na caochlaidhean ud thairis air an tir, leis an d’ thainig i gu bhi air a suidheachadh mar a bhi i an uair a fhuair na Romanaich a mach i. An uair a sgaoil na Gaidheil air feadh na tire, bha iad air an roinn ’n an fineachaibh agus ’n an rioghachdaibh mar a bha cinnich eile. Tha Homer, am bard Greagach ag innseadh dhuinn gu ’n robh moran de rioghachdaibh beaga agus de righribh anns a’ Ghreig; bha na Canaanaich ri linn Iosua air an roinn ’n am fineachaibh, agus a righ fein aig gach fine; agus b’ i an aon doigh riaghlaidh a bha anns an Fhraing, ’s an Eadailt ’s an Spainn agus anns a’ Ghearmailt, aig an am sin. Bha na righrean ’s an am sin cho lionmhor ris na diucaibh agus ris na h-iarlachan air an latha ’n diugh. Tha na Seanachaidhean ag radh gu ’n robh seachd righrean am measg na cuid sin de na Gaidheil ris an abairteadh na “Pictich.” Bha, mar an ceudna, moran righrean agus fhineachan am measg nan Deas-Bhreatunnach an uair a thainig Caesar. Cha robh tuilleadh ughdarrais no cumhachd aig na righribh so na bha aig na cinn-fheadhna Ghaidhealach o chionn tri no ceithir de cheudaibh bliadhna air ais. Ged a bha an tiodal, righ, aca cha b’ ionann cumhachd righ aig an ama sin agus righrean an latha ’n diugh. Air uairibh rachadh na righrean so ann an co-bhoinn ri cheile fo aon ard-righ mora bha ’n a cheannard air cach, mar a thachair ri linn Chalgaich a bha a’ cogadh ri Agricola agus na Romanaich aig a’ Gharbh-mhonadh. D. B. B. CEOL NAN EAGLAISEAN GAIDHEALACH: CANNTAIREACHD NA SREATH. A GHAIDHEIL RUNAICH,—Leugh mi le mor dhealas litir H. W. a tha toirt freagraidh do m’ cheud litirse. Tha mi ag aideachadh gu ’m bheil a litir fior shuairce agus uasal; tha mi ag aideachadh gu ’n do chomharraich [TD 365] a mach rannan anns a’ Ghaidhlig; a tha air gach seol cho rag agus a bha an rann a chomharraich e air tus anns a’ Bheurla; gidheadh, cha ’n ’eil sinn fathast a dh-aon bharail mu leughadh nan sreath. Tha mi fhathast, gu dannara, ag radh gu ’m bheil cainntaireachd nan sreath co feumail an diugh agus a bha e o chionn cheud bliadhna air ais. Cha ’n ’eil ach aireamh ro bheag a leughas Gaidhlig anns an eaglais anns am bheil mise a suidhe. Cha ’n ’eil Gaidhlig a nis air a teagasg anns na sgoilean mar bha i o chionn tri fichead bliadhna. An uair a bha mise am ghiullan og, bha, gu tric, gach sgoileir ag ionnsachadh Gaidhlig. Rinn na ministearan Gaidhealach call mor do ’n duthaich ann an leigeil a stigh ghillean oga do na sgoilean-sgireachd gun sgil aca air teagasg cainnt an duthcha; gidheadh, is ann mar so a tha e; agus tha an sluagh an diugh n’is lugha foghluim agus eagal De na bha iad anns an am ud. A nis mu thimchioll precentor liotach no aineolach, cha bhiodh e iomchuidh gu ’m biodh a leithid ann; chuala mise fein, á beul precentor, cainnt a bha gle aineolach. Anns a’ cheud litir cha d’ thuirt H. W. diog air na coisridhean, ach thuirt a gu ’n robh mathachadh mor air a dheanamh an ceol eaglaisean o chionn bheagan bhliadhnaichean. Is e a thuig mise gur e na coisridhean a bha e a’ ciallachadh, oir tha iad a’ fas ro lionmhor; agus ma tha luchd-aoraidh toilichte a bhi a’ toirt aoraidh do Dhia le proxies, dh’ iarrainn orra organ mor, briagh ’fhaotainn air ball, agus an sin cha bhithinn air mo bhódhradh le sgalail Fionnghail oig agus Catriona-ruaidh Nic-an-tailleir, no bùraich Alasdair chlachair. Gu comhdhunadh, tha mi ag radh gu ’m feum na sreathan a bhi air an leughadh no air an canntaireachd am fad agus a bhios Gaidhlig air a searmonachadh. Gu cinnteach cha ’n ’eil tlachd agam anns na coisridhean ach is toigh leam muinntir og a bhi a’ foghlum ciuil; agus suidheadh iad air feadh a’ chomh-thionail, agus seinneadh iad cho math agus is urrainn iad. A thaobh na muinntir a bha a’ seinn aig an teampul, bha iad uile tùrail, agus cha ’n ann ceol-chuthach. I mi, &c., ARGATHALIAN. An t-Oban, A’ Bhliadhn’ ur, 1874. UISGE AFTOIN. (Bho Bheurla Raibeirt Burns.) Siubhail seimh feadh do ghlacan, a chaoin Aftoin nan lùb, Agus seinneam dhuit duanag gu ’bhi luaidh air do chliu; Ri do thaobh tha mo Mhairi an cadal tlath-fhoisneach ciuin; Siubhail seimh ’s as a bruadar na gluais i ’s na duisg. Thusa ’smudain, d’ am freagair ath-fhuaim chreag nan gleann fas, ’S thusa ’londuibh, ’s glan feadag anns na preasan fo sgail,— ’Adharcain chlis a chinn uaine, cum do chruaidh-sgread ’n a tamh, Na cuiribh buaireas no bruaillean air suain-fhois mo ghraidh. ’Aftoin chubhraidh, cia aillidh na beanntaibh ard ’tha dhuit dluth, Le an caochanaibh meara, glan, fallain gun ghruid; Far am bi mi gach là ’n uair tha ’ghrian aig aird’ a buan-churs’, Bothag bhoidheach mo Mhairi ’s mo threud-alaich fo m’ shuil. [TD 366] Cia taitneach do bhruachan ’s do chluanagan caoin; Ann do fhrith-choill cha ’n ainmig an t-sobhrach gheal-bhui’ ghlan, mhaoth; ’N uair bhios braon-dhruchd an fheasgair a’ dealtradh nan raon, Bidh mise ’s Mairi ri sugradh fo bharrach cubhraidh nan craobh. A chaoin Aftoin, cia soilleir do shruthaibh criostail, gun ruaim, ’Ruith ’n an luban mu ’n àiridh ’m bheil mo Mhairi ’cur suas; Cia mear iad ri failceadh casan sneachd-geal mo luaidh, ’N uair bhios i ’luidrich feadh d’ àthaibh ’tional bhlathan mu d’ bhruaich. Siubhail seimh feadh do ghlacan, a chaoin Aftoin nan lub, ’Abhainn chubhraidh gun fhotas, cuspair m’ orain ’s mo chiuil; Ri do thaobh tha mo Mhairi an cadal tlath-fhoisneach ciuin, Siubhail seimh, ’s as a bruadar na gluais i ’s na duisg. Eadar. le MUILEACH. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn). Da latha ’n a dheigh, Chunnaic ceatharnaich na h-uamha Fear a’ gluasad feadh nan creag, ’s e ’g eisdeachd, Mar gu ’m b’ eiginn leis ’anail a chuinntinn. Bha ’choslas a’s airde ciatach Mar Fhiannach, an toiseach feachd, A’ brosnachadh chaich a’s iad ’n a dheigh A’ dol do ’n eug-bhoil’ le Righ Alba. AILEIN.—’So coslas fear-torachd a’ tighinn, ’S eiginn a thilleadh leis an stailinn’. MAC IAIN GHEARR.—’S math a thuirt thu, fhir-chinnidh, ’S eiginn a thilleas am fear aluinn. Faigh dithist eile co math ruinne, ’S fear a thuilleadh,—ach co a’ choig an taobh so ’Chruachan A bheir a shuaicheantas gu lar dheth? AILEIN.—‘Tha thu ’g a aithneachadh?’ MAC IAIN GHEARR.—‘Sheachain mi e gus a so mar mo chomas: Bu tric a bha e ’g am iarraidh ’N uair a thug mi ’n dubh ’s an donn ’s a’ chiar leam. Falbh a sios a’s gabh a sgeul; Is fearr dha sinn fein na Rurach, Mortair bruideil gun iochd gun daonnachd’. AILEIN (Ris a’ choigreach).—‘Failte dhuit, a dhuin’-uasail; Co dhiubh a ’s fear-cuairt thu, na fear eolach?’ COIGREACH.—‘Tha mi air chuairt gun teagamh, ’S gun agam ach beagan g’ am chomhnadh Ged a thigeadh foirneart am rathad. ’S Earraghaidhealach thusa, tuigear a chuid ud. Le fear-duthcha air cladach aineoil, Faondrach, ’s an namhaid borb A’ torachd na dh’ fhalbh, ’s a’ mort na dh’ fhan’. AILEAN.—‘’S Earraghaidhealach thusa, fhir na deas-chainnt; ’S co nach seasadh leat mar t’ iarrtas? Ged nach aithne dhuinn co ’n treubh O’n d’ eirich am fear treun ’tha ’n so ’n a aonar.’ COIGREACH.—Their iad Griogair Mor nam Bo rium An Còmhall far an d’ fhuair mi m’ arach. Co ’n fhine o ’n sloinnear thusa?— B’ olc leam fear do ghuth mar namhaid! Ach gabh do roghainn,—failte, no faobh’r an fhir so!’ AILEAN.—‘Thogadh mi ’n talla ceann-tighe Nach beag iomradh—Torrloisg am Muile; Ailean nan Sop, fear gun rath A tha agad mar charaid,—co do namhaid? Thig a nios a’s gabh ar biatachd; Na diult; tha fear ri d’ chul is fearr Na mise—Mac Iain Ghearr, D’ an duthchas Suaineart, ’S nach aineolach am buailtean Chòmhaill; ’S ged is iomadh toir a chuir thu riamh air, Gheibh thu e gun iarraidh. So an t-aite’. GRIOGAIR.—‘An ceatharnach treun, uasal, ’S beag a chuireas ruaig no toir air; ’S air son na thug e uamsa, fasaidh tuilleadh; ’S duin’ e dh’ aindeoin gach failinn; Bu duilich leam ’fhagail am bealach cumhann’. Thog Griogair cirb a bhreacain [TD 367] Mar ’g a cheartachadh m’an cuairt air,— Sanas a chunnaic dithis air an uilinn An glacag dhiomhair ’s iad ag eisdeachd Ri comhradh nam fear mar a chualas. Cha b’ fhuaim gun seadh an seanachas,— Cuis a dhearbhadh an uine ghearr. AILEIN.—‘Co iad so?’ GRIOGAIR.—‘Tha ’n so mo chomh’alt runach, Griogair og Loch-Ruadhail; ’S am fear mor glas ud eile, Dughallach O ’n Ghallanaich; cha ’n ur an seanachas.’ AILEIN.—‘A dhaoin-uaisle, so an dachaidh fhuar A th’ agam dhuibh.’ ’N uair dhirich iad Am bearradh sleamhain gu fosgladh na h-uamha, Bu ghreim luith a’s faicill, Le lamhan a’s casan a’s misneach, A bheireadh gun chlisgeadh iad Do uamhna nam fear laidir o shean Nach d’ fhuair Rurach no ’mhuinntir, ’S nach b’ fhios do aon eile Ach teaghlach-rioghail Mhanainn Gus an latha ’tha thu ’cluinntinn. MAC IAIN GHEARR.—‘Thig a nios, fhir mhoir nam buailtean; Do bheatha! Ciod e ’chuir ruaig nan tonn ort? ’S duilich leam gur fior nach urrainn mi Do chuireadh ach gu suidheag na h-uamha, ’S sinn air chuairt innte le cheile: Cluinneam do sgeul a’s t’ ànradh.’ GRIOGAIR.—‘Bha mo chomh’alta ’s mise ’S a bhirlinn bhig so shios; Dh’fhag sinn tir am Port Pharaig, A dhol gu h-àit a bha dluth do laimh; Ghlac sinn na raimh, gun duil ri cruadal; Sheid gaoth fhuaraidh a’s cur sneachd; Chaill sinn an rathad gun fios c’àit’. B’ e ’n de an treas latha dhuinn, Gun bhiadh, gun uisge, gun fhurtachd, Ach duil ri bàs tiamhaidh, Gus an d’ fhuair sinn iarrtas crabhach. ’N uair shoillsich grian na madainn an de, Chunnaic sinn am fearann so. Bha mo bhrathair treun, gun mheatachd; Chuidich mi e mar mo dhurachd. Rainig sinn am port beag so thall; Bha ’m fear glas, garbh so air mo laimh dheis, ’G ar feitheamh le dealas bràith reil; Thuig e mar bha sinn gun ùin’ ’innseadh; Fhuair sinn beatha ’s dion o’n laoch bhàigheil. Ri solus na gealaich chunnaic sinn An arfhaich oilteil sin shuas— Sealladh duaichnidh! na cuirp lionmhor A leag sibh an deannal garg ’n an cruachan domhain. Bu lionmhor iad roimhibh, ’s furasd ’innseadh: ’S mor ur gniomh cha teirig cliu dhuibh;— Mo sgeula tursach, cor nan Gaidheal! A cheannaird, thoir sgeul dhuinn gun dail air Rurach, ’S do chomhairl’ am bi duil ri dìoghladh.’ (Ri leantuinn.) SGEUL BEAG IONGANTACH. Bha duin’-uasal araidh ann roimh so a bha air turas ann an aon de na carbadaibh sin a bha ’ruith le ceithir eich, mu’n do dhealbhadh na slighean iaruinn. Aig aite sonraichte bha drochaid fhiodha air a togail thar abhainn bheag, agus air a suidheachadh air da chreig, creag air gach taobh, agus linne mhor, dhomhain eatorra. Le cudthrom a’ charbaid agus a luchd, gheill, agus thuit an drochaid, agus thilgeadh an luchd-turais gu h-iosal anns an t-sruth. ’Nam measg bha Easbuig araidh, a bhean, agus a leanabh. Chaidh na parantan a dhith ach theasairg an duin’-uasal an leanabh le mor-chunnart da bheatha fein. Bliadhnaichean an deigh so, bha ’n duin’-uasal ann an cuideachd shonraichte far an d’aithris e an sgeul beag muladach so, agus far an robh na h-uile ag eisdeachd le mor-churam. Am measg chaich bha bantighearna og, mhaiseach ann, a thug cluas do’n sgeul moran ni’s durachdaich na neach sam bith eile a bha lathair. An uair a sguir an duin’-uasal, ghrad dh’ eirich a’ mhaighdean og suas air a cosaibh, thilg si i fein ’n a ghairdeanaibh, agus thubhairt i, “Is mise an leanabh sin, is mise gun teagamh an leanabh sin, agus riamh gu ruig an la an diugh, cha robh fios agam co a theasairg mi, agus cha robh comas agam air mor-thaing a thoirt da.”—Bha ’n comhlachadh so taitneach da-rireadh; ach cia mor nis taitniche a bhios ar comhlachadh anns na neamhaibh maille riu-san a chaidh a theasairginn [TD 368] o leir-sgrios; agus a ta ’nis a’ gabhail comhnuidh anns an tigh sin nach d’rinneadh le lamhaibh, siorruidh anns na neamhaibh. ALASDAIR RUADH. AM PRIONNS AILBEART NACH MAIREANN. (Dioghlum o mhaileid a’ Mhuillich). ’N uair tha ’m fogh’radh air gach taobh A’ taomadh sios le ’tharbhachd lan; ’N uair tha faile blath an fhraoich, Gu cubhraidh ’sgaoileadh air gach laimh; Co ise ’bhaintigh’rn ’tha, fo ghruaim, A’ direadh suas ri Loch-nan-gar, ’S a tha ’giulan air a gruaidh Dearbhadh gu ’m bheil uaip’ a sàr? Co, ach VICTORIA nam beus, Banrigh aghmhor nan ceud buadh; ’S i ’tuireadh air mullach an t-sleibh, A chionn a ceile ’bhi ’s an uaigh. “O! Ailbeirt, annsachd mo ghaoil.— O ’n ionad naomh ’s am bheil do thamh, An leir dhuit mis’ air lom an fhraoich, Am aonar an so fo phramh? An so, a ruin, bu tric, leinn fein Fo ghorm bhrat speur, fo fhasgadh bheann, A chuir thu gu dìomhair an ceill Do mhor-speis dhomh fein ’s do m’ chlann. Tha mis’ am bhantraich á d’ dheigh, A’ sileadh dheur fo osnaich throm,— Tha iadsan a’ cumha gu ’n d’ eug An t-athair gradhach, reul nan sonn! Och nan och! tha ’n cridhe fuar, Bu tric a phlosg le luath ’s ri m’ chlèith; Gun smid, tha tosdach anns an uaigh An teanga luath-ghaireach gun bheud. Tha ’chos sin à bu shunndaich’ ceum Air toir an fheidh ri uchd nan carn, Gu rag, sinte—mo chreach leir! Fo chis do ’n eug, fo ghlais a’ bhais; O! ciod e dhomhsa gloir mo chruin? Ciod e dhomh luchairtean nan srol; Air do m’ chridh’ ’bhi briste, bruit’ A chionn mo Phrionns a bhi fo ’n fhoid? Bheirinn m’ Impireachd gu leir, O eirigh grein’ gu ’luidhe sios, Airson gu ’n tachradh orm mo cheil’ Air uchd an t-sleibh so, mar o chian.” SGEULACHD: NA FIR-THURAIS, FEAR AN TIGH-OSDA, AGUS A’ MHUILE-MHAG. Is iomadh doigh iongantach a ghabhas a’ mhunntir phàiteach air an iotadh a chasgadh. Chunnaic mi chionn bheagan bhliadhnaichean an sgeul a leanas, mu mhuile-mhàig no losgainn a bhi air a h-uisinneachadh chum na criche so le dithis a bha a’ gabhail an rathaid ’s an taobh deas. Bha iad a’ faicinn an tigh-osda air thoiseach orra; bha iad a’ miannachadh am mochthrath ’fhaighinn, ach bha am pòca falamh. “Ni so an gnothach,” thuirt fear dhuibh, ’s e ’togail muile-mhaig o thaobh an rathaid. Thug e seoladh d’ a chompanach ciod a bha e ri ’radh ’n uair a thigeadh e a dh-ionnsaidh an tigh-osda; thuirt e ris e a ghabhail ceum socraich, agus chaidh e fein air adhart thun an tighe. Dh’ iarr e guth de fhearr an tighe; leig e ’fhaicinn a’ mhuile-mhag ’s dh’ fheoraich e am b’ urrainn da ’innseadh dha ciod an seorsa eòin a bh’ ann. “Cha ’n e eun idir a tha agad, mo dhuine math,” ars’ an t-òsdair, “ach muile-mhag.” “Cha ’n i ach eun,” ars’ am fear-turais. “Cha ’n ’eil annad ach burraidh a bhi ’saoilsinn gur eun a th’ agad,” fhreagair fear an tighe. “Cuiridh mi bodach uisge bheatha an geall riut gur eun a th’ ann, agus fagaidh sinn a’ bhreth aig a’ cheud fhear a thig an rathad,” ars’ am fear-turais. Chaidh an geall a chur, agus cha robh iad fada a’ feitheamh a’ bhreithimh. Chaidh a ghairm a stigh agus innseadh dha gu ’n robh geall eadar am fear-turais agus an t-osdair m’ an chreutair a bha aca—co dhiubh a b’ eun no muile-mhag a bh’ ann—agus gu ’n robh e air ’fhagail aige-san a radh co aca a bha ceart. “Leigibh ’fhaicinn domh an creutair,” ars’ am breitheamh; “cha chreid mi nach aithnich mi eun seach muile-mhag.” Thug iad an creutair a lathair, agus an deigh amharc air, thuirt e, “Is e eun gun teagamh a th’ ann.” Chaidh an geall air fear an tighe; dh’ òl iad am bodach uisge-bheatha eatorra, ’s thog iad orra. J. W. Lag-na-hAbhann, 1874. [TD 369] CAILLEACH BEINN A’ BHRIC. [Ceòl] NOTE.—We have to express our obligations to the kind and accomplished Mrs Macdonell of Keppoch for the music of Cailleach Beinn-a’-Bhric. SEALGAIR. Cailleach mhór nan ciabhag glas, Nan ciabhag glas, nan ciabhag glas; Cailleach mhór nan ciabhag glas, ’S acfhuinneach i shuibhal chàrn.* Cailleach Beinn-a’-Bhric, ho-ró, Bhric ho-ró, bhric ho-ró; Cailleach Beinn-a’-Bhric, ho ró, Cailleach mhór an fhuarain àird. Cailleach mhór nam mogan liath, Nam mogan liath, nam mogan liath; Cailleach mhór nam mogan liath, Cha ’n fhaca sinne ’leithid riabh. Cailleach Beinn-a’-Bhric, etc. Cailleach mhór nan osan fad’, Nan osan fad’, nan osan fad; Cailleach mhór nan osan fad’, ’S astarrach i ’n talamh gàrbh. Cailleach Beinn-a’-Bhric, etc. * Aithris gach ceithreamh dà uair. [TD 370] D é a thug thu ’n diugh do ’n bhéinn, N diugh do ’n bheinn, ’n diugh do ’n bheinn? D é a thug thu ’n diugh do ’n bhéinn? Chum thu mi gun bhéin, gun sealg. Cailleach Beinn-a’-Bhric, etc. Bhà thu fhéin ’s do bhuidheann fhiadh, Do bhuidheann fhiadh, do bhuidheann fhiadh; Bhà thu fhéin ’s do bhuidheann fhiadh, Air an tràigh ud shios an dé. Cailleach Beinn-a’-Bhric, etc. A’ CHAILLEACH. Cha leiginn mo bhuidheann fhiadh, Mo bhuidheann fhiadh, mo bhuidheann fhiadh; Cha leiginn mo bhuidheann fhiadh, Dh’ imlich shligean dubh an tràigh. Ochan! is i ’n dòirionn mhór, An dòirionn mhór, an dòirionn mhór; Ochan! is i ’n dòirionn mhór, A chuir mis’ an choill ud thall. Cha do ghoid mi cliabhan duilisg, Cliabhan duilisg, cliabhan duilisg; Cha do ghoid mi cliabhan duilisg, ’S cha mhò ghoid mi ribeag chàil. Ochan! etc. ’S mór gu ’n b’ annsa bhiolair uain’, A’ bhiolair uain’, a’ bhiolair uain’; ’S mor gu ’m b’ annsa bhiolair uain’ Bhios air bruaich an fhuarain àird. Ochan! etc. Cha ’n ioghnadh mi bhi dubh, ho-ró, Dubh, ho-ró, dubh, ho-ró; Cha ’n ioghnadh mi bhi dubh, ho-ró, H-uile là muigh, o h-ì. Ochan! etc. Cha ’n ioghnadh mi bhi fliuch, fuar, Fliuch, fuar, fliuch, fuar; Cha ’n ioghnadh mi bhi fliuch, fuar, H-uile h-uair a muigh gu bràth. Ochan! etc. ’S ann an siod tha bhuidheann fhiadh; Bhuidheann fhiadh, bhuidheann fhiadh; ’S ann an siod tha bhuidheann fhiadh, Seachad an sliabh dubh ud thall. Ochan! etc. FHIR MO CHRIDHE,—Bliadhna mhath ùr dhut agus moran diubh. Tha mi cinnteach gu ’n robh tha am beachd nach tigeadh Cailleach Beinn a’-Bhric; is fada bho ’n gheall mi dhut i; ach seo agad i mu dheireadh. Air eagal ’s nach bi do luchd-leughaidh uile eolach oirre leig leam facal no dhà d’a h-eachdraidh a thoirt daibh:—B i Cailleach Beinn a’-Bhric bean-shìth a bhiodh na sealgairean air uairibh a’ faicinn ag cuallach agus a’ bleoghann nam fiadh ’s a luinneag fhein aice am Beinn-a’-Bhric. An uair a thigeadh dùdlachh a’ gheamhraidh bhìteadh ga faicinn ga ’n iomain romh Ghleann-Nibheis thun na traghad agus bhiodh mnathan an t-shratha ag cur oirre gu ’m biodh i ag cromadh air an duileasg ’s air an cuid càil; ach, a reir a h-uile cunntais bu chréutair ro-neochiontach i, ’s tha i fhéin ga saoradh fhéin, mar a chìtear ’s an òran. Cleas “Mhic-an-riochd,” sealgair sa bith a chìtheadh a’ chailleach, dh’ fhaodadh e bhi cìnnteach an latha sin nach éirgheadh an t-shealg leis. Bliadhna bha ’n siod, ris a’ gharbh-fhrasaich fhoghair, chualas gu ’m facas i stigh an gleann mar a b’ àbhaist; agus ’s e bh’ ann gu ’n do smaoinich sealgair tapaidh bha ’n sin a’ bheinn-sheilg a thoirt air. Thog e air, ach ged a bha e bho mhoch gu dubh ‘air lorg an fhéidh,’ cha d’ éirich an t-shealg leis. An ciaradh nan tràth ghabh e mu thàmh am bothan-seilge air Ruighe mor Feith-Chiarain, ’s thòisich e air fadadh teine; agus (le doimheadas), air facail-orain a dheanamh air a fonn fhéin. Cha d’ fhuair e ach ceithreamh no dhà dheanamh an uair a chual e tighin i ’s luinneag aice ga gabhail mar a b’ àbhaist. Rinn i seasamh mu chionneamh aig an uinneig ’s chuir i fàilte air. “Chuala mi gu ’n d’ fhuair thu allaban mór an diugh le seachran-seilge,” ars’ ise, “’s thainig mi á Lagan-na Féithe gu Ruighe mor Feith-Chiarain bho ’n a bhuail thu an ciad bhéum teine, a thoirt buaidh na seilge dhut. Bidh mise am màireach a’ bleoghann nam fiadh mar is àbhaist. Am fear nach [TD 371] seas rium, buailidh mi cnaigein na buaraich air. Beachdaich thusa gu math air an fhear sin—dean cuimse mhath agus bidh buaidh ort. Rinn e mar a dh’ iarr i, ’s bha buaidh na seilge air bho ’n latha sin. Ged nach robh a’ Chailleach na còmhalaiche math do na sealgairean bha i na deadh bhancharaid do na ceatharnaich-choille—is minig a fhuair iad bhuaipe sanas mu ’n tòir. Tha ìnnse-sgeoil againn air i dheanamh sin aig ceann Loch-Ciarain agus an Uisge-Labhair; ach fóghnaidh dhomh ìnnse gu ’n b’ ann an riochd boirionnaich mhóir ’s i glanadh mionaich éisg a b’ àbhaist d’ i i fhéin a nochdadh dhaibhsan. Bha miadachd mhór ’s a’ chaillich—theirteadh gu ’m buaileadh a glùn an t àrd-dorus. Bhiodh bréid breac, ballach mu ceann, ’s ciabhagan fada, glas a sìos a dà ghuallainn: uair a chìteadh osain oirre, agus uair mogain; ach cha ’n fhacas riabh i gun sumaig de phlaide bhuidhe uimpe. An uair a chìtear aodach buidhe, pleurann theirear ’s a’ Bhràighe gus an latha an diugh, gu ’m beil e ‘cho buidhe ri plaide cailleach Beinn-a’-Bhric.’ B’ ann de fhrìdh Loch-Tréig a bha Beinn-a’-Bhric; agus their feadhain gu ’m b’ ann do Dhònull mac Fhionnlaidh nan dàn a thug a’ Chailleach a’ bhuaidh-sheilge; ach, cia dhiùbh, cha ’n eileas an teagamh nach fear de shealgairean Mhic-’ic-Raonuill a fhuair i. Bheir mi dhut Sruth-Bhleoghann Cailleach Beinn-a’-Bhric. Is ann aig Iain Mac Ghilleasbaig a chuala mi e. Bhìteadh ga chluich air an truimb. Cha ’n eil duil agam gu ’n robh facail riabh air; ma bha cha bu chuimhne le Iain an cluinntinn. Chuir mi sìos e an canntaireachd, dìreach mar a ghabh esan domh e. Tha tìm a’ phuirt a’ freagairt do ’n bhleoghann. SRUTH-BHLEOGHANN. Dohao hăhan—Dihó hó. Dohao hahan—Dihó hà. Dohao, etc, Dohì hăhan—Dihó hó Dohi hahan—Dihó hà. Dohì, etc. Dohó hó—Dohé hé. Dohó hó—Dohò hà. Dohó, etc. Dóichinn, dóichinn—Daoichinn, daoichinn. Dóichinn, dóichinn—Dóichinn, dà. Doichinn, etc. Dihó hoichinn—Doichinn do. Diho hoichinn—Doichinn das. Doho hoichinn—Doichinn do. Diho hoichinn—Daichinn dà. Diho, etc. Dohan didal—Dohan dădal Dohan didal—Dohan didal Dohan didal—Dohan dadal. Dohan, etc. Dochadro didal—Dochadro dadal; Dochadro didal—Dochadro didal; Dóchadro didal—Dóchadro dadal. Dochadro, etc. Doichinndrinn, doichinndrinn, Doichinndrinn, doichinndrinn, Doichinndrinn, doichinndrinn, Doichinndrinn, dàichinndrinn, Doichinndrinn, etc. Dohan hahan—Diho ho. Dahao hahan—Diho ho, etc. Chuala mi feadhain ag ràdh gur h-ann aig Cailleach Beinn-a’-Bhric a bhiodh an luinneag seo cuideachd; cha teid mi dian ’s a’ chùis, ach ma’s briag bhuam e ’s briag gu m’ ionnsaidh e. M’ aghan fhìn thu, M’ aghan fhìn thu, M’ aghan fhìn thu, M’ aghan donn. ’S e ’n t-aghan guaillfhionn, Nach teid do ’n bhuailidh, Cha ’n iarr i buarach, ’S cha bhuail i laogh. An uair bhios sìoman Air crodh na tire, Bidh buarach-shìthe Air m’ aghan donn; Bidh buarach àigeach Air crodh na h-àiridh ’S bidh buarach àluinn Air m’ aghan donn. M’ aghan, etc. D’ fhaicinn slàn, ABRACH. An Tom-buidhe, An t-Sheana Challainn, 1874. [TD 372] NA MORAIREAN-DEARG AGUS AN T-SABAID. Tha e ’n a chleachdadh ’s an rioghachd so, gu’n dean na Morairean-Dearg cuairt a chur da uair ’s a’ bhliadhna, air bailtibh araidh air feadh na duthcha, a thoirt breith air luchd droch-bheirt de gach gne, agus a chumail chuirtean sonraichte chum na criche sin. Thachair e gu’n d’ thainig na Morairean gu aon de na bailtibh-duthcha so aig deireadh seachduin ann am mios meadhonach an fhogharaidh. Chaidh a shonrachadh, uime sin, gu’n comhlaicheadh a’ chuirt air Disathairne. An deigh dhoibh dol troimh na riaghailtean gnathaichte, agus na h-uiread de ghnothaichibh beaga a thoirt gu crich, chuir iad seachad a’ chuirt gu Diluain. Aig dunadh na cuirt air Disathairne, bha an sin aon de’n luchd-deuchainn; ’s e sin aon de na cuig daoine deug a ta air am mionnachadh gu binn cheart a thoirt a mach a reir nam fianuis; agus thainig e dh’ionnsuidh nam Morairean, ag iarraidh cead gu dol dhachaidh an oidhche sin. Is e am freagradh a fhuair e cuireadh fhaotuinn chum a dhinneir a ghabhail maille riu air an fheasgair sin. Dheonaich e so a dheanamh, ach aig an am cheudna, thubhairt e gu’n robh e an dochas gu’n leigeadh iad dha am baile fhagail air an oidhche sin fein, a chionn gu’n robh e ro iarrtach air faotuinn dhachaidh. Chuir e a chomhairle aig an am ri fear-coimhead a’ phriosain a bha ’n a sheasamh laimh ris, ciod a dheanadh e, agus ciod a dh’eireadh dha na ’n rachadh e dhachaidh gu’n fhios gu’n aire do na Morairibh. “Mo chomhairle-sa dhuit,” deir fear-coimhead a’ phriosain “na feuch ri leithid de chleas.”—Bha cuideachd mhor aig an dinneir. Shuidh an da bhreitheamh aig ceann a’ bhuird mar is gnath leo a dheanamh. Bha na h-uiread dhe’n luchd-lagha an sin, agus moran dhaoin’-uaisle eile, a thuilleadh air luchd-riaghlaidh a’ bhaile. Goirid an deigh na dinneir, ghabh an tuathanach air fein labhairt ris na breitheamhnaibh, agus an ni ceudna iarraidh a rìs, ’s e sin cead gu faotuinn dhachaidh. “Ciod a ta ’cur cabhaig co mor dhachaidh ort an nochd?” deir aon de na Morairibh ris, “tha fios agad nach ’eil obair na cùirte thairis, agus c’ar son nach fanadh tu an so co math ri muinntir eile agus nach deanadh tu do dhleas’nas gu toilichte do d’ dhuthaich?”—“A Mhorair,” deir an tuathanach “cuiridh mi sin an ceill duit ann am beagan bhriathraibh; tha mi am thuathanach aig am bheil gabhail-fearainn, a tha mor agus cudthromach. Tha’n earrann a’s mo de’n bharr agam air a ghearradh sios, agus ’n a luidhe ann an droch staid air na raointibh. Thaobh nan uisgeachan troma a thuit o chionn seachduin air ais, tha eagal orm gu’n caill mi e, agus gu’n teid e gu h-iomlan a dholaidh. Bha’n aimsir an de agus an diugh moran ni’s fearr, agus ma leanas e mar sin gu ruig an la maireach, feudar a chruinneachadh gu leir gu glan, sabhailte do’n loinn.” “A chruinneachadh do’n loinn, an e a thubhairt thu? Am bheil thu ’n ad cheill? Am bheil thu da-rireadh a’ cur romhad toirt air do sheirbhisich an t-arbhar agad a chròdhadh air la na Sabaid?” “Tha gu’n teagamh.” deir an tuathanach, “agus a reir mo bharail-sa, cha b’ urrainn iad ni a’ b’fhearr a dheanamh na bhi ’tearnadh toradh na talmhainn chum feumalachd gach duine agus ainmhidh. [TD 373] Tha mi ro chinnteach gu’m bi an t-Uile-chumhachdach ni ’s toilichte a bhi ’g am faicinn ris an obair fheumail sin air a la fein, na bhi ’g am faicinn a’ dol gu tigh-aoraidh sam bith, agus gach arbhar agus por a dol a dholaidh leis an uisge agus leis na siantaibh.” Mu’n do chriochnaich e gach ni bu mhiann leis a radh, ghrad-thionndaidh am Morair air a chaithir, agus dh’ amhairc e an clar an eudainn air an tuathanach, agus thubhairt e le guth a thug air a’ chuideachd gu leir a bhi ’n an tosd. “Fhir gu’n cheill, gu’n naire, gu’n chreideamh, cha’n’eil thu gu cinnteach a’ smuaineachadh air na briathraibh agus barailibh meallach, mi-dhiadhaidh a chuir thu an ceill! Na’n deanadh tu an ni a tha thu a’ runachadh, bhiodh tu ciontach do ni eagallach,—bhiodh tu ’deanamh tair agus tarcuis air laghannaibh do dhuthcha, agus ’g am briseadh,—bhiodh tu gu dana, agus gu h-aingidh a’ cur lagha naomha Dhe ann an suarachas, agus bhiodh tu ’g ad dheanamh fein buailteach do shearbh-pheanas. Mar deanadh an luchd-ceartais mu’n cuairt duit greim ort, agus do lamhan agus do chasan a cheangal, bhiodh iad a’ dearmad an dleas’nais. Ach a thuilleadh air sin, bhiodh tu, mar a thubhairt mi, a’ briseadh aitheantan an Tighearna do Dhe, agus ’g ad dheanamh fein buailteach do throm-chorruich an Ti Uile-bheannuichte sin. Ach cha’n e so e uile, bhiodh tu a’ nochdadh le d’ ghiulan aingidh fein, an-earbsa á freasdal De, ni ’bu choir a bhi ’n a aobhar naire do neach sam bith a ta, eadhon o’n leth a mach, ag aideachadh a’ chreidimh Chriosduidh—dean suidhe far am bheil thu, oir cha charraich cas diot á so gus am bi gnothuch na cuirte thairis.” An sin thionndaidh am Morair a ghnuis riu-san uile a bha mu’n bhord maille ris, agus le guth laidir, beothail, sgairteil, thubhairt e,—“Fhad ’s is beo mi air an talamh measaidh mi e ’n a dhleasnas domh a bhi ’cur an aghaidh gach oibre a ghabhas seachnadh air la na sàbaid. Tha e ceart uil’ oibre na h-eiginn agus na trocaire a dheanamh air an la naomha sin, oir tha ughdarras againn o’n Ti Bheannaichte a chuir an t-Sabaid air a cois chum sin a dheanamh. Ma thuiteas tuil as na speuraibh, agus gu’m bi bhur barr an cunnart a bhi air a sguabadh air falbh leis na bras-shruthaibh, agus a bhi mar sin air a chall, gu cinnteach tha e ’n a obair dhligheach agus cheaduichte greim a dheanamh air, eadhon air an t-Sabaid, chum nach caillear e. Ach is eagallach an ni a bhi ’tarruing dhachaidh por sam bith air an la sin, gun leisgeul air a shon, agus is gniomh graineil e nach bi air a cheadachadh, tha mi ’n dochas, ann an duthaich Chriosduidh sam bith. Uime sin, chomhairlichean dhuit-sa, a’ thuanaich mhi-churamaich, ma’s miannach leat soirbheachadh ’s an t-saoghal a ta lathair, cuir do dhochas ann am freasdal an Tighearna. Na biodh a dhanadas agad a la naomhsan a bhriseadh, mar a bha thu ’cur romhad a dheanamh, agus na dean thu fein buailteach do ghreim a bhi air a ghabhail ort le lagh na duthcha. Gabh fois, dean an gnothuch air son an d’thugadh an so thu, agus air da sin a bhi thairis, thoir do dhachaidh ort co luath ’s a ghiulaineas do chasan thu, agus an sin, cruinnich le d’ uile dhicholl an toirbheartas a bhuilich Tighearna an fhogharaidh ort. S. Tha esan nach toir maitheanas do dhaoin’ eile a’ bristeadh na drochaid air an eiginn da fein dol thairis; oir tha feum aig gach neach air maitheanas. Tha atharrachadh mor eadar sonas agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rireadh a’ creidsinn gu ’m bheil e sona; ach is amadan an duine sin a tha ’g a mheas fein ni ’s glice na gach neach eile mu ’n cuairt da. [TD 374] FACAL D’ AR LUCHD-LEUGHAIDH. Tha an aireamh so d’ an GHAIDHEAL ’g a thoirt gu crich na dara bliadhna d’ a thuras am measg a luchd-duthcha, agus tha e ’g a mheas so ’n a àm freagarrach gu chur an geill ann am facal no ’dha, ciamar a chaidh gabhail ris air a chuairt re na bliadhna, agus ciod a tha e a’ cur roimhe a dheanamh anns an àm ri teachd. Feumaidh e’ aideachadh gu saor gu ’n deachaidh ’fhailteachadh gu cridheil anns gach aite ’s an do nochd e e fein, agus b’ iomadh sin eadar Canada ’s an airde tuath agus Australia ’s an airde deas; faodar a radh uime mar thuirt am bard,— “Tha do chairdean laidir, lionmhor, Anns gach tir a tha m’ an cuairt.” Dh’ iarradh e bhi a’ tairgseadh taing agus buidheachais dhoibhsan gu leir a shin an lamh dha, araon le bhi ’deanamh a bheatha gu caoimhneil agus ’g a chumail suas “le ’m pinn, le ’n cinn, ’s le ’n sporanan,” oir is ann daibhsan a bhuineas an cliu air son gach maise agus buaidh a bha ’n a shiubhal, agus a dh’ fhag e airidh air gean-math a luchd-duthcha anns gach ionad d’ an t-saoghal. Cha ’n urrainn e na’s fhearr a dheanamh, mar roimh-fhoillseachadh air ciod ris am faod suil a bhi aig a chairdean uaith air a’ bhliadhna ri teachd, na ’innseadh dhaibh gu bheil na ceart uaislean a sheas air a chulaobh roimhe so, agus moran d’ an tuilleadh, a’ gealltainn nach fag iad e ’s nach diobair iad a chuis air a’ bhliadhna ri teachd. Tha an Sgiathanach, an t-Abrach, am Muileach, agus an Runasdach, a’ gealltainn nach bi maileid a GHAIDHEIL falamh cho fhad ’s a mhaireas sgeulachdan agus seann eachdraidh no puirt agus orain na Gaidhealtachd dhaibh. Gheobhar duanagan laghach bho A.M., bho Mhairi Nic-Eallair, agus bho Mhac-Oidhche. Tha Alasdair Ruadh a’ cur roimhe, ma sheasas a chlaisteachd dha, nach sguir e a dh-fharcluais air comhraidhnean taitneach Mhurachaidh agus Choinnich; agus tha Mac-Mharcuis ag radh mur urrainn da figheadaireachd a dheanamh do ’n GHAIDHEAL, gu ’m feuch e bhi ri dathadaireachd—mar dean e clò ùr gu’n cuir e dath air clò dhaoin’ eile; ach bu mhor a b’ annsa breacan Gaidhealach o lamh a’ bhreabadair “na ’n clo ’s fearr a thig á Sasunn,” ge b’e air bith cho teoma ’s a bhiodh an dathadair. Tha P. Mac-Griogair, Cona, D. B. B., Bard Loch-fine, agus D. B. a’ gealltainn cuideachadh a chur a nall thar chuantan—ach c’arson a bhiomaid a feuchainn ri ’n ainmeachadh gu leir a tha a’ tairgseadh an comhnaidh? Mor agus fiachail ged a tha gach aon de na dh’ ainmich sinn—agus bu chalma an sgioba iad ri uchd fairge,—cha bu mhath gu ’m b’ urrainnear luchd-cuideachaidh a’ GHAIDHEIL gu leir a chur sios ann an oisinn bhig mar so—“Is lóm an tràigh air an cunntar na faochagan.” Is leoir a radh ann an aon fhacal,—ma rinn an sgioba laidir agus eireachdail a bha leis a’ GHAIDHEAL air a’ bhliadhn’ a chaidh seachad, an gnothach cho ro-mhath, gur cinnteach nach bi a’ bhliadhna ri teachd dad air dheireadh, leis an sgioba cheudna, cho math ri airimh mhoir de luchd-cuideachaidh ùr agus foghainteach eile nach do shuidh fhathast air chul raimh. Facal ’s an Dealachadh. Tha sinn duilich nach ’eil aite againn air son Naidheachdan, no facal d ’ar luchd cuideachaidh air a’ mhios so. Feumar ar leth-sgeul a ghabhail gus an ath mhios. [TD 375-380] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla]