[TD 1] AN GAIDHEAL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1871. ROIMHRADH. Tha an Gaidheal òg so a cur failte chridheil air gach co-bhrathair Gaidhealach, air feadh an t-shaoghail fharsuing, a thuigeas an canain a tha e labhairt. Bha e na fhior dhuilichinn linne, bho chionn fada, nach robh paipeir na leabhar sam bith de ’n t-sheorsa so aig na Gaidheil nan cainnt mhaithreil (eadhon an Alba fhein) ni a tha na Goill gu minig le tair a cur an ceill, mar dhearbhadh nach ’eil a chainnt no na sgriobhuidhean againn airidh air an cur a mach no ’n cumail air chuimhne ann an leabhraichean no paipeirean naigheachd agus nach robh anns na Gaidheil ach sluagh fiadhaich, borb, aig nach robh suim da leithid. Mar sin tha na Goill deas air a bhi taireil air na Gaidheil, a chionn nach tuig iad an cainnt ’s nach aithne dhoibh dad mu’n deibhinn, agus tha ’m paipeirean naigheachd ’s an leabhraichean seachnach air gach ni nach ’eil speiseil do na Gallaibh. Cha robh e idir taitneach linne a bhi faicinn nan Gaidheal air dheireadh anns an ni so, agus iad air thoiseach anns gach gnothach eile. Air an aobhar sin thug sinn an oidheirp air a chuis so a lheasachadh, le toiseachadh air cur a mach a phaipeir naigheachd “Albannach Chanada” (Canada Scotman) bho chionn còr as tri bliana; ach o nach robh fios againn aig an am cia mar a rhachadh an obair sin linn, cha do chuireadh an Gailig gu leir e, mar a bha rhun oirnn an toiseach. Air comhairle chairdean chuireadh earann dheth am Beurla ’s an Gailig, ’ni a tha air a lheantuinn gach seachduinn o na cheud latha gus an latha ’n diugh. Agus gu cinnteach ged a bha iomadh trioblaid againn na lhorg, tha fior thoil-inntinn againn a bhi sealtuinn air ais air an obair a chaidh a dheanamh (suarach mar a tha e, seach mar bu mhath linn) agus na Gaidheil choir air an dh’fhuair sinn eolas, a chuidich agus a sheas linn gu cairdeil caoimhneil mar bu dual. Ach fhuair sinn moran gearain o àm gu àm, a lheig ris dhuinn nach robh an doigh so air an do thoisich sinn freagarach air son paipeir Gailig agus cor nan Gaidheal an cumantas. Cha robh ach earann bheag dheth ’sa Ghailig, agus leis na ’bha againn ri dheanamh a cumail suas a phaipier Bheurla, ’s nithean eile, cha robh an earann sin fhein a faighinn na h-aire bu choir. Cha robh speis aig a chuid mhor de na Gaidheil do earainn Bheurla a phaipeir, ach na bha ’n dà earainn ’s an aon phaipeir, b’fheudar an gabhail le cheile, agus ged a tha e moran na ’s cosdail a Ghailig a chlo-bhualadh na ’Bheurla, bha cus aig an fheadhainn nach robh ag’ iarraidh na Beurla ri phaidheadh air son na ’bha iad a faighinn de ’n Ghailig. Ach a reir na doigh air an do thoisich sinn, agus na gealluidhean a rhinn sinn, bh’fheudar gabhail air ar ’n adhairt mar a bha sinn. Uime sin gheall sinn bho thoiseach, nan tugadh ar luchd-duthcha a ghnuis sin bu choir dhoibh do ’n obair, gun leigeadh sinnn seachad am paipeir Beurla, agus barrachd aire a thoirt do ’n Ghailig, no gun cuireadh sinn paipeir Gailig a mach air leith, cho luath ’s a gheibheadh sinn àm iomchuidh. Thainig ant àm sinn mu dheireadh; thug sinn am paipeir ud thairis do lhamhan dhaoine eile, agus tha sinn a nise a toiseachadh ris a Ghailig, mar a gheall sinn, le cur a mach a cheud aireamh de ’n “GHAIDHEAL,” anns a chumadh agus air an doigh a tha sinnn a saoilsinn a bhios freagarrach agus taitneach do ’r luchd-leughaidh. Agus cha bhi ni gun fheuchainn air ar taobh’ne gu dheanamh airidh air ainm, a’s na theachdaire a bhios feumail agus deabeathaichte aig bord gach Gaidheil, ge be cearn de’n t-saoghal ’s am bheil a chonuidh. Cuiridh sinn a mach bho àm gu àm, gach [TD 2] dàn, laoidh, oran, sgeul, naigheachd agus ni eile a shaoileas sinn a bhios feumail no taitneach do na Gaidheil anns gach aite, bho eolas nan speur gu treabhadh an talmhuinn. Agus gu h-araidh ni sinn ar dichioll gu bhi cruinneachadh ’s a toirt gu solus na tha do sgriobhuidhean Gailig sgapta ’s gach aite, agus chum so a dheanamh, tha sinn an dochas agus an lan earbsa gu ’n cuidich gach Gaidheal a ruigeas an leabhran so sinn, mar thuirt Donnacha Biorach “le ’m pinn, le ’n cinn, ’s le ’n sporanan.” Cuirear a mach AN GAIDHEAL gu h-ealamh air toiseach gach mios, agus ma ’ni ar luchd duthcha an dichioll agus an dleasnas, theid e na ’s mo bho àm gu àm. On nach ’eil sinn ag’ agairt a bhi neo-mhearachdach, bithidh ar cluasan daonan fosgailte do rhabhadh bho ’r cairdean ’n uair a gheibh iad sinn a dol as an rathad. Anns a cho-dhunadh chuireadh sinn an t-oganach so a mach gu h-iorasal, fo thaic agus dion gach fior Ghaidheal leis an ionmhuinn “Sliochd nam Beann,” an dochas gu ’m faighear e airidh air an comhnadh agus an gean-math an latha a chi ’s nach fhaic. MU NA SEANN GHAIDHEIL. I. Tha na Gaidheil Albannach a’ creidsinn agus a ghnath a cumail a mach gur h-iad fein sliochd nan seann Ghael an dream iomachliuiteach oirdhearc sin a bha le buaidh a’ dion an ducha, o na h-armailtibh Romanach a thug ionnsuidh air a toirt fo chis; agus ged a bha cinn-fheadhna ghaisgeil ’nan ceannardaibh air na h-armailtibh lionmhor treun ud, sheas na Gael ’nan aghaidh, gus an do choisinn iad buaidh, agus am b’eigin do na Romanich teicheadh agus an cuid armailtean a tharruinn air falbh as an tir. Ach cha bhuin an onoir so do Ghaidheil an là an diugh, mur ’eil e fior gur h-iad iarmad agus sliochd an t-sluaigh sin ris an abradh na seanachaidhean Romanach Caledonii agus an deigh sin Picti, ainm a bha air a chumail suas fad cheudan bliadhna leis an luchd-Eachdraidh a sgriobh an Laidinn mu thimchioll luchd-aiteachaidh ceann tuath na h-Alba. Tha a’ cheud chunntas firinneach againn mu Albainn agus a luchd-aiteachaidh anns an Eachdraidh a sgriobh Tacitus mu Bheatha agus mu chogadh athar-ceile Agricola ann am Breatuinn. Thoisich an cogadh so mu bhliadhna ar Tighearna 77, agus lhean e gus a’ bhliadhna 85. Air tus ghabh Agricola da bhliadhna a’ ceannsachadh nan Gael a bha anns na duchannaibh a tha gu deas air Struilea agus Cluaidh; air an treas bliadhna rainig e gu tuath cho fada ris an amhainn Tabha, agus chuir e suas tri campan anns a’ ghleann ris an abrar Srath-Eirinn ann an Siorramachd Pheairt; bha aon champ air Ardachaidh gu deas air Maothaill agus Craoibh, bha camp eile fagus do Chuimridh, agus an treas Camp dlu air an aite sin anns am bheil baile Pheairt ’na sheasamh. Air a’ cheathramh bliadhna bha Agricola a daigneachadh laghannan agus a’ cur rian air na h-aiteachaibh a ghlac e. Air a’ choigeamh bliadhna bha e anns an earrainn sin de ’n duthaich a tha mu choinneamh Eirinn ris an abrar anise Galloway agus Siorramachd Ara. Air an t-seathamh bliadhna chaidh e rithist gu tuath air Struilea agus nuair a ghluais e an armailt as na tri campaibh thug na Caledonaich ionnsuidh air an naoidheamh legion air an d’rinn iad milleadh mor. Chaidh na Romanaich air an adhart gu tuath a’ creach’ na tire anns gach aite, agus an sin chruinnich feachd Chaledonia uile gu cath ’nan aghaidh fo iul an Righ no a’ cheannaird chliutich sin d’ am b’ ainm Calgacus no Colgach. Tha ainm a’ chinn-fheadhna so a’ dearbhadh gum bu Ghaidheal gaisgeil a bha ann, oir co an Gael nach tuig ciod a tha air a chiallachadh le “colgach” no “colgarra,” agus tha e cosmhuil gum bu duine colgach, foghainteach an gaisgeach treun ud a reir an iomraidh a sgriobh Tacitus mu thimchioll. Chuireadh an cath so aig sliabh ris an canar leis an Eachdraiche Laidinn, Mons Grampius, ainm a dh-fhaodas a thighinn o’n fhocal Ghailig am “Monadh Garbh,” agus a tha ro fhreagarach mar ainm air na Garbh-bheantan sin a tha a’ toiseachadh am braighe Aber-adhain agus a’ sineadh a mach eadar Siorramachd Pheairt agus Siorramachd Inbhir-nis. Bha feachd Chaledonia mu thimchioll deich mile fichead saighdear a reir briathran “Thaichituis,” ni a tha dearbhadh dhuinn gun robh an tir air a lionadh le luchd-aiteachaidh aig an am ud. Gum bu Ghaidhil iad tha sinn a lan-chreidsinn [TD 3] agus gun do labhair iad Gailig mar a labhrar air an là an diugh le ’n sliochd ann an tir nam beann tha sinn ’a cumail a mach gu dana, agus bheir sinn oidhirp air a’ phuing so a dhearbhadh leis na hargumaidibh agus na comhdaichean a lheanas. Ged a bhuadhaich na Romanaich anns a’ chath a chuir iad ri feachd Chaledonia aig a’ Mhonadh Gharbh gidheadh cha robh an ni gu mor bhuannachd dhoibh; oir tha Tacitus ag radh gun do phill Agricola air ais le “triall mall” (lento itinere) a chum an armailt a chur ann an cairtealaibh-geamhraidh anns na campaibh a shuidhich e an Srath-eirin ann an siorramachd Pheairt. Air an ath bhliadhna, se sin an seachdamh bliadhna bha Agricola ann am Breatuinn, chaidh a ghairm air ais leis an Impire Domitian, agus an sin chaill na Romanaich na choisinn iad ann an Caledonia. Mu’n bhliadhna 120 thainig an t-Impire Hadrian do Bhreatuinn, ach an aite an earrann sin de Chaledonia a chosnadh air ais a bha aig na Romanaich ri linn Agricola, ’s ann a b’eigìn da balla mor tola no fail a chur suas eadar an t-aite ris an abrar a nise Carlisle agus an Caisteal Nomha, a chum fineachan Chaledonia, a dhruideadh a mach o’n Mhor-roinn Romanaich ann am Breatuinn a’ chinn’ Deas. Mu’n am so sgriobh Ptolemaidh ann an Alexandria Leabhar-Cruinne Solais ann an Greugais anns am bheil e a’ labhairt mu Caledonia mar dhuthaich lan choilltean, agus ag radh Caledonich mar ainm ri luchd-aiteachaidh na tire. Mar is e Tacitus a cheud sgriobhair anns am faighear an t-ainm Caledonia air a radh ri ceann Tuath Bhreatuinn, is amhuil sin is e Ptolemaidh a cheud fhear a tha gnathachadh an ainm Caledonaich gu bhi ciallachadh an t-sluaigh leìs na h-Eachdraichibh Romanach, oir tha Dion Cassius a sgriobh Eachdraidh na Roimhe mùn bhliadhna 230 ag’ radh gun robh an t-Impire Commodus a’ cogadh ’nan aghaidh agus ann an laithibh àn Impire Septimias Severus cha do sheas na Caledonaich ris na geallainnibh sithe, ach dh’ullaich iad a chun na Maigh-aitich a dhion agus on’ a bha Severus a’ cogadh ann an aite eil b’eigin do Verrius Lupus an ceannard-airm Romanach sith a cheannach o na Maigh-aitich le suim mhoir airgeid a phaigheadh.” Tha e coslach gum b’iad na Maigh-aitich so an sluagh a bha a chomhnaigh ann am Machair Alba ann an Siorramachd Fiofa agus an duthaich mu dheas ris an abrar a nise Lothain, Bermich agus gu crich Shasuinn. An deigh sin mu ’n bhliadhna 207, tha Dion ag radh gun deachaidh an t- Impire Severus do Chaledonia los an tir a cheannsachadh agus a thoirt fo chis, ach choinnich e ri cruadalaibh ris nach robh fiughair aige o na coilltichibh na càrraichibh-mointich, agus o na h-aimhnichibh a thachair air, agus o shluagh na tire a bha leum air a shaighdearaibh gun fhios anns na bealaichibh cumhang gus an do chaill e mu thimchioll Leth-cheud mile fear-cogaidh. Cha deachaidh e na b’fhaide gu tuath na muir Inbhir-nis agus nuair a rainig e sin bu bhuidhe an tapadh leis tilleadh air a shall cho luadh sa b’urrainn do chasan a thoirt as. Tha e air a radh gun robh Fionn mac Chumhail ann an laithibh oige a’ cogadh ris an Impire so, oir tha Oisean og radh gun robh e a’ cogadh ri Caracul mac Righ an Domhain aig amhainn Charuinn, agus gun do “theich na coigrich a b’airde guth, Caracul ’s a shluagh, gu bhi sgaoileadh on sgiath an tir thall.” Tha e coslach gum b’e Caracul so Caracalla, mac an Impire Severus, ris an robh Fionn a’ cogadh, ma ’s e feuchaidh sin dhuinn an linn anns an robh gaisgich na Feinne beo. Mun bhliadhna 208 tha Dion ag radh gun do thog Severus Balla mor ard làimh ri Fal Hadriain, a chionn gun d’fhairtlich air Caledonia a cheannsachadh. B’e so am Balla bu mho a thog na Romanaich agus bha e ’na chrich eadar iad fein agus fineachan Chaledonia. Laggan, N. S., 1871. D. B. B. (Gu ’bhi air a lhleantuinn.) BEATH’-EACHDRAIDH CHOLUIM CHILLE. CEUD ABSTOL NA GAIDHEALTACHD. CAIB. I. Rugadh Colum Cille ann an Gartan a mor-roinn Dhonegal an Eirinn, air an 7 mh là’ do mhios dheireannach na bliadhna A. D. 521. Bha athair Felim agus a mhathair Aethnea le cheile do theaghlaichibh Rioghail, agus ann a bhi a ròghnachadh a bhi na Theachdaire an t-soisgeul air feadh Gaidhealtachd agus [TD 4] Eileana’ na h-Alba, chuir Colum Cille cùl, cha ’n e a’ mhain ri dhuthaich ’s ri chairdibh ach ri crùn Rìoghail, a meas “mar aoibhneas agus a chrun” e ’bhi na mheadhon air Paganaich dhorcha a thoirt gu solus agus creidimh an t-soisgeul. Is e “Colum” focal a tha ciallachadh an t-eun glan ciùin agus sgiamhach sin, an Columan a b’ainm baiste dha, ach fhuair e an t’ainm Colum Cille airson an aireamh mhor do dh’ Eaglaisean a chuir e air chois. Fhuair Colum Cille oileanachadh agus togail churamach o pharantibh, agus chaidh a chur óg a dh’ionnsachadh fo theagasg mhinisteiribh cliuiteach, oir bha ’n soisgeul air teachd do dh’ Eirinn ciad bliadhna roimh an àm so. Bha Colum Cille ann an ùine ghearr cho foghluimte ri lhuchd teagaisg, agus chaidh a chur air leth mar dheacon leis an t-easbuig Finnian. Thoisich e air ball air searmonachadh air feadh Ceann a Tuath Eirinn. Thog e moran Eaglaisean agus chuir e mar an ceudna air chois Oil-thighean anns an robh foghlumaich airson na ministrealachd a comhnaidh, agus air an teagasg. Bha na foghlumaich so mar bu tric’ do theaghlaichibh cothromach air chor ’s gu’n robh e comasach dhoibh moran deire a thoirt do na bochdaibh. Thainig na Oilthighean so ma dheireadh gu bhi na’n Tighibh Mhanach (Monasteries). Tha e air aithris gu robh tigh dhiubh so ann an Derry a thog Colum Cille, anns an robh e fein a teagasg, agus gu ’robh ciad do na bochdaibh air an beathachadh aig an tigh sin gach là. Bha Colum Cille na bhard math, agus sgriobh e moran do laoidhibh anns an Laidinn agus anns a Ghailig Eirionnaich, a tha cuid dhiubh fathast air sgeul. Bha leabhraichean aig an àm sin gu leir air an sgriobhadh air craiceann sgriobhaidh no meambrana; agus bha iad ro thearc, agus uime sin ro luachmhor. Bha deidh mhor aig Colum Cille air leabhraichean, agus rinn e moran suibhail air sgath leabhraichean fhaicinn agus an athsgriobhadh chum fheum fein agus foghlumaich anns na Oil thighibh. Tha e air iomradh gu ’n do sgriobh e le laimh fhein tri chiad do na Soisgeulibh agus do Leabhraichibh sailm. Air dha bhi air chuairt ag amharc air a shean fhear teagaisg Finnian, ghabh e speis mhor do Lheabhear Salim le Finnian bha air a ghleidhadh aig anns an Eaglais, agus bha cleachdadh dol do ’n Eaglais air feadh na h-oidhche a sgriobhadh lethbhreac an leabhair dha fein. Fhuair Finnian so a mach, agus air dha bhi smaoineachadh gu ’robh e na ghniomh easonorach do Cholum Cille so a dheanamh gu ’n a chead san, bha e ro dhiombach, agus thagair e a choir fein do ’n Leabhar Shailm a sgriobh Colum Cille ag-radh gu ’m buineadh athsgriobhadh leabhair do ’n phriomh lheabhar. Cha gheiladh Colum Cille dha so, agus chaidh a chuis a thoirt chum breith Righ Diarmid na luchairt ann an Tara. ’Nuair a chual an Righ do thaobh na cuise, ’s e a bhreith a thug e,—“Le gach boin, a boinne, le gach leabhar a lhahhran?” Cha robh Colum Cille toilichte leis a bhreith so, agus chuir e gu cas na h-aghaidh ag radh gu ’n robh i eucorach, agus gu ’m bitheadh e air a dhioladh air an Righ. Aithghearr an deigh sin chuir Righ Diarmid gu bàs Prionnsa og a bha gabhail comhnaidh maille ri Colum Cille, a bha air a chur as a leth gu ’n do mharbh e duine le tuiteamas. Dhuisg so ni bu mho’ fearg Choluim Chille an aghaidh Dhiarmid agus mhuidh e air gu ’faigheadh e a bhraithrean agus a chairdean gu dioghaltas a dheanamh air leis a chlaidheamh. Dh’fhalbh Colum Cille gu Tir-connell a seinn air an t-slighe Laoidh an Dochais a sgriobh e a rithist anns a’ Gaelig, agus a chaidh o chionn ghoirid a h-eadar theangachadh chum Beurla. Air do Cholum Cille a dhuthaich fein a ruigsinn, dheirch leis air ball a luchd-daimh, agus Righ Chonnaught (athair a phrionnsa a chuir Diarmid gu bàs) agus chaidh iad an aghaidh Righ Diarmid. Choinnich Diarmid iad le fheachd aig Cultreimhne, agus chuir iad blar. Chaidh an latha le buidheann Choluim Chille. Ge’ do bhuadhaich e ’a chuis so, thainig e gu bhi fo thrioblaid inntinn airson gu ’n robh e na mheadhon air uiread do fhuil a dhortadh, agus bha mhuinntir chrabhach ga dhiteadh anns a chuis. Fhuair e comhairle mhaith agus misneach o Mholaise, aodhaire diadhaidh ann an Innishmhurry, agus runaich e na bha roimhe do ’bheatha a chaitheamh na Theachdaire-soisgeulach a’ measg Chinneach Tir na h-Alba. [TD 5] Tha an Leabhar Sailm a bha na mhathoin aobhair air an deasbaid fhuilteach so, ri fhaicinn leis na h-uile a thogras ann an Tigh iongantais. Ard sgoil Rioghail Eirinn. Bha an Leabhar Sailm so trì-chiad-deug bliadhna ann an teaghlach Chlann Domhnuill an Eirinn, agus re mile bliadhna bha iad go ghiulain air altair gu cath a creidsinn gu ’n robh buaidh mhòr leis. Thugadh mar so an Cattach mar ainm air an Leabhar Sailm. Tha e air a dheanamh suas do dha-fhichead agus a h-ochd-deug do dhuileagan craiceinn air an ceangal le bannabh airgeid. A. C. Loch-na-Maddadh, Uist, 1871. (Gu bhi air a lheantuinn). AN COGADH ’S AN FHRAING. Gar an do thoisich an cogadh so gus an samhradh so ’chaidh, bha ant aobhar fad air ais. Anns a chogadh mhòr an aghaidh Bhonaparte, bho cheann còrr a’s leth-cheud bliana, thug na Frangaich an toiseach buaidh air na Pruiseinich, agus rhinn iad mòr aintighearnas agus creachadh ’n am measg. Air an laimh eile, dar a chaidh cuisean an aghaidh Bhonaparte agus nam Frangach, bhuin na Pruiseinich gu garg riutha; agus b’ iad saighdeirean Phruisia a lheum air feachd nam Frangach, deire an latha, aig Waterlù, agus a ghearr sios iad gun athadh, an deigh do na Breiteannaich an ruaig a chuir orra. Mar sin bha droch rhùn eadar na Frangaich agus na Pruiseinich gus an latha ’n diugh. Bho cheann cheithir bliana, fhuair na Pruiseinich buaidh air feachdaibh Iompaire Austria, agus mheudaich iad an tìr agus an cumhachd gu mòr, air dhoigh ’s gun robh na Frangaich fo eagal gum fasadh iad tuille ’s laidir air an son, mur cuireadh iad stad gu h-ealamh air an ardachadh. Uime sin rheachadh am Frangach a chogadh riutha gun dàil; ach on nach robh e deas air son na strì, chum e ant shìth ’s an àm sin. Ach thoisich e air fheachd agus a chabhlach a mheudachadh ’s a neartachadh gu dlùth, chum ’s gum bitheadh e comasach air buaidh a chosnadh anns a chogadh a bha e a rùnachadh. Os-bàrr bha ant iompaire Frangach a toiseachadh air call a chliù. Chaidh cuisean gu maslach n’a aghaidh am Mecsico, agus cha bu toil leis a chuid mhòr de na Frangaich riamh e. B’ e ’nt arm amhain ris am b’ urrainn e earbsadh, agus bha iad sin a tionndadh na aghaidh. Mu mheadhon ant shambraidh so chaidhe, shaoil leis an Fhrangach gun robh e deas airson cogaidh, agus gun neartaicheadh e a chathair rhioghail le cogadh buadhar ris na Pruisenich, a bheireadh do na Frangaich fearann, glòir, agus earras Phruisia. Tha fearann aig Pruisia taobh deas na h-aimhne Rhéin, air criochaibh na Frainge. Bha na Frangaich an dùil gun coisneadh iad am fearann so bho na Pruiseinich ’s a chogadh. Bha iad cuideachd an dùil gun sàsadh iad air rioghachd bheag Bhelgium: oir nan ceannsaicheadh iad na Pruiseinich bha iad, am barail gun bitheadh iad fhein co laidir ’s nach reachadh neach air bith ’s an eadarguina. Mar so thoisich na Frangaich air cogadh, agus chaidh an iompaire, le làn toil ant shluaigh, amach air ceann an fheachd, an dùil gun glacadh iad Berlin, baile-mòr Phruisia, an ùine ghearr. Ach cha deach a chuis idir a reir an dùil. Am feadh ’s a bha na Frangaich ag’ ullachadh airson cogaidh, bha na Pruiseinich gu samhach a deanamh an ni ceudna, co dlùth ’s a b’ urrainn daidh: agus dar a ghairm am Frangach cogadh, fhreagair righ Phruisia gun d’ aòntaich e ris a ghairm, agus gun robh e deas airson na strì. Tha e nise soilleir gum b’ fhior sin. Tha duine ro thapaidh d’ an ainm Bismarc na ard-fhear comhairle aig an righ. Thuig esan bho cheann fada ciod a bh’ air aire an Fhrangaich; agus chomhairlich e gum bu choir a bhi deas air a shon. Uime sin dh’ orduich an righ do Mholteé, duine rò fhiosrach agus seolta an cuisibh cogaidh, gun uidheamaichear gach neach airson còstrì. Rhinneadh sin gu h-ealamh agus air an doigh a b’ fhearr. Mar sin bha feachd nam Pruiseiniach an deagh ordugh agus lan ullaichte gu cogadh, am feadh ’s a bha ’nt iompare Frangach a fagail a dheasachadh do dhaoine gun sgil gun seagh. Cha robh e fhein riamh freagarach gu bhi air ceann airm, agus bha e nise gun fheum le aois a’s ruìteireachd. Dar a fhuair e ard-chumhachd ’s an Fhraing, bho cheann ochd bliana deug leis an laimh lhaidir, bha na ceannardan feachd na aghaidh; agus uime sin dh’ fhogair e iad as an duthaich, agus b’ [TD 6] eiginn da am feachd a chuir fo dhaoine gun diugh. Air an aobhar sin cha robh armailtean an Fhrangaich idir coimeas do na Pruiseinich. Dar a chaidh iad am badaibh a cheile, mu Lhunasdal ’s a chaidhe, bhuadhaich na Pruiseinich: chaidh feachdan nam Frangach a rhuag ’s a ghlacadh a rìs ’s a rîs, gus an robh a chuid mhòr dhiu marbh, fo chreuchdaibh trom, no n’ am priosainich an lamhaibh an naimhdean. Ghlac na Pruiseinich mar an ceudna neart de na dainichibh laidir air criochaibh na Gearmailt. Dar chunnaig na Frangaich gun robh a chuìs a dol n’ an aghaidh, rhinn a Pharlamaid aca reachd, ag aithneadh gun bitheadh crioch air an iompaireachd. Bha ant iompaire ’s an am sin air a chuartachadh leis na feachdaibh Pruiseineach, air dhoigh ’s nach b’ urrainn e cur an aghaidh an reachd; agus bha sluagh Pharis, baile-mòr na Frainge, a bagairt air a bhan-iompaire, air dhoigh ’s gum b’ eiginn di teicheadh, le mac òg, do Shasuinn, far an bheil i nìse a tuineadh. An uine ghearr, chaidh ant iompaire a ghlacadh, le fheachd iomlan, aig baile ris an abrar Sedan. Bha cuisen co cunnartach ’s gun do sgaoil a Pharlamaid Fhrangach; agus an sin thagh mòr shluagh Pharis daoine a dhion an duthcha an aghaidh an naimhdean, gus an taghadh an duthaich gu leir uachdarain shuidhichte, ach cha deach sin a dheanamh ’s àm sin. Mu dheireadh an fhaoghair, chuairtich armailtean Pruisia Paris, agus chuir iad seisd ris. Cha b’ urrainn neach dol amach no steach; agus bha coig-ceud deug gunna mòr a losgadh air a bhaile, dh’ oiche ’s lhatha. Bha cuid de n’ bhaile air a mhilleadh, agus bha gorta a buntainn ris ant shluagh. Thog na Frangaich feachd no dhà eile, an duil gun cuireadh iad casg air na naimhdibh, agus gun saoradh iad am baile mòr; ach dh’ fhairtlich orra; agus chuir na Pruiseinich an ruaìg air an aon bu treise de na feachdaibh sin, an deighe dortadh mòr fala, teann air baile d’ an ainm Le Mans; agus ghlac iad moran mhilltean de na Frangaich. Tha moran do na Frangaich diorrasach ’s a chuis; agus cha b’fhurasd leotha geilleadh; ach ’s e geilleadh a dh’fheum iad. Chuir iad duine ainmeil d’ an ainm Tiers, mar theachdaire gu cuirtibh Bhreatuiun, Austria, agus Rhuisia, dh’ fheuchainn an deanadh iad eadargainn gu ’n teasairginn: ach dhuilt iad uile. Bha cuimhne aca air gach cron a rhinn na Frangaich orra ’s na linnibh a chaidh seachad: agus on is iad fhein a thoisich, lheig cinnich eile leotha faidhinn as a ghabhadh ’s an do chuir iad iad fhein, mar a b’ fhearr b’ a urrainn daibh. Bha iad a bagairt gu h-uaibhreach air rioghachdaibh eile uair a’s uair, bho cheann iomad bliana, agus bha an gluasad ro aingidh, air dhoigh ’s gun do thòill iad breitheanas an Uile-chumhdachaich, a thainig a nis orra gu trom. Bha ceannard Franagach a còradh, bho cheann ghoirid, ri duine uasal a America, mu staid Pharis. Thuirt am Frangach gun robh Paris ni bu mhiosa na Sodom. Tha luchd turuis ag innseadh gur e latha na Sàbaid as comharraichte fad na seachduin, ’s a bhaile mhor sin airson cluiche a’s òl as aighir. Chan eil ach pairt bheag de nt shluagh a dol an coir eaglais. Ged a tha Paris comharraichte air son aingidheachd, chan eil na bailtean mòr ei’le dad ni ’s fhearr; agus math a dh’ fhaota gun dean an sgiursa geur so glanadh n’ am measg; ni air am bheil moran feum aca. Bhuin a ghorta co cruaidh ri Paris a’s gum b’ eigin daibh geilleadh; agus ghabh feachdan an naimhdean seilbh anns na dainichibh laidir a tha mu ’n cuairt da. Dheonaich na Pruiseinich stad-catha do na Frangaich, gus an taoghadh iad Parlamaid a dheanadh sith; agus chord Bismarc a’s Fabhre as leith nam Frangach gun deanadh iad sith. Bha na dainichean a ghlac na Pruiseinich air criochaibh na Gearmailt gu bhi air an cumail, agus an tir anns am bheil iad gu bhi air a toiit thairis do na Gearmailtich, agus bha ’n Fhraing gu mile muillein dolar a phaighcadh do na Gearmailtich an taobh a stigh de thri bliana. An sin thaogh na Frangaich Parlamaid gun dàil: agus rhinn iad Tiers n’ a ard fhear-riaghlaidh. Dar a chomhairlich iad mu ’n t-sìth, dh’aontaich iad rithe, ceithir air a son, mu gach aon a bha n’ a h-aghaidh. Thug na Gearmailtich suas Pairis do ’n fheachd Fhrangach, agus ghabh iad fhein an turus dhachaidh; ach tha cuid [TD 7] diu gu greim a chumail air pairt de thaobh tuath na Frainge, gus an teid ant airgiod a phaigheadh gu h-iomlan. Chaidh a pharlamaid ùr an aghaidh an Iompaire; agus a reir coltais, chaill e a dhreuchd a chaoidh. Chan eil feachd a nise fo lhaimh; agus tha na Frangaich saor gu seol-riaghlaidh a shuidheachadh, agus uachdarain a thaoghadh, mar is math leotha: agus tha sinn an dòchas gun dean an sgiursa garg a dhuilig iad feum dhaidh. Tha aobhar againn a bhi taingeil cuideachd, gun d’ irioslaicheadh iad, air dhoigh ’s nach bi Breatuinn a nise an eisimeil a bhi cumail suas feachd agus cabhlach laidir na ’n aghaidh. A reir coltais, fhuair iad gu leoìr de chogadh airson na linn so; agus math a dh’ fhaodta car iomad linn. Tha e feumail dhuinne, mar an ceudna, gun do nheartaicheadh na Gearmailtich. Nuair a bha ’n cogadh a dol air aghart, rhinn rioghachdan na Gearmailt gu leir bann, air dhoigh ’s gum bheil an cumhachd ’s am feachdan air an co-cheangladh mar aon; agus thaogh iad righ Phruisia mar Iompaire air a Ghearmailt gu leir. Mar so bithidh iad comasach air seasamh an aghaidh nam Frangach, agus an cumail fodha, ma dh’ oiripicheas iad air dioghaltas a dheanamh. Mar sin rhinn an dorta fala so moran feum; agus tha dochas againn gun tig moran math na lhorg. Faodaidh cumhachdan eile na Roinn-eorpa a nise am feachdan a thoirt dachadh, gun eagal gun gabh am Frangach fàth orra: Bho n’ sguir an cogadh ris na Pruiseinich, tha iad air toiseachadh a cogadh a measg a cheile. Tha staid na ducha aig ’n am so fior thruagh leis na connspaidean eagallach a tha aca, a mort agus a marbhadh cach a-cheile, gach buidheann a feuchainn co aige a bhio’s ’n lamh-an-uachdair. Ann am baile Phairis cha’n eil cuid na beatha duine sabhailt. NA GAIDHEIL AN CANADA. Cha ’n eil Alba gu leir ach beag a measg rhioghachdan agus chearnuidhean na Roinn Eorpa, agus tha e air innse nach eil ann de ’n Ghaidhealtachd ach aite beag, bochd agus iomallach an’ Alba. ’Sann anns a mhodh sin gu h-araidh a chluinneas sinn na Goill an comhnuidh ag’ iomradh air Gaidhealtachd na h-Alba. Ach bho nach buin so gu leir do ’n cheann air ’n do thoisich sinn, cha lhean sinn na ’s fhaide ’n traths air. Tha nise còr agus tri-chiad bliana bho ’n thoisich luchd imrich air tighinn do Chanada, bho gach cearna de ’n Roinn Eorpa, agus mu ’n cuairt air ceithir fichead bliana bho ’n thoisich Gaidheil Alba air tighinn ann; agus ’s mor an t-eadardhealachadh anns an doigh air ’n d’thainig an dà bhuidheann. Bha Frangaich, Sasunnaich ’s gach cinneach eile a tighinn an’ so bho cheann cheudan bliana, le òr ’s airgiod, le sagartan ministeirean, ’s luchd foghlum de gach seors’—air an sgeadachadh a mach bho ard-thighean foghlum, fo thaic rhighrean agus uachdran. Air an laimh eile, bho cheann ceithir fichead bliana, thainig luchd aiteachaidh an aite bhig, iomallaich sin an ceann tuath Alba, gun airgiod na òr, gun tiodal righ no banrigh, gun mhinsteir no maighistir sgoile, a chuid mhor dhiubh gun uiread a’s smid de chainnt na duthcha do ’n robh iad a tighinn, nam fogaraich bhochd, bho thir an eolais, gun sgoil gun fhoghlum, ach an tuigse agus an uaisle naduir a bhuineadh dhoibh bho thùs. Tha nise mu ’n cuairt air ciad eaglais eadar Canada Uachdrach agus Iochdrach anns am bheil a Ghailig air a teagasg, agus mu ’n cuairt air dà-fhichead eadar Eilean Phrionnsa Eaduard, Ceap Breatuinn agus Nova Scotia. A thuilleadh air sin tha earann mhòr sgapta air feadh na duthcha, far nach eil de lhuchd bruidhinn Gailig na chumadh suas ministeir Gaidhealach, agus cuid eile a tha air a Ghailig a chall; agus tha e air aithris gu minig le daoine a tha eolach gun d’theid Gaidhealtachd America a Tuath faisg air dubhlan a thoirt do ’n t-seann Gaidhealtachd fhein an diugh. Nise anns an uine ghoirid so, dh’ aindheoin gach mi-ghoireas agus ana-cothrom a bha cur na ’n aghaidh, gheibhear na Gaidheil so agus an sliochd anns gach dreuchd agus inbhe, on ard-uachdranachd sios, air dhoigh ’s nach ruig Gaidheal a leas eagal ’s am bith a bhi air, air son nach labhradh e ach a chainnt mhaithreil, ge be staid no aite san tachair e ’n Canada. Ma ’s ann an ard chuirt na h-Eaglais a thachras e, gheibh e ’n sin pailteas de dhaoine coir, foghainteach a tha fileanta air cainnt nan Gaidheal; no ma ’s ann an ard chuirt na ’m Breitheamh ’s an luchd [TD 8] lagha, gheibh e ’n sin Gaidheil a thagras a chuis, a measg nan daoine ’s measail, ’s ’s foghluimte sa chuirt, ge b’ ann ’s a Ghailig fhein a bhidheadh e ri dheanamh; no ma ’s ann an luchairt an aird uachdrain a bhios a ghnothach, gheibh e ’n sin iad a measg ard-lhuchd comhairleachaidh na Banrigh leis nach cruaidh-chas bruidhinn ann an seann chanain na h-Alba. No ma ’s ann do thigh na Parlamaid a theid e, gheibh e ’n sin na Gaidheil ’s luchd bruidhinn na Gailig ’s na suidheachanan toisich, air gach taobh de ’n tigh, agus mar sin sios, air dhoigh ’s gu ’m bheil e na fhacal cumanta gu ’m bheil Canada air a rhiaghladh (agus ’s math dh’fhaoite gu ’n can cuid air a rhiasladh) leis na Gaidheil agus nach eil cothrom air eirigh ’s an t-saoghal aig neach ’s am bith san duthaich ach Gaidheal, mur leigear a steach cor Fhrangach ’s a leithid sin ’n drasd ’s a rithisd, air son am beul a chumail samhach. Tha iad mar sin air faighinn an lamh-an-uachdair air na Frangaich fhein, a bha g’ aiteachadh na tir bho chionn lhinntibh. Tha na Gaidheal an Canada na ’s cumhachdaich, agus barrachd dhiu anns gach dreuchd ard agus fhogluimte, thar sluagh ’s am bith eile ’s an duthaich, a reìr an aireamh agus, tha meas agus iarrtas orra da reir. Agus ciod a rhinn sin, an aghaidh gach cruaidh-chàs agus anacothrom a bha n’ an aghaidh air gach doigh, an coimeas ri sluagh eile na duthcha? Cha’n e bhi caitheamh an uine le misg agus lundaireachd, (ni a tha cuid ro ealamh air a bhi cur as an leith agus air am, bheil cuid diu cionntach, cho math ri daoine eile) ach se dichioll, ionracas agus stuaimeachd, maille ri ’n aird bhuadhan naduir agus inntinn, a choisinn dhoibh am meas agus an cliu a tha aca a nise anns gach aite. ’S e so ’n diugh staid nan Gaidheal ann an Canada, agus faodaidh sinn a radh le firinn air feadh an t-saoghail gu leir, cho fad ’s a tha cunntas againn, ach ann an duthaich am breith, agus tha e leigeadh ris dhuinn ciod a tha iad comasach air a dheanamh ’n uair a bhios an cothrom aca; agus ’s e ar guidhe agus ar ’n urnuigh dhurachdach nach ann air ais a theid iad. Their sinn facal no dha, ’s a cho-dhunadh ri cuid d’ ar luchd duthcha gradhach, gu h-araidh oigridh Ghaidhealach Chanada (agus ’s math dhfhaoite nach bi e mi-fhreagarach do aitean eile mar an ceudna;) Cha ’n eil leithid nan nigheanan Gaidhealach ’s an duthaich ann an onair, deannadas, modh agus stuamachd; agus tha meas agus cliu orra anns gach aite da reir. Faodaidh sinn an ni ceudna a radh mu ’n chuid mhor de na gillean Gaidhealach. Ach, air an laimh eile, tha cus dhiu ga milleadh fhein le bhi g’ionnsachadh cleachdaidhean truaillidh mosach, mi-naomh muinntir na duthcha, a bheir air a cheann mu dheireadh, bochduinn, masladh agus mi-chliu orra fhein ’s air an cairdean! Tha iomadh ni feumail a dh’fheudar ionnsachadh o mhuinntir na duthcha; ach bu choir eadardhealachadh a dheanamh eadar an cruithneachd agus am moll; agus gu h-araidh seachnadh iad gach droch cleachdadh, briseadh Sabaid, òl, mionnan, ’s gach cleachdadh truaillidh, dona, sporsail eile de ’n t-seorsa, a chitear n’ am measg. Cha ’n eil na cleachdaidhean amaideach mi-naomh so idir a deanamh daoine uaisle no glic dhiubh, eadhon an suilean nan daoine truagh bho ’m bi iad ga ’n ionnsachadh, ach, air an laimh eile, tha iad ga ’n deanamh mi-mheasail, le ’bhi sealtuinn cho lag-innteanach, suarach, mi-mhodhail ’s a tha iad. Air an aobhar sin leigeadh iad seachad a leithid a dh’amaideachd, agus caitheadh iad an uine agus an t-airgiod a bheireadh na nithean olc agus aingidh sin ’uatha, ann am faighinn eolas feumail, agus ann ’n ionnsachadh lheabhraichean math, agus a frithealadh air meadhonan an t-soisgeil, ni a ni iad glic agus feumail air son tìm agus siorruidheachd. Agus mar sin, an aite a bhi na ’n ceap-tuislidh agus nan masladh, bidhidh iad na ’n cliu agus n a ’n onair dhoibh fhein ’s da ’n cairdean, agus le sin airidh air na daoine ’s an duthaich bho ’n d’thainig iad. Cha ’n urrainn sinn tuilleadh a radh mu “Na Gaidheil an Canada” aig an am so; ach tionnaidhidh sinn thuige a rithisd, an uine ghoirid. Co-dhuinedh sinn le briathraibh a bhaird choir:— “Lean gu dlùth ri cliu do shinnsear. ’S na dibìr a bhi mar iadsan.” “Nam biodh lochdan agus cionta an duine ’s fearr air thalamh, sgríobhta air clár ’aodainn, dh’ fheumadh e a chómhdach-cinn a tharruing sios air a shùilean.” —Sean-fhacail. [TD 9] TAOBH MO THEINE FEIN. AIR FONN—“Auld Langsyne.” Se taobh mo theine dhomhsa chlann, Se taobh mo theine fein; Gu’m b’e sud aite blath mo ghaoil, Ri taobh mo theine fein. ’S ’nuair thig mi dhachaidh anns an oidhche, ’S mi fliuch, is fann is sgith, An saoghal cosmhuil ri bhi ’n gruaim, Co duaichnidh bithidh gach ni, ’Sa chi mi solus tighinn gu’m shuil, Roimh n’uinneag dhuinte mar reult, Gu’n tog mo chridhe sud le sunnd, Bhi dluth do ’m theine fein. Se taobh mo theine, &., &c. ’Nuair chi mi ’n lasair dhearsach, dhearg, ’S gach aite sguabta grinn, Is fiamh a ghaire, ’s gach aghaidh ghraidh, ’S gach aon toirt failte bhinn; Cia ’m bheil sonas cosmhuil ris, An saoghal so ri bhron; ’S cha d’thugainn taobh mo theine fein Air mile bonn de’n or. Se tobh mo theine, &c., &c. ’Nuair gheibh mi comunn caomh mo ruin, ’S iad dluth dhomh air gach taobh, Gach aon toirt bar an tus ’sam baigh, ’S bann graidh ’gar ceangal dluth; Mo bhean, ’s i cur gach ni na ait, ’S mo phaisdean air mo ghlun: Cha suaipinn taobh mo theine fein Air sonas righ na chuirt. Se taobh mo theine, &c, &c. J. C. TUIREADH SEANN MHAIGHDINN. Tionnaidh nis nall a nionag ’S innsidh mi duit fein mo bharail; Tha mi sean, is tha mi aodsa, ’S cha’n eil faoineas nis air m’ aire, ’S n’am bithinn-se air comhairl’ fhaotainn, Mar a dh’fhaodas mi thoirt seachad, Cha bhithinn-se an diugh co faontrach, ’S bhiodh fear laghach, aoidheil agam. Ach se rinn an tubaist dhomhsa, Mi bhi ’m oiseach tra ’san latha; ’M fear nach gabhain an diugh r’a phosadh, ’Maireach cha bhiodh e san rathad. A cheud fhear thainig riamh ’gam iarraidh, Bha e fiachail, ciallach, modhail; Ach bha rud-eigin a dhi air, Bha e iosal anns an sporan. Bha fear eile tric ’nam shuilean, Thug dhomh cul a chuir ri dithis; Dh’fhag e mise air bheagan eiasan, ’S thionndaidh e ri biasdag eile. Sheas mi sin fad chupall bhliadhna, ’S thaining seann fhear liath ’san rathad, ’Lan do bheartas is do storas, B’ annsa leam feadhainn og a fhathast. Bha iad sud an deigh a cheile, Dh’fhas mi eisearach mu dheireadh; Cha robh aon a’ tighinn ’gam iarraidh, ’S thigidh roineag liath a dh’aindheoin Thoisich preasadh ann am ghruaidhean, ’S och! mo thruaighe, fhathast falamh; Bheirinn sin mo mhaoin ’s mo storas, Gu’m bitheadh posadh ann domh fhathast. ’Se mo chomhairle dhuit a nionag. Gun bhi stri ri ni nach fhaigh thu; Gabh an tairsge ’nuair is coir dhuit, ’S na bi caoidh ’sa ’bron, ’s tu falamh. LEADAIG. Gheibhear ‘Tuireadh an t-seann Fhleasgaich’ ’s an ath aireamh, ’s a reir coltais cha ’n e ’staid idir a’s fhearr. COMHAIRLE DO NA GILLEAN OGA. LE A. MAC CUARRAIG. Horo Iain taobh rium fhin, A’s na bi ’strith ri amaideachd, Feumaidh mnathan uaisle Ti, ’S gur goirt an cinn mar faigh iad e. Tionndaidh rium a’s leugh a’ choir, Tha mise deonach teannadh riut, Mu’s olc no math ’g am bi mo dhoigh Cha chluinn na h eolaich gearain uam. Horo Ian, &c. Cha’n iarr mi siucar no Ti Srol no siod’ a cheannach dhomh, ’Si obair mo dha laimhe fhin Is cinntiche mi leanailt rium. Horo Iain, &c Gabh thusa Iain a muir lan, Mar phataran s’ cha’n aireach dhuit, Ge b’ e cho fhad sa theid i ’n aird Gu’m faic thu’n traigh an eal achd ann. Horo Iain, &c. Sin mar bhitheas luchd na straichd, Le’n curaichdean ard ’s le ’n cailleaguth, Ni ’m posadh bochd an toirt gu lar, Mar shneachda ban na gaillinne. Horo Iain, &c. An riomhadh ’cheannaicheas iad gu daor An saoghal bheir e’n car asda, [TD 10] Bidh gunn a’s gunn ga’n cur fa sgaoil, Gu aodach do na cailleagan. Horo Iain, &c. ’N uair theid iad a mach gu feill, Gur gann dhuit te dhiubh aithneachadh, Gu’n searg iad mar ni ros no geig, Ri teas na grein a dh’ fhannaicheas. Horo Iain, &c. “An uaisle bhochd gun chas gun lamh,” Tha’n dan mar dh’fhag an sean-fhacal, “Cha chuir e salann air a’ chall,” Bi t-fhaiceall tra’ mu’n lean i riut. Horo Iain, &c. An uaisle, ’bhochdainn, a’s an spors, Nan triuir a choir na h-amaideachd, Ma gheibh an ceathrar ud ort coir Gur mairg bean og a leanas riut, Horo Iain, &c. ’Nuair a thig am bothan le ’chraos cam, Am mal, ’s a’ chlann, ’s a’ cheannachd ort, Bu taitneach dhuit a bhean ’san am sin ’Thairneadh ceann an amuill dhuit. Horo Iain &c. Bu mhath do bhean a bhi gun spors, Gun mhoit, na prois, na, h-eallaich oirr’; Ma bhitheas an t-airgiod pailt na poc’ Tha h-uile gloir a leanailt ris, Horo Iain &c. An deise mharcachd gun an t-each, Co ard nam beachd ’s co amaideach, Cha’n ionghnadh cogadh agus plaigh Bhi anns gach ait n tachair iad. Horo Iain, &c. Na ruffles gun sgillinn ’sa phochd’, Na brogan ’s linnigh anairt annt; ’Toirt iasad a sgiath gach eoin, ’Se ’n doigh am faod thu ’n aithneachadh. Horo Iain, &c. Tha ’n dreolan donn ann as na h-eoin, An iolair mhor ’s an eala ann— Tha ’n sgiathan fein a reir gach seors’ A leum ’s an doigh am maith dhoibh e. Horo Iain, &c. Tha thus’ a’s mise ’reir a cheil’— Ar n-or, ar spreidh, ’s ar seanairean; ’S mu gheibh mi each a ruith na reis Cho luath riut fein, nach lean mi ris. Horo Iain, &c. Do ’n uaisle cha tugainn beum Na h-aite fein, ’s cha teannain ris— Cha chliu ’s cha ghliocas dh’fhear gun spreidh Bhi foirneadh te a dh’aindeoin diubh. Horo Iain, &c. AN GAIDHEAL AM MEASG NAN GALL. LE IAIN MAC GILLEADHAIN. Och! a ruin gur tu th’ air’ aire— Och! a ghaoil gur tu th’ air m’ aire: ’S tusa ’ruin, ’s gur tu th’ air m’ aire, ’S gur h-i mo dhu’aich tha tigh’nn fainear dhomh Cha togar fonn leam ach trom air m’ aineoil, Cha dean mi oran ’s an doigh bu mhath leam: Gur mi bha gorach ’n uair thug mi ’n gealladh Do ’n nionaig oig a bha chomhnaidh ’n Cana. Och! a ruin, &c. Gur h-ann le h-ailgheas a dh’ fhag mi ’m fearann ’S an deachaidh m’ arach ’n uair bha mi ’m leanabh; ’S mi ’n duil gu’n deanainn am bliadhna ’dh’earras Na cheann’chaidh lion dhomh gu iasgach earraich. Och! a ruin, &c. Gur mi bha statail ’n uair dh’fhag mi Ailean, Ri togail garaidh ’s a’ caradh bheallach; Gu’m b’ fhearr bhi ann air neo ’s mealta ’bharail, Na bhi ’s an am ann an tainng na’n Gallaibh. Och! a ruin, &c. Cha ghabhainn tuarasdal uaith mar sgallaig, Ach tigh’nn do’n Ghalltachd a shealltainn chaileag; ’S ’n uair ni gach te dhiubh a’m beurla m’ fharraid, Their mis’ an Gailig gu’n d’ fhag mi Barra. Och! a ruin, &c. Cha ’n ’eil e ’cordadh rium seol a h-arain— Bhi ’falbh Di-domhnuich ’s a’ giulan eallaich; ’S nach faigh mi fardach, na ait’ am fanain, Ach sabhal fas, air-neo stabull ghearran. Och! a ruin, &c. ’N uair ni sinn gluasad Di-luain do ’n bhaile, Bidh bodaich Ghalld’ ann ’n geall ar mealladh; Cha tuig mi’n nadur le ’n canain Ghallaich— Tha mise dall ’s gun an cainnt am theangaidh. Och! a ruin, &c. Thoir soraidh uam-sa thar chuan’ gu m’ leannan, A’s innsibh fein di gu bheil mi fallain— Gu bheil mi’n tras’ ann an Ca’der parish, ’S gu’n deach’ a’ Ghailig a aite seallaidh. Och! a ruin, &c. Is tu, ’Chatriona, tha tigh’nn air m’ aire— Cha ’n e do storas a rinn mo mhealladh; Ach thu bhi boidheach, gun bhosd, gun bharrachd, Do’n fhine mhor, o Mhac Leoid na Hearadh. Och! a ruin, &c. Is fear deathach an fhraoich no gaoth an reota. Is fearr aon tigh air a nighe no dha-dheug air a sguabadh. Is fuar leabaidh gun cho-leabaich Is math an tom air am bi sealbh. Is eigin ghabhail le each mall o nach fhaighir n’s fhearr. Is sona’ gach cuid an commuin, is mairg a chromadh na aonar. Is fearr an giomach no bhi gun fhear. Is fearr teachd an deire cuirm no’n toisich tuasaid. Is ionan aithreachas crioche, is a bhi cuir siol na fheil-martoin. [TD 11] NITHE NUADH AGUS SEAN. Is trom eallach gun iris. Is teughadh fuil na burn. Is treise tuath na tighearna. Is fiamhach an t-suil a lotar. Is tric a bha beag treubhach. Is tric a bha mòr mi-sheaghar. Is mairg a ni droch cleachduin. Is cliùtaich an onair na ’n t-òr. Is trom geum bò air a h-an-eol. Is trom an eireadh an t-aineolas, Is feird gach math a mhèudach. Is binn gach èun na dhoire fhein. Is righ an cam am measg nan dall. Is fearr a bhi ciurte na bhi caillte. Is ann le laimh glan bu choir altuchu. Is fearr a bhi bochd no bhi brèugach. Is ann as a bheagan a thig am mòran. Is ann a tha ’n cairdeas mar chumar e. Is boidheach it’ an eoin a thig am fad. Is ioma cron a bhios air duine bochd. Is beo duine ’n deigh a shàrach’, ach cha bheo è an déigh a nàrach’. Is ann an ceann bhliadhna dh’innseas iasgair a thuiteamas. Is mairg a shìnneadh lambh na h-airce do chridhe na circe. Is fearr teine beag a gharas, no teine mòr a loisgeas. Is lag gualainn gun bhrathair ’n am do na fir teachd a lhàthair. Is sleamhuinn leachd doruis an tigh mhoir. Is soimich fear fearann, is sona’ fear ceirde. Is furas fuil a thoirt a cean carrach; is gal’ a thoirt air craos cam. Is fearr làn an duirn de cheird, no làn an duirn de dh’or. Is fearr fuineadh thana no bhi gun aran idir. Is mòr a dh’fhuilingeas cridhe ceart ma ’m bris è. Is leasg le leisgein dol a luigh, is seachd leisge leis eirigh. Is olc an fheoil air nach gabh salan; is meas a cholunn air nach gabh guth [comhairle.] Is minic a bha comhairle righ an ceann an amadain. Is beag a th’eadar do ghal ’s do ghaire. Is ioma ni thig air an laogh, nach do shaoil a mathair. Is duilich burn glan a thoirt a tobhair shalach. Is e ’n cunntas ceart dh’fhàgas na cairdein buidheach. Is i mathair easguidh a ni ’n nighean leasg. Is math an inn’ean a chlach, gus an ruigear i. Is minig a bha droch laogh aig deadh mhart. TOIMHSEACHAIN. Chaidh mi do ’n choille is bhuain mi e, Shir mi e ’s cha d’ fhuair mi e, Nam faighinn e thilginn uam e; ’S o nach d’fhuair mi e thug mi dhachaidh e. Chaidh mi ’mach eadar da choille Is thainig mi stigh eadar da alltan. Craobh mhor, agus ceithir meoir oirre, Tri-nid-dheug anns na h-uile meur, Seachd uibhean anns na h-uile nead, Agus ceithir-eoin-fhichead anns na h-uile ubh Carson ’tha muc ’s an t-seomar, coltach ri tigh na theine? Mar ’s luaithe chuireas tu as e sann ’s fhearr. Carson ’tha fiacaill a chaidh a thurruing coltach ri ni ’choidd air dhichuimhne? Dhalbh as a cheann. Carson a ’tha leabuidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? Tha e ro fhada innte. Carson ’tha stocan càil air dol gu fras coltach ri gille ann an gaol? Chaill e chridhe. Carson a tha saighdear gealtach coltach ri ìm? Ruithidh e ’n uair a ligeas tu ri teine e. Carson nach bu choir duine glugach a chreidsinn? Tha e ’n conaidh a priseadh fhacail. Carson ’tha each òg coltach ri ubh? Cha dean e feum gu ’m prisear e. Carson a ’tha mactalla coltach ri boirisnnach? Dean na thoilcheas tu, bithidh am facal mu dheireadh aige? Carson ’tha coltas socharach air an uaireadair? Tha ’n comhnuidh a cumail a lhamhan air aodann. Carson ’tha na deoir coltach ri bunata? Tha iad fàs as an t-suil? Cò ’sluagh ’s leisge, ’s Carson? An fheaghainn ’s airde, bithidh, iad na ’s fhaide an’s a leabuidh na cach. Rann a fhuaradh air lichd air mullach Beinn-labhair ann an Siorramachd Pheirt. Caith mar gheibh, is gheibh mar chaitheas; Caomhainn, ’s co dha; cuimhnich am bas. [TD 12] GAOL DUTHCHA. AIR EADARTHEANGACHADH O’ BHEURLA SIR WALTER SCOTT, LE A. SINCLAIR. ’Bheil neach air bith, ’s an deo na chre, Cho fuar ’s nach tuirt e riamh ris fein, “Mo dhuthaich chaomh d’an tug mi gaol!” Aon nach do las a chridh’ na chom, Dhachaidh ’n uair ghluais le ceum neo-throm, Bho anradh cianail feadh an t-saogh’; Ma tha rach ’s beachdaich air gu dluth, Ri laoidh no ceol cha tog e shuil: Ged bhiodh e ard an ainm ’s an inbh’, ’S a mhaoin cho mor ’sa dh’iarradh miann; A dh’aindeoin ’airgid, ’ainm a’s oir, ’S e’n t-umaidh truagh bhios ann r’a bheo, Cha’n fhaigh e meas, no miagh, no cliu, ’S ’n uair thig am bas theid sios do’n uir, Gun chuimhn’ no iomradh air am feasd, ’S cha chaoidhear air a shon gun cheisd. O! Albuinn chaomh, nan stuc, ’s nan carn! A mhuime dh’araicheas na baird! A thir a’ bharraich a’s an fhraoich, A thir nam beann, nan tuil’, ’s nan craobh, Tir mo shinnsear’! tir nan sar, Co dh’fhuasglas an ceangal graidh, Ri d’ thraigh a dh’aonas mi gu brath! ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAIN. “Och! och! mar tha mi ’s mi ’s n am aonar, A dol troimh ’n choill far an robh mi eolach, Nach fhaigh mi ait’ ann am fhearann duchais, Ged phaighinn crun air son leud na broige.” Neo-bhinn an fhuaim leam a dhuisg m’ shuain mi, ’S e ’tighin a nuas orm a bhruaich na mor-bheann,— An ciobair gallda, ’s cha chord a chainnt rium, E’ glaothaich thall ri cu mall an dolais. Moch maduinn cheitein ’an am dhomh eirigh, Cha cheol air gheugun, no geum air mointich, Ach sgreadail bheisdean ’s a’ chanain bheurla, Le coin ’g an eigheach ’cur feidh air fogar. ’N uair a chi mi na beanntan arda, ’S an fhearann aigh ’s an robh Fionn a chomhnuidh, Cha-n fhaic mi ’n aite ach na caoraich bhana, ’S Goill gun aireamh ’s a’ h-uile comhail. Na glinn chiatach ’s am faighteadh fiadhach,— ’M biodh coin air iallan aig gillean oga, Cha-n fhaic thu ’n diugh ann ach ciobair stiallach, ’S gur duibhe ’mheuran na sgiath na rocais. Chaidh gach abhaist a chur air fuadach, Cha chluinn thu gruagach ri duan no oran; Nach bochd an sgeul e gu ’n d’ shearg ar n-uaislean, ’S na balaich shuarach n’ an aitean-comhnuidh? ’N uair a chi mi na lagain aluinn,— ’A h-uile h-airidh ’dol fas le coindich, Fo bhadain chaorach le ’n uain ’g an arach, Cha-n fhaod mi radhtainn nach b’ fhaidhe Tomas. Na ’m faighte ciad sagairt gun bhi sanntach, Ciad taileir gun bhi sunndach, Ciad greusaich gun bhi breugach, Ciad figheadair gun bhi bradach, Ciad Gobha gun bhi paiteach, Agus ciad cailleach nach robh riamh air cheilidh Chuireadh iad ’n crun air ’n righ gun aon bhuile. —Sean fhacail. DUANAG GHAOIL. LE EOGHAN MAC-COLLA. AIR FONN—“Ille dhuinn, ’s toigh leam thu.” LUINNEAG A nighean donn nam mala crom, A nighean donn nan caoin-shul, A nighean donn bho ’m binne fonn, Gur mor mo gheall air t-fhaotainn. A nighean donn a’s grinne cruth, A’s binne guth ’s a’s caoine, Ge geal an cobhar air an t-sruth ’S ann bhiodh e dubh ri d’ thaobh-sa. A nighean donn, &c. Mo run a’ chaileag luinneagach, Deagh bhanarach na spreidhe, ’S nach geill ’n seomar uinneagach ’Dh’ aon’ chruinneig ’tha ’n Dun-eideann A nighean donn, &c. Te eil’ air bhith, d’ a sgiamhaichead, ’Na t-fhianuis-sa cha leur dhomh; S ann tha thu ’measg nan nianagan Ceart mar tha ’ghrian measg reulltan. A nighean donn, &c. O ’s truagh ’bhi ’n so air Galldachd ’Nuair tha ’n Samhradh ’us mo cheud run A’ stri co ’s grinne dhearsas Nis air airidhean Ghlinn-creran! A nighean donn, &c. Cha tugainn air bhi ’m dhiuc cead ’bhi Le m’ run ’am bothan-gheugan, ’S cha ghabhainn coron oir air son Bhi ’n sud a’ pogadh m’ eiteig. A nighean donn, &c. A ruin, nam biodh tu deonach air ’S ar cairdean uile reidh ruinn, Cha chuirinn tuille dalach ann, Am maireach bu leam fein thu! A nighean donn, &c. Is diu teine fearn ur, Is diu ’n duine mi-run, Is diu dibhe fian sean: Is diu an domhain droch bhean. Is mairg aig am ’m bi ’n tighearna fann ’S mairg aig am bi clann gun rath; ’S mairg aig am bi ’m bothan bochd; Ach ’s miosa a bhi gun olc no math. Teirgidh gach ni ra chaithe’ ’S a bhi ga chaithe’ gu minig, ’S an ni sin nach caithear, Ged nach caithear gu ’n teirig; O n’ theirgeas gach ni gun chaithe’ Grathunn ma’ n tig aon brath; ’S coir gach ni a chaithe’, Ma ’n caith’ e fhein as a thamh. —Sean-fhacail. [TD 13] CANADA DUTHAICH AN DUINE BHOCHD. “Gun tegamh air bith ’s i so dutaich an duine bhochd. Ma tha e na chosnaiche math, no ma tha teaghlach aige. ma the e stuama, dichiollach cha ’n fhaod e gun soirbheachadh. Tha ’n geamhradh fada fuar; ach tha ’n samhradh teith, agus fada gu leoir chum am por a thoirt air aghaidh. Tha ’n duthaich saor o euslaintean gabhailteach, bas’or, agus co fallain ri aon aite fo ’n ghrein. * * * * Tha moran san duthaich so a rhainig i gun aon sea sgilinn ’nam poca, aige a’ bheil a nise baile saor do cheithir ficead acair, le h-eich, s daimh, a’s crodh a’s caoraich, agus sgaoth mhuc agus eunlaith, agus so uile ann deich bliana a dh’ uine, ach air ’n laimh eile tha moran ann am bochduinn, agus a bhitheadh ann am bochduinn, ciod air bith aite no duthaich anns am bitheadh iad. * * Tha moran dol thairis do America agus do chearnaibh eile, nach d’rinn math riamh nan duthaich fhein—’s cha mho a ni iad math ann an duthaich eile. ’S minic a chuala sinn “Am fear a tha carrach sa, bhaile a bhos bidh a carrach sa bhaile ’ud thall” ’S e luchd-cosnaidh ann an aird an laithean, daoine oga luthor laidir, eusgaidh sunndach, an t-aon seorsa ’s freagarraiche agus a’s cinntiche air soirbheachadh: daoine’s urrainn an lamb a chur ris gach obair a thig san rathad, agus is urrainn cur suas le iomad cruadal agus amhrath sa’ cheud dol a mach. Tha iad so cinnteach a cosnadh math fhaotainn, leis nach e amhain am faod iad fein agus an teaghlaichean a bheathachadh gu cothromach, ach leis am faod iad, ma tha iad fein dichiollach stuama, beagan o am gu h-am a chur cul an laimhe leis an ceannaich iad fearann saor-Mur ruig iad air beairteas, tha iad gun teagamh air bith, cinnteach air deagh chothrom,—pailteas, r’a ithe, ’s na’s leoir airson gach seas gaireachd a b’urrainn luchd-cosnaidh iarraidh, agus nach b’ urrainn doibh gu brath fhaotainn san duthaich so. A rithist agus a rithist, deir sinn, ’si so duthaich an duine bhochd. Esan aig a’ bheil lus agus neart, agus comas obair, a tha stuama dichiollach, thugadh e Canada air. Ma tha fuachd a’s reothadh a’s sneachd ann, tha cneasdachd a’s pailteas ann. ’S e miann ar cridhe, (agus cha striochd sinn do dhuine tha beo ann an durachd as leith ar luchd-duthcha bhochd,] gu robh na h-uile h-aon diubh a th’ ann an teinn, gun ghreim fearainn air an urrainn doibh an teaghlach a thogail, ach air an saruchadh fo chruadal, air an caramh ann an Canada Uachdarach, le tuaidh, le tal ’s le caibe; agus gheibheadh iad fonn a’s fearann, an sath do lon fallain am measg Chriosduidhean agus an luchdduthcha fein. Deireamaid so a rithist, a dh’ aindeoin co chuireadh na aghaidh.” Tha nise cor ’s deich bliana thar-fhicead ’o ’n a chaidh so a sgriobhadh ann an Cuairteir nan Gleann leis an Dr. Macleoid choir nach maireann,—fior chairid nan Gaidheal ge bith co theireadh a chaochladh, agus tha gach facal dheth a cheart cho freagarrach an diugh ’s a bha e cheud latha a chaidh a sgriobhadh, agus air iomadh cor na’s freagarraiche. Tha Canada a nise air a dhearbhadh mar dhuthaich an duine bhochd (agus an duine bheartaich mar ’n ceudna) agus cha robh e riamh cho math agus freagarrach anns na h-uile doigh air son staid agus cor dhaoine bochd ’s a tha e air ’n latha ’n diugh. Bha iomadh cruadal agus cruaidh-chas aig na daoine a bha tighinn do Chanada bho chionn ficead ’s dá-fhicead bliana ga fhulang a chion rhoidean agus nithean eile, a tha nise air a Iheasachadh. Mar a bha ’n duthaich a fas na’s beartaich ’s barrachd sluaigh a tighinn innte, chaidh roidean mor agus goireasan eile air chois anns gach cearna, agus tha nise roidean iaruinn air ’n deanamh no ga ’n deanamh, troimh gach cearna bho cheann gu ceann de ’n duthaich. Tha na ceudan mhilltean acairean de dh’ fhearann math aig uachdranachd Chanada Ard air chur air leith agus ga thairgse saor agus a nasgaidh do dhaoine a thig ga aiteach’,—seadh gu’n aon sgillean rhuadh ri phaidheadh air a shon, gun dad ri dheanamh ach tighinn ga aiteachadh agus tamh air. Leis an lagh a chaidh a dheanamh bho chionn thri bliana le Parlamaid Chanada Ard, tha suim mhor fearainn air a chomharrachadh a mach mar fhearann saor, agus faodaidh gach ceann teaghlaich dà cheud acair a ghabhail a nasgaidh, agus gach neach (firionn no boirionn) a tha ochd-bliana-deug a dh’aois ceud acair a ghabhail, agus cha ’n eil ni’ aca ri dheanamh ach cuig acairean deug anns gach ceud acair a bhi air a rheiteach agus fo bharr, agus gu ’m biodh an car ’s lugha dà acair dheth sin air a rheiteach agus aiteachadh gach bliana air son cuig bliana, agus tigh-comhnuidh freagarrach, an car ’s lugha sea-troidhean-deug le ficead troidh a bhi air a thogail, agus a bhi comhnuidh air ’n fhearann ’n car ’s lugha sea miosan ’s a bhliana. Leis na cumhnantan so a bhi air ’n coimhlionadh gheibh iad coir shaor bho ’n chrùn air son ’n fhearainn dhoibh fhein ’s da ’n sliochd gu brath. Leis an lagh so, ceann teaglaich ’s am bith aig am bi aireamh chloinne (gillean no nigheanan) thairis air ochd-bliana-deug a dh’aois faodaidh e baile math fearainn a ghabhail dhoibh, (dà cheud acair dha fhein, ’s ceud do gach aon dhiubhsan) agus ann am beagan bhlianachan a bhi cho math agus comhfhurtail air a dhoigh ri cuid de na tighearnan Gaidhealach. Tha ’n duthaich so cho fallain ri aon aite, fo ’n ghrein; tha biadh agus aodach am pailteas, agus cho saor ’s a tha e ’s a Ghaidhealtachd fhein; tha pailteas cosnaidh agus tuarasdal math ann; tha sgoilean agus luchd foghlum de gach seors, agus; teachdairean dileas an t-soisgeil ri ’m faighinn ’s gach aite dhi, agus tha laghannan agus uachdranachd mhath a làn shaorsa agus cheartas aig na n-uile innte, ’s tha cìsean eutrom ann an coimeas ri duthchanan eile. Uime sin canaìdh sinn a rithisd mar a thuirt an Dr. Macleoid [TD 14] a cheana gu ’r h’e Canada duthaich an duine bhochd agus gu h-araidh duthaich a Ghaidheil bhochd; ’si ’s freagarraiche da chor, gheibh e ann pailteas de lhuchd ducha; laghanan agus cleachdaidhean a dhucha, agus uachdranachd a tha air ’n deanamh suas ann ’n tomhas mor de Ghaidheil, agus a tha air son gach misneachd agus comhnadh a ghabhas deanamh a thoirt do dhaoine bochd gu tighinn do ’n duthaich so, ’s dachaidh a dheanamh dhoibh fhein. Carson uime sin a bhiodh Gaidheal ’s am bith a fulang cruadail, bochdainn agus airc ’n duthaich a bhreith, ’s am pailteas cho soirbh dhoibh ri fhaotainn ’n Canada. Chunnaic sinn iomadh teaghlach feadh Chanada, a thainig ann bho chionn deich agus cuig-bliana-deug, aig ’nach robh deich puinnd Shasunnach ’n uair a thainig iad air tir, aig a ’bheil a nise fearann saor, tighean agus saibhlean math, crodh agus coaraich, ’s nithean eile am pailteas agus ri sheachnadh. (Gu bhi air a lheantuinn.) NAIDHEACHDAN. CANADA, A GHAIDHEALTACHD, &C. Cha robh Canada a riamh cho cothromach agus doigheil ’s a tha i ’n diugh, mar a thuirt ’m baird coir ’n aite eile de ’n phaipeir so “Tha iad a nis ’s a New Dominion, Ann sith gun ghainne orra.” Tha sin lan fhior aig ’n am so; cha chuala sinn a riamh cho beag de ghearain ’n aite ’s am bith de Chanada ’s a tha sinn a cluintinn aig ’n am so; tha sith, sonas, agus pailteas anns gach aite de ’n duthaich. The ’n t-earrach a nis air tighinn a steach gu grianach aillte; tha ’n sneachda ’s ’n eigh air falbh as na h-aimhnichean, agus tha na soithichean smuid air toiseachad a ruith le ’n teachdaireachd air aimhnichean agus lochan na ducha. Cha robh e riamh roimh cho soirbh cosnadh fhaotainn de gach seors.’ Tha oibrichean a dol air adhairt air corr ’s dusan rathad iarruinn air feadh na ducha, agus tha iarrtas mor air luchd oibreach de gach seors’; gu h-araidh tuathanaich, luchd oibreach fearainn agus rhoidean iaruinn, agus tuarasdal math ga thairgse. Tha aird Pharlamaid Chanada a nise air sgaoileadh, ’n deigh iomadh achd cudthromach a dheanamh, a’ measg a tha ’n aont a thoirt gu British Columbia a bhi air aonadh ri Canada, mar a chaidh a dheanamh leis na mor-rhoinnean eile a cheana, a ni a tha sinn ’m beachd a bhiodhas air a dheanamh ’m beagan mhiosan. Le sin bithidh Canada faisg air a bhi cho mor ris an Roinn-Eorpa fhein. Tha cunntas gu’r ann gle mheadhonach a chaidh an t-iasgach leotha ’s a Ghaidhealtachd air a Gheamdradh ’s an Earrach so. Tha iad a nise ri toiseachadh air iasgach an t-Samhraidh ach cha ’n eil cunntas againn fhathasd cia mar ’tha chuis a dol leotha. Tha moran air a radh bho chionn bliana air ais mu dheibhinn aonachadh a bhi air a dheanamh eadar ’n Eaglais Shaor agus ’n Eaglais U. P. ’n Alba, ach cha dh’ thainig a chuis gu crich ’s am bith fhathasd. MANITOBA NO DUTAICH NA H-AIMHNE DEIRG. Tha nise duthaich na h-Aimhne Deirg, a chaidh aonachadh ri Canada ’n uiridh, air suidhe sios gu stolda, Parlamaid aca air a thaghadh, agus iad a deanamh laghanan dhoibh fhein. Tha ’n duthaich so ro tharbhach; tha na muillionan a dh’acairan fearainn ann a cheart cho math agus torrach ris na Staidean no aite air bith eile. Se machraichean leathan, fosgailt air bheagan coille a thann de ’n a chuid mhoir de ’n duthaich. Se moran ’s fhasa aiteach na Canada, de bhrigh ’s nach eile a choille mhor ghabhaidh ri gearradh sios gus ’m fearann a rheiteach; faodaidh daoine toiseachadh air treabhadh ’n talmhainn agus barr a thoirt as gu ’n ’dail. Tha sinn a cluintinn gu ’m bheil e rhùn air uachdranachd Mhanitoba fearann saor a chur air leith air son luchd iomruich, agus tha sinn a creidsinn gu ’n toir iad gach comhnadh agus misneach a ghabhas deanamh do dhaoine gu tighinn do ’n duthaich, ach tha sinn ’n dochas a bhi comasach air min-chunntas a thoirt mu’n chuis agus mu ’n duthaich, ’n uine ghoirid. Tha moran a dol air iomruich ann bhon chaidh ’n uachdranachd shuidhichte a chur air chois, agus tha sinn ’n dochas gu ’m faic sinn na milltean Ghaidheal a dol ann ’n uine nach bi fada, bho ’n Ghaidhealtachd ’s gach aite eile anns nach eil fearann math aca dhoibh fhein. [TD 15] POSADH TIGHEARNA LHATHURN AGUS A BHAN’-PHRIONNSA LOUISA. Se naidheachd ’s cudhtromaiche, ’s a’ ’s mo air am bheil de bhruidhinn aig ’n am so, gu h-araidh a measg nan Gaidheal, posadh tighearna òg Lhathuirn, a mac ’s sine aig Diuc Earghael, ris a bhan-phrionnsa Louisa, ceathramh nighean na Ban-righ. Cha do thachair a lheithid so am Breatuinn bho chionn dà cheud bliana, se sin aon do theaglach rioghail Bhreatuinn posadh ri neach a bhuineadh da riogheachd fhein; ’s ann a b’abhaist do ’n chlainn rhioghail a bhi daonan a posadh ri fuil rhioghail eile bho gach cearna, agus thug e mor thoileachas do ’n rioghachd air fad gu’m faca a Bhan-righ iomchuidh a lheithid a chleachdadh aimideach a thilgeadh bun o’s cionn, le cead a thoirt do ’n bhan’-phrionnsa posadh ri tighearna Lhathurn. Tha e gu h-araidh a toirt fior aobhar gairdeachais dhuinne uile mar Ghaidheil gu’r ann ’s a Ghaidhealtachd a fhuaradh ’n duine a thug a bhuaidh. Biodh na seanachaidhean a g’innseadh do ’n clainn linntibh as deigh so, gu’r ann ’s a Ghaidhealtachd a fhuaireadh duine do nighean na Banrigh a ni nach d’fhuaireadh ann ’m Breatuinn air fad an ceudan bliana roimh sin. Na ’m biodh a chlann rioghail air uiread aire a thoirt do ’n Ghaidhealtachd, ’s thug a ’mathair urramach agus smuaineachadh air so an trath, dh’fhaodadh iad a bhi air moran trioblaid a shabhaladh dhoibh fhein a dol do ’n Ghearmailt, ’s a dhuthchanan eile fada as, a shireadh dhaoine; gus mhnathan, agus a thuilleadh air sin taghadh na b’fhearr fhaotainn. Ach ’s math mar tha, dh’fhaodadh a chuis a bhi na bu mhiosa; tha triuir no ceathrar gun phosadh fhathasd. Biodh na Gaidheil a nise a sealtuinn suas mar a tha fior aobhar aca bho ’n thainig Banrigh Uictoria choir thun na cathrach. Chanadh sinne de taobhsa mar a thuirt am bard a thaobh neach eile:— “Na faicear chaoidh air t-oighreachd, Ach oighre a bhios coltach riut.” Agus anns a cho-dhunadh, olamaid uile mar Ghaidheil, leis gach urram, deoch slainte thighearna òg Lhathuirn agus a bhean rioghail. Is ioma ni a chailleas fear na h-imrich. Is miann le trubhas a bhi’ measg aodaich; is mian leam fein a bhi measg mo dhaoine. ARD FHEAR-FOGHLUM GAILIG. Tha coltas ath-bheothachdh a bhi thaobh na Gailig agus na Gaidhealtachd air a bhliana so. Tha budheann de dhaoine uasal urramach, aig Collaisd Dhuneideann, air a chur air leith gu feucain de ’ghabhas deanamh a thaobh caithir Ard Fhear Foghlum (no oid-oileann) Gailig a chur air chois anns a Chollaisd sin. Tha ’chuis a soirbheachadh leotha gu math, agus a reir coltais bithidh a chaithir so air a suidheachadh an’ uine ghoirid,—’ni a tha ro iomchaidh a bhi air a dheanamh. Tha aon Ghaidheal coir air gealtuinn mile punnd Sasunnach dhoibh, ma ’ni iad ’n corr suas air dhoigh eile. The sinne ’m beachd nach tugadh sin fada uatha, na ’n gabhadh iad ni eigin de rhiaghailtean suidhichte gus a chuis a thoirt mu choinneamh nan Gaidheal ’s gach duthaich. De ’n doigh air ’m b’ fhearr a b’ urainn na Gaidheil, ’n gradh agus ’n dilseachd a thaisbeanadh do dhuthaich agus cainnt an aithrichean, na ni eigin a dheanamh air son an cuimhneachan maireannach agus feumail so a chur suas? Tha e ro iomchuidh gu ’m biodh a chuis air a cur air adhairt gu’n dail (gu’n leigeadh leis fuarachadh) fhad’s bhiodheas ’n t-ard Fhoughluimiche uasal Mac-Ille-Dhuidh (Prof. Blackie) beo, gu gnuis agus comhnadh a thoirt do ’n ghnothuch; agus mar ’n ceudna ’n t-aird sgoileir foghainteach, an Dr. Maclachlain, ’n t-aon duine ’s airidh ’s aithne dhuinne air a chaithir so a lhionadh. Tha sinn an dochas gu ’n cluinn sinn bho na daoine uaisle aig ’m bheil an gnothuich ’n laimh, ’n uine ghoirid agus innsidh sinn barrachd mu’n chuis. LEABHRAICHEAN UR GAILIG. Tha moran de lheabhraichean ùr Gailig agus Gaidhealach a tighinn a mach mu ’n am so. ’Thuilleadh air na tha aig luchd-cur-a-mach a GHAIDHEIL ann ’n cloth, (air ’m faighear cunntas ’n aite eile de ’n phaipeir so) tha sinn a cluinntinn gu ’m bheil Eachdraidh Eaglais na h-Alba agus leabhar no dhā eile a tighinn a mach ann an Glascho fo ughdaras ’n sgoileir urramaich agus ainmeil sin an Dr. Mac-Aoidh. Chuala sinn mar an ceudna, ’ni a thug fior thoil-inntinn dhuiun gu ’n d’thainig, cloth-bhualadh ùr, maille ri eadartheangachadh ùr Beurla de dhanaibh Oisein a mach bho [TD 16] chionn mios no dha, leis an Urramach Mr. Clarc a Cillmaili. Cha ’n fhaca sinn ’n leabhar fhathasd gu beachd ’s am bith a thoirt air; ach leis an duine uasal urramach a bha na ughdar dha, cha ’n eil teagamh againne nach eil e airidh air tir nam Beann. Tha mar an ceudna leabhar cheisd ùr anns a Ghailig gu bhi air a chur mach an uine ghoirid, fo ughdaras an fhior Urramaich uasail, Iain MacDhomhnuill, Lancaster an Canada. Cha ’n eil so ro choltach ris a ni a chluinneas sinn gu minig bho chuid de dhaoine “gu ’m bheil a Ghailig a dol bás,’ (gun iomradh gu ’m bheil iad fhein agus na ’bhuinneas dhoibh a dol bás moran na’s luaithe na tha chainnt) agus le sin a bhi fior mar gu ’m b’ aobhar e nach biodh suim ’s am bith aig neach da chainnt mhaithreil no do dhuthaich aithrichean. Cha mho a bhiodh suim aig ’n t-seorsa cheudna do ’mathair fhein; ’s fior mar thuirt am baird Gallda a bruidhinn air ’n t-seorsa so: “* * * rach ’s beachdaich air gu dluth, Ri laoidh no ceol cha tog e shuil: Ged bhiodh e ard an ainm ’s an inbh’, ’S a mhaoin cho mor ’sa dh’iarradh miann; A dh’aindeoin ’airgid, ’ainm a’s oir, ’S e’n t-umaidh truagh bhios ann r’a bheo, Cha’n fhaigh e meas, no miagh, no cliu, ’S ’n uair thig am bas theid sios do’n uir, Gun chuimhn’ no iomradh air am feasd, ’S cha chaoidhear air a shon gun cheisd.” Agus cha mhiosa am freagairt a chuala sinn bean choir ’toirt do fhear de’n t-seorsa cheudna bho chionn ghoirid, “gun eagal ’s am bith a bhi airsan nach biodh ’n éis de ’n Ghailig ’n deigh a bhais, na sheinneadh agus a chumadh air chuimhne a chliu agus gach gniomh coir a lheig a chridhe beag leis a dheanamh re a bheatha.” Feuchaidh sinn ri min-chunntas a thoirt air na leabhraichean so’ agus nithean eile a bhuinneas do ’na Gaidheil, ’o mhios gu mios, agus bhiodh sinn fada ’n comain ar cairdean thall ’s a bhos, na ’n cuireadh iad da’r ’n ionnsuidh cunntas air ni ’s am bith de ’n t-seorsa so a thigeadh nan rathad. Is suarach an cairdeas a dh’fheumas a cheanach tric. Is fhasadh deadh ainm a chall no choisneadh. Is ann’ t-am a thig an cruadal a dh’aithnichear na cairdean. Is mòr a dh’fhaodar a dheanamh fuidh laimh deadh-dhuine. ORAN DO SHIR SEUMAS MAC MHATHAIN, BART., LEOGHAS. Air Fonn “Cabar Feidh” Air ’n urramach Sir Seumas, An aon speiseil ’tha airidh air; Gu ’n deanainn luaidh ann seis, ’Reir mar chaidh aithris dhomh; Chuid mhatheas agus bhuaidhean Co ’n t-uasal bheir barrachd air; Tha e na onair air a shluagh Gach buaidh tha air aithris air. Cha ’n aca mise an duine ceanail, Ni tha mi meas na bhochdain dhomh, Ach dhinnseadh dhom le daoine measail, Nach bu bheag an t-sochair e, Bhi ’g eisdeachd minig ri chuid gliocais, ’S facinn meud na cosgais sin Rinn e n’ chuid oighreachd, Chuir loinn agus maise orra. ’S a liughd bochd ’s feumach, Fhuair eideadh ’s fasgadh, Bho ’n duine so fior-speiseil, Tha chomhnuidh ’s a “chaisteal sin” Tha na chliu dha mhor thighearnas, Bha riamh gu’n tigh cosmhuil ris, Ach se gloir na haitreamh mhoir so, A Lady choir ’s am Mathonach. Tha ’s, an ionadsa dhe mo chinneach, ’Tha fo mhoran comain dha, Oir fhuair e ’nall iad air an tional, ’S phaidh e ’n cosgais togarrach. Tha iad a nise ’s ’n New Dominion, Ann a’ sith, gun ghoinne orra; ’S cha leig iad a chaoidh air di-chuimhne, A’ fiachan do ’n “urramach.” Cha d’ rinn an saibhreas ainmeal, E ainmheinn, mar chunnaic sinn Cuid air dhiobhail ceile, Gun fheum’ sirreadh urraman; ’S ann ghabh e air cruth iosal Ri ’g’ iarraidh mar ’s urainn e Bhi togail suas nan diobarach, Le innleachdan fiughantail. Cha chol’ach idir ris na h-iomaidh, Theid an eideadh Phaireasach, Dheanamh aidmhail leis an teanghaidh, Air an ni nach dh’ fhairich iad; Dol ma ’n cuairt le uaill ’s iomairt Sirreadh gloir bho nheach ’egin Cosmhail ri luchd deiric, Na eisdibh ri ’n glagar’aich. Tha tighearnan ann ’tha ainmeal, Le airgiod ’s tiodalan; Fhuair iad ’nuas ’o sinnsear. ’Riamh nach do choisinn iad; An inbh’ a fhuair Sir Seumas, E fhein bha lan airidh air, ’Choisinn’ oighreachd Sheaforth Le dichioll ro onorach. [TD 17] Meal ’s caithe’ re do bheatha, An saibhreas fhuair gu tre’dhireach, B’idh gloir do thigh fo gach cleith’ Air an luaidh le moladh ort, Suairceas glan do chaith’beatha Thug sud sith ’s sonas dhuit, Na faicear chaoidh air t-oighreachd Ach oigre ’bhios col’ach riut. Ghuidhinn saoghal buan, Don ’n fhior uasal Sir Matheson, Sonas, sith ’s buaidh dha Cha chuala sinn masladh air. ’Nuair a ghairmear e chum falbh, ’S theid e ’o thigh thalmhaidh ’scarachdain, Gu meal e oighreachd shuas A bhios buan agus maireannach. D. G. S. RANNAN DO FHEAR-ULLACHAIDH “A GHAIDHEIL.” Tha sgeul ùr agam an traths, Ri innse do chlann nan Gaidheal, Paipeir naigheachd anns a Ghailig; ’S mor an gradh a ghabh mi dheth. ’N uair a chuala mise an sgeul’, Lheum gach cuisle feadh mo chleibh, ’S chaidh mo chlrasach air ghleus; ’S na h-uile teud gu h-ealanta. Air gheugan seilich ’s ann ’bha Gach clarsach bh’ aig clann nan Ga’l; Gus ’n d’thanaig sgeula ’n aigh, ’N uas ’n traths gu carranthach. ’S e mo ghuidhe dhuit ’s an uair, O ’n thog thu a bhratach suas, Gun teid a sgaoileadh deas as tuath ’S gur truagh a neach nach cuidich leat. Gheibh sinn naigheachd as gach aìt’, O Eirinn, Breatuinn ’s tir a Ghail, Tir nam Beann as Ghleann an aigh, Do ’n d’thug mi gradh ’bhios maireannach. ’S ma fhreagras tusa mo rhann, Bheir mise dhutsa moran taing; ’S ni sinn bruidhinn leis a pheann, O am gu am ma ’s math leat e. Ach gabh mo leithsgeul ’s an uair, Chan eil mo sgriobhadh ach truagh, Cuirse deas na chi thu tual, ’S their mi gach uair a charaid riut. Chan eil fhios agam an trath ’s, Nach duine thu ’s am bheil moran straic, Ni magadh, sgeig as iomadh tair, Air gach facal blath a lhabair mi. ’S ma’s duine thu de ’n fhasan ur A bhios a bruidhinn mar bhi’s Diuc. G’ad fhaicinn fhein o’s cionn gach cuis, Mar teid mi ’s ann a stadas mi. Tha cuid de dhaoine an dochas mòr, Gun d’ thig do lheabhar nan coir, ’S ma ni e riutha cord’, Gun d’thig moran tarruing air. Chan eil fios agam gu fior, Nach do rinn mi bruidhinn chlì, Anns an fhaoineas chuir mi sios, ’S nach eil mir de ghramar ann. Ach ’s math a fhreagras e dhuit fhein ’Nuair thig e ’n luib do sgèith’, Theid gach failinn agus beud A th’ ann gu leir a ghlanadh leat. Sullivan, Ont. H. McC., DAN SPIORADAIL. Chiad oi’che de ’n bhliana uir, S mi air mo leahbaidh gun shurd Chuir an cadal rium cul ’s cha teannadh e. Chiad, oiche, &c. Thainig smuaintean am cheann, Ged bha ’n dorchadas ann, ’S cuiridh mi ’n cainnt ’s an seinnir iad. Thainig. &c, Bha mi tosdach mar bhalbh, ’S mi gabhail beachd air na dh’albh; De bhlianaibh ’s dh’ ainmibh ’b’aithne dhomh Bha mi, &c. Cait ’nis bheil ’n tria’, Chaidh iad thairis mar nhial, Ged tha ’n talamh ’s a ghrian a maireachdain Cait ’nis, &c. Chaidh iad seachad gu leir, Mar fhear dian-ruith na reis; ’S tha sinne air a cheum ga ’n leannachdain. Chaidh, &c Ged thaing bliana as ur, Thoirt aogais nhuadh air gach flur, Cha tig air ais dhuin’ an uin’ chaidh seachad oirnn Ged thainig, &c. Ach ’s ann tha laithe’ ar cuairt, ’Sior dhol seachad gach uair, Gus ’n duinear ’s an uaigh gun anail sinn Ach ’s ann, &c. Ged tha na smuaintean so trom, Cha d’fhag sud sinne gun bhonn, Air an greimich ar long ’s cha charuich i. Ged tha, &c. On a fhuair sinn an sgeul Gun d’thainig Slanuighear o’ Nheamh, ’S gun tug e ’n gath as an eug ge daigheann e. On fhuair sinn, &c. Se their an creid’mheach mu’n uaigh “Caite ’nis bheil do bhuaigh?” ’Nuair ’dhuisgear e suas chum breitheanais. Se their, &c. Nuair thig am Brithamh ’s mo’, ’An ’n dealradh a ghloir, ’S mor aoibhneas na chodhail bheannuichte. ’Nuair thig &c. N sin their am Britheamh gu caomh, Ris gach aon de na naoimh, “Thainig lanachd na saorsa a cheannuich mi.” ’N sin, &c. Suidhibh suas ann am chuirt, Gus ’n cluinn sibh a chuis, Eadar mise ’s na dhiult air thalamh mi. Suidhibh suas, &c. Their e mhuinntir gun chiall Bha na ’r traillean da ’r miann, Bha sibh teaichadh bho Dhia ’s ’o fhlaitheans. Their e, &c. [TD 18] ’S an-oibhean dhuibh a chuis Gun robh ar cridhe cho dur ’Nuair fhuair sibh tairgse de chumhnant maitheanais. ’S an-oibhinn, &c. Nise tha ’m breitheanas ann, Tha latha ghrais aige a cheann, ’S do-innseadh an call ’tha agaibhse. Nise tha &c. Siubhleabh uamsa gu sior, Bha sibh ’n ar naimhdean de’m righ’chd, ’S nar camper do ’m fhior lhuchd leanailt’sa. Siubhhleabh uamsa, &c. Cha ’n eil ann ’n rioghachd na gloir, Na dheanadh dhuibhse nas leoir, Tha ur ’n uamhar ’s ur marchuis aithnichte. Cha ’n eil, &c. Tha ur peac’ein gu leir Luidhe trom oirbh fhein Siubhlibh sios leo gu leirsgrios mairinneach. Tha ur peac’ein, &c. ’N sin their na Naoimh ud Amen, ’S ceart ’s ’s fior a tha bhinn ’S bithidh Aleluia ga sheinn aig Ainghlibh. An sin, &c. ’N sin tionndaidhidh e ’ghnuis, Air luach fhola le muirn, ’S bithidh gradh gach part dhiubh dubailt barraichte. ’N sin, &c. O dh’uiling Easan am bás, Chinn iads’ fhuasgladh o’n sás, ’S gun d’ghiulain iads’ iomadh sar’ ga leantuinnsan O dh’uiling, &c. Ach tha iad a nise fo dhian, Cha chuir namhaid orr fiamh, ’S bithidh cuisean ’bha diomhair aithnichte dhoibh. Ach tha iad, &c. Gheibh iad sealbh air a chrun, ’N aite bhi beathach’ air dhuil ’S bithidh fior shealladh an sul ’n aite creidimh ac’. Gheibh iad, &c. Bithidh an sonas cho mor, ’S nach uruinn teangha na’s leoir, Chuir an ceill an ordugh aithris air. Bithidh an sonas, &c Fhir a chluinneas mo dhan, Feuch ’n smuainich thu trath, Mar tha ’m firean ’s an t-aingidh ’dealachadh. Fhir a chluinneas, &c Mar d’fhuair thu fhathasd ’bhi saor, Leis ’n fhirinn tha naomh, Gabh a t-ionnsuidh iris, ’s leugh thairis i. Mar d’fhuair, &c. Gabh sar-bheachd air a ghlaoth. Tha ris gach neach ’tha ri saoi’r. ’S teich ’dhionnsuidh ’n Fhir-shaoraidh ’bheannuichte. Gabh sar-bheachd, &c. FREAGAIRTAN. A measg iomadh ni eile ’bu mhath linn a chur ’s an aireamh so, agus a dh’eumar a lheigeadh seachad gus ’n ath aireamh; tha freagairtan do aireamh lhitrichean a fhuair sinn bho chionn ghoirid. Tha aon dhiubh so bho Ghaidheal ’s na Staidean, a feorach co tha na mhinisteir ’n Eaglais Chalum Chille ’n Glascho an aite an Dr. Mhicleoid, nach maireann, agns mar ’n ceudna co tha ’n Eaglais Ghaidhealach Ghrionaig? Tha Gaidheal eile ’n Canada Ard a feorach ’m bheil e fior gun do bhasaich ’m Baird MacColla, mar a chula easan,—e gabhail ioghnadh ma bha sin fior nach tug sinn iomradh air: Do ’n chiad cheisd freaghraidh sin gu ’m bheil diadhair og urramach, da ’n ainm Blarach, a chaidh a shuidheachadh bho chionn da bhliana, agus a reir coltais nach b’ urainn na b’ fhearr a bhi air fhaotainn, gu aite ‘Caraid nan Gaidheal,’ a lhionadh; ’n dara ceisd cha ’n urainn sinn a fhreagairt, agus a thaobh na treas ceisd, ’s math mar a smuainich ’n duine coir fhein, dh ’fhaodadh e ’bhi cinnteach na ’m biodh ’m Bard MacColla air basachadh gu ’m biodh sinn air iomradh a thoirt air, agus tha sinn ro thoilichte innse dha nach ann mar sin a tha, ge bith co thug dha a lheithid de sgeul, tha m Bard coir fhathasd beo, agus a reir coltais cha bhi aig a GHAIDHEAL so, no aig Gaidheal ele, ri dol ann ’n culaidh bhroin air a shon, a chiad-da-lha so, se sin tha e slan fallain, ’s a seinn cho binn ceol’ar ’s ’bha e riamh, agus mur ’eil sinn air ar mealladh gheibh luchd leughaidh a “GHAIDEIL,” dearbhadh na ’s fhearr air so ’n uine nach bi fada, na ’s urainn sinne a thoirt dhoibh ’n traths. Fhuair sinn an t-oran agus an litir a chuir Iain D. da ’r ’n ionnsuidh, ach bu choir do dh’ Iain fios a bhi aige nach buin a lheithid do threallaich idir do ’n a phaipeirse. Tha e na ’s leoir do ’n ‘Gaidheal’ so (mar ’tha e do iomadh Gaidheal eile, a thuilleadh air, gun dol seachad air Iain fhein) sealtuinn as deigh a ghnothuich agus a pheacanan fhein. Faiceadh Iain uime sin gu ’m bi e fhein sabhailt, agus na cuireadh beachdan agus creideamh dhaoine eile uiread a dhragh air. Cuimhnicheadh e gu ’m bheil cinn, eanachainean, tuigse agus faireachdain aig daoine eile cho math ri’san agus ’o ’n tha e co deigheil air aithris Scriobturan, cha deanadh e cron dha, a cheud cuig rainn de ’n 7mh Caibdeil de Shoisgeul Mhata ionnsachadh air a theangaidh. Tha sinn daonan deigheil air Dain, Laoidhean, Orain, na sgriobhuidhean math eile fhaighinn, a dhuisgeas dearhun agsu ard smuaintean eadar duine agus duine, no eadar duine agus a Chruithear. ’Nuair a thachras a lheithid sin rinn gheibh e aite ’s a GHAIDHEAL, s cha ’n fhaoighnich sinn de ’n Eaglais de ’m buin an t-ughdar no de ’m beachd creideamh a bhio’s aige. Ach cuimhnicheadh Iain D., agus gach Iain eile, nach eil sinn idir a g’iarradh an t-sheorsa a chuir esan da’r ’n ionnsuidh, nach eile ach air son cron agus mi-rhun eadar duine agus a choimirsneach. Tha ’bheatha so rho ghoirid air son a bhi call tim ri lheithid. Tha sinn ’n comain ar cairdean air son nan sgriobhuidhean a chuir iad da’r ’n ionnsuidh, agus ’n gniomhara caoimheil eile a thaobh comhnadh leis a “GHAIDHEAL.” Tha moran de sgriobhuidhean taitneach againn air am faighinn, ach ’s eiginn a chuid mhor dhiubh a chur seachad gus ’n ath aireamh; a measg moran eile a thuilleadh air na tha ’s an aireamh so fhein, tha na lheanas air tighinn gu’r laimh agus gheibhear iad ’s ’n ath aireamh de ’n GHAIDHEAL: “Marbh-rhann air ’n Urramach Padruig Mac Illeadhain,”—Le Ruairi Moirastan: “Dun-Bhrusgraigh agus Iain,”—I. McC.; “Fogradh nan Gaidheal,”—Bard Loch Aillse; “Dan air Eas Niagara,”—D.B.B.; “MacGriogair ’O Ruaru,”—(rannan ur)—D. McL.; “Jessie the Flower of Dunblane Edartheangaichte ’o n Bheurla,—P. C., &c, &c. FACAL ’S AN DEALACHADH Tha ’m fear-ullachaidh ann ’m modh sonruichte g’ aideachadh a thaingealachd, agus a chomain fo ’m bheil e do na daoine coir uasal agus urramach a lheanas, air son an coimhneas agus an cuideachadh air iomadh doigh:—D. F. McLinnean, ’m Bard McColla, D. Mac-an-Roich, (Steornabha) P. MacGriogair, an t-urramach Mr. McCuinn, Dun-bheagan agus Oid-oilean MacAoidh, Richmond; an t-urramach Mr. Blarach agus an t-urrmach Macleadhain Sinclair, Nova Scotia; Iain B. Mac Dhomhnuill, Loch Megantic; Iain MacNeil, Eilean Phrionnsa Eduard; Lachlain Moirastan agus Mr. MacDhughail agus MacPhail Staid Mhicheagan, am fior Ghaidheal coir, an t-Onorach Iain Holm, Nova Scotia, agus an t-Onorach D. Gordan, M.L.C., Eilean a Phrionnsa. Agus cha b’ ann gu deireadh bu choir ’n t-aird uasal coir fhagail, an t-ononach Iain Friseil de Berry, M.L.C., Ceann-cinnidh (roghnaichte) Clann Fhriseil, Morrhoinn Chuibec, agus run-chleireach do chomunn Chlann Friseil America Tuath. Tha sinn an dochas gu ’n cluinn sinn an uine ghoirid, bho na sgriobhaichean coir, Murcha MacIlleMhaoil, Gleanngarraidh, Sgiathanch, Calum Domhnullach agus Clarsair nam Beann, le ni eigin a bhios freagarrach air son a GHAIDHEAL, mar b’abhaist. [TD 19] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1871. [2 AIR. DO AR LUCHD LEUGHAIDH. Tha AN GAIDHEAL a nis a cur failte air a chairdean an dara ’uair, agus ag’ iarraidh maitheanas air son a bhi cho fadalach. Cha ’n eil teagamh nach robh cuid dhiubh a caoidh air a shon a cheana, a smuaineachadh gu’n deach e air chall anns a choille, no gun d’ thachair aimlisg no dochann eile de ’n t-seorsa ris a chuir as an rathad e. Ach tha sinn rò thoilichte innse’ do ar cairdean nach do thachair dad de ’n t-seorsa; cha ’n ’eil eu-slaint no eugailt sa ’m bith a cur air. An aite sin ’s ann a tha e ga fhaighinn fhein moran na’s treise agus na’s misneachail ga gabhail air a thurus gu reith direach, na bha e roimh. ’N uair a thoisich sinn air a GHAIDHEAL, bha e rhùn oirnn a chur a mach gach mios; tha sinn duilich gu ’n deach’ na raighailtean sin a thilgeadh bun o’s ceann oirnn, le Mr. MacNeacail, ’am fear ullachaidh, a bhi air a chur a mach le uachdranachd Chanada, gu sealtainn as deigh gnothaichean luchd-iomruich, bho ’n Ghaidhealtachd agus ceann tuath Alba. Tha moran ullachaidh aige ri dheanamh air son a thuruis agus gun an uine ach goirid air son a dheanamh; tha e eu-comasach uime sin an Gaidheal a chur a mach ach gach dara mios, gu toiseach na bliadhna ùir. Cha bhi call ’s am bith aig ar luchd leughaidh a thaobh na riaghailt so, oir gheibh iad da aireamh dheug air son pàidheadh na bliadhna; se sin aon air son gach mios sa bhliadhna. Tha sinn a nis air cluintinn bho mhoran d’ ar luchd-duthcha, as gach cearna bho Lhoch-na-Madadh an Uist, gu Australia agus Duthaich na h-Aimhne Deirg; agus gu dearbh ma bha teagamh s am bith againn ’s a cheud dol a-much mu shoirbheachadh a GHAIDHEAL, tha e nis air fhuadach buileach air falbh. Tha sinn fo chomain agus a toirt moran taing dhoibh uile air son an gniomhara agus am briathraibh caimhneil. MU NA SEANN GHAIDHEIL. II. NA PICTI, NO DAITHTICH. Roimh dheireadh na treas linne cha robh ainm sam bith eile ach Caledonaich air luchd-aiteachaidh Ceann tuath Bhreatuinn aig na h-Eachdraichibh Romanach. Ach mu ’n bhliadhna 296 thugadh ainm nuadh orra, ’se sin “Picti,” na Pictich, no Daithtich, no a mhuinntir Dhaithte. B’e Eumenius an Cainntear a chleachd an t-ainm so air tus anns an Oraid chliuthachaidh a rinn e do Chonstantius Chlorus air son na buaidh a thug e air an traoiteir Alectus. Air dha labhairt mu na Deas Bhreatunnaich thubhairt e “Os barr bha an cinneach aineolach aig an am sin, agus a chionn nach b’aithne do na Breatunnaich ach na Picti agus na h-Eirionnaich a mhain, naimhdean leth-ruisgte, uime sin gheill iad gu furasda do airm agus do bhrataich nan Romanach.” Gum b’ iad na Picti so an t-aon sluagh ceudna ris na Caledonaich tha Eumenius so fein a’ nochdadh gu soilleur anns an oraid a rinn e air beulaobh an Impire Constantin mac Chonstantius anns a’ bhliadhna A. D. 309. Nuair a mhol e Constantius d’a mhac thubhairt e, “Nach bu deoin leis coilltichean agus catharraich-mointich nan Caledonach agus nam Picteach eile a ghlacadh, no eadhon Eirinn a bha [TD 20] fagus air laimh, no eilean Thula a bha fad as.” Tha e dearbhadh gun robh cogadh aig na Deas Bhreatunnaich ris na Picti roimh theachd Iulius Chaesair, agus a’ feuchainn an dealachaidh a bha eadar Caesar agus Constantius. Agus nuair a tha e ag’ radh gun robh na Picti leth-ruisgte freagraidh an t-iomradh so gu math do na Gaidhil sgeadaichte leis an fheile-bheag. Tha e coltach gun d’ thainig an t-ainm Picti o’ n chleachdadh a bha coitcheann am measg seann luchd aiteachaidh Bhreatuinn, oir tha Iulius Caesar ag innseadh gun robh iad ’gan dath fein le dath lia-ghorm a chum an aogus a dheanamh na b’ eagallaiche ann an àm cogaidh; agus tha Herodian ag radh mar an ceudna gun robh na Caledonaich uile Daithte ri linn an Impire Severus nuair a chaidh e gu tuath sa’ bhliadhna 207. Tha am Bard Claudian mar an ceudna ag radh “Nach ann cearr a bha an t-ainm Picti” (Nec falso Nomine Picti), a ciallachadh gun robh an t-ainm freagarrach dhoibh a chionn gun robh iad air an dath, oir tha am facal Laidin Pictus a ’ciallachadh “daithte.” Tha e ro choltach gun do lean na Gaidhil Thuathach air a’ chleachdadh so, a bhi ’gan dath fein sa’ chogadh, an deigh dhoibh sgur dheth ann an ceann a Deas Bhreatuinn, ni a thachair co luath sa cheannsaicheadh an tir leis na Romanaich, agus gu h-araid an uair a thainig an creideamh Criosduidh a steach do ’n Eilean. Os barr tha am Bard Claudian a’ feuchainn dhuinn an doigh anns an robh an dath so air a dheanamh, eadhon le roinn bhioraich iarruinn leis an robh an craiceann air a tholladh agus an dath air a chur a steach anns na lotaibh, “ferroque notatas perlegit exangues Picto moriente figuras.” “Leugh e cruthan neofhinelteach air an dealbh le iarrunn, air corp marbh a’ Phictich.” Mu’r h-ann o’ n chleachdadh so a fhuair iad an t-ainm cha-n eil e soilleur cia bhuaithe a dh’ eirich e, oir cha ’n ’eil focal sam bith cosmhuil ris anns a’ Ghailig Eirinnich no Albannaich o’ ’m faodadh an t-ainm Pictich a bhi air a radh ris an t-sluagh. Agus chan ’eil dearbhadh sam bith gun robh an t-ainm so air a radh riutha leotha fein no leis a’ chuid eile de mhuinntir dhuchasaich Bhreatuinn. D.B.B. Gu bhi air a leantuinn. MU IOMPAIREACHD SHINA. Tha an treas cuid de’n chinne-daona gu leir ’s an duthaich fharsuinn so. Eadar dhaoine, mhnathan as chloinn, tha mu dha cheud deug muillein pearsa ’s an t-shaoghal; agus dhiu sin, tha corr a’s ceithir cheud muillein an Sina amhain, moran tuille na tha ’s an Eorpa gu leir. A reir coltais, bha na Sinich ainmeil bho cheann iomad linn; oir tha am Faidhe Isaiah ga’n ainmeachadh, (Caibdeil XL 12) am measg nan cinneach a thigeadh gu Criosd’a. Bho cheann corr a’s da cheud bliana, cheannsaich na Tataraich gu tuath orra na Sinich; agus chum iad fo smachd iad gus an latha ’n diugh. Is Tatarach an t-Iompaire ’s a theaghlach, agus moran de na h-ard uaislibh. Tha saighdeirean diu, cuideachd, aig an Iompaire; agus tha pairt mhòr de thir nan Tatarach ’s an iompaireachd aige. Ach is Sinich a chuid mhòr d’ a shluagh. Tha na Sinich uile coltach ri cheile, am pearsa ’s an intinn. Tha am falt dubh direach, gun lùb gun dual, le feusag dhubh, thana agus sùilean dubha. Tha an craiceann donn dorcha, le aghaidhibh plubach, agus car an aird an taobh amach na sùl. Cha’n eil iad am bitcheantas co mòr na co tròm ri Breiteannaich, na idir co laidir no co misneachail. Tha iad seachnach air bainne, ìm a’s caise; ach ithidh iad coin, agus gach sorsa blianaich. ’S e cotain is aodach do n chuid mhòr dhiu, ged tha sìde aig na h-uaislibh: oir tha caoirich gann n’ am measg. Tha iad buileach modhail, n’ an doigh fhèin; agus tha e mar fhasan aca [TD 21] brògan beag iaruinn a chuir air na baintighearnaibh oga, agus a cumail orra gus am fac iad suas. Tha so ro phianail do ’n chloinn; agus tha e a cumail an casan gun lùth gun neart; ach cha bhitheadh iad fasanta air dhoigh eile. Chan ’eil nigheanan dhaoine bochda ’g an cur fo ’n chràdh so; agus uime sin tha an casan mar a chuid eile de n’ chinne daona. Tha na Sinich deanadach, siobhalta, agus grunndail; agus uime sin tha moran de na thainig do na Staidean diu a deanamh airgid. Ach tha iad co rùnach mu ’n tìr fhein ’s gum bheil iad a dol air ais co luath ’s a gheibh iad an leoir. Air an laimh eile, tha iad carach, cealgach, an-iochdar. Tha moran diu a tilgeadh amach an leanaban nighinn, gu bàsachadh am feadh ’s a tha iad ro speiseil mu ’m pàrantaibh. Tha iad co fein-speiseil ’s gum bheil iad a sealltuinn sios air a chuid eile de ’n t-shaoghal gu leir; ach fhuair iad dearbha laidir, bho cheann ghoirid, nach eil iad coimeas do dhaoine na h-Eorpa an coga’; oir chaidh an ruaig air am feachdaibh, roi aireamh bheag de naimhdibh. Tha iad buileach fiadhta ri coigrich, air dhoigh ’s gum bheil e cunnartach do dhaoine fuireach ’n am measg; agus chan ’eil doigh air tearantachd ach eagal a chuir orra, le peanas trom, gach uair a ni iad aineart air coigrich. Bho cheann ghoirid, chreach agus mhort iad moran choigreach aig baile ris an abrar Tien-tsin. Bha Iarla Chlarendon gu mor ri choireachadh airson so. Oir b’e ard-fhear-comhairle na ban-righ mu chuisibh choigreach; agus sgriobh e litir gu righ-theachdaire Bhreiteann an Sina, nach dionadh am feachd Breiteannach an luchd-teagasg Criosdaidh an Sina. Co luath ’s a chuala na Sinich so, ghabh iad misneach, gu droch run an cridhe a chuir an gniomh. Is cinnich dhall na Sinich; ach tha a nise iomad coi-thional Criosdaidh n’ am measg, a chaidh iompachadh bho cheann ghoirid; agus tha iomad ministeir a searmonachadh an t-shoisgeil dhoibh. Chan eil iad idir ro eudar mu ’m baoth-chreideamh fhein. Tha moran diu a deanamh aoradh do thaibhsibh an aithrichean, agus thaobh amach de sin, chan eil ach beag aoraidh air bith aca. Tha muilean urnaigh ’s an duthaich; agus tha iadsan a creidsinn gum bheil eifeachd, an tilgeadh urnaigh sgriobhta air paipeir anns a mhuilean. Tha iad ag’ radh gum bheil gach car de ’n phaipeir co math ri urnaigh aìr a toirt suas bho ’n bheul: agus gun teagamh tha sin fior, thaobh urnaighean ri diathaibh breige. Tha sinn an dòchas gun cur luchd-riaghlaidh na h-Eorpa agus America, casg air ainneart nan Sineach, air dhoigh ’s gum bi gach coigreach ’n am measg sabhailte, agus gun sgaoil an soisgeil dorchadas na tire, gus am bi faisneachd Isaiah air a coilionadh, agus an tionndaidh na Sinich uile gu Criosd. NAIDHEACHDAN. Tha a bhann-shìth eadar Breiteann agus na Staidean air a daineachadh, air dhoigh ’s nach ’eil coltas gum bi cogadh na connsachadh eadar an da dhuthaich car iomad linn, agus math dh’ fheuta a chaoidh. Reitich a bhann so gach connspaid a bha eatorra. A thaobh iasgach air cladaicibh Chanada, agus seoladh air amhainn Saint Larans, chan ’eil comas sin a dheanamh gu bhi aig sluagh nan Staidean mur aontaich Parlamaid Chanada ris. Agus mur faidh iadsan sin, cha toir iad comas do shluagh Chanada seoladh air cuid de ’n uisgeachaibhsan. Dh’ aontaich Eilein Phrionnsa Eudard ri so a cheana; agus ged a tha cuid de mhuinntir Chanada an aghaidh aontachadh ris an ni so, ’s e is coltaiche gun dean iad e. Oir bheir sin moran airgid do bhaile mor Mhontreal. Bha an Samhradh buileach tioram air feadh Chanada agus na Staidean mu thuath; ach tha am bar math am bithcheantas, agus an cruineachd sonr- [TD 22] uichte math. Tha prìs mhath air feudáil ’s na duthchaibh sin, agus tha deagh àm aig luchd-ceird as tuarasdail. Am Breiteann mhuth a Bhann-righ, air comhairle a h-ard luchd riaghlaidh, an seann ghnath mu dhreuchdaibh ’s an arm. Bho cheann dà cheud bliana, bha iad sin air an reiceadh ri daoine beirteach: oir cha b’ urrainn daoine bochd’ an ceannach,—Uime sin bha moran de na h-oifigich neo-fhreagarrach airson an dreuchd, on a tha e tric a tachairt gum bheil beirteas aig umaidh. Agus on a tha daoine glic, cruadalach agus tapaidh gle thric bochd, bha iad sin air an cumaìl fodha, agus daoine gun seagh os an ceann. Bha so ro mhi thaitneach do ’n duthaich gu leir ach na h-ard uaislean. Dh’ oireapaich iad sin air an seann ghnath a chumail suas; ach dh’ fhairtlich orra; agus a nis tha dochas gum faidh daoine air aghart ’s an arm Bhreiteannach mar an armaibh eile na h-Eorpa—a reir an toilltinneis, ’s chan ann a reir cothrom an sporain. Ni so an t-arm gu mor ni ’s neartaire; agus bithidh e n’ as fhasa daoine freagarrach fhaidhinn. Tha cuisean a dol air aghart ’s an Fhraing n’ as fhearr na bha duil aig moran. Ghlac feachd an luchd riaghlaidh Paris; agus chaidh moran de ’n luchd-ceannairc a mharbhadh, agus ro mhoran diu a glacadh. Rinn na daoine coirbte sin moran dochainn do n bhaile-mhor, mus an do chuireadh sios iad. Mhort iad moran de ’n luchd aiteachaidh, agus thilg iad sios agus loisg iad iomad taigh-mor riomhach agus carn-cuimhne grinn. ’Na ’m measg bha cuid de luchairtibh seann righrean na Frainge, agus carragh ard a bha mar chuimhneachan air na buaidhibh a fhuair na Frangaich thair an naimhdibh an laithibh a cheud Bhonaparte, le iomhaigh fhein air a mhullach, ’Nuair a leag iad an carragh, chaidh an iomhaigh a bhriseadh, agus thilg cuid de na bha ’s an lathair smugaidean oirre, oir rinn an t-Iompaire mu dheire a lheithid a dh’ aintighearnas orra s’ gun robh iad lan feirg an aghaidh a luchd-dàimh gu leir, gun sgoinn do mhoralachd Bhonaparte ’nuair a bha e ’n aird a chumachd agus iomad righ fo a smachd. Tha na Frangaich a paidheadh an airgid do na Gearmailtich, a reir na bainn-shith eatorra, agus tha feachdan nan Gearmailteach a dol dachaidh agus a fagail na Frainge, uidh air uidh. Tha cairdean aig teaghlach nan sean righ agus aig Bonaparte ’n am measg; ach a reir coltais tha a chuid mhor de’n duthaich ’n an aghaidh; agus fanaidh iad air fogradh, mar a tha iad: ach aig an Fhreasdal amhain tha fios ciod a thachaireas ’s an Fhraing. Cha robh an cogadh an aghaidh nam Frangach gun chall trom do na Gearmailtich; agus tha gainne bìdh ’n am measg; ach on a thug iad buaidh air na Frangaich, agus tha an tir uile fo aon riaghladh, tha iad toilichte misneachail. ’S an Eadailt tha baile-mor na Roimhe a rìs na cheann-bhaile air an tir gu leir, ni nach robh e roimhe bho cheann corr as ceithir cheud deug bliana. Tha an righ, a luchd comhairle, agus na righ-theachdairean a nis a conuidh an sin. Tha am Papa fhathasd ’na sheann luchairt, air taobh tuath na h-aimhne Tiber; agus a reir coltais tha e a runachadh fantuinn an sin. Tha an righ a tairgseadh sea ceud mile dolar ’s a bhliana dha. Tha aithris gum bheil an canal mòr eadar amhainn na h-Eifeid agus a Mhuir Ruadh a lionadh suas le gaineamh na Fasaich a tha ghaoth a seideadh ann. Ma ’s fior so, theid an canal bho fheum an uine ghorrid, mur glanar amach a ghaineamh. Bithidh so ro chostail; agus chian urrainn na Frangaich aig am bheil e an laimh an cosd a phaidheadh. Dh’ iar iad air fear-rioghlaidh na tire (ris an abrar an Khedive) gu conadh leotha; ach dhiult esan; agus is coltach gur eiginn do na Frangaich an canal a reiceadh eio no Sasunnaich, aig am bheil pailteas airgid. Tha an canal gu mor n’ as feumaile do na Breiteannaich na do na Frangaich, [TD 23] de bhrigh nan duthchan mòra an Asia air am bheil tighearnas aig Breiteann. BEATHA-EACHDRAIDH CHOLUIM CHILLE. CAIB II. Dheoninch a dha-dheug do na foghlumaich aig Colum Cille falbh maille ris a Eirinn. Is iad an ainmean Baithen (a Chlerach), Diarmid (a mhinistear) Mochonna, Cobthach, Ernaan, Rus, Fechno, Scandal, Eochoid, Tochannu Cairnaau agus Grillaau. Bha Colum Cille a toirt comhairle air Mochonna (mac Righ Ulster) gu’n a dhuthaich agus a pharantan fhagail. Ach dhiult e tilleadh, a freagairt “Is e thusa m’ athair, an Eaglais mo mhathair, agus an aite anns an cruinnich mi an toradh as mo do Chriosd, mo dhuthaich.” Bha mar so intinn theachdairean-soisgeulach aig Colum Cille agus a chompanaich a fagail Eirinn. Sheol iad ann an currach, a bha na bàta laidir, agus rainig iad tìr aig Port-a-Churraich ann an Eilean I, (ris an abrar mar an ceudna Innis-nan-Drui’neachaig ’s an àm sin). Dh’ irich Colum Cille an cnoc a b’airde bha ’s an eilean, ’s chunnaic e gu robh e a sealladh Eirinn; oir bha do gradh aig da dhuthaich, ’s nach bitheadh e toilichte a bhi ga faichinn gu’n bhi innte. Runaich e a chomhnaidh a dheanamh san eilean bheag sin oir chunnaic e gu’ robh e so-ruigsinn do na h-eilleanan mun cuairt, agus gun robh e na eilean a bha maith airson barr agus ionaltradh, agus mar sin ro fhreagarrach airson aite-taimh fhoghlumaich agus theachdairean. Bha so anns a bhliadhna A. D. 563. Chaidh carn a thogail air mullach a chnuic a dh’irich Colum Cille, ris an abrar fhathast Carn-cul-ri-Eirinn. Thug Conal, Righ na Scuite (Scots), Eilean I, do Choluim Chille mar sheilbh, agus dhaingnich Bruidhe no Bride, Righ na Piocuich (Picts) a choir, agus anns a bhliadhna 565, thog Colum Cille Cathair Chuldich anns an Eilean. Bha a Chathair a co-sheasamh ann an eaglais, tigh do na coigrich, agus tighean do na ministearan agus na foghlumaich. Bha na tighean air an togail le fiodh agus slatan caoil. Tha an t-Urramach Bede a sgriobh Eachdraidh na-h-Eaglais ann an Sasuinn, mu chiad bliadhna ’n deigh bas Choluim Chille, a toirt an cunntas a leanas air a theachdaireachd:—“Ann am bliadhna Chriosd, cuig-ciad tri fichead agus a cuig, ’nuair a bha Iompaìreachd na Roimhe fo riaghladh Justin a b’oige, thainig Colum Cille a bha na Phreasbitair agus na Abba, agus a bha ro chliuiteach airson a shaothair agus a ghiulan agus sin gu fuighail, a Eirinn do Bhreatuinn. Be a rùn ann a bhi teachd,—focal Dhe a shearmonachadh ann an duthchannan na Piocuich Thuathach (Northern Picts) oir bha ’n sluagh a bha mu Dheas dhiubh sin air an iompachadh a chum a chreidimh le Ninian ùine fhada roimhe an àm sin. Thainig Colum Cille do Bhreatuinn ’nuair a bha Bride, prionnsa ro chumhachdach a rioghachadh osceann na Piocuich, agus rinn cumhachd teagasg an duine naoimh agus buaidh eseamplair, an cinneach sin iompachadh a chum a chreidimh.” Bha Colum Cille a thaobh a phearsa, a chumhachd inntinn, agus ionnsachadh ro fhreagarrach airson an obair mhor agus iongantach a thugadh dha ri dheanamh— “Is fior, nach faigh am focal buaidh A dh’ aindeoin achd an te’id a luaidh A dh’ easbhuidh cumhachd Dhe nan sluagh, A bhi, ’s an nair’ ’g a chuideachadh. Ach far ’n do chuir e roimhe féin, A bhi le ’shoisgeul deanamh feum, ’N sin bheir e deasachadh is gleus, Do ’n, Inneal reir na h-oibre sin.” Bha e ard, tlachdmhor na phearsa, a shuil ro bheothail, agus a ghuth cumhachdach gidheadh binn. ’Nuair bhitheadh e seinn nan Salm chluinnte mile air astar e. Bha e air mhodh chorporra treun agus foghainteach, air alt ’s gu’m burrain e moran saothair [TD 24] agus allaban a ghiulan. Ge d’ bha e duineal neo-sgàthach agus smachdail, bha e làn do shumplidheachd, dilseachd agus caomhalachd. Nuair a bha na tiodhlacaidh nadurra so, air am maiseachadh le gràs agus e air uidheamachadh le “ulluchadh soisgeil na sìthe,” bha buaidh shònruichte aig “claidheamh an spioraid” na laimh. (Gu bhi air a leantuinn.) A. C. EIGH O CHREIG-EILEACHAIDH:* (O’N BHEURLA). Thir nam Beann, nan Gleann, ’s nan Coire, Nan struth cas, ’s nan tuiltean mòr’, Leinn cha d’ shaoil gu’m faict’ an càramhs’ Air do fhrìdhean àrd’ r’ar beò. Feuch a nis tha feachd a’s tréine Na feachd Chromueill nan geur-lann— ’S colgarra na feachd Dhiùc Uilleim ’Teachd mar thuil air Tir nam beann! ’Trasdadh Thatha, ’casgadh Theamhuill, ’Snaidheadh sìos le buillean dian Glacan beithe Coille-Chragaidh, ’Magadh air an cliù o chian! Ainmean caomh’! Ach dh’fhalbh an druidheachd! Cluinn ’g an éigheach gill’ an Ròid, Blàr-an-Adholl! Dail-an-Spideil! Feuch Dail-Chuinnidh! Agaidh-mhòr! Gairidh druidt’ le tòrr ’us daingnich, Steud sinn suas ’n ar deann r’a taobh, ’Fuadachadh a chaoidh o ’lochan Codal tosdach nan linn aosd’. Bàideanach nan gaillinn fiadhaich, Anns an lionmhor liath-chlach mhòr, ’S carragh-cuimhne bhlàran fuilteach— Uaigneach cha bhi ’cnuic ni’s mò. Ghluais sinn tosdachd chian nan àrd bheann, ’Steudadh sìos an gleann le gaoir, Air Srath-Spé ’us Ratamhurchuis— Fridhean àrd’ nan giuthas aosd’. ’Mhuc ’s an Torc† theich as ’n an deann-ruith! Beinn ri beinn gu teann a’ stri! Sgòrr, ’us creag, ’us sliabh a’ ruidhleadh— ’S gann a “sheas Creag-Eileachaèdh!‡ * English by PRINCIPAL SHAIRP, St. Andrews.Sow of Atholl and Boar of Badenoch, two contiguous mountains, the one on the Atholl side, and the other on the Badenoch side of the hill of Druimuachdair.“Stand fast Craigellache,” is the war-cry of the Clan Grant. ’S a’ Ghleann-mhòr, ’n Gleann-Feiscidh uaigneach, Suas air fad an cluaintean glas’, Cluinnear sgal an fheadain bhuaireant’, ’S àirde fuaim na ’n easan cas’. Carbaid iaruinn ged is neònach, ’S neònaiche an luchd do shluagh— Sràidean Lunnuinn air an taomadh Mach air raointean an Taoibh-Tuath! Sas’naich, Frangaich, spailp, ’s luchd-turuis, Ann an uidheam do gach lì! Brigis fharsuinn, pòcan leathrach, Brògan lainn’reach, ’s osain shìod’! ’S anns ’s gach uinneig carbaid, maighdean ’G ràdh, ’s i ’sealltuinn suas gu dian: “’S ainmean neònach Carn-an-t-sabhail, Beinn-mac-duibhe,|| ’s am Braigh’-ria’ch!” ’S beag an sgoinns’ do’n bholtrach chùbhraidh ’Dh’ èireas ùr o lus ’s o chrann, ’S uillt a’ ruith feadh ghleann gu fuaimneach, ’S tosdachd shòluint’ bhuan nam beann! ’S coma leò-san Loch-an-eilein, Loch-nan-dorb, ’s a dhaingneach liath, ’N Cuimeanach ’us ’euchdan gabbaidh, ’S Faol-chu Bhàideanaich o chian. O Chùirn-ghuirm! ’us thus’, Bhràigh’-riabhaich! Tilgibh sìos mu ’r creagan neòil, Chum nach dean na daormuinn ’thruagha Tarcuis air ’ur cruachan mòr’. ’Dian-ruith seach! Cluinneadh Cuil-fhodair, ’N àit’ gairm-chogaidh Threubh, an fhuaims’; Criothnaicheadh gach coill’ mu’n Mhanchuinn— Dhruim, mu’n iadh gach àille, gluais-s’? ’Sìor-dhol tuath, a chaoidh cha srianar Na h-eich iaruinn ’n an steud dheirg, Gus am bòdhrar le an srannail Creagan geala Rudh’ na-Feirg’. ’N fheudar buileach do na Gaidheil Triall o ’n àrois ’measg nan gleann? ’Chuid ’s a chuid an saltair Sas’naich Tur fo’n casan Tìr nam beann? Fineachan a chean’ air dibreadh, Ceòl na pìob’ ’dol as gu luath; ’M bàsaich tur á Tìr nan àrd-bheann Gàidhlig àdhmhor aosd’ nam buadh? “’S coma,’, ’deir thu, “ged a rachadh Na seann chleachdaidhean air chùl, || Beinn-Mhic-Duibbe (Ben-Macduff); or, Beinn-muic-duibhe (the mountain of the black sow). [TD 25] Bheir an Triath gu buil tre ’n sgrios-san Crìochan ris mach ’eil do dhùil!” Feudaidh sin ’bhi; ach ’n toir Innleachd, Le a h-ealdhain mhin ’s a snas, Treun-laoich cholgarra nan ard-bheann, No ’n seann chàirdeas ris air ais! Ni h-eadh; ach ge mor am buannachd Far an tig an cruaidh-ghaoir ghrannd’, Dh’ fhalbh gu tur a’ bhuaidh ’s an druidheachd, ’S cha bhi ’Ghàidh’ltachd chaoidh mar bha! Ach tha fathast glacan bruachach ’Dhùisgeas annam smuaintean àrd’, ’S glinn gun àireamh nach do thruailleadh, ’S iomadh dìthreabh uamhalt, fhàs; Iomadh allt an coirean uaigneach, O sheann fhuarain ’g éiridh suas, ’Taomadh ’n linnean dorch’ an uisge, ’S caorann ruiteach air gach bruaich; Iomadh loch, le creagan cuairticht’, ’Tàmh gun bhruaillean ’measg nam beann, Air nach d’ thàinig slighe duine, No fear-turuis fathast teann; Iomadh sgòrr, mar iolair mhara, Suas fa chomhair laidhe gréin’, Geal-cheannach le stùchdan cruachach, ’Beachdach’ ’chuain ’s nan Eilean céin. Fàilnicheadh iad sin, ’us théid mi Gu creig éigin ’measg nan stuadh, ’Mhealtuinn saorsa, gus an crochar Drochaidean os-ceann a’ chuain! EAD. LE A. C. DUN BHRUSGRIGH AGUS IAIN Bha so air a chur r’a cheile ’nuair a bha ’n t-ùghdar na oganach beag, air da Ghaidealachd fhagail agus dol a dh’fhuireach do bhaile mòr Dhùneidin. Dà bhliadhna roimhe so chaill uachdaran Ila an oighreachd. Bha ’n t-uasal so ro chaoimhneil ris an tuath agus bha dulichinn mhòr orra ’nuair a bhrist e. Bha oighreachd air a cur fo cheileadair ris an abradh iad Brown, agus maille ris bha seambarlair ris an abradh iad Webster. Bha maoir aca so deas aig an laimh ris an abradh iad “am Boc,” mar fhar ainm, agus theireadh iad “a Chaora” ris an fhear eile. Bha ’n tuath air an cur thuige gu mor, le riaghladh nan daoine so, dh’ fhag cuid mhòr dhiu an tìr, ’s chaidh na fearuinn aca chur fo chaorich ’s crodh. S’ ann le cridheachan goirt a dh’ fhag cuid dhiu an dachaidhean, ’s a chuireadh air falbh-cuid eile dhiu as na h-àiteachean ud far an d’ rugadh ’s an do thogadh iad, far an do chaith an athraichean ’us an sean-athraichean an laithean gu toilichte. ’S iomad aite dhuiling mar so anns a Ghaidheltachd, agus b’ann diu gleann Chatadal far an robh air an àm so dà bhaile dheug fearuinn ’s moran tuath agus gillean treun a bha ghnàth ullamh gu coir na dùthcha agus na Ban-Righ a sheasamh. Bha iad mar gu ’m b’ann air an iomain air falbh agus treudan mòr chaorach agus chruidh air an iomain n’an aite, agus cha bu bheag sgeig na muinntir ud ’nuair a bha so air a dheanamh leo, gun smaointean idir aca gu faod an latha tighinn ’nuair a bhitheas gairm air a dheanamh a measg nan gleann air son dion na rioghachd, ach cha’n fhaigh iad do fhreagairt ach meilìch nan caorach agus geimnich a chruidh, a bhithis ag ionaltradh a measag nan lathrichean fasa, far ’m bheil dreasdan ’s feandagan a comharachadh a mach far am b’abhaist an teintean a bhi. ARS IAIN. “A Dhuin Bhrusgrigh nan cas chreag, Ged bha mi tacan air falbh uat; Thainig smaointean fo m’ aigne Gu tighinn a shealltuinn do ghorm-bhrat, ’S gun gabhainn sealladh o ’d chuirnan, Air gleannan cubraidh nan tolman, Far an d’fhuair thu do leaba, ’S Leac-an-darraich na colbh dhi, ’S cha’n ’eil i lag. “’S iomadh linn chuir thu tharad. Is garbh ’char chuir an gniomh ort, Cha’n e sin tha fui m’ achuing Ach pairt de dh’eachdruidh na linn so. Innis dhomh mu m’ lnchd duthcha Ciod an curs’ an do thriall iad, Cha’n ’eil a h-aon dhiu ri fhaicinn Ris a’ leiginn mo bhriathran Ged bhithinn lag. [TD 26] “Tha mi faicinn nam bailtean ’S an tric robh aighear ’s toilinntinn, Na’n lathraichean farsuinn Gun fasgadh na dion annd. ’N aite gleadhraich nan cairdean Nan seisreach ’s nan cliathan, Anns an earrach cha’n fhaic mi Ach cibear ’s madadh r’a chliathaich ’N sa h-uile srath. “Tha na h-innisean maiseach ’S an tric a thaghail mi ’m oige, Na lagain tha fasgach Le fuarainn ’s biolair mu ’m poran. Gach gleann, gach cnoc, ’s glacag Gach srath agus mointeach, Tha iad uile mar b’abhaist, Ach c’ait’ ’eil na cairdean ’s na h-eolaich A chai’ chur as.” ARS AN DUN. “Ma ’s e Gall a tha labhairt Gabh mo chomhairle trathail, Cuir car anna d’ chasaig ’S thoir ort sios chois na traghadh. Ged tha sibh laidir ’san tir so ’S air ’ur lionadh le ardan, Cha dean sibh amadan dhiomsa Le cur a sios air na Gaidheail Nach d’rinn dhuibh cron.” IAIN. “A Dhnin’ aosda nan glas-chreag ’Se a th’annam fior Ghaidheal, A dh’fhag an tir so car tamuil ’S tha measg nan Gallaibh a chomnnaidh. Thug mi ’n sgriob so dh’amharc Gun fanaid no morchuis, Dh’fheuch am faighinn uat sgeula Mu gach eucoir ’s dolum Air Ila bhochd.” AN DUN. “S iomadh aon thig am amharc A bhios ri fanaid ’s ri morchuis, Ach ’s iad na Goill tha mi ’gradhtinn Oir tha iad laidir ’san doigh so. Le ’n ada’ spairte mu’n cluasan, ’S dreach an fhuaehd air an srointean, Cha’n fhaic ’s cha’n fhin leo a Ghaeltachd Ged chuir i loinn air na sgrobain Fhuair innte blàs. “Ach tha mi tuigsinn od’ chanain Gur ann sa ghleann fhuair thu d’ fhol’um, Ged tha thu giulan na h-ada’ Si bhonaid chochte bu choir dhuit. Bha do chairdean gu socair Anns a ghleannan ’n an comhnuidh, Ach trid nan triochdan aig Webster A port-as-Marg gun d’ sheol iad A null do’n Ross. “Tha moran thua’nach ’san am so Anns a ghleann cur an ordubh’ Dhol thar na h-Atlantic Chum gun seachain iad foirneart; Chionn tha Brown agus Webster Mar mhadaidh-alluidh gun trocair, A cur thuige nan truaghani ’Sa toirt uatha guch fiorlinn A gheibh iad ac’. “’Sann leam is duilich r’a aithris Gu bheil na nathsinnich dhileas Air an cur as na fearain Le ainneart ’s dimeas. Na Goill a faotuinn an uachdar, Ga’n ruagadh ’s ga’n diobairt, Anns gach baile cha chluinn mi Ach falbh thar tuinn gus an tir sin A tha ro mhath. “Tha cuid dhiu fagail na duthcha, ’S cuid dhiu sgrudadh na màltan, Cuid gun fhios ciod a ni iad, A trusadh bidh do na paisdean. Gach maor a faotuinn lan chosnadh, Gach Boc ’s gach Caora’, Mar choin air eil ’s iad ri sodan A chum bhi ’m broilleach gach Gaidheal O’n tha iad bochd. “O’n dh’fhailnich ceanard an Eilain Tha Ila sgeith as a cuid Ghael, ’S cha’n ’eil aogasg an gradaig Gun d’theid stad air an ni so. Ach gabh mo leisgeul car tamuil Oir tha mi’n cabhaig an trath-so, ’Nuair thig thu rithist an rathad, Bidh agam naigheachd is fearr dhuit, ’S mo bheannachd leat.” (Ra lheantuinn.) ORAN, AIR FOGRADH NAN GAIDHEAL. AIR FONN—“Tha mise fo mhulad ’s an am.” ’S fior airidh air beannachd nam Bard, Deagh Chomunn* nan àrmunn fial, A bheothaich gach cleachdadh ’us gnàths A bha aig na Gàidheal riamh O’n ’s toileach leo fhaicinn ’an dàn, Mar sgapadh ’s gach ceàrn an siol, Nior mheal mi idir mo shlàint, Mur cuir mi gun dàil e ’sios. Na Gàidheal bha ainmeil ’s gach linn, Gu seasamh an righ ’s a choir, ’S tric dhearbh iad le ’n armaibh ’s an stri, Nach faighte fo chis an seors’, ’Nàm éiridh ’n an éideadh gu grinn, Le torman nam piob fo shrol, ’S iad thilleadh mar bhuinne ’na still, Na thigeadh le spid ’n an coir. Na beathraichean sgaiteach ’an streup, A choisneadh le ’n euchdan buaidh, An caismeachd mar thorrunn o’n speur, ’N àm tarruing nan geur lann cruaidh, * The Edinburgh Highland Society. [TD 27] Gum b’aigeantach, sgairteil an ceum, A leantuinn ’an dèigh na ruaig, ’S ’n uair philleadh iad, ’gaithris an sgeul, B’e ’m fasan ’bhi éibhinn, suairc. Réir nàduir ’s e thainig m’ an cuairt, Gu-n thaisgeadh ’s an uaigh na suinn, ’S cha-n fhaicear, an sliochd far ’m bu dual, Ach ainneamh ’measg sluaigh theid cruinn, ’S ann lionadh a’ fearann a suas, Le coigrich gun truas, gun suim, ’S gur annsa leo mèilich nan uan, Na caithream o thuath an fhuinn. Ghluais acaid ro ghuineach a’ m’ chri, ’S gu-n d’fhalbh uam mo chli, ’s mo shunnd Ri deáchdadh na ’s fhiosrach mi fhin, Mu tharruing na sgriob bha ciuirt’, Sliochd ghaisgeach le achdaibh ’g am binn’, ’Cur aitreabh m’ an cinn ’n an smùr, ’S gan cartadh a mach as an tir, Gun chairid, gun ni, gun iùl. Bu tuirseach a muigh air a’ raon, A chunnaic mi ’n aois ’s an oig, ’Us géiread an acain ’s an gaoir, Cha-n fhaigh mi o m’ smaoin ri m’ bheo, Gun dachaidh, gun fhasgadh o ghaoith, Ach tional ’an taobh nam frog, Gu ’m b’éiginn bhi gabhail mu sgaoil, ’S a’ fàgail nan caol fo sheol. A’s furasd’ a thuigsinn, ’s gur cinnt, Na th’ agam ri inns’ ’nam sgeul, Gur lionmhor trioblaid ’us teinn, A choinnich riu ’n tiribh céin; Ged b’fheudar dhoibh dealach’ ri ’n glinn, Tha pàirt dheth an cri ’na ’n déigh, S ged chàrnadh iad airgiod ’n a mhill, Cha leighis e mir dheth ’n creuchd. O’n thréig iad gach fireach ’us gleann, Cha-n fhaicear ach Gall ’s gach cùil, ’Am fochair a chaoraich gu tranng, ’S e ’cleachdadh a chainnt r’a chù, Le ’bhreacan air fhilleadh m’a cheann, ’Us caogad car càm ’n a rùn, ’S gur fhearr leis an t-anam a chall, Na ribeag bhi gann a rùsg. O’n dh’imich na gaisgich thar chuan, Cha-n éisdear leinn duan no ceol, Cha chluinnear caomh chailin gu suairc, Ri luinneag aig buar mu chro, Cha-n fhaicear na fleasgaich bu dual, A siubhal gu ruag fir chroc, Am beagan dhiubh sud nach do ghluais, ’S e th’orra ’n diugh tuar a bhroin. Gu-n d’fhàgadh Mac-talla fo phràmh, ’S gach ionad ’n robh àbhaist riamh, ’S ann tha e air leabaidh ri bàs, A cumha nan sàr fhear fial, A chumadh e ’n cleachdadh gach là, ’S do ’n tug e a ghràdh ’s a mhiadh, Cha-n fhiù leis an dream tha ’n an àit, ’S nach toir e à ’n cànran ciall. Ged shiubhlainn o Ghearr-loch an fheoir, Gu ’n ruiginn an t-Oban ciar, Cha-n fhaicinn Ceann-taighe air fhod, A dh-fhuirich a phor nan Triath, ’An àite nan leomhann ’bha coir, ’S e th’ ann an diugh seorsa fiat, Air son drochairt ’us airgiod ’n a spoig, A thilgeas à coir a’ siad. B’e fasan ’us aiteas nan Triath, ’Bha barraicht’ ’am miadh ’s am mùirn, ’Bhi fuileachdach, calgach, ’nan triall, A’ leantuinn nam fiadh ’s an stùc, ’Bhi sachd’adh an gillean le iasg, ’S toirt bhradan air fiar gu dlùth, ’Bhi oranach, cornach, gle fhial, ’Nàm tionail nan clear gu ’n Dùin. ’S na ’m b’fheudar dhoibh tachatrt ’s an àr, Cha ghabhadh iad sgàth no gruaim, Bha fir ac a sheasadh an càs, ’S a rachadh ’n am pàirt le h-uaill, Na milidhean colgarra, dàn’, ’A ruigeadh le ’n stràchdan smuais, S a ghleidheadh an reachdan o thàir, Le iomairt nan stàilinn fuar. Ach ’s mithich ’bhi criochn’adh mo dhàin, Le focal no dhà ’chur sios;— Mo shoraidh le dùrachd mo ghràidh, A dh-ionnsaidh gach Gàidheal fior, ’S e m’ aiteas gum bi iad fàs, ’An urram, ’s ’an stà gach ial, ’S gu-n tionail iad fathast gu ’n àit, 'S gu sgapar a’ chàth roimh ’n t-siol. LOCH-AILLSE. CAITHREAM DO RIGH TEARLACH II. (O’ BHEURLA AN RIDIRE SCOTT). FONN.— “Dean cadal gu sàmhach, A chuilean ’s a rùin.” Nall a’ chuach—còrn nam buadh, Lian a suas i déur-làn; Slàint’ an Rìgh a’s ro-ionmhuinn, ’S a luchd-leanmhuinn ’s gach àit’; Air ur bonnaibh, a ghaisgeach’— Air ur n-ais sibh, a ghràisg! Ged robh ’m bàs anns an smèarsadh— Slàinte Thèarlaich-a-Dhà! Tha e ’n cunnart ’s air fògradh, ’S e gun chomhnadh, ’s fo thuinn; Ged is coigrich a ’s ùidh dha, Fad bho ’dhùthchas gun suim; Dh’ aindeoin teanntachd us chìsean— Ged ’s fos n-ìseal ri ’ràdh— Siod air onair ’s air dìllseachd Slàint an Rìgh, fear mo gràidh! Biodh gach urram iar ’ìocadh Mar a dhìolas an t-àm; Air an làr biodh an glùn, Air lainn, le dùrachd, an làmh; ’S thig mu’n cuairt an là sùgach, An còisir Dhiùc, Iarla ’s Shàr, An seinn an trumpaid le stèarsadh: Slàinte Thèarlaich-a-Dhà. “Tha ’bhriogais so tuille ’s goirid air mo shonsa,” ars’ fear a fhuair briogais o thàilleir Eirionnach. “Ciod an sgil a th’agadsa air briogais, amandain?” arsa’n t-Eironnach. “Cha’n eil a bhriogais tuile ’s goirid ann a chuir thusa do spògan grànnda chas tuile ’s fada troimhpe.” [TD 28] CANADA. Tha ’m barr agus cuisean eile air tionndadh a mach ro fhabharach a thaobh Chanada bho cheann fhada, agus gu h-araidh air a bhliadhna so, agus da reir, tha sìth, sonas agus pailteas ri fhaicinn ’s gach aite, ’s ri aithneachadh air gach gnuis; agus gu cinnteach cha ’n ioghnadh sin, oir tha ’n duthaich air a beannachadh leis an Fhreasdal air iomadh doigh: cha ’n eil cogadh, plaigh no gainne a cur dragh oirre, mar a tha air iomadh cearna eile de ’n domhainn. Uime sin faodaidh sinn a radh le firinn, agus ann am beagan fhacal, gum bheil Canada aig a cheart am so, cho sona agus riaraichte le crannchur, agus cho saor bho gach euslaint agas amhghar, ri aon chearna de ’n t-saoghal. Le Canada innsidh sinn a rithisd gu ’m bheil sinn a ciallachadh na sia mor-roinnean sin: Canada Ard agus Iosal, (no mar a theirear riutha a nise, Ontario agus Cuibec) New Brunswick, Nova Scotia, Manitoba, (Duthaich na h-Aimhne Deirg) agus British Columbia,—oir tha British Columbia a nis air aonadh ri Canada. Tha so a cur Chanada a thaobh farsuingeachd fearuinn, a measg nan duthchanan a’s motha, ’s a’s farsuing ’s an t-saoghal—moran na ’s motha na Staidean America fhein, ge ainmeil iad, agus mu ’n cuairt air an aon mheud ris an Roinn-Eorpa gu leir; agus cha ’n ’eil a nise a dhìth oirre ach an luchd-aiteachaidh airson a cur a measg nan duthchanan ’s cumachdaich ’s a’s beartaiche. Tha de dh’fhearann fàs eadar na mor-roinn so, ni nach teirig ann an aireamh mor bhliadhnachan, agus fearann cho math agus cho torach, ’s a tha ri fhaighinn an aite ’s am bith, agus cho fallainn ri aon chearna de ’n t-saoghal. Cha d’ rinn uachdranachd Chanada a bheag bho cheann fhada, gu luchd iomruich a chuireadh agus a stiuireadh do’n duthaich so, ach tha iad a nise air beothachadh thun na cuis, agus a toirt gach misneach a ghabhas deanamh, do dhaoine stuama, dichiollach gu dachaidh a dheanamh dhoibh fhein ’s an duthaich fharsuing, sheasgair so. Tha moran de dh’fhearann aig New Brunswick, Canada Ard agus Iosal, agus duthaich na h-Aimhne Deirg, air a chur air leith mar fhearann saor, air son luchd iomraich, agus gach misneach’ agus comhnadh a ghabhas deanamh, aca ga thoirt dhaibh gu tighinn ga aiteach. Anns an aireamh mu dheireadh, thug sinn beagan seachad mu ’n chuis so, bho Chuairteir nan Gleann, a bha air a chur mach bho cheann deich bliana thar fhichead, le fior charaid nan Gaidheal, an Dr. Macleoid, nach maireann. Co-dhuinidh sinn so le bhi tarruing bho ’n aon cheudna, mu Chanada agus an t-sluagh ’s freagarraiche air son tighinn ann, agus tha sinn a cur ar làn aonta ris gach facal deth. Gheibhear na leanas ann an Cuairteir nan Gleann, 1841: Cha ’n eil Canada fhathasd ach ’na h-óige, ach tha i’ g eiridh gu luath’ ann an luach agus ann an cumhachd, agus gu dearbh cha ’n iongantach so, oir tha iomad ni a’ co’ aontachadh chum soirbheachadh leis an dùthaich mhòir so. Tha i air ioma doigh air a beannachadh le freasdal Dè; agus uair no uaireiginn bidh Canada ’na dùthaich co mór ’s cho cumhachdach ri Breatunn fein.* Tha ’n tir so anabharach tarbhach, agus nam biodh a’ choill air a’ gearradh agus an tir air a h-aiteachadh, ’s duilich a radh cia lionmhor an sluagh a dh’ fhaodadh tamh ann le cothrom, agus ann am pailteas. Cha ’n eil slèibhtean arda lóm neo-thorach fo chreagan agus fo fhraoch ann mar th’ ann an Gáidhealtachd Albainn, no bog- * Bha e an so a ciallachadh Canada Ard amhain. [TD 29] laichean agus móintichean farsuing nach urrainnear a chur gu feum mar th’ ann an Eirinn; ach faodar an dùthaich uile chur fo bharr agus fo fheur cosmhail ri machraiche na Galldachd, no Shasunn. Am bitheantas tha’n dùthaich cómhnard iosal, agus far a’ bheil beanntan, ma dh’fhaodar beanntan a radh riutha, tha iad fo choille gu ’m mullaichean. ’Se ni a’s iongataich’ ann an Canada na lochan uisge tha ann; a thaobh am meud agus an doimhneachd, tha iad a’ toirt barr air lochan-uisge ’n t-saoghail; tha gach loch dhiubh mar chuan mòr. Is mòr ’nar beachd-ne Loch-Odha, Loch-Laoimunn, Loch-Nis, Loch-tatha ’s Loch-Fireann, ach cha ’n fhearr iad na luban beaga ’n coimeas ris na lochan farusing tha san dúthaich m’a bheil sinn a’ labhairt; cuid diubh mar tha Lake-Superior, tri cheud agus tri fichead mil’ air fad, agus seachd fichead mil’ air leud! Tha astar chòig-ceud-deug mile’ ceithir thimchioll an loch-uisge so, agus tha daoine ’deanamh a mach gu bheil e dlúth air mile troidh air doimhneachd. Tha tri no ceithir dhiubh so dlùth d’a chèile; agus a’ tearbadh Chanada uachdrach o rìoghachd America the air an taobh eile. O loch gu loch dhiubh so tha aibhnichean a’ ruith, a’ meudacha’ gu mòr mar tha iad a’ dol air an aghaidh, gus a bheil an abhain mhór d’ an ainm an St. Lawrence, a tòiseachadh. Tha ’n abhainn so dlùth do cheud mil’ air leud far a’ bheil i ruigheachd a’ chuain. Tha dà mhile do mhìltean o’n àit’ o’m bheil an abhainn mhòr so ag éiridh, ’ionnsuidh an àite ’bheil i ’coinneachadh na fairge. Tha eileanan àillidh luachmhor air na lochan-uisge so, cuid diubh tri fichead mile air fad. Tha aon àit’ air an abhainn mhòir so tha air ainmeachadh “loch nam mìle eilein”; chunndadh iad, agus tha seachd-ceud-deug eilean ann an aon ruith air an abhain so. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhoir, agus uile gu lèir anabharach aillidh ri amharc orra ’s ri seóladh ’nam measg. Anns na h-aiteacha sin far a’ bheil loch a’ tuiteam a stigh do loch eile mar tha iad a’ tèarnadh le leathad chum a’ chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach ’eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir. Tha abhainn mhor eile ris an abair iad an Ottowa; an dèigh dhi ruith ceithir cheud agus leth-cheud mile troimh thìr cho tarbhach ’s a tha r’a faotainn, agus troimh choille cho dosrach reachdmhor ’s a tha ’cinntinn air’ thalamh, a’ tuìteam a stigh do’n abhain St. Lawrence. Anns an àite far a’ bheil iad a’ còmhlachadh a cheile, tha eileanan luachmhor, agus ’sann air a h-aon diubh sin a tha ’m baile mòr Montreal air a thogail. Tha e soilleir o so gu bheil air na lochan-uisge so agus air na h-aibhnichean so slighe fad fichead ceud míle, a’ ruith suas o iochdar gu braighe na duthcha, air am faodar malairt agus marsantachd an t-saoghail a ghiulan. Anns na h-àiteachan sin far a’ bheil aon loch a’ tuiteam a stigh, agus le so leum-uisg ann nach leig le soitheach díreadh no tearnadh, tha claisean-uisge, canals, air an deanamh, air a’ bheil na soithichean air an giulan air an aghaidh gun mhoille no grabadh air bith a’ tachairt. Tha fearann na dúthcha so tarbhach, ’s tha ’n duthaich fèin fallain, ged tha ’n t-síd fuar. Ach ged tha ’n t-síd fuar, tha i tioram, agus math-dh’ fhaoidte nach ’eile ceatharnaich a’ seasamh air bonn bròige cho calma, churanda, làidir ri Gàidheil Chanada. Cha ’n eil pór a chinneas an Sasunn nach fas san duthaich so; tha cuid do thalamh ann ’s an cinn an tombac’ agus cainb. Airson coille tha i ’n so do gach seòrsa; ’se saothair an t-sluaigh bhi ’ga gearradh chum a sgrios, agus g’a losgadh. Tha ’chraobh-ubhall a’ fàs ann an Canada gu reachdmhor; tha iad a’ beathachadh mhuc leis na h-úbhlan, agus a’ deanamh na thogras iad do dh-fhíon (Cyder) dhoibh fèin diubh, deoch tha taintneach fionnar ri teas an t-samhraidh. Tha ’n geamhradh, mar chi sinn ’na dhèigh so, anabarrach fiadhaich agus fuar; ach aon uair ’n tig an reothadh gu math a stigh tha ’n t-síd tioram fallain. Tha ’n sneachd an sin cho cruaidh ’s gu ’n ruith eich le slaoid agus cuirn air ’uachdar ’nan làn luathas gun uiread a’s lorg an coise fhagail.* So an t’am an àbhaist doibh am bàrr a chur gu muileann ’s gu cladach, àm, chum na h-uile goireas fhaotainn o aiteachan fad’ as; tairngidh aon each le carn no sload, barrachd air an ám so na dheanadh ceithir dhiubh air an rathad mhór san t-samhradh. ’Se so an t-àm a’s cridhela ’s a’s aighearaich’ air feadh na bliadhna; cairdean a’ falbh ’s a’ tighinn, * Bha e le so a ciallachadh na roidean, far am bi an sneachda air a stampadh cruaidh le coismheachd dheoine agus bheithichean. [TD 30] sùgradh agus suilbhearrachd, taghall agus ceilidh eadar bhailtean, pailteas r’a fhaotainn ’s r’a sheachnadh, agus tha ’n aoidheachd agus an fhialaidheachd a’s cairdeala dol air aghaidh. Mur ’eil aite-codail sna tighean-comhnuidh a dh’ fhòghnas doibh uile, tha ann na dh’ fhòghnas do na mnathan, agus tha “leaba mhòr na h-áiridh” ann an sabhal fiodha airson nan daoine; tha ceòl agus dannsa, orain agus fleadhachas cairdeil a’ dol air aghaidh; agus mar so, le leughadh agus seanachas, tha’n oidhche gheamhraidh a’ dol seachad. (Gu bhi air a leantuinn.) NIAGARA. A Thi mhoir a chruthaich na Duilean, ’Sa shocruich an Cruinne, Le d’ ghairdean cumhachdach neartmhor, Air a bhunait; ’S gloirmhor àn obair a rinn thu, Niagra ainmeil, An t-Eas mor a rinn thu chumadh, ’S an t-sean aimsir. ’Sud an t-Eas ioghantach Ioghmhor, Eas mor na garraich, Eas ciotranach liaghlas na smuidrich ’S na buirich ghaibhaidh; Eas fuaimearra Iobhar na beucail A leum na steallaibh Thar bhile’ nan creagan àosmhar, Na chaoiribh geala, Gu sridagach, sradagach, sneachdgheal ’S a dhreach soilleir; A tearnadh ’o bhraigh gu iochdar, Le dian bhoile’; Sruth uaine briseadh ma mullach, ’S e ruith na dheannaibh, Thar bharradh nan stocan airda, Le gair’ mhaireann; Le slachdruich ghailbheach a’ tuiteam, An slugan domhainn, Gu linneachaibh du-ghorm doillear, A goil mar choire. An t-aigeal ga thionndadh o’n iochdar, Le fior ainneart, ’S an glas uisge ’bruchdadh an uachdar, Le luaths saighd’; An linne ga shoistreadh ’s ga maistreadh, Troimhe cheile, ’S i fosgladh a broillich-duibh, Ris na speuraibh. B’iogtantach an sealladh bhi faicinn. Deatach liath-ghlas, Ag èirigh anns an athar, Ri latha grianach; ’Nuair shealladh tu fad air astar, Air an ioghnadh ’Se theireadh tu gur bata-toite, A bh’ ann le smuidrich: Ach ’nuair thigeadh tu ’m fagus da Ghabhail beachd air, Throm-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal Le braonaibh dealt thu, ’S chitheadh tu am bogha frois Le dhathaibh sgiamhach Ged bhiodh side thioram shesgair, Anns an iormailt. Am min-iusge a tuiteam mu’n cuairt dhuit, Air an ailean, ’S an fhaiche gu h-urail uaine, Mar a b’aill leat; Na craobhan a cinntinn dosrach, ’S lusan ùr-ghorm, ’A fas le feartaibh na greine, Gu reith fo ’n driuchd ud. Na liasan a tha mu d’thimchioll. Cha’n iarr uisge, Chan aithne dhoibh idir tiormachd Ri aimsir loisgich. Cha tuigear leo ciod a ’s ciall do Bhi gun fhliche, Ged thean’icheadh gach aite mun cuairt doibh Mar chruas cloiche. Tha ’n t-athar gun ghoinne gun chaomhnadh A’ taomadh feartan A storas do-thraoghadh na h-aimhne Gu saoibhir beartach; Dh’fhag aghaidh an fhuinn ud A dh’oidhche ’s a latha Gu h-urail uaine-fheurach aluinn, A’ fas gu falain, Nuair theirneadh tu sios do ’n t-slugan Gu oir an uisge. Bhodhradh an tormanaich uamhaidh, Do chluasan buileach. Nuair shealladh tu ’n sin mun cuairt duit, Air a’ chas-shruth Chuireadh e do cheann ’na thuaineal, ’S tu ’nad bhreislich; Us nuair thigeadh tu ’m fagus do ’n Phlaide lia-ghlais, Tha ’n crochadh ri aghaidh na creige, Bhiodh geilt us fiamh ort, Nuair sheideadh a’ ghaoth gu laidir ’S an t-uisge frasach ’Ga chathadh gu fiadhaich a d’ aodunn, Gach taobh g’ an teich thu, Mar latha gailbheach ’san fhaoilteach Le gaoth us uisge, A fhliuchadh am prioba na sul thu, ’S a dhruigheadh tur ort. Mar osaig o inneal seididh, Fuirneis iaruinn, ’S amhluidh ghaoth sgalanta chruaidh ud, Thig le dian-neart, Eadar a charraig agus a steall a tha Nuas a’ tuiteam: An comdach a tha air do cheann ’S gann gu fuirich; Shoileadh tu gun d’eirich doinionn Anns an iarmailt; Ach trian chan urainn mi aithris De gach ioghnadh, A tha ri fhaicinn air an Eas ud, An t-Eas cliuiteach; Bu mhordhalach e gun teagamh: Ma tha iongantas air an t-saoghal ’S aon diubh easan: Milltean tunna gach mionaid A’ tuiteam comhladh Thar bhile na creige do’n linne, ’Na aon mhor shruth, Us dluth air ochd fichead troidhean Anns an leum ud, O bhraigh gu iochdar na creige ’Na seasamh direach; ’S a chreag ud gu h-ard aig a mullach Air chumadh leith-chruinn, Cosmhail ri cruidh an eich charbaid No leith cearcaill; An t-uisge a sputadh ’na steallaibh A mach gu fada; O bhonn na creige san linne Fichead slat uaip; Chluinneadh tu thorman seachd mile Uaith air astar: Mar thairn’each anns na speuraibh Ri beucaich neartmhor. ’S nuair bhiodh tu ’nad sheasamh laimh ris B’ amhluidh thartar. Us mile carbaid air cabsair Nan deann dol seachad: Gu’n critheadh an t-athar mun cuairt duit Leis na buillibh, Tha’n t-uisge trom a’ shior bhualadh Air o’n mhullach; [TD 31] Us maoth-chrith air an talamh throm Fo bhonn do chasan; Mar mhothaichear latha stoirmeil, Tigh ’ga chrathadh; Ach ged bhiodh mile teang’ am bheul, Chan innsinn uile Na h-iongantais a th’air an Eas ud, Mar sin sguiream. D. B. B. AN LON-DUBH. LE EOGHAN MACCOLLA. [Rinneadh an dàn a leanas goirid an deigh bàs maighinn do ’n d’thug am bàrd mòr-speis, agus air bhi dha aon latha ’coimhead an ionaid anns an tric a chum è còmhail rithe—badan coille far a d’ eisd e ri lon-dubh a’ seinn ’òran tiamhaidh air geug am fagus do’n àite ’san do thachair dha bhi ’na shuidhe.] A Lon-duibh, a Lon-duibh, O gur beag tha thù ’m feum Air teicheadh bhuam féin le do cheòl; B’è ’n sealgair gun umhail a chuireadh ’nad dhéidh An luaidh’ leis am faodadh do leòn. A Lon-duibh, a Lon-duibh ’s leat-sa ’n diugh thar gach eun An ribheid is fearr thig air m’ fhonn; Cha n’ eil mi gidheadh gun mhòr iogna’ ciod è Dh-fhag d’ òran co dolasach, trom. A Lon-duibh, ’bheil do leannan riut coimheach no dùr, ’S i gu proiseil a’ diultadh leat tàmh? O, ’s cinnteach nach eil,—b’ ise ’ghogaid gun tùr Nach mealladh ’s nach maoth’cheadh do dhàn! A Lon-duibh, ’nè gu’n d’ fhuair an druid buaaidh ort ri ceòl Dhùisg buaireas ’us bròn ann ad chrios? No ’n d’ fhuair thu an nead ’s an robh d’ iseinean òg Air an goid bhuait le gàrlach gun iochd? A Lon-duibh, a Lon-duibh, tha mi ’cuimhneachadh nis! Bha ’n clamhan an rathad so ’n dé: ’S mòr m’ eagal gu’ n d’ réub è do chéile ’sa’ phreas, ’Gad fhàgail-sa dubhach ’na déigh. A Lon-duibh, ma’s fior sud, tha mi dulich do d’ thaobh, Le co-fhaireacain chaomh, mar is dual Do neach tha ’nad chor ’faicinn ceart a chor féin: Eisd, ’us innsidh aobhar mo ghruaim. A Lon-duibh, ’s dearbh gur cuimhne leat ríbhinn mo ghaoil, An cailin a b’ aobhaiche snuadh, ’S is tric a dhéisd còmhla rium d’ óran ’s a chraoibh, Ann an coill Bhaile-n-taoir an sud shuas. A Lon-duibh, mar dhriùc Maighe fo bhlàth-shùil na gréin Bho ’n talamh rinn m’ eudail grad-thriall; Bha h-iomhaigh cho nèamhuidh ’s nach ioghnadh leam féin Na h-ainglibh bhi ’n déigh air mo chiall. A Lon-duibh, a Lon-duibh, nis ’an coille nam blàdh— Leig leam a bhi làmh riut a’ caoidh: Cha ’n ann do na h-uille eun dhinnisinn fàth Trom-osnaidhean cràiteach mo-chri! Ach stadam mo bhròn: ’S olc mo chòir air bhi ’caoidh, ’Cur milleadh air aoibhneas mo ghràidh; B’ fhearr sealltuin gu fòil air an dòigh anns am faod Mi bhi fathast ’na caoin-chaidreamh blà. SEONAID, FLUR BOIDHEACH A GHLINN. (O’N ’BHEURLA.) Tha ’ghrian air dol sios nis air cùla Bheinn-Loimunn, ’Toirt àite do neulta is òr-bhuidhe loinn, Smi ’n so feasgar Ceitein a ’farsan ’n am aonar, Dluth-smuainteach’ air Seonaid, Flur bòidheach a Ghlinn. Ged’s milis an Earra-dhreas le ’dhearg-ghuca cùbhraidh, Ged’s àillidh am Beithe ’na ghorm-thrusgan grinn, Gur h-àille’s gur mìlse, ’s gur riomhaiche dhò’-sa Mo Sheònaid bhàn òg—Flùran bòidheach á Ghlinn. Tha i modhail na gluasad—ciùin, maiseach, gun ghuaineis,— Do no-chiontas intinn fhuair m’ annsachd làn roinn: O guma fad’ uaipe an slaoiteir mi-shuairce Air droch diol a dh’ fhàgadh Flùr àluinn a’ Ghlinn! A Smeòraich! cum suas do bhinn, dhuanag do ’n fheasgar, ’S gle chaomh le mactalla nan creag ud do rann: Ach ’s caoimhe leam féin, gach deagh-bheus’ rinn mo thàladh Ri Seonaid bhàn, òg—Flùran bòidheach a’ Ghlinn. Mu ’m faca mi Seònaid, b’ fhaoin sòlas mo làithean, Cha robh aighearr a bhaile ’nam aithre ach faoin; [TD 32] Ni mò b’eol domh aon nionag a theumadh gu gràdh mi Gus an d’ fhuair mi mo shùil air Flùr cùbhraidh a Ghlinn. Ged bu leam-sa gun dàil staid co àrd ’sa tha ’m dhùthaich, Gun ise ri m’ thaobh bhithinn aonarach, tinn, ’S mi cunntas mar neoni gach onoir ’us storas A dh’ easbhiudh mo Sheònaid—Flùr bòidheach a Ghlinn. EAD. LE P. C. BATHURST, ONT. NOTE—Dumblane is a corruption of Dunblane—the latter being in its turn Dun-bhlathain (i.e. the hill of flowers), Anglicised. TUIREADH SEANN FHLEASGACA. SEISD. Tionndaidh nis is eisd, Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum, ’S na dean-sa mar a rinn mi fein, Thoir te a measg na’n caileagan. ’S tha mise ’n so an diugh leam fhein, Gun agam ni a ni dhomh feum; Gun mhart, gun each, gun bheathach spreidh, Gun chearc, gun gheadh, gun tunnagan. ’Sa ’nuair a bha mi a’m ghill’ og, Bha caoraich agam ’s crodh gu leor; Co theireadh rium an sin ri’m bheo, Gu’m faicinn la-cho uireasbhuidheach. Mo mhallachd aig an fhear gu brath Nach tagh a bhean ’nuair bhios e traight’, Gun fheithidh gus an tig an lan No bithidh e baithte le cunnartan. ’S beag a shaoil mi ’n laithean m’oig, Gu’m bithinn-se gun neart gun treoir; Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir A bheireadh dhomhse comh-fhurtachd. ’Sa bhothan bhochd ’an so leam fhein, Am dhragh do chach, ’s mi fein gun fheum; Gach la a dol ni’s dluithe do’n eug, ’S gun neach n’am dheigh le n’duilich mi. Is ’Illean caoinichibh am feur, Am feadh ’s a bhitheas a ghrian a’ dears’; Oir thig an aois an uine ghearr, ’S b’fhearr leibh gun robh bean agaibh. Cha’n ioghna’ ciod a dheireadh dhomhs’, ’S an car a thoirt a te le m’ dheoin; Oir dh’fhag mi nighean steidheil choir, An toir air storas amaideach. Chaill mi ’n storas, chaill mi’n treud, Cha d’fhuair mi ’n te bha mi an deigh; ’S an te a gheibhinn, ’s thug dhomh speis, Thug mi le eacoir car aiste. Tha ise ’n diugh co math ’sa miann, Tha aice fear is iomadh ceud; Tha mise ’n so ’nam bhodach liath, Thug iomadh bliadhna fo airsneal. Is dh’innis mise nis mar bha, ’So gabhaibh rabhadh uamsa trà; ’S ma’s toigh leat te, thoir dhi do lamh, Is gu brath na bi na d’ Bhaitchelear. J. C. OISEIN: A ‘LINN AGUS A BHARDACHD. Faodaidh cairdean agus eascairdean an treun-bhaird Oisein an aidmheil so a thogail le cheile, gum bheil a radh fein araon firinneach agus freagarrach: “Sgeul ri aithris air am o aois; Gniomharan laithean nam bliadhnachan a dh’aom.” “An Seallama, an Taura no’n Tighmori, Cha-n ’eil slige no oran no clarsach; Tha iad uile nan tulaichean uaine, ’S an clachan nan cluainibh fein; Cha’n fhaic aineal o’n lear no o’n fhasach A h-aon diu ’s a bharr ro neul.” Cha’n ’eil ni’s mo oighean nan rosg mall aig Morni a’ bualadh clarsaich no togail dain. Tha clarsach gun teud ’am Morbheinn: cha’n ’eil guth no ceol an Cona: thuit araon an triath ’s am bard, ’s cha’n ’eil cliu ’san aird ni’s mo. Cha’n ’eil lann a’ bualadh beum-sgeithe. Tha Fionnghal nan iomadh beus ’us buaidh ann an stri nan lann, ’us Oisein, bard milis caomh nam fonn, ’us Oscar gaisgeach mòr meamnach ard nam feart, maille ri treun-laoich na Feinne a thog oran ’s a laimhsich claidheamh anns na laithean a bha ’s a dh ’aom,—tha iad uile, ’nan cainnt fein, nan ciar thalla a’ sealg feidh dhoilleir nan niall. Mharcaidh iad uile ann an laithean nam bliadhnachan a dh fhalbh, air iomall an sgiathan le greadhnachas gu clann nam Fionn, ’Am Morbheinn cluiteach nan sruth gaireach ’s nan aonaichean neulach sprochdach, cha’n ’eil le siol nan sar-ghaisgeach sgiath leathan g’ a sgaoileadh, no claidheamh geal g’ a tharruing; ni’s mo cha chrathar craosnach agus cha seinnear dan catha baoisge le laoich ard dhuineil aiginneach Fhionnghail mhoir nan sleagh, ’nuair a bhitheadh gach suil air lainn ’us tuar ’righ ard nam beum ’s nam beusan mòr. Cha robh na linntean tearc anns an robh bardachd na Feinne—nan-orain chaomha chiuin a b’ abhaist do mhile bard air mile clarsaich agus cruit chiul [TD 33] a sheinn ann an talla fhial mac Chaomhail, air an giulan a nuas le beul aithris o ghinealach gu ginealach, gus fadheoidh an d’eirich buidheann de dhaoine foghluimte suairce, aig an robh mòr-mheas air na dain d’ am bu nòs aighear agus sunnd a dhusgadh le ’m fuaim thiamhaidh fhonnmhor ann an luchairtean nam Morbheinn, an trath a bhiteadh an-t-slige ’dol mun cuairt, agus solàs ’us tlusalachd air äm faireachduinn ann am bròn ’s ’an tuireadh dian na sithe. Mun rannsuich sinn na doighean trid an robh dain Oisein air än gleidheadh air chuimhne rè uine co fada agus co dorcha; ’us mun gabh sinn beachd air an am agus air a’ mhodh a bha iad fadheoidh air än cruinneachadh le Seumas Mac a’ Phearsainn agus Gaidheil threun-inntinneach theo-chridheach agus ealanta eile, bithidh è iomchuidh dhuinn pilltinn air ’ur n’ ais, agus feuchainn, le comhnadh nan sgoilearan a rinn feum co maith de na gathannan faoin a tha ’nis agus a rithist a dearsadh anns an dorchadas, an dean sinn a mach suidheachadh nan Gaidheal bha tuineachadh ann an Albainn ann an ceùd linntean a’ chreidimh Chriosduidh. Than comhdhunadh bunaiteach agus soilleir a dh’ ionnhsuidh am bheil daoine teachd mu thiomchioll ceud-shuidheachadh nan Gaidheal ann an iomadh cearna iomallach de’n Roinn Eorpa. Ghluaís iad gu moch air falbh bho’n aird an ear far an robh air tùs an cinne daoine uile’ tuineachdh. Sgaóil iad gu deifireach thairis air comhnardan reamhar, thorrach na Mòr-Roinn, a’ fagail ’an sùd agus ’an so—ann an ainm duthcha agus ann an cleachduinn aosmhor iongantach, cuimhneachan do na fineachan lionmhor a thainig ’nan deigh. Cha’n ’eil è furasda aig an àm so, an deigh do linntean co dorcha an cuairt a ruith, ceumannan nan Gaidheal ’nan ceud thuruis a lorgachadh. Thuinich iad anns an duthaich a tha ’nis air a-h-aiteachadh leis na Frangaich, agus thainig iad le beagan dragh thairis do Bhreatuinn. Dh’ imich iad re uine mu thuath, agus ann an eileannan cnocach lionmhor, ann an glinn ’s an srathan fhasgach uaigneach Albainn, fhuair na Gaidheal agus an canain fhoghainteach fardach, agus daighneach a choisinn doibh tearuinteachd ’us seasmhachd ’us soirbheachadh, am feadh a bha aghaidh nan duthchannan mun cuairt air a-h-atharrachadh ’s air a millidh gu minic le feachdan garg nan Romanach, nan Lochlinnich agus nam fineachan neo-cneasda alluidh aig an robh an ionad comhnuidh fein am measg fuachd ’us reotha na-h-airde Tuath. (Gu bhi air a leantuinn.) CONA. RO’ NA CHOMHRAIG. (BHO ’NA BHEURLA.) AIR FONN:—“Just before the Battle, Mother.” A mhathair ghaoil ro àm na còmhraig, Tha mo smuaintean ort-sa ’mhàin; Air an fhaiche ré an latha As ar n’ eascaraid aig laimh. Companaich dhaimheil tha mu’n cuairt dhomh, Le gradh Dhé a’s fàrdaich làn, ’S fhios aca gur h-ioma’ gaisgeach ’Bhios an ath-lath’ ’n glaic a Bhais! LUINNEAG. Soraidh leat a nis a mhathair, Siubh’laidh mi gu blàr nam beum; Ach na di-chuimhnich gu bràth mi Ma bhios m’ aireamh aig an ’Eug! ’S fada leam gach latha ’mhathair, Gus gu faic mi ghraidh thu-fhéin; Ach gu bràth cha ’n fhàg mi bhratach, ’S pilleadh dhachaidh dh’ easbhuidh euchd. An luchd-brath a ta mu ’n cuairt duibh, ’S mòr an lochd iad ann ar càs— Mheall ar gaisgeich anns gach baiteal, Le ’bhi caidreamhach ri ’r nàmh! Soraidh leat a nis a mhathair, &c. Eisd! is cluinn an triumbaid cheolmhor Tha g’ ar seòladh dh’ ionnsaidh ’chath; Teasraig sinne ’Dhé na glòrach, Buanaich dhuinn ar còr a’s ceart. Cluinn a nise guth na Saorsa Air a ghaoth a tigh’nn le seisd; Mar a buanaich sinn ma ’r brataich, Gheibh sinn fàs gach neach ’san t-sreup! Soraidh leat a nis a mhathair, &c. FILIDH NAM BEANN. [TD 34] TUIRE FHINN AIRSON BAILE-CHLUAIDH. LE OISEIN. Ghlac Cumhal, athair Fhinn, Baile-chluaidh, agus loisg se e. Bha am baile air craig Dhun-Breiteann, an uisge Chluaidh; agus sgrios Cumhal e, chum ’s nach bitheadh e na dhaingneach na aghaidh. “Togaibh, bharda a ’s caoin, am fonn,” Thubhairt Fionnghal ard shonn nan sgiath; “Togaibh cliu min Mhaona nan tonn, A’s i cadal am fonn nan sliabh.” (1) “Gairmibh ’h-anam gu mall fo dhuan Nall gu talamh nan stuadhan mor: Biodh’ caoin astar osceann nan cruach Air Mòr-bheinn a ’s buadhach òigh— (2) Gathan greine nan laithean a dh’ aom, Solais bhanail nan daoine bh’ ann. “Chunnam balla Bhail-chluaidh nan lann, Air nach eirich ach gann guth slòigh: ’S an talla bha teine nach fann, ’N diugh gun chaidre measg chlann a’s òigh. “Dh aom Cluaidh; (3) bha sruth eatrom air raon Bho ard bhalla thuit claon fo smùr. ’N sin bha cluaran gluasad fo ghaoith, A’s coineach a caoineadh fo ’n tùr. “‘N sionnach ruadh bha ’n a uinneig fein, A’s mall lhubadh an fhèir m’ a chùl. ’S fàsach cònuidh Mhaona nan teud; ’S doilleir talla nan ceud ’s an tùr. “Togaibh, bharda, bròn caoin nam fonn Mu ard thalla nan tonn a bh’ ann: Thuit a treuna fada fo thom, (4) A’s thig laithean nan sonn so nall. “Cuim’ thogadh leat talla nan corn, A mhic aimsir nach mòthar sgiath, Thu coimhead an diugh bho d’ thùr mhòr, A’s ant ath-lath fo scòrr nan sliabh? (5) “Cha mhall blian’an ’s cumhachdach triall, Le osaig nan ciar mhonadh fàs A gairm ann an talla nan triath, Nis’ air tuiteam gu thrian air làr. “Chiar osag, thig bho mhonadh fàs; (6) Bi’dh sinne sàr ’n ar laithibh féin; Bi’dh comhar mòr mo lhainn am blàr, ’S bi’dh m’ ainm aig iomad bard an céin. (1) An duslach nan sliabh. (2) Bhiodh anaman nam marbh a siubhal air na neoil, a reir beachdan nan linn ud. (3) Bail-Chluaidh. (4) Dh’ eug iad. (5) ’S an uaigh. (6) Tha am fonn a caochladh an so. [TD 35] “Tog fonn, ’s cuir slige ait m’ an cuairt: Biodh sòlas ard ri lhuaidh a’ m’ chòir. Nuair dh’ aomas tusa chi mi shuas, Ma thig thu nuas, a sholuis mhòir, “Ma ta ’s air àm ’s air àm gun tuar, Mar Fhionnghal òg a ’s luaidhe ceum, [Bi’dh mis’ mar thusa fad fo bhuaidh;] Is ceart co buan mo chliu ’s tu féin.” Mar sin a thog an righ am fonn, Air làith’ nan sonn a b’ airde clìth: Bha ceud fear-facail ’g eisdeachd shuas, Ag aomadh balbh gu luaidh an righ. Bu chosmhuil sin ri fuaim nan teud Nuair dh’ eireas mall a ghaoth bho ’n fhrìth. B’ àillidh smuaintean uasal do chléibh; (7) Cuim’ ta Oisein a’ d’ dheigh gun neart? Ach seasaidh tu, athair, leat fein; Co e coimeas righ treun nam feart? MARBH-RHANN DO ’N URRAMACH PADRUIG MACILLEADHAIN. LE RUARI MOIRASTAN. [Bha ’n duine uasal, Urramach so na fhear teagaisg ro mheasail agus ainmeil ’s gach aite anns an robh e. Rugadh e ann an eilean Leoghais; bha e uair na mhinistir ann an Ceap Breatuinn, Nova Scotia, as a’ sin chaidh e air ais do dh’ Alba, agus bha e rè uine na mhinisteir na h-eaglais Saoir ann ’n Steornabhagh, far an do bhasaich e air mios dheireannach an Earraich, 1868.] Cha ’n urra’ mi, cha ’n aithne dhomh, Do chliu gu ceart a luaidh, Ann am braithraibh comhnard falainn, A bhiodh airidh air do chuairt; Ach se do chliù gu h-araidh, Anns gach aite gu’n tug thu buaidh, ’S tha thu nise sabhailt, Aig gairdean deas an Uain. Cha bu gheug gun toradh thu, Ach maiseach a measg chaich, Suidhichte anns an fhìonan, Nach do chaill a riamh a bhlàth; Ghlanadh mar an t-airgiod thu, ’S mar an t-òr ’s deirge gnath, ’S bu shoitheach glan lan eifeachd thu; Le sgeimh an tì tha ’n aird Bha iorasalachd ’s gradh, A tighinn ’n airde ruit ’s gach ceum, Bha do phearsa maiseach aluinn, ’S buaidh do naduir bha da reir, ’S do chliù bidh aig na braithrean, Anns an fhasach’s fad’ an rèis, Oir chaill iad nis Faidhe, A bha gradhach ac’ gu leir. Cha ’n ’eil thu nise ga d’ sharachadh, ’Sa phaileann so air chuairt, Cha bhi trioblaid inntinn ort, ’S cha bhi thu tinn car uair, Chaidh thu suas le òrdheareas, ’S dhflalbh na deoir ’o d’ ghruaidh; A Dhia nan gràs gun deonaich dhuinn Bhi comhla riutsa shuas. (7) Tha am fonn an so a caochladh a nis. [TD 36] Feumaidh sinne a chairdean, Thighinn a lathair ’Bhritheamh mhoir, Chi sinn ’n sin Padruig, Measg an aireamh chaidh thoirt beo; ’S cuiridh e’ sa a sheula, Ris a bhinn theid eigheachd cruaidh, Na ’n aghaidh-san a dhìtear, Leis an fhirinn bha e luaidh. Guidheam air mo chairdean, A dheisd Padruig air a chuairt, Gu ’m pilleadh sibh gu ’r Slanaighear, Mu ’n tig am bàs gu luath; Mu ’n toir e sios do dhoruinn sibh, Gu staid eu-dochais bhùan, Mu’n duinear dorus trocair oirbh, O thigibh beò gu luath. LAOIDH AIR COR AN DUINE. LE EALASAID RHUADH NI’N DONNACHAI, E RAINEACH, A BHA THUINEADH, RI SEANN LAITHIBH, AN CROIT LHABHRAINN, OS-CIONN LHEARGAN. O ’s mithich dhuinn dùsgadh; Tha sinn fada neo-shurdail gun stà; Sinn gun omhail gun chùram Gun tig sinn gu cunntas gu bràth. Nam bu lheir duinn an gnothach, Cha bu choir dhuinn bhi gabhail na dàil; Gun bi ’n obair ri fheuchainn Nuair thigteachdair g’ ard ’neigheachd bho ’n bhàs. Ciamar lhabhras sinn facal Nuair a bheir an Ti Cheart sinn na lhà’ir ’S a lhiuthad lath agus bliana A bhuilich sinn diomhain mar thà? ’S ann chum uile bha ar togradh: ’S bha sinn leisg a chum obair nan gras. S’ cruaidh an gnothach ri eisdeachd Gach lochd tha ri lheughadh ’n ar là’ir Nuair theid trompaid a sheideadh, Theid an cruinne gu leir bun osceann; Na bhios marbh ni iad dusgadh, ’S bheir an cuan an sin cunntas nach gann. Thig crith-thalmhainn a dhuisgeas Na h-uaighean bha duinnte gu teann, Nuair thig Breithe’ na còrach A thoirt breith air gach seors a bhios ann. Is fath eagail a’s curam A bhi smuaineach mu ’n uine sin fhein. Bidh neul ruadh air a ghealaich, ’S culaidh bhroin a cur falach mu’n ghrein: Theid an saoghal ’n a smùraich, Agus leoghaidh gach dùthaich mar chéir Nuair thig Buachaill’ a Cheartais ’Ghabhail cunntas air fad anns an tread Nuair thig Breithe’ na Firinn, ’S beag t-ioghnadh ar ’n inntinn bhi trom, Ni ar cogais ar diteadh; Bithidh litir ar binn ann ar com. Theid ar tearbadh bho cheile Mar ni ’m buchaill’ an spréidh air an tom— Cuid gu subhachas siorruidh, ’S a chuid eile gu diogh’ltasaibh trom. Ach tha ’n saoghal so ’n cònaidh ’G ar cumail an dòchas gach làth Gun toir esa dhuinn sòlas, Sinn a gabhail a sheoil anns gach càs. Ach nuair thaisgear ’s an uir sinn, A’s a chuireas e cul ruinn gu bràth, B’ fhearr d’ arn anamaibh bhi ’n siochaint Na na choisinn sinn riamh air a sgàth. Ach ma sheallas tu cinnteach, Chan ’eil moran toilinntinn fo’n ghrein Ni is mò tha do dhuil ann, S’ ann is doch e chuir cùl riut gu leir: ’N aite aighir a’s sugraidh Gum bheil bròn agus curam ’n a dhèigh; A’s air pailtead do stòrais Cha toir thu fo’n fhòid ach thu fhein. Ach ’s e leigheas ar dochainn Sinn a rhannsach an doruis ’n a thràth A tha treoireach am fochair Caithir Dhe a’s a shochairean àillt, A bhi ’g earbsadh le durachd Gun do ghlan E ar cunntas ’n a lhà’ir, A’s gum meal sinn an reite Choisinn Esa chaidh cheus’ air ar sgàth. Bha réisimeid ann an aon do dh-Innsean na h-àirde ’n iar; bha mòran do na daoine ’bàsachadh, agus cha mhór gum b’fhèarr na h-ifigich. An déigh do’n iarmad tighin dachaidh, bha duin’-uasal a choinnich aon do na saighdearan, a feòradhe ciod bu choireach ris na daoine bhi ’iubhal co lionmhor. “’Se bhi ’g òl a rum ùr a bha ’gam marbhadh,” arsa’n saighdear. “Creididh mi sin mu na daoine,” arso’n duin uasal; “ach cha’n urrainn e bhith gu’n robh na h-oifigich ag òl an rum ùr!” “Cha robh idir, le’r cead,” arsa’n saigheear; “’se ’n seann rum a chuir as do na h-oifigich.” [TD 37-46] THE SCOTTISH HIGHLANDER, AN ENGLISH SUPPLEMENT TO “THE GAEL.” [Beurla] [TD 47] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] DARA MIOS A GHEAMHRAIDH, 1871. [3 AIR. MU NA SEANN GHAIDHEIL. III. O na nithibh a dh’ainmicheadh faodar a thuigsinn gum b’e an t-aon sluagh ceudna a bha air an ciallachadh leis na Romanaich nuair a sgriobh iad mu na Picti agus na Caledonic’: oir nuair a tha Dion ag radh Caledonaich riutha mu ’n bhliadhna 230, agus Eumenius ag radh an ainm Picti riutha mu ’n bhliadhna 296, chan ’eil e cosmhuil no idir comasach ann an uine shea bliadhna agus tri fichead (66) gum biodh an sluagh sin a chog ri Agricola aig a’ Mhonadh Gharbh agus a thug dulan do armailtibh nan Impirean Romanach Hadrian, Antoninus Commodus, Septimius Severus agus Caracalla fad corr agus ceud bliadhna—air an gearradh as gu h-obunn no air am fuadach as an tir le sluagh ur a thainig a stigh nan ait ris an abradh na Romanaich Picti mar ainn. Tha e soilleur gum b’ iad na seann Chaledonaich fein a bha ann, agus nach robh ni ur sam bith ’nam measg no mu ’n timchioll ach an t-ainm nuadh ud a thugadh orra o’n aobhar a chaidh airis. Agus tha Eumenius a’ dearbhadh so dhuinn nuair a tha e ag radh “Caledonich agus Pictich eile,” oir tha e a’ ciallachadh gun robh na Caledonaich nam Pictich maille ris gach dream eile a bha air am filleadh a stigh fo’n ainm sin. Tha e cosmhuil gum b’e an t-ainm leis an robh iad air an comharradh a mach leis na seanchaidhibh Eirionnach “Cruithnich,” oir tha iad ag radh gun robh a’ chuid bu mho dhe Albainn air a h-aiteachadh leis na “Cruithnich” agus air a riaghladh leo. Agus tha na Welshich ag radh “Gwyddyl Ffichti” riutha, se sin Gaidhil Phicteach, no Gaidhil Dhaithte, a ’ciallachadh gun robh iadsan a ’tuigsinn gum bu Ghaidhil na Pictich, agus a reir coslais thug iad an earrann mu dheireadh de ’n ainm o ’n Laidinn a chum an dealachadh o na Gaidhil eile nach robh air an dath. Mu thimchioll na bliadhna 360 tha ainm nuadh air a thoirt air cuid do na fineachaibh Gaelach ann an Ceann Tuath Bhreatuinn. B’e an t-ainm sin “Scoti,” agus is an t-Eachdraiche Romanach, Ammianus Marcellinus, a’ cheud ughdar leis am bheil an sluagh ud air an ainmeachadh mar so. B’ i Eirinn tir an duchais, agus thainig iad a nall à sin do thaobh an iar na h-Alba ann an Earraghael, a chuideachadh le ’m braithribh, na Gaidhil Albannach. anns a’ chogadh ris na Romanaich mu ’n bhliadhna 363, ri linn nan Impirean Iulian agus Iovian. Agus a reir coslais dh’ fhuirich cuid diubh ann an Erraghael far an d’ fhuair iad tuineachas am measg nan Gael, an uair a phill a’ chuid eile dhiubh dhachaidh do Eirinn an deigh a’ chogaidh; oir tha Gildas, seann eachdraiche Breatunnach a sgriobh mu’n bhliadhna 550, ag radh gun “do phill na Creachadairean ladurna Eirionnach dhachaidh.” Agus tha Isidore a sgriobh mu’n bhliadhna 600 a’ dearbhadh gum b’e Eirinn fearann duchais nan “Scoti,” oir tha e ag radh “Scotia, eadem et Hibernia,” &c. Se sin an Gailig, “Scotia an aon tir cheudna ri Hibernia, agus fhuair i an t-ainm so do bhrigh gu bheil i air a h-aiteachadh le fineachaibh nan ‘Scoti,’” chan ’eil e soilleur cia bhuaithe thainig an t-ainm so; tha cuid ag radh gur [TD 48] h-ann o’n fhacal “Scuite” a thainig e, a tha ciallachadh sa’ Ghailig Eirionnaich, “Na Falbhanaich no siubhlanaich, no na Fuadanaich.” Tha cuid eile ag radh gun d’ eirich e bho ’n fhacal Sgaoth agus gun abairteadh Sgaothaich riùtha do bhrigh gun robh iad a falbh còmhlath mar Sgaoth bheachan. No faodaidh gun d’ thainig e o’n fhacal “sgiot” a tha ciallachadh sgap, agus gun abairteadh “Sgiotaich” riutha a chionn gun robh iad air an sgiotadh no air an sgapadh thall ’s a bhos. Ach ciamar sam bith a fhuair iad an t-ainm so tha e soilleur gum bu Ghaidhil iad agus gum b’i Eirinn tir an duchais; agus nach robh dealachadh sam bith eadar iad fein agus “na Picti,” ach ’an dealachadh ceudna a tha an diugh ri fhaicinn eadar na Gaidhil Eirionnach agus na Gaidhil Albannach. Agus tha Adhamhnan a sgriobh Beath-eachdraidh Chalum-chille a’ nochdadh so gu soilleur nuair a ta e ag radh gun d’ thainig Calum-Cille à Scotia do Bhreatunn, se sin à Eirinn gu taobh tuath na h-Alba. Tha an t-Eachdraiche Bede mar an ceudna a’ daingneachadh an ni so; oir tha e ag radh “Si Eirinn gu h-araidh Duthaich nan Scoti,” Leabh. I. Caib. 1. Mu ’n bhliadhna 506, thainig tri Buidhnichean de na “Scoti,” a nall a Eirinn fo thri cheannardaibh agus ghabh iad comhnuidh ann an Earraghael. B’iad na Cinn-fheadhna ud Fearghus, Aonghus agus Lathurna. Ghabh Fearghus sealbh air Cinntire, ghlac Aonghus Eilean Ile, agus rinn Lathurna greim air an fhearann sin a dh’ ainmicheadh Lathurna as a dheigh fein. Chaidh Fearghus a chrunadh na Righ air na “Scoti” agus is ann uaithe-san a thainig a nuas teaghlach rioghail na h-Alba anns na linnibh an deigh sin. (Ri leantuinn.) D. B. B. Cha’n urrainn mi ulag ithe ’s an teine ’Sneideadh. Comhfhurtachd an duine dhona, duin’ eile co dona ris féin. OISEIN: A ‘LINN AGUS A BHARDACHD. (AIR A LEANTUINN.) Tha barantas ’us dearbh-bheachd againn gun robh bho aimsir fad air chùl luchd-stiuraidh ’us riaghluidh thairis air na Gaidheil, da ’n robh iad a geilleachduinn le mòr iriosalachd ’us urram. B’ iad so na Druidhean. Bha iad foghluimte ann an seadh ard: bha iad fileanta ann am feallsanachd agus comharraichte airson an dealas ’us an durachd leis an robh iad a’ cur an gniomh na seirbhis a bhuineadh doibh. Cosmhuil re moran de sheana chinnich na talmhainn, cha b’ fhiu leo am beachdan no an riaghailtean a sgriobadh. Is ann air chuimhne a bha gach-foghlum ’us sgil ’us ealdhainn air an gleidheadh ’nam measg, air chor ’s gun gabhadh na h-oìgfhir, a dh’ fhaodadh na Druidhean a roghnuchadh air sgath an tapaidh, ’s an eireachdais, fichead-bliadhna mu’n ionnsuicheadh iad teagasgan nan Druidhean uile. Is è cuis bhronach, mhuladach a tha an so nach d’fhag daoine, aig an robh ughdaras co mòr agus tighearnas co farsuing, am beachdan agus an cleachduinnean aosmhor féin ann an sgriobhadh, a chum ’s gu’n tairgneadh na ginealaich a thainig ’nan deigh, maith ’us bu annachd uatha; agus, mar an ceudna, gum bitheadh è comasach dhuinn ceannardan nan Gaidheal ann an samhchair na sìth, agus an comhairleachan ann an comhraig nan geur lann, a mheas le solus grianach am briathran fein. Is ann bho’n bhuidheann chumhachdach so a fhuair sinn na facail: “Bliadhna, Bealtuinn, Samhuinn, Citein;” agus tha mi saoilsinn gu’m bheil Flathinnis. no Innis nam Flath, agus I na freoine, (Ifrionn) no I nam fuarfhonn a ruigheachd air an ais gu linn nan Druidhean. Bha dream eile ann a bha comharraichte ’am measg nan Gaidheal le onoir ’us speis, ’us measalachd. B’ iad so na Baird. Bha iad na b’ isle ann an inbhe na na Druidhean, gidheadh bha ’n [TD 49] dreuchd a bha iad a’ lionadh, urramach, air chor ’s gun robh clann nan treun-laoich, ’s nan sàr ghaisgeach ’s nan ceannardan air am faotainn gu minic ’a measg nam filidhean urlabhrach, ard chainnteach, cheolmhor Ghaidhealach. Dh’ fhimiridh na Baird orain fhada ’us dain molaidh an sinnsearan fein ionnsuchadh gu pongail, mionaideach. Thigeadh è dhoibh a bhi mineolach air gach buaidh a thug agus gach euchd a rinn, seoid ainmeal an cinnich fein anns na laithean a dh’ aom, a chum ’s gum bitheadh iad comasach air feachd an dutcha a bhrosnuchadh agus a mhisneachadh ann an glas-chiabhan a bhlair agus ann an spairn nan sleagh. Bha na Baird de gnath a’ cumail cuideachd ris na Gaidheal ann an truscan ciar a’ chomhraig, agus a’ doirteadh treoir us treubhantas ’nan cridheachan le bhi ’seinn ann an rannan taitneach gr’inn, gniomharan mora nan laoch a dh’ fhalbh. Chi sinn, mar so, nach b’ ann gun aobhar sonruichte a bha Bardachd a’ sealbhachadh staid co proìseil, statail ’am measg nan seana Gaidheal. Cha robh meadhon eile ann trid am faodadh an sluagh eolas fhaotainn air deanadais euchdach, fhuilteach nam bliadhnachan a dh’eug; agus cha’n ioghnadh ged a mhothuchaidh gach sonn ’us curaidh anam fein a’ blaitheachadh le eud ’us cruadal, an uair a bha fuaim nan oran a’ gleidheadh companais riu agus iad ag intreachduinn ann an Cath nan treun. Bha fos, iarrtuis mòr ’an measg nam Bard le bhi dichiollach, deothasach, ionad measail a chosnadh ’am measg nan Druidhean a bha fada os an ceann fein ann an cumhachd. Dh’ imich an da chuideachd cheanalta, charthannach—na Druidhean agus na Baird iomadh linn ann an cairdeas dluth, ’s ann an daimh laidir le cheile; agus, gun teagamh, feudaidh sinn a chreidsinn nach robh na h-uairean anaminic anns am fac iad sgiath ’us sleagh ’us clogaid ’us cruaidh ’us taifeid iuthair a’ beumadh, a’ bristeadh ’s a’ ruith gu siubhlach air machair, ’s faiche an air. Thainig fadheoidh crioch air an dluth-chordadh so: Sgaoileadh na ceanglaichean graidh a chum na Druidhean agus na Baird ann an aonachd co fior agus co fada ann an Albainn as a cheile air a mhodh so: Bhuinneadh è do na Druidhean ceannard no ceannfeadhna a thaghadh a chum ’s gun treoruicheadh è armailtan dutcha gu cogadh a chur ann an aghaidh an naimhdean. B’e ainm an duine a bha air a roghnuchadh air an doigh so: Vergobretus no “Fear gu breith.” Tha é air innseadh dhuinn gu’n deachaidh Tràthal, sar cheannard nan saói, agus seanair Fhionnghail, righ Mhoirbheinn nan gleann, a chur air leth leis na Druidhean a chum feachd nan Gaidheal a threoirachadh anns a’ chomhraig gharbh a chuir iad an aghaidh nan Romanach, siol nan coigreach. An deigh do mhac Threunmhoir nan torrunn ard, ruaig a chur air naimhdean nan Gaidheal ’s na Feinne, dhiult è a chumhachd a threigsinn air iarrtuis nan Druidhean uaibhreach. Rinn iadsan oidheirp laidir air a chumhachd a bha aca rè linntean co lionmhor aisg air ais; ach sheas Trathal, b’ fhuaimear beum air sliabh nam blar, gu dalma dulanach nan aghaidh. Chaill na Druidhean coir mar so air seasamh ann an tir ’s an comhairle nan Gaidheal, agus ghabh iad comhnuidh ’an còs nan creag ’s ’an ionadan foluichte na dutcha. Cha robh am beusan fann no faoin, no’n cumhachd failleasach ’an carraid nan sgiath, ’s air sliabh nan cruach. “Bi gu sugach, geaninuidh, mochaireach;” “thoir umhlachd ’us aoradh do Dhia;” “Cum thu fein o olc ’s o cheilg:” “bi gaisgéil mileanta, curanta ann an cath nan lann;” “bitheadh d’ anam ’an spionnadh le solas ’nuair dh-éireas a’ chomhstri mún cuairt:”—b’ iad so teagasgan araidh nan Druidhean. Tha cromleac, clachan sleuchdaidh, clachan brath ’us cuirn, fathast a’ toirt laithean nan Druidhean a nall; ach tha cluarain a’ gluasad fo ghaoith mu thiomchioll nan aitean coinneamh aosda: tha còin- [TD 50] neach a’ comhdachadh nan carn, ’us a’ caoineadh ann an Talla nan Druìdhean, Dh fhalbh iad fein ’s gach euchd a rinn iad. Thog na Baird rè iomadh linn na dheigh so, guth le binneas theud agus sheinn iad ceol uasal nan caoin dhàn. Thainig clarsaich gu minic a nuas on bhalla an nan Cona nan sian, agus le ’guthaibh shoillsich i gu grad na dh’ fhalbh, a’ togail samhla nan laoch nach robh lag air chiar àm a chaidh fada null. Ged dhealuich na Druidhean agus na Baird, cha do lughdaich so meas ’us muirn nan filidhean. (Gu bhi air a leantuinn.) CONA. NAIDHEACHDAN. Se ceisd chumanda am measg nan Gaidheal, gu h-araidh, an Alba; “Ciamar tha ’m bar?” Cha ’n eil a cheisd sin ga cur cho cumanda ’s an duthaich so, tha sinn a smuaineachadh do brigh ’s gu ’m bheil am barr daonan gu math agus pailt. Ma thachras air uairean gu ’m bi seorsachan dheith nach bi cho math, bithidh an conaidh pailteas de ni eigin air dhoigh agus nach bi cunnart acras fhulang—an ni a tha sinn a creidsinn a dh’ aobharaich a cheisd so co cumanta ’s an t-seann duthaich. Se ’s doch iad fhaoighneachd ’s an duthaich so, “Cia mar a tha na Grits no Iain A. agus Iain Sandfield a faighinn air adhart?” no “Ciod an coltas a tha air an fhear ud agus air an fhear ud eile faighinn a steach do ’n Pharlamaid aig an ath àm tionail; agus ciod e barail nam paipeirean naigheachd mu gach cuis,” &c., &c. Cha ’n eil an duthaich so an earbsa ri aon seorsa de bharr, cho mor ’s a tha ’n t-seann duthaich; agus cha ’n eil neart de na tuathanaich fo mhàl. Ma theid am buntata air ais, bithidh pailteas cruithneachd, coirc no eorna aca. Uime sin cha bhi iargainn mu ’n chuis. Tha nise barr na bliadhna so air a thional agus a chuid mhor dheith air a bhualadh, air feadh Chanada; agus ’s fhada bho nach robh e na b’ fhearr. Cha mhor gu ’n urrainn duinn seorsa ainmeachadh na’s fhearr na seorsa eile. Tha ’m buntata gu h-araidh anbarrach math agus pailt, agus faodaidh sinn an ni ceudna a radh mu ’n chruithneachd, eorn’ agus choirc. Tha ’n Geamhradh a nis air tighinn a steach gu math; ach tha side bhriagha, thioram, sheasgair againn fhathasd an Canada, cha chuala sinn ach gle bheag de shneachda a bhi air tuiteam an aite ’s am bith de ’n duthaich. Cha ’n eil sinn a cluintinn naidheachd araidh ’s am bith bho ’n Ghaidhealtachd, bho cheann ghoirid; tha ’m barr agus an t-iasgach air tionndadh a mach cho math, mur eil na’s fhearr na ’n abhaist. Air an t-seachdamh latha de ’n mhios so chaidhe, bha teine uamhasach ann am baile mor Chicago, ’s na Staidean, leis an deachaidh earann mhor de ’n bhaile sin a mhilleadh, agus call mor a dheanamh air cuid agus beatha dhaoine. Leis an ùpraid a bha na lorg, tha e duilich cunntas cinnteach fhaighinn air aireamh nan daoine a chaidh a dhìth leis an teine so,—tha cuid ga aireamh mu ’n cuairt air mila anam. Ach tha cunntas cinnteach againn gu ’n deachaidh, mu cheud mile pearsa fhagail gun taigh gun fhasgadh. Tha moran airgid air a chur cruinn s’ gach cearna, air son cobhair leis na daoine bochd a chaill an cuid ’s an dachaidh leis an teine eagallach so; agus tha sinn an dochas uime sin nach bi moran fulaing nam measg. Tha cunntas againn gu ’m bheil an sluagh mar a tha gu sgairteil air toiseachadh ri togail a bhaile as ùr. Tha ’m baile mòr beartach so, a leigeadh ris dhuinn cia mar a tha ’n sluagh agus an duthaich a tighinn air an adhart, air an taobh so de ’n fhairge. Cha’n eil ach mu ’n cuairt air da-fhichead bliadhna bho ’n bha choille a fas gu reachdmhor na làrach agus gun a tuineadh ann ach Innseanaich agus beathaichean fiadhaich. Aig an am a chaidh a losgadh bha e moran na bu [TD 51] motha na Dun-eideann, le corr a’s tri-cheud mile a shluaigh a tuineadh ann, agus gach malairt agus obair a dol air adhart da reir. Bha mar an ceudna mòran theintean an aiteachan eile air feadh nan Staidean air a mhios a chaidh seachad, a rinn call mor air beatha agus cuid dhaoine. Se ’n tiormachd neo-chumanta a bha air feadh na duthcha, gu h-araidh na Staidean an Iar air an Fhoghar so, a reir coltais, a b’ aobhar air a chuid mhor de na teintean so. Tha moran bruidhinn aig an am so mu aonachadh a bhi air a dheanamh eadar Eaglaisean Clèireach Chanada,—an ni a tha sinne a faicinn ro iomchuidh a bhi air a dheanamh; oir cha ’n eil eaglais shuidhichte ’s am bith an Canada a nise; agus tha gach eaglais a th’ ann saor. A thuilleadh air sin bhiodh an t-aonachadh so feumail, agus freagarrach air iomadh doigh nach urrainn, sinn an so ainmeachadh. Bha Cleir na Eaglais Saoire cruinn ’s a bhaile so air toiseach a mhios, agus leis a cho-dhunadh gu ’s an d’ thainig iad, cha ’n eil teagamh againn nach tig an gnothaich mu ’n cuairt mar bu choir an uine ghoirid. Tha Parlamaid Chuibec air cruinneachadh, agus tha Iain Sandfield agus a chairdean gu coinneachadh a cheile an Canada uachdrach air an t-seachdamh latha de ’n ath mhios,—tha cuid a gradh nach bi uiread de chairdean aige ’s a tha e ’n dùil,—ach “ge be ’s fhaide a bhitheas beo s’ e ’s motha a chi-” Bha moran gainne air feadh na duthcha a thaobh luchd oibreach air a bhliana so—gu h-araidh luchd-oibreach fearainn agus roidean-iarainn, agus searbhantan taighe. Bha aon duine (Mr. Willis) a tha sealtuinn as deigh gnothuichean luchd iomruich an Ottawa ag’ innseadh dhuinn gu ’m b’ urrainn easan aiteachan cosnaidh agus tuarasdal math fhaighinn do chòr agus mìle. Tha seirbhesich a faighinn bho dheich gu fichead dolar anns a mhios agus am bord, a reir an sgil a bhios aca air obair; agus tha searbhantan taighe air an doigh cheudna a faighinn bho cheithir gu deich dolar anns a mhios. DUN BHRUSGRIGH AGUS IAIN II. EARANN. Tha na leanas air tighinn eadar Iain agus an Dun cuig bliadhna deug an deigh a cho-labhairt mu dheireadh a bha eatorra, agus Iain air falbh ann ’n Canada: ARS IAIN. “Mo mhile failte ort Dhuin Bhrusgraigh, ’S an thugad tha m’ aigne ag’ eirigh, Le d’ riomhail uaine co lusrach, Gu cruinn uchdach le ’m feuraibh; Tha do chreagan cas gorm-bhàn, Gu corrach foirmeil, gu ’n bheud oirr’, A cumail dion ort mu d’ aodann, ’S cha dean aois moran meirg ort. No siontan bras. Tha cuig bliadhna deug air dol seachad, ’O ’n rinn mi tagal mu d’ chorsan, Thug thu sgeul dhomh mu’n ghlannan, Mu ’n tuath ’s mu dhachaidh m’ oige; Mu dhaoine mi runach Gallta, Nach tuig ar cainnt no ar comhradh, ’S mu ’n eilean Ileach ’s mu ’m chairdean, Do ’m b’ annsa ghnath bhi ’n comhnuidh, A measg nan glac.” AN DUN. “Ciod e so a tha mi cluinntinn, No ciod e chainnt tha ’m chluasan? Gu cinnt’ cha ’n ’eil mi ’m chadal, Le srann agam ’s mi bruadar; Air leam gu ’n cuala mi ’n guth so Gu tric a muigh air mo ghuaillibh, Ach easan rinn e ar fagail, ’S thar ’n t-saile mhoir ghluais e. Gu tir Chuibec. An thusa Iain nan cluanach, A ’s tric thug fuaim air mo chreagan, Le d’ phiob mhoir air do ghualainn, Toirt sgalan cruaidh as an fheadan? Ma ’s thu cha ’n aithne dhomh t-aogasg Tha ’n ad’ mhaol sin gad’ chleith orm, ’S dosan buis mu d’ lib’ uachdrach, A falach snuadh do dheud shnaighte. Mar earball cait. Tha do chota beag cutach A cumail cruit ort mu d’ ghuaillibh [TD 52] Agus briogaisean cumhann, Le Bann ga ’n cumail mu d’ chruchain; Imich ’uam cha tu Iain, Mac mo chridhe ’bha stuamail, Mar eil easan air aomadh, Gu cleachdan faoin ’s air fas uaibhreach, Mar neach gu ’n rath.” IAIN. “A righ gur bochd leam mar thachair, ’N am tighinn fagasg ’s mi saraichte, ’Bheil thusa a Dhuin a cur cùl rium, O ’n dh’ fhag mi ’n duthaich ’s mo chairdean? O! ’s iomadh oiche ’bha mi bruadar, An criochaibh fuar na coill arda, Gu ’n robh mi cleasachd mu d’ ghlacaibh, ’S mo chridhe a’ plosgairt mar b’ abhaist. Re d’ chreagan glas.” AN DUN. “Fhir mo ghraidh gabh mo leithsgeul, Na gabh spreisg ’chuireas naire orm, Ged a bha mi ri geadas, Mud ad, mud aodann ’s mud fhiasaig; Nach iomad uair ann am chabhaig, Thug mi sgailleag do ’m laimh dhuit, Ach an sin bha thu d’ bhallach, Gun mhaoim, gun spagloinn, gun bhreimisgais, ’S do nadur math. Ach ma tha thu air tionndadh, Mar a mhuinntir tha straiceil, Nach fhiu leo comhairl’ no barail, A ghabhail ceart ’o an cairdean; Cha ’n ioghnadh leam e ri aithris, Gu ’m bheil garraich ’s an aite sin, Nach d’ fhuair teagasg nan oige, Ma ’s fior na sgeoil thig gach trath, oirnn, A nall le Post.” IAIN. “Cha ’n eil mi aon chuid am ghurrach, No tionndaicht’ thairis am thrail dhoibh; Mar ’s fiosrach gu math dhuit, Cha b’ e chleachd mi ’o m’ mhathair, Ged tha moran ’s an tir ud, Nach dean striochdadh do ’n aithne, Cha do leig mi air dichuimhn’, An teagaisg fhior fhuair mi lamh riut, ’S mi ’m mhagran beag.” AN DUN. “’S ann leam ’s toillichte ra fhaicinn, Gu ’m bheil do chleachdadh mar b’ abhaist, Ged tha d’ aogasg a cleith orm, Gu ’m bheil cneasdachd a’ d nadur; A nis on thuig sinn a cheile, Tionndaidh fein, ’s taghail lamh rium, S cha ghair’ mi tuilleadh mu d’ ada’, Mu d’ chota goirid ’s mu d’ fhiasaig, On am so mach. Mo mhile failte ort ’o m’ chridhe, A ’m bheil do mhisneach gun mhucadh? ’Bheil do shlainte gun bhristeadh ’O n’ dh’ fhag thu do dhùthaich; Innis dhomh ’s na dean ceiltinn, Oir tha mi leantuinn mo rùin dhuit, ’S fhada a feitheamh ri d’ sgeul mi Mu’n tir chein sin tha cliùiteach, Do ’n ghabh thu tlachd. IAIN. “Tha mi slàn gu ’n char cear orm, ’O na dh’ fhag mi mo dhuthaich, Ach bha deuchainnean làitheil, A cur phramh air mo ghnuis-sa; Chaochail ’m athair ’s mo mhathair ’S chaidh an caramh fo’n uir ’uam An Cill-a-Rudha nan tolman, Measg na marbh nach dean dusgadh, Ged ni mi gal.” AN DUN. “Tha mi faicinn gu fior-ghlan, Measg gach tir agus canain Gu ’m bheil trioblaid a stri riu’, Co dhiu’ ’s iosal no aird iad; ’S ma tha mi faotainn na firinn, Tha ’n tir sin buileach neo-shlainteil, Le cuilag ’s fiabhrus tha oillteil, A cumail sgoinn agus anradh. Air cuid an so.” IAIN. “Co, fad ’s a’s beo an cinne-daona, Co fad ’s a tha aog anns a nadur, Na measg bith trioblaid ra fhaotainn, A chionn tha ’n t-aobhar a ghnath leo; Tha cuid do dhaoine gu spìdeil, A cur sios air an aite ud, A chionn tha aineolas inntinn, Gu rò chinnteach ga ’n caradh Air staidh neo-cheart. Cha ’n eil fiabhrus no critheach, A cur tiomachd no càs oirnn; ’S ged bhiodh so an car tiotaidh, Cha ’n eil innealachd bàis ann; Tha cuideachd oigeil ’s seannta Ma ri leanbaibh ri magran Cur moran bhliadhnachan seachad, Gu’n chrith, gu’n chasad, gu’n sgainteach, Gun tinneas bras. Na toir feart air gach gurrach, A bhios ri gulag ’s ri dranndan, Mu gach beitheach ’s cuileag, A tharruingeas fuil no ni sranntan; Ch ’n fheum sinn cumhachd nan ubag, No cailleach bhuitseachais aingidh, A chum ar tearnadh ’o ’m builleam, No ’n gob guinneach tha ainmeil, Air piocadh goirt. [TD 53] Tha ’n tir ud math agus falainn, Tha ’n tir na dachaidh do ’n Ghaidheal, ’S math dhoibh fhein mar a thachair, Ged bha carraid car trath orra: Fhuair iad dachaidh ’s a choille, Le ’n tuaigh chaidh taigh chur ’n aird’ leo, ’S shuidh iad sios mar theaghlaich, Fo fhàileas chraobh nan dos arda’, Tha ann gu pailt. Ged tha ’n obair car trom oirre, ’S ann le fonn theid iad uime, Mac-talla ’m breislich ’s gach tom leo, Ga fhregairt lom leis gach buile; Tha farum faobhar an tuaighean, Mar thrompaid bhuadhach cur thuige, Gu ’m bheil fàsach nan cual chrann, Air toirt suas do gach duine, Ni innte stad. Tha ’n eunlaidh fhiadhaich air mosgladh, Bha gnath gu socair le ’n seorsa, Na daoine ruadha ri osnaich A cumail fois air na squa-ibh; Tha ’n eilid luath le geur chuinnean, ’S math-ghamhainn dubh le a spogan, Uile fiamhach gu’n furas, Air faicinn duine ’s na corsan, Le crann ’s le beart. Tha daimh le cuing thar ’m muineil ’S fear guthach laimh riutha a glaodhaich ‘Come, jee: ham,’ agus tuilleadh Nach dean mi thuigsinn mi ri ’m shaoghal; Tha teine laidir dubh, lasrach, A losgadh grad salann chraobhan, ’S Gach fear ’s aodann ’s an deataich, Le fallas bras air gach taobh dheith ’S e paiteach teith. Iadsan uile a tha falainn, Ged bhios beagan na ’m poca, Iadsan uile a tha sgairteil, Gu ’n leisg ag’ agairt a choir oirre; Iadsan uile tha ri saothair, Le maoir ’s madaidh ga ’n toireachd, Na biodh eagal no càs oirre Gu iomeachd trath do ’n tir mhor ud, Le inntinn cheart. B’ fhearr gu ’n robh gach fear teaghlaich. Tha criomadh raoin anns a Ghaidhealtachd, Fo chuibhreach ’s chuilbheartan dhaoine. Do ’n dia ’n caoirich ’s ’n spreidh ac’; A glanadh fearuinn ’s an taobh ud, ’S a gearradh chraobhan ’s gan spealgadh, A chum ’s gu ’n coisneadh iad saorsainn, Nach ’eil ri fhaotainn ’n Albainn, Ged tha i math.” A Dhuin Bhrusgraigh ro ghradhach, Gu m slàn anns gach tìr iad, A chuibhrionn bhochd de na Gaidheil, Bha paidheadh mail anns a chrìch so; Chaidh cuid dhiubh iomain air falbh uat, Mar dhròbh gu margaidh fo chiobair, ’S anns an tìr ud fhuair fasgadh ’O cholg ’s bho spraisg an luchd cìse, Bha stri ri ’n creach. Oakville, May 30, 1870. J. McC. ORAN DO CHOMUNN GAIDHEALACH GHLEANNGARRAIDH, CANADA. LE DOMHNULL GRANND. Gu baile mor na sgìreachd so, Gu ’n d’ ghiarr iad gu mo dhinnear mi, ’S ann sin bha ’n comunn siobhalta. Bha grinn ’s a h-uile doigh. Mo bheannachd do n’ phairtidh ud, Chaidh cruinn aig Alexandria, Thoirt onair do na Gaidheil, ’S do Naomh Aindra mar bu choir. Bha fineachan na duthcha ac’ ann, Domhnulliach ’s Dughallaich, Granndaich agus Stiubhartaich, ’S clann Ionmhuinn mhor an t-Srath. Bha Mac-a-Phearsain Chlùnaidh ann, Bha Caimbealaich ’s clann Uraig ann, Bha Griogaraich ’o Ruadh-Shruth ann, ’S daoine uaisle ’o chlann Mhic-Rath. Bha Siosalaich Srath-ghlais aca, Bha Mac-Leoid ’s Mac-Artair ann, Mac-Ille-Mhaoil ’s ’n Catanach, ’S na h-Alpanaich bho t-shean. Bha Frioslaich na h-Airde aca, ’S Mac-Coinnich mor Chinntaile ac’ ann; Shuidh Clann-a-Linnean lamh’ ris, ’S Mac-Ille-Brà’ ’s iad sin. Bha Camroinich ’o Locaidh ann, Clann-Ille-Iosa a Mòrair ann, Mac-Aoidh ’s Mac-an-toisich ann, ’S Mac-Neacail mor s’ a mhac. Bha Mac-an t-Saoir ’s Mac-Lachlainn ann, Mac-Ruairi ’s Mac-Bheathain ann, Fearghusonaich pailteas ann, ’S Mac-Labhrainn, ’s Mac-an-Ab. ’S gann a tha do thìm agam, Na fineachan uile innse’ dhuibh, Ach bruidhnidh sinn mu ’n dinnear, ’S mu ’n a h-uile ni a bh’ ac’. Na ’m faiceadh sibhs’ am bord a bh’ ann, Bha turkies air ’n rostadh ann, Bha muilt-fheoil agus geoidh ac’, ’S gu leoir a dh’ fheoil a mhart. Bha cearcan air ’n cocaireachd, Bha haggies ann bha sònraichte, [TD 54] ’S bha miosan beaga boidheach ann, De sheorsachan nic nax. Bha cofe agus tea ac’, ’S bha siucar geal na mhill innte, ’S bha mnathan oga ’s niónagan, Ga shìneadh gu gach fear. Se Mac-a-Phìe, a Callasaic, A rinn an dinnear ainmeil ud, ’S ged chosg i moran airgid dha, Gu dearbha’ bha i math. ’S an fheadhainn rinn a chocaireachd, Gu ’m fada beò bhìos iad, Gu’m foghnadh i do ’n Ghòbhairnair, Do righ Deors’ no da mhac. ’Nis bruidhnidh sinn mu ’n òl a bh’ ann, Bha branndaidh, ’s rum, s’ beòr aca, Bha fion ’s gin bho ’n Olaind ac’ ’S broinean “mac-na-brach.” ’S e piobaireachd ’n ceòl a bh’ann Bha toirteachan, ’s bh oranan, Bha ’m president toirt ordugh dhoibh, “Hurro! come—fill your glass.” Bha deoch air slainte na Ban’-righ ann, ’S air na prionnsachan a thainig ’uaip, Air Craig ’s air Domhnull Sandfield, ’S air a Pharlamaid bho ’s leith. Ach sguiridh mi dheith ’n dàn tha so, ’S bruidhnidh mi mu ’n Ghailig ribh, S innsidh mi mar thainig i, Bho ’n t-im a bh’ ann ’o t-shean. A thaobh ’s i cainnt ’s naduraich, Gu oranachd ’s gu màranachd, Gu ’r b-i a bh’ anns an airc ac’, ’S aig Adhamh ’s aig a bhean. A cheud fhacal a thuirt Adhamh rithe, ’Nuair chunnaic e ’s a gharadh i, Chaidh e ’s rug’ e air laimh oirre, “’N thu th’ ann a ghraidh na ’m bean.” ’S mor ’n t-aobhar naire dhoibh, Do phairt de dhaoine ’n aite so, Nach ionnsuich iad a Ghailig, Do ’n cuid phaisdean ’s do ’n cuid mhac. ORAN GAOIL, LE SOMHAIRLE CAMSHRON, E RAINEACH. Air fonn “Coire-cheathaich.” Mi m’ shuidhe’ m’ onar, air tulaich bhoidhich ’S mi gabhail orain, cha teid e leam; Mo chridhe ’n cònaidh mar chloich air mointich, As moran seòil aig air dol gu grùnnd. Gu grùnnd cha teid e gun fhios do ’n Eucaig; ’S ma ni i rèite gur fheaird a chùis; ’S mur taogh i fein mi, gur leis an Eug mi, Le shaighdibh geura tigh’nn orm es ùr. A shaighdean geur’ annam taobh ri chèile, A dh’ fhag mi reubta le iomad lot: Gur tuirseach m’ eislein gach latha ’g eiridh; Gur tric mo lheine co fliuch ri lòn. Mar ghaoith bho thuath a thig bharr nan cuaintean, A dh’ fhalbhas bhuainne mar chi sibh ceò, ’S e samhladh fhuair mi de ghaol na gruagaich, A roinn mo bhuaireadh air iomad seòl. Ochoin! a ghruagaich, nach gabh thu truas rium; Do ghaol a bhuair mi gun fhios do ’nt shloigh. ’S mur faidh mi fuarach bho ’n ghaol so bhuair mi, Gu dearbh cha dual domh bhi fada beò: Mo chridhe luaineach gach lath’ air luasgan, Mar lhuing air chuan agus i gun seòl; Na tuinn le buaireas ag eiridh suas ri; ’S mur eirich buaidh leth’ cha teid gu seòr. Gu seòr cha teid i; ’s gur beag mo speis di, Mur faidh mi ’n Eucag a ’s gile dreach, Do shliosan gle gheal mar shneac air gheugaibh; ’S gur tuirseach m’ eiridh gun laidhe’ leat. Tha m’ inntinn cianail, gach lath’ ’g a riabadh, ’S mi ’n toir air t’ iarraidh le cogais cheart. Do nadur cònard a chlaoidh es m’ oig mi; ’S cha b’ e do stòras a bh’ ann mo bheachd. Stòr no feudail ged ’s mòr an speis diu, An diugh cha leir leam a bhi ’g an dìth; A’s stoc no airneis chan iad a b’ fhearr leam; ’S cha bhraid na meirl’ air am bheil mi ’n ti, Cha chrodh air bhuailtibh ’s cha ghreigh air fuaran A chuir an buaireas so ann mo chrìdh; Ach eala bhuaidheach ’s i snamh nan cuaintean, ’S mo lhion mu ’n cuairt di g’ a toirt gu tìr. ’S ma ’s tusa an eala tha air a chuan sin, Gur mise ’nt uan a tha air an tràigh, ’S na meangain bhuaidheach a fàs mu n cuairt domh, Mur tuit mi ’m buair’ air do shon, a ghràidh; Cha dìbheil ceille thug miad mo speis dut; ’S ma ni thu reite cha deigh dhomh e. On ’s tu mo cheud ghradh, a gun lhub thu fein mi, Gum bi mi eibhinn deth fad mo rhèidh. Do chuach-fhalt boidheach, air dhath an neonaín ’S e fas gu mòthar ’n a dhualaibh grinn, ’N a chiobhan òr-bhuidh mar shithein eòrna, Gu bann do chòta bho chùl do chinn,— Gu lubach, dualach—gu clearcach, cuachach, A’s car mu ’n cuairt anns gach fuiltein mìn, [TD 55] ’S e truiste suas ann an sìde buaidheach, An leadan dualach nach dochainn cìr. Do shlios mar chanach, no breid de ’n anart, No sneac air barraich, gun dol gu làr; Do ghruaidh dhearg thana mar chaoran meangain, Fo d’ shuil ghorm mheallaich, gun ghiomh, gun sgàth. Tha mais’ a’ t’ aodainn thair clann nan daoine; ’S e dh’ fhag mi daonnan co fad a’ d’ ghradh; Ach thig le d’ ghaol, ’s thoir e glacaibh ’n Aoig mi, Neo dh’ aindheoin dhaoine gum faidh mi bàs. ’S ma gheobhtar bàs lheam air-son do ghraidhse, Cha bheag an tamailt e m’ chairdibh mòr,’ ’S na craoinn bho ’n d’ fhas mi co math ri d’ phairtse Ged iar thu nàird iad gu ruig na meoir. Bho linn gu linn, iar amach mo shinnsre, ’S ma gheobh thu mìo-mhodh do dhuin’ ’nt shloigh, Grad cùl do chinn ris gach geug a chinn diu; ’S cha robh do thiom dhiu ach gear gu leoir. ’S ma chumthar bhuam thu le gniomh ant shluaigh sin, A thogas tuailteas le cainnt am beòil, Tha cairdean dileas mu ’n cuairt os n ìseal, A thogas mio-thlac, ’s nach strioehd do ’n choir. Luchd bhreug as thuaileis do ’n gnàth bhi buaireadh Tha m’ fhuil air fuathachadh riu, as m’ fheoil, Gum buin an treud ud do Mhamon deisneach, Le 'n teangaibh èisgeil toirt beum do ’n chòir. Tha naimhdean fallsail, fo sgaile cairdeis, A togail fann-sgeulan oirn le chèil’ Luchd mio-ruin teanga a pioca tainge, A dealbh an aimhleis ’s a deanamh bhreug. Tha ceilg mar lhòn agus nimh ri òl daidh, As e an cònaidh gu searbh ’n am beul. Luchd dhealbh droch sgeoil buinidh iad do dhoruinn, A’s iads gu sonruicht’ bhios deanamh bhreug; Ma chi sibh neach bhios a cur ri chèile, Mar phioghaid threubhaich ’s i deanamh nid Bidh aon a cuartachadh staigh le h-eiginn, A’s aon a reiteachadh cuairt an nid;— Ma thig gaoth lhuaineach thair bharr nan cuaintean, A chuireas luasgan air meoir a phris; Grad fhalbhaidh uapadh an nead ’s a chuairteag, As faic an truaighe cia mòr a nis. Mar sin, mo bhanndag, na gabhsa anntlachd, Ged their do chairdean gum bheil mi bochd; As tuig Righ Daibhidh, ’s an staid am b’ aird e, Bha chrìdh’ gun ailgheas mar neach gun toic Cha d’ fhuair an righ sin ach beag toil-inntinn ’S a chaithir rhioghail, le mòran sprochd; ’S ma lheugh thu m Bioball tha pairt de ’g innseadh Gun d’ rhoinn e ilseach mar dhuine bochd. Bha mise a’ m’ òige car tamull gòrach; Nis tha mi deoineach air cinntinn glic; Tha àm gu bròn agus àm gu sòlas: ’S e ’n dara seol air ’n do chaochail mis. Nis glacam seòlta mo rhibheid cheòlar, On tha mo shòlas a rìs air teachd; As theid mi chonuidh gu tulaich bhoidhich ’S bidh mi mar smeoraich a seinn gu beachd. ORAN DO ’N NIGHINN GHAIDHEALAICH. LE EOGHAN MAC LEOID. [Bha ’n t-ughdar a lathair aig cuirm araidh, ann ’m fear de bhailtean mor Shasuinn; thug e ’n aire do nighinn a bha ro aluinn, agus modhail na gluasad, air dhoigh ’s gu’n d’ thug i bàrr air cach uile. Air dha fhaighinn a mach gu ’m bu Ghaidheal i, rinn e na rainn a leanas dhi.] ’Se bhi gleusadh mo chiuil air cliù na maise Tha ùr bho thalamh na ’m Beann, A bheothaich mo shunnd, ’s dhùraich ’m aigneadh, Mar dhriùchd air lusan nan gleann, A dhaisig dhomh oige, ’s prois is mire, Cuir orain mhilis am bheul; A dhusgadh le sòlas ceòl mo chridhe, Do ’n òg-bhean ’s ceanalta bèus. Do bheatha do ’n tir so, ribhinn bhaneil, Tha t-intinn tairis is rè. Do nadur cho ciuin, ’s do ghnuis cho maiseil, Do shuil mar dhearcag an t-sleibh. Do bhroilleach geal mìn, a’ sìde a ’falach, Tha ligh mar eala air a chuan, Do ghruaidh mar ’n ròs ’s boi’che sealladh, ’S oigh’ ’sa mhaduinn ga bhuain. Gur fortonach dhà’san, thàr, na fearaibh, Do ’n dain am meangan a bhuain ’Nuair bheireadh na prionnsan, ’s diucan fearann An cruin na ’m faigheadh iad buaidh, Gu ’m tighinn air baird’ a’s airde barail, Air ailleachd pearsa agus snuadh, Bith’ eachdraidh do chliu an cunntas maireann A muirn aig deas agus tuath. [TD 56] CANADA. (AIR A LEANTUINN, BHO Chuairteir nan Gleann.) Tha do dh’fhearann fàs anns an duthaich so uiread ’s a ghabhadh ceud mile pearsa ’n ceann gach bliadhna fad leth cheud bliadhna ri teachd, agus ’na dheigh sin bhiodh fearann fás ann le cion dhaoine chum aiteachaidh. Cha ’n eil cearn san t-saoghal d’a bheil imrich do’n Gháidheal cho nádurra; cha ’n eil iad a’dol am measg dhoine borba fiadhaich, ach am measg an luchd-duthcha fein, fo na h-aon laghanna bha thairis orra bho ’n òige; tha míltean romhpa ’sineadh a mach an lamhan riutha ’s a’ smaideadh orra dol a núll, agus a’ feitheamh gu failte shuilbhearra chur orra. Cha ’n eil teagamh nach bi ’Ghailig ann an uine ghoirid air a labhairt ann an America mu-thuath le barrachd dhaoine na th’ ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Tha ministeirean ann tha ’searmonachadh na Gailig—ministeirean dileas teò-chridheach, durachdach; agus ge goirt leinn gu bheil èiginn agus cruaidh-chas a’ bagradh na Gaidheil bhochda fhuadach o’n duthaich fein, ’s oil leinn nach robh na míltean diubh air an suidheachadh ann an America, dluth d’a chèile, far an suidheadh gach aon fo sgail a chraoibh figis féin gun eagal bàirlinn no maoir. Gun teagamh air bith ’si so an duthaich a ’s freagaraiche do Ghaidheil dol, a tha ’cur rompha tír an athraichean fhagail. Cha ’n eil cosnaiche slan fallain tha eolach air obair, agus toileach obair a dheanamh, nach faod fearann saor a bhi aige dha féin ann am fior bheagn bhliadhnaichean, agus a bhi cho cothromach, socrach ’s bu mhiann leis, ged nach robh peighinn air a shiubhal, ma bheir e’n aire dha fein; ’s ma tha e glic grunndail, faodaidh e chur cùl a laimhe an ceann tri no ceithir a bhliadhnaichean na chuireas ’na chomas aite seasgair fhaotainn da féin agus a radh: “Tha mi nis air mo dhùnan féin agus feuch cò dhuirers dheth mi!” ’Se ’n t-àm a’s fearr gu falbh do Chanada no do chearn air bith ann an America mu thuath, deireadh an earraich, agus gun bhi moran na’s anmoiche no mu làithean na Bealltuinn. Tha leis a so ùin’ acasan tha dol a mach amharc mu’n timchioll agus àiteachan freagarach fhaotainn. Iadsan a bheir beagan airgid leò tha ùin’ aca le dol a mach tràth sa’ bhliadhna air cruineach a chur, tighean a thogail agus uidheamachadh agus fearas-tighe dheanamh, airson a’ gheamhraidh. Tha tuarasdail ard do ghnàth airson sgalagan agus dhaoine tha eólach air gnothuichean dùthcha; gheibh iadsan ceithir dolara-deug sa’ mhíos—os-ceann deich-puinnd-fhichead shasunnach sa’ bhliadhna. Bu chóir dhoibhsan tha ’cur romhpa falbh, co beag nithe ’s a ’s urrainn iad a thoirt leò, oir tha cosdas mòr ’na ghiulan o àite gu àite. Tha iadsan tha dol thairis do na dùthchanna sa an cunnart a bhi air am mealladh le daoine cealgach sanndach a choinnicheas iad an dèigh dhoibh ’ruigheachd; mholamaid dhiobh a bhi ’nan earalas, agus a chuimhneachadh gu bheil luchd-comhairleachadh aig an uachdranachd anns gach àit air an suidheachadh agus air am pàigheadh chum coigrich a stiùradh do guch àite ’s freagaraíche dhoibh. Faodaidh iad lan earsba chàramh annta so, agus ’s e ’n teurainteachd a bhi air an comhairleachadh leo, cia dhiubh ’s e cosnadh tha dhith orra no fearann a cheannach dhoibh fein. Iadsan aig nach ’eil airgiod r’a thoirt leò, ach a tha dol a mach mar luchd-cosnaidh, chomhairlicheamaid iad a dh’ fhalbh tràth sa’ bhliadhna, a’ cheud chosnadh math a thachras orra ’ghabhail, iad a bhi foighidneach seasmhach, fuireach ’nan luchd-oibre ’s ’nan sgalagan gus an tuig iad gu math nàdur an fhuinn, nàdur na dùthcha ’s an dòigh a’s fearr gu cinneachadh, agus gu àite fhaotainn doibh fein. Mar thuirt sin a cheana, gheibh fear-oibre math làidir, ceithir dolara-deug sa’ mhìos, agus a bhord; agus an ceann trì bliadhna faodaidh e àit’ fhaotainn da féin. Tha sinn ’ga ínnseadh mar fhírinn gu gu bheil daoine san dùthaich sin aig nach robh aona pheighhinn an latha chaidh iad air tir gun sgoil gun ionnsuchadh; ach stuma, riaghailteach, seasmhach, saothaireach, agus ann an ceann tri bliadhna, aig an robh leth-dusan mart, mucan, eunlaith agus na h-uile goireas a b’ urrainn doibh iarraidh. Ma thogras duin, air bith an ainm fheòraich, bheir sinn doibh an ainm ’s an sloinneadh agus an t-àit as an d’ fhalbh iad. Gu bhi air a leantuinn. [TD 57] MRS. CAIPTEIN THOMAS. Cha ’n eil teagamh nach faoighnich iomadh neach d’ ar luchd-leughaidh: “Co i Mrs. Thomas, no ciod a chuir a h-ainm an so seach iomadh bean uasal eile ’s an duthaich?” ’Sann air son sin a fhreagairt a thoisich sinne air so a sgriobhadh, agus tha sinn rò dhuilich nach ’eil sinn ach gle chearbach air a shon, a thaobh ’s nach eil min eolas againn air a bhoirinneach uasal cheanalta so. Cha ’n aithne dhuinn a bheag mu deimhinn, ach gu ’m bheil sinn a cluintinn gur bean Caiptein mara i, agus gu ’m bheil i a tuinneadh an Dun-eideann. Ach chunnaic agus chuala sinn mu gniomhara fiachail agus caoimhneil bho cheann ghoirid, a thaobh cuideachadh agus leasachadh le Gaidheil bhochd, ni a bhiteas na chuimhneachan maireann dhi ann an cridhe gach Gaidheil aig am bheil spèis ’s am bith de dhùthaich aithrichean, agus math a luchd-aiteachaidh. Tha i nise bho cheann aireamh bhliadhnachan, air a chuid mhòr d’ a tim a chaitheamh a deanamh na’s urrainn i air son cor dhaoine bochd a leasachadh air feadh na Gaidhealtachd, gu h-araidh ’s na h-eileanan an Iar. Chosd i moran de cuid airgid fhein, agus thionail moran airgid bho dhaoine coir eile air son comhnadh ri Gaidheil bhochd a chur do Chanada agus aiteachan eile ’s am biodh an cor na b’ fhearr na bha e ’n duthaich am breith; agus tha i fhathasd a leantuinn air an obair cheudna. Cha ’n eil cairdean de ’n t-seorsa so ach ainneamh aig na Gaidheil ’s an latha ’n diugh. Uime sin ’s ann le ’r ’n uile chridhe a tha sinn a guidhe “buaidh ’us piseach le Mrs. CAIPTEIN THOMAS, fior bhan’-charaid nan Gaidheal.” Innsidh sinn barrachd mu deimhinn an uine ghoirid. Cha robh coille riamh gun chrìonach. Cha’n ’eil eadar an t amadan ’s an duine glic, ach gu’n ceil an duine glic a rùn agus gu’n innis an t-amadan e. COMHAIRLE DO NA GAIDHEIL A THA FUIREACH AN ALBAINN. A chlanna’ nan Gaidheal nach tig sibh a nall, ’S na bithibh na’r traillean aig garlichean Ghall, Tha Canada fursuinn a’s beartach gu leoir, ’S ma ni sibh ann obair gu’n togar leibh lon. Togaidh sinn cruin’eachd ma’ ri eorn’ agus corc, Peisir ’s buntata agus neupan gu pailt; Na measan is boi’che a tha na’s leoir an do ghnà ’S cha chùram do dhuine ma chumas e shlàint. Tha cuid ann’s n àit ’s tha beartach, ’s cuid bochd Mar a bhith ’s gu bràth anns gach aite gu beachd; Ach esan ni dichioll gu firinneach, ceart, Bith’ dachaidh ’us àit’ aige, ’s fardach gu’n airc. Se tha sinn’ ag’ ionndrain a mhuinntir tha ceart Cha mhisgear no lunndair no fiongair gun rath, Ach daoine tha grunndail le intinnean math Bhi’s leirs’neach s ’n du’ich ’s ’n sùil air gach car Tha milltean ’s an aite ’s a thainig a nall, Gun sgillinn na ’m poca, bha bronach ’s an àm, Tha nis aca fearainn, ’s tha taighean ac’ suas, Eich, crodh agus caoirich, ’s cha ’n fhaoineas ’n luach. Tha steidheach ’s ’n dùthaich ’s ’tha cliùiteach do ’n t-sluagh; Cha’n ’eil iad ga ’n sarach’ aig garraich dhaoin’ uaisl’, Do’m feum iad bhi lùbadh mar dhiuidhidh gun tairbh’, ’S an claigionn ac’ ruigste ’n àm ciùine no storim. Cha b’ ionann sa n t-àit ud a dh-fhàg mi ’am dhéidh,— Tha cuid de na Gaidheil mar thraillean gun fheum, Air seileach tha’n clarsaich, ’s an dàintean gun seinn, Na “Pharohs” toirt buadhach, ’s muir ruadh thar ’n cinn. Tha morchuis ’s uabhar ’s truailleachd ro mhor, Measg oighreachan fearainn, gu tional an oir; A chost theid an gealltachd, an dannsa ’s an ol, S’ an iochd’rain air faontra gun aodach gun lon. An t-or ’ud cha chosd aig ’n dachaidh gu feum; Do n Fhraing no do Lunainn mar ghurraich gun teid; Ach tillidh iad dhachaidh ’s Bann-tasgaidh* nan deidh, ’S na màil theid an àrdach’ gu pairt deth chuir rèidh. ’N am trusadh a mail sin bith’ smàladh air tuath ’S gu clis mur a pàidh iad, theid Bairlinn mu’n cuairt, Na Factors mar fhithich a criomadh na smuais No Iolair nan aomal tha ’n gaol air na h-uain! A gabhail gach cothram gu solar an oir; An coir no an eucoir an sprèidh bheir iad leo, Le maoir tha mar mhial-choin, air iallan nan dorn— A sineadh air sgiamhail ag’ iarraidh gu lon! Bheir mise dhuibh comhairl’, ma ghabhas sibh ris, Gu fior ’s ann le cairdeas a tha mi ga innse’; “Gach aon de na Gaidheil gu’n denadh iad deas ’S tighinn thairis do Chanada, ’s gheibheadh iad meas.” ’S mi chunnaic mor chruadal’ thall a’s a bhos, ’S sheas mi air uairibh mor fhuachd agus teas, * Mortgage. [TD 58] ’S iomadach alaban fada leam fhein, ’S bu neoni sud uile seach fuireach ’s an Eiph’t’ Cha ’n eil mi cur tuaileas a suas anns an am, Ach innsidh mi ’n uair so mu bhos agus thall, ’S an t-aon a bhitheas grumach ’n deigh cluas thoirt do’m rann, Duineadh e chluasan ’s cha bhuairear a cheann Nise thugaibh an aire, gar mealladh cha bhi’, Ma thig no ma dh’fhanas, na coirichibh mi, Tha cuid anns an ait’s gun fhardach gun ni, Ach ’s mi-fhortan mor e, no ol ’s milleadh tim. Tha sean’-fhocal direach, ’s e fior air a lhuaid, “Nach airidh air sochair am fear nach cuir suas, Le beagan de’n dochair, ’s a sin gheibh e dhuais, Dha fein ’s dha chuid phisdean, ’s a bhairlinn cha ghluais.” Nis sguiridh mi ’m ranndachd, ’s mo pheann leigidh sios, Their cuid bhith ’s ag’ eisdeachd, ri ’m sgeul “tha e fior,” Cuid eile, “cha’n eisd mi ri breugan gun bhrigh,’ Mar sud tha na daoine ’s an t-saoghal gach linn. Sullivan, Ont. Sept. 1871. H. McC. ORAN GAOIL. EOGHAN MAC-COLLA. AIR FONN—“Hi ri ri ’s ho ra il ò, mo nighean donn is bòidhche.” CO’-SHEIRM Thogainn cliù na h-ùr-bhean mhin Fhuair ’san Réilig gaol mo chri: ’S beag an t-ioghnadh tuille ’s mì Bhi bristeadh ’n cridhe ’n tòir oirr’. ’S binn ’an seòmar ceòl nan teud, ’S binn ’san fhàs-choill àl nan geug; ’S binne na iad uile ’m beul Bu mhiann leam féin bhi pògadh. Thogainn cliù, &c. Thug an t-ùr-ros, flùr nam buadh, A dhath gaolach féin d’a gruaidh; ’S fàile caoin subh-craobh nam bruach A h-anail fhuair gun fhòtus. Thogainn cliù, &c. ’S geal an lilidh tim a’ Mhàigh, ’S gile no sud cneas mo ghràidh, Còmhnuidh chaoin a’ chridhe bhlàth, B’è ’n trusdar dh’ fhàgadh breòit è. Thogainn cliù, &c. Ciod an stà bhi ’cur an géill Dreach a blàth-shuil làn de ghaol? Cha ’n eil sùil a’ chalmain féin A leth co maoth-ghorm bhòidhaich. Thogainn cliù, &c. Cha ’n eil mil an t-seillein chiar Idir milis làmh r’a bial; ’S shaoileadh tu gur ann bho ’n ghrian A fhuair i fiamh a h-òr-fhalt! Thogainn cliù, &c. LITIR BHO ASTRALIA. Macartair, Astralia, Ceud Mios, an Fhoghair 14, 1871. A Mhr. Deasaiche,— Chunnaic mi sealladh de bhu’r paipeir luachmhor bho cheann ghoirid, agus gu cinnteach thug e mor thoil-inntinn dhomh fhaicinn gu ’n robh a leithid ri fhaotainn ’s a Ghailig. Gu ’m fada beo sibh, agus gu ’m buadhaicheadh leibh. Faodaidh mi innseadh dhuibh gu ’m bheil moran Ghaidheal anns na cearnaibh so de ’n chruinne. Cha ’n ’eil baile ’s fhiach ainmeachadh nach ’eil comunn Gaidhealach steidhichte ann, airson cumail suas luth-chleasan neo-lochdach nan Gaidheal. Bha mar ’n ceudna paipeir Gailig againn ’n Tasmania ’s a bhliadhna, 1857; ach bhàsaich e air a bhliadhna sin fhein. Bha moran connsachaidh eadar na Gaidheil agus na Goill ann a Hamilton ’s an duthaich so bho cheann ghoirid; agus ’se ’n t-aobhar a bh’ aca:—Mu’n cuairt air 1857, thogadh eaglais eatorra, air chumhnant gu ’m feumadh am ministeir ac’ a bhith comasach air searmonachadh ’s an dà chainnt. Fo ’n chumhnant so, chaidh an t-urramach Aonghas Domhnullach, a shuidheachadh mar mhinisteir thairis air a choithional. Fhuair iad air ’n adhairt gu rèith car uine; bha searmoin Ghailig aca ’s a mhaduinn agus searmoin Bheurla ’n deigh meadhon latha, gach Sabaid. Dh’eug Mr. Domhnullach bho cheann ghoirid; ach greis roimh am a bhàis, cha robh searmoin Ghailig aca, ach aon uair ’s a mhios; agus am fear a thainig na aite cha searmonaicheadh e dig idir ’s a Ghailig. Chuir na Gaidheil an aghaidh so, a reir a chumhnant a bha eatorra, agus scar iad iad fein bho na Goill buileach. Tha na Gaidheil a nis air eaglais ùr a thogail dhaibh fhein’a tha na onoir dhaibh, agus tha iad an drasd a feitheamh ri ministeir a Albainn; agus ma dheibh iad fear a bhithas measail air a lhuchd ducha agus ’n canain, agus na sheirbhiseach dìleas an aobhar an Tighearna, cha ’n ’eil teagamh nach soirbhich leis. Creid gu ’r mise le mor mheas, ’Ur seirbhiseach diles, D. B. Victoria, Australia. Thachair do mhinisteir stòlda, agus oifigeach òg coinneachadh, agus a bhi ’seanchas; agus mu dheireadh, thanig an seanchas gu car beag connsuchaidh. Bha’n t-oifigeach ag at le feirg; agus mar thàmailt do’n mhinisteir, thuirt e ris—“Nam biodh do mhi-fhorton orm gu’m biodh ùmpaidh mic agam nach b’urrainn ni eile dheanamh, gu cinnteach dheanain ministeir dhe.” “Cha robh t’athair-sa sa’ bharail riut,” arsa ’n ministeir, gu socrach. [TD 59] GEARAIN. Chuala sinn bho cheann ghoirid gu ’n d’ thainig gearain a nall a’ Albainn, a thaobh aireamh do Ghaidheil bhochd a thainig a nall bho cheann ochd bliadhna, bho aon de na h-eileanan an Iar, le airgiod iosaid, bho dhaoine uasal timchioll Ghlaschu agus Dhuneideann, air chumhnant gu’n cuireadh iad an t-airgiod air ais gun dail, cho luath ’s a gheibheadh iad e, a chum ’s gu ’m faigheadh daoine bochd eill e, gu tighinn air an doigh cheudna. Tha na daoine so a gearain (ged nach eil teagamh nach d’ fhuair na daoine do ’n tug iad e, an t-airgiod uair ’s uair bho ’n thainig iad), nach deach’ sgillinn a chur air ais dheith fhathasd, mar a gheall iad. Cha ’n eil e furasd dhuinne a chreidsinn gu ’m bheil facal firinn ann; uime sin cha’n abair sinn a bheag mu ’n chuis, gus an lorgaich sinn a mach gu min e. Ach ma tha a leithid de dhaoine air tighinn n’ ar measg fo ainm Ghaidheal, a bhioth cionntach air a leithid, tha sinn an dòchas gu ’n teid am fuadachadh a mach as an duthaich gun dàil, air neo do n’ choille, am measg nan Innseanach, far ’n ionnsuich iad a chainnt Innseanach, Fraingis, no canain eile de ’n t-seorsa. Cha bhuin a leithid idir do Ghaidheil Chanada. NA TIGHEARNAN GAIDHEALACH. Tha duine Urramach araidh, nach ’eil e fhein a tuineadh fada bho sgàil a “chaisteil mhòir,” a sgriobhadh thugainn; “gun a bhi ri miodal nan tighearnan Gaidhealach, daoine ’s miosa a tha ri fhaiginn, &c.”; a ciallachadh, a reir coltais, an orain a bha ’s a cheud aireamh de ’n GHAIDHEAL, do Shir Seumas Mac-Mhathain. Gu’n a leigeadh ris co sgriobh an t-oran sin, tha sinn ag’ aontachadh ris gach facal dheith, a thaobh molaidh agus geanmath an duine uasail sin; agus ged nach eil sinn a tuineadh cho faisg air “baile mor a chaisteal” ’s a tha easan, cha ’n aidich sinn idir a bhi tur aineolach air mar a tha gnothuichean a dol air adhairt timchioll air; agus ’s math dh fhaoidte gu ’m bheil sinn ann an suidheachadh a cheart cho math ris fhein gu breith neo-chlaonach a thoirt ’s a chuis. Aidicheamid gu ’m bheil cuid de na tighearnan Gaidhealach cho dona ’s a dheanadh easan a mach iad,—an fheirde a chuis am beagan nach ’eil mar sin a bhi air ’n cur ’s an aon phoca riutha? ’Nuair a thachras droch dhaoine an-iochdmhor rinn am measg nan tighearnan Gaidhealach, cha ’n fhaigh iad sòradh bho ’n Ghaidheal so; agus an uair a thachras daoine coir iochdmhor rinn, coltach ri Sir Seumas MacMhathain, innsidh sinn e mar ’n ceudna—a dhaindeoin co chuireadh na aghaidh. ’S math dh’ fhaoidte gu ’m bi tuilleadh againn ri radh mu ’n chuis so ’n uine ghoirid. COMUNN GAILIG LHUNAINN. Se so an diugh da rireamh “Comunn nam fior Ghaidheal, cia bith co aige tha ’n t-ainm ’s ann acasan a tha ’n tairbhe. Se gu ’n teagamh an diugh an comunn a ’s feumail ’s as beothail a bhuineas do na Gaidheil. Tha crioch araidh aca ’s an amharc, se sin a bhi sealtuinn as deigh gean-math na Gailig, nan Gaidheal agus na Gaidhealtachd, agus a reir coltais cha ’n eil a chrioch sin a dol as an amharc. Cha mhor gu ’m bheil gluasad a chuala sinn bho cheann fhada, a thaobh Aird Fhear Foghlun Gailig, agus nithean eile de ’n t-seorsa, nach ’eil a fhreumh ri lorgachadh a mach thun a Chomuinn so. Am measg iomadh ni math eile a chuala sinn ’uapa bho cheann ghoirid, tha cunntas gu ’m bheil iad gu ministeir Gailig a shuidheachadh an Lunainn. A reir a chunntais a tha againn mu ’n deimhinn, tha ’n Comunn a dol cruinn an Lunainn bho cheann cor ’s deich-bliana thar fhicead; agus iad gun allsadh bho ’n uair sin a deanamh na’s urrainn iad, gus na gnothaichean so a chur air adhairt, ged nach cluinn sinn [TD 60] a leith uiread mu ’n deimhinn ’s a chluinneas sinn mu iomadh Comunn eile nach eil an deicheamh uiread cho feumail riutha, agus sin do bhrigh ’s nach do chroch iad iad fein mar ghliogairean gun fheum ri crios Dhiuc, Phrionnsa agus Thighearnan, mar a rinn moran de chach. Buaidh ’s puseach leotha,—’s ann oirrasan da rireamh a laidheadh briathran a bhaird chòir ’s an aireamh mu dheireadh de ’n Ghaidheal. “’S fior airidh air beannachd nam Bard, Deagh Chomunn nan armunn fial, A bheothaich gach cleachdadh ’us gnath, A bha aig na Gaidheil riamh.” EACHDRAIDH NA H-ALBA. Tha Eachdraidh na H-Alba air a sgriobhadh ann an Gailig, agus air a cur a mach leìs an urramach Aonghas Mac Choinnich. Mholamaid do ar caìrdibh Gaidhealach uìle, agus do ar luchd ducha leìs an ìonmhuinn cainnt am mathar agus eachdraidh duthaìch an aithrichean an leabhar fhaotainn agus a leughadh gu curamach durachdach; agus ma ni iad sin geallaìdh sinn dhaibh gum bi fiach an saoithreach aca. Le mor dhìchioll chuìr an t-ughdar rì cheìle eachdraidh ghrinn shnasmhor, fhirinneach, agus chruinnìch e moran ann am beagan de euchdaibh nan seann laoch agus de ghniomharaìbh treubhantais ghaìsgeach rioghachd na h-Alba. Ma tha Gaidheal sam bith toileach a bhi mìon eolach air eachdraidh a dhuucha chomhairlicheamaid dha gun dail an leabhar so a cheannach, agus theid sinn an urras nach gabh e aìthireachas air son sin. FAILTE NA BAN’-PHRIONNSA. Mor tha fios aig ar luchd-leughaidh chuir sinn failte cho cridheil ’s a b’ urrainn sinn, air a Bhan’-Phrionnsa, ’s a cheud aìreamh de ’n Gaidheal. Bho ’n uair sin, fhuair sinn mu ’n cuairt air dusan litir làn de ranndaichean air “Failte na Ban’-Phrionnsa,” agus tha iad a tighinn fhathasd. Tha sinn a cheart cho dileas, agus cha striochd sinn ann an dùrachd do ’n Bhan’-Phrionnsa’, do neach ’s am bith; ach an ainm an aigh, a chairdean, mar tha ’n seann-fhacal ag’ radh: “foghnaidh na dh’ fhoghnas, ge b’ ann de dh’ aran ’s de dh’ ìm.” A Theagamh nach tuig mòran de ’r luchd leughaidh an America, an seann-fhacal so; tha e reìr coltais a ciallachadh nach robh ’n t-aran ’s an t ìm, aig na seann daoine coir cho pailt ’s a tha e aig muinntir Chanada. FREAGAIRTAN. Tha sinn duilich gu ’m feum sinn moran de na bha air ullachadh againn air son an aireamh so, a chur seachad gus an ath aireamh. Mar fhreagairt do ’n cheisd a tha gu minig air fhaoighneachd dhinn: “Am bheil na h-uachdranaibh, no neach ’s am bith eile a paidheadh farradh luchd-iomruich gu tighinn do Chanada? Innsidh sinn an so nach eil cho fad ’s aithne dhuinne. Tha uachdranaibh Chanada a toirt seachd fearann saor, agus gach comhnadh eile ’s urrainn iad airson dhaoine bochd, a chuideachadh gu dachaidh a dheanamh dhoibh fhein ’s an duthaich so. Cha’n eil teagamh againn nach luthaigeadh iad ’mar ’n ceudna farradh dhaoine a phaidheadh, ach cha ’n eil e rèidh dhoibh sin a dheanamh aig an am so. NITHE NUADH AGUS SEAN. COMHAIRLEAN AITHGHEARR.—Eisd rium car tiota beag,—cha’n eil ach fìor bheagan agam ri ràdh riut—labhraidh mi e ann am facal no dhà; ach ’s làn-airidh iad air suim agus mothuchadh. Tha tri nithe anabharrach féumail do mhac an duine san t-saoghal—’s iad so, BIADH, AODACH, agus CADAL. Nam bu mhian leat do lòn ithe le taitneachas, agus blas math a bhi air, saoithrich chum a chosnadh; nam bu mhiann leat tlachd a bhi agad ann an aodach, pàigh e mun cuir thu umad e; agus nam bu mhiann leat cadal math fhaotainn, thoir deagh choguis leat do d’ leaba’dh. Dean na nithe so, agus bidh tu a’d’ dhuine cothromach, subhach, a thaobh an t-saoghail so, agus a thaobh an t-saoghail eile. Ma’s miann leat a shealbhachadh ann an glòir, lean Esan a thubhairt, “Is mise an t-slighe.” Earb ’na iobairt-réite, gluais ’na cheumannaibh, gràdhaich e; agus an sin-bidh tu sona san t-saoghal so, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd.—Cuairteir nan Gleann. A GHAILIG AGUS AN EABHRA—’S aithne dhomsa duine araidh Gaidhealach ’tha posda [TD 61] ri bean uasal Ghallda. Bithidh an duine so air uairibh a seinn dha fhein rannan dheth chainnt mhaithreil. Thuirt a bhean ris aon là araidh agus ris a ghnothuch so. “B’-fhearr leam fein gu’n tugadh thu thairis a bhi ris a chainnt mhosaich sin.” Cha robh sud a coradh ri cridhe a Ghaidheil, agus ’s ann a thuirt a ris fein: “Bheir mise ort a bhean Ghallda, gu ’n aidich thusa air doigh eile thaobh mo chainnt uasail-sa.” Agus mar sin, an deigh dha a freagairt, ag’ radh nach robh mosaich ’s am bith co-cheangailte ris a chainnt aige-san. Dh’ fheoraich e dhi “An cuala thu riamh dad de ’n a chainnt Eabhrach agus ciod e ’m beachd, a th’agad oirrsa?” “Thoir dhomh (ars ise) earann dhi, agus innsidh mi dhuit cia mar ’s eaomh leam i?” Chunncas a nis gu ’n robh i gu tuiteam anns an rib a shuidhicheadh air a son; agus thug e dhi le guth cho glan, ’s cho suidhichte ’s a b’urainn da na briathran a leanas: “Bha mi ’n dè ’m Beinn Dorainn, ’S na coir cha robh aineolach; Chunnaic mi na gleanntan, ’S na beanntan a b’ aithne dhomh.” “Sin agad a nis (ars ise) cainnt ris an airidh cainnt a radh!” C. D. A DEANAMH A TRI AS NA DHA—Tha e air aithris air duine araidh aig nach robh sgoil, ’s am bith e fhein, gu ’n d’ chuir e mhac do ’n Chollaisd gu ard fhoghlum a thoirt da; agus air do ’n ghille tighinn dhachaidh aig am araidh, dh’ fhaoidhnich athair dheith agus iad a suidhe gu ’m biadh: “Cia mar a bha e faighinn air adhairt sa Chollaisd, no ’m b’ urrainn e dearbhadh ’s am bith a thoirt seachad air ard sgolaireachd, a thuigeadh daoine gu ’n fhoghlum coltach ris fhein agus ri mhathair?” (agus amharus air ’n t-seann duine nach robh ’n gille a toirt uiread aire do ’n sgoil ’s bu choir ha). Ars an gille ’s e sealtuinn mu’n cuairt da, ’s a faicinn da thunnaig rosta air a bhord: “Nan dearbhainn dhuibh gu ’m bheil tri eoin ’n sin an aite na dha a tha sibhs’ a faicinn, nach biodh sibh riaraichte?” “Bhithadh gu ’n teagamh” ars athair. Chuir an gille an’ sin aon do na h-eoin an dara taobh; “sin agad aon,” ars esan. “Ceart” ars athair. Chuir e ’n sin na dha maille ri cheile rithisd: “Tha dha ’n sin,” (ars esan) agus nach e aon agus a dha a tri: “Se gu’n teagamh ars athair, ’s math a fhuaras thu. Goirid an deigh sin thoisich a mhathair air na h-eoin a roinn. Chaisg athair i agradh: “Cha leig thusa leas a bhean choir na h-eoin a roinn, agus gu’n againn ach triur; rinn sgolaireachd do mhic na h-uiread sin a dh’ fheum dhuit mar tha; bheir mise leam am fear so (agus a toirt leis ’n dara fear), agus bioth ’m fear beag sin agad fhein, agus fagamid an tritheamh fear aigesan slàn air son a sgolaireachd. Cha dh’ fheuch an gille ’n doigh cunntaidh so a a riamh na dheigh timchioil air a bhord. DEAS FHREAGAIRTAN. Tha e air aithris gu ’n robh dithis bhraithran, agus an dara fear da ’m b’ ainm Iain no Eoin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a lathair a dh’ aithnicheadh e ach a brathair fhein; agus bha ’m brathair sin air a mhionnachadh gu ’n a innseadh e air, no gu’n comharraicheadh e mach a bhrathair do ’n luchd torachd nan tigeadh e ’s an rathad. Air dha ’bhrathair fhaicinn a tarsuinn air falbh ann an eathar, sheinn e an rann a leanas; oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gu ’n a bhrathair a bhrath: Agus air dhoibhson smuaineachadh gu ’n robh e faicinn fhaoileagan no eoin eile de ’n t-seorsa, cha d’ chuir iad umhal ’s am bith: “Chi mi e ’s cha cheil mi e, ’S air mhile bonn cha bhrath me e, Chi mi Eoin a snamh air sruth, Sud agaibh e, ’s beiribh air.” Bha duine a bha rò theoma air guidheachdan a falbh an rothaid ann ’n carbad. Chuir clach a bha ’s an rathad, maille air a charbad aige. Ghlaoth e ri seann duine a bha goirid uaithe; “e thogail na cloiche, ’s a tilgeil a dh’ ifrinn.” “Cha tilg” ars an seann duine, gu socair, ’s e ga togail ’s ga tilgeil a leith-thaobh, “air neo nan tilgeadh, dh’ fhaodadh i bhith rithisd na do rathad.” Cha mhiosa na cuid dhiubh so, am freagairt a chuala sinn Domhnull MacR. coir, a toirt do dhuine araidh, air ’n robh e g’ iarraidh “AN GAIDHEAL,” a ghabhail airson bliadhna; “’N ann aig ceann na bliadhna (ars an duine)‘ a bhi’thas e ri phaidheadh? “’S ann (ars Domhnull) aig a cheud cheann dhi.” TOIMHSEACHAIN. Bha moran thoimhseachain de ’n t-seorsa so air feadh na Gaidhealtachd, cuid dhiu’ a bha fior theoma agus thaitneach; ach ma’ ri iomadh ni eile de ’n t-seorsa tha iad a nis a dol air chall. Bhiothadh sinn fada ’n comain ar cairdean aig ’m bheil cuimhne air cuid diu’ so na ’n cuireadh iad da ’r n’ ionnsuidh an an drasd ’s a rithisd iad. Tha sinn a cumail na freagairtan do na toimhseachain a leanas air ais gus an ath aireamh, a chum ’s gu ’m bi tim acasan nach cuala roimh so iad, feuchainn an dean iad a mach na freagairtan ceart: 1. An rud nach eil, nach robh, ’s nach bì; Sìn do lamh as chi thu e. 2. Cha mhotha e na grainean eorna, ’S comhdaichidh e bord an righ. [TD 62] 3. Togaidh ’n leineabh beag na dhorn e ’S cha tog dà dhuine dheug le róp’ e. 4. Diddleman, daddleman, gille beag dubh, Tri chasan fodha, agus bonaid de ’n fhiodh. 5. Fear beag sporsail, a falblh na mointeach, Le spuir ’s botainn ’s beul adhairc air. 6. “Chunnaic fear gun suilean Ubhlan air a chraoibh, Cha d’thug e ubhlan di, ’S cha d’fhag e ubhlan oirre.” 7. Chi mi, chi mi fada ’uam, Tri mìle thar a chuain, Fear gun fhuil, gun fheoil, gun anail, ’G imeachd air an talamh bhuan. 8. Chaidh biadh gu dithis. Gu ceann Loch Maree; Dh’ith am biadh ’n dithis, ’S thàinig am biadh dhachaidh a rìs. 9. Chaidh mi le biadh triur, A null thar lochan an fhéidh, Dhith am beadh an triuir ’S thainig e dhachaidh leis fhein. 10. Tha Mogan mollach, mollach, Sior shiubhal a mhonaidh; Cha dath gobhair, no caoire, No dath d’aoine th’ air Mogan mollach. 11. Ceithir na ruith, ceithir air chrith, Dithis a coimhead ’n aghaidh ’n adhair, ’S fear eile a g’ eigheachd. 12. Bha duine araidh air son faighinn thairis air loch; bha madadh-ruadh, giadh agus adag eorna aige ri thoirt thairis leis,—dhitheadh am madadh-ruadh an giadh agus dhitheadh an giadh an t-eorna, ’s bha ’n tuigheam aisig cho beag ’s nach b’ urainn e ach aon diubh a thoirt leis comhladh. Cia mar a fhuair e thairis iad? 13. AISEAG NAN CEARDAN.—Bha aig sea’nar cheardan, triuir fhear agus ’n truir mhnathan, ri faighinn thairis air caolas le eathar beag, nach tugadh leatha ach dithis comhladh. Bha na fir ag’ iadach ri cheile, agus cha ’n fhaodadh aon de na mnathan dol thairis ach le fear fhein; ni mo a dh’ fhaodadh i bhi lathair air taobh seach taobh maille ris na fir eile, gu ’n a fear fhein a bhi comhladh rithe. Dh’ fhaodadh na mnathan a dhol a null no ’nall le cheile, ach gu’n aon de na fir eile a bhi maille riutha. Cia mar a fhuair iad thairis? FREAGAIRT do na cheud tri toimseachain, a bha ’s a cheud aireamh de ’n Ghaidheal. 1. Bior a chaidh na chois. 2. Dà shoitheach uisge a bha e giulain. 3. A bhliadhna, na raithean, na seachduinean, na leithean, agus na h-uairean. CUMHA LE MAIGHDION OG UASAL AIRSON A LEANNAIN, AIR DHA ’BHI ’N TIR CHEIN. AIR FONN—“Fear a bhàta.” Luinneag. Air faill ill ò rŏ, ’s na hò ro éile, Air faill ill ò rŏ, ’s na h-ò ro éile, Air faill ill ò rŏ, ’s na hŏ ro éile, Tha mise brònach bho Thriall mo cheud ghaol. Cha ’n iognadh mise ’bhi tuìrseach brònach ’S mo Rothach fhin gun ’bhi so a chòmhnuidh, E ’m Baile Dha’idh* toirt iùl do ’n ògradh, A’s mise ’g acain ’sa sileadh dheòran. Air faill ill ò rŏ, &c. Tha mise cianail bho thriall mo shàr bhuam, An t-òg-laoch gaisgeant’ ’bha math ’s na blàraibh; A bha na fhòghlumach anns gach cànain, Bho Bheurla Shasuinn gu Gailig Adhamh. Air faill ill ò rŏ, &c. Tha mi làn airtneal—tha m’ aigne cianail, Mo chòm na lasair—le gaol air lionadh; Tha gach uair dhomh cho fad ri bliadhna ’S mar d’ thig e dhachaidh, bi’dh m’ fhalt air liathadh. Air faill ill ò rŏ, &c. Mar gam faiceadh sibh fiadh air mòinteich, ’S e sile fola an d’éise a leònadh, Aon bheathach eile cha teid e ’n còr da— Mar sin tha mise bho thriall an t-oigear! Air faill ill ò rŏ, &c. Mar gam faiceadh sibh long air cuaintean, ’S na tonnan beacach a streup mu ’n cuairt di, A ghaoth a seideadh, ’s na speuran gruamach, Mar sin tha mise bho thriall mo luaidh bhuam. Air faill ill ò rŏ, &c. A’ laidhe ’m anamoch, tha mi làn airtneal, Air uirigh fhlùir ’s beag mo shùrd ri cadal; Ma gheibh mi drùb dheth bi’dh tu na’m aisling ’S an àm dhomh dùsgadh ’s tu m’ ùrnaigh mhaduinn. Air faill ill ò rŏ, &c. Ach bithidh mi fhathast ann an dòchas, Gun tig thu dhachaidh le pailteas stòrais, Gu Sraid-a-Chaisteil† far ’m beil mi chòmhnuidh, ’S gun tig am parson gu grad g’ar pòsadh! Air faill ill ò rŏ, &c. Es-an ga freagairt. A Shára eudail tha mise brònach Bho rinn mi d’ fhàgall a reul nan oighean; Ach théid mi dhachaidh m’ar goirid beò mi— ’S b’ e neamh air thalamh ’bhi riutsa pòsadh! Air faill ill ò rŏ, ’s na h-ò ro éile, Air faill ill ò rŏ, ’s na h-ò ro éile, Air faill ill ò rŏ, ’s na h-ò ro éile, Tha mise brònach bhodh’ fhág mi m’ eiteig FILIDH NAM BEANN. Inbherneis, 1871. * ’Sa Bheurla David’s-ton, baile beag a th ’aig Crompa. † Sraid-a-Chaisteil ann an Inbherneis. [TD 63] BLAR MAGH LEUNA, EADAR CUCHILLINN, FEAR-RIAGHLAIDH EIRINN, AGUS SUARAN, RIGH LOCHLAIN. LE OISEIN. Bha Cuchillinn ’n a fhear-riaghlaidh air Eireann, am feadh ’s a bha an righ, Cormac Mac-Airt, ’n a òige. Anns an am sin thainig Suaran, righ Lochlain, le feachd laidir, an aghaidh Eirinn, agus chaidh e air tir fasig air Tura, far an robh Cuchuillinn a tuineadh Chunnacas cabhlach Shuarain roimhe sin, agus chuir Cuchuillinn fios gu Fionn, air son conaidh. Agus chaidh Cuchuillinn an aghaidh nan Lochlannach, mus an d’ thainig Fionn; agus chath e ri Suaran air Magh-Leuna, an Ulainn. Mar stoirm fhaoghair ’ruith bho dha bheinn, Gu chéile ghrad tharruinn na trein; Mar shruth làidir cas bho dha chraig, Ag aomadh ’s a taomadh air faich, Fuaimear, dorcha a’s garg ’s a bhlàr Thachair feachd Innis-fail (1) a’s Lhochlain. Gach ceannard a spealt-chleas ri sàr, A’s a dhaoine ri lhàimh a cosgairt. Bha gach cruaidh a screadan air cruaidh, Agus clogaidean shuas ’g an sgoltadh, Fuil a dortadh gu dlùth mu ’n cuairt, [A’s air talamh gu luath a spoltadh.] Bha taifeid (2) a fuaim air mìn iuthar, A’s gathan a siubhal troi ’n speur, Sleaghan briste a tuiteam gun phudhar, Mar dhealain air mullach ant shléibh. Mar onfhaidhean beucach a chuain, Nuair a ghluaiseas an tonn gu ’h-ard, Mar an torrunn air cùl nan cruach, Bha gruaim agus farum a bhlàir. Ged bhitheadh ceud bard Chormaic ann, A’s an dàn a togail a bhlàir, Cha b’ urrainn daidh aithris ach gann Gach coluinn gun cheann a’s gach bàs. Bu lhionar bàs fhear agus thriath, ’M fuil a sgaoileadh air sliabh an àir. Bithibh brònach, a shiol nan dàn, Mu Shithàluinn, ceann nan grabh-thriath, Agus togsa, Eibhir, t’ uchd bàn Mu og Ardan, sàr nan colg fiar. Mar dha eilid thuit iad ’s an réidh, Fo lhaimh Shuarain, treun nan donn sgiath, Nuair a ghluais e roi mhiltibh le feum, Amhuil tannas an speur nan nial. (1) Eireann. (2) Sreang bogha. [TD 64] Fuar thannas a shuidheas an scleò, A’s e sgeadaicht’ le ceò bho thuath, Nuair a dh’ aomas am maraich nach beò Sealladh bròin air barraibh nan stuadh. Nior chadail do lhamh ri do thaobh, A thriath Innis is caoine sian, (3) Bha do lhann ann an astar nan faobh, Mar dhealan a baoillsgeadh air sliabh Nuair a thuiteas an sluagh anns a ghleann, ’S a bhios aghaidh nam beann ’n a caoir. (4) ’N sin shrann an Dubh-sroingheal (5) thar seoid, ’S nhigh Sith-fada (5) a bhròg am fuil Lhaidh gaisgich ’n a dheighe gu leoir, Mar chaoille air torr nan tuil, Nuair ghluaiseas osag troi ’n fhraoch, Giulain tannasan faoin na h-oich’. Bi deurach air carraig nam fuaim, Nhighean uasal Innis nan Long; A’s lùb do ghnuis aluinn thair chuan Thus’ a’s glaine na fuath (6) air tom, A dh’ eireas mall, mòthar suas, Mar ghath-greine air cruaich nan tonn. Oir thuit e (’s grad thuit e) ’s a bhlàr: Ata oig-fhear do ghràidh gun tuar, Fo gheur-lann Chuchuillinn bu shàr— A dh ’fhàg e co bàn a’s co fuar. Cha ghluais e gu cruadal gu bràth, A’s cha bhuail e fuil ard nan saoi: Thuit Treunfhear, òg Threunfhear, gu bàs; Oigh, chan fhaic thu do ghradh a chaoidh. Ta mhiolchoin a caoineadh gu trom Aig baile nan sonn ’s iad mu thaibhs; (7) Ta bhogha gun taifeid ’s e lom; Air an tom ta farum a bhàis. Mar dh’ aomas mile tonn gu tràigh, (8) A ghluais fo Shuaran borb na dàimh (9) Mar thach’ reas traigh ri mìle tonn, A thachair Eireann ’s righ nan long An sin bha guthan garbh a bhais, Measg toirm na gàire-cath a’s cruaidh, Bha sgiathan ’s maile brist air lar, A’s lann ’s gach laimh mar dhealan shuas. (3) ’Se ’nt Eilein Sgiathanach a tha e ciallachadh, far an d’ rugadh s an do thogadh Cuchuillinn. (4) ’N a lasair theine. (5) Na h-eich aig Cuchuillinn. (6) Taibhs. (7) Bha iad a creidsinn, bho shean, gum faiceadh coin, taibsean nam marbh. (8) Tha ’m fonn ag’ atharrachadh an so. (9) Na coigrich. [TD 65] Bha fuaim a bhlàir bho thaobh gu taobh, ’S an còrag beuchdach, creuchdach, teth, Mar iomad ord a bualadh baoth, Bho ’n teallach dhubh-dhearg caoir ma ’n seach Co iad sud air Leuna nan sliabh? Co ’s duirche, ’s is fiadhaiche gruaim? Co is cosmhuil ri nial bu chiàr, Lann gach triath mar theine air stuaidh? Ta bruaillean air aghaidh nan tom, A’s chrith carraig nan tonn air tràigh! Co a t’ ann ach Suaran nan long, A’s triath Eirinn mu ’m fonnar dain? Ta suil’ nan slògh ag amharc claon Air suinn nach b’ fhaoin ag aomadh suas Ach thuit an oich’ air cath nan laoch, A’s cheil i strì nan saoi gun bhuaidh. AIR BUAIDH AN T-SOISGEIL. AIR FONN—“Mios Deirinneach an Fhoghair” Nuair a sheallas mi mu ’n cuairt domh, Gu ’r mòr uamhas cor an t-saoghail, Nan cadal fo chuing aig Satan, ’S iad a bàsachadh na miltean, A saltairt air fuil na rèite, ’S air Mac Dhé gu’n d’ rinn iad dìmeas, ’Ni chuir ioghantas air ainglean, A chrochadh ri crann mar iobairt. Gur mòr a chulaidh smaointean, Bhi faicinn dhaoine deanamh tair Air iobairt PRIONNSA NA SITHE’, Chaidh a dhìteadh n’ar ’aite, An teagaisg phriseil thug e fein dhuinn Nuair bha Nicodemus lamh ris, Gun robh ’n ath-bhreith o’n Spiorad Naomha Mar tha ghaoth ’n obair nàduir. Se creideamh ’n aghaidh dochais Thug urram ’s gloir do dh’Abram; Cha d’ chuir e teagamh san sgeul’, Gum biodh a shlìochd mar reultan air aireamh; Thug e aoidheachd do na h-ainglean, Mharbh e’m meann a deanamh càisg dhoibh, ’S leum a chridhe le aoibhneas Nuair chual e gu’m biodh oighr’ aig Sàrah. Seumas, Eoin agus Peadar, Bha na ’n seasamh air beinn Thaboir, Chunnaic iad an sealladh mor ud, Iosa comhradh ris na Faidhean, Dhluthaich orra sgaile gloirmhor, Thainig bho na neoil le dearsadh, [TD 66] Chual’ iad guth o’ na speuran, Gu eisdeachd ri Mac a ghraidh-san. Sud an gràdh ’tha do-innseadh Dh’fhoillsich an fhirinn dhomhsa: Gun d’thainig am Facal cho dioblaidh Chum ’s gu’n dìteadh iad san fheoil e, Umhal do bhàs a chroinn-cheusaidh, Si fhuil fein a rinn e dhortadh, ’S tre iobairt Captain ar slainnte Gheibh sinn gràs aig cathair tròcair. Be ’n t-iongantas da rìreadh, ’Ni chaidh innseadh leis na Faidhean, G’un d’thigeadh Mac Dhe do’n t-saoghal Chum an cinne-daon’ a thearnadh. Diomhaireachd mhor na diadhachd An t-Athair siorruidh ghabh ar nadur, Toirt air ais do na braighdean, An ni chaill iad ann an Adhamh. Sibhse tha g’ aideachadh na firinn, Leanibh am Biobul mar lochran’ Cumaibh ’ur cridhe daonan Air a ghaol a chaidh thar eolais. PRIONNSA RIOGHAIL theaghlach Dhaibhidh Gun d’chuireadh gu bàs ’san fheoil e, Nuair thig e ’rìst bidh ’phobul aoibhneach, Bheir na h-ainglean iad na chomhail. Nuair thig Iosa leis na h-ainglean, Bid’h’ a naimhdean fo làn uamhas Cha robh iad umhal do’n fhirinn ’S mu’n Bhiobal bha iad suarach. Cluinnidh iad am Breitheamh gloirmhor, Toirt seachad an ordugh bh’uaidh’, “Sgìùrsaidh e iad mar na gobh’raibh, Gu ionad doruinn is’ truaighe.” Sud an là bhios mòr aoibhneach Do’n mhuinntir a fhuair trocair, Cluinnidh iad fuaim na trompaid, ’S theid an dusgadh an cuirp ghloirmhor; Air an cruinneachadh le ainglean, An trusgan bainnse nan oighean! Bithidh iad uile air an crùnadh, ’S inneal ciùil ac’ seinn le sòlas. Nuair thig Leoghan Og threubh Iuda, Chum ar dusgadh as na h-uaighibh, Gheibh sinn pailleanan ùra, An aite a chuirp bhrùideil thruailldh. Cha bhi pian, no smal, no bròn oirn’, Glanaidh e na deoir ’o r gruaidhibh, Mach sa steach mar chunnaic Eoin, Am Baile-Mor nan clachan luachmhor. [TD 67–74] THE SCOTTISH HIGHLANDER, AN ENGLISH SUPPLEMENT TO “THE GAEL.” [Beurla] [TD 75] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1872. [4 AIR. RUN AN TURUIS A meadhon seann dachaidh nan Albannach tha “An Gàidheal” as ùr a’ cur fàilte le cridhe gràdhach agus taingeil air a luchd-dùthcha air fad agus air leud cuairt a’ chruinne gu h-iomlan. Anns na suidheachaidhibh ùra agus eugs-amhuil, anns am bheil e ’g a fhaotainn féin ni ’s freagarraiche, is e a rùn gu ’m faigh e eòlas maireannach air na Gàidheil gu léir. Tha e air ’uidheamachadh a mach fo stiùradh, chuideachadh, agus theagasg nan sgoileirean Gàilig is nan uaislean tàlanntach Gàidhealach a’s feàrr aig an tigh agus thairis. Is ann chum na crìche so a shocruich e fa dheòidh ann an Albainn. Fo a’ leithid so do riaghladh tha e ann an dùil gu ’m bi ’éideadh, a mhodh labhairt, agus na chanas e, taitneach, agus neo-oilbheumach do gach neach. Mu na cùisibh so bithidh e ro-thoilichte éisdeachd gu smuainteachail ’s le aire ri beachdaibh muinntir ’s am bith. Mar tha air fhilleadh anns na thubhairteadh cheana ’s e Rùn Turuis “A’ Ghàidheil” gach fear d’ a ainm fhiosrachadh a mach, chum ’s gu ’n taoghail e air gach mìos le ’chuid naigheachd, le ’sgeulaibh, le eachdraidh an t-saoghail, le séisdibh ceòlmhor bhàrdan ar lìnn, maille ri iomadh focal teagaisg mhaith eile. Tha e dearbhta gu ’m faigh e cuireadh is fàilte chridheil aig gach dorus air son a shaothrach oidheirpich. Agus ann an so tha e ’g iarruidh a bhi ag aideachadh le aigneadh ro-thaingeil meud na comain fo ’m bheil e do mhòran air son am briathran misneachaidh, agus an cuideachaidh air iomadh dòigh. O so a mach tha e suidhichte air a chàirdean a ruigsinn gach mìos gun bhriseadh. ’S ann le sùil gu ’m biodh “An Gàidheal” ni ’bu choimhlionta, agus gu ’m mealladh e saoghal fada a cheadaicheadh na brisidhean a thachair roimhe so. A nis le clannaibh nan Gàidheal ri guailnibh a chéile bithidh e air a ghiùlan air aghaidh gu buadhach! Tha e soilleir agus fiosrach do na Gàidheil iad féin, ni a dh’aidicheas iad gu saor, gu ’m feum a’ chuid dhiubh nach tuig Beurla gu h-iomlan a bhi car math air dheireadh air a’ mhuinntir ud a tha a’ sealbhachadh comais air paipeiribh naigheachd a leughadh anns am faighear eachdraidh an t-saoghail le ’dheanadasaibh mòra, iongantach, maille ri iomadh teagasg feumail eile. ’S e ar rùn-ne gu ’m biodh an Gàidheal air a chur ann an cor co-ionnan ris a’ Ghall anns a’ chùis so. Bheir sinn geàrr-chunntas air gach ni cudthromach a bhios a’ gabhail àite feadh nan rìoghachdan gach mìos maille ri geàrr-sgeul cinnteach air a’ Ghàidhealtachd ’s air na h-Eileanaibh. Bithidh againn mar an ceudna geàrr-sgrìobhaidhean luachmhor, brìghmhor, agus teagasgail, air cùisibh feumail, dìomhair, le fòghlumaichibh treuna, aithnichte, á measg nan Gàidheal ’s gach àite. ’S cha dearmaid sinn a ghnàth focal maith freagarrach, agus solusach a bhi againn air eachdraidh, sgeulaibh, agus cleachduinnibh taitneach nan Gáidheal a bh’ ann ré “àm o aois,”—ar sinnsreachd ainmeil a dh’ fhalbh—a chum ’s gu ’m biodh an gnìomharan euchdail agus an gnàthan subhailceach a’ toirt aoibhneis do ar cridheachaibh agus ’gar misneachadh-ne gu nithibh co-ionnan a chur an cleachdadh. Ni mò a ni sinn dearmad [TD 76] air cruinneachadh as gach ceàrn a’ h-uile dàn, rann, is focal-geòire fiachail chum an tasgaidh air son lìnntean eile. Ged nach biodh na crìochan feumail, cleachdail so idir air an cur romhainn, cha bhiodh e ach ’na dhleasdanas macail do ar dùthaich, do ar cànain ’s d’a h-aois, do ar n-aithrichibh treuna leis an robh i air a labhairt ré mhìltibh bhliadhnachan, gu ’n deanadh sinn oidheirp dhuineil air ar càinnt a chumail air chuimhne air chor agus nach biodh ar dearmad suarach-ne “air an teanga, bhrìghmhor, bhlasda, bhinn” ’n a aobhar spòrsa agus tarcuis aig na Goill ni ’s faide. A chum agus gu ’n dean sinn seasamh maireann, daingeann, agus éifeachdach an aghaidh nan sruthan tarsuinn so, feumaidh na Gàidheil gu léir aonadh, seasamh taobh ri taobh, a dhìon an tìre, an cinnidh, an cànain, agus gach urraim a bhuineas dhoibh fa leth, nithe mu ’m bheil Gàidheil anns gach àite agus dùthaich aon-sgeulach. Na nithe tearc’ mu nach ’eil iad aon-sgeulach fàgaidh sinn aig a’ ghinealach a thig ’n ar déigh, ach cha ’n ann air duilleagaibh “A’ Ghàidheil.” Tha an raon coitchionn air am feud sinn uile còrdadh farsuing gu leòir. ’N uair a tha sinn a’ strì mar so ris a’ Charbh a sheachnadh gu sàbhailte, tha sinn dòchasach gu ’n gléidh sinn mar an ceudna o chunnart Coire-bhreacain,—gu ’n gléidh sinn ar seasamh gu daingeann air bonn fìrinn, ceartais, agus deagh bheus. Anns na cùisibh so gheibhear sinn a ghnàth do-ghéilleachduinn. Air dhuinn ar coslas, agus ar gnè mar so ìnnseadh gu h-aithghearr, feudaidh sinn stad aig an àm so le ar rùn no ar dùil ath-ainmeachadh, gu ’m faigh ar Leabhran fàilte, dheth nach gabhar aithreachas, feadh iomadh chrìochan na Gàilig feadh an t-saoghail; gu ’m bi e ’na chuideachd thaitnich do gach seòrsa de ar co-Ghàidheil agus gach cor; agus gu ’n dean e iad comasach air a bhi ni ’s fheumaile dhoibh féin, d’ an cloinn, d’ an càirdibh, d’ an co-chreutairibh; d’ an rìoghachd, do ’n t-saoghal, agus d’ an Dia! MU NA SEANN GHAIDHEIL. IV. B’ iad na Picti no na Caledonaich Ghàidhealach luchd-àiteachaidh taobh tuath Albainn air tùs; ach mu’n bhliadhna A.D. 506 thàinig sluagh Gàidhealach eile a nall á h-Eirinn d’ am b’ ainm Scoti no na Scùitich a ghabh tàmh an taobh deas Siorramachd Earraghàidheil. B’ iad na h-àitean anns an d’rinn iad tuineachas Còmhall, Cinntire, Cnapadal, Earraghàidheal, Latharna agus pàirt de ’n Mharbhairn, maille ri Eilean Ile, Arainn, I-challum-chille agus eileanaibh beaga eile mu ’n cuairt doibh sin. Anns a’ chuid eile de ’n Ghàidhealtachd bha na Picti a chòmhnuidh, oir b’ iad ceud luchd-àiteachaidh Albainn. Bha an ceann-bhaile aca so fagus air Dùnchailean no Peart, agus b ’i a’ chrìoch eadar iad féin agus na Scoti na beanntan àrda sin a tha eadar siorramachd Pheairt agus siorramachd Earra-ghàidheil ris an abrar Druim-Albainn. Tha e coltach gu ’n robh an Dà fhine Ghàidhealach so a’ deanamh suas luchd-àiteachaidh Eirinn agus Albainn o’n fhìor-thoiseach, agus gu ’m b’ iad na Pictich, ris an abair na seanachaidhean Eirionnach Cruithnich, an ceud dhream a ghabh còmhnuidh anns an dà dhùthaich. Ciod ’s am bith fri-dhealachadh a bha eatorra tha e coltach nach robh annta ach dà threubh de ’n aon t-sluagh, dà theaghlach de ’n aon chinneadh, aig an robh na h-aon ghnàthannan agus a bha ’labhairt na h-aon chànaine. Bha na Cruithnich no na Picti an taobh tuath Eirinn ann am Mòr-roinn. Ulladh agus an ceann tuath Laighinn; am feadh ’s a bha taobh an iar agus deas na h-Eirionn, ’s iad sin Conacht, Munadh, agus ceann [TD 77] deas Laighinn air an àiteachadh leis na Scoti. B’ iad na Pictich no na Cruithnich na ceud Ghàidheil a ghabh tuineachas an Eirinn agus an Albainn, agus roimh thoiseach na sèathamh lìnne a réir coslais, cha robh Gàidheil ’s am bith eile an Albainn ach iad féin. Ach aig an àm sin thàinig trì ceann-ardan a nall á Eirinn agus leth cheud fear maille ris gach aon diubh. Leis cho tearc ’s a bha iad ann an àireamh tha e ro choltach gur h-ann a fhuair iad cuireadh o Rìgh nan Caledonach gu tigh’nn a nall a riaghladh ann an Earra-ghàidheal gu bhi ’n an ceannardaibh air na Gàidheil a bha an sin anns a’ chogadh ris na Deas Bhreatannaich, gus an cumail air an ais o bhi a’ briseadh ni b’ fhaide stigh air taobh siar na Gàidhealtachd. Oir tha e cosmhuil gur h-e bu ghàth-obair do na Scoti Eirionnach a bhi a’ sìor chogadh ris na Deas Bhreatannaich. Bha na seann Ghàidheil Albannach a’ cogadh riù mar an ceudna mar a chithear o ’n chogadh a bha aig Fionn riutha, ’n uair a loisg e Baile-chluaidh no Dùn-Breatann, ceann-bhaile nam Breatannach a bha a chòmhnuidh ann an Srath-chluaidh. Anns a’ cheud dol a mach cha robh aig na ceannardaibh Eirionnach so tiodal na b’ àirde na an Toiseach no Triath no Ceann-feadhna, ach an déigh sin ghabh iad an tiodal Rìgh dhoibh féin, agus rinneadh Fearghus ’na rìgh, gidheadh bha e fo uachd’ranachd Ard-rìgh nan Scoti ann an Eirinn, agus bhuanaich a shliochd mar sin os ceann ceithir fichead bliadhna gus an do dhealaich iad ri cuing na h-Eirionn mu ’n bhliadhna A. D. 590. Is ann mu ’n àm so a thàinig Calum-cille a nall á h-Eirinn a shearmonachadh an t-soisgeil do na Gàidheil Albannach, ’n uair a bha Conull ’n a rìgh air na Scoti agus Brìde no Bruidai ’n a rìgh air na Picti. Bha lùchairt Bhrìde, rìgh nam Picteach, ’s an àm sin aig Lochnis, ach tha e coltach gu ’n robh mar an ceudna Caisteal no Aros rìoghail eile aig na rìghribh so ann an Dùn-Chaillean no làimh ri baile Pheairt. Tha sinn a’ leughadh mar an ceudna mu na Pictich Dheasach; bha an dara feadhainn diubh so air taobh tuath nan garbh-bheanntan (Grampians) agus an fheadhainn eile air an taobh deas diubh. Bha monadh Dhruim-Uachdair agus na Beanntan mòra sin a’ cur dealachaidh eatorra; agus faodaidh e bhi gu ’n robh iad air uairibh dealaichte ’nan riaghladh, agus gu ’n robh rìgh dhoibh féin aig na Pictich thuathach, agus rìgh eile aig na Pictich dheasach. Do na Pictich dheasach bhuineadh am fearann a tha a nis ’deanamh suas siorramachd Pheairt, siorramachd Aonghais, Fiofa, Struileith, agus an tìr air taobh deas na Friu ris an abrar Lothian, gu ruig a’ chrìoch Shasunnach. Do na Pictich thuathach bhuineadh a’ chuid eile dhe ’n tìr gu ruig Gallthaobh agus eileanan Arcaimh. Agus bha Srath-chluaidh agus taobh an iar-dheas Albainn ’s an àm sin aig na Breatannaich. (Ri leanntuinn.) D. B. B. LITIR MU GHAIDHEIL GHLASCHU. A GHAIDHEIL GHAOLAICH, Chuir e aoibhneas air mo chridhe mar a chuala mi an sgeul, gu ’n do rinn sibh imrich thar a’ chuan mhòr is gu ’n robh a’ mhiann oirbh á so suas tuineachadh ’s a’ bhaile so. Mata, mata, agus tha “An Gàidheal” á so suas ri teachd a mach gach mìos ann an Glaschu. Ceud mìle fàilte dhuibh—a’ h-uile latha dhuibh—Gu ma fada a bhitheas sibh beò agus ceò as ’ur tigh. Nam biodh e mar mo mhiannsa, bhitheadh soirbheachadh gu leòir agaibh. Cha bhiodh Gàidheal eadar ceithir oisinnean na cruithne nach bitheadh air ’àireamh am measg ’ur luchd leughaidh, is cha bhiodh ’ur sporan gun bhonn no ’ur cridhe gun ghean. Is ged nach ’eil an dà shealladh agam, ged nach fiosaiche no fear seallaidh mi, tha mi cinnte gu leòir gu ’m bi soirbheachadh agaibh. Tha mise ag innseadh dhuibh gu ’m bheil do Ghàidheil anns a’ bhaile so féin na bheireadh air ’ur n-oidheirp pàidheadh, [TD 78] nan cuireadh iad an guaillean ris a’ ghnothach mar bu dual is bu dùthchasach dhoibh a dheanamh. Nach fhada o ’n chuala sinn an sean fhocal “Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chéile.” Fheara ’s a ghaoil is iomadh latha a sheas iad ri guaillibh a chéile, o latha blàir Alt-a-bhonnaich, mar a rinn iad an cuid fén fo cheannsal Triath nan Eilean, gu tuil uaibhreach àirm Shasuinn a thilleadh air a h-ais agus crùn na h-Alba a bhuidhinn do Raibeart Brus, gus an latha ’s an do dhìrich iad uchdaichean Alma, le iolach ait na buaidhe fo stiùradh an fhìor Ghàidheil, Cailean Caimbeul—Is tha mi an dòchas mar sheas iad gu duineil cliù an dùthcha ann am mìle blàr, gu ’n seas iad a nis a chearta cho fearail cànain an dùthcha le an ainmean a chur sìos air son “A Ghàidheil” gu h-ealamh agus le an airgiod phàidheadh gu togarrach. Ach cha ’n e mhàin gu ’m bheil mòran Ghàidheal anns a’ bhaile so ach tha do Chomuinn Ghàidhealach de gach seòrsa ann, nan gabhadh iad “An Gàidheal” fo an sgiathaibh càirdeil gu ’m b’ urrainn iad dìon a thoirt dha o gach cruadal, agus cuideachadh anns gach aire. Is ma cheadaicheas sibh dhomh, bheir mi cunntas goirid air cuid de na Comuinn sin agus na h-aobhair air son am bheil iad air an cur air chois. Tha iad cho lìonmhor is gur gann a ghabhar ann an aon litir iomradh a thoirt orra gu léir, tuigidh mata iadsan a dh’ fhaodas a bhi air am fàgail a mach nach e dìmeas, ach di-ùine is aobhar. ’S e is aobhar gu ’m bheil iad cho lìonmhor, gu ’n d’ fhàs e fasanta, o cheann tamull ùine, do gach eilean is siorramachd comunn fhaotuinn a suas co-cheangailte ris a’ cheàrn sin, a chum is gu ’m bheil a nis na cruineachaidhean sin cho lìonmhor ach gann ri eileinibh innse Gall, no siorr’achdaibh nan garbh chrìoch. Cha’n’eil mi idir a’ dìteadh a’ chleachdaidh so, oir is ciatach an ni, ann am measg othail is ùprait a’ bhaile mhòir, a bhi cumail beò gaol dùthcha, agus a bhi a’ cuimhneachadh ghnàthan agus chleachdainnean nan gleanntan sìochail ’san deachaidh ar n-àrach; ach cha’n fheud mi a ràdh nach feudadh pàirt do na comuinn sin barrachd a dheanamh air son an luchd-dùthcha na tha iad a’ deanamh. Tha gun teagamh air bith cuid diubh a’ deanamh mòrain. Comharraichte anns an rathad so tha an “Comunn Gàidhleach” (Higland Society). Is gann a dh’ fheudar meud a’ mhaith a tha an comunn so a’ deanamh a làn mheas. Tha iad a’ cumail suas sgoile anns am bheil fòghlum agus leabhraichean, gun airgiod gun luach, air an toirt do theann air naoi ceud do chloinn Ghàidhealaich. Is cha ’n e teagasg suarach a tha iad a’ faighinn, oir cha’n’eil mi a’ saoilsinn gu ’m bheil ach gann sgoil ann an Glaschu a théid an toiseach oirre. Is cha’n e mhàin gu ’m bheil iad mar so air an deagh theagasg, ach tha gach bliadhna deise bhreacain air a toirt do àireimh mhòir do na caileagan. Tha an t-aodach so air a thoirt cha ’n ann ann an rathad déirce ach mar dhuais do na sgoilearan a’s feàrr, a chum nach ruig a leas an Gàidheal a’s uaibhriche inntinn nàir a bhi air leigeal le a nighinn an t-aodach a chosd—’si sochair anabarrach a tha aig ar luchd-dùthcha anns a’ bhaile so, anns an sgoil so. Is lìonmhor mac Gàidheil an diugh, a tha ’lionadh àite onoraich aig an tigh is thairis a dh’fhaodas a’ chomain sin a thoirt air an fhòghlum a fhuair e ann an sgoil a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Cha’n ’eil sealladh a chì mi o cheann gu ceann do ’n bhliadhna a tha cho taitneach leam, ri bhi a faicinn, a réir an gnàtha, air toiseach ceud mhìos an t-samhraidh gach bliadhna clann na sgoile Gàidhealaich a’ meàrsadh fo cheannsal an luchd-teagaisg is luchd riaghlaidh a’ chomuinn, gu Eaglais Chaluim Chille far am bheil searmoin freagarrach do chloinn air a toirt seachad leis a’ mhinisteir. Is bòidheach an sealladh da rìreadh a bhi a’ faicinn mu naoi ceud cloinne ag iomachd ann an òrdugh o’n sgoil gus an Eaglais is air an ais a rithis. Na maothrain ghaolach! tha mo chridhe a’ teòghadh riu gach uair a chì mi iad. O ’n tha mi a’ labhairt air sgoil feudaidh mi a thoirt fainear gu ’m bheil sgoil eile mar an ceudna ann an Glaschu far am bheil teagasg agus leabhraichean a nasgaidh air an toirt do chloinn Ghàidhealaich, ris an abrar sgoil Mhic Lachluinn. Chaidh an t-airgiod a tha ’cumail suas na sgoile so fhàgail le duine còir de ’n ainm Mac Lachluinn. Rinn e ’chuid airgid anns na h-Innsibh, is ’na thiomnadh dh’ fhàg e roinn de air son sgoil a thoirt do Chloinn Ghàidheal anns a’ bhaile so, agus is iomadh aon a dh’ fheudadh a bheannachd a thoirt air air son a ghnìomha. Tha mu dhà cheud sgoilear anns an sgoil so. Tha comunn Gàidhealach eile againn mar an ceudna, ris an canar ’s a’ bheurla “The Celtic Society.” Tha deagh aobhar aig a’ chomunn so anns an amharc mar an ceudna,—aobhar a bu chòir am brosnachadh gu fàilte fhuranach a chur air “A’ Ghàidheal,” oir tha iad ag aideachadh gu ’m bheil an aon chrìoch [TD 79] aca ’s an amharc ribh féin. So agaibh na nithean a tha iad a’ cur fa ’n comhair féin a dheanamh (1) “Cànain, fòghlum, ceòl, bàrdachd, éideadh, sean-nithe, agus cluichean fearail Ghàidheal na h-Alba, a chumail suas. (2) Còmhnadh airgid a thoirt do Oileanaich Ghàidhealach a tha comharraichte airson an dichill no an tapadh. (3.) Cuideachadh a dheanadh le muinntir a bhuineas do’n Ghaidhealtachd a dh’ fhaodas tuiteam ann am bochdainn ann an Glascho.” Tha rùn a’ chomuinn maith is cha ’n ’eil teagamh nach ’eil an deanadas a réir an rùin, oir tha còrr mòr air mìle ball anns a’ chuideachd. Car cosmhuil ris a’ chomunn so tha a’ “Chuideachd Cheann-tìreach.” Oir tha iadsan mar an ceudna a’ toirt cuideachaidh do dhuine òg aig an Oil-thigh, agus a’ cur dhuaisean a chum nan sgoiltean ann an Ceann-tìre, a bharrachd air bhi a’ deanamh còmhnaidh le nàistnich Chinn-tìre a tha air tighinn gu bochdainn. A thuilleadh orra so tha àireamh mhòr eile aig am bheil ’n am beachd, a bhi ’cumail suas càirdeis agus carrantachd, is a’ deanamh còmhnaidh leis an fheumach is cuideachaidh le luchd a’ mhi-fhortain. Ach cha dean mi ach a mhàin an ainmeachadh. Tha an “Comunn Earra-ghàidhealach” a’ deanamh feuma nach beag ’s an rathad so. Is “Comunn oircheasach Pheairt.” Tha a’ “Chuideachd Sgiathanach” ag amharc an déigh nàistnich eilean maiseach a’ cheò. Tha “Cuideachd oircheasach Chataoibh” a’ deanamh iochd air an co-luchd-dùthcha. Tha “Comunn Muileach,” is “Comunn Ileach” ann. “Comunn Abrach,” is “Comunn Appaineach,” “Cuideachd Arranach” is “Comunn Collach,” “Cuideachd nan Siorramachdan tuathach,” agus “Buidheann Cheann-lochgilb is Loch fìne.” Tha gach aon de na cuideachdan so a’ coinneachadh uair ’s a’ bhliadhna timchioll bòrd suilbheir na féisde gu dìnneir a ghabhail le chéile, no a’ coinneachadh ann an talla éigin gus am feasgar a chur seachad, le òraidean, ceòl agus òrain. Ach tha cuid dhiubh a’ deanamh tuilleadh na so, oir tha iad a’ sìneadh na làimh’ fhiail do iomadh aon air an do luidh am mi-fhortan gu trom, is air an do ruig cruadal is éigin. Fhir mo chridhe, is eireachdail an sealladh ri ’fhaicinn e, mar tha “Tigh mòr na cuirme mar lùchairt laiste,” is a tha “clanna na Tìr’ Aird’ ris an abrar gu bràth na gaisgich” a’ coinneachadh, cuid diubh sgeudaichte ann éideadh aosda na dùthcha, le an sporain mhollach is an spangan airgid; na nionagan màlda, le am mìog shúilean tlàtha, is na mnathan còire gu boiteanach, sròlach, ribeanach gu’n saoileadh sibh gur bean baile gach aon diubh. Mar tha a’ chuideachd a’ cruinneachadh, tha piobaire no dhà a’ cur nan smúid dhiubh a’ cluich air pìob mhòir nan dosan àrda, gu snasmhor grinn, port meàrsidh éigin. Cha ’n aithne dhomh ceòl a ghluaiseas mo chridhe cosmhuil ri nualan na pìoba mòire, mar tha “Cabar-féidh,” “Cumha Mhic an Tòisich,” “A mhnathan a’ Ghlinne.” no aon de na seann phuirt Ghàidhealach sin air an deagh chluich. Mar a tha a’ chuideachd cruinn ’s a ghabhas fear na cathrach ’àite ’s a tha ’n t-altachadh air a ràdh, ’s ann an sin a bhitheas am farum, le gleadhraich chupan is spàinean, luchd frithealaidh a’ ruith ’s ’n an dean ruith a’ freasdal do gach aon cho suilbhear togarrach is ged a bu tighearna fearainn gach aon ’s a’ chuideachd. Tha an sean-fhocal ag ràdh gu ’m “bi gille aig an fheannaig ’s an fhogharadh.” Ach tha gille aig gach aoidh aig na cuideachdaibh càirdeil ud. Cha bu mhaith leam a bhi ’cur miothlachd air aon de na comuinn, ach cha ’n fhaod mi ràdh, gun tig aon diubh suas ris a’ Chomunn Mhuileach, aig a’ chuirm bhliadhnail aca. Bha air a’ bhliadhna so féin an talla a’s motha ’s a’ bhaile air a lìonadh o cheann gu ceann le cuideachd cho togarrach, cridheil, òrdail is a chunnaic mi riamh. Bha òrain Ghàidhlig, is òraidean Gàidhlig air an toirt seachad ann am pailteas. Oide is fheudail! b’e an sealladh e mar a bha gach nèapaiginn pòca a mach a’ togail séisd air an fhonn; tha mise ag ràdh ribh nach ’eil coinneamh ’s a’ bhaile a bheir ite as an té Mhuilich, cha tig a’ h-aon diubh ann an uisge na stiùrach aice. Ach an innis sibhse dhomh ciod a’s ciall do ’n ainm “Soiree” a thug iad air na coinneamhan ud. Tha fhios o’n a bha sibh an America gu’m bheil gach eòlas agaibh is gu ’n téid agaibh air so a dheanamh. Tha iad ag ràdh rium gur h-e facal Fraingis a th’ ann, ach is gann a tha mi ’g an creidsinn. Oir ged a thàinig e oirnn as an Fhraing is i mo bharail gur h-e facal Gàidhlig a th’ann a ghoid iad bh’uainn is a tha nis a’ tighinn oirnn ann an dreach ùr. Tha fhios agaibh gu ’m bheil na Frangaich gu math tapaidh tiolpanta, agus gu ’m bheil e air a chur as an leth gur h-e an gnàth innleachdan a fhuair muinntir eile a mach a thoirt leò, is an sin a chur mar fhiachaibh air an t saoghal gur iadsan a fhuair a mach a’ chùis an toiseach. Is tha duine còir a’s [TD 80] aithne dhomhsa ag ràdh gur h-ann mar so a rinn iad leis an fhocal so. Tha esan ’s a’ bheachd nach ’eil anns an fhacal soiree ach an dòigh Fhrangach air an fhacal suiridh!!! Ach biodh sin mar a thogras e, tha aon ni fìor, gur ciatach a thionndaidheas iad a mach aig na coinneachan sin, is cha’n’eil mi ag ràdh nach bi beagan do ’n t suiridh a’ dol cuideachd, agus is mise nach faigh coire dhoibh mar tha gach ni gu beusach ceart. Ach feumaidh mi an litir so a tharruing gu crìch, ach mu ’n dean mi sin, tha aon Chomunn Gàidhealach eile air am feum mi iomradh a thoirt, agus ’se sin an “Comunn Oiseanach.” Tha an comunn so a nis teann mhath air leth cheud bliadhna a dh’ aois, agus is fìor chomunn Gàilig a tha ann, oir tha gach gnothach air a ghiùlan air adhart anns a’Ghàilig. Tha na mionaidean air an sgrìobhadh anns a’ chànain mhilis sin, is tha gach òraid is deasbaireachd anns a’ cheart chàinnt ghaolaich. Tha an comunn so a’ coinneachadh air gach feasgar Di-h-aoine fad seisein an Oilthigh ann an tigh-seisein eaglais Challum Chille, agus is iomadh searmonaiche fileanta, gleusda, an Albainn ’s an Canada a bheir a bheannachd air a’ Chomunn Oiseanach a’ son an chothroim a bhuilich e orra gu eòlas fhaotuinn air a’ Ghàilig. A nis, a Ghàidheil rùnaich, thug mi dhuibh cunntas air a’ chuid mhòir do no comuinn Ghàidhealach againn anns a’ bhaile so, is tha mi cinnteach o ’n àireimh gu’m feud sibh misneach a ghlacadh a chum dol air ’ur n-aghaidh gu fearail ’n ’ur n-obair, oir ma chuireas iad an guaillean ri chéile tha an gnothach leibh. Slàn leibh—Theagamh gu ’n cluinn sibh uam gu goirid a rithis. An latha a chì s nach fhaic, is mi, le gach deagh ghuidhe, ur caraid dìleas. RUNASDACH. Glaschu, air Cluaidh, 23mh. de’n Ghiblean, 1872. OISEIN: A LINN AGUS A BHARDACHD. (AIR LEANTUINN.) Cha ’n ’eil na comharraidhean aon chuid fann no faoin a tha dàin Oisein annta féin a’ nochdadh gu ’m buin iad do aimsir a tha fada air chùl. Tha e soilleir gu ’n robh laoich is saoi na Féinne ann an suidheachadh simplidh; gu ’n robh iad fathast ann an òg mhaduinn an cinneadalachd ’n uair a chaidh slige an t-sòlais mu ’n cuairt, agus a thog an rìgh am fonn air làithibh nan sonn a b’ àirde gnìomh, is làn mhìle fear focail shuas ag aomadh gu luaidh an rìgh. Is e leantuinn na seilge air raon is aonach, agus marcachd thairis air stuaidhean a’ chuain mhòir, maille ri Cruaidh is Màile ciar a ghiùlan ann an dealan beur a’ chòmhraig, a bu chleachduinn do laoich na Féinne. Cha robh an àite còmhnuidh seasmhach. “Nuair theirgeadh tuirc is féidh ann an aon àite, rachadh na seann Ghàidheil gu àite eile; agus is ann air an aobhar so a tha e ’tachairt gu ’m bheil ainmean air am faotainn an sud agus an so, a tha ’gleidheadh cuimhne air sàr-thréin na Féinne. Cha robh eòlas no tuigse aca, mar tha dàin Oisein gu soilleir a’ dearbhadh, air ealdhain no innleachd air bith ach a mhàin orrasan a bha feumail doibh anns a’ bheatha a bha iad a’ caitheamh. Bha iad eòlach air iarunn. Is ann an Ceàrdach Luinn Mhic Lìobhuinn a bha ri obair gobhainn aig rìgh Lochluinn anns a’ Bheirbhe, a bha sleaghan is lannan na Féinne air an deanamh. Is e Mac an Luinn a b’ainm do’n chlaidheamh a bha Fionnghal ag iomchar. Is éiginn gu ’n robh eòlas nach bu ghann aca mar an ceudna air seòladaireachd. Oir tha e soilleir gu ’n robh iad gu minic ag imeachd thar a’ chuan shumainneach, stuadhach gu Lochlann, gu Innisfàil is Innis-nan-torc. B’e miann nan laoch an eithear dhonn is a’ churach luath ag éiridh suas air cuan nan long, a’ gearradh an astair feadh thonn gun chùram, mar theine nan speur troimh bheàrnaibh beur nan neul. Ged bha longan na Féinne fo ’n siùil bhàna ’beumadh troimh ’n cheathaich ghlais air toirm nan stuadh ’s nan tonn éiti, ’s an cobhar bàn mu ’m muineal shuas; gidheadh, dìleas do shìmplidheachd na luingis ’s ann le iallaibh air an deanadh, mar dh’fhaodas sinn a chreidsinn, de bhian nam fiadh ’s bheathaichean [TD 81] na seilge a bha na siùil gheala air an ceangal. Chì sinn mar so gu ’n robh eòlas na Féinne a’ ruigheachd air na cleachduinnibh aca féin, agus nach robh ni b’ fhaide. Air feadh bàrdachd Oisein uile, cha ’n ’eil luaidh air a dheanamh air innleachd no àbhaist nach ’eil a’ comh-chòrdadh ri òige nan làithean anns an do thog iad fuaim air teudaibh na clàrsaich ann an Talla Sheallamai. Giùlainidh an ni so féin Oisein is a threun-laoich gu aimsir fad o chian. Ged b’e athair Oscair agus mac Fhionnghail rìgh Sheallamai nam feart, bàrd caomh nan iomadh sgeul; ged bu bhinn gach dàn o ’bheul maiseach, an trath thòisicheadh esan rìgh nam bàrd air iomradh àrd nan laoch ’s nan lann; bha ’smuaintean àrda, òirdhearc, agus a shamhlaidhean bòidheach fìrinneach air an tarruing o nàdur féin. Fuaim no guth, luaidh no moladh cha ’n ’eil ’n a bhàrdachd uile air curaidh Greugach no air filidh Romanach. Cha chualar leis riamh gun do sheinn Homar iomraiteach treubhantas is euchdan nan Greugach, maille ri fearg an-iochdmhor Achilleis, ni mò dh’ inntrig rannan sgeineil grinn Virgeil agus Horais, a chridhe riamh. B ’e nàdur féin ban-altrum chaoimhneil Oisein. A’ ghrian, mac aighearrach nan speur anns an ògmhaduinn agus ann an duibhre ’n fheasgair; na neòil, a dh’ iadhas mu lòchran nan leadan òrbhuidh, ’g a dheanamh smalanach, sprochdach, agus an uair ’dh’ imicheas iad thairis air, ag aiseag sunnd is gean is sòlais; a’ ghealach leth-chòmhdaichte le trusgan dorcha, agus aig àm eile ’toirt seachad a soluis féin le ’gnùis àillidh aoidheil; na sruthan gàireach, tormanach a ruitheas dian bho aonaichibh nam fuar-bheann àrda; an ceò a thùirlingeas ann an iomadh dealbh is cruth air broilleach nan raon, air uchd nan lochan ’s air taobh nan cnoc le scleò dhuaichni; na cluarain a’ crathadh an cinn ann an osag Lènai; feartan na Féinne le cruaidh is màile; fuaim lùireach is beumadh lann, osnaidhean thaibhsean is gnìomharan nan làithean a bha ’s a dh’ aom; b’ iad so uile càirdean Oisein, an tràth a mhosgladh ’anam le guth nan dàn ’s le fuaim nam fonn. Agus co a leughas bàrdachd Oisein agus a thuigeas a h-òirdheirceas agus a snas—mòrachd a smuaintean, nach aidich air ball gu ’m bheil e, mar thubhairt e féin mu Fhionnghal nam feart, a’ seasamh leis féin, gun choimeas am measg nam filidhean. Thig e dhuinn a nis oidhirp a dheanamh air linn a’ Bhàird aosmhoir thairisich a shònrachadh a mach ni’ s mionaidiche. Chunnaic sinn gu ’m bheil cainnt is dealbh nan dàn féin ag innseadh sgeòil air àm o aois, agus gu ’m bheil còrdadh dlùth follaiseach eadar smuaintean, beachdan, agus gnìomharan a’ Bhàird. Ghleus e ’chruit chiùil, agus dh’ imich anam an sruth nam fonn ’s nan òran, oir bu taitneach leis faireachduinnean a chridhe a dhòirteadh a mach gu nàdurra. Cha b’ e iarrtuis sòlas a thoirt do dhaoinibh fòghluimte. Cha robh e air a theannachadh le riaghailtibh sgrìobhta na Bàrdachd. Bha toirm nan dàn bho ’n àm a dh’ aom, tlachdmhor do ’n anam a bha tairis, fial. Dh’ aithris bilean a’ Bhàird gu fìor ’s gu nàdurra na smuaintean bòidheach ’s na h-òrain bhlasda ’bha ’tuineachadh ann an uaigneas anama féin. Tha iomradh air a dheanamh air sìol nan coigreach, agus ann an Caomh-mhala tha Caracul is Caruinn nan sruth ag iadhadh ann am fuil a’ bhùirn, air an toirt f’ ar comhair. Thug Fionnghal buaidh, ’s bha sòlas air àrd na mòrbheinn. Tha ruaig air mac rìgh an domhain ’s a shluagh. “Togaibhs’ a bheula nan dàn, Togaibh gu h-àrd am blàr aig Carunn; Theich Caracul ’s a shluagh o m’ lainn. Theich e thall thar raoin an àrdain, [TD 82] A ghaisgich mar dhealain air sliabh ’Tha ’sgeadachadh tannais na h-oidhche, ’S e ’g aomadh ro’ ghaoith o ’n iar ’Sa’ choille chiar mu’n cuairt a’ boillsgeadh. Taom, a Charuinn, taom do shruth; An aoibhneas an diugh siubhail sìos. Theich coigrich a b’ àirde guth.” Tha e cosmhuil gur h-e Caracalla mac Sheveruis an ceannard àrd Romanach a tha air a chiallachadh an so. Chaochail Severus ann an toiseach an treasamh linn, agus mar sin, tha bunchair is barantas againn ann a bhi ’g amharc air an treasamh no ’n ceathramh linn, mar an t-àm anns an robh talla na fèile ’s nam fleagh, nan cuach ’s nan còrn, ’n a sheasamh ann an Seallama nan tùr àrd, mun robh laoich na Féinne ’n an tannais gun tuar ’s a’ chàrn air neòil agus fuar-ghaoith Chonai, Tha fios againn gur h-iad ainmean Lochlinneach tha mòran de eileanaibh Albainn a’ giùlan. Jura, Scarba, Staffa—cha ’n e so fuaim na Gàilig. Cha ’n ’eil blasdachd Oisein anns na h-ainmibh so. Buinidh iad do thìr ’s do chainnt nan coigreach. Bha gun teagamh ainm gach eilein is caoil, gach màigh is raoin air tús Gàidhealach. Is anns a’ cheathramh agus anns a’ chuigeamh lìnn a thàinig na Lochlinnich sìol nan tonn a nuas, agus a rinn iad àiteachadh ann an eileanaibh Albainn. Bha, mata, Oisein agus suinn threubhach na Féinne roimh an àm so. Cho fada ’s a tha e comasach a’ leithid so de ni a réiteachadh gu ceart, tha e air a dheanamh a mach gur h-anns a’ cheathramh lìnn a ràinig teachdairean a’ Chreidimh Chrìosduidh tìr nam beann ’s nan sruthan fuaimneach. Aig toiseach Chalthoinn is Chaolmhail, tha Bàrd Chonai’labhairt mar so: “Glan guth na fonna de thréin, Fhir ’tha ’tuineadh leat féin an còs. Fhir a thàinig o mhàgh nan Gall, Mosglaidh m’ anam an talla nan fleagh; Mar na làithean am bliadhnaibh thall: Tha mi ’sìneadh mo làmh ’tha lag, Is an osun fo smachd mo chléibh’. An cluinn thu, shìl nan còs an craig Fonn o Oisian mu ’òg ghnìomh féin? Am faic fear tuinidh nan còs ciar’ Sgiath mhòr Oisein an àird an talla Fo chomharradh scara nan còmhrag? Thréig an soillse glan a balla, Tha meirg air a ballaibh, mo dhòruinn! Cluinn sa, fhir tuinidh nan còs ciar’, Mòr sgeul air na bliadhnaibh ’tha thall.” Is ann an seann làithibh Oisein a sgrìobh e ’n dàn so. Cha ’n ’eil è eu-cosmhuil idir gur h-e aon de cheud Shearmonaichibh an t-soisgeil a tha ’m Bàrd a’ ciallachadh leis an neach a thàinig mhàgh nan Gall ’s a bha ’tuineadh leis féin an còs nan creag. Is ann an dèigh do rìgh Fearghas a lùchairt a phlanntachadh ann an tìr nan Gall, agus frithean is aonaichean na Gàidhealtachd a thréigsinn, a dh’ éirich roinnean am measg luchd tuinidh nan àrd-bheann. Sgairte bho chéile le glinn leathan dhomhain, no le aibhnichibh brasa beucach; cuairtichte le lochaibh farsuing éiti no le beanntaibh corrach àrda, roinneadh na Gàidheil ’n am buidhnibh an déigh do chuirm ’s do chompanas an rìgh an tréigsinn. B’e so a bu phrìomh aobhar do na roinnibh ris an abrar Clann nan Gàidheal. Tha laoich is treun-fhir Oisein a’ géilleachduinn do ’n mhòr thriath Fionnghal gun fhocal, gun ghuth o ’n ceann: gach sùil air lainn is tuar an rìgh, is esan a’ tarruing a shleagh o ’chùl. Is i gairm àrd mhic Chomhail a thionaileadh mòr ghaisgeacha na Féinne gu cath no fleadhachas; agus cha robh cinn feadhna no ceannardan air bith eile air an aithneachadh no air an aideachadh. Tha mi ’saoilsinn ma chuireas sinn an cuideachd a chéile na h-aobhairean air an d’ rinn mi nis gu h-aithghearr iomradh, gu ’m bheil againn barantas seasmhach ann a bhi ’creidsinn gur h-anns an treasamh lìnn a ghluais Fionnghal gu strì nan lann, agus a thog Oisein fonn milis nan òran air teudaibh nan sàr-chlàrsach. (Ri leanntuinn.) CONA. [TD 83] URNUIGH OISEIN. Oisein. Aithris sgeul, a Phàdruig, An onair do leughainn,* Am bheil nèamh gu h-àraidh, Aig Fiannaibh na h-Eirinn? Padruig. Bheireams’ briathar dhuitse, Oisein nan glonn,† Nach ’eil nèamh aig t’ athair, Aig Oscar, no aig Goll. O. ’S olc an sgeul, a Phàdruig, A th’ agad dhomhs’, a chléirich; C’ uim’ am bithinn-sa ri cràbhadh, Mur ’eil nèamh aig Fiannaibh Eirinn? P. Nach dona sin, Oisein, Fhir nam briathra boile, ’Sgu ’m b’ fheàrr Dia ré aon uair’, Na Fianna Eirinn uile? O. B’ fheàrr leam aon chath làidir, A chuireadh Fionn na Féinne, Na Tighearn a’ chràbhaidh, Agus thusa, chléirich. P. Ge beag a’ chuil‡ chrònanach, Agus mònaran na gréine, Gun fhios do ’n Rìgh mhòralach, Cha téid fo bhil’ a sgéithe. O. ’N saoil thu ’m b’ ionann e ’s Mac Cumhail, An rìgh ’bh’ againn air na Fiannaibh? Dh’ fhaodadh gach neach ’bha air thalamh, Dol ’n a thalla-san|| gun iarraidh. P. Oisein! ’s fada do shuain, Eirich suas is éisd na sailm, O ’n chaill thu nis do lùth ’s do rath, ’S nach cuir thu cath ri là garbh. O. Ma chaill mi mo lùth ’s mo rath, ’S nach maireann cath a bha aig Fionn, Do d’ chléirsinneachd is beag mo spéis, ’S do cheòl éisdeachd ni ’m fiach leam. P. Cha chual thu co math ri m’ cheòl, O thùs an domhain mhòir gus a nochd; ’S tha thu aosda an-ghlic liath, Fhir a dhìoladh cliar air chnoc. O. ’S tric a dhìol mi cliar air chnoc, ’Ille Phàdruig a’s olc rùn, ’S eucoir dhuitse ’chàin mo chruth, O nach d’ fhuair thu guth air thùs. *The MS. is ‘lebhidh’; the Dean of Lismore’s Book has ‘leyvin’=‘leughainn,’ which we have adopted. † ‘Glonn,’ deed of valour, exploit. ‡ ‘Cuil,’ a fly; ‘a’ chuil chrònanach,’ the humming fly. § ‘Mònaran,’ mote. || The MS is ‘tsheolle,’ for, probably, ‘shealladh’; ‘’n a shealladh-san,’ into his presence. Dr. Young’s copy has ‘’na thalla-san,’ into his hall, which we have adopted. The Dean of Lismore’s Book has ‘’n a thigh.’ ¶ It is difficult to decide whether the word in the MS. Chualas ceòl os cionn do cheòil, Ge mòr a mholas tu do chliar; Ceòl air nach luidh leth-trom laoich, Faoghar cuilc aig an Ord Fhiann. ’N uair a shuidheadh Fionn air cnoc, Sheinneamaid port do ’n Ord Fhiann, ”Chuireadh ’n an codal na slòigh, ’S ochòin bu bhinne e na ’chliar. Smeòrach bheag dhubh o Ghleann Smàil, Faoghar nam bàrc ris an tuinn,* Sheinneamaid an leithid’ a phuirt, Is bha sinn féin ’s ar cruit ro bhinn. Bha tri gaodhair dheug aig Fionn, Leigeamaid iad ri Gleann Smàil; ’S bu bhinne glasghairm† ar con, Na do chluigs’, a chléirich chàidh.‡ Cuide ruinne Fionn ar dia, A riar cliar§ agus sgoil Thug e là air bronnadh òir|| ’S an ath lò air meaghar chon. P. Aig meud ’fhiughair ri meaghar chon, ’S e dìoladh sgoil gach aon là, ’S aig lughaid eisimeil ri Dia, A nis tha Fionn nam Fiann an làimh. O. ’S gann a chreideas mi do sgeul, A chléirich le d’ leabhar bàn, Gu ’m bitheadh Fionn, no cho fial, Aig duine no aig Dia an làimh. P. Ann an ifrinn tha e’n làimh, Fear le ’n sàth bhi bronnadh òir, Air son a dhìmeas air Dia, Chuir iad e ’n tigh pian fo león.¶ O. Nan robh Clanna Morni steach, Is Clanna Baoisgne, na fir threun’, Bheireamaid-ne Fionn a mach, No bhiodh an teach againn féin. P. Còig còigeanna** na h-Eirinn ma seach, ’S air leat-sa gur mòr am feum, Cha tugadh sin Fionn a mach, Ged bhiodh an teach agaibh féin. O. Nach math an t-àite ifrinn†† féin, A chléirich dha ’n léir an sgoil? is ‘cruth’ or ‘cruit’; the copies of Hill and Dr Young have ‘cruth.’ * The MS. and Hill’s copy have ‘tuinn.’ ‘Tonn’ is sometimes feminine. See Armstrong’s Dictionary, and Duncan Riach M‘Nicol’s lines at the end of this poem. † ‘Glasghairm,’ noise of hounds. ‡ ‘Càidh,’ holy, pure. § The MS. is ‘A riar chliar agus scoil;’ Hill’s copy has ‘A riar do chliar is do scoil,’ but inaccurately printed. ‘Riar,’ please, satisfy, distribute, serve. See O’Reillys Dictionary. || ‘Bronnadh òir,’ distributing gold. ¶ ‘Bhròn’ is written in the MS. over ‘leòn.’ ** ‘Coige,’ a fifth, a province. †† ‘Iurne’ in MS. [TD 84] Nach co math is flaitheas Dé, Ma gheibhear innt’ féidh is coin? Bha mise là air sliabh Bhòid, Agus Caoilte ’bu chruaidh lann, Bha Oscar ann is Goll nan sleagh, Dòmhnull nam fleadh is Fraoch’ o ’n ghleann; Fionn Mac Cumhail, borb a bhrìgh, Bha e ’n a Rìgh os ar cionn. Trì maca àrd-rìgh nan sgiath, Bu mhòr am miann air dol a shealg, A Phàdruig nam bachall fiar,* Cha leigeamaid Dia os ar cionn. Bu bheag leam Diarmad O’ Dhuinn, Agus Fearrghas ’bu bhinne glòir, Nam bu chead leat mi do ’n luaidh, A chléirich nuaigh,† a théid do ’n Ròimh. P. C’uin’ nach cead leam thu do ’n luaidh, Ach thoir t’ aire gu luath air Dia? O ’n tha nis deireadh air t’ aois, Sguir do d’ bhaois,‡ a shean-fhir léith. O. A Phàdruig, ma thug thu cead, Air beagan a labhairt duinn, Nach aidich thu, ma ’s cead le Dia, Flath nam Fiann a ràdh air thùs? P. Cha d’ thug mise comas duit, A shean-fhir chiùrt, agus thu liath, B’ fheàrr Mac Muire ré aon là Na duine a thàinig riamh. O. Nior robh math aig neach fo ’n ghréin Gu ’m b’ fheàrr e féin na mo thriath; Mac mùirneach nach d’ éitich§ cliar ’S cha leigeadh e Dia os a chionn. P. Na comhaid|| thusa duine ri Dia, A shean-fhir léith, na breithnich e; Is fada o ’n thàinig a neart, Is mairidh a cheart gu bràth. O. Chomhaidinnse Fionn nam fleadh Ri aon neach a sheall ’s a’ ghréin; Cha d’ iarr [e] riamh ni air neach ’S cha mhò ’dh’ eur¶ e neach mu ni. Bheireamaid seachd cathan fichead, an Fhiann, Air sìthean Druim Cliair a muigh; * The MS. is ‘fial,’ an obvious mistake for ‘fiar,’ the word in Dr. Young’s copy. The ‘bachall fiar’ was the crosier. † ‘Nuaigh,’ heaven; also holy. ‡ The MS. is ‘mhaoigh’ for ‘bhaoithe’, abstract noun (aspirated) from ‘baoth;’ Dr. Young’s copy has bhaos=‘bhaothas;’ Hill’s copy has ‘Chaois,’ a misprint for ‘bhaois, levity, folly. § ‘Eitich,’ refuse. || ‘Coimhaid,’ compare. ¶ ‘Eur,’ refuse. Cha tugamaid urram do Dhia, No ’cheann cliair* a bha air bith.† P. Seachd cathan fichead dhuibhse, ’n ar Féinn, Cha do chreid sibh ’n Dia nan dùl; Cha mhaireann duine do ’r sliochd, ’S cha bheò ach riochd‡ Oisein ùir. O. Cha ’n e sin ’bu choireach ruinn, Ach turas Fhinn a dhol do ’n Ròimh, Cumail cath Ghabhra leinn féin, Bha e claoidh ar Féinn gu mòr. P. Cha ’n e sin ’chlaoidh sibh uile ann A mhic Fhinn, o ’n geàrr gu d’ ré; Eisd ri ràdh Rìgh nam bochd, ’S iarr thusa nochd nèamh dhuit féin. O. Comraich§ an dà abstol deug, Gabhaidh mi dhomh féin a nochd; Ma rinn mise peacadh trom, A chur an cnoc nan tom a muigh. CRÌOCH. The following lines follow in the MS.: Thoir an eachdraidh ’Mhaighstir Dòmhnull, A tha ’chòmhnaidh an cois na tuinne; || An ùrnuigh ’bha aig Oisean liath-ghlas, Nach robh riamh ach ’n a dhroch dhuine. It is then added, in reference, we suppose, to these lines: The above stanzas were composed by Duncan Riach M‘Nicol, in Glenorchy, commonly called “The modern Ossian.” (This poem is from a manuscript collection of Ossianic and other poems, which belonged to the Rev. Donald M‘Nicol, Lismore, author of “Remarks on Dr. Johnson’s Journey to the Hebrides &c.” A copy, nearly the same as M‘Nicol’s, but very inaccurately printed, was published in Hill’s Collection in 1784, and was afterwards reprinted in the Highland Society’s Report on the Poems of Ossian (1805). Another but slightly different copy was published in 1787, in the Transactions of the Royal Irish Academy, by Dr. M. Young, an Irish gentleman, who travelled in the Highlands in the summer of 1784. There is also a copy in the Dean of Lismore’s Book, but it differs considerably from the other copies which we have seen, and the modern version of it published a few years ago is frequently inaccurate. The MS. of this poem is dated 1762-3. A. C.) * The MS. was originally ‘dhaoin triach’=‘dh’ aon triath,’ but was subequently altered. ‡ ‘Bith,’ world. ‡ Dr Young’s copy has ‘rìoghachd.’ § ‘Comraich,’ protection. || Viz. Lismore, [TD 85] NAIDHEACHDAN. Anns na làithibh a tha ann an diugh tha atharrachaidhean mòra a’ tighinn air caochladh nithean le luathas ro iongantach. Tha nithe úra a’ gabhail àite air aghaidh na talmhainn agus am measg chinneach an t-saoghail le ealamhachd a bhiodh ’n a mìorbhuil do mhuinntir lìnntean roimhe so. Ged tha so fìor gu coitchionn, gidheadh cha ’n ’eil e fìor mu cheisd no dhà air am bheil sinn ri iomradh a dheanamh air ball. An déigh so cumaidh sinn cuimhne air nithibh cudthromach a’s buanaiche is a’s feumaile na chéile. Tha ceisd dhuilich ris an abrar “A graidhean air son na h-Alabamai,” a bha gun réiteachadh o àm Cogadh Americai, a’ tarruing a nis gu deireadh. Cha ’n ’eil e cosmhuil gu ’m bi eas-aonadh bagarrach ’s am bith eadar an dà rìoghachd, Breatann agus na Stàidean Aonaichte mu ’n ghnothach so. Tha a’ chrìoch so ’n a h-aobhar ghàirdeachais agus ’n a riarachadh mòr do ’n dà shluagh. ’S e call eagallach a bhiodh ann gu ’m briseadh cogadh a mach eadar an dà shluagh a tha cho dìleas an dàimh. Thug na Stàidean air an ais na h-Agraidhean neo-chuimseach a rinn iad an toiseach na bliadhna; agus troimhe so tha rathad fosgailte gu bann-còrdaidh a dheanamh a bhitheas ’n a riaghailt stiùraidh sheasmhach, agus fheumail dhoibh féin agus do rìoghachdaibh eile. Tha faoin iomradh an dràsd a ris air tighinn á Africa gu ’m bheil an t-Olla Libhingston, o nach d’ fhuaradh fios cinnteach o cheann bhliadhnachan, fathast beò; agus gu ’m feud sùil a bhi ris gu geàrr á meadhon Africai. Feudaidh an sgeul so a bhi fìor, ach cha do dhearbhadh buileach e thuige so; ach, co-dhiù cha ’n fhada gus an cluinnear fios àraidh o ’n mhuinntir a chaidh air a thòir. Tha bliadhna no dhà o ’n thòisicheadh air Reachd ùr Pàrlamaid air son sgoilean Rìoghachd an Albainn a thoirt a mach; ach thuit gach oidhirp a dh’ ionnsuidh so gu làr. ’S iad na h-aobhairean tuisleachaidh na beachdan ioma-sgeulach a tha aig gach buidheann fa leth air na nithibh a bu chòir a bhi air an teagasg anns na Sgoilibh Rìoghachd. ’S i a’ phuing gu h-àraidh a tha ’n a cnàimh connspaid, co dhiùbh a’s còir do ’n Phàrlamaid fèin lagh a dheanamh gu ’m feum am Bìobull a bhi air a theagasg anns na Sgoilibh Rìoghachdail, no comas a thoirt do bhuill Bòrd gach Sgìreachd fa leth beantuinn ris mar a chitheadh iadsan iomchuidh. Ròghnaich an neach a thug a steach am Bill do Thigh Iochdrach na Pàrlamaid an cùrsa so mu dheireadh a ghabhail, an gnothach fhàgail an làmhaibh Buill nam Bòrd; ged a tha am Bill a nis gu maith air aghaidh tha mòran do Bhuill na Pàrlamaid a’ sònruchadh atharrachaidhean mòra a dheanamh air mu ’n ceadaichear dha tighinn a mach ’n a lagh. O’n staid anns am bheil e ’n dràsd tha iomadh a’ co-dhunadh nach urrainn iad fhaotainn troimh ’n Phàrlamaid am bliadhna. A thaobh ceisd an Aonaidh am measg nan Eaglaisean Cléireach an Alba, gu sònruichte eadar an Eaglais Shaor agus an Eaglais Chléireach Aonaichte cha ’n ’eil a’ bheag a dh’ adhartas no dhol air ais anns a’ chùis. A thaobh na h-Eaglaise Saoire tha ’n Earrann a tha an aghaidh an Aonaidh a’ rùnachadh seasamh do-ghéilleachduinn ’n a aghaidh, ’nuair a tha an Earrann eile a’ cur rompa gu ’n lean iad an gnothuch a mach. Tha sinn a’ tuigsinn gu ’m bheil Iarrtuis (Petitions) o iomadh seòrsa a’ dol gus an Ard-Sheanadh air son iad a stad tamull a chum sìth aiseag do ’n Eaglais air fad. Tha mnathan uaisle feadh na dùthcha a’ deanamh suas Iarrtais iad féin ag asluchadh an h-Ard-Sheanaidh stad a chur air an eas-aonadh, a’ bhriseadh, agus an naimhdeas a tha a’ freumhachadh ’n an measg féin, le cosg a chur air na h-oidhirpibh a tha air an cleachdadh a chum Aonadh a thoirt mu ’n cuairt. Tha dùil mhòr aig sluagh Albainn ris na h-Ard-Sheanaidhean a tha ’cruinneachadh ’s na làithibh so. Bidh sinn comasach air ciod a ni iad ìnnseadh anns an ath àireamh. Tha anns an Eaglais Stéidhichte mar an ceudna gluasad timchioll a’ Phatronage. Tha a’ chuid a ’s mò ’s an Eaglais a nis air son a chur as, no mar is ceartaiche a ràdh taghadh a’ mhinisteir a chur ann an làmhaibh cinn nan teaghlach, no dh’ fhaoidte ann an làmhaibh nam firionnach ann an coimhthional a bhitheas ’n an luchd-comunnachaidh. Tha Diùc Earra-ghàidheil a’ gealltuinn Bill a thoirt a steach do ’n Phàrlamaid mu ’n ni; tha mòran de dhaoinibh urramach eile air son na Pàtronage a tha iad a’ meas ’n a cuing air Eaglais na h-Alba a chur as, ann an tomhas co dhiú. Tha cuid de na h-Eaglaisibh Cléireach eile an Albainn a tha a’ togail an guth, air dhoibh so a thuigsinn, an aghaidh ath-shuidheachadh ’s am bith a bhi air a dheanamh air an Eaglais [TD 86] Stéidhichte, gun an cead-san a bhi air a ghabhail. ’S e an rùn-san, a réir coslais, gu ’m biodh Eaglais Chléireach na h-Alba air a dì-stéidheachadh, agus a deanamh co-ionnan riù féin. ’S e ar dleasannas ceuman de ’n t-seòrsa so a thoirt f’a chomhair ar luchd-leughaidh, ’n uair a dh’fhanas sinn o bhreith ’s am bith a thoirt anns na cùisibh. Thàinig crith-thalmhainn mhòr air an treas là de ’n Ghiblean rathad baile mòr Antioch ’s an àird-an-ear. Tha e air aithris gu ’n deachaidh barrachd air an treas cuid de ’n bhaile a sgrios. Tha eachdraidh ag ìnnseadh dhuinn gu ’n do sgriosadh dà cheud mìle pearsa ’s a’ bhaile so le crith-thalmhainn ri linn an Impire Trajan a fhuair ach gann as. ’S e sgeul ro thiamhaidh a tha ’n a leithid so a chluinntinn—daoine air an slugadh suas a chridhe na talmhainn ann am priobadh na sùil. ’N uair a thàinig an té mu dheireadh so thachair gu ’m b’ e Am-trasgaidh nan Greugach (Lent) a bh’ann; agus ann an aon àite far an robh coimhthional dhiubh ag aoradh, mu thrì cheud pearsa, dh’ adhlaiceadh sìos a dh’ aon bheum iad. Ann an àite eile chaidh tigh-sgoil le leth cheud cloinne a shlugadh suas. Bha troimh-chéile uamhasach feadh a’ bhaile timchioll air na mairbh. Agus bha a’ mhì-riaghailt ud air a meudachadh troimh chleachduinnibh buidhne ris an abrar Dusari, feadhainn a tha ’deanamh aoraidh do Bhaal agus do Astarot. Bha buaidh mhilleidh ghràineil aig a’ ghréin air na h-uiread de chuirp mharbh, ’n uair a bha na Crìosdaidhean agus na Mahomatanaich a’ strì co a gheibheadh cothrom air an cuid féin adhlacadh gu h-iomchuidh. Bha na Mahomatanaich air son nan Crìosdaidhean adhlacadh cho luath ’s a ghabhadh iad gun choinneal no ni de ’n t-seòrsa, iad a’ smuaineachadh gur h-ann troimh na Crìosdaidhibh a thàinig na breitheanais orra. Tha beinn Bhesubhiuis làimh ri Naples a’ brùchdadh a mach teine ghoilteich ni ’s mò na b’ àbhuist di. Chaill mòran timchioll am beatha troimh na sruthaibh loisgeach a thàinig orra. Tha cuid a’ deanamh a mach mur bitheadh na tuill loisgeach so feadh an t-saoghail gu ’m bitheadh crith-thalmhainn ni bu mhilteiche na tha i. Tha na reangan a tha a’ sgàineadh fo thalamh a’ cur a mach am brùchd troimh na tuill ud. Tha e soilleir gu ’n robh critheannan a beantuinn ris na h-Eileanaibh Breatannach fada roimhe so; agus ’s còir dhuinn a bhi taingeil gu ’m bheil sinn cho saor ’s na h-amaibh so, ’n uair a tha sinn a’ faicinn gu ’m bheil sinn ann an sreath dìreach eadar Etna ann an Iceland agus Bhesubhius. ORAN. Le fear àraid air dha a leannan fhaicinn a’ falbh còmhlath ri NIALL MACLEÒID. AIR FONN: “Hoireann o gur mi ’tha tùrsach.” CO-SHEIRM. Hoireann ò gur mi ’tha tùrsach, Thriall mo mhànran, dh’ fhàg mo lùth mi, Cha ’n ’eil càil agam gu sùgradh Shiubhail Niall le rùn mo chéile. O! gur mise ’bha gu brònach ’Dol bho ’n Eaglais air di-dòmhnaich— Sùil ’g an d’ thug mi air an Leòdach Bha e ’falbh gu seòlt’ le m’ eudail. Hoireann ò, &c. Chaidh e suas leath’ thun an eilein* ’S an tric am bi ’n òige ’beadradh,— Far an cluinn iad na h-eòin bheaga Le ’n cuid cheileiribh cho gleusda. Hoireann ò, &c. ’S gile bian na rìbhinn òirdheirc Na sneachda air slios nam mòr-bheann, Oh gur binne ’guth ag òran’ Na smeòrach air bhàrr nan geugan. Hoireann ò, &c. Och gur mise ’th’ air mo bhuaireadh! Leis a’ ghaol ’thug mi do ’n ghruagaich, A’s i nise ’gabhail fuath dhomh Ged is luath a thug mi spéis di. Hoireann ò, &c. Shamhlaich mise gaol nan òighean Ris a’ cheò air feadh nam mòr-bheann— ’N uair a ghluaiseas gaoth o neòil e— Eiridh e mar sgleò ’s na speuraibh. Hoireann ò, &c. Och cha ’n ioghnadh mar a ta mi— Bhi làn airtneil air bheag mànrain— Cridhe ciùirrte, brùite, sàighte Le saighdibh gràidh o Bhenus. Hoireann ò, &c. * ’Se ’n t-eilean a th’ air a chiallachadh an so, aon de na h-eileanaibh a tha ’s an abhainn am bràigh’ Inbherneis. Tha gach aon diubh so còmhdaichte le iomadh seòrsa chraobh is lus; maille ri sin, tha fuaim na h-aibhne a ghnàth ’an cluasaibh an fhir-thurais, agus coireal gach eòin a’s binne guth ’san ealtainn (na thìm fhéin) a’ cur an céill sgèimh na lanntaire mu ’n cuairt, air mhodh ’s gu ’n do theab mi ràdh ’s an òran An t-eilean, fiarach, biachar, craobhach, ’N t-eilean measach, preasach, flùrach, Far an cluinnte ’n àm dhuinn dùsgadh ’Chubhag le gu-gùg ’s a’ chéitean. [TD 87] Ach na ’n cluinneadh fir Chinn-tàile* E bhi ’falbh nan cnoc le Màiri, ’Cheart cho cinnteach ’s thig am bàs oirnn, Chuireadh iad thar sàil’ a’ bhéisd uainn! Hoireann ó, &c. Ach ged dh’ fhalbh thu air di-dòmhnaich Leis a’ bhéisd nach aoir a’ cheòlraidh— ’Eudail ma bhios tu deònach Cha toir Leòdach bho ’na’ Chléir thu. Hoireann ò, &c. 1871. ALASDAIR. FAILTE GAOIL. A ghaoil! o’n chaidh thu astar uam ’S trom airtnealach mo smuain, Tha m’ inntinn-sa cho sàraichte Ri bàt an onfhadh cuain,— A’ cuimhneachadh do mhànrain rium ’Bha tlàth le iomadh buaidh, A dh’ fhàg a nis ro chràiteach mi ’S do thàmhachd fada uam. Ach ’s cuimhne leam-sa m’ àilleagan Bhi ’tàmhachd ’n so air chuairt, ’N uair bha an samhradh ’dealradh oirnn Le ceòl, le blàth ’s, ’s le snuadh; Is dubhar chraobh ’cur sgàile oirnn O’n t-Solus Aigh ’na chuairt, Far ’n tric a rinn sinn gàirdeachas Le inntinn chàirdeil, shuairc. O Thì! ’tha ’riaghladh fhreasdalan Dean mar is maith ’n ar cùis.— Do thoil ro naomha dh’ iarradh sinn, A dh’ ìocadh dhuit-sa cliù; Is deònaich ann ad fhàbhar dhuinn Gu ’m faigh sinn fàth ar rùin:— Bhi cuideachd anns an fhàsach so An gràdh ’s an comunn caomh. 2nd October, 1869. LILIDH NAN EILEAN. LEABHRAICAEAN URA GAILIG. LAOIDHEAN EADAR-THEANGAICHTE O’N BHEURLA. Air an cur a mach an Glaschu le G. Mac-na-Ceàrdadh, 62, Sràid Earraghàidheil. ’S leòir sealltuinn ris a’ chlàr-innsidh air son cliù choitchinn an Leabhair so fhaotainn a mach. Tha a’ chuid a’s * Bho ’n earrainn so tuigidh an leughadair gur h-e “Mac Choinnich mòr Chinn-tàile” is ceann cinnidh do Mhàiri; agus nach còrdadh e ris an Fhin uasail sin an rìbhinn sheirceil ud fhaicinn air a mealladh le coigreach mar bha Niall. mò de na Laoidhibh air an eadar-theangachadh le “laoich mhòr ainmeil na Gàilig,” an t-Olla Urr. T. MacLeòid nach maireann, an t-Olla I. MacLeòid ’s a’ Mharairne, an t-Urr. G. Cléireach an Cille-mhàilli, ainmean a tha urrasach air fiach nan Laoidhean. Tha iad air an cur ri chéile air son a bhi air an seinn (’s e sin dòchas an fhir-chruinneachaidh) ann an aoradh follaiseach maille ri bhi feumail ann an aoradh teaghlaich. Tha na Gàidheil cho leanailteach air cleachdadh, ’s gu sònruichte ’n uair a tha iad ’g a mheas ceart, ’s gu ’m bheil eagal oirnn nach h-ann air son an fheum ud a’s mò a dh’ iarradh iad sealbh air an Leabhar. Gidheadh tha iad gu nàdurra gràdhach air ceòl; agus tha sinn cinnteach gu ’m faigh iad ann an so Laoidhean tarbhach agus beathail air an eadar-theangachadh agus air an sgriobhadh gu snasail. Tha “Bho bheanntan reòta Ghreenland” le Mr. MacPhàidein fìor mhaith,—ruithteach agus litireil. Tha sinn a’ deanamh gnè riaghailt de bhi a’ cunntadh nam mearachdan (ma bhitheas aon idir ann) a gheibh sinn air dà thaobh-duilleig gach Leabhair ùir, do bhrìgh ’s gu ’m bheil e iomchuidh dhuinn a bhi cho feumail ’s a tha e ’n ar n-urrainn do sgrìobhadh coimhlionta na Gàilig. Cha ’n ’eil sinn ’g ar meas fêīn coimhlionta ni ’s mò na mòran eile. ’S e am modh seasmhach a tha sinn a’ cur f’ ar comhair, am modh sgrìobhaidh a tha air a chleachdadh anns na Deasachaidhibh a’ s feàrr de ’n Bhìobull, agus a bha air a mheas ceart leis na h-Ollaibh Stiùbhart, Smith, is MacAoidh;—seadh, ’s iad sin na prìomhbhunabhasa coitchionn ris an do ghabh iadsan. A thaobh nan Laoidhean so tha iad air an sgrìobhadh gu ro-chothromach; ’s airidh am fear-cruinneachaidh air cliù. Gidheadh air an ceud thaobh-duilleig a bhàrr air nithibh teagmhach eile gheibh sinn am focal “dhleasnais” air a mhi-litireachadh; bu chòir, a réir gnè fuaim na cainnte, dà n a bhi ann. A ris air an [TD 88] duilleig mu dheireadh gheibh sinn “amhuinn” air a mhi-litireachadh; ’s e b a bu chòir a bhi ’n àite m gu bhi ’deanamh atharrachaidh eadar river agus “àmhuinn,” furnace. ’S ann air son sgrìobhadh na cànaine a bhi coimhlionta agus aon-chruthach a tha sinn a’ toirt nan nithean so fainear. SEACHD COIREACHAN A TA CUMANTA. GEARAN, DROCH-NADUR, NEO-SHUIMEALEACHD, FEIN-CHUISEACHD, ANBHARR’ IOMGAIN, LEISG, FEIN-THOIL. Le Seumas Erasmus Phillips, M. A. Eadar-theangaichte gu Gàilig (le cead an ùghdair) le Eobhan Maccolla, Pears’ Eaglais De sgìreachd Easbuig Earra-ghàidheal, ’s nan Eilean, ’s a frithealadh a ’n Eaglais a Ghearasdain, ’an Loch Aber. Air a chur a mach leis a’ Chomunn Urramach ’an Lunnuinn a ta air son Eolais Chriosdail a mheudachadh. ’S e leabhar luachmhor a tha an so; tha a luach a’ co-sheasamh gu mòr ann e bhi a’ beantuinn ri uilc a tha cho sgriosail ’s cho tric am measg dhaoine. Bidh daoine a’ strì ris na coireannaibh so a chur á bith le teagasgaibh feallsanachd agus subhailc, ’s lèir dhuinn gur h-e an leigheas a tha Mr. Phillips a’ moladh an t-aon ni éifeachdach air an son. Tha e ’g an toirt f’ ar comhair, aon an déigh aon, ann an solus teagaisg shoisgeulaich, ’s a’ nochdadh na dòigh air an gabh iad a bhi air an caitheamh ás. A thaobh an eadar-theangachaidh tha a’ chuid so de ’n leabhar air a deanamh mar nach olc. Tha e simplidh, nàdurra, agus so-thuigsinn. ’S e so fèin a’ phrìomhbhunabhas ri ’thoirt fainear ann an eadar-theangachadh maille ri aire bhreithneachail do bhrìgh an ùghdair. Anns a’ chuid so rinn Mr. Maccolla a ghnìomh gu taitneach. Ach tha sinn ’g a mheas ’n a dhleasannas iomradh a dheanamh air mearachdaibh sgrìobhaidh an leabhair. Tha uiread a dh’ fhoclaibh air an mì-litireachadh, anns a’ chuid a’s mò tha sinn a creidsinn le fear a chlobhualaidh, gus nach biodh e ’n a cheartas do ’n ùghdar na mearachdan lìonmhor a tha ann ainmeachaidh. Tha sinn a’ toirt nam mìrean prìseil a leanas as an leabhar:— “GEARAN.” “Cha bu chòir gu ’n cluinnteadh fuaim gearain ann an teaghlach chriosdail air bith. Cronaichibh ’urc lann air-a shon mata;—aig àm iomchuidh, agus ’nuair ’tha cothrom freagarrach a tighinn ’s an rathad—cronaichibh ’ur cairdean air a shon; oir ma ’tha Gnàth’ fhacail Sholaimh ag ràdh: ‘An tì a chronaicheas duine, na dhéigh sin gheibh e ni ’s mò do dheagh-ghean na esan a ni miodal le, theangaidh.’” “Tha nadur-gearanach fior-chronail do ’n chaithe-beatha dhiadhaidh. Tha e ’cur mòr-bhacadh air meudachadh grais. Tha e toirt oirnn a dhì-chuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freasdal De. Tha gearan ’g ar deanadh mi-iomchuidh air son urnuigh.” “Tha fhios agaibh ’gur e ar Slànuighfhear Beannaichte ’ur n-Eisimpleir anns an ni so co math ’s anns gach ni eile. Dh’ fhuiling Esan ann an iomadh doigh, ’s ann an caochladh inbhe,—seadh ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanda,—gidheadh aon uair cha d’ thàinig gearan o bhilibh Iosa Criosd.” “DROCH-NADUR.” “Tha chuid is mò againn buailteach d’ on dara h-aon de ’na buairidhean a dh’ ainmich mi (am bheil mi ’m mearachd sa chuis so?). Tha sinn an darna cuid ’toirt gèill do dhroch nadur a tha briseadh a mach a’m feirg gun chiall gun riaghailt,—no do dhroch nadur a tha ’g a nochdadh fein ann an gruaimiche, coimheasachd, agus dùire.” “LEISG.” “Bha na naoimh bho shean ag éiridh gu moch. Tha ’n sgriobtur a toirt dearbhaidh gu leor gu ’n robh. B’ ann moch ’sa mhaduinn a chunnaic Abram [TD 89] athair nan Creidich, an smuid a bha ’g éiridh suas gu neamh a luaithre bailtean a chomhnaird. B’ ann moch ’s a mhaduinn a dh’ fhalbh e, le ordugh Dhe, chum gu ’n iobradh e do ’n Uile-chumhachdach ionmhas gràdhach a chridhe, seadh a leanabh Isaac. B’ ann moch ’sa mhaduinn a chur Iacob suas an carragh cloiche air an do leag e cheann ré na h-oidhche, chum gu ’m biodh i ’na cuimneachan taingealais air a bheannachadh ’s air na sochairean a gheall Dia dha. * * Tha e air ainmeachadh trì uairean gu ’n robh Ioshua a’ neach a chuireadh an àite Mhaois, ag éiridh gu mòch. Bha leithid do ghradh aig Iob d’a chloinn, ’s gu ’n robh e ’g éiridh moch ’s a mhaduinn a thagradh ’s a dh’ urnuigh ri Dia air an son. Agus cha b’e cleachdadh ainmic a bha ’n so. Tha e air innseadh dhuinn gu ’n d’ rinn “Iob mar so an comhnuidh.” “Tha sinn a leughadh mu aon àm aig an d’ éirich ar Slanuighear fada roimh latha. * * ’S iad ceud uairean an latha a’s fearr ’s a ’s ùrala. Cha n-eil còir air bhith againn an cumail bh’ Uaithe.” “Bha e riamh ’na chleachdadh aig Eaglaìs Chriosd a bhi ’toirt misnich agus cothroim d’a cuid sluaigh air son aoraidh follaiseach maidne, co math ri aoradh diomhair an t-seomair.” “Tha e daonnan a coimhearlachadh d’ a cuid sluaigh, ùralachd an latha ’thoirt do sheirbheis aoraidh Dhé.” “Bu chòir e ’bhi ’na riaghailt againn, dol gu aoradh folluiseach, an car a’s lugha, dà uair air Là ’n Tighearna; ach mur urrain sinn dol dà uair, deanamaid roghainn de ’n mhaduinn.” “Cha n-eil namhaid a’s mìosa aig an urnuigh uaignich, na ’n leisg; agus esan a ta ’tighinn le cabhaig do thigh Dhé, cia-mar is urrainn e dol gu suidhichte ’s gu socair troimh an aidmheil choitchionn sin air peacadh—.” LEABHRAICHEAN A’ TIGHINN A MACH.—Tha ni a bhitheas nuadh do na Gàidheil—“Almanaic Ghàilig”—a’ tighinn a mach an dràsd, air a deasachadh, tha sinn a’ tuigsinn, leis an Urr. U. Ros, am Baile-Bhòid. Tha Leabhar Urnuigh Charsueil, a bha ’n a ghnè Easbuig air Earraghàidheal ’s na h-Eileinibh aig àm an Ath-leasachaidh, ’g a chur an clò as ùr fo ullachadh an Olla T. MacLachlainn. ’S e so an ceud leabhar Gàilig a chaidh a chur an clò riamh. Tha sinn a’ tuigsinn gur h-ann an Caisteal Inbher-Aoraidh a tha am M. S. a’s aosda de ’n Leabhar; agus gur h-e ball eàrnais a’ s measaile a tha aig an Diùc. A bhàrr air eadar-theangachadh nan Albannach Urramach tha mar an ceudna eachdraidh eaglais na h-Alba, ’s an aon leabhar leis an Olla Mac Aoidh; tha an leabhar fiachail so a nis ach gann crìochnaichte. Tha neach sònruichte ag iomradh mar an ceudna gu ’m bheil e ri Laoidhibh agus ri Dànaibh D. Chamaroin nach maireann a bha ’n a mhaighstear sgoile an Uibhist a chur a mach. Tha “Cian-dhàin” (Neniae) le N. Mac Néill a bha air an gealltuinn o cheann fhada gu bhi mach gun dàil. Air dha ath-smuaineachadh rùnaich an t-ùghdar trì dàin eile, am measg am bheil a’ cheud Phàirt de Dhuan-Mòr air “Emanuel,” a chur a mach maille ris na “Cian-dhàin.” Tha sinn a’ tuigsinn gu ’m bheil “Beath-Eachdraidh Chaluim-chille” a thòisich air tighinn a mach anns “A’ Ghàidheal” le A. Camaron nach maireann air a cur a mach air dhòigh eile an Dunéideann. ORAID GHAILIG. Air a’ chuigeamh là de ’n Mhàrt bha Oraid air “Saobh-bharailibh agus Sgeulachdaibh na Gàidhealtachd” air a liubhairt ann an Glaschu leis an Urramach Raibeart Blàrach, M. A., ministeir Eaglais Chaluim-chille. Bha an talla làn do luchd-éisdeachd a bha ’nochdadh gu tric, fhad ’sa bha Mr. Blàrach a’ labhairt, cho taitneach ’s a bha e dhoibh a bhi ’cluinntinn iom- [TD 90] raidh fhileanta air nithibh a b’ e tlachd agus annsachd an òige. Bha ’n t-Uasal còir D. Mac-a’-Mhaighsteir ’s a’ chathair. Bhean Mr. Blàrach ann an roimh-ràdh geàrr, ach a bha farsuinn, snas-bhriathrach, ris na h-atharrachaidhibh a thàinig air a’ Ghàidhealtachd, a’ comharrachadh a mach nan seadhan anns an robh iad feumail agus anns nach robh. Chaidh e ’n sin air aghaidh gu labhairt air na sgeulachdaibh a bha aon uair coitchionn aig cagailt nan Gàidheal, a’ nochdadh gu ’m faighteadh annta dòigh ghleusda, gheur-chuiseach air nithibh fhaotainn a mach. Am measg mhòran nithe eile labhair e air “Giseagaibh,” “Droch-chòmhaltas,” “Droch-shùil,” “Buidseachas,” “Taibhsean,” “Ullaidhean,” “Daoine fo gheasaibh,” “Dà shealladh,” agus an còrr. Thug Mr. Blàrach mìneachadh teagasgail agus feumail uapa sud fa leth a thug luathghàir tric aoibhneach o’n chruinneachadh mhòr Ghàidheal a bha ’n làthair. Chaidh guth cridheil tainge a thoirt do’n Oraidiche aig an deireadh, agus air do’n ni cheudna bhi air a thoirt do Fhear-na-cathrach, sgaoil a’ chuideachd. BAS UAISLEAN GAIDHEALACH. ’S ann le fìor bhròn a tha sinn a’ deanamh geàrr-iomraidh ann an so air bàs nan uasal grinn’, an t-Urramach D. Mac-’Illeathain, Gleannurchaidh; A. Mac-a-Phearsoin, eadar-theangair Leabhar na Ban-rìgh; Alasdair Camaron, Sgrìobhaiche am Port-rìgh, agus Uilleam Mac Coinnich, an Leabhar-reiceadair. Rinn Mr. Mac Coinnich mòran air son sgrìobhaidhean feumail, luachmhor a sgaoileadh feadh na Gàidhealtachd. Chuir e a mach “Turus a’ Chriosduidh” ann an clò mòr farsuinn le deilbh òirdhearc nach fhacas le leabhraichibh Gàilig riamh roimhe. A bharrachd air feadhainn eile tha mar an ceudna “Eachdraidh Eaglais na h-Alba maille ri Eachdraidh nan Albannach Urramach” sgrìobhta leis an Olla M. Mac Aoidh, air a cur a mach leis. Tha ’n obair fhiachail so a nis ach beag crìochnaichte. Do Ghàidheil feadh taobh tuath Alba tha ainm Mhr. Camarain glé aithnichte. Bha e ré ùine ’n a sgrìobhaiche ann an Loch-na-Madadh an Uibhist; agus tha cuimhne thaitneach aig na thàinig ’n a rathad air a chaoimhneileachd. Sgrìobh e “Eachdraidh an Eilein Sgiathanaich.” agus “Beath-Eachdraidh Chaluim-chille.” ’S ann ’s A’ GHAIDHEAL a thàinig an ceud dà Chaibideil de ’n Leabhar mu dheireadh a mach. Cha robh ann an Mr. Camaron ach duine òg ’n uair a dh’ fhalbh e; tha a bhás ’n a chall mòr do sgriobhaidhibh na Gàilig. ’S milis cuimhne a luchd-eòlais air Mr. Mac-a-Phearsoin. Bha e ’n a sgoilear Gàilig ro-aithnichte—cho aithnichte ’s gu ’n do mholadh e do ’n Bhan-rìgh mar eadar-theangair ro fhreagarrach air son a leabhair féin a bha i iarrtasach a chur an Gàilig. ’S e ’n ceathramh neach mu ’m bheil againn ri facal a ràdh, am fìor bhàrd agus am fìor Chrìosdaidh Mr. Mac’Illeathain. Dh’ fhalbh esan, mòr ann an làithibh agus ann am meas, a’ giùlan sguaban troma. Bha e ’n a shearmonaiche tarbhach. Bidh iomradh ann an àireamh ri teachd air a dheanamh air a bhàrdachd. Bha na h-uasail ghasda so uile, air falbh o cheann ghoirid as ar measg, gach neach fa leth, ’na fhìor Charaid do na Gàidheil ’s d’ an cànain. Gu ma fada deagh chuimhne air an ainmibh! COMHAIRLE an t-sean-duine d’a mhac air dha bhi ’dol a dh’ iarraidh mnatha:— Seachain— Té uallach nam fàincan, Té cnap air muineal, Glog air sitig, Pìobaire na totach, ach, Té bheag odhar An dorus a sabhail féin, Na sìr ’s na seachaìn. [TD 91] FAILTE O’N OLLA MACAOIDH. Bu ghàirdeachas nach bu bheag dhuinn, bhi air cluinntinn gu’n do nochdadh “Gàidheal” an Glascho, o chionn ghoirid, nach fhacas riamh a shamhladh an Albainn. Cha ’n e a mhàin gu ’n do tharruing e a cheud anail a measg choilltean Chanada; ach gu ’m bheil e a nis air tighinn, a dh’ aon leum a nall a dh’ Albainn, tìr dhùthchasaich a shinnsireachd, gu bhi ’g ar fàilteachadh, gu còir, caoimhneil, ann an sean chànain ar sinnsear; ach gu ’m bheil aige guth cho làidir ’s gu ’n cluinnear e, cha ’n ann air sgiathaibh a’ mhic-talla, ach focal air an fhocal, gu so-thuigsinn, gleusda, cuimseach, glan, ann an sean chànain ghràidh, chaoimh ar dùthcha féin. Ceud mìle fàilte, ma ta, do ’n “Ghàidheal” urramach agus chaoimhneil. Tha dearbh-shoilleireachd againn, gur h-e ar leas, ar càirdeas, agus ar buannachd a tha air aire a “Ghàidheil” urramaich agus chaoimh. Agus is e ar dòchas, gur h-iomadh deadh-bheatha gheibhear leis, o chloinn nan Gàidheal an Albainn. Tuigeamaid, ma ta, gun bhi a’ labhairt ni ’s faide, fo shamhluidhibh, gur h-i an t-saothair shònruichte, ’s an cleachdar an “Gàidheal” foghainteach, caomh-chàirdeil so, leabhar a bhi ’g a chur a mach leis, aon uair ’sa’ mhìos, á Baile mòr Ghlascho, air am faighear “An Gàidheal” mar shloinneadh; agus cha teagamh idir leinn, nach faighear ’s an leabhar mhìosail so iomadh naigheachd agus sgeul agus eachdraidh, a bhios ro-bhuannachail do a luchd-leughaidh, gu’n coinnicheadh riutha sud; agus e bhi a’ cur ar soilleireachd, agus ar comas breithneachaidh, am farsuingeachd, le fear-dùthcha dhuinn féin, an duin’-uasal fòghluimte, measail, agus caomh, a tha a’ gabhail na seirbhis so os làimh. Tilgear mar athais, air cuid d’ ar luchd-dùthcha, a théid a mach air Ghalldachd, agus do thìribh céin, “Gu ’n do chaill iad a’ Ghàilig, agus nach d’ fhuair iad a’ Bheurla!” ach, ged fheud a leithid sin tachairt uair agus uair; cha ’n e sin, gu cinnteach cleachdamh nam fìor Ghàidheal ’s a’ choitchionn. Agus tha e ro-shaor dhuinn ar fianuis a thogail, nach ann mar sin a thachair do ’n duin’-uasal ghreimeil agus cheanalta sin, a tha air cheann na seirbheis so. Tha a’ Bheurla cho deas dha ’s ged bu Shasunnach e: agus a’ Ghàilig cho deas dha ’s ged nach biodh e riamh air dol thar chuantan. Deadh shoirbheachadh, ma ta, do ’n “GHAIDHEAL.” M. MACAOIDH. COMUNN OISEINEACH OIL-THIGH GHLASCHU. Air an dara là fichead de ’n Mhàrt air feasgar Di-h-aoine ann an tigh-òsda Mhic ’Illeathain choinnich Comunn Oiseineach Oil-thigh Ghlaschu, an t-Urramach Raibeart Blàrach, M. A., ministear eaglais Chaluim-chille ’s a’ chathair. Bha an t-Uasal Donnacha Mac-a-Mhaighsteir anns a’ bhun-chathair. Bha mar an ceudna an làthair a bhàrr air na h-oileanaich agus air uaislibh eile, an t-Urr. Alastair Camaron, an t-Olla Mac-’Ille-dhuibh, Caiptein Seumas Mac-an-Deòir, Caiptein Seumas Méinear, agus oifigich eile de Réisimeid Ghàidhealaich Ghlaschu. B’i a’ cheud Dheoch-slàinte “A’ Bhan-rígh agus an Teaghlach Rìoghail,” a bha air a tairgse gu freagarrach le Fear-na-cathrach; mar an ceudna na deochanna-slàinte dùthchasach eile; chaidh freagairt dhoibh uile air an dòigh chridheil a’s urrainn Gàidheil a mhàin a nochdadh. B’i Deoch-slàinte an fheasgair an “Comunn Oiseineach,” a bha air a tairgse air a’ mhodh thaitneach dhealasach a tha àbhuisteach agus nàdurra do Fhear-na-cathrach; ’n a labhairt thug e fainear gu ’m b ’e so an t-aon Chomunn, cho fad ’s a b’ aithne dha, anns an robh na deasbudan agus na h-òraidean gu h-iomlan air an giùlan air an aghaidh ann an seann chàinnt na h-Alba. Chaidh a h-òl le mòr dhealas agus chridhealas. Thug Mr. Mac Eacharna, an Rùn-chléireach taing do ’n chuideachd as leth a’ Chomuinn air son na dòighe cridheil leis an d’ òl iad Deoch-slàinte a’ Chomuinn; thug e mar an ceudna cunntas taitneach air obair agus air staid a’ “Chomuinn Oiseinich” troimh ’n t-Seisean a tha nis air crìochnachadh. B’iad [TD 92] na Deochanna-slàinte eile “Ceann-suidhe a’ Chomuinn” le Fear na chathrach; “Na Buill Urramach” le Mr. Mac-’Illeathain, M. A. dh’ an do fhreagair Mr. Mac-’Ille-bhàin; “An t-Oil-thigh agus a Luchd-teagasg,” le Fear na-Cathrach, dh’an do fhreagair Mr. Mac ’Illemhìcheil; “Ministeirean na h-Alba” le Mr. Mac Dhòmhnuill dh’an do fhreagradh leis an Urr. A. Camaron; “Na Lighichean” le Mr. I. A. Caimbeul dh’an do fhreagradh leis an Olla Mac’Illedhuibh; “Na Gàidheil aig an Tigh is Thairis” le Mr. Mac Eachearna, dh’ an do fhreagradh le Mr. Sutharlan; “A’ Ghàilig ’s na Bàird Ghàidhealach” le Mr. I. P. Caimbeul dh’ an do fhreagradh leis an Urr. A. Camaron; “Fear-na-bun-chathrach” le Fear-na-cathrach; “Na h-Oighean,” le Mr. Muireach. Bha òrain Ghàilig ghasda air an seinn troimh ’n fheasgar am measg an robh “Eirich agus tiugainn o,” le Mr. I. P. Caimbeul. Bha ceòl na pìoba a nis ’s a rìs a’ cur cridhealais is aoibhneis feadh na cuideachd. ORAN AIR A’ BHAN-RIGH BHICTORIA. AIR DHOMH AN LEABHAR AIG A MÒRACHD RÌOGHAIL A LEUGHADH. FONN:—Coire Cheathaich. Cha ’n ’eil Bàrd riamh a rinn dàn duinn, Cruit no clàrsach a sheinn dhuinn ceòl, Air bean ghràidh nach do luaidh le mànran Is e ’g a h-àrd-mholadh mar a b’ eòl. Mo chruit-sa gleusam a nis do theudan A chum gu h-éibhneach thu dheanamh sgeòil Mu mhnaoi àillidh a tha gu stàtail, Air cathair àrduicht’ os ceann gach feòil. A shliochd nan leòmhann ’bha greadhnach lùchairteach ’S beag an t-ioghnadh ged tha thu còrr, ’S fuil nan Stiùbhartach rìoghail cùirteachail ’G éiridh lúthchleasach ann a’ d’ phòr; Na feara calm’ d’ am bu dùthchas Alba A dheanamh feara-ghnìomh ’s a sgapadh òir. Bha ’n dream ud ionmhuinn le luchd nan garbh chrìoch ’S bhiodh iad ’g an leanmhuinn le h-earbsa mhòir. O ’s i do mhàthair ’thug dhuinn an oighreachd A thog thu ’d’ mhaighdinn gun mheang, gun bheud, Gu soilleir boisgeil, mar rogha daoimein A dheanamh soillse am measg nan ceud. Am maitheas saoibhir, làn bàigh, is caoimhneis, ’S do rìoghachd aoibhneach a luach a seud. Gun uaill gun mhòrchuis, làn tùir is eòlais, A rinn do chòmhradh mar cheòl nan teud. ’S mar thig an driùchd a nuas le ùrachadh Air na fiùrain ’bhios seargta fann, Thug buaidh do chùirt-sa gu fìorghlan fiùghanta Fàs air subhailcibh a bha gann. ’S e sud, a bhan-rìgh, a chuir ar n-ùigh ort Is cha b’ e ’n crùn a bhi air do cheann. Is se ’chuir cliù ort air feadh gach dùthaich, Mar oiteig chùbhraidh do thùis nam beann. O ’s mòr an gràdh ’thug thu dh’ obair nàduir! ’S tha ’n aigneadh àrd ud ag iarraidh lòin, Feadh gach àrd charraig, gleannan fàsachail, Glac is càrn mullaich, màm is sròn, B’e ’n seòmar uasal leat lagan uaigneach, Le d’ ghillibh uallach aig do thrà-nòin, ’S bu flùran suaicheant’ leat raineach uaine ’S an roid ’s an luachair ’bhios anns na lòin. ’S a’ mhaduinn shamhraidh cha b’ann ’n a seòmar A gheibhte a’ bhan-tighearna ’tha mi ’seinn, Is grian a’ dòrtadh gu boisgeil bòidheach A gathan òrbhui’ air ceò a’ ghlinn, Ach ’gabhail sòlais ’s an úrachd ghlòrmhor ’S ag éisdeachd ceòlruidh nan còinean binn’ Le ribheid shiùbhlaich a’ cur na smùid dhiubh Mu thimchioll lùchairt nam baideal grinn’. ’S ioma bliadhna o ’n bha thu caomh leinn, A chionn mar thaobh thu ri tìr nam beann, A chionn do mhiann bhi air frìth is fraoch, Is do dhachaidh aobhach bhi ’n cois nan gleann, Ceòl na pìob’ bhi a’ d’ thalla rìoghail, ’S ar breacain rìomhach bhi air do chloinn, Ach thug thu ’n dràsda gu tur fo chìs sinn, Is ghoid air crì’chan le sgrìob de d’ pheann. Is tha mactalla ri iolach éibhneis Air feadh nan sléibhtean ’s nam beanntan cian’ Is clann nan Gàidheal mar dhaoine ìotmhor, A gheibheadh fìor-uisge mar am miann. ’S do mholadh binn orra féin ’s an tìr, A bhi air a sgrìobhadh an cainnt nam Fiann, Is bidh a’ Ghàilig a nis am prìs, Ged a theirte uimp’ gu ’n do laidh a grian. Cò a dh’ innseas duit meud an éibhneis, A dhùisg an sgeul ud am measg an t sluaigh? ’S cò a leughas duit meud ar spéis duit, A mhàldag cheutach nan ioma buadh? [TD 93] Is ma thig nàmhaid ort nall thar sàile Bheir mic nan Gàidheal dha blàr ’bhios cruaidh, Ged ’s gann an àireamh, is caoraich bhàna, ’S gach gleannan àrd anns am b’ àbhaist tuath. Bu tu bhanacharaid, bu tu mhàthair, Bu tu banrigh’nn nam flaithean treun’ Gheibh aircich tròcair, is truaghain deòir uait, Is iochd gheibh fògraich nan dùthchan céin’, Bu tu bhean chàirdeil do ’n fhiùran àluinn A chuir le ’ghràdh air do làithibh seun, An leug a’s luachmhoir’ ’bha ’d’ choran rìoghail, ’S chuir Rìgh nan Rìgh i ’n a choran féin. A ròis a’s àillidh, a mhiann nan Gàidheal Nis guidheam làithean duit a bhios buan, An sìth ’s an sòlas, le beannachd shònruicht’ Le buaidh is glòir air tìr mòr is cuan; ’S mar chuir thu deadh-shìol a’ d’ thìr ’s a’ d’ theaghlach A bhan-rìgh ghreadhnach thu dheanamh buain, ’S ged dh’fheudas pàirt bhi gun bhuain an dràsd dheth, Bidh saibhlean làn’ agad air là luain. ’S ’n uair ’thig gu d’ iarraidh an teachdair dìomhair ’S is éiginn triall o gach onoir mhòir, Guidheam Crìosd a bhi ’cumail dìon’ ort Fo sgàil a sgiath’ o ’n is e ’bheir fòir; ’S mar théid a’ ghrian gu làn deàrrsa sìos Fo chùirtein sgiamhach nam badan òir, Biodh do thriall-sa an sgéimh na diadhachd Gu coran sìorruidh an rìoghachd na glòir! MAIRI NIC EALLAIR. NITHE NUADH AGUS SEAN. Air d’a ministear a bhi ’ceasnachadh sean bhean d’a luchd éisdeachd, dh’ fheòraich e dhi mar so:—“Nach ’eil fhios agad gur h-ann de shliochd Adhaimh thu; agus gu ’n do thuit thu annsan?” Fhreagair ise “gu ’n robh dòchas aice nach b’ann; gur h-ann a bha ise de na daoine còire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.” BHA fear ann an Ile ris an abradh iad “Iain mòr nam madadh,” air son cho feumail ’s a bha e air faotainn chon do na tuathanaich feadh an eilein. Bha e ’na dhuine làidir geur-fhoclach; caoin-shuarach mu dhol an dàil ni ’sam bith. Bha e ’coiseachd na tràigh-mòire aon oidhche ’s e air mhisg, agus gun a bhi toirt fainear a’ bhogha ’bh’ air an tràigh bha ’n a inntinn gu ’n leanadh esan dìreach air aghaidh co dhiubh a rachadh e troimh oir na fairge no nach rachadh. Air dha leantuinn dìreach air aghaidh bha e mach mu dheireadh ann am briseadh nan tonn. Mar a bha e mach gu math ’s e ’faicinn tuinn mhòir a’ tighinn, ghlaodh e gu h-eiginneach, “A Dhia, cuidich leam−−!” Mar a chaidh an tonn seachad gun Iain a chur far a chas thuirt e gu caoin-shuarach, “O cha ruig thu leas, ni mi fhé chùis.” Bha fear air taobh siar Leòghais, ’s air do’n mhinistear, ’s e ’ceasnachadh, a’ cheist a chur air, “Cia lìon pearsa ’ta ’s an Diadhachd?” thug e tuasgal air féin a’ freagairt, “tut, tha na h-uiread diubh ann; Calum M‘N−−, Iain C−−, sibh féin,” ’s e ’tòiseachadh air luchd-aideachaidh an eilein air fad ainmeachadh. Bha tuathanach ris an abradh iad Iain Orra aig biadh ann an tigh Lighiche uair, agus a thaobh gu ’n robh Iain car geur-chuiseach seach a’ chuid eile de na h-aoidhibh thuirt an Lighiche ’s e ’misneachadh Iain gus a’ bhiadh, “Ithibh Iain Orra;” ’se am freagradh a fhuair e “cha ’n ith iad Iain Orra;” dh’ éirich Iain ’s e ag ràdh nam briathran a’ leigeadh air gu ’n robh e ’dol a theicheadh. Bha ann an eilean Ile fear Iain B−−, a bha ’n a mhaor gruinnd’ aig an t-seumarlan suas rathad a’ Ghlinne. ’S e Iain a bhiodh a’ gabhail pàidheidh an Rathaid Mhòir. Bha e ’na dhuine geur bàrdachail; agus do aon neach thug e an receipt a leanas:— “Fhuair mis’ o Dhonnacha Blàr Ceithir chlàr naoi sgillean ’Dhol a phàidheadh ’n Rathaid Mhòir ùir Nach do shiudaicheadh air idir!” Feudar an éigin a bh’air an t-seumarlan nach tuigeadh Gàilig ’n a strì so a dheanamh a mach a thuigsinn ’n uair a thug Donnacha dha an receipt. Bha Iain deònach air gu ’n cuireadh e ’n cuimhne ’n t-seumarlain cruas a bhi ’pàidheadh air son rathaid nach do rinneadh. Air do ’n Urr. Mr. G−−, dol aon là do ’n chladh, ’n uair a bha am maor eaglais a sìos gu ’mhuineal ann an uaigh ’g a cladhach, ’s e ’tilgeadh a nìos nan cnàmh, thuirt e ris mar so,—“Ma ta, Alastair, tha an obair sin féin aig am bheil thusa ’n dràsd, gle fhreagarrach air duine a dheanamh breithneachail. Tha ioghnadh orm nach ’eil thu ’gabhail aithreachais de d’ shlighibh olca.” Fhreagair Alastair ’s e leigeadh a chudthruim air ceann na spàid ’s e ’gabhail snaoisin, “Shaoil mi, uasail, gu ’m b’ aithne dhuibhse nach robh aithreachas ’s an uaigh.” AN DRONN.—Bha e ’na chleachdadh aig na seann daoine ’n uair a mharbhadh iad mart [TD 94] na caora “an dronn,” no sgrìob an droma, a chur air leth mar chuid a’ bhàird. The e air aithris air do neach éigin mart a mharbhadh, gu ’n d’thàinig triùir bhàrd g’a thagairt, agus bha e duilich do’n duine deanamh a mach co dha a bhuineadh an dronn, agus ’s ’i ’n dòigh a ghabh e gu breith a thoirt ’s a’ chùis, dh’ iarr e orra le chéile rann a dheanamh agus gu ’n deanadh esan a mach an sin co dha a bhuineadh an dronn. Bitheadh a bheachd fhéin aig a’ h-uile neach a réir na leanas co bu chòir fhaighinn; ach tha e air aithris gur h-e am fear mu dheireadh a bhuannaich: 1. O’n chuir i cos air an fheur, ’S a chriomadh i bàrr an fheòir, Tha sgrìob na druinne air mo bheul, Eadar fhuil ’s chnàimh ’s fheòil. 2. ’S math mo chòir air an dronn, ’S olc mo chòir air a’ chall, ’S toigh leam aiteal a’ chùil duinn, ’S e rium ’na dhitheannan saill. 3. Mo chridhe air chrith thun na druinn, ’S e rium ’n a dhitheannan saill, Dh fhàg mi ’m bùrn air ghoil; ’Se chuid ’s fheàrr a leigeal leinn. FREAGAIRTEAN. THA sinn duilich nach urrainn duinn freagairt air leth a thoirt do gach litir chaoimhneil a tha sinn a’ faighinn;—ged a tha cuid dhiubh anns nach ’eil mòran brìgh, tha cuid eile a tha fìor thaitneach; ach ’s e a’ chuid is neònaiche, gach seòrsa comhairle agus seòlaidh ’tha sinn a’ faighinn a thaobh cur a mach “A’ GHAIDHEIL,” agus a’ chuid mhòr dhiubh calg-dhìreach an aghaidh a chéile. Tha cuid ag iarraidh gu ’n ni sam bith a chur ’s A’ GHAIDHEAL, a bha air a chlò bhualadh roimhe so; cuid eile sinn a chur a mach gach ni a bha ’s an Teachdaire Ghaidhealach agus an Cuairteir nan Gleann &c; cuid ag iarraidh “Comhradh nan Cnoc,” cuid eile nach ’eil iad ag iarraidh dad de ’n t seòrsa, nach ’eil ’n a leithid ach spleadhachas gun bhrìgh; cuid ag iarraidh seann òrain, cuid eile òrain ùr, gu ’m bheil na seann òrain aca cheana, cuid naidheachdan coitchionn, cuid ag ràdh gu ’m bheil na naidheachdan sin aca ’s na paipeiribh beurla; cuid eile ag iarraidh nithean troma ’s cuid nithean eutrom. Tha da rìreadh uiread a dh’ iarrtasan aca ’s gur fhada bho ’n bha ’n ceann againn air fàs eutrom nam biodh sinn ag éisdeachd riutha. Mar a chuala sinn aig duine còir roimhe so, mu ’n aobhar cheudna, nam feuchadh sinn ris an deicheamh earrainn de gach comhairle agus seòladh a tha sinn a’ faighinn a ghabhail ’s fhada bho’n a dheireadh dhuinn mar a dh’ éirich do bhodach na h asail. A theagamh ’s nach cuala cuid de ar luchd leughaidh an sgeula sin, innsidh sinn an so e. “Tha e air ’aithris gu’n robh duine àraidh agus a mhac a’ gabhail an rathaid le asail. ‘C’ arson nach ’eil an dara fear agaibh a’ marcachd na h asail?’ ars’ an ceud neach a thachair riutha; Chuir an seann duine an sin suas an gille, agus choisich e fhéin ‘Am bheil e ceart thusa a bhi ’marcachd agus t’ athair aosda a’ coiseachd?’ ars’ an dara fear a choinnich iad. Chaidh an seann duine an sin air muin an eich agus choisich an gille. ‘Am bheil sibh a’ faicinn an t-seann duine leisg a’ marcachd agus a mhac òg d’a chois?’ ars’ an treas fear; an sin thog an seann duine a mhac air a chùlaobh. ‘Tha thu féin agus do mhac ni ’s comasaiche air an asal a ghiùlan na tha ise oirbhse,’ ars’ an ath-fhear. ‘Ni air bith air son ’ur toileachaidh,’ ars’ an seann duine, agus air ball cheangail iad a casan agus thug iad oidhirp air a giùlan thairis air an drochaid; ach thachair aimhleas air chor-eigin orra, ’s thuit i do’n abhuinn agus bhàthadh i. Dìreach mar sin a thachradh do’n GHAIDHEAL nan gabhamaid an deicheamh cuid de gach comhairle agus seòladh a tha sinn a faighinn. Cuimhnicheadh ar càirdean gu ’m bheil na mìltean againne ri riarachadh agus gun ach glé bheag dhiubh air an aon bheachd. PAIDHEADH ULLAMH,—Tha sinn a rithisd air son innseadh do ar càirdibh gu ’m feum AN GAIDHEAL a bhi air a phàidheadh ullamh. Cha ’n ’eil sinn a’ cumail ach aon leabhar air a shon agus feumaidh gach ainm a bhi pàidhte mu’n cuirear sìos e. Cha dean e atharrachadh dé cho bearteach no cho cinnteach ’sa bhitheas iad,—mar ’s beartaiche ’s ann a’s iomchaidh dhoibh pàidheadh gun dàil. Tha an t-suim cho beag, agus gu minig tha barrachd trioblaid againn ri ’tional na ’s fhiach i. ’S e an dàil a’ chlach-thuislidh a chuir as do gach TEACHDAIRE agus CUAIRTEIR a thàinig romhainn: agus tha sinn air son a seachnadh. ’S fhada o’ n chuala sinn an sean-fhocal: “Seachainn an t-àth ’s an do bhàthadh do charaid.” TOIMHSEACHAIN. 1. Trì chasan nach gluais, ’S trì chluasan nach cluinn. 2. ’S àirde e na tigh an rìgh, ’S mìne e na sìoda. 3. Maide fada fiar ’Tighinn air tìr air cladach cian, Maide biorach, tollach, tairgneach, Maide bailgfhionn fada crom. [TD 95] 4. Trì mucan turra, turra, Trì mucan tarra, tarra, Muc an ear ’s muc an iar, ’S pian air an fhear nach tomhais. 5. Chì mi thugam thar an eas, Fear beag gu cùirneanach cas, Cearb d’ a aodach fo a leas, ’S làn an t-saoghail fo a los. 6. Chì mi thugam thar an t-sàile, Fear beag àilleagan na gréine, Fear beag ’s coitealan uaine air, ’S dà shnàthain dhearg fo ’léine. 7. Théid e null air cuan ’s thig e nall air cuan ’S innsidh e ’naidheachd ’s cha bhruidhinn e. 8. Cailleach anns an tigh ud thall Eadar Gàidheal agus Gall, Dh’ òladh i fìon bharr a boise ’S caol a coise troimh a ceann. 9. Dà fhear dheug ’s an aon leabuidh, ’S gun aon air an iomall. 10. Muc dhubh dhubh dhorcha ’N ceann tigh Fhearchair ’S dithis ’na ceann, ’S triùir ’na h-earball. 11. Chaidh Fionn do ’n bheinn, ’S cha deachaidh idir Dh’ asaideadh bean Fhinn ’S cha d’ asaideadh idir. 12. Chunnaic mi ioghnadh an dé Ioghnadh leam, ’s cha ’n ioghnadh e. Fear mòr a’ tighinn bho ’n cheò ’S e beò gun anail ’n a chré. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an treas Aireamh de ’n GHAIDHEAL. 1. Meòir do làimhe an aon fhad. 2. Clach na sùla. 3. Ubh. 4. Prais is brod oirre. 5. An Gille-feadaig. 6. Cha robh aige ach aon sùil, ’s e dà ubhal a bha air a’ chraoibh, agus thug e h-aon leis. 7. Am bàs. 8. is 9. Iolair a ghlac cat agus a thug e gu ’nead mar bhiadh d’ a h-iseanaibh. Dhith an cat na h-iseanan ’s thàinig e dhachaidh a rìs. 10. Canach an t-sléibhe. 11. A’ bho. Ceithir casan; ceithir ballain; dà shùil; ’s a beul. 12 Thug e null a’ Madadh ruadh an toiseach is dh’ fhàg e thall e; thug e ’n sin a null an Geadh agus thug e a’ Madadh-ruadh agus an t-eòrna còmhlath. 13. Théid dithis bhan a null; thig aon air a h-ais, agus bheir i null a’ bhean eile; thig aon bhean air a h-ais agus fanaidh i bhos còmhlath ri ’fear, agus théid an dithis fhear a null; thig aon dhiubh a nall le ’bhean féin; théid an dithis fhear a null; thig a’ bhean a bha thall a nall agus bheir i null té de na mnathaibh; thig i air a h-ais agus bheir i null an té eile. SOP AS GACH SEID. ’S trian oibre tòiseachadh. ’S labhrach na builg fhàs. Tapan gòraig air cuigeil crìontaig. ’S cosmhuil an triubhas ris an tòin. Buinigear buaidh le foighidinn. Fada o’n t-sùil, fada o’n chridhe. Beul a labhras, ach gnìomh a dhearbhas. ’S sleamhuinn leac doruis an tighe mhòir. ’S olc a’ chreag a thréigear le ’h-eòin féin. Cho mear ri ceann sìomain air latha gaoith. Ceannsaichidh a’ h uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i. Cho sgìth ’s bha an gobha d’ a mhàthair ’n uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Ionnsuich do d’ shean-mhàthair brochan a dheanamh. “Fear dubh dàna, fear bàn bleideil, Fear donn dualach, ’s fear ruadh sgeigeil.” “Fear falamh ’s e gun nì Suidhidh fada sìos o chàch Air meud a’ bheus dhe ’m bi ’n a chorp ’S iomadh lochd a gheibhear dha.” DEOCHANNAN SLAINTE GAIDHEALACH. Ar cinneach, ar dùthaich, ’s ar Banrigh. Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chéile. Fear nach cuir cùl ri ’charaid no ri ’nàmhaid. Fear a gheibhear le ’charaid ’s le nàmhaid far am fàgt’ e. Fear nach reic, ’s nach ceannaich a chòir. Fear nach tréig a chaileag no ’chompanach. Fialaidheachd do ’n fhògarrach ’s cnàmhan briste do ’n eucorach. Tìr nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach. Tìr nan gleann, nam beann, ’s nam breacan. “Dùthaich nan cluaran, nam fuaran, Nan cuaran, ’s nam fuar-bheann.”—D. M‘I. Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnoic. DEOCH AN DORUIS. [TD 96] DUANAN Do Chuimhne G. Mac-na-Ceàrdadh. Bidh t’ ainm air chuimhn’ measg sgrìobhaidhean na Gàilig, A Mhic-na Ceàrdadh ’thogadh an Il’ uaine! Bha caoimhneas, seirc, gràdh-dùthcha, agus suairceas Am bannaibh Maise ’s an comh-chòrdadh àluinn Ri ’m faic’ a ghnàth fo bhlàth, mar mheas do nàduir, ’S ’n an toradh fìor do chàch air glainead t’ uaisleachd; Bu tu an caraid dearbhta ’dheanadh fuasgladh Air luchd nam Beann an Glaschu; sheas thu t’ àite ’S an t-saogh’l le tréibhdhireas; thog thu guth sgaiteach Le d’ pheann ’bha éifeachdach an aghaidh Daorsa Mhi-naomh an Negroi; ’s iomadh neach ’thug gaol duit, An t-Ard, ’s am Bochd, air son do chaoineachd shnasmhoir; Bha t’ imeachd glan troimh d’ chreidimh air Mac Dhé A’s àgh nach tréig do luchd do bhròin a’ d’ dhéigh. Niall Mac Néill. GEALLAIDHEAN LUACHMHOR. O sibhse a shaoradh, nach daingean an stéidh, ’Chaidh leagadh do ’r creidimh an gealladh ’ur Dé! Ciod ’b’ urrainn da labhairt nach dubhairt gu fìor, Chum misneachd dhuibh ’theich air son fasgaidh gu Criosd? ’S gach cor anns am bi thu, ma ’s tinn no ma ’s slàn, Dol fodha am bochdainn, no ’m pailteas a’ snàmh, Aig bail’ is o ’n dachaidh, air tìr is air cuan, Mar dh’ fheumas do latha, do neart bidh gu buan. Garbh-thonnan an uamhais mu ’n cuairt duit ged iadh, Na cuireadh sin geilt ort, oir ’s mise do Dhia; Is bheir mi dhuit cabhair is neart anns gach càs, ’S tu ’n crochadh ri deas-làimh mo chumhachd a ghnàth. ’N uair ’s éigin duit imeachd troimh uisgeachan mòr’, Cha chòmhdaichear tur thu le tuiltean a’ bhròin, Oir bithidh mi faisg dhuit le furtachd a’ d’ fheum, ’S a naomhachadh cràidh dhuit is àmhgharan geur’. Troimh dheuchainnean teinnteach ’n uair ’s éigin duit trial, Mo ghràs-sa ’tha buadhach bheir fuasgladh gu fiall; An lasair cha chiùrr thu, ’s e m’ rùn-sa do d’ thaobh, An àmhainn an àmhghair do ghlanadh gu caomh. Is eadhon gu ’n sean-aois bidh aithn’ aig mo shluagh, Nach caochail mo ghràdh-sa ’tha rìoghail is buan; ’S gu liathadh an ciabhan is deireadh an là, Mar uain ann am uchd ni mi ’n giùlan a ghnàth. An t-anam a theich air son fasgaidh gu Criosd, O làmhan a nàimhdean ni mise a dhìon; ’S a dh’ aindeoin gach oidhirp ’bheir ifrinn gu ’chlaoidh, Cha ’n fhàg, Oh cha ’n fhàg, is cha tréig mi e chaoidh! Eadar-theangaichte le A. C. [TD 97–106] THE GAEL, ENGLISH SUPPLEMENT. [Beurla] [TD 107] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] TREAS MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1872. [5 AIR. MU NA SEANN GHAIDHEIL. V. Mu thoiseach na seachdamh linne bha ceithir fineachan a chòmhnuidh an taobh tuath Bhreatainn: b’ iad sin na Picti, na Scoti na Breatannaich agus na h-Anglaich no na Goill. B’ iad na Picti ’bu lìonmhoire agus ’bu treise dhe na fineachaibh so. Bha ceann tuath na h-Alba gu h-iomlan aca tuath air Cluaidh agus caolas na Friu ach a mhàin Earraghàidheal a bha aig na Scoti. Bha na Scoti an seilbh air Earraghàidheal agus Ile maille ri pàirt de ’n Eilean Mhuileach agus Eileanaibh beaga eile.—Bha na Breatannaich an Strath-Chluaidh agus an Dun-Breatann agus an ceann an iar-dheas na h-Alba.—Agus bha na h-Anglaich anns an tìr gu deas air caolas na Friu ris an abairteadh Braighnich (Bernicia) leis na seann Bhreatannaich, dùthaich a tha nis ’deanamh suas siorramachdan Haddingtoin, Dhun-Eidinn agus Linn-Liobhainn, ris an abrar gu coitchionn na trì Lothianan maille ri Berwick agus Roxburgh, fearann a choisinn iad leis a’ chlaidheamh o na Picti mu ’n bhliadhna A.D. 547 ’n uair a thàinig “Ida nam bratach teine” le ’chuid Ghall do thaobh Deas na h-Alba. B’ e so ceud theachd nan Gall, no nan coigreach o Lochlainn agus o ’n Ghearmailt gu tuineachas a ghabhail anns an dùthaich. Tha sliochd nan Gall so a’ chòmhnuidh anns an tìr ud gus an là an diugh. Is ann á Northumberland an Sasunn a thàinig iad a stigh do thaobh Deas na h-Alba. B’ àbhaist cogadh a bhi aig na Gaill Anglach so ris na Pictich mu thimchioll an fhearainn, agus bha aon chath fuilteach aca air 20mh là de ’n Mhàigh, A.D. 686, aig Linne Gharbhain ann an Siorramachd Aonghais, anns an do choisinn na Gàidheil Phicteach a’ bhuaidh agus an do mharbhadh Egfrid mac Oswy rìgh nan Gall Sasunnach maille ris a’ chuid dhe ’armailt. B’ e Bruidhe a bha ’n a rìgh air na Picti aig an àm sin, agus bha uachdaranachd aige thairis air Eileanaibh Arcaimh. Mu thimchioll dà fhichead bliadhna an déigh sin A.D. 729, thàinig Aonghas Mac Fhearghais gu bhi ’n a rìgh ’bu mhò agus ’bu chumhachdaiche a bha am measg nan seann rìghrean Gàidhealach. Cheannsaich e gach aon de na Cinn-fheadhna ris an abairteadh rìghrean beaga ’s an àm sin, agus thug e iad fo ghéill da féin mar an “t-Ard-rìgh” ni’s mò na b’ àbhuist doibh a bhi roimhe sin. Mu ’n bhliadhna 733 chaidh e a chogadh ris na Scoti an Earraghàidheal, cheannsaich e dùthaich Latharna agus Chapadail, agus thug e na Scoti fo chìs do féin, agus chur e aon de a theaghlach féin d’ am b’ ainm Aodhan ’na rìgh os ceann na tìre sin. Theirear “Rìgh Albainn” ri Aonghas leis na seanachaidhibh Eirionnach, agus gun teagamh b’ esan ’bu treise agus ’bu chumhachdaiche de na seann rìghribh agus is e a leag stéidh na Rìoghachd Albannaich mar a dh’fhàs i suas ann an linnibh an déigh sin. Thog e Eaglais ann an Cillrìmhin agus mar an ceudna an àitibh eile, agus chuir e an rìoghachd aige féin fo chùram Naomh Aindreis agus mar onoir do’n Naomh so chuir e air leth mòran de mhaoin aimsireil mar bheathachadh do na h-Eaglaisibh a thog e. Mu ’n bhliadhna 794 thòisich na Lochlannaich o thuath air taomadh a [TD 108] stigh air Eileanaibh na Gàidhealtachd, agus loisg iad I-Chaluim-chille, agus mharbh iad trì fichead agus ochd manach no pears’-Eaglais ann an I-Chaluim-chille. Thachair an gnìormh oillteil so anns a’ bhliadhna 800, agus air an aobhar sin chuir Cusantin Rìgh nam Picteach suas Eaglais mhòr ann an Dun-Chailein mar Phrìomh Eaglais na Rìoghachd. B’ e Cusantin so ogha Aonghais Mhic Fhearghais rìgh nam Picti, agus thug e mòran fearainn do Eaglais Dhun-Chailein. B’ e so an rìgh ris an abradh am bàrd anns an Duan Albannach “An Curai calma Cusantin.” Fhuair e bàs mu thimchioll na bliadhna 820 agus rìoghaich Aonghas a bhràthair ’n a âit’, oir b’e an seann lagh Albannaca gun tigeadh am bràthair an àite bràthar. An déigh sin thàinig a mhac féin agus mac a bhràthar gu bhi ’n an rìghribh, agus ’n uair a mharbh na Lochlannaich mac a bhràthar fhuair mic Bhargoid, a phiuthar, an rìoghachd, fear an déigh fir. B’ e ainm a’ cheud aoin Fearchar agus ainm an fhir eile Bride na Bruidhe. ’N an déigh-san do bhrìgh gu ’n do theirig na h-oighreachan firionnach air na seann Rìghribh Picteach fhuair Coinneach Mac Ailpein rìgh nan Scoti an Earraghàidheal an rìoghachd a chionn gu ’m b’ esan an t-oighre dligheach. (Ri leantuinn.) D. B. B. OISEIN: A LINN AGUS A BHARDACHD. (AIR LEANTUINN.) Tha ioghnadh mòr air iomadh neach gu ’m bheil beusan cho màlda, stuama ann an dàin Oisein, agus gun iomradh air bith annta air an Dia ’tha uile-chumhachdach. Bithidh e furasda an ni draghail so a réiteachadh le bhi a’ cuimhneachadh gu ’n robh na Gàidheil ré iomadh bliadhna agus ginealach air an teagasg leis na Druidhibh subhailc, geamnuidh. Cha ’n e daoine cealgach, saobh-chràbhach a bha annta mar chunnaic sinn cheana. B’ ann doibhsan a thigeadh e luadh a dheanamh air nithean naomha. B’ e so dreuchd is dleasdanas nan Druidhean. Is ann eadardhealaichte gu mòr bho so a bha seirbheis nam filidhean ceòlmhor, mòr ghaisge nan triath, is euchdan eireachdail nan daoine meamnach a dh’ eug ’s a choisinn dachaidh nam flath, a sheinn ann an rannan fonnmhor, ceileireach a chum treubhantas eiridinn ann an anam gach laoich, agus brosnuchadh a thoirt seachad ann an garbh-chunnart nan sleagh; b’e so gairm is dreuchd nan Bàrd. Tha Oisein, ma ta, a’ coimhlionadh gu fìor àbhaist nam filidhean Gàidhealach ’n uair tha e a’ seachnadh gach smuain chràbhaich, ged b’ e so fiamh a bu dealraiche agus sgeadachadh a b’ àille snuadh a b’ urrainn do smuaintean àrda ’s do dhàin mhòrail a chaitheamh. Ach is i a’ cheist a’s mò a thog de bhruaillean ann an inntinnean nan Sasunnach ’s nan Gall, “Cionnus a thàinig dàin cho lìonmhor agus cho fada ri dàin Oisein a nuas troimh cheò is troimh dhorchadas nan lìnntean?” Ged dh’ aidicheamaid gu ’n do rìoghaich Fionnghal an talla nan sonn, agus gu ’n grad-éireadh na laoich mu ’n cuairt, ’n uair a ghlacadh e sgiath chaomhail ’n a làimh ’s a chluinnteadh sgreadh na màille cruaidhe, cionnus a b’ urrainn do dhàin nan treun snàmh gu téaruinte thairis air cèò is dorchadas nam bliadhnachan liatha? Tha mòran gun teagamh a’ crochadh air a’ cheist so. Chunnaic sinn cheana gu h-aithghearr cia mar a d’ éirich dealachadh am measg nan Gàidheal, agus a bha gach clann a’ leantuinn ’s a’ toirt ùmhlachd do ’n ceannard no ’n ceann-feadhna féin, oir bha iad uile a’ giùlan an aon sloinnidh. Cha d’ fhàs guth nam Bàrd tosdach an déigh do Oisein imeachd gu talla nan niall. Bha aig gach clann Bàrd doibh féin. Is ann bho ghaisgich na Féinne ’bha iad uile deònach a bhi ’tarruing an sìnnsearachd. Bu mhòr am meas a bha iad a’ cur air òrain na Féinne, agus bha [TD 109] na Baird min-eòlach air dàin Oisein. Cha robh ni cho comasach air sunnd is aighear is greadhnachas a dhùsgadh ri caismeachd nan treun-laoch ann an àm spealtadh nan donn-sgiath. Bhitheadh na Bàird ann am meas mòr mar so, agus bhitheadh iad dealasach ann an òrain na Féinne ionnsachadh gu poncail. Bha am mac a’ leantuinn an athar anns an dreuchd so. Ach feudaidh neach feòraich, “Ciamar a b’ urrainn do inntinn neach air bith cuimhne a ghleidheadh gu cinnteach neo-mhearachdach air dàin co fada?” Anns an latha anns am bheil sinne beò, tha e da rìreadh duilich duinn breth chothromach a thoirt air comas na h-inntinn ’n uair a tha e air a chur gu dùbhlan air a’ mhodh so. Feumaidh sinn co dhiu, aideachadh gu ’m fàs a’ chuimhne ni ’s feàrr is ni ’s treise le cleachduinn. Bha na Bàird o thùs an làithean a’ saoithreachadh ann an rannan nan sean-laoch ionnsachadh. B’ e so a b’ obair doibh, agus cha ’n iongantach ged bhitheadh iad fileanta ann an rannan nan sean-laoch a sheinn. Cha do thionail fòs, dorchadas co neulach, doilleir air Albainn ’s a chòmhdaich rìoghachdan eile ré ùine co fada. Calum-cill cràbhach agus manaich Iona—cha d’ rinn iadsan tàir no dìmeas air dàin Oisein. Chum iad lòchran iùil is soluis, is eòlas a loisgeadh agus a sgaoileadh gathannan greadhnach ann an dùthchannan eile. Cha ’n ’eil an smuain gun bhunchar gu ’n do sgrìobh iad sìos na dàin a bha air an seinn le mòran, agus gu ’n do chuidich iad no sgeòil a dh’ aithris Oisein o am o aois aiseag a nuas thar stuadhan ciar-ghlas nan lìnntean. Thàinig, mar so, làithean a chaidh thairis a nuas, ’s chaidh cuimhne a chur air àm nan triath, nan seòd, nam flath is threun ghasda nan gnìomh. Ann an oidheachan fada a gheamhraidh, am feadh a bha teine aoidheil a’ deanamh teach nan Gàidheal sunndach is àireamh mhòr mu thimchioll, is iad dàin Oisein is moladh na Féinne a bu chulaidh shùgraidh do ’n chuideachd bhlàth-chridheach a bha an làthair. Cha robh teagamh air bith acasan mu dhéibhinn Oisein is na Féinne. An déigh dhuinn na h-uiread a ràdh mu dhéibhinn Oisein fear-iùil nan ceud agus fear-togail cliù mu mhac nan treun, tha sinn ullamh gu ni no dhà a chur an céill mu thimchioll Sheumais Ic-a’-Phearsainn, a dh’ eadartheangaich bàrdachd na Féinne, agus a shaor i gu bràth bho sgleò na dì-chuimhne ’bha teàrnadh thairis oirre. Ged a b’ éiginn da sgiath bhallach iomchar agus còmhrag a bheumadh an aghaidh cruth Loduinn nan gorm lann, cha bhitheadh a chàs agus a shuidheachadh mòran ni bu chruadalaiche na bha e, ’n uair a dh’ éirich feachd ’na aghaidh a’ cur nithean uamhasach as a leth. Is e Mac Fhearghuis a bha rithist ’n a fhear-teagaisg ann an oil-thigh Dhùneidinn, a dh’ innis do Home ’s iad ’n an oileanaich le chéile, gu ’n robh air feadh na Gàidhealtachd bàrdachd mheasail, dhreachmhor a thàinig a nuas o aois a dh’ aom. Bha Mac-a’-Phearsainn ’n a oide-fòghluim ann an teaghlach duine uasail d’ am b’ ainm Grahame faisg air Dùneidinn. Thachair gu ’n d’ thàinig Home an rathad. Bha seanachas aige ri Mac-a’-Phearsainn, agus thug e air cuid de dhàin Oisein eadartheangachadh dha. Chunnaic Home air ball àilleachd is éireachdas nan dàn, agus nochd e iad do dhaoinibh fòghluimte ann an Dùneidinn. Mhosgail cridhe caoimhneil, faoilidh an Ollaimh Bhlàirich le ioghnadh, agus ghabh e Mac-a’-Phearsainn air làimh. Cho-êignich iad an Gàidheal bochd gu cuairt a ghabhail air feadh eileanan is tìr mòr Albainn, chum ’s gu ’n cruinnicheadh e na dàin a b’ urrainn e a thrusadh. Bhuin iad gu càirdeil fial ri Mac-a’-Phearsainn; agus shoirbhich leis gu maith ’n a thurus. Thruis e mòran dhàn air a shlighe. Fhuair e cuid mar an ceudna sgrìobhta, agus sgrìobh e féin no iadsan a bha maille ris, mòran eile bho aithris nan Gàidheal blàth-chridheach d’ am bu tlachdmhor dàin nan [TD 110] gaisgeach a sheinn. Le deifir mhòir agus chliùiteich dh’eadartheangaich e ’n t-ionmhas mòr dhàn a chruinnich e. Buinidh gu dligheach do gach Gàidheal teò-chridheach aig am bheil meas is suim do fhocail bhlàtha nam Bàrd a chaidh a labhairt ri gaisgich gun mheang agus a dhùisgeadh le ’m fonn am blàr, ainm Sheumais Mhic-a’-Phearsainn a ghleidheadh air chuimhne le spéis is mòr-urram. Chaidh Mac-a’-Phearsainn fa dheòidh a Lunnuinn, chum gu ’n cuireadh e obair a’ Bhàird Ghàidhealaich ann an uidheam, agus gu ’n clò-bhualadh e ì, air dha a h-eadartheangachadh a dh’ ionnsuidh na Beurla. Am feadh a bha e dìchiollach anns a’ ghnìomh so, dh’ éirich còmhstri dhian mu dhéibhinn Oisein. Dh’ fhàg Mac-a’-Phearsainn na dàin a dh' eadartheangaich e ’n am prìomh staid, mar thionail e féin iad anns a’ Ghàidhealtachd, a chum cothrom a thoirt do gach neach leis am b’ àill, a’ chùis a rannsachadh air a shon féin. Thaom stoirm ghuineach mu ’cheann. Chuir iad as a leth gu ’m b’e féin a b’ ùghdair do na dàin a bha e ’g ainmeachadh air Oisein. Bhitheadh e ’n a ni anabarrach iongantach gu’n rachadh Bàrd air bith a shireadh ainm am measg nan Gàidheal a bha cheana cian ’n an ciar thalla féin, an trath a bha iomadh comharradh agus dearbhadh aige, gu ’n coisneadh e cliù a bu mhò le bhi ’g an aideachadh e féin. Chaidh buidheann a ròghnachadh a chum an ni so fhuasgladh le bhi a’ deanamh rannsachaidh am measg nan Gàidheal a dh’ fheuchainn an robh aithne aca air Oisein ’s air an Fhéinn. Bha na daoine lìonmhor a bha mineòlach air comhthional nan sgeul a bha ann, agus air mòr ghaisge Fhionnghail, Oscair, agus Ghuill an garbh-mheaghar a’ chruaidh chòmhraig, nach cuala riamh iomradh air Mac-a’-Phearsainn no air a luchd-tuaileis. Ma bha Mac-a’-Phearsainn calma, uaibhreach agus àrdanach, cha b’ann gun aobhar. Rinn e seirbhis mhaith do Oisein. Tha e duilich beachd a thoirt air an dòigh anns an d’ eadar-theangaich e na dàin a fhuair e, bho nach ’eil iad a nis air sgeula; gidheadh tha comharradh againn an sud agus an so a tha a’ dearbhadh gu soilleir nach robh e comasach dàsan molaidhean sìl Sheallamai nan curaidh nach b’ fhann, a dhealbh air tùs. Gidheadh, aidichidh gach neach a leugh obair Mhic-a’-Phearsainn, gu ’n robh inntinn féin fileanta agus bàrdail ann an tomhas mòr. Tha mi a’ saoilsinn nach ’eil e comasach do neach a stéidheachas aire gu dùrachdach air Oisein ’s air a bhàrdachd, agus air gach ni a tha a’ comharrachadh nan làithean anns an do mhosgail e farum nan teud ann an talla rìgh nan triath o shìnnsearan mòra a’ mhonaidh—gun aideachadh gu ’n do sheinn Oisein ’s gun do thog rìgh Sheallamai ’n a aonar a làmh le feart. (Ri leantuinn.) CONA. LAOIDH LE H. BONAR. Chuala mi guth Ios’ ag ràdh Thig thugam is gabh fois; Leag sìos air m’ uchd do cheann ’s tu sgìth Leag sìos e ’s bi aig clos; Chum Iosa thàinig mar a bha, Sgìth, claoidhte, agus trom, Is fhuair mi annsan ionad tàimh Is chuir e mi am fonn. Chuala mi guth Ios’ ag ràdh Feuch bheir mi seach gu saor Do dh’ uisge beò, crom sìos is òl Aig tobar àigh nach traoigh. Chum Iosa thàinig agus dh’ òl Do ’n t-sruthan bheò nach gann; Bha m’ iota caisgt’ is m’ anam dhùisg Is beatha, th’ agam ann. Chuala mi guth Ios’ ag ràdh Is mise soills’ an t-saogh’il; Seal rium, ’s a’ mhaduinn dealraidh ort, ’S do là bidh geal a chaoidh. Ri Iosa sheall mi agus fhuair Annsan mo reult, ’s mo ghrian; ’S an t-solus bheò sin gluaisidh mi Gu deireadh làith mo thriall. Eadar-theangaichte le R. B. [TD 111] CANADA. (Air leantuinn o “Chuairtear nan Gleann.”) Tha sinn leis na leanas a’ crìochnachadh na bha againn ri thoirt o “Chuairtear nan Gleann” mu dhéidhinn Chanada. Tha nis deich bliadhna thar fhichead o ’n chaidh so a sgrìobhadh, ach tha gach focal dheth a cheart cho freagarrach an diugh ’s a bha e an uair sin. Ma tha atharrachadh ’s am bith ’s a’ chùis ’s ann ni ’s feàrr agus ni ’s fàbharaiche air son an fhir iomruich. Cha mhòr gu ’m bheil ceàrn de ’n dùthaich an diugh anns nach faighear pailteas de ’n fhearann a’s feàrr (a tha o cheann ghoirid air ’fhosgladh a mach) saor agus a nasgaidh. Theagamh ’s gu ’m faod so tuiteam an lámhaibh iomadh neach do nach bi e comasach ceud àireamhan a’ “Ghàidheil” fhaicinn, tha sinn a’ cur sìos an so beagan de ’n bha ’s a’ “Ghàidheal” roimhe so. Ach co dhiù “fuilgidh an sgeula math ’innseadh dà uair:”−− “Gun teagamh air bith ’s i so an dùthaich a’s freagaraiche do Ghàidheil dol, a tha ’cur rompa tìr an athraichean fhàgail. Cha ’n ’eil cosnaiche slàn, fallain a tha eòlach air obair, agus toileach obair a dheanamh nach faod fearann saor a bhi aige dha féin ann am fìor bheagan bhliadhnachan, agus a bhi cho cothromach, socrach, ’s a ’s miann leis, ged nach ’eil peighinn air a shiubhal, ma bheir e ’n aire dha féin; ’s ma tha e glic grunndail, faodaidh e chur cùl a làimhe an ceann trì no ceithir a bhliadhnachan na chuireas ’n a chomas àite seasgar fhaotain da féin agus a ràdh: “Tha mi nis air mo dhùnan féin agus feuch cò a chuireas dheth mi!” Iadsan aig nach ’eil airgiod r’ a thoirt leò, ach a tha ’dol a mach mar luchd-cosnaidh, chomhairlicheamaid iad a dh’ fhalbh tràth ’s a’ bhlidhna, a’ cheud chosnadh math a thachras orra ghabhail, iad a bhi foighidneach, seasmhach, fuireach ’n an luchd-oibre ’s ’n an sgalagaibh gus an tug iad gu math nàdur an fhuinn, nadùr na dùthcha ’s an dòigh a’ s feàrr gu cinneachadh, agus gu àite fhaotainn dhoibh féin. Tha sinn ’g a innseadh mar fhìrinn gu ’m bheil daoine ’s an dùthaich sin aig nach robh aona pheighinn an latha ’chaidh iad air tìr gun sgoil gun ionnsachadh; ach stuama, riaghailteach, seasmhach, saothaireach, agus ann an ceann trì bliadhna, aig an robh leth-dusan mart, mucan, eunlaith agus a’ h-uile goireas a b’ urrainn doibh iarraidh. Ma thogras duine air bith an ainm fheòraich, bheir sinn doibh an ainm ’s an sloinneadh agus an t-àit’ as an d’ fhalbh iad. Iadsan is urrainn beagan airgid a thoirt leò, na cheannaicheas fichead no leth-cheud acair, agus is urrainn pòr agus eairneis-tighe a cheannach, agus an teaghlaichean a chumail suas fad dà no trì bhliadhnachan, cha ’n ’eil dùthaich ’s an t-saoghal anns an asa do neach de ’n t-seòrsa so éiridh o cheum gu ceum gu cothrom àrd, na ann an Canada: ’s e sin ma chuireas e mach a chuid airgid le faicill agus aire. Neach air bith is urrainn ceud, no dà cheud punnd sasunnach a thoirt leis, agus a chuireas a mach e ann am fearann le tùr, cha ’n eagal da, ’s éigin gu ’n éirich e gu cothrom agus gu saoibhreas. Ach tha mòran a’ dol thairis do America agus do cheàrnaibh eile, nach d’ rinn maith riamh ’n an dùthaich féin—’s cha mhò a ni iad math ann an dùthaich eile. ’S minic a chuala sinn “Am fear a tha leisg lùnndach an Albuinn, ’s nach do shoirbhich an so, cha ’mhò théid a’ chùis leis thall. Tha seòrsa do dhaoine ’s a’ Ghàidhealtachd ’tha ’cur seachad a’ chuid a’s fearr d’ an làithean ann an amaideachd—sealgaireachd air monadh, gunnaireachd air cladach—le abhagan ’n an déigh air tòir bhéisde dubha, chat-fhiadhaich agus shionnach; a’ luingearachd air bhàtaichean, ag òl leth-bhodach an so ’s leth-bhodach [TD 112] an sud, nach dùraichd an làmh a chur ri obair air bith, mur gabh iad ràchdan feòir car tiota ’s an fhogharadh, no speal car treis ’sa’ mhaduinn—a cheann-chas air uairibh gamhain firionn an sud ’s an so—leth dhuin-uasal agus leth-dhròbhair—’n a fhleasgach air gach banais—a thogas òran math, agus a dhannsas gu gasda, agus an sin a phòsas. Tha a’ bhochduinn a’ tighinn gu grad air—’s éiginn dol do America no do Australia. Nis deir sinn riù so ann an clàr an aodainn, cha ’n i sin an dùthaich idir a fhreagras doibhsan; cha ’n ’eil Canada a’ toirt mil a’s bainne do gach neach gun saothair, mar a bha tìr na h-Eiphit o shean. Tha cuid a dhaoine mar gum biodh dùil aca gu ’n robh spàin airgid air a cur an làimh gach neach ’nuair ruigeas e tìr chéin—agus nach ’el dad aige r’a dheanamh ach suidhe sìos, ithe agus òl, agus a bhi subhach. Cha ’n ann mar sin idir. Do ’n duine eusgaidh stuama, shaothaireach, dheanadach, chruadalach, tha Canada, ’n àite math; ach do’n lunndaire cha ’n eil ann àite ’s miosa. Tha e ’toirt droch ainm air America-mu-thuath, agus do cheàrnaibh eile, gu bheil mòran a’ dol ann nach cinnicheadh ann an àit air bith. Chunnaic sinn an diugh féin mòran fhigheadairean (tha a’ chùis air atharrachadh bho ’n chaidh so a sgrìobhadh, gheibh eadhon an seòrsa so fhéin pailteas de ’n obair nis ’n robh iad cleachda an Canada an diugh) a mhuinntir Ghlaschu a’ falbh le ’n teaghlaichean, agus bu bhochd an sealladh e—daoine nach urrainn ruamhar no cur no cliathadh—daoine nach do laimhsich tuadh, no tàl, no speal, no corran riabh—am basan co mìn ris an t-sìoda—daoine bochda lag, nach gearradh dithis diubh craobh ann an seachduin, nach b’ urrainn aon oidhche chur seachad fo fhasgadh creige gun bhi air am meileachadh le fuachd; agus mnathan bochda fann leò, nach do chuir cas air cuibhle riabh, nach do bhleodhain mart o ’n àm an d’ rugadh iad. Co cinnteach ’s a dh’ fhalbh iad so, ’s ann gu bochduinn agus truaighe ni ’s miosa na dh’ fhàg iad. Tha iomad ni is còir dhoìbhsan air a’ bheil miann dol thairis, a thoirt leò, ach do na h-uile nithe ’s e nì a’s prìseala ’s urrainn duine thoirt leis do ’n àite sin no do dh’ àite eile, deagh bhean. Tha so ’na bheannachadh mòr anns gach dùthaich, ach as eugmhais mnà maith ann an tìr ùr do ’n t-seòrsa so, ’s gann gu bheil e comasach do neach cinneachadh na éiridh gu cothrom. ’S i luideag bhochd uasal, chuideil, leisg, spòrsail do mhnaoi, té nach cuir a làmh ris gach fearas-tighe ’thig ’n a rathad, an aona chlach-thuislidh a’s miosa ’s urrainn teachd an slighe duine san àite so.—Na mnathan sin a thogadh gu h-uasal, feadhain eile ’freasdal doibh, a chleachd aodach rìomhach agus lòn sòghail, ’n an sìneadh air uirighean sìoda, a’ leughamh leabhraichean, le ’n làmhainean geala leathraich air am basan mìne—b’ e ’n amaideachd do dhuine le gòraig chuideil do ’n t-seòrsa sin dol so thìr ùir: bha e cho math dha dol do ’n choille le cloich-mhuilinn m’a mhuineal. ’Si a’ bhana-choisniche sgairteil, thapaidh eusgaidh, an t-aon nì a’s prìseala ’s urrainn duine thoirt leis—’s luachmhoire i so na a cudthrom do dh’ òr—té gun uaill gun stràic, is urrainn a bhi aighearach sùnndach, ged nach ’eil e comasach dhi dol air chéilidh o thigh gu tigh—té a laimhsicheas, ma ’s éiginn e, caipe no gràp, no coran no tuadh, a bhleòdhnas bò, a ni ’n t-ìm ’s an càise, a bheathaicheas mucan agus eunlaith, a spealgas connadh ma ’s éiginn, agus a leagas craobh. ’S iomad nì is éigin do mhnaoi mhaith an tuathanaich ann an Canada a dheanamh. Imridh i bhi eòlach air siùcar agus siabunn, coinnlean, aran, agus ioma nì eile, gun tighin air clàdadh agus snìomh. ’S éiginn di bhi eòlach air feòil agus iasg a shailleadh—tha e feumail gu ’m bi i eòlach air [TD 113] clò agus aodach a dhath ann an guirmean, màdar no scàrlaid, gu ’n luaidh i e; gu ’n geàrr i e, gu ’m fuaigh i, cha ’n e amhàin cota-bàn a’s clia’-beag dhi féin, ach aodach do na caileagan agus do na balachain, ach ’s éiginn gu ’n cum, gu ’n geàrr ’s gu ’m fuaigh i briogais d’ a fear, agus cota-mòr agus osain; ann an aon fhacal gu ’m bi i cosmhuil r’a sìn-seanmhair, comasach air a làmh a chur ris gach nì. ’S éiginn gu ’m bi i aoidheil cridheil, gun ghruaim gun ghearan ged nach robh cupa tea r’ a fhaotainn, no aran cruineachd, ach gabhail mar a thig. An duine aig a’ bheil bean de ’n t-seòrsa so, ma tha e féin mar bu chòir dha, ’n a chosnaiche math, a’ gearradh chraobh, a’ réiteachadh an fhearainn, a’ ruamhar, a’ cur ’s a’ cliathadh; ma chì e sean aois, chì se e féin ann an cothrom air nach ruig fear-cosnaidh gu dìlinn ’s an àite so. Tha h-uile pàisde mar thig e air aghart ’n a chulaidh-stòrais da, ’n a bhuannachd agus ’n a bheannachd. Ma tha ’n teaghlach so cuimhneach air an Dia, ag iarraidh a bheannachd, a’ cur onoir air a latha naomh, air ’òrduighean naomh, is sona iad; bithidh piseach an déigh an saothaireach, bidh beannachadh Dhé fo aon fhàrdaich leò. Bidh piseach air an fhìrean chòir, Mar phailm-chrann ùrar glas; Mar sheudar àrd air Lebanon, A’ fàs gu dìreach bras. LITIR O RUNASDACH. FHIR MO CHRIDHE, Thàinig an Gàidheal còir a stigh an latha roimhe is théid mise an urras gu ’n deachaidh furan fàilte a chur air. Agus cha ’n ann ri brosgul no ri sotal a tha mi mar their mi gur h-airidh e air fàilte chridheil fhaotainn aig gach cagailt far am bheil Gàidhlig air a labhairt is air a leughadh. Cha ’n ’eil mi ag ràdh gu ’m bheil e saor o mhearachd, no gu ’m bheil e air gach dòigh iomlan. Ach c’ àite am bheil an ni talmhaidh a tha saor o mhearachd no iomlan? Cha ’n aithne dhomhsa. Na ’m biodh a leithid sin do ni ri ’fhaotainn, bhitheadh e am measg seachd iongantais an t-saoghail, agus b’fhiach e an t-saothair dol ni b’ fhaide na “thar trì chrìocha baile” gu ’fhaicinn. Tha mi an dòchas air an aobhar sin ann an àite a bhi ’strì ri coire fhaotainn, gur h-ann a chuireas gach Gàidheal a ghualainn ris a’ ghnothach gus an oidhirp chliùiteach agaibh a dheanadh cho iomlan is a tha i comasach a bhi. Tha e air a chur as leth ’ur luchd dùthcha, gu ’m bheil iad anabarrach déigheil gu bhi a’ cur buille air a chéile a thaobh sgoileireachd Gàidhlig. Tha e air a ràdh ma tha neach air bith aig am bheil a bheag do dh’eòlas air cànain aosda na h-Alba, gur e a’ cheud fheum a ni e do ’n eòlas sin, tòiseachadh air dearbhadh gu ’n robh gach neach riamh a sgrìobh Gàidhlig an toiseach air féin tur ceàrr. Nach robh eòlas aca aon chuid air co-dhealbh na cànain no air a brìgh, nach b’ aithne dha a litireachadh no a cur gu snasmhor an eagan a chéile. ’S i so barail nan Sasunnach mu ’r déidhinn agus cha bheag a chulaidh spòrs’ a strìas cuid dhiubh a dheanadh mu ’n chùis. Is cha ’n fheud mi a ràdh nach ’eil beagan aobhar aca air son am barail. Ach tha mi ann an lan dòchas nach bi an ni mar so ni ’s fhaide, is gu ’m faic sin gach Gàidheal cia be na barailean a th’ aige, a’ leigeil dheth a bhi a smàdadh muinntir eile, is le ’uile chomas a deanadh na dh’ fhaodas e gus an Gàidheal a dheanadh airidh air cànain agus cliù nan Finneachan. Tha fhios gu math “Gu ’n saoil am fear a bhios ’na thàmh gur e ’làmh féin is fheàrr air an stiùir.” Ach ni ’s lugha na gu ’m bheil a mhiann air am bàta a chur fodha, mar dean e cuideachadh, fanadh e ’n a thosd, a chum is nach cuir e màradh air an stiùradair a tha ’deanadh a dhìchill, gu na trast chuislean mealltach agus na cuartagan taosgach, fhiaradh air gualainn is sliasaid na fleasgairt, a tha mar fhaolan bhig a’ leumnich ’s a ’g éiridh air barraibh caorach geal nan tonnan uaibhreach, cùl-ghorm. Tha mi an dòchas a Ghàidheil rùnaich gu ’n gabh sibh féin agus luchd-dùthcha mo ghaoil mo leth-sgeul air son labhairt air a mhodh so. Is tha fhios agam gu ’n dean sibh sin mar a dh’ ìnnseas mi dhuibh an t-aobhar. Tha caraid fiachal agam anns a’ bhaile, Gàidheal cho glan fìrinneach dìleas ’s a sheas riabh air balt broige. Tha e, faodaidh sibh bhi cinnteach, am measg luchd leughaidh a’ Ghàidheil; ach [TD 114] cosmhuil ri iomadh aon eile tha e anabarrach moiteil as an eòlas mhionaideach a tha aige air a’ Ghàidhlig. Dh’ aithnich e co a sgrìobh an litir a chuir mi gu ’r n-ionnsuidh. Is ma dh’ aithnich, ’s e nach do chaomhain an neach a sgrìobh i. Cha robh coire fo ’n bhrataich nach robh oirre. Cha robh sid ceart is cha robh so ceart. Ach mar thug e fainear nach d’ thug mi iomradh air a’ “Chomunn Chòmhlach” chaidh e air bàinidh uile gu léir. ’S ann do mhuinntir Chòmhail e féin, is tha e ’s an làn bharail nach ’eil ceàrn eile ’s an domhan mhòr cho maiseach ri Còmhal, no daoine eile air aghaidh na cruinne cho dìreach deas, is cho fearail treun ris na Còmhlaich. Air an aobhar sin cha b’ urrainn dha ’thuigsinn ciamar nach d’ thug mi iomradh air a’ chomunn mheasail sin. Cha chuireadh ni no neach iompaidh air nach b’ ann le làn thoil a dh’fhàgadh a mach iad. Cha mhòr nach d’ thug e an t-seiche dhiom, ’g am chàineadh is ’g am smàdadh. “Thusa,” ars’ esan “a sgaoimire gun sgoinn ag gabhail ort féin fiosrachadh a thoirt mu gach comunn Gàidhealach ’s ’a bhaile, is a’ chuideachd Chòmhlach a dhearmad. Nach ’eil fhios aig a’ h-uile duine ris an fhiach duine a ràdh gur h-e Còmhal gu àraidh dúthaich na Féinne. Nach ann air son athair Fhinn a chaidh an t-ainm Còmhal a thoirt air a cheàrn mhaiseach sin do dh’ Earraghàidheal? Nach ’eil so air a dhearbhadh gu soilleir le co liutha àite mu ’n cuairt a’ chladaich o Ard-na-teine, gu Cill-Chatrìna a tha air ainmeachadh air Fionn. Nach ’eil gach “Sron nam Fiann” gach “Ardfhinn” is “Fionabhacan” seadh is “Loch Fhinn” fèin (ris an abrar gu ceàrr a nis “Lochfiona,”) a’ dearbhadh cho cùramach ’s a bha Triath àrd na Féinne, Fionn gun bheud, a’ dìon oighreachd athar. Is cha b’ fhiach leatsa a bhuimileir gun mhodh a ghabhail ort gu ’n robh a leithid do dh’ àite ri Còmhal ann, no Comunn Còmhlach anns a’ bhaile.” Ud, Ud, arsa mise, air d’ athais a charaid chaoimh, nach fhada o’n a chualas “tuitidh an capull ceithir-chasach.” Is ma bha an comunn agadsa gun iomradh air cha b’ e dì meas idir, ach dì-aire a b’ aobhar.” “Dì aire!” ars’ esan. “An cualas a leithid?” “Ni air a chlò-bhualadh agus mearachdan de ’n t-seòrsa so ann! Nach bu chòir do ni a tha air a chlò-bhualadh a bhi saor o gach mearachd, is mur ’eil a’ chùis mar sin cha ’n fhiach e gnùis a thoirt dha. Is beag a ghabhainn is am Fear-deasachaidh a ruigheachd agus toirt air mo chùig tasdain a thoirt air an ais dhomh, ni ’s lugha na gu ’n toir e dhomh a làmh nach bi an déigh so aon fhacal air a mhi-litireachadh, aon lide as a h-àite, no aon mhearachd a’ cur mi-mhaise air gnùis A’ Ghàidheil” “Thalla, thalla, arsa mise, cha’n e ni faoin a dh’fhòghnas leat, cha lugha na làn iomlaineachd, ach tha eagal orm “gu ’m bi a’ chòir mar a chumar i”—is tha mi làn bheachdaidh nach ann air taobh duilleagan A’ Ghàidheil a mhàin a tha mearachdan ri am faotainn. Is theagamh gu ’m bheil cuid do na nithean a tha thusa a’ cur sìos mar mhearachdan ceart gu leòir, ged a tha t-eòlas-sa cho neo-iomlan air a’ Ghàidhlig is nach aithnich thu mar tha an gnothach ceart. Ciod an riaghailt ris am bheil thu a’ tomhas an ni? Tha dìreach ri do bharail féin, agus nach fheud e bhi gu ’m bheil barail neach eile a chearta cho fiachail ri do bharail-sa. Gabh mo chomhairle-sa ma ta, agus an àite a bhi ’strì ri mearachdan fhaotainn ann an obair muinntir eile, ma tha ’mhiann ort aobhar na Gàidhlig, agus nan Gàidheal a sheasamh, cuir do ghualainn ris a’ ghnothach is dean na dh’fhaodas tu gus na mearachdan a chur ni ’s lugha, is gus An Gàidheal a dheanadh ni ’s fiachala, is théid mis an urras dhuit, nach e mhàin gu ’m bi am Fear-deasachaidh ann ad chomain ach bheir gach neach aig am bheil gràdh d’a dhùthaich ’s d’a chànain cliù dhuit. Ach na smaointich air dol a thagradh nan cùig tasdain, oir tha Fear, deasachaidh A’ Ghàidheil ’n a dhuine geur tapaidh a chunnaic roinn mhath de ’n t-saoghal is tha fhios aige ciod is ciall do “dh’ eun an làimh.” “Ma tha e geur, tapaidh” fhreagair mo charaid, “bheir mise air gu ’n toir e do nàire asad-sa; ma ’s e is nach sguir thu do bhi ’cur litrichean g’ a ionnsaidh.” Cha d’ thubhairt mi féin diog, ach smaointich mi gu ’n robh sin ni b’ asa a ràdh na dheanadh, oir cha ’n ’eil e furasda nàire a thoirt as an neach anns nach ’eil i. Ach coma dh’ fhalbh mo charaid ann an deagh shaod is tha mi fiosrach nach e a’ chiad aon a thionndaidheas a chùl air A’ Ghàidheal. Ach smaointich mi an déigh dha m’ fhàgail, gu ’r h-ann mar sud a tha muinntir tuillidh is deas a dheanadh. Gheibh iad coire, ach oidhirp cha toir iad air ni chur ceart, no a dheanadh ni ’s feàrr. Tha mòran ann is tha iad mar am madadh ’s a’ phrasaich, cha ’n ’ith iad féin a chòmhlach ach cha leig iad do chreutair eile dol g’ a còir. Tha féinealachd is farmad de ’n t-seòrsa so a’ milleadh iomadh oidhirp [TD 115] chliùiteich. Ni ’s lugha na gu ’m bi ni air a dheanadh anns gach puinc a réir na barail aca-san, tha iad lìonmhor nach toir air aon rathad gnùis, do dh’ oidhirp air bith a tha air a deanamh air son math an t-sluaigh. “Is e sin an toll a mhill an t-seiche” a thaobh iomadh ni Gàidhealach. Ach tha mi sàr-thoilichte fhaicinn o na Freagairtean a thug sibhse seachad ’s an àireamh mu dheireadh, gu ’m bheil sibhse a’ cur roimhibh nach éirich dhuibhse is do ’N Ghàidheal mar a dh’ éirich do “Bhodach na h-asail.” Tha mi ag iarruidh maitheanais air son uiread d’ ur n-ùine luachmhoir a thoirt suas. Gabhaibh mo leth-sgeul ris na Comuinn Ghàidhealach eile air nach d’ thug mi iomradh. Oir tha aon no dhà dhiu cho math ris a’ Chomunn Chòmhlach air an do rinn mi dearmad. Tha Comunn Chlach-na-cuddin, as an còrr, a bu chòir-bhi ’s an àireamh. Ach cha ’n ’eil agam air, ach aideachadh gu ’m bheil mise, cosmhuil ribh féin, buailteach do mhearachdan. Ach cha bu mhath leam air a thàilleabh sin gu’n cuireadh càirdean cùl rium. Slàn leibh. Rath is piseach gu ’n robh oirbh. Buaidh is soirbheachadh leis A’ Ghàidheal. Gu ma fada a bhitheas e a’ teachd air tùs gach mìos gu fàilte a chur oirnn. Is mi, ’ur deadh charaid, RUNASDACH. Glaschu air Cluaidh, 20mh de ’n Og-mhìos, 1872. BEATHA-EACHDRAIDH CHALUIM-CHILLE CAIB. III. ’N a phearsa, bha Calum-Cille àrd duineil, agus eireachdail. Bha a ghuth binn, agus làidir; air chor is gu’n cluinnteadh e aig astar mòr. Bha e ro ghaolach air seinn nan Salm. Chluinnteadh gu poncail ann am Muile e, thairis air a’ chaolas, ’nuair a bhitheadh e ’seinn nan Salm ann an I. Tha e air innseadh le a luchd-eachdraidh, aig aon àm, air do shagartaibh Drùidheil, agus Rìgh nam Pecht, ionnsuidh a thoirt air casgadh a chur air aoradh Chaluim-Chille gu’n do sheinn e féin agus beagan do a bràithribh an cùigeamh Salm thar dà fhichead, air dhòigh cho drùidhteach, ’s gu’n robh an Rìgh air a ghluasad gu domhain, agus dhìon e Calum-Cille o na sagartaibh, ’s ghabh e ris gu caoimhneil. Chaidh Rìgh Brìd’ iompachadh fo ’éisdeachd. Chaluim-Chille, agus bhaisteadh e leis. Mar thoradh air so, bha e ro bhàigheil ri Calum-Cille, agus ri ’bhràithribh, agus thug e cead agus cuideachadh dhoibh airson searmonachaidh air feadh a Rìoghachd; agus tha e coltach gu ’n robh e féin a’ moladh a’ chreidimh Chrìosdail d’ a shluagh. Aig cùirt an Rìgh so, choinnich Calum-Cille ri prionnsa Eileanan Arcaibh (Orkneys,) agus mhol e dha Cormac, fear d’ a fhòghlumaichibh, mar theachdair soisgeulach, a bheireadh e do na h-eileanaibh sin. Bha Calum-Cille agus a chompanaich ro shaoithreachail am measg bheanntan agus ghleanntan na Gàidhealtachd, a’ craobh sgaoileadh an t-soisgeil. Bha iad mar an ceudna gu tric a’ seòladh air feadh nan Eileanan an Iar, a’ searmonachadh, agus a’ togail thighean-aoraidh anns gach eilean. Bha tlachd àraidh aige anns an Eilean Sgiathanach, àit’ anns an deachaidh a shaothair gu mòr a bheannachadh. Tha cunntas air a thoirt, gu’n robh e latha a’ searmonachadh ’s an eilean sin faisg air a’ chladach, ’s gu’n do ghlaodh e mach, “Mo chlann, chì sibh an diugh ceann-feadhna aosda, a chum rè a bheatha gu cùramach an lagh nàdurra, a’ teachd gu bhi air a bhaisteadh agus gu bàsachadh.” Air ball, bha bàta air a faicinn a’ tighinn a dh’ ionnsuidh a’ chladaich, agus sean duine lag ’n a toiseach,—ceann-cinne treubh anns an nàbachd. Ghiùlain dithis d’ a chompanaich suas e, chum a’ cho-thionail, agus dh’ éisd e le dùrachd ri teagasg Chaluim-Chille, a bha a’ labhairt troimh eadar-theangair. ’N uair a chrìochnaicheadh an t-searmoin, dh’ iarr an seann duine baisteadh. Chaidh a ghabhail a stigh do ’n eaglais Chriosduidh tre òrdugh a’ bhaistidh aig an àm sin féin; agus air ball dh’ eug e! ’s chaidh ’adhlacadh anns an dearbh ionad ’s an robh an co-thional cruinn. Thachair so aig beul aibhne, a chaidh ainmeachadh [TD 116] uaithe sin, “Tobar Arthranain.” Bha eaglais agus Tigh-Mànach air an togail le Calum-Cille, no a luchd-leanmhuinn, ann an eilean a bha ann an Loch Chaluim-Chille, an sgìreachd Chillmhoire, ’s an Eilean Sgiathanach. Bha eaglais mar an ceudna air a h-ainmeachadh air anns an eilean a tha ann an abhuinn Shnìsoirt. B’ e Loch Chaluim-Chille an t-ainm a bha air Loch Phort-rìgh, o chionn cheudan bliadhna, agus tha eilean anns an loch sin, ris an abrar fathast “I-Chaluim-Chille,” Is ainneamh sgìreachd an Iar na h-Alba, nach ’eil ainm Chaluim-Chille, no fear d’ a theachdairibh, air a chumail air chuimhne ann an ainm eaglais no claidh. Bha Calum-Cille mar an ceudna saoithreachail aig a’ bhaile ann an I. Bhitheadh e a’ teagasg na h-òige, ’s ag uidheamachadh nam fòghlumach air son dreuchd na ministreileachd. Bha e a’ caitheamh mòran ùine ann an ùrnuigh, leughadh, agus sgrìobhadh. Bha e a’ cur theachdairean soisgeulach, cha ’n e ’mhàin air feadh na h-Alba, ach mar an ceudna do Shasuinn, agus do cheàrnaibh eile, do ’n robh eilean I-Chaluim-Chille ’n a àrd lòchran. “B’ fhionnar an tobar do’n uisge bheò a dh’fhosgladh ’s an eilean uaigneach sin, agus b’ ìoc-shlaint do dh’ iomadh dùthaich thioraim, thartmhoir, na sruthana fallain a bha ’sgaoileadh uaithe gu fada, farsuing.” Air latha na Sàbaid, an naoitheamh là de mhìos mheadhonaich an t-samhruidh, ’s a’ bhliadhna 597, anns an t-seachd bliadhna deug thar thrì fichead d’ a aois, chrìochnaich Calum-Cille a thuras, agus chaidh a ghairm leis an Ard-Mhaighstir o shaothairibh lìonmhor, chum suaimhneis sìorruidh. An latha roimh ’n oidhche a chaochail e, dhìrich e an cnoc os ceann a’ Chlachain, ann an I, ghabh e a chead do ’n eilean ’s do na tighibh-aoraidh, agus dh’ fhàg e a bheannachd aig a bhràithiribh. Air dha teachd a nuas, lean e air ath-sgrìobhadh Leabhair nan Salm, gus ’n do ràinig e meadhon an treas salm deug thar an fhichead, ’n uair a stad e; agus dh’ ainmich e Baithein mar an neach a ghabhadh ’àite. Chuartaich e an sin an t-aoradh gnàthaichte anns an eaglais, ’s thug e na h-aitheantan mu dheireadh do ’bhràithribh, a’ guidheadh gu ’m bitheadh sìth agus gràdh ghnàth a’ riaghladh ’n am measg. Aig meadhon-oidhche chaidh e a rìs do’n eaglais a dh’ ùrnuigh ’s fhuaradh an sin e ’n a shìneadh gun lùs, le Diarmad. Chruinnich a’ bhuidheann uile mu chuairt da, a’ gul airson esan a bha ’n a athair dhoibh a bhi nis a’ bàsachadh. Dh’ fhosgail e a shùilean ’s dh’ amhairc e orra le gràdh agus aoibhneas, an sealladh mu dheireadh. An sin dhùin e air an t-saoghal so iad a chum am fosglaidh ann an glòir. “Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs ’s an Tighearn, á so a mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, chum gu faigh iad fois o’n saothair; agus leanaidh an oibre iad.” (Taisb. xiv. 13.) “Agus dealraidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan, fad saoghal nan saoghal.” (Dan. xii. 3.) “Aig Dia ’s ro-phrìseil bàs a naomh.” (Salm cxvi. 15.) “Ach co an cridh’ a bhreithnich e, No ’n t-súil a chunnaic riamh, Mòr mheud is gnè an ulluchaidh, D’a phobull féin rinn Dia! Ach ’s sona dhoibh ’s is beannaicht’ iad ’Fhuair aithne ghlan air Criosd: Oir meallaidh iad, ’n a chomunn san, An sonas ud, gu sior!” Chaidh an obair a thòisich Calum-Cille a ghiùlan air a h-adhairt leis na teachdairibh a dh’ fhàg e ’na dhéigh gu soirbheasach; agus bha I-Chaluim-Chille fad linntean an déigh an ama sin ’n a chathair dhiadhachd, eòlais, agus fòghluim. Cha robh Calum-Cille air dhòigh ’s am bith fo riaghladh Eaglais na Ròimhe, a bha eadhon aig an àm sin a’ toiseachadh air fàs truaillidh; agus fad cheudan bliadhna an déigh a bhàis, bha [TD 117] ministeirean I-Chaluim-Chille dealaichte o ’n Eaglais sin, agus a’ dol fo ’n ainm Cùildich, a thugadh dhoibh do bhrìgh ’s gu ’n robh an còmhnuidhean, mar bu trice, ann an àitibh uaigneach. Bha ministeirean ionnsaichte agus ainmeil a ghnàth a’ tàmh ann an I-Chaluim-Chille; agus bha cruinneachadh mòr do leabhraichibh luachmhor air an gleidheadh ann an Tigh-nam-Mànach, no Chathair-Chùildich, an sin. Bha cuid de rìghribh na h-Alba, Eirinn, agus Lochlainn, agus mòran de chinn-feadhna Ghàidhealach air an adhlacadh ’s an Eilean iomraiteach so. Tha e air aithris gu ’n dubhairt Calum-Cille, ùine bheag mu ’n do chaochail e,— “I mo chridhe, I mo ghràidh, ’An àit’ guth Manaich bi’dh geum bà; Ach mu ’n tig an saoghal gu crìch Bidh I mar a bha.” Thàinig a’ cheud chuid de ’n fhàigheadaireachd so gu teachd; chaidh Cathair nan Cùildeach a chreachadh, ’s thuit aineolas agus dorchadas air an Eilean sin, a bha ’n a lòchran a measg nan eileanan. Cha ’n ’eil e mi-choltach nach ’eil coimhlionadh na cuid mu dheireadh de ’n fhàidheadaireachd air tòiseachadh. Tha I-Chaluim-Chille gach bliadhna a nis air a fiosrachadh le mìltibh as gach dùthaich, a tha a’ taghail a choimhead air seann láraichibh a mòrachd. Maith a dh’fheudtadh nach deachaidh na smaointean a dhùisgear anns an inntinn ann a bhi a’ gluasad mu chuairt air ballachaibh briste eaglaisean I-Chaluim-Chille, agus air na leacaibh-lighe aosmhor fo ’m bheil daoine a bha aon uair cumhachdach ’n an luidhe, a chur an cainnt ni ’s eireachdaile, na mar a labhair an t-Olla Johnson, agus a tha air an eadar-theangachadh mar a leanas, ann an Caraid nan Gàidheal:—“Bha sinn a nis ’n ar seasamh air an Eilean ainmeil sin, a b’ àrd lòchran fad linntean, do Ghàidhealtachd na h-Alba—as an d’ fhuair Cinnich fhiadhaich agus ceathairne bhorba sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dh’ fheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smaointibh a dhùisg an t-àite so, agus b’ amaideach an oidhirp, ged a bhiodh i comasach. Ge b’ e ni a thàirngeas air falbh sinn o chumhachd ar ceud-fàithean; ge b’ e ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachdar air na tha a làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithibh tuigseach. Gu ma fad uam-sa agus o m’ chàirdibh an fheallsanachd reòta sin a dh’ aomadh mi gu gluasad go caoin-shuarach, eutrom, thar aon àit’ a dh’ fhàgadh urramaichte le gliocas, le fearalas, no le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh d’ a dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharatoin, no an cràbhadh nach blàthaicheadh am measg làraichean briste I-Chaluim-Chille.” A’ CHRIOCH. RUATHAR MHIC-MHUIRICH. [Air eadar-theangachadh bho Bheùrla Aytoun, le Alasdair Mac Neacail.] Rinn Mac Mhuirich bòid An aghaidh Chloinn Mhic Thàbhais, Chaidh ’thogail creich’ na ’n tìr, Le rèubainn is le ànnradh; Oir mhionnaich è gu teann, Gu ’n sgriosadh è bho ’n tìr iad, Le cuig-thar-fhichead fear, Is deich-thar-fhichead piobair! Ach ’n uair ’ràinig è Sios mu leth Srath-Chànain, Cha robh dhe ’chuid seoid Ach na triuir ’s an làthair: Sud na bha ri chùl, Gu dion ’an àm an tuasaid, Cach bha thall ’s a bhos, A cuir a chruidh air fuadach. ‘Ro mhath’! ars’ Mac Mhuirich, ‘Chaidh ar cliu a dholaidh! [TD 118] Ghillean, feùmair spàirn, Air beothach mu ’n déid corrag! So Mac-Mhic-Mhethusalah, ’Tighinn le ’chuid sluaigh, Tri fichead fear ’s a tri, ’S na h-uireid de Dhaoin’-uaisle’! (Arsa Mac-Mhic-Mhethusalah) ’Fàilte mhaith dhuibh féin! Nach sibhse Triath nan Cattan? Cò dha ’m bheil ur céilidh, ’An àm tigh ’n so air astar? So! So! mhic a choin! Tha sè ceud bliadhn’ bho n’ dhùraig Annail bheo na m’ ghleann Tigh’n air turas spùinnidh.’ (Ars’ Mac-Mhuirich) ‘Dè sud ’tha thu ’g ràdh? Tha do bhathais làidir; Seallam dhuit, a bhobag, Ciod è ’s cubhaidh gnàth dhuit. Chaneil latha tuilleadh Agad gu bhi beò, Thugad bho mo ghunna, ’S bho’n chlaidheamh ’tha na m’ dhòrn’! ’S ait, ’N àil’, an sgeul’! Arsa Flath Chloinn Thàbhais, ’S furasda dhomh fhéin Stad ’chuir air do rànaich.’ ’N sin thug Mac-Mhethuselah Sgal mar leomhan gionach, Tharruing è ’sgian-dubh, Is sparradair ’n a mhionach. Air an dòigh so fhéin, Thainig bàs do ’n ghaisgeach, Dha ’m bu chliu ri ’bheo ’Bhi na dhuine gasda, Thainig mac na dhéigh, ’Bha pòsd air nighean Noah, Theab gu ’n thraoigh an Dìle Leis dhe ’n uisg’ na dhòl è. ’S bha è air a dheanamh, ’S mise féin ’tha cinnteach, Nam biodh air tachairt ann Blasad còir dhe ’n Ileach. Ràinig crioch mo sgeòil, Tha mi ’m beachd gur ’h-ùr i, Cuir mu ’n cuairt an stòp, Is marbhaisg air an ‘Duty’! SAMHLAIDHEAN AIR NITHIBH SPIORADAIL NA CREAGAIBH. Bha e ’n a chleachdadh cumanta aig Criosd, ’n uair bha e air an talamh bhi ’gnàthachadh shamhlaidhean ’n a theagasg. Bha iad sin a’ deanamh an ni a bha e ’cur an céill ni bu shimplidhe ni bu so-thuigsinne do ’n t-sluagh a bha ’g éisdeachd ris. Tha an dòigh theagaisg so feumail anns a’ h-uile linn; ’s cha ’n ’eil ni air am bheil eòlas againn nach feud sinn samhladh a dheanamh dheth a thaobh theagasgan na diadhachd. Tha sinn anns na leanas ma ta, a’ dol a ghabhail beachd air na creagaibh. Tha sinn eòlach gu leòir orra; agus chì sinn ciod a dh’ fhòghluimeas sinn uapa. AOSMHORACHD. Tha luchd eòlais a’ cumail a mach gu ’m bheil aois gle mhòr aig na creagaibh. Their iad nach ’eil ann am beagan mhìltean bliadhna ach neo-ni an coimeas ris an ùine mhòir a chaidh seachad o ’n rinneadh iad mar a tha iad,—’s gu ’m feum sinn àireamh mhòr de mhuilleinibh a ghabhail gu ruigsinn air ais gu breith nan creag. Ach mòr ’s mar tha a’ leithid sin a dh’ aois, is faoin e ri taobh aois an Tì ris an abrar “Carraig nan Al.” Tha àireamh a bhliadhnai-san a’ dol thar àireimh. Bha E ann an uchd an Athar shìorruidh mu ’n robh creag no craobh ann am bith; oir ’s E a rinn iad uile; ’s tha E Féin a’ dol air ais fad am measg nan làithean a dh’ fhalbh, ’n uair a tha E ’sgrìobhadh mu thimchioll Féin,—“Chuireadh suas mi o shìorruidheachd.” DÌOMHAIREACHD AGUS NITHEAN SO-THUIGSINN. Tha cuid de na creagaibh a tha so làmhsaichte. Gheibhear iad air uachdar nan raon; ’s feudar an tomhas no ’n cothromachadh. Chithear iad air an taobh a tha fodha, ’s air an taobh a tha ’n àird, ’s air gach taobh mu ’n cuairt dhiubh; ’s tha sinn mar sin comasach air bhi a’ gabhail làn eòlais orra. Ach [TD 119] tha creagan eile ann ’s cha ’n fhaic sinn ach earrann ro bheag dhiubh; oir tha a’ chuid a ’s mò dhiubh folaichte gu tur ann am broinn na talmhainn, ’s iad a’ dol sìos a dh’ ionnsuidh mòr dhoimhneachd a’ chruthachaidh, far nach ruigear le sùil orra, ’s far nach fhaighear eòlas air an nàdur no an suidheachadh a thug Dia dhoibh. Tha nithean a tha ’co-fhreagairt ris na puincibh so am measg theagasgan an t-Soisgeil. Tha cuid a dh’ fhìrinnibh a’ Bhìobuill de a’ leithid de nàdur simplidh ’s gu ’m feud inntinn an leinibh bhig an cuartachadh; ’s tha teagasgan an taghaidh ’s na Trianaid, a tha ann an tomhas mòr do-rannsaichte. Cha ’n ’eil sinn a’ faicinn dhiubh sin ach mar gu ’m biodh an eudain, ’s tha iomadh taobh eile dhiubh air an làn chòmhdach le dìomhaireachd, air nach cuir dad ach an t-sìorruidheachd solus duinn. Tha mòran de theagasgaibh prìosail mar so ’s an fhìrinn a tha air iomadh dòigh air an slugadh suas ann an dorchadas troimh nach faic sùil duine beò—’s tha iad cho àrd ’n an nàdur ’s nach faigh inntinn gu bràth làn bheachd orra. Tha e fìor nach ’eil ni o aon cheann gu ceann eile a’ Bhìobuill nach ’eil feumail gu ’m bitheamaid ’g a chreidsinn agus a’ beachd-smuaineachadh air; ach tha iomadh ni a tha mar sin feumail a thaobh am feum sinn fuireach ann an tomhas mòr a dh’ aineolas, agus a thaobh gur h-i a’ chainnt a ’s freagarraiche ann am beul an fhìor Chrìosduidh.” O saoibhreas araon gliocais agus eòlais Dé! Cia do-rannsachadh a bhreitheanasa agus do-lorgaichaidh a shlighean!” A’ CHREAG MAR BHUNAIT. An tì leis am miann a chur suas nach tilg a’ ghaoth sìos agus nach giùlain an t-uisge air falbh togaidh e air bonn làidir na carraige e. Ach tha nithe eile a bhàrr air tighibh a tha ’g iarraidh bunaite seasmhaich chum ’s gu ’m bitheamaid ’gan socruchadh oirre. Tha againn anama neo-bhàsmhor a tha gach là ann an cunnart; ’s cha ’n ’eil ni feadh an t-saoghail air am bi iad sàbhailt ach air Criosd. Cosmhuil ris a’ chreag tha Esan seasmhach gu leòir, agus coma ciod an t-uallach a shuidhichear air. Cha ’n ’eil peacach fo ’n ghréin nach fheud a thaice a leigeil air; ’s ged robh a chiont gu bráth cho mòr, ma bheirear e gu bhi a’ socruchadh a mhàin air an Tì so cumar suas e gun charuchadh ’s cha tig call dha a chaoidh. A’ CHREAG MAR CHLADH. Gabh beachd air na creagaibh mar àit-adhlaiceadh do ainmhidhibh a fhuair bith anns na seann lìnntibh a dh’ fhalbh. Tha e ’na ni cho iongantach ’s a choinnicheas ri duine ’s an t-saoghal nàdurrach gu ’m faighear ann am broinn nan clachan cruaidhe sligean agus earrannan de lusaibh ’s de ainmhidhibh de gach seòrsa. Gheibhear na mìltean ’s na deich mìltean dhiubh so air a’ leithid de dhòigh ’s gu ’m bheil ann am bailtibh mòra, eaglaisean agus tighean costail eile a tha gu h-iomlan air an deanamh suas de chlachaibh anns nach ’eil dad ach sligean is closaichean nam béistean marbha a chruthaich Dia lìnntean gun àireamh roimhe so. Tha so ’n a ni ro iongantach da rìreadh; ’s tha luchd-fòghlum a’ tarruing iomadh leasan uaith. Ach ’s ann a tha sinne ag iarraidh feum’ spioradail a dheanamh deth. Tha sinn ’g a shamhlachadh ri ni a tha ’co-fhreagairt ris am measg àrd theagasgan an t-Soisgeil. ’S e Criosd, ma ta, “Carraig nan Al;” agus theirer mu ’n dream a tha ’creidsinn ann gu ’m bheil iad ann. Tha ’n Fhìrinn ag ràdh, “ma tha neach air bith ann an Criosd is creutair nuadh e;” ’s tha E féin a’ toirt seachad mar àithne, iad bhi a’ fantuinn ann. Tha iad ann an Criosd a bhrìgh a’ Choicheangail shìorruidh anns am bheil E ’seasamh air an son, agus ’g an gabhail a stigh maille ris; ’s tha iad ann mar an ceudna a bhrìgh aonaidh dhìomhair a tha an Spiorad Naomh a’ deanamh ’sa’ daingneachadh. Tha mar so co-fhregairt- [TD 120] eadar na creagan nàdurrach agus Criosd, a’ Charraig spioradail; ach le a’ leithid so a dh’ eadar-dhealachadh, ged ’s e na mairbh a gheibhear annta-san, gur sluagh beò iad ann an Criosd, a réir mar tha E féin ag ràdh, “Do bhrìgh ’s gu ’m bheil Mise beò, bithidh sibhse beò mar an ceudna.” A’ CHREAG MAR BHIADH. Cuiridh so mòr iongantas air-san a leughas e. A’ chreag mar bhiadh! Cò riamh a chuala a’ leithid! Gidheadh is ni e a tha cho fìor ’s a tha e cho iongantach. Cha ’n ’eil anns an aran a th’ air a’ bhòrd ach ni a thàinig as an talamh; ’s cha ’n ’eil anns an talamh ach a’ chreag, air a pronnadh ’s air a deanamh mìn. Bha là ann, mar a tha luchd-fòghluim a’ cur an céill, ’n uair nach fhaicinn ach uisge is cruaidh chreagan feadh farsuinneachd a’ chruthachaidh. Cha threabhadh crann ann an sin—cha sgrìobadh cliadh—’s cha ’n fhàsadh sìol. Ach rinn reòthadh is uisge—rinn fuachd agus teas—mìn-phronnadh air na creagaibh sin; ’s thionndaidh earrann mhòr dhiubh gu ùir; ’s tha duine agus ainmhidh a’ faotainn a nis an ni a dh’ itheas iad. ’S ann mar sin a tha sinn a’ ciallachadh, agus ’s ann mar sin a tha e fìor, gur h-ann o ’n chreag a tha ’m biadh a’ tighinn. Ach deanamaid a nis ar samhuil o ’n so. ’S e Criosd an fhìor chreag; ’s e Carraig nan Al E; ach ’s e mar an ceudna an t-aran spioradail e air am bheil an t-anam gràsmhor a’ beathachadh chum na beatha shìorruidh; agus mar is éigin do ’n chreag a bhi air a pronnadh mu ’n tig biadh aisde; ’s ann mar sin a tha sinn a’ tuigsinn nach beathaichear an t-anam air Criosd ach do réir agus mar tha Criosd air a bhruthadh. Tha sinn uime sin a’ leughadh gu ’n do “lotadh E air son ar n-eucairtean.” Bhuineadh gu cruaidh ris a’ chreig mu ’n d’ thàinig i gu bhi ’n a meadhon beathachaidh do chorp an duine; ’s bhuineadh gu cruaidh mar an ceudna ri Criosd ann E bhi air a throm-smachdachadh leis an Athair mu ’m b’ urrainn ar n-anama bhi ’sealbhachadh na beatha shìorruidh. A nis ann an co-dhùnadh, ’s e ar miann a bhi ’moladh, do ’n dream a leughas na briathran so, an Tì Mhòir ris am bheil ar samhlaidhean ag amharc. Gabhaibh eòlas air mar an Tì a tha gu léir luachmhor. Tuigibh gur neach E a tha araon ro mhòr ann féin, agus a rinn nithe iongantach air son a shluaigh. Seallaibh ris mar an Slanuighear Uil’-fhoghainteach, ’s cuiribh bhur dòchas a thaobh tìm is bith-bhuantachd Annsan. Baile-nan-cnoc. 1872. C. D. CUIMHNEACHAN O SHEANN GHAIDHEAL ’S NA STAIDIBIH AONAICHTE. BAILE GHRAIDH-BHRATHAIREIL* ANNS NA STAIDIBH AONAICHTE. Ceud mhìos an Earraich, 1872. Fàilte ort a Ghàidheil Oig,—Chuir caraid àraid an treas àireamh a m’ ionnsuidh, oir bha fios aige air a’ mhòr ghràdh a bh’ agam do chànain mo leanbaidheachd. Mo thruaighe mi gu ’m bheil mi nis air meirgeadh innte. Thog an leabhar beag sùnnd air m’ aigne, agus bha m’ inntinn a’ sìor-chnuasachadh ciod a sgrìobhainn a d’ ionnsuidh. Thàinig àireamh do nithibh a dh’ ionnsuidh mo chuimhne, ach ròghnaich mi air an àm so labhairt riut mu dhithis dhaoine misneachail, sgairteil, agus féin-spéiseil nach gabhadh spìd no masladh o ìosal no o uasal. Cha robh aon aca cùig troidhean air àirde. Bha aon dhiubh ’na mharsanta a ghnàth a’ falbh mu ’n cuairt feadh na dùthcha le ’mhàlaid air a ghuailnibh. ’N uair a thigeadh e chum aon de na bailtibh beaga, chruinnicheadh a’ chlann bheag agus ruitheadh iad an déigh a’ mharsanta agus thionaileadh iad mu ’n cuairt air féin agus air a mhàlaid, ni a bha ’n a mhòr thrioblair, do ’n mharsanda. B’i sin a’ mhàlaid luachd mhor! ’N uair a dh’ fhosgailteadh i thogadh a’ chlann bheag an làmhan agus dh’ fhosgladh iad an sùilean le mòr ioghnadh ag ràdh ri chéile,—“Seall! O seall! am fac thu riamh a’ leithid sin.” Gu deimhinn bha a’ mhàlaid iongantach! Bha àit’ air gach seòrsa innte, agus bha gach seòrsa ’n a àite féin. Ribinnean rìomhach de gach dath, neapaiceanan sìde agus cainneach; meurain; snàthadan agus snàth-fuadhail; dubhain chuilleag a suas gu dubhain throsg; dathan de gach gnè; gidh- Philadelphia [TD 121] eadh bha gach ni ’n a àite féin. Bha a’ marsanta borb ris a’ chloinn bhig; agus gu minic gheibheadh iad stailc leis an t-slait-thomhais mu ’n claig’nibh. Bha e leònta an aon d’a làmhaibh; air son sin fhuair e ’n t ainm suaicheanta, Marsant’ a chliutain; agus air son a chrosdachd ris a’ chloinn, leanadh iad e o thigh gu tigh a’ glaodhaich ’n a dhéigh, cliutan! cliutan! Air là àraidh bha a’ chlann ghaisgeil ag éigheach ’n a dhéigh air a’ mhodh so; dh’ fhàs e ro fheargach riù agus air faicinn fuirc feòir dha, ghabh e ’m forc agus ruith e as an déigh. Thachair do shean duine còir teachd a mach o thigh oibre, agus ’n uair a chunnaic e a’ marsanta ’ruith an déigh na cloinne leis an fhorc, ruith e am measg na cloinne a’ saoilsinn gu ’n deanadh a làthaireachd tèarmun dhoibh. Thilg a’ marsanta am forc air thuaireamas agus bhuail e ’n sean duine mu ’n chalpa; agus chaidh aon d’a mheòir troimh ’n osan agus troimh ’n chraiceann, a’ deanadh loit cràiteich an calpa an t-sean duine, agus thubhairt e, “Ciod uime thilg thu ’m forc orm ’s mi neo-chiontach?” Fhreagair a’ marsanta, “mur an robh thu ciontach car son a ghabh thu sgaoim?” Aig àm eile thachair gu ’n d’ thàinig marsanta chliutain gu baile àraidh anns an robh duine beag sgairteil a’ gabhail còmhnuidh d’ an d’ thug an luchd-àiteachaidh an t ainm suaicheanta, Am Prionnsa. Bha tigh còmhnuidh a’ Phrionnsa air bruaich gaineimh, agus bha sruthan beag uisge a’ ruith dlùth ri oir na bruaich. Thachair do ’n mharsanta bhi ’gabhail an rathaid seachad air an tigh, ’s bha ’m Prionnsa ’n a sheasamh f’a chomhair an doruis. Labhair iad ri chéile air tùs; ach mu dheireadh thàinig briathran searbh’ agus feargach eadar na suinn, an sin scròbail is buillean. Mu dheireadh ghlac na feara a chéile, gach fear a’ strì ’nàmhaid a chur gu talamh gus an d’ thàinig iad gu oir na bruaich; na feara a’ tuiteam muin air mhuin anns an t sruthan. Dh’ fhuaraich an t-uisge mòr-fhearg nan gaisgeach treunmhor agus chuir e crìoch air an streup. Bha mi ’n am bhallachan anns an àm agus cha do dhì-chuimhnich mi riamh là blàr a’ Phrionnsa agus a’ Mharsanta. Thubhairt neach ris a’ Phrionnsa ’n uair a thàinig e ’n àird air a’ bhruaich, “fhuaras gu math thu mu dheireadh.” O an duine bochd, thubhairt esan; bha e ’g am bhualadh far an ruigeadh e orm! Bha ’m freagradh so ’n a aobhar ghàire do mhòran fad an déigh a’ chòmhraig; oir cha robh fhios co de ’n dithis a b’ àirde. Bha a’ marsanta tana ann am feòil, agus bha ’m Prionnsa sultmhor, a’ chuid a bha dh’uireasbhuidh air ann an àirde bha e aige ann an leud. SEANN GHAIDHEAL. SUSPIRIA LE LONGELLOW. Gabh iad O Bhàis is thoir air falbh Gach ni a their thu a ’s leat féin; Tha t’ ìomhaigh càraicht’ air a’ chriadh Ag ràdh gur leatsa sin, ach sin a mhàin. Gabh iad O Uaigh a’s luidheadh iad Paisgte air do sgeilpibh caol’ Mar aodach ’chuir an t-anam dheth Luachmhor ach a mhàin dhuinn féin. Gabh iad O Shìorruidheachd mhòr Cha ’n ’eil ’n ar beath’ ach osag fhaoin ’Tha ’sgaoileadh anns an ùir a blàth ’S gu làr a’ lùbadh gheug do chraoibh. Eadar-theangaichte le R. B. LAOIDH NA BEATHA LE LONGFELLOW. (Freagairt cridhe an òganaich do ’n Bhàrd.) Na innis dhomh am briathran dubhach Nach ’eil ’n ar beatha ach bruadar faoin; Oir tha an t-anam marbh a chaidleas ’S cha ’n ’eil nithe mar a shaoil. Tha ar beatha anabarr sòluimt’ ’S cha ’n i ’n uaigh fhuar crìoch ar saoghail; Is duslach sibh ’s gu duslach pillidh, Cha d’ thubhairt’ riabh ri anma dhaoin.’ Cha ’n e toil-inntinn ’s cha ’n e mulad Ar crìoch àraid no ar ra’ad Ach bhi ’deanadh chum ’s gach latha Gu ’m bith ’ur maitheas ’dol am meud. Tha ealain lìonmhor ’s ùine ’siubhal ’S ged robh ’n cridhe fearail treun Cha ’n ’eil ann ach druma ’mhulaid ’Bualadh coranach an éig. Ann am faich an t-saoghail fharsuing, Ann an camp na beatha fhìor, Na bith mar ainmhidh balbh gun toinisg, Bi ad ghaisgeach anns an strì. Na cuir earbs’ an gean ri tighinn ’S na bi ’caoidh na h-ùine a thréig; Dean, O dean, ’s an àm a th’ agad Fo cheannsal Dhé le cridhe treun. Tha beatha dhaoine mòr ’g ar teagasg Gu ’m feud sin uile strì ri euchd; Is air dhuinne siubhal dhachaidh Ceuma fhàgail as ar déigh. [TD 122] Ceuma theagamh ’chì neach eile Air a thurus troimh an t-saogh’l, Bràthair bochd tha ’call a mhisnich ’S gu ’m faigh e spiorad ùr d’ an taobh. Bith’mid suas ma ta ’s ag obair Le cridh’ gun gheilt roimh chruas an t-saogh’l A’ sìor-bhuidhinn ’s a’ sìor-leantuinn ’Fòghlum, foighidin, is saoth’ir. Eadar-theangaichte le R. B. RANNAN AIR NOTE PUNND SASUNNACH A bha am paipean salach, saraichde a fhuaradh ann am Malairt o sheann bhean aig an robh ainm Airgiod a bhi agus a bha ’g a àicheadh. Tha thusa sin a phrabag ragach Ribeach, robach, phrabach thruagh; Meadhon sraichde, aodan salach, ’S blàth na dosgainn air do ghruaidh. Fhreagair ise. “O cha ’n ioghnadh mi bhi prabach, ’S iomadh car a chaidh mi luaidh, ’S iomadh aon a dh’ fhàg mi sona, Is sùil ’bha air mo dhéigh truagh.” Thubhairt mise. “Suidh a sìos is ìnns’ do naidheachd Is na greas ro ealamh uam; Bheir mi féin dhuit àit’ ’s am fan thu, ’S fasgadh tighe a bhios buan.” Fhreagair ise. “O cha ’n fheud mi fuireach agad, ’S allaban fo m’ chois is ruaig; Cha luaithe a tha mi ann am baile Na tha mi le cabhaig uaith.” ’N tìm a b’ fhaid’ a fhuair mi dh’ anail B’ ann aig cailleach Eachain Ruaidh; Shnuim i mi am mogan stocaidh ’N seotal ciste glaiste cruaidh. Luidh mi ’n sin fad iomadh latha ’N toit ’g am dhalladh ’call mo shnuaidh; ’S bhòidicheadh a’ chailleach charrach Nach robh aic’ aon fhàirdean ruadh. Ach air dhi bhi mach air chéilidh Thàinig reubanach mu ’n cuairt; Tholl an anainn; bhris na glàsan; ’S fhuair mi cead na coise uaip! Ach ma fhuair cha b’ fhada ’mheal mi, Chaidh an tòir ’n ar déigh gu luath; Thug iad mi á sàil na bróige, ’S crois is céir chaidh air mo ghruaidh. Sheas mi air là mòr na cùirte, ’S thug mi fianuis ’measg an t-sluaigh; Fhuair a’ chailleach air a h-ais mi, ’S fhuair am bàs i féin gu luath. ’S ged ’bu chruinn a sgrìob i còmhlath Am bonn òir, ’s an sgillinn ruadh, O bu bhraise ’chaidh a sgaoileadh Na ni gaoth am moll a ruag’. Leum na càirdean air a chéile Mu ’n robh ’n creutair fuar ’s an uaigh, Bha ’n luchd-lagha ’n an cuid féin deth, Is gach aon ri streupaid chruaidh. Och, mo léireadh nam bu ni e ’Bhiodh r ’a ìnnseadh anns an t-saoghal, A’ chailleach fhaotainn comas éiridh Dh’ fhaicinn ’n dìol' ’bha air a saothair. O ’s ann aice ’bhiodh an cuibhrionn An och, och ’s an guileadh truagh; Càch a’ faotainn math a cuibhrinn Is i féin dhol bàs le cruas. ’S iomadh piuthar agus bràthair A tha ’n dràsd aic’ am measg dhaoin’; ’N cuid ’n a luidhe ’meirgeadh làmh riu ’S feum gu leòr air air gach taobh. Gabh-sa rabhadh nis o m’ òran Is do dhòrn na gléidh co dùint’; Dean sa math le d’ stór ’s tu ’n làthair; Sgaoilidh càch e ’s tu ’s an ùir. Ledaig. J. CAMPBELL. MAIRI AGUS AN T-ADMIRAL. Is cleachda leis na Goill a bhi ri fochaid air na Gàidheil bhochd’, air son cho aineolach, maol-theangach ’s a gheibhear iad an coitcheannas an uair a dh’ fheuchas iad ris a’ Bheurla; àgus, air uairibh, cha ’n ’eil teagamh nach bi iad a’ deanadh thuislidhean agus mhearachdan gle neònach; ach dona ’s mar tha na Goill, cha ’n ’eil daoine air bith ann a tha ni ’s toithiche air a’ bhi a labhairt deth a chéile, agus ri fala-dhà neo lochdach do gach seòrsa, na na Gàidheil iad féin. Tha an sgeulachd bheag a leanas glé chumanta ann an cuid de cheàrnan de Earraghàidheal agus theagamh gu ’n toir i gàire air bhur luchd-leughaidh. Cha ’n ’eil mise ’dol a ràdh co dhiù a tha i fìor no nach ’eil; ach [TD 123] cia mar ’s am bith a bhàtar ’s an àm a dh’ fhalbh, is cinnteach mi nach faightear ann an ceàrn d’ an Ghàidhealtachd an diugh, aon fhear no té cho fada air an ais ’s nach bitheadh fios aca co dhiù ’bu bheathach no duine a bha ann an Admiral. Bha aig boireannach deanadach, glic, aon uair, tabhartas beag de uibhean ri chur o dh’ ionnsnidh an Tigh-Mhòir. Air dhith an cur a suas gu tèaruinte ann am bascaid ghairm i an searbhanta, caileag òg gun mhòran de eòlas an t-saoghail, agus dh’ earailich is sheòl i dhi cia mar a ghluaiseadh i i féin aig an Tigh-Mhòr. “Is bitheanta,” ars’ ise, “leis an Admiral e féin a bhi ’gabhail a shràid fo sgàil nan craobh anns an rathad-dhìomhair eadar an Tigh-Mòr agus an geata, agus ma thachras e ort feuch gu ’m bi thu fìor mhodhail ’s gu ’n toir thu a’ h-uile urram da. Ma dh’ fheòraicheas e dhiot co as a tha thu, no c’ àite am bheil thu ’dol, no ciod a tha agad, ìnnsidh tu dha gu pongail, ’s bi cinnteach gu ’n abair thu, Le ’r cead, aig deireadh gach freagairt a bheir thu dha. Aithnichidh tu an t-Admiral cho luath ’s a chì thu e le cheum flathail, àrd; agus is àbhaist da sràidimeachd am bitheantas le ’churrachd-oidhche dearg air mar chòmhdach cinn, agus a nis, a Mhàiri, bi ’falbh agus mo bheannachd a’ d’ chuideachd!” Thog a’ chaileag bhochd orra gu sùrdail, làn de na comhairlean a fhuair i; ràinig i an geata mòr ’s ghabh i a stigh. Air dhi a bhi ’dlùthachadh air an tigh faicidh i coileach-Frangach briagh a’ steòcadh a nuas ’n a coinneamh cho moiteil ’s ged a bu leis féin an oighreachd—earball sgaoilte ’s e ’cur smùid as an talamh le bàrr a sgiathan—“Ma tha Admiral ’s an dùthaich,” thuirt i rithe féin, “is e so e. Cò nach faodadh aithneachadh le ’cheum mòrail, uasal, ’s mar a tha e a’ dlùthchadh orm, comharraichidh mi gu soilleir a churrachd dearg ceart mar a thuirt mo bhana-mhaighstir. Ach is mithich a bhi bogadh nan gad’ so e ’tighinn!” Bhog an coileach a cheann mar fhìor dhuin’ uasal ’s chuir e fàilte chridheil orra. Arsa Màiri, agus i aig a’ cheart àm a’ deanadh a beic, “Tha mi á Lismòr, le ’r cead, le ’r cead.” Thug an coileach an dara miolaran as.—“Tha mi ’dol d’ an Tigh-Mhòr, le ’r cead, le ’r cead.” An treas uair thug e guileag sùnndach as, agus fhreagair Màiri, “Uibhean chearcan is gheadh, le ’r cead, le ’r cead.” Le so leig e seachad i. Rinn i a gnothach ’s thill i gun ’fhaicinn tuillidh. An uair a ràinig i dhachaidh dh’ fheòraich a bana-mhaigstir cia mar a chaidh dhi. “Chaidh gu math ’s gu ro mhath,” “Am faca tu an t-Admiral?” “Is mi a chunnaic,—an t-uasal grinn, cùirteil, agus fhreagair mi a’ h-uile ceisd a chuir e orm, ged is i Fraingis a labhair e!” MAC MHARCUIS. Rugha-nam-faoileann, Bealltainn, 1872. NITHE NUADH AGUS SEAN. CHAIDH botul portair a thairgse do Dhròbhair-each Gàidhealach ma ’n aidicheadh e an déigh dha each a bh’ aige a reic fàillinnean an ainmhidh. Chaidh am botul òl, agus an sin thubhairt e nach robh ach dà chron air an each. ’N uair a leigte e mu sgaoil bha e duilich breith air, agus ’n uair a gheibhte greim air cha robh feum ’s am bith ann. ALTACHADH EIRIONNACH os ceann mìr beag de fheòil bhruich agus gràinnin de bhuntàta beag:— O thusa a bheannaich na buillinn ’s na h-éisg Nis seall air a’ bheagan ’tha ’n so ’san dà mhéis; ’S ged nach ’eil na buntàta am meudachd ro mhòr Do na h uile an so biodh iad lìonmhor gu leòr; Oir ’s cinnteach gu ’m biodh e ’na mhìorbhuil as ùr Nan lìonadh an cuibhrionn so dhuinne ar brù. AIR do shearmoin anabarrach dhrùidhteach a bhi air a toirt seachad ann an Eaglais a mach air an dùthaich, thòisich an luchd éisdeachd uile air gal ach aon duine. Dh’ fheòraicheadh dheth-san, dé mar a bha e cho cruaidh-chridheach? Fhreagair e gur h-ann a bhuineadh esan do sgìreachd eile. THUIRT an dara seirbhiseach ri ’chompanach nach robh ach car mi-chùramach mu ’anam, “car son nach ’eil thu a’ tasgaidh ionmhais duit féin ann an Nèamh?” “Car son? Dé am feum a tha ann a bhi a’ gleidheadh ionmhais an sin far nach faic duine e gu bràth tuilleadh.” ’S i an dòigh a’s feàrr a chum cridhe duine a dhaingneachadh an aghaidh sgainneil creidsinn gu ’m bheil gach sgeul breugach nach bu chòir a bhi fìor. BHA dà uasal a’ fàilteachadh a chéile gu cridheil, ’s ’g am moladh féin air son cho stuama ’s a bha iad. “A nis, a charaid, am faca tu mise riamh,” arsa aon diubh, “le barrachd ’s a b’ urrainn mi a ghiùlan?” “O cha ’n fhaca gu dearbh,” ars’ am fear eile; “ach shaoil leam iomadh uair gu ’m b’ fheàrr duit dol dà uair air tòir na bha agad. DH’ FHEÒRAICH bean-uasal aon uair d’ a Lighiche co dhiù a bha snaosain eronail do ’n [TD 124] eanchainn? “Cha ’n ’eil,” ars’ esan, “oir cha do ghabh fear aig an robh eanchainn snaosain riamh.” SHEARMONAICH ministear ainmeil aon mhaduinn o’n cheann teagaisg, “Tha sibh ’n ’ur clann aig an Diabhul,” agus an déigh mheadhon latha o na facail, “A chlann, bithibh umhal d’ ’ur pàrantan.” THUIRT an Tighearna Mac Néill (Lord Nelson) “bha mi a ghnàth ceathramh na h-uaireach roimh ’n àm, agus rinn e duine dhiom.” AN DROBHAIR MAC THAMHAIS.* So agaibh uaigh Phara Mhic Thàmhais, Drobhair Gà’lach—baraisg gun iochd! Bho ’n Fhéill-rathainn gus an Fhéill-Mhàrtainn Là cha bhiodh Paraig fionnar bho ’n dibh! Seachnaibh a choluinn a chnuimheagan pàiteach Fòghnaidh a fàileadh gu ’r fàgail air mhisg! THA ìnntinn mhòr a’ deanamh tàir air dioghaltas. CHA ’N ’EIL esan nach gléidh rùm dìomhair airidh air caraid a bhi aige. NA pòs ach air son gaoil; ach thoir an aire nach gabh thu gaol ach air cuspair ionmhuinn. CHA ’N e cuibhrionn beag de ’n t sàtan a th’ anns an neach a tha ’g ùrnuigh ri Dia agus a’ lot a chòimhearsnaich. THA fìrinn air a breith leinn; agus feumaidh sinn aineart a thoirt d’ ar nàdur mun crath sinn dhinn ar gràdh do ’n fhìrinn. NAIDHEACHDAN. BHA Ard-Sheanaidhean na h-Eaglais Stéidhichte agus na h-Eaglais Saoire cruinn aig an àm àbhaisteach an Dunéidinn,—’s e sin an deireadh a’ Chéitein agus an toiseach an Og mhios. ’S i aon de na Ceisdean a bu chudthromaiche a bha f’an comhair, Ceisd an Fhòghluim. ’S léir duinn gu ’m bheil e ’n an rùn uile, lagh math air son fòghluim rìoghachdail fhaotainn a dh’ Alba; ach tha iad gu math eadar-dhealaichte ’n am beachdan a thaobh a’ chruth a bu chòir a dh’Achd Pàrlamaid air son fóghluim rìoghachdail a ghabhail. Tha buidheann bheag anns an Eaglais Stéidhichte aig am bheil an t-aon bheachd air a’ phuinc ris an Eaglais Chléir- *Here lies Peter McTavish, A Highland Drover, and a terrible savage, He was always drunk and never sober, From Fort William in June, to Falkirk in October†. Ye greedy worms beware of his body, For ’twill make you drunk with whisky toddy. † Fort William and Falkirk Cattle Trysts. each Aonaichte, agus ris a’ bhuidheann mhòr anns an Eaglais Shaoir. ’Si brìgh seasamh na muinntir so gu ’m fàgadh a’ Phàrlamaid aig Buill Bhòrd nan Sgìreachdan co dhiubh a bhiodh am Bìobull agus Leabhar-Aithghearr nan Ceisd air an teagasg anns na Sgoiltibh. Tha a’ bhuidheann mhòr ’s an Eaglais Stéidhichte agus a’ bhuidheann bheag ’s an Eaglais Shaoir air son gu ’m bi na Sgoilean Ura de ghné nan Sgoilean Sgìreachd a tha againn an dràsd,—gu ’m bi iad, a thaobh teagasg a’ Bhìobuill agus Leabhar-Aithghearr nan Ceisd agus nithe eile, cosmhuil riu so. ’S ann mar so a bha guth nan Ard-Sheanaidhean air a’ phuinc, agus a réir so chuir iad iarrtuis gus a’ Phàrlamaid mu dhéibhinn a’ Bhill. Tha am Bill a nis gu math roimh ’n Phàrlamaid, agus tha dòchas math d’ a thaobh gu ’n tig e roimhe. A thaobh Ceisd an Aonaidh ’s an Eaglais Shaoir thug an t-Ard-Sheanadh air a’ bhliadhna so breith a réir a’ chùrsa a bha air a ghabhail le Ard-Sheanaidhean nam bliadhnachan a chaidh seachad;—’s e sin gu ’m bheil an taobh mòr a’ leantuinn air an aghaidh, ged nach ’eil iad a’ dol cho bras, leis an aon rùn, ’s ag oibreachadh gu sàmhach cìnnteach chum na h-aon chrìche,—gu’m bi Aonadh ann, agus nach bi ro fhada thuige. A chum na crìche so bha dà ni a bha ro fheumail ri ’n oidhirpeachadh. An toiseach bha e iomchuidh gu ’n gabhadh iad air mhodh an t-Iomradh a thug an Comunn Sònruichte air an Aonadh a steach. Anns an Iomradh so bha e air a mholadh mar ni ro ionmhiannaichte gu ’m biodh cead air a thoirt do na h-Eaglaisean fa leth gairmean a thoirt seachad am measg a chéile; ’s e sin, gu ’m faodadh coimhthional anns an Eaglais Shaoir gairm a thoirt do mhinisteir anns an Eaglais Chléirich Aonaichte. Ghabh an Eaglais Chléireach Aonaichte ris an ni cheana; agus tha an Eaglais Shaor air a’ ghnothuch a chur gus na Cléiribh air fad feadh na rìoghachd chum am beachd agus an guth fhaotainn air a’ phuinc roimh ’n ath Ard-Sheanadh. B’e an dara ni oidhirp a thoirt air an Eaglais Stéidhichte a dhì-stéidheachadh. Rinn an t-Olla Rainy gluasad air a’ phuinc air son an d’ thug a’ mhòr chuid an guth. Oir tha iad ag amharc air cho fad agus a bhitheas an Eaglais Stéidhichte mar a tha i gu ’m bi an taobh beag ’s an Eaglais Shaoir a’ sealltuinn rithe le sùil chaoin, blàs cridhe, agus theagamh air son cuideachadh uaipe, no aonadh rithe fa-dheòidh. Ma ’n tachradh an ni mu dheir- [TD 125] eadh so bhiodh an t.seann Eaglais Albannach ni bu treise na an fheadhainn nach ’eil Stéidhichte ged bhiodh iad air fad ’n an aon. Tha an Eaglais Stéidhichte air an làimh eile ’g a neartachadh agus ’g a h-athleasachadh féin mar a’s feárr is urrainn di. Mar a’s mò a théid aice air so a dheanamh ’s ann a’s dorra do chàch a tilgeadh sìos. Le bàs an Olla Urramaich, Tormoid Mac Leòid, ministear a’ Bharony an Glaschu, chaill Eaglais na h-Alba an t-aon a b’ ainmeile d’ a ministeiribh. Rugadh e am Baile Cheann-Loch an Ceanntìre ’s a’ bhliadhna 1812, ’n uair a bha ’athair, “Caraid nan Gàidheal,” ’n a mhinistear ann. Fhuair e ’fhòghlum an Glaschu, an Dunéidinn, is anns a’ Ghermailt. B’ e fear de ’n fheadhainn a tha air an sònruchadh gu bhi ’searmonachadh do ’n Bhan-righ’nn, air an robh e fìor eòlach agus aig an robh mòr mheas air. Shiubhail e as a’ bheatha so air an 16mh là deug de dhara mìos an t-samhraidh, ’s e trì fichead bliadhna dh’aois. Tha mòran caoidh air feadh na rìoghachd air fad, agus gu sònruichte ann an Glaschu. Bha e ainmeil mar Albannach treun, tapaidh, le ceud-fathan mòra, feadh an t-saoghail air fad. ’S fad’ mu ’n faicear a leithid ’n ar measg a rithis. Fhad ’s a bha e beò bha aig na Gàidheil aon neach ainmeil d’ an cinneadh féin as am feudadh iad le ceartas mòr uaill a dheanamh. A thaobh Ceisd na h-Alabamai tha na còirichean neo-chuimseach air son an robh na Stàidean Aonaichte a’ tagradh an tùs ri bhi air an leigeadh seachad. Le so tha an cnap-storra a bu mhò eadar sinn féin agus na Stàidean air a thoirt as an rathad. DAN MU BHAS CHAILEIN CHAIMBEIL TRIATH CHLUAIDH. Tha airm an laoich fo mheirg ’s an tùr; Chòmhdaich ùir an curaidh treun; Bhuail air Alaba speach as úr: A feachd tròm, tùrsach, ’sileadh dheur. Mu Ghaisgeach Ghaidheil nan sàr bheairt, Fo ghlais a bhàis, mar dhùil gun toirt; Triath na Cluaidh bu bhuadhaich feairt; Ga chaoidh gu tròm, le cridhe goirt. Air oidhche ’s mi m’ laidhe ’m shuain, ’S mo smuaintean air luath ’s na dreig; Uair agam, ’sa’ n sin uam; Bhruadair mi ’bhi shuas air creig. Thoir leam gu ’n robh teachd ’nam choir, Fo bhratach bhrôin de shròl dubh Sar mhaighdean mhaiseach, mhòr; Tiamhaidh, leont’ bha ceòl a guth. Mar dhrillseadh reult, bha gorra shùil; A glan ghnuis cho geal ’s an sneachd; Bha falt donn air sniomh mu ’cùl:— Tiugh chiabha dluth nan iomadh dath. M’a ceann bha clogaid do dh-fhior chruaidh Ri barr bha dualach o’n each ghlas; A laimh dheas, chum sleagh na buaidh; Claidheamh truailte, suas ri ’leis. Sgiath chopach, obair sheòlt’, Le mòrchuis ’na laimh chlì. Luireach mhailleach, greist’ le h-òr,— Bu chomhdach do nighean righ. Laidh leoghann garg, gu stuama stòlt’ Mar chaithir dhi-modhair fo reachd:— Chuir leth-ghuth o beul seòlt A bheisd fo shamhchair, ’s fo thur smachd. Ghrad phlosg mo chridhe ’nam chòm, Fo uamhas a’s trom gheilt,— Rinn rosg tlàth o’n rìbhinn rium, Fuadachadh lom air m’ oilt. Chrom mi sios le mòr mheas Is dhiosraich mi do threin na mais’, Cia fàth mu ’n robh a h-airm na ’n crios; Mar shonn ’chum sgrios, a deanamh deas. Ged ’bha a gnuis mar òigh fo lòn, No ainnir òg ’chuir gaol fo chràdh, Sheall i rium le plathadh bròin, Measgta le mòralachd is gradh, Lasaich air mo gheilte ’s m’ fhiamh; ’N uair labhair i ’m briathraibh ciùin:— “A Ghaidheil aosda, ghlas do chiabh Mar cheatharnach a liath le ùin. Triallaidh tu mar ’rinn do sheòrs’ Chum talla fuar, reòt’ a bhàis; Eisd guth binn na deagh sgeòil, ’Toirt cuireadh glòir ri latha grais. Bha agam-sa curaidh treun— Gun chomhalt fo ’n ghréin ’am beairt: Ceannard armailt na’ mòr euchd Thug buaidh ’s gach streup, le ceill thar neart. Och mo leireadh, beud a leon Breatuinn còmhladh le ’trom lot: O’n Bhan-righ ’chum an duil gun treoir— Uile còmhdaicht’ le bròn-bhrat. Chaill m’ armailt ceannard corr, Air nàmh ’sa’ chòmh-strì toradh grath: Mar dhealan speur na ’n deigh ’s an toir; Bhiodh cosgairt leontach ’n còir a chath, Air thus nan Gaidheal, ’stiùireadh streup; Mar fhireun speur, ’an geuraid beachd; Gaisg’ leoghann garg, ’measg bheathach frith, [TD 126] Cha d’ ghéill ’s an t-srìth, a dh-aindeoin feachd. Cha chualas ceannard a thug barr An teas a bhlàir air sàr nan euchd: Misneach fhoirfidh, ’an gleachd nan àr; Tròm acain bais, o chràdh nan creuchd. Do Ghaidheil ghaisgeil, misneach chorr ’Am builsgein còmhraig, mor na ’m beachd: A’ toirt na buaidh ’sa cosnadh glòir, A dh-aindeoin seòl a’s mòrachd feachd. Mar chogadh Oscar flathail, garg; ’Us Conn ’na fheirg a’ dol ’s an spairn; Le Diarmad donn a thuit ’s an t-sealg, ’S an Sonn a mharbh an Garbh-mac-Stairn. Gach buaidh ’bha annta sud gu leir; An neart, an trein, an gleus, ’s am múirn— Bha cliù a Chaimbeulaich dha ’n reir, ’S ’dol thart an éifeachd anns gach tuirn.— Ciùin mar mhaighdeann ghràidh ’san t-sith; Uasal, sìobhalt, min ’am beus, Gaisgeil, gargant, crosg ’san t-srì; Le cumhachd righ ’cur feachd air ghleus. Fhuair e urram anns gach ceum, Thaobh barrachd euchd, ’an streup nan lann. Rinn d’ ar rioghachd ’n a feum, Air thoiseach thréin-fhir thìr nam beann. ’S na h-Innsean thug e buaidh ro mhòr, Le ’iùil ’s le seoltachd ’dol thar neart: Threòraich e na brataich shroil, ’S a’ chomhraig anns bu ghlòir-mhor beairt. C’ aite ’n cualas sparradh cath Bu bhuadhnaich sgath na Alma dhearg?— Fuil a’s cuirp air beinn ’s air srath N’ a milltean sreath, fo ’n laoch na fhearg. Fhuair’ o ’n rioghachd meas ’us gloir Anns gach doigh mar thòs-fhear cath: Dhìol ar Ban-righ mar bu choir Dha onair oirdhearg ’measg nam flath. Triath Chluaidh nam fuar shruth, Mu ’n cualas guth an Oisein bhinn, A’ caoidh nan saoidh, ’ruith dheur gu tiugh, Bha mòralach ’an talla Fhinn, Ghairmeadh air an uisge ’n sonn Mar agh nan glonn bu bhonndail còir;— Cho fad ’s a bhuaileas creag an tonn, ’S air uachdar fonn ’bhios fas an fheoir.” Chriochnaich sgeul an ainnir mhoir, Mu euchdan gloir-mhor an laoich threun; Mhosgail mi á m’ shuain le bròn; A’ sileadh dheòir gu ’m b’ fhior an sgeul. A Ghaidheil Ghlaschu, sliochd nan sonn, A dhfhuadaicheadh o thir nam beann; Da ’n dual le coir an sruth ’s am fonn;— Dhuibhse coisrigeam mo rann. Sibhs’ da ’n dealaidh am priomh shar, ’S gach euchd ’thug barr ’rinn Gaidheil riamh; Ri stiùireadh feachd san gleachd nam blàr Bhiodh buaidh na laraich sàilt’ ri ’ghniomh. Dearbhaibh gur sibh àl nan treun, Ginealach do reir nan sonn; A bhuanaich cliù thar sliochd fo ’n ghrein, ’Am blar nam beum ’s an streup nan tonn. Cumaibh cuimhn’ air laoch an airm A ghairmeadh air an abhainn Cluaidh ’S a’ meall e urram ’theid a sheirm ’S gach linn le toirm ri sgeul a bhuaidh. AONGHAS MAC-DHÒMHNUILL. SOP AS GACH SEID. Millidh airc iasad. Ceilidh gràdh gràin. Thig math á mulad. ’S e farmad a ni treabhadh. Ceisd bradaig air briagaig. Dean fanaid air do sheann bhrògan. Cha robh miann dithis air aon mhéis. Dean do gharadh far an d’ rinn thu t’ fhuarachadh. Ge cruaidh sgarachduinn, cha robh dithis gun dealachadh. ’S tric a bha claidheamh math an droch thruaill. Ged éignichear an sean-fhocal, cha bhreugaichear e. ’S feàrr a bhi leasg gu ceannach, no righinn gu pàidheadh. Comhairle caraid gun iarruidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu chòir. Cha tig an cota glas cho math do na h-uile fear. ’S duilich triubhas a thoirt o thòin luim. Biodh iadsan a’ bruidhinn ’s bithidh na h uibhean againne. Chaill e ’m baile thall ’s cha do bhuinig e ’m baile bhos. Mar thuirt Clag Scàin, an rud nach buin duit na buin da. “‘A chailleach, an gabh thu an rìgh?’ ‘Cha ghabh o nach gabh e mi’” B’ fheàrr greim caillich na tarruing laoich. “Gaoth a deas, teas is toradh; Gaoth an iar, iasg is bainne; Gaoth a tuath, fuachd is feannadh; Gaoth an ear, meas air chrannaibh.” Cha bhi tom no tulach, No cnocan buidhe feurach; Nach bi seal gu subhach, Is seal gu dubhach, deurach. TOIMHSEACHAIN. 1. Théid e null air abhainn, ’S thig e naill air abhainn, ’S gearraidh e ’m feur, ’S cha ’n ith se e. [TD 127] 2. Bothan beag is solus as ’S a dhà dhorus dùinte. 3. Oiseag bheag, bhiorach, ’S a mionach slaodadh rithe. 4. Muc dhubh a steach an dorus, ’S cnàimh duine ’n a beul. 5. Bha i ’n Eirinn, ’s bha i ’n Ros, ’S bha i ’s a’ bheinn éibhinn chais, ’S bithidh i ’s a’ bhaile so ’n nochd, Bean a rinn crios m’ a cois. 6. Bò mhaol odhar air an tràigh, ’S laogh ’n a gobhal ’s i gun dàir. 7. Théid mi do’n bheinn, a chromada chruim, ’S cha ’n ’eil anns a’ choill, a chromada chruim, Nach leag mi le m’ dhruim, a chromada chruim. 8. Cha mhac peathar no bràthar dhomh e, Cha mhac athar no màthar dhomh e, Ach ’s i mo mhàthair-se, ’Bu mhàthàir do mhàthair an fhleasgaich. Dé ’n càirdeas a bh ’aice ris? 9. Slat chaol, chaol, Ann an taobh tigh an tuairnir, ’S cha ’n ’eil air an t-saoghal, Na dh’ fhaodas a gluasad. 10. Tha toimhseachan agam ort, Cha ’n e d’ fhionnadh, ’s cha ’n e d’ fhalt, No aon a bhallaibh do chuirp;— Tha e ort ’s cha tomhais thu e. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns a’ cheathramh Aireamh do ’N GHAIDHEAL. 1. Poit. 2. Ceò. 3. Gunna. 4. Na Tonnan. 5. Am Bàs. 6. Am Bogha-frois. 7. Litir. 8. Loinid. 9. Clàir Tuba. 10. A’ chlach-stéidh. 11. Cù air an robh “Idir” mar ainm. 12. Uisge-beatha. FREAGAIRTEAN. Do I. MAC MHARAH.—Bidh “Freagradh Gaoil” do “Fhàilte Gaoil” “LILIDH NAN GLEANN” ’s an ath Aireimh. Do M. MAC M.—Bha e ’n a aobhar gearain leinn féin cuideachd nach d’ thàinig AN GAIDHEAL a mach ni bu luaithe. Bidh e an àm as a dhéigh so. DUANAN BROIN Air Bàs Thormaid ’ic Leòid. A Leòdaich Urramaich ’bu bhinne cliù ’Tha nis an dùthaich anns nach rìoghaich pian Tha clann nam Fiann ’g ad chaoidh le deuraibh fial’! Tha ’n gearan cian air son mar chuir thu cùl Ri saogh ’l neo-chiùin, ’s nach dìon thu iad o thnù Nan Gall ni ’s mò! Do chridhe gaoil bha riamh A’ lìonadh thairis le fìor sheirc, ’s le miann Air math do chàch. Dheàrrs thu mar shoillse iùil Troimh shaoghal dùbhrach ’s am bheil stiùradh dall. Tha thusa thall, ’s is faoin ar cumha guil;— Trom sgàile thuit; ’s cha téid ar fradharc fann Troimh ’n doille thruim ’tha ’snàmh os ceann na tuil’; A’ pàilliun corporr’ dh’ iadh thu troimh ’n bhrat-roinn Gu tìr nan spiorad ’s am bheil caoidh air sgur. Niall Mac Néill. [TD 128] EILEAN AN FHRAOICH. Tha Leòghas bheag riabhach,—bha i riamh ’s an Taobh Tuath,— Muir tràghaidh is lìonaidh ’g a h-iadhadh mu ’n cuairt; ’N uair a dheàrrsas a’ ghrian oirr le riaghladh o shuas Bheir i fàs air gach sìol air son biadh dh’ an an t-sluagh. FONN:— A chiall nach mise ’bha ’n Eilean an Fhraoich! Nam fiadh, nam bradan, nam feadag, ’s nan naosg! Nan lochan, nan tòban, nan òsan ’s nan caol— Eilean innis nam bò, ’s àite-còmhnuidh nan laoch! An t-Eilean ro mhaiseach, gur pailt ann am biadh; ’S e Eilean a’s àillt’ air ’n do dhealraich a’ ghrian; ’S e Eilean mo ghràidhs’ e, bha ’Ghàilig ann riamh; ’S cha ’n fhalbh i gu bràth as gu ’n tràigh an Cuan Siar! ’N àm éiridh na gréine air a shléibhtibh bidh ceò, Bidh ’bhanarach ghuanach ’s a’ bhuarach ’n a dòrn Ri gabhail a duanaig ’s i ’g uallach nam bò ’S mac-talla nan creag ri toirt freagairt d’ a ceòl. Air feasgar an t-samhraidh bidh sùnnt air gach spréidh; Bidh ’chuthag is fonn oirr’ ri òran di féin; Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air géig, ’S air cnuic ghlas’ is leòidean uain òga ri leum. Gach duine ’bha riamh ann bha ciatamh ac’ dha, Gach ainmhidh air sliabh ann, cha ’n iarr as gu bràth; Gach ian ’théid air sgiath ann bu mhiann leis ann tàmh; ’S bu mhiann le gach iasg a bhi ’cliathadh ri ’thràigh. Nam faighinn mo dhùrachd ’s e ’lùiginn bhi òg, ’S gun ghnothach aig aois rium fhad ’s a dh’ fhaodainn bhi beò; Bhi ’n am bhuachaill’ air àiridh fo shàil nam beann mòr’ ’M bad ’s am faighinn an càis’ ’s bainne blàth air son òil. Cha ’n fhacas air talamh leam sealladh a’s bòidhch’ Na ’ghrian a’ dol sìos air taobh siar Eilean Leòghais; ’N crodh-laoidh anns an luachair, ’s am buachaill’ ’n an tòir, ’G an tional gu àiridh le àl de laoidh òg’. Air feasgar a’ gheamhraidh théid tionndadh gu gnìomh Ri toirt eòlais do chlainn bidh gach seann duine liath; Gach iasgair le ’shnàthaid ri càradh a lìon, Gach nighean ri càrdadh ’s a màthair ri snìomh. B’e mo mhiann bhi ’s na badan ’s ’na chleachd mi bhi òg, Ri dìreadh nan creag anns an neadaich na h-eòin; O’n thàinig mi ’Ghlascho tha m’ aigneadh fo bhròn, ’S mi ’call mo chuid claistneachd le glagraich nan òrd. M. MACLEÒID. [TD 129-138] Tha Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 139] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] CEUD MIOS AN FHOGHARAIDH, 1872. [6 AIR. AN T-OLLA MAC LEOID. Chaochail an duine ainmeil so air latha na Sàbaid, an 19mh do ’n mhìos so chaidh. Is mar a sgaoil an naigheachd, bha do-bhròn anns gach cridhe, agus tiamhachd air gach aghaidh. Oir cha robh iad ach tearc, ma bha iad idir ann, air an robh an dùthaich cho eòlach agus cho gaolach ’s a bha i air Tormoid Og MacLeòid, Ministeir ùrlabhrach, sgìreachd a Bharoni. Cha b’ ann a mhàin am measg muinntir na h-eaglaise Stéidhichte, anns an robh e ’n a mhinisteir cho ainmeil agus cho foghainteach a bha caoidh air a deanadh air a shon, ach bha an dùthaich gu léir, do gach ainm agus aidmheil a dh’ aon inntinn ann an togail fianuis gu ’n do thuit curaidh treun is gu’n robh caltachd mòr air teachd air an rìoghachd tre bhàs an Diadhair Urramaich so. Nochd a’ Bhan-righ féin air iomadh dòigh cho goirt ’sa bha a cridhe tlàth is cho trom is a dh’ fhairich i am buille a thuit, mar a ghabh esan, a thug iomadh uair comhfhurtachd agus misneach dhi féin ann an uair a bròin is a dorchadais spioradail, a thuras do “thìr na dì-chuimhne.” Cha b’e mhàin gu ’n do chuir i litir fhada, làn do chomhfhurtachd Chriosdail, agus do cho-fhaireachdainn bhlàth, a chum càirdean brònach an neach a dh’ fhalbh, ach chuir i féin agus a dà mhac Fir-ionaid a chum a thòrraidh, agus comharraidhean gràidh uaipe féin agus na buill òga do ’n teaghlach rìoghail. Cha ’n ’eil iad ach tearc da rìreadh air am bheil urram do ’n t-seòrsa so air a chur. Ach cha deachaidh riabh onoir a chur air neach a b’ fhearr an airidh na Tormaid MacLeòid. Ach cha b’ ann a mhàin am measg uachdrain agus dhaoine mòra a bha caoidh air a deanadh air a shon, is a bha ainm is a chliù aithnichte, ach anns na caol shràidean agus na bothain bhochda, far an tric a thàinig e mar ghath gréine a toirt soluis a’s sòlais gu iomadh leapa bàis, bha e air a mhothachain gu ’n robh fìor charaid agus dearbh bhràthair air a thoirt air falbh. Is air an aobhar sin bha sealladh air fhaicinn air latha a thòrraidh a leig ris mar a ghluais a bhàs-san cridhe mòr na dùthcha gu léir—Chruinnich na mìlltean gu am meas air a chliù, is am bròn air son a chall a thaisbeanadh, Bha Bàilidhean agus Luchd Riaghlaidh a’ bhaile an sin, Luchd-teagaisg an Oilthigh le deise a dhreuchd air gach aon diubh, Ministeirean an t-soisgeul, do gach aidmheil, is uailsean as ìlsean do gach seòrsa. Is a bharr air na bha lathair aig an tòrradh, bha na mìlltean eile ag amharc air a ghiùlan thiamhaidh, is air gach aghaidh bha bròn agus mulad air am faicinn gu soilleir. Is iomadh aghaidh fhearail a bha fliuch le tuil thaosgach a bhròin, mar a chuimhnich iad nach cluineadh iad a chaoidh tuillidh guth oscarra caoimhneil, an Olla Leòdaich a sparradh dhachaidh le dùrachd tairgse ghràsmhor an t-soisgeil. Air an t-sàbaid an déigh a bhàis, bha iomradh air a dheanadh air a chliù a’s air a’ chall a thàinig air an rìoghachd, anns gach crannaig ach gann ann am baile Ghlaschu. Labhair aon no dha do na ministeirean as ainmeile ’san Eaglais Shaoir, ann an dòigh dhealasaich, dhìleis, bhlàth, mu dheibhinn, is thog iad fianuis ghrádhach air a’ mheas mhòr a bha aca air, mar mhinisteir dìleas do Chrìosd, is mar dhuine air an do bhuilich Dia [TD 140] tàlanta mòra nàdurra agus gibhtean a ghràis ann am pailteas. Is cha robh an Eaglais Chléireachail Aonaichte (U.P) an Eaglais Easbuigeach, na Baistich is na h-Eaglaisean eile ’s a’ bhaile, air deireadh air na h-Eaglaisean Suidhichte agus Saor, ann an togail fianuis gu ’n do thuit da rìreadh “ceannard ann an Israel,” is gu ’m bu shaighdeir dìleas do ’n Ard Cheannard, a bha ’s a’ chaomhan chrìosdail a bha air iomachd dhachaidh gu fois. Bha so uile a’ dearbhadh airidheachd is mòr bhuadhan a’ Ghàidheil ainmeil so, is a’ leigeil ris ged a bha e ceangailte ri aon Eaglais, d’ an d’ thug e gràdh agus sin le dùrachd mhòr, gu ’m buineadh e do ’n dùthaich gu léir, is tha e ’n a fhianuis ro thaitneach air an dòigh anns am bheil sluagh Chrìosd ’n an aon, ged a dh’ fhaodas roinnean a bhi eatorra ’s an leth a muigh. Cha ’n ’eil air an aobhar sin lethsgeul sam bith feumail air son iomradh sònruichte a thoirt air a’ leithid so do dhuine anns ‘A’ Ghàidheil.’ Gu sònruichte a chionn is nach be mhàin gur mac Gàidheil a bha ann, ach gum b’ fhìor Ghàidheal e féin a b’ urrain cànain aosda a dhùthcha a labhairt is a leughadh gu fileanta réidh, is aig an robh gaol mòr do thìr nam beann is d’a cleachdainnean. Rugadh Tormod MacLeòid ann an Ceannloch Chille Chiarain ann an Ceanntire, Earraghàidheal, air an treas latha do mhìos meadhonach an t-samhruidh, anns a’ bhliadhna 1812. Bha athair aig an ám ’n a mhinisteir ’s a’ bhaile sin, mu ’n d’ thàinig e do sgìreachd Champsie, far an robh e ré mòran bhliadhnachan mun do ghluais e gu Eaglais Challum Chille an Glaschu. Bha an aon ainm air an athair is air a mhac. Agus is ainm e air am bheil gach Gàidheal eòlach, is mu am bheil gach aon a labhras a’ Ghàidhlig moiteil mùirneach. Oir dhearbh seann Tormod MacLeòid, gu ’n robh e anns gach dòigh àiridh air an ainm leis am bi e air aithneachadh cho fhada ’s a bhitheas diog Ghàidhlig air a labhairt, no facal di air a leughadh, se sin “Caraid nan Gàidheal.” Is bha a mhac mar an ceudna ro mhùirneach mu na Gàidheil. Oir is ann ’n am measg a chaidh a thogail ann an tùs òige. ’N uair bha e ’na bhalachan òg chaidh a chur do ’n Mhòrairne, a chum a sheanar, d’ am b’ ainm mar an ceudna Tormod MacLeòid, a bha ’n a mhinisteir anns an sgìreachd sin. Is dhearbh e cho domhain is a rinn coimhneas agus cleachdainnean nan Gàidheal greim air inntinn, anns an leabhar a chur e mach o chionn beagan bhliadhnachan air an d’ thug e mar ainm “Cuimhneachan na sgìreachd Ghàidh’lich.” Mar a dh’ fhàs e suas chaidh a chur do ’n Oilthigh, a chum a dheasachadh air son na ministreileachd. ’S ann an Glaschu agus an Dun-Eidin a fhuair e ’fhòghlum. ’N uair bha e an Glaschu ’na Oileanach, bha Gilleasbuig Caimbeul Tait, a tha na àrd Easbuig Chanterburi am measg a chompanaich. Ann an Dun-Eidin bha e bho theagasg an fhìor dhuine ainmeil agus mhaith sin, de am bheil gach Albannach moiteil, gaolach, an t-Olla Chalmers. Bha gràdh mòr aig an duine chliùiteach sin do Thormod MacLeòid. Is ged a bha iad mu dheireadh ann an Eaglaisean a bha dealaichte o cheile cha do bhàsaich am meas a bha aca air a chéile, no an càirdeas a bha eatorra. Chaith e bliadhna, no còrr, d’a ùine air tìr mòr na h-Eòrpa mu ’n d’ iar e cead searmonaiche. Air dha tilleadh dhachaidh chaidh a chur air leth a chum dreuchd na ministeirealachd, is cha robh e fada gus an d’ fhuair e gairm gu bhi ’n a mhinisteir ann an Sgìreachd Londoin. Bha so ’s a’ bhliadhna 1838. Ré na h-ùine a bha e ’s an sgìreachd so rinn e obair le dùrachd is eud a choisinn dha cliù o gach neach, eadhon uathsan nach robh, aig an àm, dheuchaineach sin, air an aon taobh ris féin air na ceisdean gluasadach a bha air an deasboireachd ann an cùirtean na h-eaglais. Anns a’ bhliadhna 1843, chaidh e do Dhal-a’ [TD 141] ché far an robh e ’na mhinisteir dùrachdach dìleas ré ochd bliadhna. Anns a’ bhliadhna 1851 fhuair e gairm o chothional a’ Bharoni, gu bhi ’na aodhair orra an àite an Olla Mac ’Ille Dhuibh, a chaochail goirid roimhe sin. Anns an sgìreachd fharsuing, mhòr-shluaghach sin rinn e ’dhleasdannas air dòigh a dhearbh air modh sònruichte àilleachd nam buadhan a bha air am buileachadh air, is a bha ro-bhuanachdar do dh’ aobhar Chrìosd am measg mìlltean mi-shuimeil baile mòr Ghlaschu. Chuir e suas Eaglaisean anns gach ceàrn do ’n sgìreachd far nach robh cothrom aig a phobull feitheamh air meadhonan gràis, is bha e an còmhnuidh deas gu gnùis a thoirt do gach oidheirp a bha air a deanadh gu cor an t-sluaigh a dheanadh ni ’s feàrr. Comharraichte am measg nam meadhonan a ghabh e air son feum an t-sluaigh bha an t-seirbhis fheasgair a bha aige air gach Sàbaid air son muinntir ann an aodach obair. Ma ’n tigeadh neach a chum na seirbhis sin le cota dubh suasmhor air, bha e air a thilleadh aig an dorus.—Bha trìd so àireamh mhòr air an cruinneachadh a steach, de mhuinntir a bha air tuiteam air falbh o bhi ’feitheamh air an Tighearn’ ann am meadhonan nan gràs. Tha iad lìonmhor ann a tha nis le an deagh chaithe beatha a’ dearbhadh gu’m bheil iad “a’ giùlan toradh sìochail na fìreantachd” a bha trìd na seirbheis so air “an spìonadh mar àithnean ás an losgadh.” Cha ’n ’eil iad ach tearc an àireimh a tha idir cho comasach ann an rathad an dleasdanais mar mhinisteirean ’s a bha Ministeir cliùiteach a’ Bharoni. Ach cha do stad obair aig a so. Rinn e ’dhleasdanas mar mhinisteir air dhòigh chomharraichte, ann an cumhachd, dìlseachd agus bith-dheanadh. Gidheadh am measg nan oibre lìonmhor aige, fhuair e ùine gu mòran a sgrìobhadh, is gu iomad leabhar a chur a mach. ’N uair a bha e ’na fhìor dhuine òg, thòisich e air cur a mach leabhraichean, as air a bhi ’na fhear-deasachaidh. Am measg nan leabhraichean aige tha an fheadhainn a leanas. “An t-oileanach dùrachdach,” anns am bheil e air beatha Mhr. Iain Mhic an Tòisich, a bha ’teachd a mach mar mhinisteir anns an Eaglais Shaoir innseadh. Tha ni còmharraichte mu’n leabhar so gu ’n d’ thug e do ’n Eaglais Shaoir a h-uile sgillinn bhuanachd, (a ràinig caigionn chiadan punnd Sasunnach) a bha aige o reic an leabhair so. Sgrìobh e mar an ceudna “An sgoil aig an tigh” air a chur a mach ’s a’ bhliadhna 1856. “Deborah,” 1857. “An Snàthain òir,” 1861. “An sean cheannard airm ’s a mhac,” 1862. “Paipeirean Sgìreachd,” 1862. “Gu’n Ear, 1866, “Eastward,” anns am bheil e ’toirt cunntais thaitneich air turus a thug e do dh’ fhearan a gheallaidh is do ’n Eiphit. Thug e cùnntas ro-thaitneach, ann an leabhar a chuir e mach an uiridh, air an turus a thug e air iarrtus na h-Eaglais o chionn thrì bliadhna, do dh’ Innsibh na h-aird-an Ear, a choimhead na missionaries. Chuir e mach mar an ceudna “Daibhidh Beag,” agus “An Truideag” is bha e ’na Fheardeasachaidh aig “Na deagh Fhocail” a tha ’teachd a mach gach mìos. Mar so chì sinn gu’n do chaith e a bheatha gu saothrachail, is nach do chaomhain e e féin. Tha gach aon do na h-oibrean sin a’ leigeil ris cho òirdhearc is a bha na buadhan ìnntinn aige, is mar an ceudna cho farsuing ’s a bha a cho-fhaireachdainn, is cho blàth ’s a bha a chridhe. Cha ’n ’eil neach a leughas na leabhraichean sin, nach mothaich grádh a’ dùsgadh ’n a chridhe dhasan a sgrìobh iad. Ach is ann mar Fhear-labhairt a bha cumhachd comharraichte aige thar inntinnean sluaigh. B’ urrainn dha a réir a mhiann muinntir a dhùsgadh gu luathghaire ait, no an gluasad gu deòir a shileadh. Cha ’n ’eil neach riabh a chuala e a leigeas gu grad air dì-chuimhne na briathra cumhachdach a bhitheadh gu fileanta réidh a’ froiseadh o ’bhilean. Bha e air leth cumhachdach ’s a’ chrannaig is anns an [TD 142] talla far am biodh labhairt ri ’dheanadh. Ach ’sann an uair a choinnicheadh neach air leis féin ann an uaigneas, a bha buaidh air leth aige, is a bha fìor mhaitheas agus cumhachd an duine ri am faicinn. Dh’ fhaodadh iadsan a chuala e a’ labhairt am folais, meas as urram a thoirt dha, ach bheireadh gach neach a bha eòlach air, is a choinnich tric an uaigneas e, gràdh teth dha á cridhe dùrachdach. Bha e cho iriosal, caoimhneil, teò-chridheach; cho làn do cho-fhaireachdainn ri deuchainnean, agus cruadalan muinntir eile, cho deas gu e féin a chur as a ghabhail air son an uallaich aca aotromachadh, nach robh e comasach do neach air bith a b’ aithne e gu ceart, gun ghràdh a thoirt dha. Dh’ fhaodadh neach a bhi do chaochladh barail ris air iomadh puinc ach cha ’n ’eil aon a b’ urrainn àicheadh nach robh gràdh dùrachdadh, fìor, aige do Chrìosd, agus eud domhain aige air son a ghlòirsan a chur am meud. Ma bha e fìor mu neach riamh, bha e fìor mu Thormod MacLeòid “gu ’n robh gràdh Chrìosd ’g a cho-éigneachadh.” B’ e rùn agus miann a chridhe an còmhnuidh a bhi ’deanadh maith d’ a cho-chreutairean as a bhi ’g an treòrachadh gu eòlas air an neach ud a bha comasach air beatha a thoirt dhoibh. Is ma bha e mar so iarrtasach air a dhleasnas a dheanadh a thaobh a dhreuchd is oibribh eile, cha do dhearmad e na dleasdanais a bha luidhe air mar mhac, mar fhearpòsda, agus mar athair. Is ainneamh teaghlach anns an robh gràdh is carantachd air an nochdadh a thaobh gaol a chéile mar bha iad ’s an teaghlach aigesan. B’ urrantar mòran a ràdh mu dhéibhinn so, ach is ni ro naomha air son sùilean an t-saoghal dìomhaireachd an teaghlaich Chrìosdaidh, is air an aobhar sin gabhaidh sinn tharais air a sin. Chaidh iomadh onair chur air rè a bheatha. Bha e an dlùth chaidreamh is chàirdeas ris a, Bhan-rìgh is r’a teaghlach. Bha e ann am meas àrd a measg a bhràithre anns a’ chléir, a bhuilich air an onair as àirde a tha aig an Eaglais Chléireachail ri thoirt seachad le a dheanadh ’na Ard Cheann-suidhe air an Ard-Sheanadh. Ach cha do mhùgh aon do na nithean sin an cridhe blàth, aige, le a bhi ’g a lìonadh le àrdan. Bha e gu crìoch a bheatha iriosal càirdeil, is mar so a’ dearbhadh nach b’ urrantar na buadhan àrd cinn is cridhe a bhuineadh dha mar fhìor Ghàidheal a mhilleadh. Ma bha ni air bith as an do rinn e uaill is ás an robh e bòsdail, b’e so e, gu’m buineadh e do Fhinneachan cliùiteach tìr nam beann. Cha bhi e furasda an t-àite a dh’ fhàg e falamh a lìonadh, is cha ’n fhaic sinn an cabhaig a shamhuil a rithis. Tha e nis ’n a chadal ri taobh “Caraid nan Gàidheal,” fo sgàile nam beann, ann an cladh Champsi, anns an leapidh chaol, far am bheil fois aig luchd alabainis sgìs. Slà leis. Dh’ fhàg e dìleab luachmhor againn ’na eiseimpleir. Eiseimpleir a tha ’labhairt ruinn ’s ag ràdh “Bithibh suas mata ’s ag obair Le cridh’ gun gheilt roimh chruas an t saoghail A’ sior leantuinn ’s a’ sìor-bhuidhinn ’Fòghlum, faighidin is saothair.” Glascho, Mìos deireanach an t-Samhraidh, 1872. R. B. DUBH-A’-GHIUBHAIS. Anns na làithibh a dh’ fhalbh bha Alba gu léir còmhdaichte le coille ghiubhais. Chunnaic rìgh Lochlainn seo, agus bha mòr fharmad air ris na h-Albannaich, oir bha iad a’ milleadh a chuid fhéin malairt, agus chuir e roimhe gu ’m faigheadh e teine chur ris na bha choille ’n Alba. Mar seo bha. Chuir e a nighean a dh’ionnsachadh na “Sgoile-Duibhe;” agus an uair a bha i air a fòghlum, chuir e air tìr i ann an Alba, agus a h-ultach làn de theine. Leis an ultach sin, shìn i air cur teine ris na bha de choille ’n Alba. Ach cha deach i fad air a h-aghaidh ’n uair a chunnaic na h-Albannaich nach bu chreutair Crìosdail a bh’ innte, agus ’sann a dh’ fheuchadh iad an robh rian air a glacadh. A dh’ aindeoin an cuid [TD 143] innleachdan cha ghlacadh iad Dubh-a’-Ghiubhais (oir ’s e sin an t-ainm a thug na h-Albannaich oirre, thaobh ’s gun robh i cho dubh le ceò a’ ghiubhais a bha i ’cur ’na theine). Nam faigheadh iad idir am fagus di, dh’ éireadh i air iteig, agus cho luath ’s a bhiodh i gu maith suas anns an iarmailt bha nial ag iadhadh mu ’n cuairt di, ’s ’ga folach o gach neach a bh’ air an talamh. Mar seo bha i ’gabhail air a h-aghairt, agus bha e ’na dhubh-fhocal air na h-Albannaich cia mar a gheibheadh iad a cur gu bàs. Latha dhe na làithean ’s ann a smuainich duine de mhuinntir Loch-bhraoin air innleachd gu cur ás di, nach cualas riamh roimhe a leithid. Thuirt an duine seo, gu ’n robh Dubh-a’-Ghiubhais eòlach air spréidh bho h-òige, agus na ’n rachadh ’àl féin a thoirt o gach seòrsa beathaich, ’n uair a chitheadh iad Dubh-a’-ghiubhais anns an nial, gu ’m faodadh i teàrnadh gu talamh. Mar seo bha. Chaidh mòran spréidhe ’thional air Achadh-bad-a’-chruiteir ’am bràighe Chilldonnain, ann an Loch-bhraon, agus air do ’n t-sluagh an nial anns an robh Dubh-a’-ghiubhais fhaicinn, ghrad thearb iad an t-àl òg o ’màthraichean, ’s ma thearb! ’s ann an sin a bha ghleadhraich—gach bò a’ geumraich, gach làir a’ sitirich, gach caora ’méilich, gach gobhar a’ meigeadaich, ’s gach seòrsa beathaich eile ’sireadh an gnè féin. Chuala Dubh-a’-ghiubhais am fuaim ’s an troimhe-chéile ’bh’ air an achadh, ’s théirinn i, ach cha bu luaithe ’bhuin a buinn ris an talamh na chaidh a tilgeadh le saighead. Laidh i marbh ann an sin, agus cha robh fhios co a dh’ adhlaiceadh i. Aig an àm bha dà long Lochlainnich ann an Camus-nan-Gall; agus air dhaibh cluinntinn gu ’n d’ fhuair nigheanan rìgh bàs, chaidh an dà sgioba a dh’ iarraidh a cuirp. Chuir iad ’an caiseal-chrò e; agus ghiùlain iad e a chum na luingeis. Sgaoil iad an cuid sheòl; ach cha bu luaithe ’sgaoil, na dh’ éirich an doinnion bu ghailbhiche ’chunnaic mac duine riamh. B’ éiginn tilleadh. An ath là, thug iad gu falbh, ach dh’ éirich an doinnion cho mòr ’s a bha i riamh. Dh’ aindeoin cho tric ’s a bheireadh iad gu falbh, bha an aon mhi-shealbh a’ tighinn ’n an car. Agus air dhaibh géilleadh thòrr iad Dubh-a’-ghiubhais ann an Cill-donnan. Sheòl iad á sin do Lochlainn, agus air an t-slighe, fhuair iad an soirbheas a b’ fheàrr a fhuair iad riamh. Dh’ innis iad do ’n rìgh mar ’thachair. Bha e fo mhòr bhròn; agus sin gu h-àraid, air son nach robh duslach a nighinn ’na laidhe ’an ùir Lochlainn. Chuir e ’n dà long cheudna air an ais luchdaichte le ùir Lochlainnich; agus ràinig iad Cill-donnan. ’S cha bu luaithe ’ràinig iad na ’chuir iad an ùir air tìr, agus chàirich iad Dubh-a’-ghiubhais innte; agus an neach leis a’ miannach chì e a h-uaigh gus an latha ’n diugh. [Dh’ innis mise a nise ’n sgeula mu Dhubh-a’-ghiubhais, agus ma ’s a breug uam e, ’s breug thugam e.—IAIN MOIREASTON.] EACHDRAIDH NA SMUID-SHOITHEACH. LE IAIN MACILLEBHAIN. Cluinnear am beul gach duine gur lìonmhor agus gur iongantach na h-ùr-innleachdan agus na h-atharrachaidhean a ghabh àite ’n ar linn ’s an dùthaich, ach is tearc ’n ar measg na ’s urrainn ìnnseadh cuin, c’ àite, no co leis a thòisich mòran diubh. Tha mi anns na leanas gu oidhirp a thabhairt, gu h-ath-ghearr an cainnt mo dhùthcha, air cùnntas a thabhairt air aon do n’ is comharraichte a ghabh àite riar cuimhne, cha ’n e mhàin ’n ar rìoghachd fèin ach anns an t-saoghal. Tha beachd agam gu math an uair a bhitheadh muinntir gu dol do Ghlaschu o’n cheàrna so d’ an dùthaich,* a bhi ’g an cluinntinn ag ràdh gu ’m bu truagh gu’n robh a choimhlion loch ’s an rath- *Sgrìobhadh so ann an Eisdeal. [TD 144] ad,—nach bu ni ’s am bith leò an t asdar mar bhi na h-aisig. Is ann a tha daoine ’nis air caochladh am beachd cho mòr ’s gur ann a tha iad a’ caoidh gu’m bheil fearann Chinntìre anns an rathad,—gum b’ fhearr gu ’m b’ uisge an t-slighe gu h-iomlan, ’s gu ’m faighte air aghart na bu luaithe, na bu shaoire, agus na bu shocaire no air sheòl ’s am bith eile. M’ am b’ urrainn so a bhi b’ éiginn gu ’n d’ fhuair daoine dòigh a’s feàrr air siubhal air an uisge na bha aca riamh roimhe. Cha ruig mi leas ìnnseadh gu ’n d’ fhuair no gur h-i ùr-innleachd na Smùid-shoitheach a rinn an t-atharrachadh. Shaoileadh duine nach bitheadh e doirbh ’fhaotainn a mach co ’rinn a cheud smùid-shoitheach, a tha cho eadar-dhealaichte o gach soitheach eile, ach cha ’n ann mar sin a tha. Cha ’n e mhàin gu ’n robh mòran dhaoine fa leth, ach bha rìoghachdan a’ sanntachadh ’s a’ strì ri ’dheanadh a mach gur h-ann doibh a bhuineadh cliù agus ainm ùr-ìnnleachd cho comharraichte. Tha na Spàinntich toileach a chur an céill gur h-ann doibhsan a bhuineas ùr-ìnnleachd na smùid-shoitheach, a chionn gun d’ fhuair iad anns a’ bhliadhna 1826, ann an tigh-tasgaidh, paipeir sgrìobhta a bha ’toirt cùnntais mu fhear d’ am b’ ainm Blasco de-Garay a rinn, anns a’ bhliadhna 1543, ìnnleachd a chur ann an soitheach a chuireadh gu seòladh gu siùbhlach le coire de uisge goileach. Shaoileamaid n’ am b’ fhìor so gu ’n cuireadh iad gu feum e anns a’ bhliadhna 1588, an uair a thug iad an ionnsaidh air Sasunn leis an Armada mhòir. Is i mo bharail an àite toiseach a bhi aca gur h-ann a bha ’s a tha iad fathast fada air deireadh air na coimhearsnaich ’s a’ chùis. Is gann a chluinnear iomradh idir air smùid-shoitheach Spàinnteach, agus tha e mòran ni ’s coltaiche gu ’n d’ rinn iad am paipeir anns a’ bhliadhna 1826 na gu ’n do rinn iad smùid-shoitheach anns a’ bhliadhna 1543. Tha Sasunn ag agradh còir air an ùr-ìnnleachd a chionn gu ’m faighear ann an leabharan beag a sgrìobh Iarla Worcester anns a’ bhliadhna 1665, gu ’n gabhadh smùid-ìnnleachd cur ann an soitheach a bhitheadh ro ùiseil a chum loingis a shlaodadh a stigh no mach á acarsaidean, ach cha chluinn sinn gu ’n deachaidh so ceum ni b’ fhaide na bhi an sgrìobhadh agus mar sin cha ’n airidh e air a bheag de shuim. Tha iad a’ toirt oidhirp eile ann a bhi ag ìnnseadh gu ’n d’ fhuair fear Jonathan Hulls anns a’ bhliadhna 1736, Litir-Rìgh* air son gu ’n robh e gu soitheach uidheamachadh le smùid-innleachd a sheòladh loingis an aghaidh sruith agus soirbhis, ach cha mhò ’tha cùnntas air bith gu ’n deachaidh so riamh ’fheuchainn: faodar uime sin a chur a leth-taobh mar ubh anns nach robh gur, agus gu cinnteach ás nach d’ thàinig riamh eun. An àite muinntir Shasuinn a bhi ’feuchainn a thoirt air daoine a chreidsinn gu ’n robh làmh aca ann an ùr-ìnnleachd na smùid-shoitheach, b’ fheàrr dhoibh gun a bhi a’ brosnachadh dhaoine gu bhi a’ rannsachadh ro mhion ’s a’ chùis, oir faodar a thilgeadh orra nach e mhàin nach robh iad air thoiseach, ach gur ann a bha iad bliadhnachan air deireadh air Albainn. Is ann á Glaschu a chaidh a cheud smûid-shaoitheach a bha riamh ann an Sasunn. Toiseach an t-samraidh anns a’ bhliadhna 1815, thàinig Captain Dodds le sgioba á Lunnainn a cheannach té dhiubh. Fhuair e an Elizabeth. Dhubh e dhi an t-ainm is ’n a àite chuir e air a deireadh an Thames. Sheòl e leatha rathad Eirinn agus mu ’n cuairt ìochdar Shasuinn is i ’na h-ioghnadh do na chunnaic i. Ràinig i Plymouth mu mheadhon an t-samhraidh far an d’ fhuair i latha a thoirt cothroim do luchd-riaghlaidh a chalaidh a faicinn agus a feuchainn, is i ’n a sealladh do mhìltean nach faca ’s nach cuala a’ bheag de iomradh riamh air a leithid. An ath latha sheòladh leatha gu Portsmouth far an do *Patent. [TD 145] chruinnich na mìltean ’s na deich mìltean g’a faicinn—gach neach diubh a’ meas na Thames ’na h-ioghnadh do-labhairt. An àm dhi ruigheachd bha luchd-riaghlaidh na Cabhlaich Bhreatannaich*cruinn ann an cùirt ’s cha d’ fhan iad ri sgaoileadh na cùirt, ach ruith iad a mach mar chloinn á tigh-sgoil a dh’ fhaicinn seallaidh nach fhacas a leithid riamh roimhe, agus iad fo eagal nach beireadh iad air fhaicinn a rithisd. Dh’ fhan an Thames latha ann am Portsmouth far an d’ thàinig coisiridh rìomhach air bòrd—ceithir àrd-cheannardan loingis, mòran mhnathan uaisle, saighdeirean mara agus buidheann de luchd-ciùil; ach bu bheag d’ an ceòl a chluinnte an àm dol seachad air loingis na cabhlaich a bha ’sa’ chaladh, le àrd-chaithream nan seòladairean a bu leòir a dhùsgadh mhic-talla féin as a shuain. An àm pilleadh mu fheasgar bha gach neach a’ moladh buaidhean a’s murrachas na Thames. An déigh so shaoileamaid nach ruigear leas a bhi ’cosd cainnt ann a bhi ’dearbhadh nach buin an ìnnleachd do Shasunn. Na ’m bitheadh dad de ’n t-seòrsa roimhe so aca féin, cha deanadh iad a leithid de othail ri aon a thigeadh á Albainn. Is iad na h-Americanaich is dlùithe a dh’ fhaodas dol air cliù agus creideas na h-ùr-ìnnleachd a thoirt uainn. Is iad gun teagamh a chuir gu feum an toiseach i. Rinn fear dhiubh d’ am b’ ainm Robert Fulton, anns a’ bhliadhna 1807, smùid-shoitheach d’ am b’ ainm an Clairmont a chur gu gleus air an abhainn mhòr an Hudson agus b’ e so a’ cheud chosnadh a chaidh a dheanadh riamh leò. Cha robh iad air an cur gu ùis an Albainn roimh ’n bhliadhna 1812, an uair a chuireadh an Comet an òrdugh le Henry Bell ann an Glaschu, gidheadh, tha mi an dòchas gu ’n dean mi soilleir nach iad na h-Americanaich ach na h-Albannaich, agus gur e fear a mhuinntir Dhùnfris d’ am b’ ainm Seumas Taylor, an duine, leis an do rinneadh a cheud *Admirality. smùid-shoitheach. Bha Seumas Taylor air fhòghlum ann an àrd Oil thigh Dhunéidinn. Bha e ro thùrail agus toigheach air a bhi ’dealbh ’s a’ feuchainn ìnnleachd. Chaidh e anns a’ bhliadhna 1785 do theaghlach Mr. Patrick Miller ann an Dalswinton a theagasg a chloinne. Bha Mr. Miller mar an ceudna ’n a dhuine ìnnleachdach agus mar so thachair iad air a chéile. Fhuair iad bàta a thogail air son réis a bha ri feuchainn ann an Lìte ’s a’ bhliadhna 1787. Bha am bàta air cumadh ùir agus an àite bhi air a cur air falbh le raimh ’s ann a bha cuibheall ag oibreachadh ’na meadhon. Bhuidhinn iad an réis ach chunnaic iad gu ’n robh am bàta cho goirt ri h-oibreachadh ’s nach bu chomasach do dhaoine a sheasadh,—gu ’m feumta an dara cuid a chuibheall a leagadh seachad no ìnnleachd a bu chumhachdaiche na neart dhaoine fhaotainn ’ga h-oibreachadh. An déigh breathnachadh air a’ chùis thubhairt Mr. Taylor nach b’ aithne dha ni cho freagarrach ri smùid-ìnnleachd a dh’ oibricheadh gu sùrdail gun fhàs sgìth. Cha robh Mr. Miller ’ga fhaicinn cho freagarrach, ach ma dheireadh dh’ aontaich e leis cho fada ’s gu ’n deachaidh bìrlinn a thogail agus smùid-inneal beag de umha a chàradh an òrdugh innte ’s a mach air loch uisge Dhalswintoin chaidh a feuchainn a’s sheòladh i gu siùbhlach mu choig mìle ’s an uair, an sealladh nan ceudan a chruinnich a dh’ fhaicinn bàta a falbh cho luath gun ràmh, gun seòl, chithear fathast ann am paipeirean naigheachd an àm sin mion chunntas air soirbheachadh na ceud oidhirp a chaidh riamh a thoirt air soitheach no bàta a chur gu h-asdar le smùid-inneal. Shoirbhich leò cho maith ’s gu ’n do chuir iad rompa an ùr-ìnnleachd a thionndadh gu ùis a’s buannachd gun dàil am beachd Litir-rìgh fhaotainn chum a dheanadh cinnteach dhoibh féin. M’am bitheadh iad aig cosdas a cheum so rùnaich iad tuillidh dearbhaidh fathast a chur air a chùis le soitheach beag [TD 146] fhaotainn a thogail. Chaidh Mr. Taylor gu fùirneis mhòir Charroin a chum na buill throma iarruinn fhaotainn a thilgeil air son na smùid-ìnnleachd a bha ri ’cur anns an t-soitheach ùr agus a chum an obair a bheairteachadh an òrdugh innte. Thuarasdalaich e fear d’ am b’ ainm Symington a bha ag oibreachadh a réir stiùradh Mhr. Taylor fhéin. Chaidh an soitheach a chrìochnachadh ’s a’ feuchainn an lathair mhòran, uaislean a’s chumanta air a’ Chanal dlùth do Charron air an 26mh latha de mhìos deireannach na bliadhna 1789. Dh’ fhalbhadh i gu siùbhlach, socair a’ ruith sè mìle ’s an uair, ’s bha gach duine a’ moladh làn shoirbheachadh na h-ùr-ìnnleachd. Shaoileadh duine gu’m bu leòir na chaidh cheana ainmeachadh gu ’dhearbhadh gur ann do Albainn gun teagamh a bhuineas ùr-ìnnleachd na smùid-shoitheach ’s gur e gu sònraichte Mr. Seumas Taylor an duine a dh’ oibrich a mach i. (Ri leantainn). RANNAN AIR AN SGRÌOBHADH AIG BAS AON GHIN MIC. A Chailean, a Chailean, a Chailean a rúin, Gur cràiteach mo chridhe ’s na deòir ann am shùil, Tha m’inntinn fo mhulad ’s tha m’ aigne gun sùnnt, Bho ’n dh’ fhàg mi mo Chailean ’s an Achadh fo ’n ùir. Tha t’aogas gach latha fa chomhair mo shùil; ’S gu’n saoil mi mar àbhaist gu’m bheil thu dhomh dlúth Le d’ aghaidh mhìn bhòidheich ’s do mheall, shùilean gorm’, ’S do bhilean a nis nach dean mànran no toirm. Gur trom tha mo cheum a’ tighinn dachaidh ’s an oidhch’, Is bristeadh ’s a’ chròilean a b’ àbhuist bhi cruinn. Bidh càch ’tighinn a m’ choinneamh ’s a streupadh ri m’ ghlùin, Ach aon dhiùbh tha m’ dhìth is cha tìll e ri ùin. Cha ’n ’eil bràthair a nis aig do pheathraichean gaoil, ’S tha t’ athair ’s do mhàthair ’g ad ionndrain o’n taobh; Ach dh’ iarr thu mu ’n d’ fhàg thu nach robh sinn ri caoidh. Is sùil bhi ri dachaidh a mhaireas a chaoidh ’N uair a shiab thu na deòir o ar sùilean bha làn, ’S a phaisg thu ar muineal a’d’ ghàirdeanan bàn’, ’S a phòg thu le aiteas gach sean agus òg, ’S a dh’ fheum sinn a ghealltainn nach bitheamaid ri bròn. Oh athair, a mhàthair, a pheathraichean gràidh! Mo bheannachd a nis leibh gu sìorruidh ’s gu bràth, Is leanaibh an caraid ’thug mise ás gach càs. ’S gu ’n coinnich sinn far nach téid sgaradh le bàs. Cha robh thu ach òg ann an saoghal a’ bhròin. Ochd bliadhna ’s seachd láithean a fhuair sinn ort còir; Ach esan ’thug dhuinn thu ’s a nis a thug uainn, Bheir neart gu bhi strìochdte d’a thoil anns gach uair. Ledaig, May, 1872. JOHN CAMPBELL. SGEULACHD SGIRE MA CHEALLAIG., Bha Gille òg ann uair ’s chaidh e dh iarraidh mnà do Sgire ma Cheallaig, agus phòs e nighean tuathanaich, ’s cha robh aig a h-athair ach i fhéin, agus ’n uair a thàinig àm buain na mòine, chaidh iad do ’n bhlàr mhòine ’n an ceathrar. ’S chuireadh a’ bhean òg dhachaidh air thòir na diathad, agus air dol a staigh dhi chunnaic i srathair na làrach brice fos a cionn, agus thòisich i air caoineadh ’s air ràdh rithe fèin, de a’ dheanadh ise nan tuiteadh an t srathair, ’s gu ’m marbhadh i i féin ’s na bha air a siubhal? ’N uair a b’ fhada le luchd buain na mòine a bha í gun tighinn chuir iad a màthair air falbh a shealltuinn do bha ’g a cumail- ’N uair a ràinig a’ chailleach fhuair i a’ bhean òg a’ caoineadh a steach, “Air tighinn ormsa,” ars’ ise, “dé a thàinig riut?” “O,” ars’ ise, “’n uair a thàinig mi steach chunnaic mi Srathair na làrach brice fos mo chionn, ’s de ’dheanainn-sa na ’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i mi fhèin ’s na tha air mo shiubhal!” Bhuail an t-seana bhean a basan. “Thàinig ormsa an diugh! na ’n tachradh sin, dé a dheanadh tu, na mise leat;” Bha na daoine a bha ’s a’ bhlàr mhòin’ a’ gabhail fadachd nach robh aon [TD 147] de na boireannaich a’ tighinn, o ’n bhuail an t-acras iad. Dh’ fhalbh an seann duine dhachaidh a dh’ fhaicinn dé ’bha a’ cumail nam Boireannach, agus ’n uair a chaidh e steach, ’s ann a fhuair e ’n dithis a’ caoineadh ’s a’ bas-bhualadh. “Ochon,” ars’ esan, “dé a thàinig oirbh!” “O” ars’ an t-seana bhean, “’n uair a thàinig do nighean dhachaidh, nach fac’ i Srathair na làrach brice fos a cionn, ’s dé a dheanadh ise na ’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i i-féin ’s na bha air a siubhal.” “Thàinig orms’” ars’ an seann duine ’s e bualadh nam bas, na ’n tachradh sin.” Thàinig an duin’ òg am beul na h-oidhche làn acrais, ’s fhuair e ’n triùir a’ comh-chaoineadh. “Ubh úbh,” ars’ esan gu de’ a thàinig oirbh. Dh’ innis an seann duine dha. “Ach,” ars’ esan, cha do thuit an t-srathair.” ’N uair a ghabh e biadh chaidh e laidhe, agus anns a’ mhaduinn thubhairt esan, “Cha stad mo chas gus gu ’m faic mi triùir eile cho gòrach ruibh. Dh’ fhalbh e so air feadh Sgìre ma cheallaig, agus chaidh e steach do thaigh ann, agus cha robh duine a steach ach triùir bhan ’s iad a’ sníomh air còig Cuigeilean. “Cha chreid mi fhéin,” ars’ esan, gur h-ann a mhuinntir an àite so a tha sibh.” “Ta,” ars’ iadsan, “Cha ’n ann; cha chreid sinn fhéin.” “’S cha ’n ann,” ars’ esan. “Mata,” ars’ iadsan “tha na daoine a tha ’s an àite so cho faoin, ’s gu ’n toir sinn a chreidsinn orra a’ h-uile ni a thoileachas sinn féin.” “Mata,” ars’ esan, “tha fàine òir agam ’an so agus bheir mi e do ’n té agaibh a ’s feàrr a bheir a chreidsinn air an duine.” A’ cheud fhear a thàinig dhachaidh de na daoine thuirt a bhean ris, “Tha thu tinn” “Am bheil?” ars’ esan. “O tha,” thuirt ise. “Cuir dhiot do chuid aodaich ’s bi a’ dol a laidhe.” Rinn e so; agus ’n uair a bha e anns an leabaidh, thuirt i ris, “Tha thu nise marbh.” “O am bheil?” ars’ esan. “Tha,” thuirt ise, “dùin do shúilean ’s na gluais làmh no cas.” Agus bha e so marbh. Thàinig an so an dara fear dhachaidh, agus thubhairt a bhean ris, “Cha tu a th’ann” “O nach mi?” ars’ esan “O cha tu,” thuirt ise. ’S dh’ fhalbh e ’s thug e a’ choille air. Thàinig an so an tritheamh fear a dh’ ionnsuidh a thaighe fhéin, agus chaidh e fhéin ’s a bhean a laidhe, ’s chaidh gairm a mach am màireach chum an duine marbh a thiodhlacadh; ach cha robh a bhean-san a’ leigeil leis-san éiridh gu dhol ann. ’Nuair a chunnaic iad an giùlan a’ dol seachad air an uineig dh’ iarr i air a bhi ’g éiridh. Dh’ éirich e ’n so le cabhaig mhòir ’s bha e ’g iarraidh a chuid aodaich ’s e air chall, ’s thubhairt a bhean ris gu ’n robh a chuid aodaich uime. “Am bheil,” ars’ esan, “Tha,” ars’ ise. “Greas thusa ort gus ’m beir thu orra.” Dh’fhalbh e ’n so ’n a chruaidh ruith, agus an uair a chunnaic cuideachd a’ Ghiùlain an duine lomnochd a’ tighinn smaoinich iad gur duine e a bha ás a chiall, ’s theich iad féin air falbh, ’s dh’ fhàg iad an Giùlan, agus sheas an duine lomnochd aig ceann na císte mhairbh, agus thàinig duine a nuas ás a’ choille, agus thubhairt e ris an duine a bha lomnochd, “Am bheil thu ’gam athnachadh?” “Cha’n’eil mise,” ars esan “’gad athnachadh.” “O cha ’n ’eil; na ’m bu mhi Tòmas dh’ aithnicheadh mo bhean féin mi.” “Ach car son” ars’ esan, a tha thusa lomnochd?” “Am bheil mi lomnochd? Ma tha thubhairt mo bhean ruim gu ’n robh m’ aodach umam.” “’S i mo bhean ’thubhairt riumsa gu ’n robh mi fhéin marbh,” ars’ a’ fear a bha ’sa’ chiste.” Agus an uair a chuala na daoine am marbh a’ bruidhinn thug iad na buinn àsta ’s thàinig na mnathan ’s thug iad dhachaidh iad, agus ’s i bean an duine a bha marbh a fhuair am fàine, agus chunnaic esan an sin trúir cho górach ris an trùir a dh’ fhàg e aig an taigh, agus thill esan dhachaidh. Agus chunnaic esan an sin bàta a’ dol a dh’ iasgach, agus chùnntadh dà dhuine dheug a’ dol a steach do ’n bhàta, agus an uair a thàinig i gu tìr cha robh innte ach aon duine deug. ’S cha robh fios cò am fear a bha air chall. Agus am fear a bha ’g an cùnntadh cha robh e ’ga chùnntadh fhéin idir, agus bha esan a’ coimhead so. “Ge dé an duais a bheir sibh dhòmhsa na ’m faighinn am fear a tha air chall oirbh?” “Gheibh thu duais air bith ma gheibh thu ’n duine,” thubhairt iadsan. “Deanaibh,” ars’ esan, “suidhe ri taobh a chéile ma tha.” Agus rug e air siulpan maide, agus bhuail e an ceud fhear, “Bitheadh cuimhne agadsa gu’n robh thu fhéin innte.” Lean e air am bualadh gus an d’ fhuair e naire dà dhuine dheug ’s e ’cur fuil gu feur orra, agus ged a bha iad pronnta agus leòinte cha robh comas air, bha iad toilichte air son gu ’n d’ fhuaradh an duine a bha air chall, agus air chùl pàidheidh ’s ann a rinn iad cuirm do’n duine a fhuair am fear a bha air chall. Bha loch aig tuath Sgìre ma Cheallaig air am bitheadh iad a’ cur éisg, agus ars’ [TD 148] esan “’S ann bu chòir dhuibh an loch a thràghadh gus am faigheadh sibh iasg ùr chun na Cuirme;” agus ’n uair a thràghadh an loch cha d’fhuaradh dearg éisg air ach aon easgann mhòr. Thubhairt iad an so gu ’m b’ i sud a’ bhéist a dh’ ith an t-iasg orra. Rug iad oirre an so agus dh’ fhalbh iad leatha gu ’bàthadh ’s a’ mhuir; agus an uair a chunnaic esan so dh’ fhalbh e dhachaidh, agus air an rathad, chunnaic e ceathrar dhaoine a’ cur suas mart gu mullach taighe gus an itheadh i am feur a bha ’cinntinn air mullach an taighe. Chunnaic e ’n so gu ’m bu dhaoine gun samhuil sluagh Sgìre ma Cheallaig. “Ach,” ars’ esan, “dé ’n duais a bheir sibh dhómhsa,” ’s bheir mi nuas am feur?” Chaidh e ’s gheàrr e ’m feur, thug e do ’n mhart e, agus, dh imich e roimhe. Chunnaic e ’n so duine a’ tighinn ’s mart aige ann an cairt, agus dh’ aithnich daoine a’ bhaile gur h-e goid a’ mhairt a rinn am fear so. “Agus ’s e bu chòir mòd a chur air.” Mar so rinn iad; agus ’s e ’n ceartas a rinn iad an t-each a chur gu bàs air son a bhi ’giúlan a’ mhairt. Agus gu dearbhadh a thoirt dhuibhse gu ’m bheil an sgeulachd so fiòr ’s e so a thug air Iain Lom am Bard a chantuinn:— “Mar lagh nan línntean nach maireann A bha ’n Sgìre ma Cheallaig ’Nuair a dhìt iad an gearran ’s a’ mhòd.” DUAN CALLUINNE. Le I. M‘D. S i nochd Oidhche na Bliadhn’-Uire— Oidhche nan lùireach ’s nan caman; Cuirear cuilean anns na dùin Is rud eile nach fhiù dhomh aithris; Théid coltar a’ chroinn a shàthadh Ann an àrd-dhorus an tighe Chum nach toir buidseach na Sìthe Thoradh no ’bhrìgh as a’ bhainne. Bha i riamh ’n a h-oidhche shona; Chuireadh i sogan air fearaibh; Bhiodh na maighdeannan ’n an uidheam; ’S gheibhteadh bruidhinn o gach caillich. Oidhche ’n aighir, oidhche ’n t-sùgraidh, Oidhch’ a’ chiùil, is oidhche ’n drama; Gheibh gach duine ’s ainmhidh ’n dìol; ’S gur fear nach fhiach nach faigh a bhannag. Na mullachagan leathan, lìontaidh, Bh’ aca fad bliadhn’ air an fharadh, Bheirear an nochd iad ’n ar làthair, Ged bhiodh càs againn ’n an gearradh. Cuirear an tigh mòr gu straighlich, Bidh na coinnleirean ’g an glanadh; Bidh na ban-oglaich ri fuineadh Chum nach faicear duine falamh. FREAGRADH GAOIL. Do “Fhàilte Gaoil” le LILIDH NAN EILEAN. A Lilidh ghrinn, a Lilidh Ghaoil, Bu chaoine leam bha t’ òran Na mìle teud gu fonnmhor caomh An raon na coille dhòmhail ’N uair dhùisgeadh séis nan allt ’s na gaoith Gu fuaimneach, gaoireach còmhlath; Thug t’ Fhàilte Ghaoil le tuigse naoimh Gràdh Daonna ’s Nèimh gu còrdadh. A Lilidh bhinn, a Lilidh chòrr O mhils’ do phòig ’n uair dh’fhàg mi Do m’ chridh’ aon chaoimhneas gaoil cha b’ eòl Ach leòn nach searg gu bràthach; Bha seirbhe dhian a’ claoidh ma threòir Le deòir á inntinn chràiteich; ’S luidh neulaibh ciàn’ le sileadh bròin Air m’ òig’ ’dh’ fhàs tiamhaidh ànrach. A Lilidh chaoin, a Lilidh bhàn, O c’ àit am bheil ar bòidean! Dh fhàs mise truagh o ’n bhacadh gràs O ’n Aird a m’ chumail còmhnard; O m’ anam claoidht’ an doimhneachd cràidh Nach tràigh cho fad ’s a’s beò mi!— ’Na pian bidh cuimhne m’fhoill gu bràth ’S i saor o bhàs a’ m’ òran. O Lilidh Ghaoil! A Ghaoil! Gabh truas! Oir chuartaicheadh o Nèamh mi Le mallachd throm is seargadh cruàidh Air nach téid luaidh fo ’n ghréin so! O maitheanas! cha ’n iarr mi uait; Cha ’n fhuasgail sud o ’n phéin mi; Rinn mi long-bhriseadh shearbh; ’s á cuan Na truaigh cha ’n iarr mi éiridh! A ghathan gréin’ a las trè neôil An ôig’ na maidne ciùine, Bidh cuimhne gheur leam féin ri m’ bheò Air bòidhchead na bha dlùth duinn. ’N uair luidh bhur leus air stùc is lòn ’Toirt deò is càil ás ùr duinn, Is sinne ’n glacaibh gaoil gun ghò Air bruachaig fheòir ghlais chùbhraidh. [TD 149] An d’ thug sibh leibh air sgèith bhur soills’ An t-aoibhneas ’bha ’n ar sùgradh Gu tìr a’ Ghil far nach ’eil doills’ A chaoidh ri ’faicinn dlù di? A cheòlairean a b’fhonnmhoir’ dàin A’ snàmh an tlàs coill’ ùrail’ An cuimhne leibh a’ mhaduinn ghràidh A dh’ fhàs a nis cho ciùirrteach? Bu mhaiseach àill nan craobh mu’n cuairt, ’S iad uaine fo lì gréine! Is b’ ait an sealladh amharc suas Air snuadh na doimhn’ ’s na speuraibh Ach dh’ fhalbh gach àgh, a Lilidh bhàn, Tha cràdh an àite éibhnis; Is slige ’ghràidh air lìonadh làn De leòn nach tràigh ’s nach tréig sinn. IAIN MAC MHARAH. MO MHATHAIR. Cò thog mi air a cìochaibh tlà, ’Sa thàlaidh mi gu suain le bàigh, ’S a dh’ altrum mi ’na h-uchd le gràdh? Mo mhàthair. ’Nuair theich an codal fada uam, Cò thog an guth bu bhinne fuaim, Air chor ’s gu’n thuit mi ann am shuain? Mo mhàthair. Cò dh’ fhair thairis orm gu caomh, ’S mi ’m luidhe anns a’ chreathail fhaoin, ’S a shil na deòir le bàigh co caoin? Mo mhàthair. Fo euslainte ’nuair bha mi’n sàs, O àm gu h-àm ni’s laige ’fàs, Cò ghuil le geilt gu’m faighinn bàs? Mo mhàthair. Cò ruith gu dian gu m’ thogail suas, ’Sa chogair sgeula beag a’ m’ chluais, ’Sa phòg air falbh mo leòn le truas? Mo mhàthair, Cò air úrnuigh dhùisg mo dhèigh, Do fhocal naomh a’s latha Dhé, Gu triall ’na shlighe dhìreach réidh? Mo Mhàthair. Am feud e bhith nach deanar leam, Caidreamh a’s caoimhneas riut gach àm, A bha co bàigheil chaoimhneil rium, Mo mhàthair? Cha ’n fheud—b’e sin a bhi gun truas, ’S ma chumas Dia mo bheatha suas, Cha bhi do chaoimhneas dhomh gun duais, Mo mháthair. ’Nuair dh’ fhàsas tusa lag sa’ cheum, Gheibh thu lorg o m’ gháirdein fèin, ’S bithidh mi a’ m’ thaice dhuit a’ d’ fheum, Mo mhàthair. ’Nuair chailleas tu do lúth ’s do threòir, Ni mi faireadh ort le deòir, A dh’oidhch’ ’s a latha bi’dh mi d’ chòir, Mo Mhàthair. NAIDHEACHDAN. THUG sinn iomradh uair no dha cheana mu ’n Olla Libhingston a tha o cheann àireamh bhliadhnachan ann am meadhon Africai. Rinneadh oidhirp air dòigh no dha air ’fhaotainn a mach o ’n a sgaoil sgeul ceithir bliadhna roimhe so gu ’n robh e air a mharbhadh, ach cha d’ fhuaradh fios cinnteach ’s am bith mu dhéibhinn. Fa-dheòidh, ghabh Mr. Stanley, duine uasal tapaidh a a tha co-cheangailte ris a’ phaipeir-naidheachd Americanach New-York Herald, os làimh dol air tòir Libhingston do mheadhon Africai. Dh’ fhalbh e, air uidheamachadh gu h-iomchuidh, agus mu thoiseach a’ Gheamhraidh fhuair e mach Libhingston leis and d’ fhan e mu cheithir mìosa. ’N uair a ràinig Mr. Stanley bha e air briseadh gu mòr ’n a shlàinte, ach mu ’n do dhealaich e ris ’s an Earrach bha e air fàs gu maith làidir agus beothail. Tha Mr. Stanley a nis air tighinn air ais gu Sasunn agus mac Libhingston agus feadhainn a bha a’ dol a dh’iarruidh ’athar air tilleadh leis. Dh’ fhàgadh Libhingston a’ rannsachadh a mach mu abhnaichean ’s mu lochan an Africa; dh’ fhágadh pailteas de gach ni feumail aige ’s cha ’n ’eil dùil aige tighinn dhachaidh ri bliadhna no dha. Mu dheighinn a Bhill a bh’ anns a’ Phàrlamaid air son na sgoilean Albannach a dheanamh na ’s fheàrr, feudaidh sinn a ràdh gu ’m bheil e nise an déigh ’dhol tro ’n Taigh Iochdrach, ’s tro ’n Taigh Uachdrach, agus nach ’eil a dh’ éis air gu bhi na lagh ach a Bhan-righ a h-ainm a chur ris. Ged a bha mòran an aghaidh a’ Bhill an uair a chaidh a thoirt a steach do ’n Phàrlamaid, gu h-àraid mu theagasg a’ Bhiobuill ’s na sgoilean agus stéidh a’ Mhaighstir-sgoile, cha deach atharrachadh cudthromach air bith a dheanamh air, oir chum an duine ’thug a steach e pailteas sluaigh gu thaobh-san a ghabhail anns gach cùis. Tha cuid ag radh gum bi am Bill so na mhasladh do dh’ Alba, agus cuid eile nach d’ fhuair Alba [TD 150] aon riabh cho maith ris. Faodaidh sinn a radh, a réir an achd ùr so, gum feum sgoil a bhi anns gach àit, agus gum feum a’ chlann a bhi air an cumail innte gu frithealtach. Air son cumail suas na sgoilean so bithidh cìs air a togail; agus bi’dh luchd-riaghlaidh air an comharrachadh a mach anns gach àit gu coimhead thairis air na sgoilean, gu roghnachadh a mhaighstir-sgoile, gu ’phàidheadh mar a shaoileas iad iomchuidh, agus, gu ’thaghadh air son na dreuchd no chur air falbh mar ’bi e ’deanamh a ghnothaich ceart. Tha mòran ann an dòchas gum bi na sgoilean ùra so air an riaghladh ann am modh a bhios a chum cliù agus fòghlum an t-sluaigh àrdachadh gu mòr; agus tha sinn ann an dòchas gur ann mar sin a bhitheas, oir tha mòran feadh na Gàidhealtachd nach urrainn focal a leughadh an diugh, agus theagamh ged a tha iad mar sin, gun robh taigh-sgoile ’an uidhe bhig ’n dorus féin, ach air son ni-eigin gun sgoinn cha rachadh iad na chòir; agus tha mòran sgoilean ’s an dùthaich as ged a tha iad gu math air am frithealadh nach mòr nach bu cho math do ’n chloinn a bhi asda ’s a bhi annta air son na ’s fhiach iad. Tha gu tric dha no trì sgoilean ann an aon àite, te air a cumail suas leis a bhuidheann ud is té leis a bhuidhean ud eile, agus iad uile cearbach, an uair a dh’ fhaodadh aon sgoil cheart a bhi eatorra a dheanadh an gnothach gu coimhlionta, agus bho nach cuir na buidheannan so an guaillibh ri chéile anns an ni so tha e ro-iomchuidh gu ’m bitheadh e air a dheanamh le lagh na rìoghachd, a chum ’s nach bi gnothach cho cudthromach ri fòghlum no h-òigridh air fhàgail air dheireadh. Tha iasgach an sgadain an Leodhas agus àitean eile air feadh na Gàidhealtachd a nise seachad air son an t-samhraidh so; agus cha robh e bho cheann fhada cho bochd. Bha iasgach na Langainn mar an ceudna mòran na bu mhiosa na ’b’ àbhaist. Tha iasgach an sgadain ’an Gallthaobh a nis’ air tòiseachadh, ach cha deachaidh a bheag a dheanamh fhathasd. Tha am bàrr air feadh Albainn a’ sealltuinn gu gasda. Bha deireadh an earraich agus toiseach an t-samhraidh anabarrach fliuch air feadh Alba, ach bha cor latha do thide bhriagh air a mhios a chaidh seachad. Tha cunntas gu’m bheil an tide neo-chumanta teith ’an America air an t-samhradh so. Tha mòran a’ dol air iomruich bho ’n Ghàidhealtachd air a’ bhliadhna so. Dh’ fhalbh còrr agus tri cheud pearsa bho Eilean Leodhais mar tha, agus tha tuillidh a falbh fhathast; ’s ann do Chanada Iosal agus Ard a tha ’chuid mhòr diubh a’ dol. Chaidh beagan gu ruig New Zealand. SLAN LE FIONN-AIRIDH. [Eadar-theangaichte le G. MAC-NA-CEARDADH nach maireann.] Eirich agus tiugain, O, Eirich agus tiugain, O, Eirich agus tiugain, O, Mo shoraidh, slan, le Fionn-Airidh. Tha ’n latha maith, ’s an soirbheas ciùin, Tha ’n ùine ’ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth. Tha ’n bat’ ’g am fheitheamh fo a siùil, Gu m’ thoirt a null o Fhionn-Airidh. Eirich agus, &c. Tha ioma mìle ceangal blàth Mar shaighdean ann am féin an sàs; Mo chridhe ’n impis a bhi sgàint’ A chionn bhi ’fàgail Fhionn-Airidh. Eirich agus, &c. Bu tric a ghabh mi sgrìob leam fhéin, Mu ’n cuairt air lùchairt Fhinn an tréin; ’S a dh dh’ éisd mi sgeulachdan na Féinn ’G an cur an céill am Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. ’S bu tric a sheall mi feasgar Màirt Far am biodh Oisein ’seinn a dhàn; A’ coimhead gréin aig ioma trà ’Dol seach gach là ’s mi ’m Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. Allt-na-Caillich—sruthan ciùin Le ’bhorbhan binn ’dol seach gach lùb, Is lìonmhor aoibhneas ’fhuair mo shúil Mu ’d bhruachaibh dlùth do Fhionn-Airidh. Eirich agus, &c. Beannachd le beanntaibh mo ghaoil Far am faigh mi ’m fiadh le ’laogh,— Gu ma fad’ an coilleach-fraoich A’ glaodhaich ann am Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. Ach cha ’n iad glinn is beanntan àrd’ A lot mo chrìdh, ’s a rinn mo chràdh, Ach an diugh na tha fo phràmh An teach mo ghràidh am Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. Beannachd le athair mo ghràidh Bidh mi ’cuimhneach ort gu bràth; Ghuidhinn gach sonas is àgh Do ’n t-sean fhear bhàn am Fhionn-Airidh. Eirich agus, &c. [TD 151] Mo mhàthair!—’s ionmhuinn t’ ainm r’a luaidh— Am feum mi tearbadh uait cho luath? Is falbh a’m’ allabanach truagh An cian uait féin ’s o Fhionn-Airidh. Eirich agus, &c. Soraidh leatsa, bhràthair chaoin, Is fòs le peathraichibh mo ghaoil; Cuiribh bròn is deòir a thaobh, ’S biodh aoibh oirbh ann am Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. ’Illeasbuig bhig, mo Leanabh gràidh, Gu ’n coimhead Dia thu o gach càs; ’S bu mhiann leam féin ma thill gu bràth Do ghàire blàth bhi ’m Fionn-Airidh. Eirich agus, &c. Am feum mi siubhal uait gun dàil! Na siùil tha togta ris a’ bhàt’! Soraidh, slàn, le tìr mo ghràidh; Is slán, gu bràth le Fionn-Airidh! Eirich agus, &c. DUANAG A’ CHIOBAIR. Le Dòmhnull Phàil ’an Ceann-a’-Ghiubhsaich. Gu ’m bheil mulad air m’ inntinn ’O ’n là ’thàinig mi ’n tìr so, S nach faic mi mo nìghneag dhonn òg. ’S nach faic mi mo nighneag dhonn òg. O nach faic mi a’ chaileag Do ’n d’ thug mi ’n cion-fallaich— ’S ann a dh’ fhàg mi i ’n Raineach nam bò, ’S ann, &c. ’S ann a dh’ fhàg mise gruagach An fhuilt cham-lùbaich, chuachaich, An taobh thall do Dhruim-Uachdair an fheòir. An taobh, &c. Tha deud shnaighte mar dhìsnean ’Am beul meachair na rìbhinn, ’S gur mìllse na ’figuis a pòg. ’S gur, &c. Ciochan corrach, ’s iad glé-gheal, Ann am broilleach a léine, Mar aiteal na gréin’ ri là ceò, Mar, &c. Slios mar eala nan cuaintean, No mar shneachda nam fuar-bheann, Calpa cuimir, ’s troidh uallach ’am bròig, Calpa, &c. ’S cha ’n ’eil samhla do m’ luaidh-sa ’Measg na chì mi mu ’n cuairt domh, Ged a chruinn’cheadh n’ tha shluagh anns an t-Sròin. Ged, &c. ’S ged a chruinn’cheadh an dùthaich Gu féill Chinn-a’-ghiubhsaich, Cha bhiodh té ann do ’n dùraiginn pòg, Cha, &c. Cha ’n e sid ’rinn mo chiùrradh O na thàinig mi ’n dùthaich-s’, Ach nach fhaod mi ’dhol null air do thòir. Ach &c. Tha ’n t-astar cho fada ’S nach fhaod mi tighinn dachaidh, Eagal càch ’bhi ’g am fhaicinn ’s an ro’d, Eagal, &c. ’S bi’dh mo mhaighstir ’g am ionndrainn O’n tha ’n stoc air mo chùram,— ’S mi ’g an gleidheadh air cùl Bail’-a’-chrò. ’S mi, &c. ’S mi gach latha mu ’n cuairt dhaibh ’S iad cho duilich ri ’bhuach’leachd O na thàin’ iad gu tuath do ’n Chreig-Mhòir. O na, &c. ’S mòr gu ’m b’ fhearr ’bhi ’g am buach’leachd. Ri mulach na guaille Far nach iarradh iad buachaill ri ’n sròin. Far nach, &c. Far nach biodh orm bonn cùraim ’N uair a chuirinn mo chù riuth’ Ged a bhitheadh iad dùinte le ceò, Ged, &c, Ach ni mi litir a dhùnadh ’N deise ’sgrìobhadh dha t-ionnsaidh ’S bi’dh tu cinnteach nach mùth mi mo sheòl. ’S bi ’dh, &c. ’S ged a bheir mi seachd bliadhna, A’ siubhal nan crìoch so Té eile cha ’n iarr mi ’s tu beò, CEUM NO DHA O ’N CHAGAILT Mu ta ’Ghàidheil ghaolaich, ’s iomadh rud a chì ’n duine ’bhios fada beò; agus a rì ’s e mise ’dh’ fhaodas sin a ràdh. B’e sin e; b’e sin e, ’nàile paipear-naigheachd agus leabhar-sgeòil Gàidhealach. Mo bhannag air an diùlanach a smaoinich an toiseach air a’ leithid a’ ghnìomh dùthchail a dheanamh! Eudail gu ’m bu fada beò e; agus an latha ’gheibh e ’m bàs gu ’m b’ann ’na dhéigh-san a bhios beannachdan nan Gàidheal anns gach ceàrnaidh dhe ’n domhan. Agus tha iad ag ìnnseadh dhòmh-sa gur h-e òganach a dh’fhalbh [TD 152] á Eilean-an-Fhraoich do dh’ America, agus a tha nis an déigh tighinn air ais cho beartach ri Iùdhach a tha ’ga chur a mach. Slàn iomradh air. A ri! ’s beag an t-iongantas ged a thuirt Mac Leòid ’s an òran. “An t-eilean ro mhaiseach gur pailt ann am biadh; ’S e eilean a’s àillt air ’n do dhealraich a’ ghrian; ’S e eilean mo ghràidh-s’ e, bha Ghàilig ann riamh ’S cha ’n fhalbh i gu brath ás gu’n tràigh an cuan siar.” agus mur ’eil mise breugach ’s i ’n fhìrinn a th’ aige; gu h-àraidh cho fad agus a bhios e fhéin is Mac Neacail beò—an an dara fear a’ dol a’ h-uile geamhradh a chumail concert Gàilig ann an Steòrnabhaigh mhòir a’ Chaisteil, agus am fear eile ’cur a mach paipear-naigheachd do chlann nan Gàidheal ’n an cainnt féin! Gu ma fada beò òganaich Eilean an Fhraoich! Tha mise ’g ìnnseadh dhuibh ’s cha ’n ann idir le brosgal nach cuireadh sealladh dhe mo leannan (nam biodh té agam) a leth de dh’ aighir orm agus a chuir “An Gàidheal” an uair a chunnaic mi e. Aig an àm bha mi ann an Inbhir-nis agus sheall mi e do sheann Ghàidheal còir; agus an tomhais sibh ciod a thuirt e? Thuirt e gu ’n deanadh “An Gàidheal” urram mòr a chosnadh do dh’ Alba. Ach ma thaitinn sealladh dhe ’n leabhar ris ’s ann a bha e aighearrach ’n uair a shìn mi air leughadh dha lìtir Rùnsadaich Mu Ghàidheil Ghlaschu. Shaoileadh sibh nach robh uair eil’ aig air an talamh le gaireachdaich ’n uair a thàinig mi gus an earrann a bha ’g ràdh gur h-e “Soiree” an dòigh Fhrangach air an fhocal “Suiridh!” Ach o ’n a shìn mi air sgrìobhadh idir, theagamh nach bu bheag oirbh ged a chuirinn naigheachd no ni-éigin eile gu ’r n-ionnsuidh. ’S a’ cheud àit’, mata, an cuala sibh fhéin agus bhur luchd-leughaidh gu ’m bheil “Comunn Gàilig” ann an Inbhir-nis? Mu ’r cuala ’s iongantach e; oir ’s e Cluaiuidh Mac-a-Phearsainn is ceann air a Chomunn; agus tha e ’na nì cinnteach nach biodh gnothach aig Ceann-cinnidh Chlann Mhuirich ri Comunn Ghall no Ghàidheal mur a biodh iad air bonn ceart. Cha ’n ’eil an Comunn fhathasd bliadhna ’dh’ aois, ach ged nach ’eil, ’s iomadh ball a th’ ann;—tha buill á Eirinn ’sá Sasunn cho mhath ’s às gach oisinn de ’n Ghàidhealtachd. Gidheadh tha ’n luchd-riaghlaidh air son gu ’n cruinnich an còrr de na Gàidheil mu ’m brataich. Agus farraideam co ’n Gàidheal leis nach miann na ceathairnich a chobhair? oir ’s e so rùn a’ Chomuinn:— “Na buill a dheanamh iomlan ’s a’ Ghàilig; cinneas cànaine, bàrdachd, agus ciùil na Gàidhealtachd; bàrdachd, seanachas, sgeulachd, leabhraichean agus sgrìobhanna ’s a chànain sin a theàrnadh o dhearmad; leabhar-lann a chur suas ann am baile Inbhir-Nis de leabhraichibh agus sgrìobhannaibh—ann an cànain ’sam bith—a bhuineas do chàileachd, ionnsachaidh, eachdraidheachd agus sheanachasaibh nan Gàidheal no do thairbhe na Gàidhealtachd; còir agus cliù nan Gàidheal a dhìon; agus na Gàidheil a shoirbheachadh a ghnà ge b’e àit am bi iad.” ’S cinnteach mise gur taitneach a leughas gach duine dhe ’n Chomunn “An Gàidheal,” agus tha mòr iongantas orm ma bhios duine idir dhiubh nach ceannaich e—oir tha mi ’faicinn gur h-ann a chum na h-aon chrìche ’tha iad féin ’s “An Gàidheal” ag obair. Ach gun fhios nach fhaodadh neach-éiginn so fhaicinn leis ’m bu mhiannach a bhi ’na Bhall de ’n Chomunn ’s còir dhomh ìnnseadh gu ’m bheil e cho fosgailte do bhean no do mhaighdinn shubhailcich sam bith faighinn a steach, agus a tha e do Thriath Gheàrr-loch. Ach thuirt mi gu leòir aig an àm so mu ’n Chomunn. Neach air bith a bhios ag iarraidh an còrr eòlais, sgìobhadh esan no ise gus an Rùn-Chléireach, Uilleam Mac-Aoidh. Tha iomadh nì ann an Inbhir-nis ás am bu chòir do na Gàidheil a bhi ’dean- [TD 153] amh uaill; ach cha ’n fhaod mi idir a ràdh gu ’m bheil gach ni cho math ’s a bu chòir daibh. Ann am baile de mhiad Inbhir-nis, agus gu h-àraidh baile ’th’ air a shuidheachadh ann an àite ’m faighear pailteas o mhuir ’s o thìr, bu chòir mòran oibrichean a bhi air an cumail air aghart. Ach cha ’n ann mar sin a tha, am fear a gheibh beagan airgid, bidh eagal air a chur a mach aig a’ bhaile; agus ma ’s a miannach leis dad idir a dheanamh, ’s e falbh do dh’ àit eile ’ni e, agus caithidh e ’n sin an t-airgead leis ’m bu chòir da a bhi ’deanamh feuma ann an dùthaich a’ bhreithe. An can sibh rium-sa gu ’m bheil sin ceart? Ach coma co-dhiù, tha Inbhir-nis a soirbheachadh. Coimhidibh Pàdruig Deòrsa Mac-Uilleim féin. Tha mise ’g ìnnseadh dhuibh gu ’m b’ onair do ’n Gháidhealtachd na tha e ’cur de sheudaibh Gàidhealach do dhùthaichibh céin. Smuainaichibh-se gur e duine fhuair spàinn òir ’n a bheul a’s urrainn a dhol a reic àilleaganan ris a’ Bhan-rìgh, ’s ri Ban-Impire na Gearmailt, maille ri mòran phrionnsaibh as bhan-phrionnsaibh a b’ urrainn mi ainmeachadh. Agus ged a tha e ’deanamh gnothuch ri àrd-uaislean na dùthcha, tha e cho caoimhneil ris an duine bhochd ’s a tha e ris an duine bheartach; agus tha e cho saor ri òr-cheard no uaireadairiche ’s a’ bhaile.—Muinntir eile ’tha ’deanamh mòr reic ris na h-uaislean, MacDhùghaill ’s a chuideachd. Tha iad so ainmeil air son an cuid bhreacannan; agus gun teagamh sam bith ’s math a thig dhaibh an Deise-gheàrr a dheanamh. Ach feumaidh mi bhi ’toirt mo chasan á Inbhir-nis agus ruaig a thoirt feadh na dùthcha. “Seadh, seadh, mata, falbhamaid air a charbad iarruinn, agus cha stad sinn bonn gus an ruig sinn Srath-Spe,” deir caraid dhomh-sa ’n là-roimhe. Ach ged a thuirt,—feuch an d’ fhalbh e? ’S e fhéin am fear nach d’ rinn; ach coma, dh’ fhalbh mise; agus ged a bha ’m feun anns an robh mi làn muinntir a’ fàgail Inbhir-nis aon duine ach mi-fhéin cha robh ann an uair a ràinig mi Farais. Agus eadar Farais is Baile-nan-Granndach bha mi air a’ mhodh cheudna, air chor ’s gu ’n do shìn mi air seinn “’S fhada mi ’m ònaran ’S fhada mi ’s mi leam fhìn, ’S cianail o thìr m’ eòlas mi, ’S fhada mi ’m ònaran.” ’S truagh nach robh mi le m’ annsachd Feadh nan gleann anns an òg-mhaduinn ’S fhada mi, &c. Anns a’ ghleann anns an cluinnear Leam coireall na Smeòraiche. ’S fhada mi, &c. ’N gleann ’s an cinn an t-sail chuaiche ’S air na cluaintean na neòineanan.— ’S fhada mi, &c. ’S an àm éiridh ’s a’ mhaduinn ’G éisdeachd langan ’n daimh chròcaiche. ’S fhada mi, &c. Anns a’ ghleann sin b’e m’ aoibhnis ’Bhi le maighdinn nan ròs-ghruaidhean ’S fhada mi, &c. Sin agaibh mar a chaidh mise air m’ aghart; agus an uair a bha mi ’dol a chantuinn, ’an àite ’bhi anns’ a ghleann a bha mi ’miannachadh gur h-ann a dh’ fheumainn tàmh rè na h-oidhche ’an taigh-òsda air chor-eigin ann am Baile-nan-Granndach, stad an carbad, agus choisich mise gus an taigh-òsda, ’s tachas ’na mo bhuinn, oir cha robh mi riabh roimhe ’s an àite. Chuir mi oidhche seachad ’an sin agus a’ lath ’r na mhàireach dh’ fhalbh mi suas troimh Shrath-Spé. Tha mise ’g ràdh ruibh a Ghàidheil ghràdhaich gur h-anabarrach briagha an dùthaich Srath-Spé agus a thuilleadh air a sin, tha sluagh ro-chaoimhneil ann. Ach ’s ann aca ’tha ’Ghàilig as troimh-chéile ’chuala mi riabh. Dh’ fhoighnich mi ri fear de mhuinntir an àite ciod e an rathad a bha Ceann-a’-Ghiuthsaich uam. “Tha dìreach straight anns an direction sin” ars’ esan, ’s e’ sìneadh a mach a làimhe rathad Chinn-a’-Ghiubhsaich. Fear eile ris ’n do choinnch mi dh’ fheòraich [TD 154] mi c’ ainm a bh’ air na beanntaibh a bha mi ’faicinn ’an sin agus currachd shneachd air mullach gach aon diubh. “O dearbh,” deir esan, “cha ’n ’eil fios agam-sa, ach gheibh sibh fhéin an ainm anns an Geography; agus tha mi cìnnteach na ’n rachadh a measurigeadh gu ’m bheil height annta nach conceivigeadh duine ’s am bith le ’m faicinn dhe ’n rathad mhòr.” Dh’ fhàg mi “Granndaich Shrath-Spé,” ged a bha iad còir, caoimhneil, agus shiubhail mi gu Cinn-a’-Ghiubhsaich; agus a rì ma shiubhail, ’s mise shiubhail an dùthaich as taitnich anns an robh mi riabh. Cho luath ’s a ràinig mi Cinn-a’-Ghiùbhsaich chaidh mi gu taigh caraid àraidh, ’s b’e fhéin an caraid ’s an duine còir. Ach, a Ghàidheil ghaolaich, ’s fhada o’n chuala sibh, “Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic,” agus air an aobhar sin, le bhur cead-sa, coinnichidh muinntir Chinn-a’-Ghiubhsaich a’s mise fhathasd air duilleagaibh “A’ Ghàidheil.” CUAIRTEAR. LUATH ASTAR NA H-URNUIGH. Cha n-aithne dhomh cò a sgrìobh an laoidh a leanas, ’us cha-n-eil fhios agam co dhiubh a tha no nach ’eil i cheana ’an clò. Ach is dearbh leam gur airidh i air àite maith ann an duilleagaibh A’ Ghaidhil, agus gu-m bi a luchd-leughaidh toilichte air son i ’bhi air a toirt fa ’n comhair. Tha urrad de spiorad na fìor bhàrdachd anns na ceud ceithir rannan, ’s nach ruigeadh leas Oisein no Ullin nàire ’ghabhail dhiubh. Ach tha ’n t-iomlan snasda, agus tha ’n teagasg a tha i a’ toirt duinn da rìreadh a réir an fhocail shòlasaich a tha ’g ràdh “Tha Dia dlùth dhoibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.” Cille-Mhàillibh. Treas Mìos an t-Samhraidh, 22mh, 1872. G. C. Ge luath air a sgiathan a’ ghaoth A’ saighdeadh thar aonach nan gleann; Ge dian ceum na lasrach ’s an fhraoch ’N àm earraich, suas taobh nam beann, ’Us fuar-anail chruaidh a’ mhàirt A’ sgiùrsadh na càire deirg, ’S a’ ruagadh nan neul gu h-àrd Mar imeachd an sgàil air an leirg;— Ge siùbhlach an long air a’ chuan Roimh fhuadach na doininne gairg’, ’S na sliabh-thuinn a’ tòirleum m’a h-èarr ’G a h-iomain le gànraich feirg ’Us torman a crànraidh trom, Geur-fhead lom, air uair, ’n a beairt, Coiprich m’ a saith*, ’s i ’n càs, ’S a fòirne† ’failneach a chion neairt;— Ge luath, air cleitridh chòrr a sgiath, A dh’ astras rìgh nan ian an àird Feadh failbhe‡ fhàs a’ ghorm-choip§ chéin ’Tha ’còmhdach rùn|| nan speuran àill: ’S ge cas a dhoirteas griann a soills A nuas gu làr troi ’n aibheis¶ chian, Is déine, is siùbhlaiche, ’s is luaith’ A ruitheas urnuigh suas gu Dia. Ged is àird’ os ar ceann an Triath Na ’n t-astar ’tha ’ghrian o ’n ché,* Gur luaithe na dealan air fàir’ A ruigeas ’n a làth ’r ar n-éigh; ’S ma dh’ ìobrar miann á cridhe ceart Is ceart co luath thig neart g’ ar fòir, ’S a thaomas tuiltean trom thar eas Air slinnein cas nam beannta mòr. Cò, mata a bhios ’an cruas, (Mar tha gach aon mhac truaillidh crè) Nach tog ri Dia a ghuidhe ’n àird ’S gur athair ’tha ro chàirdeil E? Esan a thug suas a Mhac Chum peacaich lag a dhìon o sgrios, Ciamar bhios creideach ann an ag Gu-n cùm e aon dad uaithe leis? Cha bhi, cha bhi, cha mheath a ghaol Do ’n aitim sin a ròghnuich è, Bheir e dhoibh am feum ’s an t-shaoghal-s’, Bheir saoibhreas pailt ’an saogh’l a’s feàrr. Is daor a dhìoladh air an saors’, ’S thug sin a ghnàth fo dhaors’ an gràdh-s’, Oir dh’ iath e ump’ a chòrdan gaoil G’ an nasgadh dlùth ri ’thaobh gu bràth * “Saith,” no “suigh,” aisinn, no fiodhrach-tarsuinn bàta. † “Fòirne;” sgioba bàta. ‡ “Failbh” (falamh); an iarmailt, an speur. § “Gorm-chop:” ’am Beurla blue vault. || “Rùn;” dìomhaireachd. ¶ “Aibheis,” farsuingeachd nan speur, no a’ chuain. ** “Cé” an talamh, an saoghal [TD 155] NITHE NUADH AGUS SEAN. CHA ’N ’EIL aon chuid cridheachan matha no tuigse mhath aig luchd-tuaileis. CHA ’N ’EIL e ceart gu ’n dìteadh sinn neach ’s am bith nach ’eil ’s an làthair gu dhìon féin. CHA ’N fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid. SEACHAIN, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgrìobhas gu mi-mhodhail, ach fathast a labhras gu milis. CHA ’N ’EIL aoibhealeachd ’na dearbhadh gu ’m bheil an inntinn aig fois, oir is tric “am meadhon gàire gu ’m bheil an cridhe dubhach.” THA trì nithean ro dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, càineadh no lochd a dhì-chuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dh’ ùine a bhitheas aig neach dha féin. AIR do Phlato cluinntinn gu ’n robh naimhdean aige a labhair gu h-olc mu dhéibhinn fhreagair e, “Bithidh mo chaithe-beatha air dhòigh ’s nach creid neach ’s am bith iad.” SEACHAIN an t-sùil a dh’ aithnicheas an t-olc gu luath, agus a tha mall a dh’ fhaicinn a mhaith. TOIMHSEACHAIN. 1. Coileach dubh ’s a’ bhail’ ud thall, Ite dhubh is ite dhonn; Dà ite dheug am bàrr a sgéith, ’S còrr is trì fichead ’na dhruim. 2. Tobaran óir am meadhon a’ bhaile so Trì chinn òir is còmhla ghloine ris. 3. Siùbhlaidh e na lèanagan, Siùbhlaidh e na breunagan, Siùbhlaidh e ’n t-imire fada, ’S thig e dhachaidh anmoch. 4. Each dubh is each donn bonn ri bonn, ’S luaithe ’n teach dubh na ’n t-each donn. 5. Tìolcaidh am marbh am beò. 6. Bean bheag a’ tigh’nn do ’n bhaile so, ’S creagada creag air a muin; Casan oirre ’s i gun làmhan ’S ultachan càthadh ’na h-uchd. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns a’ chùigeamh Aireamh de ’N GHAIDHEAL. 1. Peileir. 2. Ubh. 3. Snàthad. 4. Bròg. 5. Loinid bheag. 6. Soitheach le ’bàta. 7. Tuagh. 8. A mac féin. 9. Gath-gréine. 10. T’ ainm. SOP AS GACH SEID. Millidh dànadas modh. Molaidh an t-each math e fhéin. Chaidh dubhag ri dualchas. Trod a’ mheasain ’s a chùl ri làr. Théid dànadas gu droch oilean. Tilg mìr am beul na béist. Leig e ’n t-earball leis a’ chraicionn. ’S i ’n taois bhog a ni màs rag. Iallan fada o leathar chàich. S éigin do ’n fheumach a bhi falbhanach. Na sir uisge teth fo chloich fhuar. ’Tha car eile an adharc an daimh. ’S ann a bhitheas an uaisle mar a chumar i. Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic. Mar ’s miannach le brù bruichear bonnach. ’S farasda duine gun nàire a bheathachadh. FREAGAIRTEAN. Do A. Mac C. Inbhirnis—Fhuair sinn an litir a’ gearan air son a bhi deanamh Shasunnuich de na h-Albannaich. ’S ann gun fhios do ’n fhear-ullachaidh a fhuair na briathran ud àite ’s A’ GHAIDHEAL; agus tha sinne cho fada ’n aghaidh a bhi deanamh Shasunnaich de’r luchd-duthcha ri A. Mac C. fhéin, ’s air an aobhar sin, cha bhi leithid do nì ’s A’ GHAIDEAL tuilleadh. Do Niall Crùbach.—Fhuair sinn an litir leibeideach a chur thusa thugainnn. Am bheil thu smuainteachadh gu ’m bheil do chuid-sa bagraidhean a’ dol a chur “A’ Ghàidheil” dhe na bhonn air ’n do sheas e ’n toiseach? Ged a bhiodh “An Ghàidheal” cho dona ri bodach na h asal fhéin cha ghabhadh e do chomhairle. ’N uair a sgrìobhas tu a rithisd a’ Nèill cuimhnich nach bi thu buileach cho droch-eileanach, féin-mholtach ’s a bha thu air an uair so. Slàn leat a Nèill agus ’s e miann “A’ GHAIDHEIL” gum bi tuillidh céill agad mu ’n smuanaich thu air an ath litir a chur an rathad so. Do A. R. F., Ceann-a’-Ghiùbhsaich.—Tha sinn fada ’n ur comain air son na ’n toimhseachain a’s nithibh taitneach eile a chuir sibh thugainn. Bhiodh e ro iomchuidh gach ni dhe ’n t-seòrsa ’tha ri fhaighinn a’ measg an t-sluaigh a thional, agus a theàrnadh o dhearmad; agus na ’n deanadh ar càirdean uile feadh na Gàidhealtachd cho math ruibh-sa, cha bhiodh e gu cron daibh féin, agus shealladh e nach do dhi-chuimhnich iad àbhachd an sinnseir. Bidh sinn toilichte cluinninn fathasd o A. R. F. [TD 156] LOCH-NAN-GARR. A’ m’ shealladh a chòmhnaird, a liosan nan ròsan! ’N ’ur measg-sa biodh mùirnean na sògh ré a shaog’l; Thoir dhòmhsa na stùcan fo ’n t-sneachda le ’shròlaibh An còmhnuidh ’tha ’g altrumas saorsa is gaoil! Seadh, Albainn mo chridhe, ’s ro ionmhuinn do bheannta! Mu ’n cinn gheal’, O chithinn, na dùilean ri àr; An àit srùlag uillt chithinn mire ’n Eas steallmhoir— Tha mise an geall air gleann donn Loch-nan-Gàrr. Ah! ’n sud bha mo cheuman a’ m’ òige gu tlachdmhor; B’i bhoineid an ad leam, b’ e ’m breacan mo chleòc; Mo chuimhn’ air cinn-fheadhna a dh’ eug bha mi ’cleachdadh, ’S mi ’mànran troimh ghlacaig na coille gach lò; ’S cha ’n iarrainn dol dhachaidh gu ’n ciaradh am feasgar ’S gu ’n seargadh a mhais’ roimh na reultaibh gu h-àrd; Oir sholairinn sùnnt am beul-aithris na h-eachdraidh A gheibhteadh o nàistnich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “A thaibhsean nam marbh! nach cual mi ’ur guthan A’ siubhal troimh ’n t-soirbheas air anail na h-oidhch’?” O ’s cinnt’ gu ’m bheil éibhneas air anam a’ churaidh Ri turus trè ’ghleann féin air sgiathaibh na gaoith. Mu ’n cuairt Loch-nan-Gàrr ’n uair a dhùmblaicheas gaillionn ’S an Geamhradh á ’chathair fhuair reòit’ a’ cur fàilt, Tha neula a’ cuartachadh Chruthan mo shìnnsear ’Tha ’chòmhnuidh an sìontaibh ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “Am fac sibh ’n ur n-aisling, ged bha sibh co treubhach, Gu ’n robh e an dàn nach biodh éifeachd ’n ur strì?” Ah! ’m b’ e bhur dàn aig Cuilfhodair gu ’n eugadh? Cha d’ éirich leibh buaidh, ’s ann a thuit sibh ’s an fhrìth; Gidheadh, bha sibh sona! clos talmhaidh an eugaidh ’G ’ur càradh le ’r treubhaibh an uamhaibh Bhramàir; A’ phìobaireachd fuaimneach, do nualan a’ phìobair’,— Sgeul ’ur gnìomh’ air mactalla ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Chaidh bliadhnachan seach, ’Loch-nan-Gàrr, o ’n a dh’fhàg mi; Ni bliadhnachan tàr as mu ’m faic mi thu rìs; Sgiol Nàdur de d’ chinneas ’s de phlùraichean t’àill’ thu, Gidheadh ’s tu as feàrr leam na còmhnaird réidh’ mhìn’. O Shasuinn! do mhaise tha coitchinn, neo-ghreadhnach Do aon a thriall suas air na beanntaibh gu ’m bàrr; O nach robh mis’ air sgòrr fhiadhaich nan aonach! An glòir chais neo-aobhaich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Ead. le Niall Mac Néill. [TD 157-166] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 167] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHARAIDH, 1872. [7 AIR. CALLUM A’ GHLINNE—URSGEUL GAIDHEALACH. EARRANN I. Ann an coilltean fàsail, agus ann an uruighean uaigneach air feadh nan gleann agus nam fireach, ann an Iar-eileanan na Gàidhealtachd, tha ioma lus agus blàth àillidh o bhliadhna gu bliadhna a’ fàs gu h-ùrail fallain, ás eugais cùram, no saothair, no sgil a’ gharadair; ach gu bhi ’seargadh ’s a’ bàsachadh fo anail fhuar reota a’ gheamhraidh, air dhoibh an cùrsa beatha a ruìth, gun a bhi air am faicinn, nò an aillidheachd no an cubhraidheachd a bhi air am mealtuinn le neach air bith. Mar sin, b’ iomadh iad do luchd aiteachaidh na Gàidhealtachd air nach cualas riamh a bheag de iomradh o am breth gu am bas, a bhiodh iomraiteach a thaobh na buaidh a bhiodh aig an cliù modhanail air an luchd duthcha, na ’n robh an subhailcean agus an comasan intinn air an cur ann an suidheachadh follaiseach aithnichte f’ an comhair.—B’ ann dhiu sud Callum a’ Ghlinne; agus ann an dòchas gum feudadh e bhi araon taitneach agus buanachdor do luchd leughaidh A’ Ghàidheil, tha sinn a rùnachadh roinn de eachdraidh a bheatha ann an rian ùrsgeulach a thaisbeanadh o mhios gu mios. Rugadh Callum a’ Ghlinne o chionn còrr agus leth-cheud bliadhna, aig inbhir aon de na h-abhnaichean lubach, caisleach, leumnach, gorm-ghrinnealach a chithear air feadh na Gàidhealtachd, a deothal gu tràigh uisgeachan nan allt ’s nan tobraichean a tha siòr shruthadh leis na leathadan o chàthar nam blar agus chreagan aosda nam beann. Bha a pharantaibh le chéile measail ’n an inbhe féin; a thaobh an crannchur saoghalta, cha robh iad aon chuid bochd no saoibhir; bha gabhaltas cuimseach comhfhurtachail aca ann ’sa’ ghleann—barr ’us crodh ’us caoirich. Bha iad iomraiteach a thaobh am fialuidheachd, bha an dorus fosgailte, agus am bòrd luchdaichte o mhoch gu anmoch de choigrich ’s de luchd turuis, ciod air bith airde an tigeadh iad. Bha iad adhartach, deanadach, cùramach ’n an gairm; simplidh, iriosal ’n an caithe-beatha, ’n an eideadh, ’n an eireachdas agus ’n an cleachdaidhean. Bha an gabhaltas daor-mhàlach gu leòir. Cha robh crodh ’us caoirich ’us cloimh ach ro-iosal ann am prìs an coimeas ris mar tha iad ann ’s na laithibh so; aig ceann gach leth-bhliadhna ’nuair a phaighte am màl, cha bhiodh ach glé bheag airgid ma seach gu bhi solar gach goireas agus comfhurtachd a bha feumail do ’n teaghlach; ach ma bha an t-airgiod gann bha an cosdas da reir; rachadh punnd Sasunnach aig an àm ud ni b’ fhaide na théid deich dhiu air an là diugh ann an solar uireasbhuidhean coitchionn theaghlaichean. Bha ach beag an t-iomlan d’ an teachd-an-tir a’ fàs ás an fhonn. Bha an eideadh cuim agus leapa air an deanamh aig a bhaile air gle bheag de chosdas ach saothair nan làmh. Ann ’s na laithibh ud, bha gach fear tighe agus bean thighe ann an seadh agus ann an tomhas àraidh ’n an luchd ceaird; an àite bhi ’reic seiche a’ mhairt-gheamhraidh ri “Marsanta nan craicionn”—is ann a bhiodh i air a polladh, air a malcadh, air a h-aoladh, air a cairteadh [TD 168] agus air a giollachd airson leathar bhròg, fad air thoiseach ann an cruas agus ann am buanas air an leathar Ghallda a gheibhear an diugh ann am bùthaibh nam marsantan agus nan greusaichean. Bha na brògan air an deanamh aig a bhaile, air an deagh-chumadh a’s air am fuaigheal gu daingean dionach le iallaibh, gun chainb gun rosaid. Bha gach srathair ’us sumag, le ’n gaid uchdaich, tharraich agus éislich, gach sugan agus crann-bhraid, gach cliabh a’s coran sacaich, crann-treabhaidh us cliath-chliathaidh, gach amal a’s grealag, gach teaghair a’s taod a’s buarach, agus ach beag gach ball-acfhuinn agus ni bha feumail a stigh ’sa muigh, air an deanamh á fàs an fhearainn gun sgillinn airgid a chur nan éiric. Ma bha na fir mar sud teòm-làmhach adhartach, cha robh idir na mnathan agus na maighdeanan air deireadh ’n an deanadas féin. Gheibhte iadsan gach feasgar fada geamhraidh air an cleachdadh ri cireadh, ri tlamadh, ri càrdadh, ri sniomh, ri toinneamh ’s ri tachras snath cloimhe agus lin airson nan clòthan, nan currainean, nam breacan, nam plaideachan, nan stuthan, nan drògaidean agus an lion-anairt dheth an robh ach beag an t-iomlan d’ an deiseachan seachduin agus sabaid air an deanamh suas, gun sgillinn a chur nan éiric ach duais an fhigheadair agus an tailleir. B’ainmig a chite san àm ud air feill no an clachan, deise de aodach tana lom Gallda air fear no air mnaoi, air òganach no air maighdinn, agus ma bha iad mar sud sìmplidh na ’n éireachdas, bha iad éireachdail ’n an simplidheachd; oir b’e fasan an latha, éireachdas air bheag riomhaidh; cha b’e riomhadh luideagach riobagach air bheag eireachdais. Ann ’s gach buaidh agus deagh bheus a bha deanamh suas cliu neo-mhearachdach nam “ban subhailceach,” cha robh mathair Challum a’ Ghlinne bonn air deireadh air a comhaoisean agus air a comhinbhich anns an dùthaich. On latha chuireadh “ceud bhreid na mnà posda” air a ceann, dhearbh i ann ’s gach daimh agus suidheachadh, “gun robh a luach gu mor os cionn clachan uasal.” “Choisinn agus ghleidh i earbsa cridhe a fir, agus riamh o na dh’aonadh ri chéile iad, cha robh feum aige air creich.” “Dhiarr i olann agus lion, agus dh’ oibrich i gu toileach le a làmhan. Bha i ann an ioma seadh mar longaibh nan ceannaichean, a bheireadh am biadh o thir chein.—Dh’eireadh i ’nuair a bi an oidhche bhiodh fhathast ann, agus bheireadh i lon d’a teaghlach agus cuibhrionn d’a maigdeanaibh. Bha a leasraidh an comhnuidh crioslaichte le neart modhanail.—Bha i mothachail gun robh a cennachd maith, cha rachadh a coinneal ás san oidhche.—Chuireadh i a lamhan air an dealgan, ’s ghabhadh glacan a lamh greim don chuigeil.—Bha a glac an còmhnuidh fosgailte don truaghan; agus a làmhan sìnte don fheumach.—Cha bhiodh eagal oirre roimh an t-sneachd, airson a teaghlaich, oir bha iad uile còmhdaichte le saothair a làmh.—Dh’ aithnichte a fear ann ’s na geataibh, ’nuair a shuidheadh e maille ri seanairibh na tire. Dh’ fhosgladh i a beul le gliocas, agus bha lagh a chaoimhneis air a teanga. Bha i curamach mu shlighibh a teaghlaich, agus cha d’ ith i riamh aran an diomhanais.” Os cionn gach buaidh agus deagh bheus eile tre an robh i aithnichte mar mhnaoi agus mar mhathair—bha “eagal an Tighearna oirre.” Bha a Companach mar an ceudna na fhear aideachaidh air an diadhachd; cha robh mor fhoghlum aca; ach a réir tomhas an eòlais, bha iad le cheile a’ gluasad ann an aithntibh agus ann an ordùighean an Tighearna gu neo-lochdach—cha robh an aideachadh air an diadhachd aon chuid gleadhrach no àrd-fhuaimeach; bha iad firinneach, onorach, agus creideasach nan cliù agus nan giulan ann am fianuis an t-saoghail. Bha aite féin aig a’ Bhiobul ann san teaghlach; cha robh [TD 169] mòran de leabhraichean eile aca a bharr air, ach am beagan a bh’ ann, bha iad de ’n t-seorsa a b’ fhearr; agus ach beag an t-iomlan dhiu anns a’ Ghàilig—mar bha, “Staid ceithir fillte an duine” le Boston; “Tùs agus fas diadhachd san anam;” le Doddridge; “Gairm do pheacaich,” &c., le Alleine; “Turus a Chriosduidh,” “Leabhar aidmheil a chreidimh,” “Leabhar farsuing agus aithghearr nan ceisdean,” agus leabhar no dha de oibribh nan seann bhard Gaidhealach. Ma bha bardachd Oisein ann an clo àig an am ud, cha robh i aithnichte am measg nan Gàidheal anns ’an uidheam sin; ach cha b’ ainneamh iad aig an robh moran de dhain na Feinne air an cuimhne, agus bha e na chleachdadh cumanta mar chaitheamh-aimsir taitneach air na feasgair gheamhraidh a bhi ’g an seinn air fuinn bhinn thiamhaidh tre an robh iad gu furasda agus gu riochdail, air an clobhualadh air a’ chuimhne, agus mar sin, cha ’n eil teagamh nach robh iad air an giulan a nios o ghinealach gu ginealach o chionn linntibh, ciod air bith bu toiseach a’s bu mhàthair-aobhair dhoibh anns na laithibh a dh’ fhalbh. ’Am measg nan seann Ghaidheal do nach b’ aithne sgriobhadh no leughadh, bha an comasan cuimhne anabarrach gramail, diònach, agus bha feum orra—oir bha an t-iomlan deth an eòlas air nithibh aimsireil agus spioradail gu buileach an crochadh rithe. Cha ni furasda e do ard-sgoileirean agus do fheallsanaich mhor-chuiseach an latha so, do nach comasach ach gle bheag eòlais a chomhphairteachadh ri muinntir eile gun leabhar no paipear fo ’n sroin, a chreidsinn gun robh bardachd Oisein ann am bith gus an deachaidh a toirt air lom le Seumas Mac-Mhuirich. Faodaidh e bhi gum bheil iad ann a tha de ’n bharail nach bu choir aite no cairtealan a bhi aig dain Oisein no aig obair nam bàrd ann an teaghlach air bith anns an robh aite féin aig a’ Bhiobul, mar a chuala sinn boireannach diadhaidh aon uair ag radh, “Nach tugadh i mòran air aideachadh neach air bith a chite a leughadh paipear naigheachd;”—ach cha bi sud beachd pharantan Challuim a’ Ghlinne; bu tric a dheìsd e aig glùn ’athar ris an dealbh-tharruing choimhlionta a rinn Donncha bàn air aillidheachd eugsamhuil NADUIR ann an òrain “Beinn Dòbhrain” agus “Choire-cheathaich;” ni mo a dhi-chuimhnich e ré a bheàtha na gluasdan intinn gradh-dhuthchail a bheir an dùsgadh na bhroilleach leanabaidh le bhi ag éisdeachd ri orain nam bàrd anns an robh euchdan agus gaisge nam Fineachan Gaidhealach ’s an luchd leanmhuinn ann an aobhar an duthcha air an seinn ’s na feasgair ri taobh na cagailt, ’nuair a bhiodh “sùrd air sniomh nan cloimhean.” Ni mo a dhi-chuimhnich e tosdachd naomh na Sàbaid, no an cleachdadh ionmholta anns an robh gach feasgar dhiu air an caitheamh. Rinn leughadh nan Sgriobturan, agus an ceasnachodh teaghlaich o leabhar aithghearr nan Ceisdean deargadh agus drùghadh air intinn ann an laithean a leanabuidheachd a thug a mach deagh thoradh an déigh moran laithean. Faodaidh ar luchd leughaidh a bhi saoilsinn gun deachaidh sinn ’san dol a mach, tuillidh is fada a’s ar gabhail, ann a bhi cur fo’n comhair na h-uiread do chliu agus do bheatha-teaghlaich parantan Challum a’ Ghlinne, ach mu ’n ruig sinn deireadh ar sgeoil, chithear ciod a bhuaidh thearnaidh agus mhisneachaidh a bha aig eiseimpleir agus teagasg na fardoich ’san d’ rugadh e air a bheatha, an déigh dha tir a dhuthchais fhàgail, agus aghaidh a chur na aonar ri saoghal fuar, feineil, coimheach, carach, cealgach, mar a fhuair esan e, lan de mhealladh, de bhuaireadh, de chunnartan, de eiginean agus de chruaidh-chas. (Ri ’leantuinn.) MUILEACH. [TD 170] OISEIN:—A LINN AGUS A BHARDACHD. (Air leantuinn.) An déigh na h-uiread a ràdh a dhion cliù ’us ainm ’us aimsir Oisein, faiceamaid cuid de na nithean bòidheach a tha ann an sgeòil nam bliadhnachan a threig, air bharraibh an sgeithe dorcha. Is ann bho nàdur féin a tha am Bàrd a tarruing na samhlaidhean leis am bheil a bhàrdachd co comharraichte. Ged tha ’n astar ionann anns am bheil am bàrd ann an àirde a smuaintean a’ triall, tha e gach uair a’ nochdadh caochladh cruth ’us bòidhchead ann an grian, an gealach, an reult, an aonach, ’s an sruthan thartarach. Tha e fior gum bheil tannais a shinnsearan gu minic a’ toirt cômhnadh ’us misneach do sharghaisgeach Sheallama, agus gur ann am feadh tha anam air a lionadh le cliù ’us cuimhne nan sonn d’ am bu nòs sealltuinn a nuas o ’n tallaibh féin, an còm ’s an oir nan niall, is maisiche sgiamh a’ bhàird, agus a’s àirde ’n gniomh tha inntinn aoibhneach, threubhach a’ deanamh. Ann an “Cath ula,” tha Oisein a’ labhairt mar so: Thuit an oidhche neulach, Le torran speur air chuantaibh, Las gu duaichni an dealan, ’S na taibhse san adhar ri nuallan, Le cirbibh an trusgain dàthta, Tha iad a’ leum ghios na doimhne, Muca mara ri sgreadail, Is tonna g’am freagairt o’n ailbheinn, Chual’ a’ ghealach ’na teach neulach Gach beuc oillteil thug an cuan as, Dh’ fhill i ’ceann an ceo na Lanna, ’S na reultan am falach mu’n cuairt di, Air chrith ri bhriste nan neul, Chithear an eudann air uairibh.” Tha anam a’ bhàird anns na rannan so a’ taomadh a mach samhlaidhean eagalach air toirm ’us strì nan dùilean. Bha ’n sealladh uamhasach, agus is e faireachduinn oillteil a tha na nithean a tha dlùth leantuinn a cheile ann an caismeachd Oisein a’ fadadh suas. Tha dubhachas ’us imcheist ann an oidhche; an cuan éitidh air a luasgadh le tartar àrd-fhuaimneach an torruinn; tha ciar thalla nan taibhse air a charuchadh; a’ ghealach, a’ cluinntinn fuaim ’us farum ’us beuc an lear, a’ folach a gnuis ann an ceò na Lanna; agus na reultan ag iarruidh fasgaidh bho sgiathaibh lòchrain na h-oidhche. Is uamhasach, is foghainteach, is treunfhoclach an samhladh so. A rithist ann an Sgeulachd air Trathuil nam buadh ’s air Colguil nan tual bheart, tha Oisein ag ràdh: Chaidh Trathuil a sios na eide’, Mar sgarnaich o mhullach sleibhe, Mar bhuinne shruth fuaimneach, oillteil, No mar theine ’m falt nan coilltean, Bha Colguil ’s e féin mar dha shruth aonaich, Chluinnte air gach taobh am beucaich: B’ àirde fuaim am faobhar geala Na toirm mhic-thalla ’s croinn gan gearradh, Bha Trathuil mar neart na gaoithe, Leagas giuthas mhorbheinn aobhach, ’S bha Colguil mar luas nan steud-shruth, Bhios le eudann shliabh a leumnaich,” Cha Colguil le ’fheachd thar stuadhan a’ chuain a chum ’s gum faigheadh e le foill dioghaltas air Trathuil. Chuir Colguil fealltach aon de dhaoine le naigheachd mealltach a dh’ ionnsuidh Rìgh nan Lann; ag ràdh ris “Tiubhraich dhomh aon do ’d dha shleagh, ’s thoir féin ma seadh dhomh do chomhnadh.” Dh’ imich Trathuil caoin nan iomadh beus maille ris an teachdaire gus an traigh, agus tha e air a chuartachadh le lainn ’us sleaghan Cholguil ’us a threun-fhir. Tha rìgh na Feinne leis fein; ach cha ’n ’eil meatachadh. Tha ’neart a’ fàs mar uisge an inbhir, mar chuantan a ta air steideadh. Tha anam ag eiridh na aonar. Tha shòlas mar thannais na h-oidhche dearg bholtrach air neul nan aonach. Tha uamhunn paisgte anns na briathraibh fein leis am bheil Oisein ag innseadh cia mar ’chaidh Trathuil mòr ’us Colguil fealltach an coinneamh a cheile. Bu neo-ghealtach, treun, beartach anam a’ bhàird a labhradh mar so. Bu mhòr meamnadh ’us cruadal Chleasamoir an uair, ann an talla Bhaile- [TD 171] chluthai, a tha e leis fein, agus eascairdean lionmhor ag iadhadh mu thimchioll, ’s iad uile an toir air Maona, nighean Rurmar, òigh nam buadh, a broilleach mar chobhar nan stuadh, a sùil reul sholuis an t-sloigh, a ciabh dubh mar am fitheach; b’ àillidh i ’na ’ciabh ’s na gnè. Tha naimhdean na Féinne a faoighneachd gu sgeigeil: “C’ ait am bheil àrd Chumhal nan lann, Fear-astair nan gleann gun raon? Bheil Cumhal ’us gaisgich ’s an àm; Thusa ladorna, dàn ’us faoin?” So freagradh Chleasamoir; “Tha m’anam, thuirt mise, a thriath, A’ lasadh gu thrian leis fein; Gun eagal tha Cleasamor fo ’sgiath, Measg mhiltean, ge ciar na trein, ’S mòr t-fhocal, mhic coigrich nan lann, Agus mise ’s an àm am aonar, Tha mo chlaidheamh crith-mhosgladh gu ’cheann; Grad a b’ àill leis mo làmh ag aomadh Gun fhocal eile air Cumhal nan ceud, Mhic Chlutha o na thréig an sruth.” Nach dìleas a tha Oisein a nochdadh cia mar ghluais an gaisgeach sgairteil, mòr, e féin ’s e na aonar. Cha robh e comasach dha éisdeachd ri sgeig no tamailt air Cumhail nan lann; agus dalma ann an àrdan uaibhreach anaim, chuir e cath as leth na Feinne. Ann an Carraig-Thura, tha Oisein ag innseadh cia mar ’thug Fionnghal nam feart buaidh air cruth Loduinn. A’ ghealach dearg ’us mall ’s an ear; Thàinig osnadh ’nuas o’n charn, Air a sgiathaibh bha samhladh fir, Cruth Loduinn ’s an lear gun tuar, “Teich gu d’ thìr,” fhreagair an cruth. “Teich air a’ ghaoith dhuibh: bi falbh! Thà’d osag ’an crodhan mo laimhe; ’S leam astar ’us spairn nan stoirm; ’S e rìgh nan Soruch’ mo mhac féin; Tha aomadh ’s a bheinn dha m’ thuar, Tha a charraid aig carraig nan ceud, ’Us coisnidh gun bheud a’ bhuaidh. Teich gu d’ thir féin, a mhic Chumhail, No fairich gu dubhach m’ fhearg.” Thog e gu h-àrd a shleagh dhorch; Dh’ aom e gu borb a cheann àrd, Ghabh Fionnghal na aghaidh le colg, A chlaidheamh glan gorm na laimh, Mac an Luinn, bu chiar-dhubh gruaidh, Ghluais solus na cruaidhe ro ’n taibhs’, Fuathas dona bhàis fo ghruaim, Thuit esan gun chruth ’s e thall Air gaoith nan dubh charn; mar smùid Bhriseas òg, ’s bioran na laimh, Mu theallach na spairn ’s na muig. Scread fuathas Chruth Loduinn ’s a’ bheinn G a thional ann fein ’s a’ ghaoith, Chual’ Innis nan torc an fhuaim, Chaisg astar nan stuadh le fiamh; Dh’ eirich gaisgich mhic Chumhail nam buadh; Bha sleagh ’s gach laimh shuas ’s an t-sliabh, “C’ àite bheil e?” ’s am fearg fo ghruaim, Gach maile ri fuaim m’ a thriath. Cha ’n ’eil na dealbhaidhean aon chuid fann no tearc a tha Oisein a toirt seachad, air cia co cumhachdach ’s a tha bhriathran am feadh a tha e ag aithris cath ’us spairn ’us còmhrag nan laoch, ach tha e ag éiridh gu fada eadhon os a chionn fein, ann am mòralachd, ann an danadas agus ann an snasmhorachd, an uair a tha e ’seinn ann an rannan siubhlach, comhraig rìgh na Féinne agus Cruth Loduinn nan gorm lann, eagal ’us tearmunn Lochlainneach araon am blàr ’s an sith. Cha do mheataich cridhe ’s cha d’ fhannaich gaisge Fhionnghail. Tha e mòrail, mìleanta, mar bu nòs, eadhon an aghaidh cruth Loduinn. Cha ’n ’eil sgàth no geilt ag éiridh na anam ann an gleachd ri Taibhse buadhmhor nan Lochlainneach. Tha anam an rìgh mar charraig ’s a’ chath. Thug e buaidh. Is dealbhach àrd a’ chainnt a chleachd Oisein, ann an iomradh a dheanamh air a chòmhstri uamhasach so. Is tiamhaidh tairis ceòl na cainnt a labhair Fionnghal ’us e ag iarraidh air na filidhean clàrsach a thogail ’s a ghleusadh: “Thionndaidh Fionn ri luchd bu bhinn ’Us dh’ iarr am fonn o shonn nam bàrd, “A ghutha Chona. a’s àirde fuaim, A’ bhàrda, tha luaidh mu h-aois, Dha ’n eirich air ar n-anam suas Feachdan mòr nan gorm chruth laoch. ’S taitneach leam aoibhneas a’ bhròin, Mar dhrùchd mòthar carraich chaoin, Fo ’n lùb geug dharag nan tòrr. [TD 172] ’S an duilleach òg ag éirigh maoth. Togaibhse, mo bhàird, am fonn.” Bha anam Oisein a’ lasadh le caoirtheas ’s le dian-bhlàthas a’ chòmhraig, an uair a tha e tarruing bho gach sealladh neartmhor, bagrach, fuaimneach a tha nàduir féin a taisbeanadh, smuaintean ’us nithean a tha ag àrdachadh ’us a’ meudachadh oillt, ’us gaisge nan treun laoch a lean Cuchullin mòr mac Sheuma, agus Suaran rìgh nan long, ’us nan donn sgiath, gu garbh spairn a’ chòmhraig. Anns a’ cheud Duan de Fhionnghal tha e ag radh: “Mar shruth a’ taomadh o gharbh ghleann Dh’ aom na suinn o chruaich nam beann, Gach triath an airm athar nam buadh; A ghaisgich dhubh-ghruamach na dhéigh, Mar chomhthional uisge nan stuadh M’ an cuairt do dhealain nan speur, Chluinnte fuaim nan arm ’s gach ceum Meaghal mhiolchon’ cleasadh àrd, Duain g’ am mùchadh anns gach beul, Gach curaidh treun ag iarraidh blàir. Mar thaomas sruth cobharach liath, O chruaich iarnaidh Chromlaich àird, An torrunn a’ siubhal ’s an t-sliabh, ’S a chiar-oidhche air leth nan carn, Is tanas fhuar nan snuadh glas A’ coimhead o iomall nam fras; Cho garg, cho mòr, cho borb, cho luath, Dh’ imich cruadal siol na h-Eirinn, An ceannard mar mhòr-thorc a’ chuain A’ tarruing nam fuar thonn ’n a dhéigh, A taomadh a threunais mar stuadh; Fo shiubhal chritheadh an tràigh, Mar thoirm fhoghair o dha bheinn, Gu chéile tharruing na suinn; Mar shruth làidir o dha chreig ’G aomadh, taomadh, air an réidh, Fuaimear dorcha, garbh ’s a bhlàr Thachair Innisfàil ’us Lochlainn, Ceannard a ’spealt chleas ri ceannard, Is duine an aghaidh gach duine; Bha cruaidh a’ screadan air cruaidh, Bhi clogaidean shuas ’g an sgoltadh, Fuil a’ dortadh dlùth mu ’n cuairt, Taifeid a’ fuaim air mìn iuthar, Gathan a’ siubhal ro ’n speur, Sleagha ’bualadh ’s a’ tuiteam thall, Mar dhealain oidhche ’s a’ bheinn, Mar onfha beucach a’ chuain, ’N uair ghluaiseas an tonn gu h-àrd, Mar thorruinn air cùl nan cruach, Bha gruaim ’us farum a’ bhlàir, Mar dh’ aomas mìle tonn gu tràigh, A ghluais fo Shuaran na dàimh. Mar thachras tràigh ri mìle tonn, Thachair Eirinn ri Suaran nan long, Sin far an robh guthan a’ bhàis, Toirm gàire-cath ’us cruaidh, Sgiathan ’s màile brist air làr, Lann ’s gach laimh ’n a dhealan shuas. Fuaim a’ bhlàir o thaobh gu taobh, Còmhrag beucach, creuchdach, teth, Mar cheud òrd a’ bualadh baoth Caoir o’n teallach dearg ma seach.” Tha na samhlaidhean agus na cosamhlachdan a tha Oisein a’ càrnadh suas a chum ’s gun dean e còmhrag nan laoch co dian ’s co oillteill ’s as urrainn e, a’ seasamh leo féin air son maise ’us àirde ’us eireachdas. Is leòir iad so féin air son tuaim a’ bhàird a chrùnadh ’s a’ sgeadachadh le coran buaidh, agus a chuimhne òradh le sobhraichean molaidh. Mu ’n tréig sinn deanadas nan sàr-churaidh ann an teas na strì, ni mi luaidh air coimeas eile a tha Oisein a’ deanamh mu bhrathair féin Fillean, anns a’ chuigeamh duan de THIGHMORA: “Tha Fillean mar thanas nan speur, A theàrnas treun o chirb nan sian, Tha ’n fhairge ’am bruaillean fo ’cheum, ’Us e ’leum o thuinn gu tuinn; Tha astar a’ lasadh na dheigh; Crathaidh innsean an ceud cheann Air cuan ag eirigh gun bheus thall.” (Ri leanntuinn.) CONA. EACHDRAIDH NA SMUID-SHOITHEACH. (Air leantainn,) Anns a’ bhliadhna 1801 no 1802, an uair a chaidh guth thairis air Mr. Taylor agus a bhàta, thòisich Mr. Symington, cheana ainmichte, (le cuideachadh Lord Dundas) air smuid-bhàta a dheanamh a chum soithichean eile a shlaodadh troimh ’n chanal. An uair a bha i deas chaidh a feuchainn ’s bha a’ choltas oirre freagairt do ’n aobhar, ach chur luchd riaghlaidh a’ chanail ’n a [TD 173] stad i fo eagal gu ’n lionadh i e leis mar a shruladh uisge a cuibhlean a sios a bhruachan. Chaidh a cur a leth taobh ann an luib uaigneach d’ an chanal goirid o’n Eaglais Bhric. Mu ’n cheart àm so bha fear Mr. Fulton o America maille ri Henry Bell á Glaschu a’ faicinn fuirneis mhòir Charroin. Chuala iad mu ’n bhàta ùr agus chaidh Mr. Fulton a thaghal air Mr. Symington a chum a faicinn. Sheall iad gu mion air a feadh, a’ beachdachadh air gach ni sonruichte m’a timchioll, a’s iad le cheile a’ cur rompa aig an ceud chothrom an ùr-innleachd chomharraichte so a chur gu buil dhoibh fein—ni a rinn iad—Mr. Fulton ann an America anns a’ bhliadhna 1807, air an abhuinn Hudson, agus Henry Bell, ’n uair a rinn e an Comet anns a’ bhliadhna 1812. Uaith sin tha e làn shoilleir nach mor còir America air ùr-innleachd na smuid-shoitheach. Chunnaic Mr. Fulton te dhiubh aig Carron—mhìnich Mr. Symington dha gach ni m’a timchioll—cha ’n e sin a mhàin, ach chuir e gu falbh i ’chum gu ’m faiceadh e mar a dh’ oibricheadh an t-iomlan, agus e ’s a’ cheart àm ag innseadh an fheum a dheanadh e d’ an eòlas a bha e an sin a’ faotainn, an uair a rachadh e dhachaidh do America. A thuilleadh air gur ann á Sasunn o Watt & Bolton a fhuair e an smuid-inneal air son na ceud shaoithich a chur e an òrdugh. Tha e coltach gu ’n robh e toileach gu ’m biodh so an an-fhios oir cha b’e ainm fein a thug e suas do Watt & Bolton an àm dha ’bhi ’toirt òrdugh dhoibh an smuid-inneal a dheanamh. Thug Mr. Symington e fein oidhirp neo-fhiachail anns a’ bhliadhna 1802 no 1803 air còir fhaotuinn dha fein air an ur-innleachd, le Litir Rìgh fhaighinn gun fhios do Mhr. Taylor, ach cha do dhuraichd e riamh a thagar gus a’ bhliadhna 1815, an uair a dh’ fheuch e ri toirt air sealbhadairean smuid-shoithichean Chluaidh suim mhor a phàigheadh air son na saorsa a ghabh iad ann a bhi ’togail agus a’ seòladh nan soithichean gun a chead-san. Chuir iad gu h-ealamh ’n a thàmh e le innseadh agus a shoilleireachadh nach b’e idir a b’ ùghdar do ’n smuid-shoitheach. Cha chuala Mr. Taylor guth dheth so gus a’ bhliadhna 1821, ’s an uair a sgriobh e g’a ionnsaidh dh’fheuch Mr. Symington ri ’bhreugadh le tairgse a thoirt dha de leth ’s a gheibheadh e. Tha e coltach gu’n do dhi-chuimhnich e gu’n robh a litir aig Mr. Taylor cho tràthail ri 20mh, August, 1787, a’ guidhe soirbheachaidh dha ’na oidhirpean air a smuid-shoitheach fhaotainn an òrdugh. O’n àm a sgriobh Mr. Taylor, 1821, cha chluinn sinn a bheag m’a thimchioll gu 1824, an uair a bha aois agus bochdainn a’ teannadh air. Chuir a chàirdean iompaidh air a chùis a thoirt fa chomhair Uachdaranachd na Rìoghachd. Rinn e so ag earbsa a’ ghnothaich ri Sir Henry Parnell. Cha ’n ’eil e coltach gu ’n d’ fhuair e mòr éisdeachd, a chionn, chi sinn e ’s an ath bhliadhna a’ deanamh a ghearain ri Sir William Huskison ’s a’ faotainn mar fhreagairt, nach robh mòr dhòchas gu ’m measadh iad an innleachd airidh air a bheag de dhuais! Anns a’ bhliadhna 1826, a’s e air leabaidh a bhàis sgriobh e cunntas mion-riochdail mu gach ceum a ghabh e ann an toirt air aghaidh na h-innleachd o thoiseach gu deireadh, gun fhios nach robh an Uachdaranachd an teagamh am b’e gu cinnteach a b’ ùghdar dhi. Mu ’n ám so chaochail e—meadhon an fhogharaidh 1826—aig ochd a’s trì fichead bliadhna dh’ aois. Is cianail r’a smuaineachadh cho beag gnùis, cothroim no ceartais ’s a fhuair an duine so a chuir an saoghal gu h-iomlan fo ’leithid de chomain. Beagan an déigh a bhàis thug fear d’a chàirdean a chùis air beulaobh Ard-chomhairle na Rìoghachd as leth na bantraich ’s nan dilleachdan, a’ deanamh na cùise cho soilleir, dearbhta, ’s gu ’n do dheònaich iad leth cheud punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna orra ri ’m beo. [TD 174] Chaochail a bhean so ann am baile Dhuneideann anns a’ bhliadhna 1859. Faodar a ràdh gu’n robh ùr-innleachd na smuid-shoitheach ’n a cadal o ’n a chaidh a’ bhirlinn a chur gu siubhal air lochan Dhalswinton anns a’ bhliadhna 1788, gus an do chuir Fulton an America ’s a’ bhliadhna 1807, agus Henry Bell air Cluaidh ann an 1812 a’ ris gu saod i. Thoisich an Comet ri ruith gu riaghailteach eadar Glaschu agus Grianaig toiseach na bliadhna 1812, ’s cha bu chadal a rinn iad an deigh sin. Anns a’ bhliadhna 1815 chaidh coig dhiubh a thogail an Albainn, ’s gun ghin an Sasunn, agus anns a’ bhliadhna 1818, cha bu lugha na ochd thar fhichead dhiubh a bha a’ ruith gu siubhlach an Albainn. Is ann air a’ bhliadhna so a thoisich daoine air dol thar chuantan leo. Is ann eadar Cluaidh agus Eirinn a chuir iad a’ chùis gu deuchainn a’s air dhoibh a bhi air am faotainn ro fhreagarach, air an ath bhliadhna (1819) chaidh an cur eadar Cluaidh agus Liverpool. B’ ì an Robert Bruce a’ cheud aon a sheòl an t-slighe so. Bha i gun dàil air a leantainn leis an Superb agus am Majestic a’s le iomadh te ainmeil eile, air sàil a cheile—gach aon a’ toirt bàrr air na bha air thoiseach oirre. Anns a’ bhliadhna 1823 chaidh an James Watt a chur air an t-slighe eadar Lìte agus Lunnainn, ann an 1826 chaidh a’ United Kingdom a chur air an t-slighe cheudna. B’i so soitheach a bu bhriagha ’s an Rìoghachd ’na latha fein. Air a’ bhliadhna 1838 thug iad ionnsaidh air Cuan Mor na h-àirde ’n Iar ’n uair a sheòl an Sirius agus an Great Western gu America. O’n àm sin tha iad a’ seòladh gu riaghailteach a null ’s a nall, a shamhradh ’s a gheamhradh. Cha ’n ’eil cuan air nach faighear iad a nis, cha ’n e mhàin a’ giulan luchd-turais, ach cuid mhor de bhathar-malairt an t-saoghail. Is iad a tha freagarrach air a shon, ann an luathas, an tèaruinteachd, agus am meudachd; oir bha iad a’ fàs am meud mar a bha iad a’ dol an lionmhorachd. B’e fad na Great Western, 240 troidh; am British Queen, 275 troidh; an Great Britain, 322 troidh; am Persia, 390 troidh; agus mu dheireadh, a’ toirt barr orra uile, tha an Great Eastern 690 troidh air fad, no sè fad deug na Comet aig Henry Bell! Bha comas giulan na Comet air a mheas aig coig tunna fichead—an Great Eastern coig mile fichead tunna; agus tha da fhad na Comet da leud ’na clàr uachdarach. Bha cumhachd smuid-inneal na Comet air a mheas aig trì eich—tha cumhachd inneal na Great Eastern air a mheas aig deich mìle each! Cha ’n ’eil e coltach gu’n d’theid ri ’r linn-ne soitheach a’s mò na ’n Great Eastern a thogail. Is ann a tha an stri a nis cia cho làidir, dhiongalta ’s a ghabhas iad deanamh. Cha ’n e ’mhain gu ’m bheil am fiodh na ’s truime ach is ann a tha na luingis-chogaidh air an suaineadh agus air an stràchdadh thairis le iarrunn, cuid diubh còrr a’s troidh air tiughad, agus a’ cosd leth muillein punnd Sasunnach, no os cionn trì tunna òir! Làidir agus do-leonta a réir coltais mar a tha iad air an togail neo-ar-thaing mar ’eil airm-chogaidh sgriosail a’ leantainn air an sàil. Ann an coimeas do na h-innleachdan millidh cha ’n ’eil iad idir cho math ris an luireach-mhaileach ri linn a’ chlaidhimh ’s na biodaig ’s an àm ’s an do fhairtlich air a’ Ghàidheal a bhiodag a shàthadh troimh ’n t-Sasunnach ’s a thuirt e, “Mairbh-phaisg ort, a fhleasgaich, cha ’n i do mhàthair a rinn do leine!” CABAR-FEIDH. Deoch-slainte chabair fèidh so Gur h-éibhinn ’s gur h-aighearach: Ge fada bho thìr fein e, Mhic Dhé greas g’a fhearann e; Mo chrochadh a’s mo cheusadh, A’s m’ éideadh mar mheala mi, Mur àit leam thu bhi ’g éiridh Le treun neart gach caraide! [TD 175] Gur mise chunna’ sibh gu gunnach, Ealamh, ullamh, àcuinneach; Ruith nan Rothach ’s math ’ur gnothach, Thug sibh sothadh maidne dhoibh; Cha deach’ Cataich air an tapadh, Dh’fhag an neart le eagal iad, Ri faicinn ceann an fhéidh ort ’Nuair ’dh’éirich do chabar ort! Be’n t-amadan fear Fòluis, ’Nuair thòisich e cogadh riut; Rothaich agus Ròsaich— Bu ghòrach na bodaich iad; Friseilaich a’s Granndaich, An càmpa cha stadadh iad; ’S thug Forbeisich na’n teann-ruith, Gu seann taigh Chuil-fhodair orr’. Theich iad uile is cha d-fhuirich An treas duine ’bh’aca-san; An t-Iarla Catach ruith e dhachaigh— Cha do las a dhagachan; Mac-Aoidh nan creach gun thar e ás, ’S ann dh’éigh e’n t-each a b’ àigeannaich, Ri gabhal an ra-treuta, ’Nuair dh-eirich do chabar ort! ’S ann an sin bha ’m fuathas Ga’n ruagadh thar bhealaichean, An deas dhuinn a’s an tuath-dhuinn, Gu luath ruith roi d’ cheann-eideadh; Mar sgaoth a dh’eoin nam fuar-bheann, A’s gruaim air a h-uile fear, A’ teàrnadh bho na sléibhtean Gu réidhlein ’s gu cladaichean. Dh ’eigh iad port ’s gu’n d’fhuair iad coit, ’S bu bheag an toirt mar thachair dhoibh; Ciod e’n droch rud rinn am brosnach’, Le’n cuid mhosg nach freagradh srad ’S a liuthad toirtear dheth na Rothaich, ’Dol air flod thar chlaigeannan?— ’S ann ghabh iad an ratreata, ’Nuair ’dh’eirich do chabar ort! Gu’m faigh mi fein mo dhùrachd— (’Se dhùisg ás mo chadal mi) An Tì do’n geill na dùilean, ’S da ’n ùmhlaich na h-uile ni, Gun greas e thu gu d’ dhùthaich, Gu h-ùiseil ’s gu h-urramach! Gur tu nach leigeadh cùis, Leis na dù-Ghaill nach buineadh dhoibh; ’S tu bheireadh clotha do’ luchd gnothaich, Gun fhios co a throdadh riut; An fhine Rothach chuir thu fotha Ge mor leotha ’n ladornas, Ga’n cuir romhad le’n ruith-choimhich, ’S am baile-nodha na shradagan ’S na lasair anns na speuran, ’Nuair dh’eirich do chabar ort! Chunna mi m’a thuath thu ’S gu’m b’uachdaran allail thu; Bha Cataich fo do chùram, A’s dh’ ùmhlaich na Gallaich dhut; S gach tì bha riut an diùmba, ’S nach dùirigeadh sealladh ort, A’ faicinn bhi ga’n sgiùrsadh, Gu dùthaich nach buineadh dhoibh. Le gasraidh fhinealt dheth do chinneadh Nach gabh giorag eagalach; Luchd chlogaid ’s bhiodag ’s chorcan bireach, Cha philleadh luchd-bagairt iad; Thig feachd Mhic-Shimi gu do mhilleadh, ’S ruithidh iad gu saidealta; ’S gun teich iad o chlàr t-eudainn, ’Nuair dh’eireas do chabar ort! Th’am brochan a’ toirt sàr dhuibh, ’S tha ’n càl a’ toirt at oirbh; Ach ’s beag is misde ’n t-àrmunn, ’Ur sàth thoirt an nasgaidh dhuibh: Ge mòr a thug sibh ’chàise, Thar àiridhean Asainne, Cha’n fhacas cuirm a’m Fòlais, Ge mòr bha do chearcan ann; Caisteal biorach, nead na h-iolair’, Coin a’s gillean gortach ann; Cha’n fhaicear bioran ann ri teine, Mur ’bidh dileag bhrochain ann; Cha’n fhaicear mairt-fheoil ann am poit ann, Mur ’bi cearc ’g a plotaigeadh; ’S ga’n tional air an déirce, ’Nuair thréigeas gach cosgais iad. Cha’n eil eun ’s na speuran, Is breine n’an iolaire, Cha ’n ionan idir beus d’i, ’S do dh-fhéidh anns na firichean;— Bi’dh iadsa moch ag eiridh, A’ feuchainn a’ bhiolaire; ’S bi’dh is’ air sean each caoile, Ri slaodadh a mhionaich ás; Chuir i spuir a staigh na churach, ’S thug i fhuil na spadul as, An t-ian gun sonas ’g iarraidh donais, Bi’dh na coin a’ sàbaid rith’; ’S breun an t-isean i air iteig, Gu’n fhios c’àit’ an stadadh i,— Mas’ olc a lean i ’h-àbhaist, Cha b’ fheàrr far na chaidil i. Cha’n eil eun ’san t-saoghal R’a fhaotainn tha coltach riut,— Cha’n ithear do chuid sìthne— Rinn firinn a’ mollachadh: [TD 176] Ged tha ort iteag dhìreach, Mar fhior shaigdead corrannach, S ged’ thuirt iad riut am fireun, Tha ionan an Donuis ort! S ioma buachaille ’th’ air fuar chnoc, Agus cuaille bàt’ aige’; Ni guidhe bhuan do bhuntain bhuath, ’S a bhuaileas bho do thapadh thu; ’Nuair bheir thu ruaig air feadh nan uan, ’S a bhios buaireas acrais ort, ’N uair thachras cabar féidh ort, Gu’m feum thu bhi snasadh dha! Tha cabar-fèarna Dhòmhuill, Mar spòrs’ anns an talamhs’ ac’; Nach innseadh sibh dhomhs’ e, ’S gu’m b’eol domh a charachadh; ’S chuirinn fios gu h-eòlach, Gu Seòras an caraideach, Gur h-e Fear Dhuin-Dòmhnuill, Le lòn chum an t-anam ris; ’Bhiasd gun mheas, gun mhiagh gun, ghliocas Riamh bu tric ’s an talamh-s’ thu; Dh’òl a’s dh’ith thu trian do d’ phiseich, ’S tu an t-isean amaideach; Chuir na Rothaich thu air ghnothach, S tu an t-amhusg aineolach, ’S ged’ thug Clann-Choinnich miadh ort, Cha b’ fhiach thu ’n treas earainn deth. Faire! faire! shaoghail, Gur caochlaidheach carach thu; Chunna mise Sì-phort, ’Nam pìoban cruaidh, sgalanta, Nach robh an Alb’ a dh’aon-shluagh, Ged shìneadh Mac-Chailein ris, Na chumadh riuts an eudann, ’Nuair dh’éireadh do chabar ort! Dh’eireadh leat an còir ’san ceart, Le trian do neart gu bagarach, Na bh’ eadar Asainn, a’s fa dheas, Gu ruig Sgalpa chraganach, Gach fear a glacadh gunna snaip, Claidheamh glas, no dagachan,— Bu leat Sir Dòmhnull Shléibhte, ’N uair dh’éireadh do chabar ort! Dh’éireadh leat fir Mhùideirt, ’Nuair ’ruisgte do bhrataichean, Le ’n lannan daite dù-ghorm, Gu’n ciuirte na marcaich leo; Mac-Alasdair ’s Mac Ionmhuinn, Le ’n cuilbheirean acuinneach; ’Nuair rachadh iad ’san iorghuill, Gu’m b’ ioghna mur trodadh iad:— ’Bi’dh tu fhathast gabhail aighear, Ann am Brathuinn bhaidealach, Bi’dh cinne t-athair ort a’ feitheamh, Co ’bhrathadh bagradh ort? Bi’dh fion ga chaitheamh feadh do thaighe, ’S uisge-beatha feadanaah; ’S gur lionmhor pìob’ ga’n gleusadh, ’NUAIR DH’EIREAS DO CHABAR ORT! [Tha e ri chantuinn gur h-e Tormod bàn Macleòid an Asainn a rinn “Cabar-féidh” air do na Rothaich cuairt a thoirt do dh-Asainne a dh-iarruidh creiche. Thàinig iad ré an t-samhruidh, ’n uair a bha na boireannaich leis a’ spréidh air an àiridh, agus, a réir na sgeulachdan a th’ againne, cha n e ’mhàin gun d’ thug iad leo mòran cruidh ach mar an ceudna, ìm a’s càise. Thog an gnìomh so fearg Mhicleòid agus rinn e CABAR-FEIDH, oir sann bho Chlann Choinnich a chaidh a chreach a thoirt.] FAILTE O ’N “SGIATHANACH.” A’ Ghàidheil Ionmhuinn, Is fhad on thubhairt an sean-fhocal, “Gur minic a thàinig deagh chomhairle á beul amadain,” agus tha e ro cheart. Féudar an sean-fhocal eigneachadh, ach cha bhréugaichear e. Ach bitheam-sa amaideach no glic, bu ro mhaith leam deagh-chomhairle a thabhairt duit-se, a thaobh nan nithe eug sàmhla a tha thu a’ cur romhad a dheanamh chum eòlas agus fiosrachadh de gach gné a chraobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuing am measg nan Gaidheal. Tha ’n obair a ta agad os làimh cliù-thoilltinneach, agus bu chòir do na h-uile aig am bheil spéis do dhùthaich am breith, agus aig am bheil dùrachd-cridhe chum staid agus cor nan Gàidheal bhochda ath-leasachadh, gach cuideachadh nan comas a dheanamh leat. Bheirinn àithne dhuit os ceann gach ni, cùram a bhi ort nach toir thu géill do chomhairle nan uile. Ma ni thu sin, le miann ort gach neach fa leth a riarachadh, tuitidh tu ann am mearachd an t-seann duine ’sa chosamhlachd a bha ’n dùil, le mhac agus le asail féin, gu’n toilicheadh e iadsan uile a bha ’g a chòmhlachadh air an rathad mhòr. Tha e ni ’s fhusa do mharaiche gach eilean agus creag ’san “Archipelago,” a sheachnadh o lòng-bhriseadh [TD 177] air òidhche dhuirch, ghaillionnaich gheamhraidh, na tha e dhuitsa do chosan a sheasamh ma dh’ èisdeas tu ris gach comhairle a bheirear dhuit.—Tha beachdan agus barailean a’ chinne-daoine co ioma-gnètheach agus eadar-dhealaichte ’sa ta cruth agus dealbh an gnùisean féin, agus ciod a’s miòsa, tha gach neach fa leth co féin-bheachdail ’s gu ’m bheil e ’sa bharail gur esan féin a tha ceart, agus gach duine eile mearachdachd. Sin agad Fionnladh Ruadh a bha ’na fhoirbheach-eaglais o cheann còrr is fichead bliadhna, agus ged tha deagh eòlas aig air a’ Ghailig, cha ’n ’eil ìnnleachd air a thoilleachadh. Tha Fionnladh, m’as fior e féin, ro thuigseach, ro bheachdail, ro ghlic, agus ’na dhuine aig nach ’eil coimeas air son a bhuaidhean maiseach a’m measg a luchd-eòlais air fad. Agus ged nach toir Seònaid a bhean-phòsda chòir féin an cliù sin air, gidheadh gabhaidh e dha féin e, agus dian lasas e a’m féirg an aghaidh an tì aig am bheil a dhànadas cur ’na aghaidh. Rinn Fionnladh dichioll gu gréim fhaotuinn air gach ni a chlodh-bhualadh ’sa Ghailig ’na là ’s na lìnn féin. Leugh e an seann “TEACHDAIRE,” “CUAIRTEAR NAN GLEANN,” “FEAR-TATHAICH NAM BEANN,” “AN FHIANUIS FHIOR,” “BRATACH NA SITHE,” agus an leithidibh sin,—agus do gach aon fa leth bha Fionnladh a’ faotuinn cron air chor eigin.—Bha TORMAD OG, an T-EILTHIREACH, AN SGITHANACH, ROB RUADH, CARAID NAN GAIDHEAL, agus làn an leth-cheud eile a’ sgriòbhadh annta sin chum an luchd-dùcha féin ath-leasachadh, ach cha do chòrd a h-aon diubh ri Fionnladh; agus ma tha e beò fhathasd agus cumhachd nan sùl agus nan cluas aige, cha chòrd “AN GAIDHEAL” ris ni’s mo, oir is duine e aig nach ’eil deagh-ghuth do neach fo’n ghréin. Ach tha iomadh Fionnladh ’s an t-saoghal fathasd; agus cha ’n ionann iad is CAILEAN BAN MUILEACH,—duine ciallach, tuigseach, aig an robh deagh-rùn dhoibhsan uile a bha ’cur a mach ni sam bith ann an cànain bhinn agus bhlasda nan Gaidheal. Ceart mar a thàrruingeas an seillean a’ mhil á’s gach luibh agus blàth, bha Cailean còir a’ tarruing teagaisg agus fòghluim o gach nì ’sa’ Ghailig. Bha gach lide ’sa’ chainnt sin oirdhearc ann am beachd Chailein. Bha gach Gailig co-ionnan da, agus cha robh Gaidheal o’n àirde deas no tuath nach tuigeadh e. Bha òrain Rob Duinn agus Dhonnachaidh Bhàin maraon so-thuigsinn da; agus cha deanadh e tàir air ni sam bith a chlodh-bhuàladh ann an càinnt a mhathar. Cha robh e idir frionasach, gearanach, drànndanach, mar a bha Fionnladh Ruadh; ach bha e tàingeil air son gach dìchill a rinneadh le daoinibh fòghluimte chum eòlas a thoirt da air sgéulaibh, cleachdannaibh, agus eachdraidh a luchd-dùcha fèin. Tha mi uime sin, a’n dòchas, a’ Ghaidheil Ionmhuinn, gu’m buin na ceudan riut-sa cleas Chailein Bhàin, agus gun cròdh iad mu ’n cuairt duit chum do chuideachadh, agus do chumail suas. Tha féum agad air do làmh a neartachadh le bhi ’gad chòmhnadh, an dà chuid chum do LEABHRAN taitneach a dheanamh suas, agus a chraobh-sgaoileadh a’m fad ’s am farsuing. Tha mòran ann, gu’n teagamh, de dhaoinibh tréun agus cumhachdach ’sa’ Ghailig, a nochdas, tha mi’n dòchas, mòr dheagh-ghean d’ad thaobh. Tha aodhair urramach a’ Chill-Mhàllidh ann, a dhealbh cùimhneachan air féin a bhios co maireann ri Beinn-Neamhais, leis an t-seòl air an d’eadar-theangaicheadh dàin Oisein leis. Tha ’n t-Olla-cliùiteach Mac Lachlainn ann, a chladhaich co domhain sios chum seann sgriobhanna ’sa’ chainnt a dheanamh aithnichte. Tha Mac Choinnich, aodhair fòghluimte Chill-Mhòraig ann, diàn agus deas chum gach bun agus bàrr air am bheil fiamh na Gàilig a rannsachadh a mach. Sin agad, mar an céudna, an t-aodhair [TD 178] Camshroin ann an Renton, agus cha’n fhurasd fhaotuinn a bheir bàrr air a thaobh eòlais-san air gach nì a bhuineas do’n Ghailig. Agus c’àit an d’ fhàg mi “Lochabar Iochdarach”—duine fiùghantach, fialaidh, foghluimte, deas gu cuideachadh, màll gu cronachadh—suairce, séimh, seirceil?—gu’n teagamh is tearc a lèithid r’a fhaotuinn—Cha bheò e aig am bheil barrachd fiosrachaidh na tha aige-san air cainnt, cleachdannaibh, càirdeas, treubhantas, gaisge, fad fhulangas, agus gach deagh-bhuaidh eile a bhuineas do na Gàidheil; agus cò e a tha co ullamh, ealanta, eallamh, chum nan nithe sin a leagadh ris ’na bhriathraibh òirdhearc agus shnasmhor féin? Tha iad so uile, ma ta, agus na ficheadan eile comasach air do chuideachadh, agus tha dòchas agam gu’n dean iad e. Ged nach sàmhlaichinn mi féin, ach àmhain ann an deagh-dhùrachd, riù-san a dh’ ainmich mi, gidheadh, cha di-chuimhnich mi idir thu. Ged a bheirinn duit sgòd searmoin an trà’s ’sa ris, bu choma leat e; uìme sin, gheibh thu de nithibh eile “sop as gach seid” ceart mar a cheaduicheas ùine sin a dheanamh. Tha gu cìnnteach deagh-rùn aig COMUNN GAILIG INBHERNEIS dhuit, agus sinidh iad amach an làmh gu’n teagamh gu d’ chòmhnadh. B’e sin an Comunn tlachdmhor, geanail, dian, deas, dealaidh, gu’n diòbradh, ann a bhi ’lorgadh a mach gach cuspair eugsamhuil air am bheil iad an tòir. Beannachd leat, a’ Ghaidheil Ionmhuinn. Buaidh agus piseach leat; agus gu mo maith a théid gach cùis leat. Is mi do charaid gu’n teagamh, SGIATHANACH. Priomh-Bhaile na Gaidhealtachd, Ceud Mios an Fhogharaidh, 1872. MIANN NA BAN-EIREANNAICH. Bha duine uasal àraid ann an Eireann, agus bha a bhean ro dhona airson an òil. Cha ro fiù a leine nach reiceadh i gu ceannach an uisge-bheatha. Bha an duine air eigneachadh leatha, ’s cha romh fios aige ciod e ’dheanadh e gu thoirt oirre ’n t-òl a thréigsinn. Mu dheireadh, ’s ann a chaidh e gu lighiche ’bha ’s an àite ’dh’ iarraidh comhairle air son a galair. “Am bheil e n’ur comas nì sam bith a thoirt domh air son bean a bhios a gabhail na daoraich?” ars’ an duine. “’N e puinnsean a tha uait” ars’ an lighiche, “mas e, iarr gu fearail e, ’s na bi ’deanamh éis?” “O cha ’n ’eil mise ’g iarraidh puinnsean, ach rud-éigin a bheir oirre sgur de ’n òl.” “Na ’m b’ urrainn mise leigheas a thoirt air a ghalair sin” ars’ an lighiche, “bha m’ fhortan deannta. Ach coma co-dhiù, dian mar so a’ nochd. Thoir leat galan uisge-bheatha agus leig leatha òl gus gu ’m miannach leatha fhéin sgur; agus theid mise ’n rathad ’s a’ mheadhon oidhche.” Mar so bha. Thug an duine leis an t-uisge-beatha. Dh’òl a bhean e; agus anns a’ mheadhon oidhche, thàinig an lighiche. Dh’ fhalbh an dithis leis a bhean, agus shìn iad i fuar marbh leis a’ mhisg ann an seilear iochdrach seann chaisteil a bha ’s a’ nàbuidheachd. An deigh beagan cadail, dhùisg i, agus shìn i air feòrachd c’ àite an romh i. “Tha thu ann an tìr na bithbhuantachd” ars’ an lighiche ’bha ’g a fhalach fhéin air a cùl-thaobh. “Agus c’ fhada le ’tha mi ’s an tìr so?” ars’ ise. “Tha còrr is bliadhna” ars’ an lighiche. “’S cinnteach gu ’m bheil mi marbh ma tha mi cho fada sin ann” ars’ ise. “Tha cho marbh ri clach.” “Agus am bheil thusa marbh mar an ceudna?” “Tha.” “Agus c’ fhada tha thu ’s an dùthaich so?” ars’ ise. “Tha còig bliadhna” ars’ an lighiche. “Gun teagamh tha sinn uile marbh a réisd.” “Tha; gach neach againn.” Air do ’n lighiche ’m freagairt so a thoirt di, rinn i suidhe agus air son seal beag lean i air smuaineachadh gu cùramach. Cha robh fhios aig an lighiche ciod e a bha i ’dol a chantuinn. Mu dheireadh thuirt i—“Tha mi cinnteach gu ’m bheil thusa gu math eòlach ’s an àite; am bheil fios agad c’ ait’ am faigh mi uisge-beatha?” [TD 179] Cha robh fhios aig an lighiche ciod e ’dheanadh e ’n uair a chunnaic e gu’n do shir i’n dram ann an dùthaich nan spioradan; ’s thug e ’chasan as. TUIREADH BAINTIGHEARNA CHOLA. Gur h-e mis’ th’ iar mo chiùradh, Thug mi gealladh do ’n chùirteir, Ged nach leiginn fo rùn e nas mò.* Moch ’s a’ mhaduinn ’s tu ’g éiridh, Gur math thigeadh dhut féileadh, ’N uair a sgioblaicheadh m’eudail gu falbh. Sealgair féidh air an driùchd thu, Bu trom lot e le d’ fhùdar, Call fala ’s do chù air a lorg. An là thàinig thu dh’ Albainn, Bu làmh shònruichte arm thu, Tha sud firinneach, dearbhta, gun bhòsd. Bu tu ’n cèarrach mòr prìseil, Air chairtean, ’s air dhìsnean, ’S tu gu ’n coisneadh a’ chìs air an torm. Agus cèarrach air feòirne, Air an tàileasg ga ’n steòrnadh, ’S tu nach iarradh, ’s nach sòradh an t-òr. Bu tu ceann do luchd-muinntir, Nach robh geur orra ’n cainnt o, Ann an eireachdas cùnntais no mòid. Ach, a Nèil chòir, a ghaisgich, Fhuair do stialladh mu ’n chlachan, ’S e do bhàs chuir am fadal so orm. Chunnacas sud le d’ cheann-cinnidh, Iad ga d’ ghiùlan gu h-innis, ’S iomadh bean a bha sileadh an deòir. Gu ’n robh gruaim air do dhalta, ’N tràth bha ’n uaigh dhuit ga treachailt, ’S gu’m bi ’n uair nach bu mhaslach e dhò. Ach na ’m b’ aithne dhomh d’ àireamh, ’S ùr a’ choill as an d’ fhàs thu, Shìol nam fineachan àrd bu mhòr stoirm. Mac Ghill-Eathain air thùs leat, Agus Iarla na Cùile, Leat mac Ionmhuinn bho lùchairt a’ Chrò. Leat mac Shimidh mòr uaibhreach, ’S Iarl Antruim seo chualas, Lochlann leat an àm bualadh, ’s bi chòir. * Aithris gach ceithreamh dà uair. An àm tighinn do ’n fheasgar, ’S mòr m’ ionndrain, ’s cha bheag i, Mheudaich iomnadh nam fleasgach mo bhròn. Mi ri feitheamh na faiche, ’S fir an òrdugh dol seachad, Ach cha léir dhomh fear d’ fhaicinn na ’n cóir. Duin’-uasal treun sgairteil, Ur gleusta ro bheachdail, Fear fial dha na bhaisteadh Niall òg. ABRACH. GUTH O CHANADA. A’ Ghàidheil rùnaich, Is ann le toileachas mòr agus le deadh-dhùrachd a chuirinn fàilte ’us furan oirbh agus a labhruinn mu’r timchioll na briathran aosda: “An là ’chi ’s nach fhaic:” “Gu ’m slàn agus gu ’m fortunach a bhitheas sibh.” Gun teagamh buinidh dhuibh cliù ’us moladh do bhrìgh gu’m bheil sibh a’ deanamh oidheirp ghasda air cànain bhlàth nan Gàidheal a chumail suas agus a sgaoileadh gu pongail anns an dùthaich ùr fharsuing so. Tha bhur sgiamh boidheach, grinn. Tha bhur sgeadachadh tlachdmhor. Thug sibh cheana dearbhadh làidir seachad gur è bhur rùn suidhichte onoir a chur air cainnt bhlasda nam beann. Tha è soilleir mu ni gach Gàidheal anns an dùthaich a dhleasannas do ’r taobh, nach bi è comasach focal a labhairt an aghaidh bhur snuadh agus ’ur dichioll. Is iomadh latha o’n chunnaic iadsan tha measail air a Ghàilig “CUAIRTEAR” ’n an cainnt fein. Gun amharus tha bhur bàigh ri tir nam beann ’us ri cleachduinnean nan Gàidheal araon làidir agus cliùiteach. Ged nach ’eil Canada fathast ach ann an tùs a mòrachd ’s a beartais; feumar, aideachadh gu’n d’ rinn siol nan gleann agus clann nan Gàidheal mòran cheana a chum an dùthaich anns am bheil sinn a’ tuineachadh, a thoirt air a h-aghaidh gu ìnbhe urramach, àrd. Tha paipeirean naigheachd gun àireamh air an sgriobhadh ann am Beurla agus ann an cànainean eile. Bhitheadh è na ni brònach, tàmailteach, mata, gu’m bitheadh a’ Ghàilig gu tur gu’n leabhar no paipear anns am faodadh gach neach leis an aill naigheachdan an t-saoghail a leughadh agus a thuigsinn ann am briathran maiseach Oisein. Chi mi gu soilleir gu’m bheil turus maith roimhibh, oir tha iomadh Gàidheal anns an dùthaich a tha toilichte agus aighearrach bho ’n thog sibh an seòl meadhoin [TD 180] agus a sgaoil sibh ’ur breidean geala ris an t-soirbheas. Tha Canada ’soirbheachadh gu luath: agus tha mi ’creidsinn gu ’m bi aghartas a’s modha, agas dichioll a’s airde air an nochdadh anns an aimsir a tha ri teachd. Tha farsuingeachd anabarrach anns an dùthaich; tha fearann torrach, domhainn ann an iomadh ceàrna; tha rathaidean iaruinn a nis ag iomachd air feadh cuibhrionn mhòr de’n tìr; tha lochan uisge agus abhnaichean fada againn nach ’eil aig tir air bith eile; tha eòlas ’us saorsa air freumh làidir a ghabhail am measg an t-sluaigh. Nach ’eil againn, mata, aobhar sonruichte ’bhi g’ amhairc ri fortan mòr, agus ri soirbheachadh paillt anns na laithean a tha air thoiseach oirnn? Tha mi earbsach agus dòchasach gu ’m bi laithean sunndach, fada air am buileachadh oirbh-sa agus gu’n giùlain sibh iomadh sùgradh, gean ’us toileachas-inntinn do gach Gàidheal a bhitheas ann an ionadan iomallach na dùthcha a’ deanamh dachaidh bhunaiteach dha fein agus mar so a’ fosgladh suas na duthcha. O’n tha ’n seol meadhoin a nis an àird agus am bàta air broilleach a’ chuain, tha mi ’n dòchas gu’m bi gaoth fhàbharach daonnan a’ lionadh nam breidean; agus gu’m bi ’n long ùr eireachdail so furasda ’stiùradh agus a gleidheadh ann an uidheam thogarrach. Tha sibh a’ gealltuinn gu’n imich sibh le ceum a’s luaithe agus a’s treise ann an ùin ghoirid. Ni bhur càirdean gàirdeachas an tràth a thogas sibh ’ur ceann ni ’s àirde agus a sgaoileas sibe a mach tuille breidean ris an t-soirbheas. Tha mi glé chinnteach gu’m feum sibh cuideachadh agus aoidheachd fhaotainn ann an iomadh dachaidh agus aig iomadh teine. Bu ni tàmailteach a thachradh da rireadh, na’n diultadh cridhe Gàidheil air bith aoidheachd a thoirt duibh agus còmhnadh a dheanamh le mùirn ’s le tlachd leibh. Na bitheadh ioghnadh oirbh mu ni mise dichioll air litir a sgriobhadh a nis agus a rithist do bhur n-ionnsuidh. Is mise aig an àm, A’ Ghàidheil rùnaich, Bhur caraid dìleas, “CONA.” LITIR A CEANN-A-GHIUBHSAICH. A’ Ghàidheil rùnaich, Ceadaichibh dhomh fàilte chridheil a chur oirbh ás an earrann so de ’n dúthaich. Tha mi ’cluinntinn, agus mar an ceudna, ’leughadh, gu’m bheil sibh a’ faighinn mòran litrichean taitneach o ’ur càirdean ás gach ceàrnaidh de ’n chruinne. Agus am bheil sin iongantach? Ud, ud, cha-n-eil. ’Sann bu chòir do gach Gàidheal aig am bheil spéis d’a dhùthaich, d’a chinneach, agus d’a chànain—’s mar eil spéis aige do gach aon diubh sid, cha GHAIDHEAL e—clach-chuimhne ’thogail an àit éigin air feadh na Gàidhealtachd air son an latha ’rugadh a leithid de ghaisgeach ruibh. Na smuanaichibh idir gum bheil mi gu bhi a’ brosgal no a’ sotal ruibh. Chuala sibh bho ’ur n’òige nach d’ thig an còta glas cho math do na h-uile fear: agus sann mar sin a dh-éirich dhomh-sa ’s do ’n bhrosgal—cha d’ thig e gu math dhomh. Tha mi faicinn ann bhur paipear luachmhor gu ’m bheil sibh a’ faighinn beagan litrichean air bheag brighe—eadhon, feadhainn leibeideach, dhroch-oileanach mar a chuir “Niall Crùbach” thugaibh. Tha mi glé thoilichte leis na freagairtean geur, tapaidh, a tha sibh a’ tabhairt do uile-biastan de ’n t-seòrsa ud. Na h-uile duine riabh diubh ma dh’ ionnsaicheas e an aibideal, cha bhi ach sìneadh air beumadh, ’s air faotainn cron do Ghàilig a’s modh litreachaidh muinntir eile. Tha Mr. Disraeli ag radh gur h-iad na tiolpadairean, buidheann air an do dh-fhairtlich gach seòrsa de sgriobhadh,—agus air an aobhar sin ’s éiginn doibh sìneadh air smàdadh na muinntir a tha ealanta air. Tha mi a’ creidsinn gu maith gu’m bi an seòrs ud ’g ar trioblaideachadh:—’s cha ’n urra mise chantuinn aig a’ cheart àm so nach i sin a’ cheart obair a bh’ aig “Niall Crúbach.” Ma bheir sibh feart idir orra na caomhnaibh a’ Ghràisg, innsibh iad-fhein dhoibh, innsibh dhoibh nach d’thig ás a phoit ach an toit a bhios innte. Ach creidibh-sa mise, ’s thoiribh dhiom na cluasan mar eil mi ceart, an uair a their mi gur h-e úmaidhean, leth-chiallaich, no bleideirean air chor eigin de’n t-seòrsa sin a bhios ris a ghniomh mhi-chliuiteach air an robh mi a’ labhairt. Bha mi ro-thoilichte leis an dara litir a chuir “Rùnasdach” thugaibh agus cho ciallach ’s a labhair air a’ cheart seòrsa mu ’n robh mi fhein a’ labhairt. Tha mi ’faicinn nach do chuir an duine còir (mas e duine no boireannach a th’ agam) litir no dad eile gus A’ GHAIDHEAL mu dheireadh, ach tha mi ’n dochas nach do chaidil e air son sin. Thug mi gus a’ so air cainneadh na Gràisg a bhios a’ faighinn cron do na Ghailig; ach le ’r cead-sa their mi-fhein focal no dha ruibh a [TD 181] nise mu dheibhinn oran a chuir sibh anns A’ GHAIDHEAL mu dheireadh; agus tha mi ’n dochas nach saoil sibh gur h-ann ri tiolpadaireachd a tha mi. ’S fhada bho mo chail e, fhir mo chridhe. ’S ann a tha mi air son beagan a radh ruibh ann an spiorad bràthrail. ’S e an t-òran a tha mi a’ ciallachadh, “Duanag a’ Chiobair.” Tha n t-oran gun teagamh gle chridheil, deas-bhriathrach; ach ged a tha, dé ’thug air an ùghdar a leithid a chantuinn mu mhaighdionan a’ bhaile so? Smuanaichibh féin, fhir mo chridhe, air an rann so: “Ged a chruinn’cheadh an dùthaich. Gu féill Chinn-a’-ghiùbhsaich, Cha bhiodh te ann do ’n duraiginn pog.”(?) Nach fior a thuirt an sean-fhocal. “A’ chailleach, an gabh thu ’rìgh?”—“Cha ghabh o’n nach gabh e mi.” Tha maighdionan anns a’ bhaile bheag so, cho tlàth, ’s cho maiseach ’s a tha fo’n Chrùn Bhreatuinneach. ’N uair a chi mi prasgan diubh a’ dol seachad an rathad mòr teòghaidh mo chridhe riù—gach té dhiubh cho gràdhach, ’s cho fìnealta, agus gum moladh Oisean iad mar a mhol e Mala-mhìn. Tha mise cinnteach, fhir mo chridhe, na ’n tachradh dhuibh a thighinn a chaoidh an taobh so, gun cuireadh sibh leis gach focal a thuirt mi mu ribhinnean seirceil “Chinn-a’-ghiùbhsaich. Ach ’s a’ cho-dhùnadh innsidh mi sgeulachd bheag dhuibh: Bha madadh-ruadh ann roimhe, agus air dha a bhi ’falbh an fhàsaich air latha tiorram teth, dh’ fhàs e ro phàiteach ’s cha romh uisge no ni air bith eile ann a chaisgeadh iota. Mu dheireadh de chunnaic e ach craobh fhion-dhearcan. Bha na fion-dhearcan ro bhriagha, na h-uile aon diubh abuich, agus iad cho lionmhor ’s gun romh iad a lùbadh barraibh nam meangan. Ars’ an sionnach, “’S ann domh a rug an cat an cuilean; dé na ’th ann an sin de fhion-dhearcan, gach aon diubh cho maiseach ’s cho làn; ’s iad a chaisgeas mo thart,” agus an so thug e leum suas ris a’ chraoibh an dùil gu’m biodh làn a chraois aige tighinn air ais. Ach leibeidean, cha d’ fhuair e ’m bainne;—cha ruigeadh e leth na slighe gus na fion-dhearcan. Leim e, ’s leim e, ach ged a bhitheadh e a’ leum fhathasd cha deanadh e tùrn. Mu dheireadh dh’ fhalbh e, agus, ars’ esan. “Tha mi coma dhe na fion-dhearcan,—tha iad goirt!”—Cha-n-eil mi ag ràdh nach do bhlais còrr ’s an sionnach bochd air fion-dhearcan goirte. An dòchas nach dean sibh orm-sa mar a rinn sibh air “Niall Crùbach,” Is mi bhur seirbheiseach umhal CALLUM. Ceann-a’-Ghiùbhsaich, Ceud Mios an Fhogharaidh, 1872. LITIR O RUNASDACH. A’ Ghàidheil Rùnaich, Aig an àm so de’n bhliadhna cha’n’eil aon aig am bheil sgillinn ruadh ri ’chosd agus uair de dh’ ùine ri ’sheachnadh, nach fàg othail agus ùpraid a’ bhaile mhòir air son sàmhchair na dùthcha agus àile glan nam beann. Ma thug sibh sgriob timchioll a’ “Bhroomielaw” na cinnuidhe an eich iarruinn chunnaic sibh le ’ur sùilean féin na bha de shluagh a’ fàgail a’ bhaile. Gu sònruichte air seachdain na Faireach shaoileadh neach gur ann a bha a’ phlàigh an Glaschu is a h-uile fear riamh a’ teicheadh le a bhean ’s a chlann, gu ionad tearuinte. Nis ’us ciatach an cleachdadh so, oir tha daoine’ tha fad na bliadhna mhòr air an tachdadh le toit a’ bhaile feumach air aon làn beòil de àile ghlan, agus is mòr an t-ùrachadh dhoibh sealladh de na machraichean uaine agus de’n fhraoch bhadanach ghorm. Na saoilibh, mata, gur ann a’ faotainn coire do ’n chùis a tha mi. Cha ’n ann idir, oir is ann a tha mi ’s an làn bharail gum bheil làithean cluiche, mar theirear riu, tuilidh is tearc againn, ’s e sin na ’m biodh iad air an gnathachadh air an dòigh so a chum slàinte a’s falaineachd a thoirt do ’n chreubh trid turus a ghabhail “a sios an t-uisge” no taobh eigin eile, far am biodh dragh as cùram, toit is gleadhraich a’ bhaile mhòir air am fàgail na’n déigh. Ach am bheil sibh a’ feòraich, ciod a th’ agamsa ri dheanadh ris a’ chleachdainn sin? Tha dìreach a chum an aobhar, a thug orm-sa nach cuala sibh uam air a’ mhios a dh’fhalbh, a dheanadh soileir dhuibh. Tha fhios agaibh gu’m bheil an sean-fhocal ag ràdh gur “feàrr a bhi ás an t-saoghal na ás an fhasan” a’s air an aobhar sin thug mise am fireach orm maille ris a’ chòrr. Thug mi sgrìob air feadh nan garbh chrioch agus ruaig a’ measg eileanan Innse-gall, agus feudaidh sibh a bhi cinnteach gur e sgrìobhadh a bu lugha bha air m’ aire. Bu leòir leam a bhi ag òl a stigh an t-sonais a bha sruthadh thugam o bhi coimhead air beanntan mo ghaoil a’s a’ bhi beachdachadh air àilleachd do-choim [TD 182] eas, tìr thuinidh nan treun, no o ’bhi g’ éisdeachd sgeula mu na làithean a dh’ fhalbh a’s mu na cleachdainnean ud a tha gu luath a’ dol às an t-sealladh am measg sgàilean dorcha na h-aimsir a thréig. Is ma bheir sibhse agus ’ur luchd-leughaidh cead dhomh, bheir mi o àm gu àm dhuibh cunntas air cuid de na nithean amaideach agus faoin a bha aon uair air an làn chreidsinn ’n ar tìr. Cha ’n ’eil mi idir a’ saoilsin gum bheil e na ni cearr na nithean sin a chur air chuimhne mu ’m bàsaich iad gu buileach. Tha ioma aon diubh faoin gu leòir ach tha fòghlum us teagasg annta aig àm. Is eadhon ged nach bitheadh idir, is airidh iad air cuimhne a chumail orra do bhrìgh gum bheil iad freagarrach a chum soluis a thilgeil air na h-amanan as air na cleachdainean a tha ’nis air siubhal seachad a chaoidh. Is ann o na sgeulachdan, o na baoth bharailean agus o na sean ubagan aig sluagh a tha sinn comasach air eòlas fhaotainn air ciod i fìor eachdraidh pobuill agus ciod iad na smaointeanan agus na breithneachaidh a bu ghnàth leò a bhi cleachdadh. Faodaidh mata beachdachadh air na nithean ud a tha faoin gu leòir annta féin a bhi na nì buanachd’or a chum ar n-eòlas a mheudachadh mu dheibhin nan linntinn ud a tha gu luath ga’m follach féin a measg ceò nam bliadhnachan agus sgàilean na h-aoise. Tha mi an dòchas mata nach meas luchd-leughaidh A’ GHAIDHEIL, gu’m bheil mi gòrach, amaideach ged a bheir mi fo’n comhair iomadh gisreag is ùbag is barail fhaoin. Oir cha ’n ’eil mise, a’ Leughadair ionmhuinn, gu’n creidsinn ni’s motha na thu féin, ach air dhomh a bhi ’s an làn bharail gu’m bheil solus ri fhaotainn iomadh uair far an lugha am bheil sùil ris, agus gliocas aig àm fo chleòca na h-amaideachd, tha mi am beachd gur fhiach sean nithe nan Gàidheal aithre a thoirt dhoibh. Maille ri iomadh ni eile a tha air caochladh ann an tìr nam Beann tha beachdan an t-sluaigh mu na nithean amaideach ud air atharrachadh mar an ceudna. Agus is maith gum bheil, oir tha e ’n a dhearbhadh gu’m bheil fòghlum ’us eòlas a dol am meud, agus luchd-àiteachaidh nan garbh chrioch a’ fàs ni’s tuigsiche. Ach is fheudar dhomh aideachadh ’nuair a thairneas mi coimeas eadar staid na Gàidhealtachd mar a tha i nis agus mar a bha i ’s na linntin a dh’ fhalbh gum bheil mi iomadh uair ann an teagamh a thaobh na cùise, agus air uair cha ’n ’eil e cho soileir dhomh gu’m bheil cùisean air caochladh, anns gach ni a chum na cuid is feàrr. Tha a thaobh an ni so “dà thaobh air a’ Mhaoil.” Air aon taobh tha beannachdan ’us buanachdan ri am faicinn, air an taobh eile, tha tiamhachd agus bròn. A thaobh na ’m buanachdan, thàinig rathad na Gàidhealtachd, faodaidh mi na nithean a leanas a chomharachadh a mach. Tha sgoilean agus eaglaisean air an suidheachadh ann an iomadh gleann uaigneach agus air iomadh eilein cuain far an robh aig aon àm meadhona teagaisg agus gràis gle thearc. Tha rathaide mòra air an deanadh air feadh nan garbh chrìoch, a chum is gum feud carbad nan ceithir each, dol troimh na glinn is fiadhaiche cho socrach réidh is air cabhsair a bhaile mhòir. Tha mac talla nan creag a’ co-fhreagairt do sgriach an eich iarruinn agus do dh’fhuaim rothan nan carbad aige feadh ghleanntan ’us bheanntan na h-airde tuath far am bu chruaidh ann an linn ar n-athraichean do neach an rathad a dheanadh na chois. Tha bàta na smúide air eileanan iomalach Innse Gall agus air Lochan fasgach na h-àirde n’ iar a thoirt ro dhlúth do ’n bhaile so againn. Tha trid so iomad goireas aig luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachd nach robh aig an athraichean. Tha eadhon an innleachd iongantach sin, a tha air cearcal a chur air an t-saoghal air a leithid a dhòigh is gun d’thig naidheachd ann am priobadh na súl o America féin, air cuid do na h-eileinean a thoirt cho dlúth oirnn is gum feud neach ann am Muile no Ile (ma tha cuid thasdan aige ri chosd) còmhradh a chumail ri a charaid ann an Glaschu mar gum biodh iad nan suidhe mu choinneamh a chéile aig an aon bhòrd. Tha mar so gun teagamh iomadh caochladh àigh air tighinn air tìr nan Treun, o na làithean ud anns an robh na Finneachan do ghnàth ann an naimhdeas d’a chéile—o na linntin anns an robh súil gun leigeadh gach Ceann Feadhna òg air dha teachd a chum a thighearnas fhaicinn a thapadh agus a threubhantas trid a chreich a thogal o fhearan a choimhearsnaich, agus anns am bi a chulaidh spuirt a bu togaraiche a bha aig ’ur n athraichean a bhi mort ’s a spúineadh nan Gall. Tha e nis mòran nis furasda agus nis sàbhailte do Bhàilidhean Ghlaschu cuairt a thoirt feadh nan garbh chrioch na bha e anns an linn anns an robh Bailie Nicol Jarvie cho treun agus sgriob a thoirt, o cheannsal Rob Ruaidh Mhic Griogair, a dh’ fhaicinn maise nan Troisichean, àilleachd Loch-Chatriona agus garbh shlios Bheinn Lomuinn. Ach ged a tha so uile [TD 183] fior, agus ged a tha gach Gàidheal ro thàingeil air a shon, tha gidheadh atharraichean eile air teachd ann an lorg nan nithean sin a lionas mo chridhe le tiamhachd agus bròn gach uair a bheir mi ruaig air feadh Gàidhealtachd mo Ghaoil. Tha trid nan goireasan ud agus o aobharan eile, luach fearainn air àrdachadh a chum is gum bheil na Tighearnan trid gaol nam màltan mòra air iomadh gleann tioral agus srath tarbhach a chur fàs a chum caoraich a chur an àite nan daoine. Is fada on a thubhairt an Slànaighear Beannuichte “Cia mòr is feàrr duine na caora?” Ach cha ’n ’eil uair a bheir mi cuairt feadh ionada fàsa tìr mo dhuthchais, nach d’thig an smuain ann am aire gur éigin, nach ’eil an earainn sin ann am Bìobul Tighearna Fearain na Gàidhealtachd idir, no gum bheil iad féin is an luchd gnothaich air solus ùr fhaotainn oirre, oir tha an deanadas a’ cur an céill gur i a bharail acasan gur mòr is feàrr caora na duine. Is tha iad air an aobhar sin air an t-sluagh fhògradh is air iomadh srath bòidheach agus gleann àillidh fhàgail nam fàsaichean tiamhuidh. Far an robh iomadh dachaidh chomhfhurtachail, anns an robh sluagh moralta, diadhaidh ag gabhail cómhnuidh, cha ’n ’eil a nis ach na liath làthraichean fuara, agus na tolmain fheurach ghorm gu fianuis a thoirt air na bha. Air an Leith-thir thorrach far an cluinnte ann an ciùin shàmhchair an anmoich shamhruidh guth nan salm ag éiridh o iomadh altair theaghlaich, le co-sheirm thiamhnidh bhinn cha bhuail fuaim air a’ chluais an diugh, ach mèilich nan caorach bàna agus tabhann madadh breac a’ chìobair ghallda. Da rìreabh “Is e lionmhorachd nan caorach, chuir clann nan daoin’ air alaban.” Oir tha e fior mu iomadh ceàrn do thìr gharbh na h-Alba, mar thubhairt am Bàrd Ileach mu Eilein glas an fheòir, far an d’ fhuair e àrach. “Tha tighean sealbh na dh’ fhàg sinn Feadh an fhuinn ’n an càrnan, Dh’ fhalbh ’cha till na Gàidheil Stad an t-àiteach, cur ’us buain, Tha stéidh nan làrach tiamhuidh A’ toirt fianuis air ’s ag ràdh: Mar a fhuair ’s a chunnaic mise Leig am fios so thun a’ Bhàird. Cha chluinnear luinneag Oighean, Séist nan òran air a’ chléith, ’S cha ’n fhaicear seòid mar ’b’ àbhaist A’ cur bàir air faiche réidh. Thug ainneart fògraidh uainn iad, ’S leis na coimhich buaidh mar ’s àill, Leis na fhuair ’s na chunnaic mise, Biodh am fios so aig a’ Bhàrd. Cha ’n fhaigh an déirceach fasgadh, Na ’m fear astair fois o ’sgìos, No ’n Soisgeulach luchd éisdeachd,— Bhuadhaich eucoir Goill is cìs. Tha nathair bhreac na lùban Air na h-ùrlair far an d’ fhàs Na fir mhòr a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a Bhàird.” ’N uair a bheachdaicheas mi air na h-atharrachuidh so uile, ged tha mi ullamh gu leòir gu aideachadh gum bheil iomadh caochladh maith air tighinn air a’ Ghàidhealtachd, gidheadh thig tiamhachd air m’anam agus tiomadh air mo chridhe tra ’chuimhnicheas mi air na làithean ud anns an robh “aiteas is àgh feadh nan gleann,” mar bha an oidhche fhada gheamhraidh air a cur seachad ann an càirdeas agus ann an cridhealas, le toimhseachain, ùrsgeulan agus cleasan gun lochd, le iomradh air cliù na Féinne agus le aithris dàin Oisein is a cho-luchd ciúil. Is ged a tha solus is àirde a nis air sgaoladh ann am measg na fuigheal a dh’ fhàgadh do shiol nan treun, na na sgeulachdan faoin ud, cha ’n ’eil fhios agam neo air thàing gach neonachas d’an d’ thug iad géill nach robh toiseach aca oirnne a dhaindeoin ar bòsd as ar mòit mu ar n-eòlas, ann an iomadh subhailc agus buaidh mhaiseach. Oir bha caoimhneas a’s càirdeas, mòralachd a’s deagh bheus ri fhaotuinn nam measg a dh’ fhaodadh nàire a chuir oirne an diugh. Bha iad aoidheil agus tabhartach ri bochdan, rachadh furan fàilte a chur air a’ choigreach, is a bheatha dheanadh ged nach biodh bonn ’n a sporan, u’s rachadh gabhail aige gu maith is gu roth mhaith, gun pheighinn, gun chàin. Na ’n tugadh e làmh air pàidheadh air son a shuipeir ’s a leabaidh, cha ghabhta uaith e, is gheibheadh e mar fhreagairt, “Ud, ud, is gann an t-earrach anns an cunntar na faochagan. Cha ’n ’eil sinn cho gallda is sin fhathasd.” Ged nach biodh mòr fheum mata anns na sean nithean sin, tha mi ’s a bheachd gum bheil iad aithridh air àite fhaotuinn air taobh duilleagan A’ GHAIDHEIL, do bhrìgh is gum bheil iad mar thanasg sgaileach nan làthean a dh’ fhalbh, a dh-úisgeas iomadh aigne thlà, agus cuimhneachan thiamhuidh ann am broilleach muinntir a tha an diugh math dh’ fhaodta fada fada o sgàile nam fuar bheann. Oir [TD 184] tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh, cha ’n e mhain mar ghath soluis do’n anam, ach mar fhuaim thiamhuidh nan caochain uisge ann an gleann uaigneach fasail “’n uair a thuiteas sgàile na h-oidhche, mar gum b’ ann a’ caoidh na bha,” no mar ghaoir ìosal mhuladach nan tonn air feasgar ciúin anns a’ chéitinn, a ghiùileanas air falbh an t-anam gu beachd smuain, agus breithnachadh air seasmhachd nàduir agus a h-obair, agus air neo-nitheachd fhalasach gineil chlann daoine. Ma bheir sibh cead dhomh mata bheir mi ann an litir eile iomradh air cuid do na nithean sin. Aig an àm is mi ’ur Caraid. RUNASDACH. Glaschu, air Cluaidh, Ceud Mios an Fhogharaidh 1872,. NAIGHEACHDAN. Tha crioch a nis air a’ Pharlamaid; agus an uair a leughar uirghioll na Ban-rìgh, tha e soirbh ri fhaicinn gu ’n deach barrachd obair a dheanamh am bliadhna, air son gnothaichibh na dùthcha—araon aig an taigh a’s thairis—a thoirt air an aghairt na chaidh a dheanamh o cheann iomadh bliadhna. Mu dheighinn na ceiste chudthromaich a bha eadar sinn fhéin agus na Staidibh Aonaichte, tha e taitneach ri innseadh gu’m bheil e coltach ris gun teid crìoch shiochail oirre; agus nach bi i fada na ceap-tuislidh air son a bhi ’g àrach mì-run eadar an dà rioghachd. Cha ruig sinne leis gach ni a th’ air an ainmeachadh anns an uirghioll Rioghall a chur sios air duilleagaibh A’ GHAIDHEIL; foghnaidh e dhuinn a chantuinn, gu’m bheil a chuid as lionmhoire dhe ’n t-sluagh taingeil air son, agus, toilichte leis, na chaidh de ghnothaichean na rioghachd a dheanamh air a’ bhliadhna so. Tha na Sasunnaich a nise ’sgaoladh feadh na duthcha, mar as cleachdach leo aig an àm so. Tha mòran diubh air tighinn thun na Gàidhealtachd. Air feadh an Eilein Sgiathanaich, gu deimhinn air feadh nam Beann uile, tha iad cho lionmhor ris na meanbh-chuileagan. Tha tlachd mòr aig na Sasunnaich ann a bhi ’g amharc air àrd bheanntaibh na Gàidhealtachd, agus gun teagamh tha seallaidhean de’n t-seòrsa ’g àrach smuaintinean maiseach, oirdhearc, ann an cridheachan air bith aig am bheil an gràdh is lugha do obair a’ chruthaichidh, agus diomhaireachd obair nàduir. Tha na Gàidheil a tha a ghnàth a’ measg nam beann ’s nan gleann air fàs cho eòlach air gach sealladh a tha ri fhaicinn agus gu’m bheil mòran diubh nach saoil dad sam bith de na ceart-sheallaidhean a thogadh suas cridheachan nan Gàidheal ’s a’ bhaile. Mar gach neach eile tha a’ Bhan-righ fhein a’ tighinn gu math gu tuath air an Fhoghar so. Tha iomradh air gum bheil i gu pàirt de ’n ùine a chur seachad cuide ris an Diùc Chatach a ’n Dun-Roibin. Tha muinntir Inbhir-nis ro dheigheil air gu ’m fan i úine gheàrr na ’m baile bòidheach fhéin; agus chaidh dithis dhaoine urramach, (Probhaist Mac-Choinnich agus a roimh shealbhadair, Maidsear Lyon Mac-Choinnich) ’ga cuireadh gu tàmh aig Inbhir-nis ’s an dol seachad. Tha fear de phaipearan naigheachd Inbhir-nis ag ràdh gu’m biodh e ro iomchuidh clach-chuimhne ’chuir suas anns a’ bhaile air son a tàmha. Tha iad a’ meas gun cosg a’ chlach so (ma bhios a leithid ann) còrr air mìle punnd Sasunnach—ach ciod e dh’aithnicheas muinntir Clach-na-cúdainn sin uatha? Thug Ban-impire nam Frangach agus a mac cuairt feadh na Gàidhealtachd air a mhios a chaidh seachad. Bha i ann am Bàideanach, ann an Lochabar, ’s anns an Eilein Sgiathanach. Bha an dúthàich a’ taitinn ro mhath rithe. Tha feadhainn a thàinig ’na car air an t slighe ag innseadh gu ’n robh bruidhinn mhòr aice air son lite, ’s gach seòrsa bidhe eile a’s cleachdach a a bhi aig na Gàidheil Tha i ag ràdh nach còir do na Gàidheil a’ Ghàilig a leigeil bàs; agus gun teagamh sam bith tha i ag innseadh na fìrinn. ’N uair a bha i anns an Eilean Sgiathanach bha iomradh mòr aice air a’ Phrionnsa ’s air Fionnghal nighean Raonuill Mhic-Aonghais òig. Mu’n do dh-fhàg i an t-eilean sgriobh i ann an leabhar an luchd tathaich ’s an taigh-òsda, anns a’ chainnt Fhrangaich:—“B’ fheàrr leam gu’n romh an t-eilean so, ris am bheil iomad co-cheangal an eachdraidh agus anns am bheil lanntair cho òirdhearc, air a thaghal le luchd-turais, agus air a mheas leotha mar bu chòir da a bhith. Tha am bàrr fior mhath anns gach cearnaidh de’n Ghàidhealtachd; ach tha sinn a’ faighinn cunntas gu’m bheil an gaiseadh anns a’ bhuntàta ann an àitean. Tha iasgach an sgadain gu math air deireadh am bliadhna. Ged a chaidh mòran a ghlacadh ann an àitean, cha ’n ’eil e idir cho math ’s a bha e mu ’n tìde so an uiridh. Tha an aimsir glé fhliuch am bitheantas. Air a’ mhios a chaidh seachad bha crith- [TD 185] thalmhuinn ann an àitean de ’n Ghaidhealtachd, ach cha deach call sam bith a dheanamh. NITHE NUADH AGUS SEAN. THOIR gràdh do na h uile; dean earbsa á beagan; na dean olc do neach; bi a’ d’ fhear dùlain an neart ni ’s mò na ’n cleachdadh, agus gléidh do charaid fo iuchair do bheatha féin; fuiling bacadh air son a bhi sàmhach agus na togar cìs dhiot a chaoidh air son a bhi labhrach. FACAIL ’s am bith anns am bheil thu ag innseadh do sgeòil mur ’eil iad a’ toirt do mhuinntir eile na brìgh a tha thu féin a’ toirt asda, cha ’n ’eil thu a’ d’ fhear-labhairt na fìrinn o d’ chridhe. THA neart agus urram duine a’ comh-sheasamh ’n a reuson; tha gach ni a dhorchaicheas no a mhilleas an comas inntinn luachmhor so, a’ lagachadh, a’ lughdachadh, ’s a’ deanamh neach suarach. SEARGAIDH maise ann an ùine gheàrr, ach mairidh subhailc agus tàlann maille ruinn, agus mar a’s aosda a tha sinn a’ fàs ’s ann a’s feàrr a tha iàd a’ dol. THA Bòidhichead ni ’s miosa na deoch làidir; tha i a’ cur an neach anns am bheil i agus an neach a tha ’g amharc oirre air mhisg. TOIMHSEACHAIN. 1. Tha mi ni ’s àirde na beanntaibh an domhain, Agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, Cumaidh ’n sealgear mi suas, ’an cluais a ghunna, Ged ’tha mi ni’s truime na mìle tunna. 2. ’S àird’ e na na beanntan, ’S doimhne e na ’m muir, ’S géire e na ’n draighionn dubh, ’S milse e na ’mhil. 3. Cha-n eil e muigh, ’s cha-n eil e staigh, ’S cha tig an taigh ás eugmhais. 4. Trì bà breaca ’n cois nan leaca. Nach do bhleodhnadh deur d’ am bainne riamh. 5. Tha bean thorrach ’s a’ bhaile ud thall, ’S ge torrach i, cha bheir i clann; Olaidh i ’m fion bhàrr a boise, ’S caol a coise troimh a ceann. 6. Teadhar fhada bhàn ’S i ’n a tàmh daonnan. FREAGAIRTEAN do na Toimhseachain anns an t-seathamh àireamh de ’N GHAIDHEAL. 1. Botul uisge-bheatha. 2. Uaireadair. 3. An corran buana. 4. An t-uisge ’s roth a’ mhuilinn. 5. An luath a falach nan éighlean. 6. Cearc. SOP AS GACH SEID. ’S ann an uair a’ s gainne ’m biadh is còir a roinn. ’S mìne min na gràn; ’s mìne mnai na fir. ’S e lìonmhoireachd na làimhe a ni obair aotrom. Ma their mi fhéin “thu” ri mo chu, their a’ h-uile fear e. Ma their thu na ’s léir dhuit, their tha na ’s nàir leat. ’S call caillich a poca, ’s gun tuilleadh a bhi aice. Is sàmhach an obair a’ dol a dholaidh. ’S feàrr pilleadh ’am meadhon an àtha no bàthadh uile. Nàire nam maighdeannan an luirgnibh nan cailleachan. Tha thu cho breugach ’s a tha an luch cho bradach. Tuitidh tòn eadar da chathair; ’s tigheadas eadar dà mhuinntir. Na toir droch mheas air mac luideagach, no air loth pheallagach. ’N uair a chailleas duine a stòras cha ’n fhiù a sheòladh no a chomhairleachadh. ’S ann aig an duine féin a’s feàrr fios c’ àit am bheil a bhròg ’g a ghoirteachadh. FREAGAIRTEAN. Slàn iomradh air “Callum a’ Ghlinne.” Fhuair sinn an litir mhodhail, shuairce ’chuir e thugainn. Chi e gu’m bheil sinn a deanamh feuma de phàirt de na bha innte. Gabhaidh sinn an còrr uaithe fhathast; ach ’s eugainn duinn innseadh da gur mòr a’s fearr leinn na seann thoimhseachain, na an fheadhainn ùra, se sin mar a bi an fheadhainn ùra fior mhath. Chi “Callum” gu’m bheil sinn a sgrìobhadh beatha “Challuim a’ Ghlinne.” Ach ’s iomadh bonaid gorm a th’ air an fhéill, a’s air an aobhar sin tuigidh “Callum” nach e bheatha sa ’tha againne ’n ar beachd. Coma co-dhiu, “’Challum” lean thusa air àbhachd do shinnseir, agus, cuimhnich ged a thachras iomadh bodachan gnù riut aig am bheil fuath do gach nì dhe ’n t-seòrsa, nach “toir iad fo ’n ùir na’s mùgh’ na bheir Callum.” Chi “Gille nan rann” gum bheil sinn a toirt “Slàn le Fionn-airidh anns a’ Bheurla. Bithidh ar luchd-leughaidh toilichte FAILTE ’fhaighinn anns A’ GHAIDHEAL air a’ mhios so, bho an “SGIATHANACH” air an romh mòran diubh eòlach anns an t-seann “CHUAIRTEAR.” Tha R. B. ag iarruidh oirnn a leth-sgeul a ghabhail ri ar luchd-leughaidh air son mearachd beag a rinn e anns an àireamh mu dheireadh a thaobh bàs an Ollamh Leòdaich. Chaochail an t-Ollamh Mac Leòid air 16mh is cha-n ann air an 19mh mar tha air a chur sìos. [TD 186] ORAN MOLAIDH DO CHOMUNN NAN GAIDHEAL ANN AM BAILE THORONTO. LE EOGHAN MAC-CHOLLA. Ciad fàilte air Comunn nan àrmunn deas, foinnidh, Ni dùthchas an ath’raichean ’chumail a suas, Seann dùthchas nan Gàidheal, an cliù a’s an cànain— A’ chainnt sin a thàinig bho Adhamh a nuas— Mar sud a’s an t-éideadh, air sràid no air sléibhte, Ta uallach, deas, eutrom—grinn, greadhnach an snuadh; Sàr-chomunn mo chridhe! cha ’n ioghnadh ged bhithinn ’An so, mar is dligheach, a’ guidhe leo buaidh. Mo ghaol na fir ùra nach cuireadh an cùl-thaobh Ri Ceòlraidh an dùthcha—fìor dhùthaich nam Bàrd: Bho mhac rìgh na Féinne gu Donnacha Bàn geur-bhinn, Co ’n tìr sin fo ’n ghréin air a h-aosdàin bheir bàrr? Co ’n neach leis nach solas bhi ’n cuideachd luchd òrain? Deagh iomradh ’n an còmradh mo stor agus m’ àgh; Bi’bh sibhse nis dìleas do chleachduinn co rìoghail, ’S a chaoidh cha téid dìth air cainnt ghrinn nam beann-àrd. Cha ’n eòl domh toil-inntinn is mo na bhi cluinntinn Pìob mhòr nan dos cnaimh-gheal is fonnmhoire fuaim; ’N uair théid i gu còmhraidh air faiche no ’n seòmar B’ e ’n ceòl thar gach ceòl leam a tòrman ’nam chluais; N àm lannan a rùsgadh, ’s na h-àrmuin do ’n rùn i Air naimhdean a’ brùchdadh le gnùisean gun ghruaim, Suas “Gillean an Fhéile” air pìoban deagh-ghleusach, ’S cha duilich ri leughadh co ’n taobh a gheibh buaidh! ’S iad cleachduinn nach miosa gu neartachadh chriosa ’Bhi tilgeadh nan Cabar ’s a’ cur na Cloich-neirt: ’S e sid a rinn làidir ar n-athraichean tà’chdach— Mo thruaigh iad ’thig ceàrr orr’ a’ stàilinn nan glac! Am fear leis an suarach ’bhi ’g altrum no luaidh air Gach lùth-chleas grinn uasal ta ’n uair so ’n ur beachd, Cha deanainn a chàineadh, ged ’s cinnteach a ta mi Gur siochaire grannd’ e de dh-àl air bheag thlachd. Ged ’s mithich nis dhòmh-sa ’bhi ’criochnachadh m’ òrain, Tha tuille gu leòir a bu mhiann leam a ràdh Mu dhéighinn na tìr sin tha daonan air m’ inntinn— Seann Albainn do-chiosnaicht’, do ’n fhirinn thug gràdh. Ciad soraidh thar chuan bhuam ’g a h-ionnsuidh, mo chruadal! Bhi ’n so mar eun fuadain fad’ uaip’—ach ged ’tha, Mn ’n téid as mo smuaintean tìr àluinn nan cruach-bheann Bithidh ’n cridhe so fuar anns an luaithre a’ cnàmh! [TD 187-194] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 195] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHARAIDH, 1872. [8 AIR. CALLUM A’ GHLINNE. EARRAN II. B’ e Callum an t-aon a b’ oige de ’n teaghlach, agus mar is tric a thachair, b’ esan ailleagan agus annsachd na h-uile neach; bu ghrian ’s bu ghealach gach ni ’theireadh no ’dheanadh e. Bha e ’na leanabh ùrail fallain eireachdail. ’Na fhior leanabuidheachd, thaisbean e buadhan inntinn a bha comharraichte—bha ’aignidhean maoth soitheamh ciùin so-ghluasadach, agus a chuimhne gramail, dionach. Shuidheadh e gach feasgar Sabaid gu samhach tosdach ag eisdeachd le dian aire ri ceasnachadh an teaghlaich, agus ri leughadh a’ Bhiobuil. Ann ’s a’ cheathramh bliadhna d’ a aois dh’ aithriseadh e gu pongail ’na chainnt liotach shimphlidh fhéin, Eachdraidh a Chruthachaidh; Tuiteam an duine; Togail na h-Airce le Noah, agus Sgrios an t-saoghail leis an Dile. Ri h-uine, chaidh a chur do sgoil na sgireachd, a bha mu cheithir mile dh’ astar uaithe. Be Leabhar aithghearr nan Ceisdean, anns a’ Bheurla, leis an Aibideil Romanaich agus Eadailteich, maille ris na foghairean agus na comh-fhoghairean, agus mu leud na boise do fhoclan da-litreach agus tri-litreach air a’ cheud duilleig, a bha air uiseachadh anns an sgoil mar an ceud leabhar foghluim. Aig ceann seachduin no dha, cho luath ’s a fhuair Callum lamh-an-uachdar air a’ cheud duilleig, cha robh a null no nall aige ach aghaidh a thoirt a dh’ aon leum air “Crioch araid an duine,” mar sin fhuair e ’mach gun dail nach b’ fhealadhà an sgoileireachd; coma co-dhiu—chuir e ’uchd ris an uchdaich, agus mu’n robh e thar dusan bliadhna dh’ aois, thog e uiread do fhoghlum ’sa bha am maighistir-sgoile comasach air a theagasg dha. Mu’n am so, fhuair e leabhar araidh a rinn greim agus drughadh comharraichte air ’intinn—ursgeul gaoil da ’m b’ ainm “Paul and Virginia.” Bha ’n t-ursgeul anabarrach tiamhaidh so-ghluasadach. Ged b’ iomadh oran gaoil agus cumha a chuala Callum air an seinn agus air an leughadh, luchdaichte mar bha iad am bitheantas le mulad ’s le bron, le iundrainn ’s le cianalas, le bristeadh-cridhe ’s le dùil-bhristeadh—cha d’rinn iad riamh ach ro bheag de dheargadh air aignidhean an coimeas ris an ursgeul ud. Be crioch an ursgeoil, an deigh bliadhnachan do ’n ghaol bu dealasaiche agus a bu dilse, taobh air thaobh, gaol nach do lasaich riamh roimh dhiomb chairdean, no roimh thuaileas luchd mi-ruin, gun deachaidh Virginia a bhathadh. Bha dealbh anns an leabhar, a’ nochdadh mar a fhuair Paul i, ann an oir a’ mhuir-làin, le a broilleach ruisgte, agus a folt dualach camagach riobta le feamuinn ’s le lirein a leth-chomhdach a muineil. Bha ’leithid de bhuaidh aig deireadh cianail an ursgeoil ud air cridhe maoth Challuim bhochd agus gur tric a b’ eigin dha teicheadh a mach do bhadan coille a bha dluth do ’n tigh, gu bhi ’fosgladh tuil dhorsan a chridhe ann an comh-fhulangas ri crannchur cruaidh-fhortanach “Phoil agus Virginia.” “Tha tri nithe a thig gun iarruidh,—an t-eagal, an t-iadach ’s an gaol” agus co aca ’bha no nach robh ursgeul “Phoil agus Virginia.” ann an tomhas [TD 196] air bith ’na mhathair-aobhair dha, laidh galar a’ ghaoil gu scaiteach fuathasach air Callum mu ’n àm ud, og ’s mar a bha e; cha b’ fhada gus an d’ fhairich esan do rireadh Nach ’eil gaol ann cho teth ris a’ cheud ghaol. Air latha de na laithibh an uair a bha Callum mar sud a sior-chnuasachadh ciod a dheireadh dha féin na ’m biodh e anns an t-suidheachadh dheuchainneach ’s an robh Pol, thainig ceard a dh’ ionnsuidh an tighe ’s an anmoch, le ’theaghlach ’s le ’asail agus le ’chuid acfhuinn. Be gnaths nan ceard aig an am ud, a bhi dol mu ’n cuairt o bhaile gu baile, a’ deanamh spainean de adhaircean cruidh agus reitheachan agus a’ càradh phoitean agus choireachan. Bha cairtealan saor fosgailte dhoibh ann ’s gach baile, oir ged a bha iad am bitheantas borb fiadhaich, mi-rianail ’n an cliù, bha iad feumail ’n an gairm. Cha ’n iarradh iad aite taimh a b’ fhearr na ’n atha, far am faighte i. Dh’ fhuirich an ceard agus a theaghlach corr ’us seachduin. Bha nighean aige a bha mu ’n aois cheudna ri Callum. Bha i na caileig bhoidheich sgiobalta, aoigheil, thaitneich, shunndaich. O na cheud oidhche a thainig i do ’n bhaile, thigeadh i ’stigh ’s an fheasgar am measg an teaghlaich; bha i ro ealanta air aithris sgeulachdan, agus ’na ban-òranaiche thaghta coidheas am Beurla ’s an Gailig. Bha cluas-chiùil ro mhath aig Callum; bha orain annasach aig a’ bhan-cheard air fuinn agus teisean ùra nach cual e riamh roimhe. Air feasgar àraidh, air dhi a bhi ’seinn oran Eireannach d’am b’ ainm “Donnybrook fair”—ann am priobadh na sul, thuit Callum ann an gaol oirre agus be sin an gaol gun choimeas am fad ’s a’ mhair e, thug e ach beag a leirsinn ’sa chlaisteachd uaithe. O! ciod e dh’eirich dha; an e gur h-i nighean a cheaird a choisneadh a cheud ghaol ged a bhiodh i cho aillidh ris a’ ghrein? coma co dhiu—bha an t-saighead dhiomhair an sàs ’n a chridhe, ach— “Ged a chuir Cupid an t-ultach ’n a bhroilleach D’ a shaighdean coronach caol, A dhruigh air a chuislean ’sa chuir luchd air a choluinn, Leis an do thuit e ge b’ oil leis.” Ged a bheirte an saoghal dha, “Cha ’n innseadh e ’n sgeul do ’n te ’rinn acain.” No do neach air bith; chum e air fhéin e. Latha no dha an deigh so, air dha bhi na shuidhe ’s an tigh sgoil, co chaidh seachad an uinneag, ach an ceard agus a theaghlach, air a thurus gu tigh tuathanaich a bha mu leth-mhile air falbh. ’N uair a sgaoil an sgoil ’s an fheasgar, air falbh chaidh Callum cho luath sa bheireadh a chosan e, an taobh a ghabh an ceard. Nuair a rainig e Bealach-an-droighinn, dluth do thigh an tuathanaich, co a chunnaic e ri taobh an fhrith-rathaid a’ trusadh connaidh, ach a bhan-cheard agus a mathair? Ghabh e air adhart gus an deachaidh e ás an t-sealladh orra; thionndaidh e air a shail agus thill e an taobh a thainig e. Ann san dol seachad, chunnaic e Marsali aig taobh an rathaid agus i a ceangal a cual chonnaidh—sheall i na aodann gu bathaiseach, caoin-shuarach. Labhair e focal no dha rithe gun moille a chur air a cheum. ’N uair a chuir e cul a chinn rithe, sheid i suas gu sunndach iolagach luinneag “Donnybrook fair;” luathaich Callum a cheum oir bha gach ponnc de ’n teis ud o na ghuth-cinn a bu mhilse a bhuail riamh air a chluais, a’ dol mar shaighdean geur troimh a chridhe. Mu ’n deachaidh e fad air adhart, shuidh e air cloich ri taobh an rathaid; chuir e a lamh ri ’cheann; dh’ analaich a’ Cheòlraidh air airson na ceud uair. Smuainich e, na ’n rachadh leis rann no dha chur an eagan a cheile, gun tugadh e faothachadh d’a ’chridhe briste. Thoisich e mar a leanas, air fonn “Donnybrook fair:”— [TD 197] Co ’dhireas am bealach sa ghiulaineas beannachd, A dh’ ionnsuidh an fhiurain ’dh’ fhas cùbhraidh deas fallain— Oigh ùr a’ chuil chlannaich d’ an canainn am fonn. Ged dhuraiginn luaidh air gach buaidh agus loinn ’Th’ air oigh a’ chuil dualaich ’s nan cuach-chamag grinn. Tha mo chlarsach garbh-fhuaimeach, ’sa teudan air fuasgladh, Mur tig Ceolraidh nan téisean ’chur m’ eislein air fuadach, ’S a ghleusadh mo bhuadhan gu bualadh nam ponnc. Co dhireas am bealach, &c. Tha ’gruaidh mar na caoran ’s iad sgaoilt’ air a’ chrann, Tha ’cneas mar an fhaoilean air aodann nam tonn— A broilleach caoin fallain cho mìn ris a’ channach, Thug mise dhi gealladh— “Air t-athais,” arsa ’choguis, ’si’togail a guth ’n a bhroilleach, “thoir an aire nach cuir thu a’ bhreug ’n a do cheud oran; ged a thug thu do ghaol do ’n bhan-cheard, cha tug thu do ghealladh dhi. O ’n uair ’san do chuir i druidheachd ort le a suilean is ann a chuir i a ghlas-ghuib ort.” Ann am priobadh na sul, dhealaich Callum agus a’ Cheolraidh ri cheile; cha deachaidh e ni b’ fhaide air aghaidh ann an deilbh an orain. Mar a bha e ’g eiridh gu falbh, chuala e fann-ghuth ciuil a’ snamh air osaig thlath an fheasgair. Shaoil e air tus gum be guth milis druidheachdail Marsali a bha e a’ cluinntinn, ach ’n uair a thàr e ni b’ fhaisge dha O! bu neo-choslach ri cheile iad! Ciod e a bh’ ann, ach guth tùchanach reasgach brogach buachaille a bha ag ioman a’ chruidh gu todhar, agus ciod e a bha e ’seinn ach oran a rinneadh uair eigin do luidseich bhochd neo-sgiobalta a’ mhuinntir na sgireachd a ruith air falbh le ceard. ’Nuair a chuala Callum gu riochdail soilleir an rann a leanas: “Tha mithlachd air do chairdean, ’S tha tamailt air do dhaoine Thu bhi falbh le ceard a giulan spainean, ’S maileid air do chaol-druim” cha d’ eisd e ris a’ chorr, shin e a chos ris an astar, agus mu ’n d’ rainig e ’dhachaidh fhuair e cuibhte do ’n bhan-cheard ann ’s na h-uile seadh. Dh’ fhaodta ’radh do rireadh d’a thaobhsan,—“An gaol a thig le cabhaig, cha bhi e fada ’fuarachadh,” agus chuir e roimhe nach glacta a rithisd e ann an lion-mhoguil a ghaoil gus am biodh ’fheusag ni b’ fhaide na ’fhiaclan. Cha robh a’ bheag do chreideas aig Callum ann an geasaibh no ann an gisreagaibh, ach riamh cha b’ urrain e thuigsinn cia mar a thuit e ann an gaol cho breisleachail air a’ bhan-cheard mur a b’ e an drughadh lasanta cianail a rinn ursgeul Phoil agus Virginia air ’inntinn, agus riamh ’na dheigh sud cha robh ach beag umhail aige do ursgeulaibh gaoil, agus b’ fhada uaithe a chliuthachadh d ’a chairdean oga a bhi ’g an leughadh. Bi a bharail gun robh moran de na faoin sgeoil annasach a tha tighinn a mach gach seachduin ann ’s a’ Bheurla ri barrachd cron na maith do oigridh an latha. B’ aithne dha ban-charaid og a fhuair deagh oileineachadh le rogha gach eiseimpleir, a thainig a mach gu seirbheis do Ghlaschu, agus a bha fo dheagh theisteas mar shearbhanta thapuidh sgoinneil, easguidh, churamach, ach coltach ri ioma te a bharr oirre, thoisich i ri leughadh an “London Jonrnal” agus cha b’ fhada gus an do chuir a chuid ursgeulan spleadhach a leithid de thuainealaich ’n a ceann is gun d’ fhas i cho dearmadach mi-shuimeil mu a dleasdanais agus gum b’ fheudar d’a ban-mhaighstir cead a coise thoirt dhi. Thainig latha na h-imrich oirre, ach cha d’ thainig mac Iarla no Moraire ’g a giulan air falbh ri solus na gealaiche ann an carbad cheithir-eachach, gu a posadh gun fhios d’a chairdean a dh’ aindeoin co le ’m b’ [TD 198] oil e, agus gu a togail suas a dh’ aon bheum o thraillealachd onorach a chosnaidh gu greadhnachas ailghiosach na moralachd. Dh’ fhaodadh i bhi air a deagh phosadh oir dhiult i lamh fir no dha de a coimpirean fhein, agus tha i nis na seann mhaighdinn: cha b’ fhiu leatha na coisichean agus cha d’ thainig na marcaichean. MUILEACH. (Ri leantuinn.) MU NA SEANN GHAIDHEIL. VI. Thug sinn fainear mar fhuair Coinneach Mac Ailpein an rioghachd Phicteach a chionn gu ’m b’e an t-oighre dligheach a thaobh a shean-mhàthair, màthair Ailpein, a bi piuthar Aonghais agus Chusantin a bha le chéile ’n an rìghribh air na Picti. Thachair an ni so anns a’ bhliadhna A.D. 843. Aig an àm so, fo riaghladh Choinnich chaidh an dà rìoghachd, agus an dà fhine Ghàidhealach, na Picti agus na Scoti, aonadh ri chéile gu bhi ’n an aon sluagh. Tha cuid de sheanachaidhibh ag radh gun do cheannsaich Coinneach na Picti ann an cogadh, agus gun d’ thug e an rioghachd a mach le faobhar a’ chlaidheimh; ach tha an nì sin mì-choltach agus do-chreidsinn gun deanadh prasgan beag de dh-Earraghaidhealaich buaidh a thoirt air a’ chuid eile de na Gàidheil; is ann a fhuair e còir air an rioghachd a thaobh a shean-mhàthar mar a fhuair Seumas VI rìgh na h-Alba còir air rioghachd Shasuinn ann an linnibh an déigh sin. Tha ùghdair an Leabhair “Nennius” a sgrìobh mu’n bhliadhna A.D. 858 ag radh mu na Pictich “tertiam partem Britanniae tenuerunt, et tenent usque nunc.” ’Se sin an Gailig: Bha sealbh aca air treas earrainn Bhreatuinn, agus tha sealbh aca oirre gus a nise.” Chaidh so a sgriobhadh mu chòig bliadhna deug an déigh do Choinneach Mac Ailpein rioghachd nam Picteach fhaotainn, agus tha e soilleur nach deachaidh an sluagh a chasgairt no a dhitheachadh leis na Scoti, ach gun robh iad a’ gabhail còmhnuidh anns an aon dùthaich cheudna ’s an robh iad roimhe, ged a fhuair iad Coinneach Righ nan Scoti gu bhi ’na Righ os an ceann. Dearbhaidh na Seanachasan Eirionnach a sgriobhadh mu thimchioll nan amannan so an nì ceudna, oir their iad “Righ nam Picteach” mar thiodal ri Coinneach Mac Ailpein, nì a tha ’nochdadh gun robh an sluagh agus an rioghachd a lathair aig an am sin, agus nach deachaidh idir an lom-sgrios mar a tha cuid a’ cumail a mach gu mearachdach. Tha e sgriobhta ann an Seanachasaibh Mor-roinn Ulladh gun “d’ fhuair Coinneach Mac Ailpein Righ nam Picteach bas” mu ’n bhliadna A.D. 858, agus tha Nennius ag radh “Righ nam Picteach” ris mar an ceudna. Fhuair e bas aig Dun-fothair ann an Siorramachd Pheairt, aon de Chaistealaibh nan seann righrean Gaidhealach: agus thainig Domhnull Mac Ailpein gu bhi ’na righ an aite a bhràthar, ni a bha a réir an t-seann lagh Albannaich a bha air a chleachdadh am measg nan Gaidheal Picteach. Theirear Righ nam Picteach ri Domhnull mar an ceudna, oir tha Seanachasan Ulladh ag radh “gun d’ fhuair Domhnull Mac Ailpein Righ nam Picteach bas” anns a’ bhliadhna A.D. 862. Righich dithis mhac Choinnich a rithist, Cusantin agus Aodh, fear an deigh fir agus b’ e an tiodal a theirteadh riusan “Righrean nam Picteach.” A thaobh Chusantin faodar a thoirt fainear, nach robh an t-ainm so riabh air aon de na Scoti agus nach robh e ach air aon de na Righribh Picteach roimhe so, se sin air brathair sean mhathar Choinnich; agus uime sin tha e ro chosmhuil gur ann air a shon-san a thug Coinneach an t-ainm air a mhac féin. Mu ’n bhliadhna A.D. 900 thainig Cusantin Mac Aoidh, mhic Dhomhnuill, mhic Ailpein gu bhi ’na Righ air na Pictich. Anns a’ bhliadhna 918 chuir an Righ so air ceann nan Gaidheal cath [TD 199] gailbheach ris na Lochluinnich air an d’ fhuair iad buaidh; agus anns a’ bhliadhna 937 chuir e cath ris na Sasunnaich; mharbhadh a mhac anns a’ chath so. Cha ’n ’eil iomradh sam bith air a dheanamh air na Scoti aig an àm so, oir dh’ fhuirich iad ’n an tir féin ann an Earraghaidheil, agus chuir na Picti ’n an tir na cathan fuilteach so ris na Lochluinnich agus ris na Sasunnaich: a’ dearbhadh mar so gum b’ iadsan iarmad nan treunlaoch gaisgeil a chog ris na Romanaich agus ri Agricola aig a’ Gharbh-mhonadh, ceudan bliadhna roimhe sin. Fhuair Cusantin bàs ann am mainistear Chill-Rìmhinn agus b’e an tiodal a theirteadh ris “Rìgh Albainn.” Ré na h-ùine so dh’ fhuirich na Scoti na’n dùthaich féin; cha d’ fhàg iad idir i a cheannsachadh nam Picteach no a ghabhail seilbh ’n an àite air am fearann. Dearbhaidh na seanachasan Eireannach so, oir tha iad ag innseadh dhuinn gun do mharbhadh Goraidh Mac Arailt Rìgh Innse-Gall leis na Scoti ’s a’ bhliadhna A.D. 989, agus gun d’rinneadh an gniomh fuilteach so ’n an tìr fein an Earraghàidheil. Thachair so mu thimchioll còrr agus seachd fichead bliadhna an déigh do Choinneach Mac Ailpein rioghachd nam Picteach fhaotainn, agus feuchaidh e dhuinn gu soilleir nach d’ fhàg na Scoti Earraghàidheil idir. Ged a chaidh an Rìgh aca do dhùthaich nam Picteach gu bhi ’riaghladh os ceann an dà shluaig, dh’ fhuirich iadsan ’n an tìr féin, mar a dh’ fhuirich na h-Albannaich ’n uair a chaidh Seumas VI. do bhaile Lunnuinn gu bhi ’na Rìgh air Breatuinn gu h-iomlan. Agus na fineachan Gàidhealach a thàinig a nuas uapasan is ann an Earraghàidheil a gheibhear iad gus an là an diugh, nì a dhearbhas nach d’ fhàg an sìnnsear an dùthaich féin riabh, oir nam fàgadh, gheibhteadh iad ann an àitibh eile de ’n Ghàidhealtachd mar an ceudna. A thuilleadh air so tha Gàilig Earraghàidheil nas faisge air a’ Ghàilig Eireannaich agus nas mò air a measgadh leatha na Gàilig earrainn sam bith eile dhe Albainn. Tha na h-argumaidean so uile a’ dearbhadh nach d’ fhàg na Scoti an tìr féin, agus nach ann uapasan a dh’ ionnsuich a’ chuid eile de shluagh na Gàidhealtachd a’ Ghàilig, na ’s mò na ’s ann uapa a shiolaich iad mar shliochd; ach gur ann a fhuair iad i a thaobh dùthchais mar dhìleab o’n sinnsearaibh a ghabh còmhnuidh an Albainn o chian, leis an robh i air a labhairt ann an tìr nam beann ré nan ceudan bliadhna mu’n d’ thàinig na Scoti a nall thar chuan na h-Eirinn. Mu’n bhliadhna A.D. 1020, timchioll deich bliadhna fichead an déigh bàis Ghoraidh Mhic Arailt rìgh Innse-Gall, thàinig sluagh agus dùthaich nam Picteach gu bhi ’faotainn ainme nuaidh, ’se sin Scoti agus Scotia na Scot-fhonn. Bho ’n àm so cha chluinnteadh luaidh tuilleadh air na Picti ann an Eachdraidh na Dùthcha. Chaidh iad as an t-sealladh mar a chaidh na Caledonaich ann an làithibh an Impire Chonstantius Chloruis. B’ann r’a linnsan a fhuair na Caledonaich an t-ainm nuadh “Picti” ainm a lean riutha fad seachd ceud bliadhna; agus a nise air dhoibh an t-ainm so a chall, fhuair iad ainm nuadh eile, Scoti; gidheadh cha robh ni ùr sam bith ’nam measg ach an t.ainm agus an teaghlach rioghail. Chaidh Ainm a’ chinnich atharrachadh o’n a dh’ atharraicheadh an Teaghlach Rioghail; ach dh’ fhuirich an luchd-aitich gun chaochlaidh gun atharrachadh sam bith, ach mar a bha iad roimhe, direach mar a dh’ fhuirich na Caledonaich o shean ’nuair a fhuair iad an t-ainm nuadh, Picti. Cha robh anns na h-ainmibh so ach sloinneadh a fhuair iad o na Seanachaidhibh a bha sgriobhadh mu’n timchioll anns an Laidinn; cha bhuineadh iad dhoibh a thaobh dùthchais, oir b’e an t-ainm a bha dualach dhoibh o ’n sinnsearaibh, na Gaidheil. Chaidh an t-ainm Picti air chall, ach dh’ fhuirich an sluagh, ris an abairteadh na Picti, agus [TD 200] a’ chanain a bha iad a’ labhairt gun atharrachadh mar a bha iad riabh anns an tir. A chionn gum b’ ann de na Scoti a bha an teaghlach rioghail, sgaoil an t-ainm so thairis air an dùthaich gu leir, ionnus nach abairteadh ach Scoti ris an t-sluagh agus Scotia ris an tìr; ach b’e so an t-ainm a theirteadh o shean ri Eirinn ’s a luchd-àiteachaidh leis na seanachaidhibh a sgrìobh anns an Laidinn; gidheadh cha d’ aidicheadh riabh e leis na Gaidheil, aon chuid an Albainn no an Eirinn, ged a tha e nise air a ghabhail leis na Gaill mar ainm na tire agus an t-sluaigh, oir their iadsan Scotland ri h-Albainn agus Scots ris na h-Albannaich. Anns a’ bhliadhna A. D. 1158, Sgriobh Aindreas, Easbuig Ghallthaobh, leabhar “Mu shuidheachadh Albainn” anns am faighear na briathran so, “Albania quae nunc corrupte Scotia appellatur,”—se sin ’an Gailig, “Albainn ris an abrar a nise gu mearachdach Scotia.” Tha na briathran so a’ dearbhadh gun robh aon de na daoinibh a b’ ionnsuichte anns an rioghachd ’g a mheas ’n a mhearachd truaillidh aig an àm sin a bhi ’ag radh Scoti mar ainm ris an t-sluagh agus Scotia (’se sin Scotland) ris an rioghachd d’ an goirear Albainn. Agus tha iad a’ nochdadh mar an ceudna nach robh esan a’ creidsinn aig an àm sin mar ni air an robh o s gun do cheannsaich na Scoti Earraghaidhealach na Seann Ghaidheil Albannach, oir nam biodh cha b’ urrainn e a’ chainnt ud a chleachdadh le fìrinn; agus an uair a dh’ atharraicheadh ainm na tire agus an t-sluaigh gur h-ann a dh’ eirich so bho na righribh ùra a thainig a steach air an tir a bha dhe ’n fhine Scuiteich. D. B. B. OISEIN:—A LINN AGUS A BHARDACHD. (Air leantuinn.) Nach anabarrach farsuing a bha beachdan a’ bhàird aig an robh comas a leithid do choimeas a dheanamh, agus a chuir ann an dealbh co rìomhach. Ach cha ’n ann an spealtadh chlogad, agus ann an iomairt nan lann ’s nan sleagh, ’tha Oisein ’s a ghaisgich ainmeil agus curanta. Tha sprochd ’us tiamhaidheachd mhòr r’am faicinn ann am mòran de dhàin Oisein. Dh’ fhàgadh esan an déigh na Féinne, agus is ann ’n a shean laithean, maille ri Malamhìn nan seod, bean uasal an t-sàr laoich Oscar, a chuir e a bhàrdachd ri chéile. Tha e daonnan rìoghal, àrd, ’us measail ’n a sheanachas, agus bha tuille mòr ’us truscan cian a’ chomhraig a’ lionadh anama. Bha Fionnghal beusach, caoin, ’us càirdeil mar an ceudna. Bha e gaisgeil agus buadhmhor anns an strì, agus caoimhneil uasal ris an anfhann. Is i so an earail a thug a sheanair do Oscar nan lann am feadh a bha iad a’ cuideachadh Chuchullin an aghaidh Shuaran nan long: “A mhic mo mhic, thubhairt an rìgh, Oscair na strì ’na t’ òige; Chunn’ am do chlaidheamh nach mìn, Bha m’ uaille mu m’ shinnsear mòr. Leansa cliù na dh’ aom a chaoidh; Mar t’ aithrichean bi sa féin, Mar Threunmor, ceud cheannard nan saoi, Mar Thrathul sàr athair nan treun: ’N an òige bhuail iad am blàr; ’An duanaibh nam bàrd tha ’n cliù, Bi-sa mar shruth ris na sàir; Ri laigse nan lann cho ciùin Ri aiteal gaoith air raon an fheòir. Mar sin bha Treunmor nan sgiath, Is Trathul, ceannard nan triath; Mar sin bha mo ghniomh ’s an t-sliabh. Bha ’m feumach riamh ri mo làimh ’S dh’ fhàs an lag dana fo m’ chruaidh, Na iarr-sa carraid nan sgiath, ’S na diùlt i air sliabh nan cruach.” Cha ’n e fuaim nan lann an aon toileachas a bha aig laoich na Féinne. Tha ’chomhairle a thug rìgh Mhorbheinn nan glonn air Oscar nan ciabh donn, a’ dearbhadh gu soilleir gun robh carthanachd ’us caoimhneas ’us fiùghantachd a tuineadh ann an anam na Féinne. Tha [TD 201] e da rireabh iongantach gun cluinneamaid smuaintean co ceart agus co stuama air an aithris le neach a bha beò ann an aimsir co fad air chùl. Cuimhnicheamaid mar an ceudna gum b’ àbhaist do Ullin imeachd le focal caoin na sith a dh’ ionnsuidh clann nan coigreach ag ràdh: “Is mòr an cliùsan a thog am fleagh, ’An talla farsuing a’s fial bàigh; Ceud fàilt air mac coigrich nam fleagh, Thig gu cuirm Fhionnghail nam beann, Thig gu cuirm an rìgh a nall.” Tha cleachduinn ’us comhluadar na Féinne ag éiridh gu fada os cionn abhaistean nan Lochlinneach agus cinnich eile a bha ’mealltuinn nan cothroman ceudna riusan. A thaobh an inbhe chiataich anns an robh laoich na Féinne, bha iad a’ toirt an àite féin do na mnathan; agus ag altrum meas ’us urram doibh mar bu chòir: “’STRI-NAN-DAOINE nan cioch àrd, Ma’s ann air siubhal an fhraoich Bu ghile nan canach a cruth; Ma ’s ann air tràigh nan stuadh faoin, Na’n cobhar air aomadh nan sruth; Bha suilean soluis mar dha reul; Mar bhogha nan speur am braon A gnuis àluinn fo ’ciabh féin, ’S duibhe na nial fo ghaoith; Bu tuinidh dhuit anam nan laoch, A stri-nan-daoine bu caoine làmh.” Tha dearbhadh againn air cia co tlusail, bàigheil, furachair, furanach ’sa bha sar ghaisgich na Féinne ri ainnirean nan rosg mall, ann an Carraig Thura, an uair a chuairtich dorchadas anam ’Utha nan rosg mall, ’s na deòir a’ sileadh air a gruaidh chaoin, a broilleach geal ag eirigh thall, ’s a ciabh nach gann air làr ’s i truagh, “Ghluais tiomachd air anam an rìgh, Mu òigh mhìn bu ghile làmh; Chaisg e ’chlaidheamh anns an strí; Thuit deòir neo-chlì o righ nan lann.” Agus co aig am bheil eòlas idir air bàrdachd Oisein a tha aineòlach air gràdh ’us gaol teochridheach Chuchullin d’a mnaoi féin? Eadhon am meadhon othail ’us creuchdan a’ chòmhraig, tha e ag radh: “Buail clarsach, mhic Fhena, buail, Mol, a Charuill, mo luaidh ’tha thall, Deo-ghreine Dhun-scathaich nan stuadh, Og-bhean bhanail chòir mhic Sheuma. An tog thu aghaidh nan snuadh caoin O’n charraig a’ coimhead mo sheòil? Cha ’n fhaic thu ach a’ mhuir fhaoin, Cha ’n e cobhar nan tonn do sheòid, Fàg a’ charraig ’us oidhche mu’n cuairt; Tha osag nan cruach mu d’ cheann.” Is e ni mòr a’m fàbhar Oisein agus na Féinne, gun robh iad co dealuichte o chinnich eile ann am meas iomchuidh a chuir air òighean ’us mnathan nan rosg mall. Tha cunntas air dreach ’us sgiamh àilleag ann an Losga Taura, agus tha mi a’ saoilsinn nach ’eil e furasda buaidh a thoirt air briathran ’us beachdan a’ bhàird ’n uair a tha e ’seinn mar so: “Innseam pàirt do dhreach na reul: Bu gheal a deud gu h-ùr dlù. ’S mar chanach an t-sleibhe Bha a cneas ’s a h-eide ùr, Bha a braighe cearclach bàn, Mar shneachda tlàth ’s an fhireach, Bha dà chìch air a h-uchd ciatach, Be ’n dreach sud mian gach fir, Bu shoitheamh binn a glòir, ’S bu deirge na ’n ròs a beul; Mar chobhar a sios r’a taobh Sìnnte gu caol bha gach meur, Bha a dà chaol mhala mhìne, Dù-dhonn air liomh an loin, A dà ghruaidh air dhreach nan caorrunn, ’S i gu h-iomlan saor o chron, Bha a gnùis mar bharra gheuga Anns a cheud fhàs ur. A falt buidhe mar orra-shleibhte ’S mar dhearrsa gréine bha súil.” Tha ceilear ceòlmhor nan rannan sin annta féin ag aithris, gun robh Oisein air a’ lionadh le greadhnachas ann an conaltradh a ghleidheadh ri àilleachd ’us aghaidh nàduir. Ciod e an dòigh air an gabh moladh as àirde ’deanamh air grinnead ’us uailse òigh no ainnir na rinn Oisein anns a’ chainnt so. Ann an tuireadh a’ dheanamh thairis air na laoich a thuit ann am meadhon astar an làithean mu ’n d’ éirich ’s an [TD 202] dàn an cliù tha Oisein ùr-labhrach, tiamhaidh, agus muladach. Tha cumha Oisein thairis air Oscar da-rireabh tiom: “An do thuit thu Oscair shàir nan lann, Am meadhon do gharbh astair féin! Na thuit am mac a thug dhomh cliù? Nach fhaic mi thu, Oscair, a chaoidh? ’N uair a chluinneas triathan mòr m’ an cloinn, Nach cluinn mi ’s an àm ort, a thriath? Bidh còineach air do chlachaibh liath; Bithidh gaoth ’measg an ciabhan fo bhròn; Cuirear còmhrag gun thusa air sliabh; Cha lean thu eilid chiarr mu thorr, Chruinnich iad uime na sluaigh, ’S gach aon neach ri bùirich thruagh; Cha chaoineadh a mhac féin, ’S cha ghuileadh a bhràthair e; Cha chaoineadh piuthar a bràthair, ’S cha chaoineadh màthair a mac, Ach iad uile anns a’ phlosgail A’ geur chaoineach mo chaomh Oscar.” Tha bròn ’us mulad mòr a’ siubhal troimh ’n tuireadh a rinn Oisein thairis air a mhac, Oscar. An déigh bàis a mhic, chaith Oisein agus Malamhìn nan seod, nighean Thocsair agus bana-chliamhuinn a’ bhàird féin, mòran d’an làithean le cheile. Is minic ’tha bàrd Chòna a’ tòiseachadh a dhàin, le luaidh a dheanamh air Malamhin nam buadh, agus ag radh “a Mhalamhin le d’ chlàr bi dlù.” Tha e soilleir gun robh fiughair aig laoich na Féinne, gum bitheadh iad an déigh am bàis a’ leantuinn na seilge, agus a’ ruagadh nan torc ciar mar a bha iad air raon Lena agus am measg fhrithean ’us aonaichean Mhorbheinn. Anns a’ cheathramh duan de Fhionnghal, tha Oisein a’ toirt an òrdugh so seachad: “Cuimhnich, thusa, cuir mo lann, M’ iubhair càm ’us cròc an fhéidh, An taobh cloich ghlais a tha ri ceann Caol thall, a chuirn gun leus.” Bha Oisein ’na gheug ’na aonar, leis féin, air a thréigsinn le ’chàirdean uile, aon an deigh aoin dhiubh dh’ fhailnich, ’us dh’ fhàg iad esan gu dubhach. Shil deòir Mhalamhin ’s an oidhche, cha ’n fhaiceadh i lochran nan speur; b’ amhuil i ’s reul na maidne, glas neulach an déigh gach lòchrain. Thàinig guth ann am badaibh nan coilltean, agus b’ ait an fhuaim. “Bidh Oisein ’s Malamhin gu luath leinn.” Tha sar bhean Oscair ag radh: “Fosglaibhse talla nan speur, Aithriche Oscair nan cruaidh bheum; Fosglaibhse dorsa nan niall Tha ceuma Mhalamhin gu dian.” Dh’ fhas guth Chona balbh, agus cha ’n ’eil faisneach a’ bhàird gun bhrigh: “Pill thusa gu d’ fhois Oisein chaoimh, ’S na guil nis mo an déigh na dh’fhalbh: Cho fhad ’s a bhios grian no gealach ann, Cha’n airmhear iad am measg nam marbh! ’S gus an caochail na h-uile ni tha fo ’n ghréin, A bhàird chaoimh nan iomadh sgeul, Cha ’n fhailnich da chumhachd no do chliù, ’S cha ghearrar do chuimhne o mheasg an t-slóigh. CONA. NA TRI BANTRAICHEAN. Bha triùir bhantraichean ann roimhe, agus bha mac aig gach té dhubh. ’S e Dòmhnull a b’ ainm do mhac a h-aon diubh. Bha ceithir daimh aig Dòmhnull, ’s cha robh ach dà dhamh an fhir aig càch. Air son sin bha iad daonnan a’ trod ag radh gu’n romh ’n còrr feòir aig Dòmhnull ’na bha aca fhéin. Oidhche dhe na h-oidheachan chaidh iad do ’n mhainnir agus mharbh iad na daimh aig Dòmhnull. Air do Dhòmhnull éiridh ’s a’ mhaduinn chaidh e ’choimhead a chuid dhamh, agus fhuair e marbh iad. Dh-fheann e iad, ’s shaill e iad, agus thug e leis té dhe na seicheachan do ’n bhaile-mhòr air son a reic. Bha ’n t-astar cho fada ’s gun d’ thàinig an oidhche air mu ’n d’ ràinig e ’m baile-mòr; agus chaidh e ’staigh do choille ’s chuir e ’n t-seiche mu ’cheann. Thàinig grunnan ian ’s laidh iad air an t-seiche. Chuir Dòmhnull a mach a làmh, ’s rug e air fear dhiubh. Mu [TD 203] shoillseachadh an latha dh-éirich e ’s dh-fhalbh e. Ghabh e gu taigh duine-uasail. Thàinig an duine uasal gus an dorus, ’s dh’ fheòraich e do Dhòmhnull dé bh’ aige ’n a achlais. Fhreagair Dòmhnull gu’n romh fiosaiche. “De ’n fhiosachd a bhios e ’deanamh” ars’ an duine uasal. “Bithidh na h-uile seòrsa fiosachd” arsa Dòmhnull. “Thoir air fiosachd a dheanamh,” ars’ an duine uasal. Dh-fhàisg Dòmhnull an t-ian gus gu ’n d’ thug e ràn ás. “Ciod e ’tha e ’g radh?” ars’ an duine uasal. “Tha e ’g radh gum bheil toil agadsa ’cheannach, agus gu ’n tabhair thu dà chiad punnd Sasunnach air” arsa Dòmhnull. “Mata, gu cinnteach!” ars’ an duine uasal, “tha e fior, agus na ’m bithinn a’ smaoineachadh gu’n deanadh e fiosachd bhéirinn sin air.” Cheannaich an duine uasal, an sin, an t-ian o Dhòmhnull air son dà chiad punnd Sasunnach. “Fiach nach reic thu ri duine ’s am bith e” arsa Dòmhnull, “gun fhios nach d’ thig mi fhéin fhathasd ga iarraidh. Cha d’ thugainn dut air son trì mìle punnd Sasunnach e mar bitheadh gu’m bheil mi ann an éiginn.” Dh’ fhalbh Dòmhnull dachaidh ’s cha d’ rinn an t-ian an còrr fiosachd. ’N uair a ghabh Dòmhnull a bhiadh, thòisich e air cunntadh an airgid, agus co ’bha ’ga choimhead ach na fir a mharbh na daimh; a’s thàinig iad a steach. “A Dhòmhnuill” ars’ iadsan “cia mar a fhuair thusa na tha ’n sin de dh-airgead?” “Fhuair mar a gheibh sibhse e cuideachd. ’S mi ’bha toilichte gu’n do mharbh sibh na daimh orm” arsa Dòmhnull. “Marbhaibh-se na daimh agaibh féin agus feannaibh iad; thugaibh leibh na seicheachan do ’n bhaile mhòr, ’s bithibh ag éigheachd ‘co ’cheannaicheas seiche daimh?’ agus gheibh sibh pailteas airgid.” Mharbh a’s dh-fheann iad na daimh. Thug iad leotha na seicheachan do ’n bhaile mhòr, ’s thòisich iad air éigheachd “co ’cheannaicheas seiche daimh?” Lean iad air éigheachd sin fad an latha, ’s muinntir a’ bhaile mhòir a’ deanamh spòrs orra; agus mu dheireadh thill iad dhachaidh. Cha romh fhios aca ’n so ciod e ’dheanadh iad, ’s bha aithreachas orra chionn na daimh a mharbhadh. Chunnaic iad màthair Dhòmhnuill a’ dol do ’n tobar, rug iad oirre ’s thachd iad i. Bha Dòmhnull a’ gabhail iongantais nach ro ’mhàthair a’ tighinn. Chaidh e ’choimhead air a son, ’s fhuair e i marbh aig an tobar. Cha romh fios aige dé ’dheanadh e; ach thug è leis dhachaidh i, ’s a la ’r na mhàireach sgeadaich e i anns an aodach a b’ fhearr a bh’ aice, ’s thug e do ’n bhaile mhòr i. Choisich e suas gu taigh an rìgh ’s i aige air a mhuinn. Air dha thighinn gu taigh an rìgh thachair tobar mhòr ris, agus stob e ’bhata ’m bruaich na tobarach, ’s chuir e a mhàthair ’na seasamh ri ’thaic. Ràinig e dorus taigh an rìgh; bhuail e, ’s thàinig searbhanta ’nuas. “Abair ris an rìgh” ars’ esan “gu’m bheil boireannach còir thallud ’s gu’m bheil gnothach aice ris.” Dh-innis an t-searbhanta so do ’n rìgh. “Abair ris a radh rithe tighinn a nall” ars’ an rìgh. “Tha ’n rìgh ag iarraidh ort a radh rithe tighinn a nall” ars an t-searbhanta ri Dòmhnull. “Cha téid mise; siubhal fhein ann; tha mi sgìth gu leòr” ars’ a Dòmhnull. Dh-fhalbh an t-searbhanta ’n so, ’s ars’ a Dòmhnull “mar a freagair i thu, put gu math i, oir tha i bodhar.” Ràinig an t-searbhanta agus labhair i. “A’ bhoireannaich chòir, tha ’n rìgh ag iarraidh oirbh féin tighinn a nall.” Cha d’ thug a’ chailleach feairt. Phut i i ’s cha d’ thubhairt a’ chailleach facal. Bha Dòmhnull a’ faicinn mar a bha ’muigh. “Tarruing am bata o ’h-uch” arsa Dòmhnull, “’s ann ’na cada sa tha i.” Tharruing i ’m bata o ’h-uchd, agus sid a’ chailleach an coinneamh a cinn do ’n tobar; agus aig an àm dh’ éigh Dòmhnull “O m’ eudail! m’ eudail! mo mhàthair air a bàthadh anns an tobair! ciod e ’ni mise ’n diugh!” Bhuail e ’n so a bhasan, ’s cha robh ràn a bheireadh e ás nach cluinnte mìltean air astar. Thàinig [TD 204] an rìgh a mach, agus ars’ esan ri Dòmhnull, “O ghille na toir guth gu bràth air is pàighidh mise do mhàthair.—Ciod e ’n t-sium a bhios tu ’g iarraidh oirre?” “Còig ciad punnd Sasunnach” arsa Dòmhnull. “’S tu ’gheibh sin gu ’n dàil” ars’ an rìgh. Fhuair Dòmhnull an t-suim airgid a dh’ iarr e; dh’ fhalbh e far an romh a mhàthair; thug e dhi an t-aodach a bh’ oirre; ’s thilg e ’s an tobar i. Chaidh e ’sin dhachaigh agus thòisich e air cunntadh a chuid airgid. Aig an àm co ’thigeadh ach an dithis eile, ’choimhead an romh e brònach an déigh bàs a mhàthair; agus air dhoibh an t-airgead fhaicinn, dh-fheòraich iad c’ àite ’n fhuair e na bha sud. “Fhuair” arsa Dòmhnull “far am faigheadh sibhse pailteas na ’n toilicheadh sibh féin.” “Cia mar a gheibh sinn e?” “Marbhaibh-se ’ur màthraichean; thugaibh leibh air ’ur muin iad; rachaibh thun a’ bhaile mhoir leotha; bithibh ag éigheachd, ‘Co ’cheannaicheas seana chailleachan marbha?’ ’s gheibh sibh ’ur fortan.” ’N uair a chuala iad so chaidh iad dhachaigh, ’s shìn gach fear diubh air a mhàthair fhéin le clach ’am mogan gus an do mharbh e i. An la ’r na mhàireach, dh-fhalbh iad do ’n bhaile mhòr leotha; ’s thòisich gach fear diubh air éigheachd ‘Co’ cheannaicheas seana chailleach mharbh?’ ach cha romh duine ’cheannaicheadh am bathar sin. ’N uair a bha muinntir a’ bhaile mhòir sgìth a’ gabhail spòrrs orra, chuir iad na coin na ’n déigh dhachaigh. Thàinig iad dhachaigh fann, sgìth, ’s chaidil iad gu maith an oidhche sin. An la ’r na mhàireach ’n uair a dh-éirich iad thàinig iad far an robh Dòmhnull, rug iad air, ’s chuir iad ann am baraille e. Dh-fhalbh iad leis gus a thilgeadh sios o mhullach creige. Bha iad a’ dol air an aghaidh leis—’s fear mu seach aca ’g a ghiùlan. Ars’ an dara fear diubh “O’n tha ’n t-astar cho fada, ’s an latha cho teth, bu chòir duinn a dhol a staigh do thaigh a ghabhail drama.” Chaidh iad a staigh, ’s dh-fhàg iad Dòmhnull anns a’ bharaille air an rathad mhòr a muigh. Chual e tristrich a’ tighinn, ’s co ’bha ’n so ach cìbear le ciad caora. Ghabh an cìbear air aghaidh agus shìn Dòmhnull air seinn trùmp a bh’ aige ’sa’ bharaille. Ars’ an cìbear ’s e ’bualadh a bharaille le a bhata “co tha ’n so?”—“Tha mise” arsa Dòmhnull. “Ciod e ’tha thu a’ deanamh an so?” ars’ an cìbear. “Tha mi ’deanamh an fhortain ann” arsa Dòmhnull, “’s cha’n fhaca duine riabh a leithid so de dh-àite le òr ’us airgead. Tha mise ’n déigh mìle sporan a lianadh ’an so, agus tha m’ fhortan an coinneamh ’bhi deanta.” “’S truagh” ars’ an cìbear, “nach leigeadh tu mi-fhein a steach treis.” “Cha leig; ’s mòr a bheireadh orm e.” “’S cinnteach gu’n leig thu ann mi air son aon mhineid, agus gu ’m faod pailteas a bhi agad féin co-dhiù.” “An leòbhra ’dhuine bhochd o’n tha thu cho feumach, leigidh mi ann thu, cuir fhéin an ceann as a’ bharaille ’s thig an so; ach cha-n fhada ’gheibh thu ’bhi ann” arsa Dòmhnull. Thug an cìbear an ceann ás a’ bharaille, ’s thàinig Dòmhnull amach, a’s rug e air dhà chois air a’ chìbear, ’s thilg e an coinneamh a chinn ’s a’ bharaille e. “Cha-n-eil airgead no òr an so” ars’ an cìbear. “Cha-n fhaic thu dad gus an d’ theid an ceann ’s a’ bharaille” arsa Dòmhnull. “O cha-n fhaic mise ni air bith an so” ars’ an cìbear. “Mar a faic, biodh agad,” arsa Dòmhnull. Dh’ fhalbh Dòmhnull ’s chuir e air am breacan a bh’ air a’ chìbear, ’s an uair a chunnaic an cù am breacan, lean e Dòmhnull. Thàinig na fir a bha ’g òl amach, rug iad air a’ bharaille, ’s thog iad air an guaillibh e. Dh-fhalbh iad leis; agus theireadh an cìbear ’an ceann na h-uile mionaid, “Mise ’th’ ann, mise ’th’ann.” “O ’s tu bhraidean, ’s math gur tu.” Ràinig iad beul na creige ’s leig iad sios am baraille leis a’ chreig ’s an cìbear ’n a bhroinn. Air dhoibh pilleadh, co chitheadh iad ach Dòmhnull le ’chù ’s le ’bhreacan, ’s [TD 205] ciad caora aige ann am pàirc. Ghabh iad a null far an robh e, agus ars’ iadsan, “O Dhòmhnuill, cia mar a fhuair thusa tighinn an so?” “Fhuair” arsa Dòmhnull, “mar a gheibheadh sibhse na’m fiachadh sibh ris. An déigh dhomhsa ’n saoghal thall a’ ruigsinn, thuirt iad rium gun d’ ràinig mi ro thrà, ’s chuir iad a nall mi ’s ciad caora ’n a mo chois gu airgead a dheanamh dhomh fhéin.” “Agus an d’ thugadh iad a’ leithid sin dhuinne na ’n rachamaid féin ann?” ars’ iadsan. “Bheireadh, ’s iad a bheireadh” arsa Dòmhnull. “Ciod e ’n dòigh air am faigh sinn dol ann” ars’ iadsan. “Dìreach air an aon dòigh air an do chuir sibh féin mis’ ann?” ars’ esan. Dh’ fhalbh iad, ’s thug iad leotha dà bharaille gu iad fhéin a chuir unnta gu h-àrd. ’N uair a ràinig iad an t-àite chaidh fear dhiubh ann a h-aon de na baraillean, ’s thilg am fear eile sios leis a’ chreig e. Thug am fear sin ràn ás shios ’s an eanchainn an déigh dol ás leis a’ bhuille ’fhuair e. Dh’ fheòraich am fear eile de Dhòmhnuil ciod e ’bha e ’g ràdh. “Tha e ’g éigheach, ‘Crodh a’s caoraich! maoin a’s mathas!’” arsa Dòmhnull. “Sios mi! sios mi!” ars’ am fear eile. Cha d’ fhan e ri ’dhol anns a’ bharaille ach ghrad leim e sios, ’s chaidh an eanchainn ás. Thill Dòmhnull dhachaidh ’s bha ’m fearann aige dha fhéin.—Sgeulachdan Gaidhealach. MAR A CHAIDH MENELAUS A LOT LE PANDARUS. Air a thionndadh gu Gàilig Abraich: bho ’n cheathramh Duan de ’n Iliad— le EOBHAN MAC LACHLAINN. Labhair i ’s dh’ ìmpich foill, Crìdh’ gun sgoinn gu gnìomh gun bhuaidh: Tharruing e ’n tiota air lom Bogha crom bu lìomhaidh snuagh. Adh’rcean bras-ghaibhre nan cruach A bhuail ’fhiubhaidh luath roimh ’n chliabh A preas-falaich leum an calg, ’S i ’dìreadh nan garbhlach liath. ’S teach ’n a h-uchd chaidh an gath searbh, Thuit i mairbh air creag nan sliabh; Bha sia bann-lamh’ deug air àird’ ’S na h-adh’rcean a b’ àillidh snìomh. Ceàrd seòlta nan iubhar caol Chuir air ghleus an fhaodail chòrr— Shnaigh e ’n slios gu dealbhach, grinn, ’S chòmhdaich e ’n dà ruinn le h-òr. Leag e sìos air làr am ball, ’S shnaim e ’n taifeid ùr gu teann, ’S an cleith bho shùl-bheachd na Gréig’ Air chùl sgiath nan treun gun mheang, Chum ’s nach brùchdadh neart nan nàmh A mhosgladh a’ bhlàir romh ’n àm, Seal mu ’m biodh fuar marbh, fo chreuchd, Ceannard Greugach nan geur lann. Thog e beul-còmhdaich a’ bhuilg, ’S fhuair e calg guineach a’ bhàis, Frith-bhacach, iteach, ùr, slìm, Aobhar nan deich mìle cràdh. Ghrad-chuir e ’n t-saighead an crois, Saighead gheur nan dosgainn truagh; ’S rinn ùrnaigh bho chridh’ gu dian Ri mòr-dhia nam fiùbhaidh luath; ’S gheall iar ’ath-philleadh gu ’thìr Gu ’n tairgeadh e an ìobairt shaor, A choig fichead ceud-ghin uan Air làr Shelia, stuaigh a ghaoil. An sin ghlac an cuimsiche còrr An èarr ghobhlach, ’s an deagh shreang; Tharruing e ’n taifeid gu ’chìch, ’S a chuilc dhìreach gu fìor-cheann; ’N uair bha ’m bogh’ air a shàr-lagh Mar mhòr-chearcall, a’ spadh chruaidh, A dha bhàrr cuideachd, ach gann, Bhreab am ball bu ghliongrach fuaim. Shrann an taifeid le h-àrd-eubh Leum air ghaoth nan speur ’n a stìll Le h-acras caothaich gu feòil* Fiùbhaidh chròcach nan geur-ruinn. Dhuts’, a Mhenelàuis thréin, Cha b’ ascaoin na dé bhith-bhuan: ’S i Pallas euchdach nam blàr ’Dhìon bho ’n Eug thu ’s a’ chàs chruaidh. Thill i ’n dealg-bhior bho d’ chaomh chneas, Mar mhàthair an taic a luaidh, ’Dh’ fhuadaicheas creithleag bho ghnùis, ’Micein ùir ’s e trom ’n a shuain. Stiùir Pallas gu seòlt’ an calg Gu sreath ghrinn nan ailbheag òir A dhaingnich an crios gu dlùth Far ’m bu dùbailt uchdach chòrr. Lot an t-iarunn stìm nan gréis Gòrsaid cheutach nam breac dhealbh, * “Is minig le Homer, trid samhlachaidh, anam a thoirt do nithibh gun anam. Anns gach seanchas is ro-thaitneach a’ bhuaidh bheothachaidh so: mar a thuirt e (mu’n t-saighid): Le h-acras caothaich,” &c. Aristot. Rhet. III [TD 206] ’S an fhalluing ri taic a chléibh A bhac neart nan reub-ghath searbh. Riach an gàinn’ a chraicionn maoth Romh ’n deagh-fhaobh bu dlùth ri ’chòm; An fhuil chraobhach bhrùchd gu luath ’N a blàth shruithean ruadh romh ’n toll. SOLUS A’ DEALRADH MACH A DORCHADAS, EADAR-THEANGAICHTE LEIS AN URRAMACH ALASDAIR CAMSHRON. An dòighibh dìomhair gluaisidh Dia, Thoirt ’iongantais mu’n cuairt; Mar charbad dha tha ’n doinionn dhian, ’S tha lorg a’ chois’ ’s a’ chuan. An doimhneachdan do ghliocas sìor Tha ’rùintean taisgte suas; Is cuirear leis a thoil an gnìomh, Mar ’s miann leis féin gach uair. Ur-mhisneach glacaibh, naoimh gun treòir, Na neòil a’s duirch’ tha làn Do thròcair chaoimh, is dòirtear leò Oirbh maitheas mòr gun dàil. Na measaibh Dia tre shealladh mhàin, ’N a ghràs cuiribh ’ur dùil; Air cùl an fhreasdail dhuirch tha gràdh A’ lasadh ghnàth ’n a ghnùis. A rùintean abaichidh gu luath, ’S iad fosgladh suas gun tàmh; ’S ged robh a’ ghucag searbh ’s an uair, Bidh mills’ is buaidh ’s a’ bhlàth. As-creidimh dall théid clì ’s gach ceum, Gnìomh Dhé a chaoidh cha sgrùd; ’S e Dia ’s fear-mìneachaidh dha féin, ’S ni soilleir réidh gach cùis. LITIR O RUNASDACH. A Ghàidheil Ghaolaich, Gheall mi anns an litir mu dheireadh a chuir mi thugaibh gun innsinn duibh cuid de na sean nithe faoin a chruinnich mi air mo thuras feadh na Gàidhealtachd. Tha mi a nis a’ dol a thoirt oidhirp air mo ghealladh a choilionadh. Ach an creid sibhse mi, ’n uair a their mi ruibh gu ’m bheil mi, mar is motha ’bheachdaicheas mi air na nithean amaideach ud, air mo dhaingneachadh anns a’ bharail, gu’m bheil aig mòran dhiubh an stéidh ann am fìrinn éigin?—nach robh ann an cuid dhiubh ach dòigh bhàrdail air ni éigin a chumail air chuimhne, no rathad seòlta a ghabh daoine glice air firinn shònruichte a theagasg do shluagh a bha aig an àm cho aineòlach nach tuigeadh iad an nì a bha air a theagasg n’ an rachadh a chuir fa’n comhair air dhòigh eile? Ach leigidh sinn seachad so aig an àm is bheir sinn cuid de’n ghòraich ud a lathair. Anns an litir so tha ’mhiann orm labhairt air beachd a bha aon uair cumanta, is nach ’eil fhathast tur bàs, anns a’ Ghaidhealtachd, ’s e sin, creideas ann an droch-chòmhlaichean. ’Bha e air a làn chreidsinn gun robh cuid de nithibh, de chreutairibh, agus do dhaoinibh nach robh idir cneasda a thachairt air neach. Na’m biodh tu ’dol a chum margaidh, no air tòir mnatha, no air air ghnothach cudthromach air bith eile, dh’ fhaodadh tu tilleadh dhachaidh n’ an tachradh aon de na nithibh, neo-sheunta ud ort. Am measg nan nithe nach robh idir sona, n’am b’ fhìor, bha an fheadhainn a leanas: Cha robh e ceart ma bha thu ’dol air thuras uighean a ghabhail chum do thra maidne. Cha mhotha a bha e sona pioghaid a thachairt ort no seilicheag air lic luim, no uan no searrach fhaicinn ’s an culthaobh riut.—Ach cha ’n e a mhàin gun robh iad so fior mi-shealbhach ri tachairt orra ’nuair bha thu dol air thuras, ach bha iad a’ cur air mhanadh droch fhortan fad na bliadhna, ma se is gu’m biodh a chiad seilicheag a chitheadh tu air àite lom, agus a chiad uan agus searrach ’s an culthaobh riut. Is còmhla ri so uile, nan cluinneadh tu a chuthag air son’ na ciad uair ’s an òg Shamhradh mu’n do bhlais thu lòn, bha cupan do mhi-fhortain làn. Cha ruigeadh a leas sùil a bhi agad ach ri tubaistean, droch-fhortan agus rosadan fad na bliadhna. A chum am mi-fhortan so a sheachnadh bha e na chleachdainn “greim cuthaige” a ghabhail ’s a’ mhaduinn. B’ aithne dhomh iad a bha ’cur mìr de dh’ aran fo ’n chluasaig aca, a chum itheadh ’n uair a dhùisgeadh iad a mochra, ’us gu’m biodh mar so toiseach aca air a’ chuthaig. Tha mi cinnteach gu’n cuala iomadh aon de luchd-leughaidh “A’ Ghàidheil” an rann: Chuala mi ’chuthag gun bhiadh ’am bhroinn, Chunna mi searrach ’sa chùlthaobh rium, Chunna mi seilcheig air lic luim, Is dh’aithnich mi nach rachadh a’ bhliadhna sin leam. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a b’ aobhar do na barailean so. Math dh’ fhaodte a thaobh [TD 207] na cuthaig gur e an leasan a bha air a theagasg, gu’m bu chòir do dhaoinibh a bhi moch air an cois; oir bha meas mòr aig ’ur n-athraichean air moch-eiridh. Bha iad a’ creidsinn ann am fìrinn an teagaisg a bha air a chur sios ann an rann beurla air am bheil gach aon eòlach. Bha an rann so ag ràdh gu’m b’e. “A bhi àmail ma thamh, agus moch air do chois, an dòigh gu bhi saoibhir, bhi falan ’us glic.” Ach is eagal leam, “air maduinn chiùin chéitein” gu’m feumadh iad “a bhi bogadh nan gad” “mu’n blaiseadh an t-eun an t-uisge” ma se is gum bitheadh an trath maidne seachad ma’n goireadh a’ chuthag. A thaobh an rainn so mu’n chuthaig, chuala mi freagairt air a thoirt dha is fìora gu fada na an teagasg a tha ann. Be so e: Ged ’chuala mi ’chuthag gun bhiadh ’am bhroinn, Ged ’chunna mi searrach ’sa chùlthaobh rium, Ged ’chunna mi seilcheag air lic luim, Is coma leam sud, ma bhios Dia leam. Bha e mar an ceudna air a mheas neo shona, thu a dhi-chuimhneachadh ni air bith as tilleadh air a shon. Na’n deanadh tu so, cha chinneadh do ghnothach leat air aon chor, Tha gliocas anns a’ bharail so, oir ged nach b’e an tilleadh air ais a dheanadh dolaidh ort, bha e ’dearbhadh, nach robh thu a’d ghille gnothuich maith, nach robh annad ach claobaire gun òrdugh mar bha thu mar so ’s a’ cheud dol a mach a’ di-chuimhneachadh. Bha mar an ceudna a mhaigheach na fìor dhroch chomhlaiche, a chionn, math dh’ fhaodte gur i cailleach éigin a bha air i féin a chur ann an riochd gearra. Oir bha, n’am b’ fhior, an cumhachd so aig na buidsichean iad féin a chur ann an cruth a’ chreutair cheithir-chasaich so. Labhraidh mi ann an litir eile mu’n ni so, buidseachas, is air an aobhar sin cha’n abair mi tuillidh mu na cleasan acasan aig an àm. Ach cha ’n e ’mhàin gu’n robh creutairean de’n t-seòrsa so na’n droch chomhlaichean, ach bha daoine ann mar an ceudna nach robh cneasda a choinneachadh. Bha mi féin eòlach air aon no dhà aig an robh an cliù so. B’ aithne dhomh duine còir ’us na’m b’e a’ cheud aon a thachradh air iasgairean, mar a bha iad air an rathad thun a’ bhàta aca, thilleadh iad dachaidh, oir ceann cha ghlacadh iad n’an tachradh esan orra. Cha ’n aithne dhomh carson a fhuair an duine so an t-ainm, oir tha fhios agam nach do thoill se e, oir is iomadh uair a thachair e orm fhéin is cha robh e riamh na dhroch chomhlaiche dhomh. Ma bha neach air bith na dhroch chomhlaiche, is gun robh a thoil agad nach deanadh e coire ort, cha robh agad ach fuil a thoirt ás os ceann analach, is cha b’ urrainn e coire air bith a dheanamh ort. Tha seann duine a b’ aithne dhomh, a tha fhathasd a lathair (cho fhada ’s as fios domh,) a tha beagan cearr ’s an inntinn. Bha e làn do dh’ ubagaibh agus do ghisrigeaibh agus làn chreidsin aige gun robh muinntir ann a bha na’n droch chomhlaichean. Bha e aon uair ’s an tràigh chailleag, ’us thàinig boireannach còir a thrusadh maoraich mar an ceudna, thàinig i eadar esan agus a’ ghrian, ’s thuit a faileas air. Ghrad thog esan air a chliabh is dh’ fhalbh e dhachaidh. An la’r na mhàireach bha e dol do’n bhaile mhargaidh a b’ fhaisge air, air ghnothach, is co a chiad aon a thachair air ach a’ cheart bhean. “Bheir mise ort,” ars’ esan, “nach bi thu daonnan a’ cur buidseachas ormsa.” Is tairnear e botal a bha aige ’na achlais is ghearr e ’bhean chòir ’sa’ mhaladh. Thug e a leithid do phailleart dhi ’s gun do theab e cur as di. Chaidh a thoirt gu mòd. Dh’ fheòraich am breitheamh dheth “Ciod a thug ort a’ bhean a bhualadh? Ciod a rinn i ort?” “Rinn i gu leòir orm” fhreagair e, “bha i daonnan a’ cur ubagan orm, is bha mi dìreach ga m’ dhion féin o a gisreagaibh le fuil a thoirt ás a maladh.” Chaidh fhaighinn a mach nach robh e gu buileach ’n a chiall féin, is air an aobhar sin chaidh cùram a ghabhail dheth. Ach cha b’e daoine mearanach a mhàin a bha aon uair a’ creidsinn a leithid so do dh’ amaideachd, ach muinntir a bha pongail tuigseach gu leòir a thaobh nithean eile. Tha mi ’s a’ bheachd gu’m bheil dlùth dhaimh eadar creideamh ann an droch chomhlaiche agus a’ chleachdainn ud a tha coitchionn gu leòir ’s a’ bhaile so féin ris an abrar “first-footing” anns a’ Bheurla. Is e an nì o’m bheil a’ chleachdainn so a sruthadh, gu’m bheil e air a mheas neo shona dol do thigh neach air tùs na bliadhn’ úire gun tiodhlachd éigin a’d làimh. Ma theid thu falamh ann tha thu a’ toirt gainne is bochdainn chum an tighe. Ach ma bheir thu leat tiodhlachd éigin, ’us gum bheil thu féin a bhàrr air sin a’d chomhlaiche math tha thu ’toirt sonais ’us rath ’ga ionnsuidh. Tha e air a mheas na ni fìor olc nì air bith iarraidh air iasad air latha na bliadhna úire: gu sònruichte fadadh teine. Na ’n tuiteadh gun rachadh an teine ás agus nach robh [TD 208] igh agad air fhadadh, b’ fheàrr a bhi gun teine idir no gun rachadh tu a shireadh foid teine air coimhearsnach. Na’n tigeadh neach a dh’ iarruidh teine chum do thighe, is gu robh droch rùn ’na bheachd le so a dheanamh, cha robh agad ach eibhleag a chur ann an soitheach uisge, agus thuiteadh an teine bha iadsan a’ toirt leo ann an lub is rachadh a bhàthadh, is mar a tuiteadh cha robh iad comasach air coire air bith a dheanamh aona char, mar rachadh so a dheanamh. Am eile a bha air a mheas cearr foid teine a thoirt á tigh, ’n uair bhiodh leanabh a stigh nach d’ fhuair na fiacalan. Ma se is gun d’thugadh aon aig an robh geasan air bith a mach foid teine aig a leithid sin do dh’àm, bha aobhar eagail nach faigheadh am paisde na fiacalan idir. Dh’ fhairtlich orm fhaotainn a mach ciod a bu stéidh do’n bharail amaideich so, no ciod an co-cheangail a b’ urrainn a bhi eadar foid teine o’n teallaich agus fiacalan naoidhein ’s a’ chreitheil. Car do’n cheart seòrsa bha beachdan agus cleachdainean a bha air an coimhead a thaobh dol air imrich. Bha e feumail air son so gum biodh latha ceart air a thaghadh. ’N uair a thigeadh tu a chum an tighe anns an robh thu ri còmhnuidh a ghabhail, bha e na ni glic creutair beo a chur a stigh air an dorus ma’n rachadh aon do’n teaghlach a steach. Bha e na ni fìor mi shona cat a thoirt air imrich nis lugha na gun rachadh a thilgeil a stigh ma’n rachadh ball de’n earnais a steach; na’n rachadh so a dheanadh cha bhiodh olc air bith a’ leantuinn a bhi toirt a’ chait air imrich. Bha Di-sathurn air a mheas na dhroch latha gu dol air imrich agus Di-luan na latha fìor shona. A réir seann rann a chuala mi, cha robh a réir aogais ach dà latha anns an t-seachdainn air am bu chòir imrich a dheanadh. Tha an rann ag radh: Di-ciadain craobhaidh, Diar-daoin dalach, Di-h-aoine cha ’n ’eil e buadhar, ’S cha dual duit falbh am màireach. Imrich an t-Sathurna gu tuath, Is imrich an Luain gu deas: Ged nach biodh agam ach an t-uan, ’S ann Di-luain a dh’ fhalbhainn leis. Cha mhotha a bha e air a mheas sona do’n aon a thigeadh a’ d’ dhéigh, na’m fàgadh tu an tigh air a sguabadh gu glan. Mar is motha a bhitheadh de shopan, de smùr, ’s de threamalusg feadh an tighe ’s ann a bu mhoth a bhiodh de bhuaidh a’s de phiseich air an teaghlaich a bha gu còmhnuidh ann. Cha ’n ’eil e furasd ’fhaicinn ciod is ciall do ’n t-saobh bharail so, no ciod an ceangal a tha eadar salachar is sonas. Shaoileadh neach gur ann mar bu ghloinne a bhiodh tigh air fhàgail, gur ann a bu lugha dragh a bhitheadh acasan a bha ’tighinn a chòmhnuidh ann. Is a bhàrr air sin ma tha sonas idir ri ’fhaighinn ’s ann ann an gloinead a tha e ri fhaotuinn is cha ’n ann idir ann an salachar. Tha eagal orm gu’m feum mi an litir so a tharruing gu crìch. Tha móran de shean bharailibh eile air am bheil a rùn orm sgrìobhadh ma’s i ’ur toil-se, Fhir-Ullachaidh, àite a thoirt dhoibh ’s A’ GHAIDHEAL. Ach, “foghnaidh na dh’fhoghnas” aig aon àm, is gleidhidh mi an còrr gu àm eile. Air an ath mhìos labhraidh mi air an “Droch Shùil” air “Cronachadh” agus air an dòigh gu dol ás uatha. Ach nach mòr an aobhar thaingealachd, gu’m bheil na Gàidheil a nis cho saor o chreideas a thoirt do ghòraich de’n t-seòrsa so is ’tha sluagh air bith ’s an Roinn-Eòrpa; gum bheil iad a nis eòlach air fìrinn Dé a tha comasach an inntinn àrdachadh os ceann nan saobh bharailean ud. Buidheachas do’n Fhreasdal, gum bheil Soisgeul na Sithe a’ dealradh le a sholus àigh air feadh ghlinn ’us shrathaibh nan garbh chrioch ’us gum bheil eòlas is feàrr air sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Oir ged theagamh gun tachair an so agus an sud oirbh cor aon a chreideas na sean nithean faoine ud, do’n mhòr roinn de na Gàidheil, tha iad cho suarach is a tha iad do’n teallsanach as fòghluimichte ’s an tìr. Is ma tha cuid ann a tha ’toirt aithre dhoibh, cha ’n ’eil iad ach a’ deanamh so a chionn is gum bheil na seann nithe sin mar “sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh,” is gur toigh leo a bhi ’cumail cuimhne air cleachdainean nan “seann daoine” a tha nis ’n an cadal gu tosdach samhach an Clachan ’s an Cill. Ach na di-chuimhnichemaid ma tha sòlus is àirde againne na bha acasan, gu’m bheil e air a ràdh leis a bheul nach breugnaichear, “Dhoibhsan do’n toirear mòran iarar mòran uatha.” Ma tha air an aobhar sin solus is àirde againne bithidh sùil gun d’ thoir sinn a mach toradh is feàrr. Ach is eagal leam nach ’eil a’ chúis mar sin. Cha ’n ’eil mi cinnteach gum bheil tuillidh seirce a’s caoimhneis ri’m faotuinn a nis, na bha ’n am measgsan. Ma tha tuillidh soluis againn cha’n ’eil am barrachd blàis againn. ’Si sin mo bharailsa, theagamh gum bheil mi ceàrr. Is mi le gach deadh dhùrachd, ’ur caraid, Glaschu, air Cluaidh, Mìos meadhoin an Fhoghair, 1872. RUNASDACH. [TD 209] SGEULACHDAN O’N “SGIATHANACH.” AN GOBHAINN AGUS AM MINISTEAR. Is minic a bha guaillean teine ann an sgornan gobhainn, agus bu ro thaitneach leis a smàladh as le uisge ni ’s treasa na uisge fionnair an tobair. Air là àraidh chòmhlaich gobhainn na sgireachd am ministear, agus thachair gu ’n robh an rathad-mòr rud beag cumhann dha; gidheadh, chuir e failte air a’ mhinistear, a thubhairt ris, “O Sheumais, Sheumais, tha mi ro bhrònach ’fhaicinn gu’m bheil thu air tòiseachadh air do sheann cheachdadh a ris, dh’ aindeoin nam bòid a thug thu gu minic seachad. Ciod a dh’ éireas duit, a dhuine thruaigh, agus ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh de ’n bhallachan gille so agad,—brogach glan, tapaidh, gleusda gu’n teagamh?” “Ma ta, a mhinisteir chòir, tha mi ’cur romham a dheanamh dheth nì nach urrainn thusa, ged is duine-uasal, fiosrach, fòghluimte thu, a dheanamh, dhe d’ mhac féin.” “Ciod sin, a Sheùmais, innis domh, innis domh air ball, ciod sin?” “Ma ta, le’r cead, a mhinisteir,” ars’ an gobhainn le fiamh-’ghaire, “tha mi ’cur romham duine a dheanamh dheth mòran ni ’s fearr n’ a athair!” THIG BEO GU SUBHAILCEACH. Bi-sa bochd, agus buanaich ann, Oganaich, an uair a ta muinntir eile mu’n cuairt duit a’ fàs saibhir trid foirneirt agus fòill.—Bi-sa gu’n inbh, gu’n chumhachd, am feadh ’sa ta sluagh eile ag éiridh suas air slighibh sleamhuinn na h-eucorach. Fuiling gach àmhghar a dh’ éireas o mhealladh-dòchais, agus gnàthaich foighdinn, an uair a ta cuid eile a’ dol air an aghaidh gu goileamach, miodalach, seòlta! Paisg thu féin suas ’n ad’ shubhailc féin agus na cùm comunn ach ri fior charaid, “oir sgriòsar companach nan amadan.” Iarr t-aran laitheil, agus air a shuarraichead, bi tàingeil, toilichte leis. Ma dh’ fhasas tu aosmhor, liath, air an t-slighe urramaich so, dean gairdeachas, agus do’n Ard-Righ thoir fior thàingeileachd do chridhe! DONNCHADH DUBH. Bha Donnchadh Dubh ro chomharraichte air son gach ìnnleachd a ghnàthaicheadh leis chum e fèin a chuideachadh ann an còir no ’n eucoir. Cha bhiodh ni sam bith a dhìth air Donnchadh, ’nam biodh e idir far an ruigeadh a làmhan air. Là de na laithibh bha muc mhòr, reamhar aig Cailean Bàn, duine bochd aig an robh bothan-tighe goirid o thigh Dhunnchaidh Dhuibh. Smuainich Cailean gu’n robh an t-àm aige a’ mhuc a mharbhadh agus a shailleadh. Ach cò a thàinig an rathad ach Donnchadh Dubh, a bha deas gu deagh chomhairle a thoirt do Chailean mu’n t-seòl air an ullaicheadh e gach ni mu’n mhuic. “A nis, a Chailein,” deir Donnchadh, “cha ’n ’eil aon mu’n cuairt duit am fad ’s am fagus, aig nach ’eil deagh-fhios gu ’n do mharbh thu a’ mhuc mhòr andiugh, agus thig iad as gach ceàrn agus cùil a dh’ iarraidh chriomana a dh’ fhaicinn am bheil an fheoil maith reamhar; ach ’s e so a ni thusa, Chailein, gabh a’ mhuc agus tilg ’s an allt i rè na h-òidhche. Cruaidhichidh an t-uisge fuar an fheòil, agus ni e glan i, agus freagarrach air son an t-salainn. Ma thig neach sam bith chum do thighe ’sa ’maduinn a dh’ fhoighneachd mu ’timchioll, thoir do mhionnan gu’n do ghoideadh i, agus an sin cha bhi dùil aca ri mìr di fhaotuinn.” Rinn an duine bochd, amaideach, mar a dh’ iarradh air, agus thilg e closach na muice ’s an linne goirid o’n tigh. Thàinig Donnchadh Dubh anns an oidhche, an uair a bha Cailean bochd ’n a chodal, agus ghoid e a’ mhuc air falbh as an allt. Air an ath mhaduinn, air do Chailean ’fhaicinn mar a thachair, thug e gu grad tigh Dhonnchaidh air, agus dh’innis e dha gu ’n do ghoideadh a mhuc gu’n teagamh sam bith. “Ro cheart, ro cheart, a Chailein, abair thusa sin, agus mo làmhsa nach eagal duit.” “Ach, tha mi da-rìreadh, a Dhonnchaidh, gu deimhin agus gun teagamh dh’ fhalbh a mhuc.” “Dh’ fhalbh, dh’ fhalbh, ro cheart, ro cheart, dìreach abair thusa sin, a Chailein, agus cha’n eagal duit.” “Eisd rium, a Dhonnchaidh,” agus e a’ lasadh suas le gnè chorruich, “éisd rium an uair a tha mi, air m’ onair, a’ cur an céill duit gu’n do ghoideadh a’ mhuc co cinnteach ris a’ bhàs.” “Sin e dìreach, a Chailein; ’s e sin a’ cheart ni a dh’ iarr mi ort; thoir thusa an còmhnuidh t’fhocal gu’n do ghoideadh a’ mhuc, agus cha chuir na coimhearsnaich dragh sam bith ort; cuimhnich sin a Chailein, agus dean do ghnothuch gu ro mhaith.” Cha deanadh e feum ’s am bith do ’n duine bhochd smid tuilleadh a labhairt; dh’ fhalbh e gu brònach dhachaidh, agus ghléidh ’us dh’ ith Donnchadh Dubh a’ chreach! SGIATHANACH. [TD 210] GUTH O CHANADA. A GHAIDHEIL RUNAICH, Am feadh a tha mòran dhaoine caoimhneil agus suairce ann an tìr nam beann a’ cur fàilte, ’us furan oirbh, agus a’ guidhe làithean fada fabharach duibh, tha iarrtus làidir agam innseadh duibh gu ’m bheil bhur càirdean lionmhor ann an Canada ro thoilichte gun d’ fhuair sibh aoidheachd co taitneach agus co faoilidh air taobh thall a’ chuain. Cha dean sinn idir di-chuimhne gur anns an dúthaich òig fharsuing aghartaich so a sgaoil sibh ’ur bréidean geala ris an t-soirbheas air tùs. Cha ’n ’eil sprochd no mi-thlachd oirnn ged a thréig sibh sinn, agus a phlanntaich sibh ’ur n’ àite-tuinidh ann an dùthaich ar n-athraichean. Dìleas do àbhaistean laghach mhalda nan Gàidheal, nochdaidh sinn gun amharus nach ’eil ach smuaintean caoimhneil a’ lionadh ar cridheachan an tràth a tha sinn a’ faicinn turus co réidh, ciúin romhaibh, agus snuadh co dreachmhor g’ur còmhdachadh. Cha bhi sibh feargach mu dh’ innseas mi duibh gum bheil dòchas làidir aig Gàidheil Chanada nach dean sibh dearmad air iomradh a dheanamh air ar duthaich agus air na gniomharan móra ’tha sinn a’ gabhail oirnn. Ged is geàrr an ùine o’n a rinn sibh imrich, thachair iomadh nì ’n ar measg a tha araon airidh air cliù agus làn de dhòchas làidir. Tha fios cinnteach pongail agaibh féin gum bheil Canada ’g éiridh gu luath ann an ionmhas, ann an comhfhurtachd, agus ann an cumhachd. O’n a chaidh roinnean Chanada ’aonadh agus a fhuair sinn Parlamaid anns am bheil daoine tapaidh seòlta bho gach ceàrna ’s an tìr a’ suidhe le chéile, tha e furasda ’fhaicinn gun d’ imich sinn cheana astar mòr ann an sealbh a ghabhail anns an dùthaich fharsuing fhoghaintich a bhuineas duinn. Tha gach ceàrna ’nis le dùlan ’us dealas gaisgeil a’ saoithreachadh a chum gach riaghailt a chur air chois agus gach oidhirp ghasda ’dheanamh trid an d’ thig oirnn pailteas a’s modha agus sonas ni ’s àirde na mheal sinn fhathast. Aig an àm so féin tha upraid mhòr air feadh na dùthcha do bhrígh gun d’ thàinig àm taghaidh na Pàrlamaid ùire. Mar tha fios agaibh féin, is e an Ridir Iain Mac-Dhòmhnuill a tha an dràsda ’stiùireadh long na dùthcha. Tha mòran dhaoine g’a chaineadh agus g’a smàdadh, a’ cumail a mach nach ’eil e idir airidh air meas ’us ughdarras. Tha e da rireadh furasda coire fhaotainn. Is e duine seòlta, tapaidh, geur-inntinneach a tha anns an Ridire. Bha dragh ’us àmhghar mòr aige mu ’n do chiùinich e iomadh duine fiar crosda aig nach robh iarrtus air bith gun toiseachamaid le chéile air farsuingeachd uamhasach na mòr-roinn so àiteachadh agus fhosgladh suas. Anns na coig bliadhanchan a tha ’nis seachad, shoirbhich le Mac-Dhomhnuill agus a chàirdean. Tha Canada cheana diongmholta agus samhach; tha oibrean mòra ’dol air an aghaidh; tha cabhlach lurach a’ lionadh nan abhnaichean; tha rathaidean iaruinn g’an deanamh; agus, an creid sibh so? bithidh, ann an ùine gheàrr, an t-each iaruinn a’ srànnail gus a’ chuan mhòr a tha air cùl America. Innsibh do na h-Albannaich uile gum bheil iomadh mìle acair-fhearainn ann am Manitoba, far nach do chinn arbhar riamh, agus far am bheil talamh trom brighmhor. Tha tuarasdal mòr air a thairgseadh do gach seirbhiseach a tha toileach saothair dhligheach a dheanamh. Tha fosgladh gasda gealltanach air gach taobh do luchd-imrich dhìchiollach dheanadach. Is maith a thig e dhuibhse impidh a chur air gach Albannach nach ’eil toilichte le ’charamh ann an dùthaich athraichean, aghaidh a thionndadh a dh ’ionnsuidh Chanada. Bithidh e duilich geur-bharail a thabhairt seachad mu dheidhinn na còmhstri a tha aig an àm so a’ luasgadh na dùthcha. Cha bhi e idir iongantach mu gheibh an Ridir Mac-Dhòmhnuill greim air an àrd-inbhe ’tha e ’nis a’ sealbhachadh ré còig bliadhnachan eile. Ma dh’ fhaoidte gun cuala sibh gu’n d’ thàinig a’ chrìoch air Iain Sandfield Mac-Dhomhnuill. Cha robh ann ach balach bochd Gàidhealach gun mhaoin, gun charaid cumhachdach, ann an toiseach a làithean. Gidheadh le dìchioll ’s le tapachd a bha comharruichte, choisinn e maoin ’us ainm ’us seasamh àrd ann an gnothaichean na dùthcha. Gu latha ’bhàis, bha e measail air a’ Ghàilig, agus bu mhaith, bu sgiobalta, ’s bu phongail a labhradh e i. Agus chriochnuich an t-Ollamh Urramach, blàth-chridheach, deas-chainnteach Mac Leòid a chuairt thalmhaidh! An duine laghach, bàigheil, deas-fhoclach, dh’ eug e. An Gàidheal grinn stuama, bha sinn uile pròiseil gum buineadh e dhuinn. Dhùisg teachdaireachd bàis an duine mhòir so mulad mòr ann an iomadh cridhe ’s an dùthaich so. Bha sinn uile min-eòlach air treubhantas ’us eud ’us dìchioll Thormoid; agus air an aobhar so bha sinn tiamhaidh smalanach an uair a ràinig an naidheachd bhrònach sinn. ’N uair a tha ’Bhan-righ [TD 211] bheusach ghaolach, prionnsachan agus tighearnan, sgoileirean mòra agus daoine diadhuidh a’ deanamh luaidh air àilleachd ’us gaisge ’us foghainteachd Thormoid, ceadaichibh dhuinne ann an Canada ’n ni so aithris: gum bheil doilgheas mòr oirnn gun do thuit an laoch mòrail, meamnach, oir bha gràdh ar cridhe againn air, agus bha sinn làn aoibhneis, ’us aighearrach, an tràth a chuala sinn gun robh Tormoid Mac Leòid a teachd a nall thar a’ chuain ann an ùine gheàrr. “Cha’n fhàilnich a chumhachd no a chliù, ’S cha ghearar a chuimhne o mheasg an t-slòigh.” Mu bhitheas sibh iarrtuiseach air fiosrachadh ’fhaotainn bho àm gu àm, ciamar tha cùisean a’ soirbheachadh ann an Canada, cuiridh mi le toileachadh mòr iomadh litir d’ ur n-ionnsuidh, Is mise, Le mòr urram agus deadh rùn, Bhur caraid dìleas, ONTARIO. Treas mios an t-Samhraidh, 1872. ALTACHADH-BEATHA DO SHIR COINNEACH MAC-CHOINNICH, TRIATH GHEARR-LOCH Air dha seilbh a ghabhail ann am Fearann ’Aithrichean. O’n ghiùlan ghealltanach a bh’ aige ’n a mhion-aois bha gach bochd ’us beartach dheth ’chuid iochdarain ’am beò-dhòchas gum biodh e cosmhuil ri ’aithrichean, ’n a uachdaran fiùghantach, foghainteach, iriosal, agus bàigheil. M’aoibhneas éibhinn, inntinneach, An sgeul an dràsd’ chaidh innseadh dhomh, ’S e ghleus mo chàil cho innsgineach Gu seinn mo thoil do ’n òig-fhear. ’S e ghleus mo chàil, &c. ’S e ’n t-òig-fhearr meadhrach mathasach, Tha fiùghail, fialaidh, flathasach, A dh-fhàs á stoc neo-ghaiseadach, Taigh Eachunnach nan ròiseal. A dh-fhas á stoc, &c. ’Bhi gabhail seilbh le barantas, ’An àros àdhmhor aithrichean, ’S a’ chòir, ’s an staoidhle bh’ aca sud, Le macantas gun mhòr-chuis. ’S a’ chòir, ’s an staoidhle, &c. B’e suaicheantas na h-aitim ud, Mar chìte ’n sròl am brataichean. Ceann ciar-dhearg, cràcach, cabarach, Damh aigeannach nam mòr-bheann. Ceann ciar-dhearg, &c. Bu lionmhor cliù ri ’fhaotuinn orr’, Iad caoimhneil, càirdeil, daonnachdach, Iad mùirneach, mèineach, faoilteachail, Gu gaolach, glic, làn eòlais. Iad mùirneach, &c. Mar charraig chruaidh nach caraicheadh, Ged reubadh stoirm an talamh dhith, Gu seasadh iad le ’n glas-lanna, A’ casgairt luchd an cómh-stri. Gu seasadh iad, &c. B’iad sud na leòghainn bhuadharra, Bha colgail, ainmeil, cruadalach, Bhiodh armach, meanmnach, luath-ghaireach ’N uair ghluaiseadh iad ’san tòrachd. Bhiodh armach, &c. Bu chleachdach anns a’ mhaduinn leo Bhi dìreadh mach ri bealaichean, Gu gunnach, cuimseach, grad-làmhach, Chum tachairt ri fear cròice. Gu gunnach, &c. Be sud an còmhlan àbhachdach, Le ’m miol-choin ghlas, ’s le ’n spàintichean, Bhiodh fuilteach, calgach, làn-shacach, ’N àm teàrnaidh dhoibh le sòlas. Bhiodh fuilteach, &c. ’S iar ruigheachd Teach na rioghalachd, Bhiodh tional fhear ’us nìonag ann, ’S bhiodh deoch ’g a h-òl á pìosan ac;— Deagh fhìdhleireachd ’us òrain, ’S bhiodh deoch, &c. Bhiodh Mac-nan-creag gu spreigeanta Ag aithris ceòl nam feadanan, ’S an talla ghreadhnach sheasgaireach, ’M biodh fleasgaichean ’an òrdugh. ’S an talla ghreadhnach, &c. Bu dionach bhlàth an fhasdail ac, Do bhàird, do chliair, ’s do cheatharnaich, ’Bhiodh duanach, fuaimneach, caithreamach, Le carthannas nan seòd ud. Bhiodh duanach, &c. ’S a Choinnich òig b’ i m’ iarratas, O’n ’s geug o shùgh nam friamh ud thu, Gu meas thu ’n ainm ’s an riaghailtean, Ni ’s fiachaile na ’n stòras. Gu meas thu ’n ainm, &c. Na lean ’an ceum nan uachdaran, A tha ’cur fàs nan tuath-bhailtean, Le’n docha féidh m’ an cuairt orra, ’S a sluagh a chur air fògar. Le’n docha féidh, &c. [TD 212] Ach ùraich ’s an Aois Iaruinn so ’Am measg na tuath’ a riaghlas tu, Gach cleachdadh bh’ aig an tighearnan, ’S cha bhriag ged ’theirt’ Aois Oir rith’. Gach cleachdadh, &c. Bi beachdail, smachdail, reusanta, Gu duineil, seasmhach, treubhanta, Na faic a’ chòir gu h-éigneachadh, ’S na h-éisd ri guth luchd fòirneirt. Na faic a’ chòir, &c. Bi aoigheil, bàigheil, sìobhalta, ’N uair thachras ort an dìobarach; Biodh bantraichean ’us dìlleachdain, Ro chinnteach as do chòmhnadh. Biodh bantraichean, &c. ’S bi ’dh rath, ’us miadh, ’us urram dhuit, Gu fialaidh, pailt, ’s gu bunaiteach, ’S ni sìth, ’us sàimh, ’us subhachas, A’d’ thuineachas an còmhnuidh. ’S ni sìth, &c. ’Us thig gach ni gu ’n gnàthsalachd, Mar chleachd na suinn o’n tàinig tu, ’S bi ’dh fonn, ’us ceòl, ’us àbhachdas, ’An Gearr-loch mar bu nòs dhoibh. ’S bi’dh fonn, &c. Deagh shaoghal fada, fallain dut, ’An cliù, am mùirn, ’s an tapantachd, Biodh beannachd thuath’ ’us cheathairn’ dut ’S mo bheannachd féin an tòs dut. Biodh beannachd, &c. LOCH-AILLSE. DO NEOINEAN A BHA A’ CINNTINN GU DOSRACH URAR FO BHLATH AIR AN RATHAD MHOR AIR MADUINN NA BLIADHNA UIRE, 1868. B’ ann air maduinn na bliadhn’ ùire, Ann an dùldachd ’geamhraidh, A chunnaic mise neòinean àillidh. ’S e mar bhlàth an t-samhraidh. Cha b’ann fo chùram gàradair, No’m bruachan blà an alltain, Ach air rathad mòr an rìgh, Gun sìon do fhasgadh ann da. Bha crodh is caoirich air gach taobh, ’S gach bileag fhaoin gu chreim ac’, Ach saltairt air no beantainn ris, Cha robh ann aon a rinn e. Bha ghucag geal le bile dearg, Bu mhais do ghruaidh bean bainnse, ’S gach duilleag uain mar roth mu’n cuairt ’Ga dhìon o fhuachd ’s o chrainnteachd. O ’s ann mar sud ’tha iomadh neach, ’S iad ruisgte ris an t-saoghal, Tha deuchainn plàigh is buairidhean, A’ cuairteachadh gach taobh dhiubh. Ach ged a dh’ fheud gach cruaidh chàs ud An cuir gu bruach na h-éiginn, Gidheadh gu bràth cha tuit iad sìos Is làmh ’g an dìon nach léir doibh. An Ti a ghléidh an neòinean faoin Tre mheadhon geamhraidh gailbheich Gu ’n gléidh tre gheamhradh ’n t-saoghail so Gach neach á làimh a dhearbas. I. C. Leadaig. BAS SHENACHERIB. Mar mhadadh a chromas gu moch air a’ chrò, Craos-fhosgailteach, fad-fhiaclach, geurìneach, beò; Mar sid rinn àrd-cheannard Assyria ’teachd, Ann am purpur ’s an òr uile-còmhdaicht’ bha ’fheachd. Mar bhoillsge reult oidhche air muir Ghalilì Bha dealan an lannan a lean e mar Rìgh. Mar dhuilleach na coille ’s an samhradh ’n a àird, ’S an fheasgar cho lionmhor bha armailt nan sàr; Mar dhuilleach na coille ’sam foghar air triall, Bha armailt nan treun ’n uair a dh-éirich a’ ghrian! Oir dh’imich am Bàs ann an carbad na gaoith’ ’S dol seachad thug ’anail dhoibh galar ’us gaoid, Iad uile ’n an sìneadh ’an suan-chadal trom, Bhuin an t-aog do na seòid, ’s cha robh deò ann an com; Gun ghluasad ’n a shìneadh ’an sid air an fheur Bha ’n steud-each a b’ uallaiche gluasad an dé, Bha ’chuinean cruin, fosgailte, dearg, ach ma bha, Dh’fhalbh anail na misnich ’s na sitrich gu bràth, ’S bha cobhar a’ chruaidh-ghleachd mu ’n cuairt air gach taobh, Mar chop-geal nan stuadh air an sguaba’ le gaoith. Bha ’marcach ’n a shìneadh ’an sior-chadal fuar, ’Armachd air meirgeadh ’s an dealt air a ghruaidh. [TD 213] Na pàilleanan sàmhach, gun ghàire, gun cheòl, ’S na brataichean uile gun duine ’n an còir, Na lannan caol, dìreach ’n an sìneadh ’s an fheur, ’S na trompaidean àrd-ghu’ach sàmhach, gun gheum; Tha bantraichean Asuir ri coranaich àrd, ’S gu sìorruidh fo mhi-chliù tha Iodhalan Bhàail; Gun chòmhrag ’s gun iomairt tha ’n Cinneach ’us ’fheachd Ann am fianuis ’ur Dia-ne air leaghadh mar shneachd! “BUN-LOCHABAR.” NAIDHEACHDAN. Mu dheidhinn na ceisde cudthromaich a bha eadar sinn féin agus America, tha sinn toilichte ’innseadh, gu’m bheil i gu bhi air a cur gu taobh gun dàil ann an dòigh shìochail. Bho cheann ùine bha co-chruinneachadh ann an Geneva, a’ rannsachadh na cùise, agus a’ deanamh deas air son breath a thoirt. Bha na h-Americanaich ag iarraidh gu’m pàidheadh Breatuinn £9,479,166. 13s. 4d. air son a’ chall a rinn an Alabama (agus na soithichean eile bha maille rithe) orra. Cha phàidheadh Breatuinn an t-suim so, oir bha i air a saoilsinn ro mhòr, agus air a h-iarraidh gu mearachdach; ach air a’ chùis thug a’ bhuidheann a dh-ainmich sinn breth, agus si sin gum pàidhear do na h-Americanaich £3,229,166. 13s. 4d. Air do uile chìsibh na rioghachd bhi air an tional, bithidh pailteas airgid aig àrd ionmhasair a’ chrùin ’n a mhàileid gus na fiachan leibeideach so a phàidheadh. Bha an t-àrm Breatuinneach cruinn air a’ mhìos a chaidh seachad ann an ceann deas Shasuinn, ri iomairt a’s cleas, mar gu ’m b’ ann ri cogadh a bhitheadh iad. Bha iad air an roinn ’n am buidheannaibh; ceannard air gach buidheann, agus iad a’ strì co bu deise ’s a b’ealanta an àm a’ chruadail. Ged a thug feadhainn de na ceannardaibh iomadh òrdugh tuaireapach, gidheadh bha a’ chuid mhor de ’n obair gu math ’s gu sgiobalt’ air a deanamh. Dh’ ainmich sinn anns an t-seachdamh àireamh de ’N GHAIDHEAL gun robh a’ bhan-rìgh gu cuairt a thoirt do ’n taobh tuath; agus rinn i sin. Air an t-sèathamh latha de dhara mìos an Fhoghair chaidh i tuath gu ruig Dun-Roibin. Mar a bha i ’dol air a h-aghaidh bha còmhlanan ’g a coinneachadh anns gach àite ’s an robh an carbad iaruinn a’ stad. Bha Prothaiste gach baile a’ toirt sgrìobhadh di, a’ cur an céill taingealachd an t-sluaigh agus an toileachais air son i a thighinn ’n am measg. Bha mòran greadhnachais mu na h-àitean ’s an robh i ’stad; ach os cionn gach àite tha sinn a’ cluinntinn gu’n choisinn Eilgin an t-urram. Ann an Goillspidh bha na briathraibh so anns a’ Ghàilig air an sgriobhadh feadh a’ bhaile, “Ar Buidheachas do’n Bhuadhaich;” “Na h-uile latha ’chi ’s nach fhaic;” “slàinte dhuibh a’s sòlas,” “Ceud mìle fàilte do Chataobh.” &c. Cha robh ’leithid a dh-fhuaim ’s a thartair rìoghail ’s an taobh tuath, theagamh, o linn righ Fhionnghail ’s na Féinne. Tha iomradh am measg nam paipearan naidheachd gu’m bheil mac an Diùc Chataich a’ dol a phòsadh Beitiris, an aon nighean a tha gun phòsadh de’n teaghlach rìoghail. Tha am Marcus òg bliadhna-thar-fhichead, agus a’ bhan-phrionnsa sia-bliadhna-diag a dh-aois. Tha diù gach galair, an Rinderpest, an déigh bristeadh a mach a measg a’ chruidh ann an Siorramachd York. Chaidh gach ni a chleachdadh air son a chumail gun sgaoileadh,—ach gun fheum sam bith. Tha e ’sgaoileadh ’s an t-siorramachd sin, agus, mar a till e gu h-aithghearr, cha b’ iongantas leinn ged a bhiodh iomradh air e ’bhi ’an Albainn ann an ùine ghearr. Tha ’n t-iasgach ’s an àirde an Ear a nise criochnaichte air son bliadhna. ’An Inbhir-ùig, ’s anns na h-àitibh iasgaich eile ’an Cataobh ’s an Gall-thaobh, cha do ghlacadh idir uiread ’s a ghlacadh an uiridh. Ach ’an Ceann-a’-Phàdruig, as puirt eile ’s chearnaidh sin, ghlacadh mòran eisg. Bha mu’n cuairt do mhìle bàta a mach á Ceann-a’-Phàdruig as Abar-eadhain, agus ghlac iad dlù air ciad gu leth mìle crann: no ciad gu leth crann air a chéile. Tha deagh phrìs air an sgadan ’s na puirt thall, agus a bhos mar an ceudna. Cha-n-eil iasgach trom sam bith fhathasd anns an àirde an Iar, ach bi’dh dùil nach d’ theid an Geamhradh seachad gun e gluasad ’an àiteigin. Tha ’n gaiseadh anns a bhuntàta ann an cuid de cheàrnaidhean (mar a dh-ainmich sinn roimhe) ach tha sinn a’ cluinntinn nach ’eil a choltas air gu’n téid e na’s fhaide air aghaidh. Tha ’n aimsear anabarrach fliuch anns gach cearna. Tha na tuathanaich a muigheadh gur h-éiginn doibh na prìsean a thogail na’s àirde na ’tha iad—ged a bha muinntir a’ gearan air an airdid o chionn fhada. [TD 214] NITHE NUADH’ AGUS SEAN. Tha sinn a’ fòghlum ni eigin eadhon o challdachd. Feumaidh iadsan nach cuir ’s an Earrach a bhi ’g iarraidh na deirce ’s an Fhoghair. ’S fearr dol timchioll na tuiteam ’s an dìge. Cuidichidh biorana beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teine ’bheothachadh. AIRGIOD AGUS UINE.—Aig airgiod agus ùine tha mòran an luach féin. Cha-n urrainn an tì a chuireas an t aon gu droch bhuil, an t-aon eile ’chur gu deagh bhuil. Cha n eil duine ann cho suarach ’na chaith-beatha ’s nach feud a ghiùlan a bhi chum lochd d’a choimhearsnach. Na fàg ni sam bith gun dheanamh a ta freagarrach ann an cùis n’an obair a ta dligheach a bhi deunta. Measar cumhachd an duine leis an nì air an cuir e crìoch, agus ni h-ann leis an ni air am feud e ionnsuidh a thabhairt. Feudar FIRINN, SUBHAILC agus SONAS a bhi air am faineachadh o chéile, ach cha ’n urrainn iad a bhi air an eadar-dhealachadh. Theid iad mar pheathraiche gràdhach, dlùth-dhaingnichte r’a chéile, agus a’ boillsgeadh soluis na diadhachd ann an cridhe an duine. SOP AS GACH SEID. Ma ’s dubh ma ’s odhar no ma ’s donn, ’S toigh leis a’ ghabhar a meann. Mionach a’ bheathaich is maoile, Air adhaircean a’ bheathaich is bioraiche. Am fear is treise an uachdar, ’S am fear is luaithe air an toiseach. Seachd bliadhna, saoghal a’ chait, Sin gu h-éibhinn agus ait, Seach sin codal agus turchardaich. Bha dithis mhac aig duine àraidh; agus b’ àbhaist do ’n dara fear a bhi ’g éiridh gu moch ’n uair a bha am fear eile na chodal. Air àm éigin fhuair fear na moch-éiridh sporan airgid air an rathad. Ars’ athair agus e dol leis an sporan thun an fhir a bha ’s an leabaidh “na’m bitheadh thusa air éiridh cho moch ri do bhràthair dh-fhaodadh thu fhéin an sporan fhaighinn,” “’S math dh-fhaoidhte gu’m faodadh,” ars’ esan “ach na’m bitheadh an duine bochd a chaill e na chadal cho amhach riumsa, cha chailleadh e ’sporan.” Thuirt leanabh àraidh ri bràthair athair gu ’m bu chòir dha a bhi faiciollach gun dad ach airgiod cruaidh a bhi aige ’n uair a bhàsaicheadh e, air eagal ’s gun loisgeadh na notaichean an uair a ruigeadh e thall. TOIMHSEACHAIN. 1. Is buig e na brochan. Is cruaidhe e na aran; A’s bi ’dh e ’n cuideachd an rìgh; Cha’n ’eil neach air thalamh Nach fheum ’bhi ga ghabhail, ’S cha tig iad ro mhath ás a dhith. 2. ’S e ’m fiodh an iuchair, ’S e ’n t-uisge ’ghlas; Chailleadh na sealgairean, ’S fhuair an t-sealg ás. 3. Chi mi thall air fanas, ’S air bàrr na roite ruaidhe A mac a’ tighinn bho ’n mhàthair, ’S a mhàthair ag imeachd uaithe. 4. Dà fhitheach air a’ chreig, Dà fhitheach gob ri gob, Fitheach a feitheamh an fhithich, ’S co meud fitheach a tha sin? FREAGAIRTEEN do na Toimhseachain anns an t-seachdamh aireamh de ’N GHAIDHEAL. 1. An àile. 2. An gaol. 3. Cliathan na h-uinneige. 4. Trì nathraichean. 5. Spainn no gloinne. 6. An rathad mòr. FREAGAIRTEAN. NIALL CRUBACH A RIS.—Nach e Niall Crùbach a tha bagarrach? Am bheil e ’smaoineachadh nach ’eil againne ri dheanamh ach a bhi ’frithealadh air sa. Chaidh a’ bhàrdachd gus na coin ma’s e Niall am bàrd a’s fearr a tha ri fhaighinn. Ach si ar beachd-ne gum bheil inntinn Néill mar ’bha léine Dhòmhnuill Cheaird, an déigh ’dhol deth a seòl. Am bheil e ’smuaineachadh gur lighichean sinne gu cungaidhean a dheanamh suas a bheir air an fheòsaig aige-sa fàs? Ma tha, cha toir sinn de chomhairle air ach ola chas easgann, bainne cìch circe, ’s geir mheanbh-chuileag, air am measgadh ann an adharc muice, a shuathadh ri smig le ite cait. Fhuair sinn “Leomag, agus chì ar caraid ann an ùine gheàrr, nach ann do phoca na gaineamhaiche ’chuireas sinn i. Tha Gilleasbuig Aotrom an dùil gum bheil AN GAIDHEAL gle aineòlach. Am bheil e ’smuaineachadh gun toir e a chreidsinn oirnne gur h-esan a rinn “Marbh-rann, Iain Ghre?” Tha ’N GAIDHEAL ro fhada ’s an adharc air son a leithid sin. Chuir Gilleasbuig thugainn òran uair-eigin, agus gheall sinn feum a dheanamh dheth; ach tha iongantas air nach ’eil e ’g a fhaicinn a nise, ’s A’ GHAIDHEAL. Faodaidh sinn innseadh do Ghilleasbuig gun d’ rinn sinn ar feum deth—eadhon an aon feum a dheanadh e—a chur ’s an teine! Tha sinn fad an comain an “Sgiathanaich” air son cho cuimhneach ’s a tha e oirnn. Slàn iomradh air. Gu’m bu fad esan an comas a b luaidh air Eilean maiseach a’ Cheò! [TD 215-222] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 223] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] CEUD MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1872. [9 AIR. MU NA SEANN GHAIDHEIL. VII. Dhearbh sinn a nis gu soilleir gu’m b’e an t-aon sluagh ceudna a bha ’chòmhnuidh an ceann tuath na h-Alba fad mìle bliadhna—o làithibh Agricola gu linn Challuim a’ Chinn Mhòir. Ré thrì cheud bliadhna theireadh na Ròmanaich Caledonaich riutha; agus ré sheachd ceud bliadhna theirteadh Pictich riu leis na Ròmanaich agus leis na Seanachaidhibh; an déigh sin fhuair iad an t-ainm Scuitich: ach ’n am measg féin b’e an t-ainm a bha orra daonnan, na Gàidheil, agus b’i a’ Ghàilig a’ chainnt a bha iad a’ labhairt riabh. Tha cuid ag ràdh gun do chailleadh an t-seann chànain an uair a fhuair Coinneach Mac Ailpein an rìoghachd, agus gur ann o na Scuitich a sgaoil a’ Ghàilig air feadh na h-Alba: ach cha ghabh so creidsinn, oir tha e soilleir gun robh Gàidheil a chòmhnuidh ’an ceann deas na h-Alba agus ’an Eilean Mhanainn, agus mar an ceudna an Eirinn fada mu’n d’ thàinig Agricola, no Iulius Caesar, no neach sam bith dhe na Ròmanaich thar a’ Chaoil Bhreatunnaich. Tha Gàilig Mhanainn na’s cosmhuile ri Gàilig Albainn na tha i ri Gàilig Eirinn; agus tha so a’ dearbhadh gum b’e an t-aon sluagh a ghabh còmhnuidh air tùs ann am Manainn agus ann an Albainn. Anns a’ Ghàilig Mhanainnich gheibhear an lide diultannach, no am focal àicheidh Albannach cha, an àite an fhocail àicheaid Ni, no Nior, mar so, “cha vel feeyn aca,” cosmhuil ris a’ Ghàilig Albannaich, “cha’ n’ eil fion aca” an àite na dòigh Eireannaich “ni bhuil fion aca.” Their na Manainnich a rithist “va mi” agus na h-Eireannaich “do bhi mi.” Mar an ceudna their na Manainnich, “cha vel, cha rou, cha bi,” agus na h-Eirionnaich “ni bhuil, ni rabh, ni bitheann.” Tha Gàilig Mhanainn mar so ni’s faisge air Gàilig Albainn agus tha sin a’ feuchainn gun robh na h-aon Ghàidheil ann am Manainn agus an Albainn o shean. Tha e soilleir mar an ceudna gu’n robh na Gàidheil an ceann deas na h-Alba anns na linnibh o chian, oir gheibhear mòran de ainmibh nan àitean air an toirt o’n Ghàilig. Tha cùnntas againn gu ’n robh seilbh aig na Caledonaich agus aig na Pictich air an tìr sin gu deas air caolas na Friù gu ruig a’ chrìoch Shasunnach, agus cha robh na Scuitich riabh a chòmhnuidh an sin. Gidheadh cha robh sluagh Gàidheallach sam bith a’ fuireach, no Gàilig ’ga labhairt anns an dùthaich sin, o ’n a thàinig Ida rìgh nan Gall Sasunnach, a ghabhail seilbh air an tìr ’s a’ bhliadhna A.D. 547, còrr us trì cheud deug bliadhna roimhe so. Cò, uime sin, a thug na h-ainmean Gàidhealach air na h-àitean ud mur robh Gàilig aig na Pictich? Tha na h-ainmean Gàilig so cosmhuil ri ainmibh àitean eile far an robh na Pictich ’n an aonar a chòmhnuidh agus far am bheil na Gàidheil, an sliochd-san, a chòmhnuidh gus an là an diugh. Ann an Siorramachd Haddington tha sgìreachd ris an abrar “an Garbh-allt,” air a h-ainmeachadh o’n t-sruth, no an t-allt a tha ’ruith troimpe, ris an abrar an t-Allt-Garbh. Ciod an dealachadh ann an seadh eadar an t-ainm an Garbh-Allt ann a’ Haddington, agus an t-Allt-Garbh ann am Bràighe Lochabar? Nach Gàilig iad le chéile? Nach tuigear ciod a’s ciall doibh leis na h-uile [TD 224] mac Gàidheil a chluinneas an t-ainm? Ann am Bràighe Mhàr, am fagus do Bhaile-chaisteil, tha allt ris an abrar an Garbh-allt mar an ceudua. Tha so a’ dearbhadh gu’m b’e an sluagh ceudna a bha a chòmhnuidh ann a’ Haddington agus am Bràighe Mhàr, gu’n do labhair iad an aon chànain, agus gu’m b’i sin a’ Ghàilig. Tha baile ann a’ Haddington ris an abrar Dunbar; tha so a’ ciallachadh Dùn, no daingneach, a tha suidhichte air bàrr, no air rugha; agus tha e freagarrach do ’n àite sin—a tha suidhichte mar sin. Tha àite eile ’m fagus do Dhùn-eidin, mar leth-mhile bhuaithe, ris an abrar Dail-Righ: ’s tha mòran àitean ’s a’ Ghàidhealtachd air am bheil an t-ainm so, agus tha e soilleir do neach air bith aig am bheil Gàilig. Tha ainm a’ bhaile Dun-Eidin, a’ nochdadh mar an ceudna gun robh Gàilig air a labhairt ’s an taobh deas aig an àm sin. Thugadh an tìr so bho na Pictich le Ida agus na Gaill ’s a bhliadhna 547. B’e Edwin no Eidin an ath rìgh a bha air na Gaill an déigh Ida. Thòisich esan air rioghachadh ’s a’ bhliadhna A. D. 617, agus mharbhadh e ’s a’ bhliadhna 633 le Caldwalla rìgh nan Breatuinneach, agus Penda rìgh Mhercia. Uime sin b’ann eadar an dà àm so a thog Edwin suas as ùr agus a chàirich e an seann Dùn a bha aig na Pictich, agus air an robh Dun-Monaidh mar ainm an toiseach, mar a chithear ann an roimh-ràdh Leabhar-Urnuigh Easbuig Charswell (a cheud leabhar a chlò-bhualadh an Gàilig.) O cheann còrr us trì cheud bliadhna chlò-bhualadh e “ann an Dun-Eidin, d’am bu chomh-ainm Dun-Monaidh, an 24mh la de’n mhìos April ’s a’ bhliadhna 1567.” B’ éigin gu’n tugadh Dun-Eidin mar ainm air a’ bhaile cho fad ’s a bha rìgh Edwin beò, ’se sin roimh ’n bhliadhna 633, oir an déigh a bhàis cha bhiodh e dualach an t-ainm a thoirt air, do bhrìgh nach biodh e cho soilleir co a rinn an daingneach mu’n do ghlac na Gaill an t-àite, agus b’ éigin gu’n d’ fhuair e an t-ainm so fada mu’n d’ thàinig Agricola agus na Ròmanaich do ’n tìr, oir bha an earrann sin de Albainn cho làn sluaigh le ’m bailtibh daingnichte agus gu’n do ghabh an Ceannard Romanach so dà bhliadhna a’ ceannsachadh nan Gàidheal a bha gu deas air caolas na Friù agus air Cluaidh. Tha mòran eileanan ann an caolas na Friù ris an abrar Innis, mar tha Innis-cheith, Innis-Challuim, an Innis-Gharbh. Is ainmean Gàilig iad so uile agus tuigear iad leis gach Gàidheal. Agus tha mòran àitean eile air feadh nan trì Lothianan ris an abrar Inbhear, far am bheil dà abhainn, no dà allt, a’ coinneachadh a’ chéile agus a’ dol cuideachd, mar tha Inbhear-bhuic, Inbhear-Lìte, Inbhear-uisge, Inbhear-abhainn, agus mar sin sìos. Ann an siorramachd Linn-Lìobhann gheibhear na h-ainmean soilleir Gàilig so: Acha-nam-bàrd, Baile-Bhàird, an Abhoinn, Baile-na-Craoibhe, Creag-nan-Gall, Dail-nam-meann, Druim-beag, Druim-buidhe, Druim-dubh, Druim-loisgte, Druim-millidh, Dun-tairbh, Tòrr-fhithichean, agus mar sin sìos. Agus an siorramachdaibh Dhunfris, Roxburgh, Ghalloway, agus Shelkirk an tìr làn ainmean Gàidhealach, mar tha Sean-chathair, an Càrn-seilich, Dail-Rìgh, Dun-scòrr, agus na ceudan de ’n t-seòrsa sin. Tha so uile dearbhadh gu’n robh an tìr aon uair làn Ghàidheal, agus ged a dh’ fhalbh an sluagh agus a theirig a’ Ghàilig anns na ceàrnaibh sin, gidheadh dh’ fhuirich na h-ainmean a thug iad air na h-àitibh gun atharrachadh gus an là an diugh. Thugadh na h-ainmean so air na h-àitibh ud ceudan bliadhna mu’n d’ thàinig na Ròmanaich do dh’ Albainn, o cheann còrr agus dà mhìle bliadhna roimhe so, agus tuigear iad leis gach Gàidheal a’ cheart cho math agus ged a b’ ann an dé a dh’ ainmicheadh iad. Mur bu Ghàidheil na Caledonaich agus na Pictich cia mar a b’ urrainn so a bhith. Tha ni eile a dhearbhas gur h-i a’ Ghàilig a labhair na Pictich; se sin [TD 225] Dàin Oisein. Rinneadh na Dàin so eadar A.D. 207, linn an Impire Severus, agus A.D. 276, a’ bhliadhna ’s an do mharbhadh Oscar mac Oisein le Cairbre Ruadh. Bha so mu thuairim sea ceud bliadhna roimh linn Choinnich Mhic Ailpein, agus na ’m biodh a’ Ghàilig air a h-atharrachadh an sin rachadh na Dàin air chall, no bhiodh iad air am measgadh le facail Eireannach. Ach cha ’n ’eil measgadh sam bith annta. A nise mur biodh an sluagh ceudna air fantuinn anns an tìr, ’s a’ labhairt na cànain cheudna a bha aig an sinnsearaibh, cha tigeadh na Dàin so nuas air chuimhne bho linn gu linn. Dh’ fheumadh iad a bhi air an aithris o bheul gu beul le daoinibh a bha làn-thuigsinn na cànain anns an do chuireadh ri chéile iad air tùs mu ’m b’ urrainn so tachairt. Uime sin tha na Gàidheil a chòmhnuidh anns an tìr o linn Oisein,—no ann am briathraibh eile ’si a’ Ghàilig a labhair na seann Chaledonaich agus na Pictich. D. B. B. AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. Tha e ’n a nì araon taitneach agus feumail do’n duine eòlas fhaotuinn a thaobh gach nì air am bheil e’n comas da a shùilean a thilgeadh. Tha oibre a’ Chrùitheir, gìdheadh, anns an t-saoghal nàdurra, cho lìonmhor ’n an gnè, cho miorbhuileach air an dealbhadh, agus cho òirdheare air an suidheachadh, ’s nach urrainn an duine a tha geàrr-sheallach, agus air bheag-eòlais, ach fìr-neoni dhiubh a rannsachadh a mach. Tha feartan na h-ìnntinn aige cho mòr air an truailleadh, ’s nach ruig iad, ach ann an tomhas ro bheag, air maise agus mòrachd nan nithe sin a ta mu’n cuairt da air an talamh. Ach an uair a dh’ amhairceas e air na speuraibh os a cheann, agus a chìth e a’ ghrian, a’ ghealach, agus na reultan, a’ gluasad gu tosdach, ciùin, ’n an cuairtibh fnrsuing féin, tha aobhar aig an sin a thuigsinn cia co dìblidh, fann, lag-chuiseach ’s a tha e ann féin! Tha oibre sin a’ chruthachaidh a’ fòillseachadh, cha ’n e mhàin cumhachd neo-chrìochnach an Tighearna Dé, ach mar an ceudna, a ghliocais agus a mhaitheis! Gu’n teagamh, “Cuiridh na nèamhan an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh,”—agus am feadh ’s a ta iad mar so a’ toirt fianuis air buaidhibh do-labhairt an Tì bheannuichte sin a dhealbh iad; tha iad, mar an ceudna ’toirt rabhadh do ’n duine chum e féin irioslachadh ’n a làthair, mar chreutair nach ’eil airidh air an tròcair a’s lugha o làimh-san. Is ceart a thubhairt rìgh Israeil r’a Chruithear bheannuichte féin; “An uair a dh’ amhairceas mi air do nèamhaibh, obair do mheur: air a’ ghealaich, agus na reultaibh, a shuidhich thu; co e an duine gu’m biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gu’m fiosraicheadh tu e?” Ach neo-iomlan mar a tha an duine ’n a reusan agus ’n a thuigse féin, ’s e a dhleas’nas na feartan agus na cumhachdan a thugadh dha a ghnàthachadh ann a bhi ’faicinn agus a’ fiosrachadh Dhé anns na h-oibribh eugsamhla sin a rinneadh le Focal a chumhachd. Rinn na h-abstoil so, an uair a thubhairt iad, “Tre chreidimh tha sinn a’ tuigsinn gu ’n do chruthaicheadh na saoghail tre fhocal Dé, air chor as nach d’ rinneadh na nithe a chithear de nithibh a bha ri’m faicinn.” Chum cuideachadh a dheanamh le do luchd-leughaidh, a Ghàidheil ionmhuinn, gu beagan nithe a thoirt fa’near mu astar, meud, agus siubhal nan reult, tha mi ’cur romham mìneachadh beag a thoirt seachad “air cruinn-chorpaibh sòillseach nan speur,” ann an deich earrannaibh fa leth. Chuireadh a mach a’ cheud ceithir de na h-earrannaibh sin ann an “Cuairtear nan Gleann,” o cheann deich bliadhna fichead air ais; ach chum am mìneachadh a dheanamh cho iomlan ’s a dh’ fheudas mi, cuiridh [TD 226] mi ’n ad ionnsuidh iad anns an òrdugh a leanas:— Earrann I. Air Reultaireachd gu coitchionn. Earrann II. Air a’ Ghréin agus air Mercuri. Earrann III. Air co-shuidheachadh Bhénuis agus na Talmhainn. Earrann IV. Air caochlaidhibh na Gealaich. Earrann V. Air na reultaibh Mars, Bhesta, Iuno, Ceres, Pallas, agus Iupiter. Earrann VI. Air na reultaibh Saturn agus Urànus. Earrann VII. Air na rionnagaibh eàrbullach, Earrann VIII. Air na rionnagaibh suidhichte. Earrann IX. Air gluasad agus dlùth-tharruing nan corp-nèamhaidh, agus air na seòlaibh-mara. Earrann X. Air dùbhradh na Gréine agus na Gealaich.— EARRANN I. AIR REULTAIREACHD GU COITCHIONN. AN uair a bheachdaicheas sinn gu cùramach air cruinn-chorpaibh soillseach nan speur, a’ siubhal gu ciùin, agus gu riaghailteach os ar ceann, cha chomas duinn gun a bhi air ar lionadh le iongantas, agus gun eigheach a mach maille ri Dabhaidh, “O Iehobhaih ar Tighearna cia òirdhearc t-ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os ceann nan nèamh! ’Nuair a dh’ amhairceas mi air do nèamhaibh, obair do mheur: air a’ ghealaich, agus na reultaibh, a shuidhich thu, co è an duine gu’m fiosraicheadh tu e?” (Salm viii. 1—4.) An uair a dh’ fhosglas sinn ar sùilean air na neamhaibh, chi sinn gu cinnteach sealladh leis am bu chòir duinn a bhi umhal agus iriosal,—chì sinn ni’s leòir chum gliocas, cumhachd, agus maitheas Iehobhaih fhòillseachadh d’ar tuigse;—agus chum firinn bhriàthar an t-salmadair aideachadh, a deir, “Cuiridh na nèamhan an céill glòir Dhe, agus nochdaidh na spéuran gniomh a lamh.” (Salm xix. 4.) Tha réultaireachd ’na h-eòlas a ta air gach seòl òirdheac agus iomchuidh. Is iongantach a’ chìnnteachd, agus an eagnuidheachd leis am bheil reulta nèimh a’ gluasad ann an gorm-astar nan speur! Trìd ìnnleachd agus foghluim, innsidh na teallsanaich, roimh làimh, gach caochladh a thig air solusaibh nèimh! Innsidh iad gu pongail mu dhùbhradh na gréine agus na gealaich, ìnnsidh iad c’ uin a thig gach dùbhradh dhiubh so—cia cho mòr ’sa bhios iad—agus cia fada ’s a mhaireas iad!—Ach ged tha’m fiosrachadh so mòr, agus luachmhor, “An urrainn an duine le rannsachadh Dia fhaigheil a mach?” “Is esan a ta ’na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd àiteachaidh mar fhionnain-feòir, a ta ’sineadh a mach na nèamha mar sgàil thana, agus ’gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnuidh.” (1s. xl. 22.) Cha’n e mhàin gu’m bheil reul-eòlas feumail chum an ìnntinn a lìonadh le smuaintibh iomchuidh mu ghlòir, agus mu mhòrachd an Tighearna Dé:—ach tha e feumail do’n chinne-daoine air son nithe eug-samhla eile. Air an aobhar sin gheibhear an t-eòlais so, ann an tomhas mòr no beag am measg nan uile chinneach! Trid an eòlais so, tha daoine fòghluimte a’ faotuinn a mach caochlaidh soluis na gealaich,—riaghailtean nan seòl-mara,—cumadh agus meud na talmhainn,—agus suidheachadh agus farsuingeachd dhùchanna agus rìoghachdan an domhain! Trid an eòlais so, mar an ceudna, tha bliadhnaichean air an tomhas, agus teachd gach tràth’ agus aimsir air a chomharrachadh a mach? Trid an eòlais so, tha seòladairean a’ faotuinn a mach nan áitean anns am bheil iad air na cuantaibh mòra agus farsuing, agus a’ stiùradh an slighean gu tèaruinte do dhùchannaibh an céin! [TD 227] Mu dh’ amhairceas neach, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drillinneach os a cheann—chì e iad do gach meud, agus soilleireachd—cuid diubh beag agus fann, agus cuid eile dhiubh mòr, agus a’ deàlrachadh le solus soilleir agus seasmhach! Ach ged nach fhaicear ach mu mhile dhiubh so leis an t-sùil luim, chithear le gloineachaibh ìnnleachdach a fhuaradh a mach, mu’n cuairt de cheud mìle, uile còmhlath! Agus cha’n ’eil an àireamh mhòr so an coimeas ris an àireamh a ta air an sgaoileadh air feadh farsuingeachd na cruitheachd, ach mar eitean gaineimh air tràigh na fàirge! Tha cuid diubh anabarrach mòr—fichead, lethcheud, mìle uair mi’s mò na’n talamh air am bheil sinn’ a’ gluasad, agus is gann a gheibhear aon ’nam measg cho beag ris! Goirear le teallsanaich rionnagan suidhichte dheth gach solus a chithear anns na nèamhaibh, ach cha’n abrar so ris a’ ghréin, agus a’ ghealaich againne, no ri aireamh bheag de reultaibh agus de ghealachaibh eile, agus de rionngaibh-earbullach, a ta cuairteachadh na gréine, air an toir sinn cùnntas an déigh so. Tha na rionnagan suidhichte aig astar uamhasadh, agus do-thuigsinn air falbh uainne;—agus an uair a smuainicheas sinn air am meud, an àireamh, an nàdur, agus an astar—cha chomas dhuinn, an sin, gun smuaineaachadh air cumhachd an Ti uile-ghlòrmhoir sin “a sgeadaich na nèamha le a Spiorad.” (Iob xxv. 13.) Chum beachd a thoirt air astar nan rionnag so air falbh, ghabhadh am peileir a’s luaith’ a chaidh riamh a mach á beul gunna, ged a dh’ fhanadh e ’na dheannaibh, còrr agus muillean bliàdhna, mu’n ruigeadh e cuid dhiubh! Nach ceart a dh’ fheudas daoine a’ cheist a chur, Co a rinn na nithe mora, maiseach, agus miorbhuileach so? Co, ach an Dia sin, “a rinn an talamh le ’chumhachd,—a shocruich an saoghal le ’ghliocas,—agus le ’thuisge a sgaoil a mach na nèamha.” (Ier. x. 12.) Tha na reulta so uile air an suidheachadh, mar gu’m b’ ann, ’nan teaghlaich air leth, air feadh farsuingeachd na cruitheachd! Tha àireamh shònruichte dhiubh, aig am bheil grian doibh féin, m’a timchioll am bheil iad a’ siubhal, ann an cuairtibh eug-samhla; agus o’m bheil iad a’ faotainn soluis agus teas! Tha àireamh nan grian, ’s nan reull, a ta ’gan cuairteachadh air an dòigh so, cho mòr, a’s nach urrainn teallsanaich le’n uil’ ìnnleachdaibh, a bheag sam bith a dheanamh a mach gu cinnteach mu’n timchioll! Cosmhuil ris gach grian eile, tha a’ ghrian againne ’ga nochdadh fein anns na speuraibh, air a cuairteachadh le a reultaibh fein, ris am bheil i a’ comh-pairteachadh araon soluis agus teas! Air di a bhi fagus do làimh, an coimeas ri grianaibh eile na cruitheachd; tha sinn ’ga faicinn mòr, cruinn, agus dealrach; am feadh ’sa chi sinn na grianan eile, mar rionnagaibh beaga, drilinneach, a thaobh am mòr-astar air falbh! Ged nach d’ fhuair daoine foghluimte a bheag a mach mu thimchioll nan rionnag suidhichte, agus nan grian do-àireamh, a ta air an suidheachadh mar sheudaibh boillsgeach, anns na speuraibh os ar ceann; gidheadh, fhuair iad a mach mòran de nithibh air mhodh cinnteach, mu thimchioll na gréin’ againn fein, agus an teaghlaich bhig de na reultaibh, a ta ’g iadhadh gu siùbhlach, tosdach, mu’n cuairt di! Orra so, uime sin, bheirear a nis cunntas goirid agus cinnteach, chum ’s gu’m faicear mòrachd agus cumhachd Righ siorruidh na cruitheachd a dhealbh iad uile an toiseach. Fhuaradh a mach gu’m bheil seachd mhòr agus ceithir bheaga de reultaibh seacharanach, a’ siubhal timchioll na gréine, ann an cuairtibh air leth, agus gu’m bheil gealaichean aig còig de na reultaibh so, a ta ’gan cuairteachadh, ceart mar a tha iad fein a’ cuairteachadh na gréine! Tha gach aon de na cearcallaibh mora so, anns am bheil na reultan a’ siubhal, aig caochladh astair air falbh o’n ghréin; uime sin, tha a’ [TD 228] ghrian air a suidheachadh ann am meadhon a teaghlaich, Cruinn mar lan sgiath chruaidh nan triath, far am bheil i a’ tilgeadh a mach a gathanna-soluis, air gach aon fa leth d’a reultaibh, agus ’gan ath-nuadhachadh gach là le maise, agus soilleireachd! Tha na reultan air an ainmeachadh mar a leanas, agus anns an òrdugh anns am bheil iad aig astar o’n ghréin: MERCURI, BHENUS, AN TALAMH, MARS, BHESTA, IUNO, CERES, PALLAS, IUPITER, SATURN agus URANUS. Bheirear cunntas orra so fa leth, ann an earrannaibh eile an déigh so. SGIATHANACH. SEACHDUINN AN CINN-A’-GHIUTHSAICH. FHIR MO CHRIDHE, ’S i mo bheachd gu’n robh ’ur luchd-leughaidh a’ sìneadh air smaoineachadh nach cuirinn-se ’n còrr trioblaid orra, le mo chuid feala-dhà, air duilleagaibh A’ GHAIDHEIL. Ma bha, chi iad a nise nach robh an cuid faidhidearachd cho fìrinneach ’s a bha iad an duil. ’N uair a sgrìobh mi “CEUM NO DHA O’N CHAGAILT” ’s an t-seathamh àireamh de ’N GHAIDHEAL, gheall mi gun innsinn aig àm eile cho math ’s a thaitinn Cinn-a’-ghiùthsaich rium, ’s air an aobhar sin ni mi dichioll air focal no dhà ’chur ri chéile, agus mar a thuirt an ceard “mar a dian mi spain, millidh mi adharc.” Ma’s math mo chuimhne, dh-innis mi ann an “Ceum no dha o’n Chagailt” gur h-ann ’g am chluith féin a bha mi ’n Cinn-a’-ghiùthsaich, oir cha d’ rinn mi ni ach falbh á Inbhir-nis mar rinn an “Rùnasdach” á Glaschu. Tha mi ’faicinn gu’n do dh-ionnsaich esan a’ bhuidseachd air a chuairt, ach mise, cha chuala mi guth mu bhuidsichean no mu shithichean (an Nì math gu’n robh ’g ar gleidheadh) am fad ’s a bha mi ’m Baideanach. ’Si cailleach an Lagain, a’ bhan-bhuidseach mu dheireadh air an d’fhuair mi iomradh ’san dùthaich; agus air son sithichean, cha’n ’eil duine am Bàideanach a chunnaic a h-aon diubh riamh: ma tha, cha chuala mise mu dhéighinn. Theagamh gu’m bheil feadhainn de’r luchd-leughaidh-se nach cuala an sgeula mu bhean an Lagain, agus air an aobhar sin, their mi focal no dhà mu’n uilebiast. Ma tha gach sgiala fior ’s i ’chuir as an rathad Iain Garbh Mac-’Ille-Challuim Ràrsaidh; ach air an latha ’rinn i sin fhuair ise acaid a’s galair a bàis. Air d’i pilleadh an deigh “Iain Garbh” a bhàthadh, thug i am monadh oirre agus a steach gu’n deach i do bhothan anns an robh fear deth ’cuid nàbuidhean a’ gabhail tàmh. Bhiodh an duine seo gu math tric a’ sealg agus na’m biodh stoirm ann (mar a thachair gun robh air an là ud) bu chleachdach leis ’anail a leigeil; agus ma-dh-fhaoidte, an oidhche ’chuir seachad anns a’ bhothan a dh-ainmich mi. Air an là seo bha e staigh ’s an deagh ghealbhan air a bhial-thaobh, a’s e ’g a thiormachadh ’s ’ga ghaireadh féin. Sùil ’g an d’ thug e air an dorus ciod e chunnaic e ach cat peallach, odhar, agus gur gann a bha e ’leantuinn a chéile leis a’ bhochduinn. Bha dà chù aig an t-sealgair, a’s leum iad air a’ bhéisd cho luath ’s a thàinig e gus an dorus. Cha bu luaithe ’leum na coin air na thug e ràn as agus aig an àm cheudna dh-iarr e air an t-sealgair tròcair a dheanamh air. Ghabh an sealgair mòr ioghnadh air do ’n chat labhairt ris; agus a chum ’s gu ’m faiceadh e ciod ’n seòrsa beathaich a bh’ aige chaisg e na coin; ’s an uair a chaisg cha ’n fhac e ach an cat mar a bha e ’n toiseach. “Thig gus an teine ’s dean do ghaireadh” deir an sealgair. “Cha d’ thig” ars’ an cat, “oir tha eagal orm gu’n geàrr do chuid chon mi.” Thug an cat an seo ròineag fhada do’n t-sealgair, ag iarraidh air aig an àm cheudna na coin a cheangal leatha ris a mhaide-cheangail. Chuir an sealgair an ròineag mu’n mhaide-cheangail, agus leag e air [TD 229] ris a’ chat gu’n do chuir e air na coin i mar an ceudna. An seo thàinig an cat thun an teine; agus cha bu luaithe ’tháinig na shìn e air fàs mòr. Thug an sealgair an aire do seo, agus ars’ esan, “droch shiubhal ort a bhiast leibeideach, ’s tu tha ’fàs mòr;” a’s ann am prioba na sùla bha ’n cat cho mòr ri mialchu; agus an ath shealladh chruth-atharraich a’ bhiast e-féin ’s co bh’ aige ach té deth ’bhan-nàbuidhean ris an canta gu coitchionn “Bean an Lagain,” agus air an robh e cho eòlach ’s a bha ’n liagh air a’ phoit. “A shealgair nam beann” deir ise, “thàinig crioch do làithean-sa. ’S fhada le b’ fhuathach leat mi-féin ’s mo sheòrs’, ach a nise gheibh sinn buaidh.” Leum i air, ’s rinn i greim air a sgornan; ach cha bu luaithe ’leum na ’leum na coin oirre-se; “teannaich a’s tachd a roineag” ars’ ise—’s i ’n dùil gu’n robh an roineag mu abhaichean nan con—’s cha bu luaithe ’thuirt, na ’gheàrr an roineag am maide-ceangail. Bha na coin an sàs innte, ’g a caobadh ’s ga reubadh, ach mu dheireadh fhuair i uapa, ’s am prioba na sùla dh-fhalbh i air iteig ’an cruth fithich. Gu sgeula goirid a dheanamh dhuibh, fhuair i bàs an oidhche sin. Thachair do dhithis choisichean a bhi, aig a’ cheart àm, a tighinn seach a’ Monadh-liath eadar Srath-eire ’s Bàideanach; ’s ciod a chunnaic iad ach boireannach ’n a ruith ’s ’n a teann ruith, a’ tighinn ’n an coinneamh, agus chaidh i seachad orra gun aon fhocal a ràdh. Cha deach iad fad air an aghaidh an uair a choinnich dà chù dhubh iad ’n an teann ruith air lorg a’ bhoireannaich. Goirid an dèigh seo, choinnich duine dubh iad, a’ marcachd air each dubh. Stad am marcaiche dubh a’s dh-fheòraich e am faca iad am boireannach ’s na coin ’n a déigh. Thuirt gu’m fac’. “Saoil sibh am beir iad oirre mu’n ruig i ’n cladh?” Thuirt na fir nach biodh iad fada ’n a déigh co-dhiù; ’s an sin dh-fhalbh am marcaiche. Cha b’ fhada gus gu’n d’ rug e orra tighinn air ais agus am boireannach seachad air a bhial-thaobh air an diallaid—an dara cù an slaoda ri ’sliasaid air taobh clìth an eich, agus an cù eile an slaoda ri ’cioch air a thaobh deas. ’S an dol seachad thuirt fear de na coisichean “Rug thu oirre.” “Rug” ars’ am marcaiche “direach aig dorus a’ Chlaidh.”—Thàinig na fir do Bhàideanach a’s dh-innis iad mar thachair doibh air an t-slighe; is bu mhuladach e, oir cha ’n ’eil teagamh nach e spiorad cailleach an Lagain a chunnaic iad a’ ruith thun a’ chlaidh (oir b’ àite seunta e) agus am Fear-millidh air a tòir. Latha de na làithibh, ’s mi air mo chuairt, co ’choinnich mi ach Dòmhnull-Phàil, am bàrd, duine cho aoigheil ’s cho toilichte ’s a chur cas am bròig. Labhair bathais-gun-nàire ris a cheart co tapaidh agus ged a b’ eòl domh e o ghlùn mo mhàthar; ’s mo labhair, cha b’e freagairt gruamach a fhuair mi. Shìn sinn air bruithinn mu ’N GHAIDHEAL agus faodaidh sibh a bhi cinnteach nach ann ’g a chàineadh. “An cuala tu riamh an rann seo?” ars’ esan:— “Tha Ghàilig air a sgiathaibh ’S tha ’srian aice ’n a beul; ’S sean i, ’s cha do liath i ’S i riamh ann o linn Eubh— ’S mar fhir-eun anns na nialaibh, Os cionn gach ian ’s na speir!” Cha ’n ’eil fada le chunnaic mi litir ’s A’ GHAIDHEAL mu dheighinn òran a rinn Dòmhnull còir. Cha’n urrainn mìse ’thuigsinn co e ’n “Callum” a sgrìobh an litir ud; ach gun teagamh sam bith, tha fios agaibh-se. Cha ’n fhaca mise duine an Cinn-a’-ghiùthsaich de ’n ainm ach aon ionragan a bha gu math tric air an t-sràid, agus ma’s math mo chuimhne ’s e “Callum Post” a chuala mi iad ag radh ris; a’s mheall mo bharail mi, ma ’s e esan a sgrìobh do ’r n-ionnsuidh. Air cuairt eile air an robh mi fhuair mi iomradh air bàrd eile an Cinn- [TD 230] ’a-ghiùthsaich. Ged bha mi eòlach air bàrdachd Dhòmhnuill Phàil o m’ òige, cha chuala mi guth riabh mu Dhòmhnull a’ Chnuic (oir ’s e sin ainm coitchionn an fhir eile). Gu’n fhios nach ’eil luchd-leughaidh A’ GHAIDHEIL cho aineolach air subhailcean an duine seo ’s a bha mi-féin mu’n deach mi do dh-àrd bhaile Bhàideanach, bheir mi dhiubh na rainn a leanas. Bha iad air an labhairt leis féin, air dha éiridh a dh-òl deoch-slàinte nighinn Thighearna Chluainidh, air dhi Caiptean Fitzroy a phòsadh, “’Si seo deoch-slàinte ’chupuill òig A phòs ’an Caisteil Chluainidh; ’S a dh-fhalbh Diar-daoin le aoibhneas as, ’S an staoidhle mar bu dual doibh.— Bi’dh sinne ’guidhe sòlais dhoibh ’S a ’g òl le làn na cuaiche— ’Saogh’l buan as mòr thoil-inntinn dhoibh ’S iad cinntinn mar an luachair. ’N uair ’thàinig beul na h-oidhche Bha aoibhneas a’ measg uaislean, Bha aoibhneas ann am Bàideanach, ’S gach àite ’n cualas luaidh air. Bha ’n tìr gu lèir a’ soillseachadh Mar dhaoimeanan mu’n cuairt duinn, ’S mar mheadhon là bha ’n oidhche Le tein’-aoibhnis air gach guallainn. Bha Còirneal Bhailebhilleadh ann Nach tilleadh le ’chuid armachd— Bha còrr a’s coig eich fhichead aige ’Tarruing giuthas sgealbta— Sid ’s cliù air fear Pairc an t-Cheipeil ’S gun cheist cha ’n fhacas cearb air: ’S gur mòr an cliù tha ’m Bàideanach, ’S gach àit an cualas ainm air. * * * * * * Ach ’s i ar guidhe ’n trà seo, ’S gu bràth do’n chàraid uasail, An t-àrd Rìgh ’bhi ’n a gheard orra ’S gach àit’ an dian iad gluasad, ’S iad leantuinn lorg an sinnsearachd, ’S gu cinnteach bi’dh iad buadhach, ’S ar duil gu’n till iad sàbhailte ’Chur fàilt’ air Tighearna Chluainidh. Air dhomh pilltinn do’n taigh ’s an robh mi ’tamh, shìn mi air bruithinn ri mo charaid (fear-an-taighe) mu gach ni a bha mi ’faicinn ’sa cluinntinn gus mu dheireadh a thionndain ar conaltradh mu na báird. “Sin am pac,” ars’ esan, “a tha fàs lionmhor, na bàird, no gu h-àraid luchd-millidh nan dàn. Cha ’n ’eil duine, ma gheobh e bliadhna no dha ’s a’ sgoil nach sìn air toirt a chreidsinn air féin ’s air càch, gur bàrd e. Chuala mi iomradh air piobaire leis am bu chleachdach a bhi aig gach pòsadh a’s banais ’s an dùthaich an laithibh ’òige; agus mar sin a’ tional mòran airgeid. Ach air dha ’bhi tighinn gu aois shìn feadhainn eile air a’ cheard, agus cha robh an sean phiobaire ’faighinn cuireadh gu aon bhanais anns an fhichead a bha e cleachdadh ’s na ‘làithibh a dh-aom’. Latha de na làithibh choinnich duine eil ris, a shìn air bruithinn mu na piobairean òga mu’n cuairt; ‘O droch shiubhal orra’ ars’ an sean fhear, ‘Cha’n fhaigh thu clach a thilgeas tu air cù ach piobaire;’ ach a nise na bàird; cha’n fhaigh thu clach a thilgeas tu air cù ach bàrd.” “’S am bheil sibh a’ smuaineachadh” deir mise, “nach ’eil bàrd idir ri fhaighinn an diugh?” “Cha ’n ’eil” ars’ esan “’S mì nach ’eil; ach ged a gheobhar beagan cruinneachd a’ measg ar luchd eallaidh tha ’m moll ro phailt. Na smuainich idir gur bàrdachd rann no dhà a chur an altaibh a cheile (gu tric gle chearbach) gun aon smuaintean ’n am measg nach cuala sinn o làithibh ar n-òige. Tha ’n fheadhainn a tha ’ceangal an cuid rainn gun bhrìgh ri seann fhuinn blasd-mhòr Ghaidhealach an dùil gu’n cùm iad an cuid féin spleadhachais an cuimhne air a’ mhodh sin; ach tha iad gu tric a’ call an cùrsa, agus an cuid ranntachd a dol air an t-slighe air an robh i cho toilltinneach—eadhon slighe na di-chuimhne. Agus thoir a’ chluas de mo chlaigionn-sa ma bhios iomradh aig an àl a tha ’g éiridh suas air aon anns an fhichead de na sgaomairean a tha nise ’gabhail orra ’bhi ’nam bàird. Ach togamaid diubh. Ciod i do bheachd de Bhàideanach?” Dh-innis mi dha mo bheachd de Bhàideanach; agus A GHAIDHEIL, [TD 231] chomhairlichinn duibh-se cuairt a thoirt troimhe; oir ’s e fìor àite Gàidhealach a th’ann. Ann an cuid de dh-àitibh de’n Ghàidhealtachd innsidh iad dhuibh le spalpadh pròise nach leugh iad a’ Ghàilig (ge nàir e ri ’chluinntinn) ach am Bàideanach ma tha neach idir ann nach leugh cànain bhlasdmhor Fhinn a’s Oisein ’s ann le athadh, a’s ruthadh nàire ’n a aghaidh a dh-aidicheas se e. Dh’ aindeoin gach àite ’s an robh mi cha do thachair mi ri boireannaich a bha cho ealanta air leughadh na Gàilig ris na Ban-Bhàideanaich. Tha iad cho eòlach air A’ CHUAIRTEAR ’s a tha iad air abhainn Spé; agus ’s i mo bheachd gu’m faigh AN GAIDHEAL deadh aoigheachd ’na measg. Ach tha mi ’n déigh cus a sgrìobhadh mar tha, agus ged bu mhiannach leam mòran a chantuinn fathast, ’s éigin domh sgur; agus tha mi ’n dòchas gun cur sibh seo ’s a’ chiad GHAIDHEAL, oir “Cha-n-eil mise ’g innseadh bhreug; Tha mi fior ’s n a h-uile car; Cha-n-eil mearachd ’na mo sgiala; Tha gach smiach a thuirt mi ceart, ’S i ’n fhìrinn i, hò ill ù o, ’G a h-ìnnseadh dhuibh hù ill ò; ’S co-dhúnaidh mi hò ill ù o, Le dùrachd dhuibh hù ill ò.” CUAIRTEAR. CALLUM A’ GHLINNE. EARRAN III. Air do Challum an sgoil fhàgail, chaidh ’fhasdadh ri ’shean’air car leth-bhliadhna gu bhi ’buachailleachd spréidhe ann am braighe a’ ghlinne. Bha a shean’air ’n a dhuine comharraichte ’na latha agus ’n a inbhe féin. Cha b’aithne dha riamh leughadh no sgriobhadh ach bha e anabarrach geur, soilleir ’n a thuigse agus ’n a bhreithneachadh. Bha e ’n a fhear-gnothuich tapuidh, sgilear, curamach, onorach. Ann an reic agus ceannach theirte gun robh e daonnan fortanach; ach cha robh ni air bith de dhiomaireachd no de thuiteamas ’n a fhortan, ach a thàlantan nàdurra fhein a bhi gu bunailteach air an cleachdadh agus air an riaghladh le onoir, le cùram, agus le adhartachd. Tha e duilich a ràdh, cia mar a ràinig e air na bh’ aige de “speur-eolas”—cia mar a b’ aithne dha tràithean na gealaiche o mhìos gu mìos, agus a bhuaidh a bha aig àm tìghinn a staigh agus aig dol a mach nan ceithreamhan air an t-side agus air na siontan. B’ iad cùrsa na gréine ’s an latha, agus nan rionnag ’san oidhche, a b’ uaireadair dha. Chomharraicheadh e mach àireamh nach bu bheag de na rionnagaibh suidhichte agus de na rionngaibh gluasadach, agus an cuairt-shiubhal fa leth troimh chopan na h-iarmailt. Bha barrachd creideis aig a luchd eòlais ’na fhaisneachd-sìde na ’bh’ aca ann am “Miosachan Bhaile cliath.” Le bhi ’toirt geur aire do an t-side ré dà là dheug na Nollaige—’se sin dusan latha roimh latha Nollaig—dh’innseadh e ciod an gne sìde a bhiodh a buadhachadh ré gach mìos de’n ath bhliadhna—oir na ’m biodh a cheud latha de ’n dà-là-dheug stoirmeil no air chaochladh, bhiodh a cheud mhios de ’n bhliadhna mar sin mar an ceudna; agus mar sin air adhart o mhios gu mios. Air an oidhche mu dheireadh de ’n bhliadhna, le bhi toirt fainear an airde o ’m biodh a’ ghaoth a’ seideadh, dh’ innseadh e ciod an gne toraidh no tacar airson am biodh an ath bhliadhna comharraichte, agus ciod a bu bhiuthas do ’n bhliadhna anns a’ choitchionn, agus, sin a reir na seann riaghailt a leanas:— Gaoth o’n deas, teas a’s toradh; Gaoth o’n iar, iasg a’s bainne; Gaoth o’n ear, meas air chrannaibh; Gaoth o’n tuath, fuachd a’s feannadh. Bha aige mar an ceudna, air a mheoghair, aireamh do-chreidsinn de shean-fhocail thaghta anns an robh moran de ghliocas agus de fheallsanachd ro fhallain air am filleadh a staigh. Bhiodh e gu tric ’gan aithris do Challum, mar chaitheamh aimsir ann ’s na feasgair— [TD 232] agus a’ cur deuchainn air a thuigse agus air a bhreithneachadh le bhi a cur cheisdean ris, a thaobh nam firinnean air an robh iad a’ cur soluis. Faodaidh ar luchd leughaidh a thuigsinn o’n eiseimpleir a leanas, an deagh oileineachadh a bha Callum a’ faotainn o’ shean’air aig an àm ud. “A laochain, ciod a shaoileas tu a bha an duine glic o shean a’ ciallachadh leis a’ chomhairle a thug e d’a mhac air dha ’bhi togail air a dh’ iarruidh ceile—‘A mhic mo chuim! ciod air bith a dh’eireas dhuit, feuch gum faigh thu d’eun, á neid ghlain; seachainn Ceòlag ’us Cinneadag agus Iolach-an-coill’.” An àite ’bhi freagairt nan ceisdean, ’se bu roghnaiche le Callum a bhi ’n a thosd, gu bhi toirt cothrom do ’n cheisdear e-féin a bhi ’ga mìneachadh, ni a dheanadh e air an doigh so—“Eun á neid ghlain”—faodaidh an t-eun a bhi glan, ged robh an nead salach,—faodaidh nighean mhaith tighinn o dhroch mhathair, agus mac onorach deagh-bheusach o athair bradach, breugach; ach ged a dh’ fhaodas, leanaidh mìchliù nam parantan air a’ chloinn cho math ri an aingidheachd. Seachainn “Ceolag.” Ma chi thusa te a bhios a sior-sheinn o mhoch gu anmoch, ach ’fhad ’sa bhios i ’n a cadal, gabh sin mar chomharradh air eanchain fhalamh—air intinn eu-domhain,—agus air lamhan neo-adhartach. “Cinneadag”—sin agad te a bhios an còmhnuidh a’ deanamh uaill as a dàimh ri uaislean ard-inbheach na tire—ma-dh’ fhaodte ris an “uaisle bhochd gun chas gun lamh” nach cuir salann air a’ chal dhi fhein no do mhuinntir eile. “Iolach-an-coill”—sin agad te a chluinnear far nach faicear i, agus do nach comas a lochdan fein no faillinean muinntir eile a chleth, ciod air bith a thig ’n a lorg—te aig am bi a cheud fhacail ’sam facal mu dheireadh de ’n chonaltradh anns gach aite an suidh no ’n seas i.—Mar so bha Callum air dheagh oileineachadh gach feasgar ann an gliocas agus ann am feallsanachd nan seanachaidhean; oir cha’n eil teagamh nach ann a nuas uathasan troi bheul-aithris nan ginealach a thainig a chuid ’bu mhò agus a b’ fhearr de na sean-fhocail gheur, shoilleir, bhrighmhor, a bha cho pailt ’am measg nan seann Ghaidheal; agus cha’n eil e idir coltach, gum be daoine aineolach neo-fhogluimte a b’ ughdairean dhoibh. Ni mo am bheil e coltach, gu’m faigheadh daoine aineolach aithne air a’ bhuaidh a tha aig fàs agus earradhubh na gealaich air fiodh, air luighibh agus air ainmhidhibh ann an amaibh araid de ’n bliadhna—gu’m bheil am fiodh a chinneas air an duathair ni’s cruaidhe agus ni’s fallaine na ’m fiodh de n t-seòrsa cheudna a chinneas air an deisear, agus mar an ceudna gu’m mair agus gu’n seas am fiodh a ghearrar bharr a bhuinn ’s an earradhubh ni’s fearr na ’m fiodh a ghearrar ’s an fhàs—agus ioma ni eile a tha ach beag a’ dearbhadh gu’n robh uair eigin ’am measg nan seann Ghaidheal, daoine araid aig an robh ard-eolas air diomhaireachd laghanna Naduir. Eadar teagasg agus conaltradh a shean’air agus tosdachd chianail nan raon air an robh Callum a’ cur seachad nan laithean fada grianach ’n a aonar, far an robh cothrom aig ’inntin rannsachail a bhi ’breithneachadh air oirdhearcas iongantach ioma-ghneitheach obair Naduir, thill e dhachaidh aig ceann na leth-bhliadhna a’ saoilsinn gu’n robh barrachd de fhior fhoghlum air a chosnadh leis rè na h-uine ud, na ’choisinn e rè an iomlan de ’n uine a bha e fo oideachas Eachainn sgoileir ann an sgoil na sgireachd, agus le dian iarrtas dealasach an deigh air foghlum nach d’ fhairich e riamh roimhe. Thuit e ’nis ann an gaol air foghlum agus air fiosrachadh a bha gu mor ni bu teotha agus a bu mhaireannaiche na ’n gaol a thug e do ’n bhan-cheaird; ach b’i a cheisd cia mar a gheibheadh e ruigheachd air, oir fhuair e cheana na b’ urrainn Eachan sgoileir a theagasg dha. Rùnaich ’athair a chur do ard-sgoil ann ’sa’ bhaile-mhargaidh a b’ fhaisge; ach cha robh e ’san dàn gun tachradh e. ’Nuair a bha Callum mu [TD 233] cheithir bliadhna deug a dh’ aois, leagadh sios athair le tinneas o nach d’ eirich e, agus cha b’ fhada gus an robh a mhathair ’n a bantraich—nì a thug caochladh air suidheachad agus air crannchur an teaghlaich. Smuainich Callum na ’m biodh e ’n a fhear ceairde, gu’m faodadh e ri h-uine, le dichioll, le cùram agus le adhartachd ruigheachd aig a chuid ’bu lugha, air tomhas de ’n ard-fhoghlum air an robh e an geall cho mor. Bu tric a chuala e iomradh air òganaich ghleusda, dheanadach, de a luchd duthcha a dh’ oileinich iad fein le toradh an cosnaidh anns a’ Ghalldachd, gu bhi ’n am ministeirean agus na ’n lighichean; cha robh mòr thlachd aige ’san àm ud de aon seach aon de na gairmibh ud; cha tugadh e moran air na dreuchdan ud fa leth, na ’n coisneadh e an t-ard-fhoghlum a bha feumail gu bhi ’ga uidheamachadh air an son; bha barrachd deigh aig air fòghlum air a sgàth fhein na air a bhuanachd a dh’fhaodadh tighinn ’n a lorg. Mar mheadhoin fa chomhair na criche a chuir e ri a shuil, cheangail se e-fein mar fhoghlumach ri fear ceairde ann an clachan na sgireachd. Leag e inntinn gu dùrachdach air a cheard, re na h-uìne ’bha aige ri sheirbhiseachadh; aig an àm cheudna, bha e ’togail foghlum litireachail mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e le leughadh agus le meorachadh. ’Nuair a thainig a mhuinntireas gu crich, ged ’bu chruaidh leis a mhathair agus a dhuthaich fhagail, bha e gu mòr air a thaladh ris a’ Ghalldachd. Mu’n àm ud, bha i ’n a barail chumanta anns an sgireachd nach robh fear no te a rachadh do Ghlaschu airson cosnaidh, nach faodadh, na ’m biodh iad cùramach, fortan a dheanamh ann am beagan bhliadhnachan. Dh’ fhag Mairi Alasdair an duthaich ’n a caileig luideich, shlaodaich, neosgiobalta le brogan èille ’s le gùn drògaid agus a falt mu ’cluasan, ’us gun smid ’bheurla ’n a ceann; cha robh i ach mu leth dusan bliadhna anns a’ Ghalldach ’n uair a thill i dhachaidh cho riomhach loinneil ri ban-tighearna, le a boineidean iteach ribineach, le ’deiseachan sioda, le a botainnean tana bioroch lainnireach ard-shaileach, agus, na ’m faodte a mathair a chreidsinn, le dorlach de ’n òr ’na sporan a bharr’ air na bha mu’ muineal agus ’na cluasibh dheth. An deigh do Ruairidh Eoghain an tàilleireachd ionnsachadh o ’athair, thug e Glaschu air; aig ceann bliadhna no dha, thug e cuairt air ais a dh’ fhaicinn a chairdean, le a dheiseachan briagha de thaghadh nan clò Sasunnach, le ’bhata cuilc agus ceann airgid air ’n a laimh, agus sgailean sioda fo ’achlais, le uaireadair airgid air slabhruidh òir, le ’fhaineachaibh agus le ’sheudaibh cosdail—co a theireadh nach be latha an àigh dhasan, an latha a dh’ fhag e a dhuthaich. Rinn cuairt Ruairidh a leithid de fharum ’s an sgireachd ’s gun robh Donncha nan oran air a ghluasad gu bhi luaidh a chliu ann an ranntachd dheth nach eil air ar cuimhne aig an àm ach an rann a leanas— “Ged a chaidh do phàrantan, Arach air an Leth’r Mhuileach, Cha ’n ith thu buntàta, Cha ’n aill leat ach aran cruinneachd.” Cho luath ’s a dh’ fhag Domhnull, mac Lachainn an Tuim, an sgoil, chaidh e do Ghlaschu. Bha e ’na dheagh sgoileir, a’s fhuair e a bhi ’n a ghille-bùthainn, agus o cheum gu ceum chuir e suas buth mhor eireachdail air a laimh fhéin. Ri h-ùine, chaidh a mhathair g’a fhaicinn. An deigh dhi tilleadh dhachaidh, co a thainig ’san rathad ach “Cailleach nan uibhean,” gu bhi ’faotainn naigheachdan Ghlaschu. Aig deireadh a chonaltraidh, dh’ fheòraich i cia mar a bha Domhnull—“Is cinnteach” ars’ ise, “gum bheil e ’nis ’n a dhuine mor, beartach.” “Tha gun teagamh,” arsa ’mhathair,—“tha pailteas agus urram aige—chan eil fios agam an creid thu mi, ach tha Domhnull ’n a Sheanaileir!” “A Sheonaid! a Sheonaid! tog dheth do bhòilich, co a chreideadh e?” “Mata, [TD 234] mur creid thu mise; an ath uair a theid thu fein do Ghlaschu, rach a sios Margadh an t-sallain agus chi thu ’ainm agus a shloinneadh ann an litrichibh òir os ceann ard-dhorus a bhuth—“Donald MacKinnon General Grocer”—Tha Domhnull na Sheanaileir air na Grocairean cho cinnteach ’sa tha mise ’ga innseadh dhuit,” (Ri leantuinn.) MUILEACH. NA SITHICHEAN. Re mòran ùine, bha’n amaideachd a b’ fhaoine air a creidsinn, feadh Galldachd agus Gaidhealtachd, mu thimchioll nan daoine Sìthe. Do réir na h-eachdraidh thàinig a nuas d’ar n-ionnsuidh, anns na sgeulachdaibh spleadhach a bha air an aithris umpa air feadh na dùthcha, bha iad nan creutairibh neo-shaoghalta, guanach, eutrom, do-léirsinn do shùilibh dhaoine, ach ’n uair bu toil leo féin e, a’ sìor ghluasad air an ais agus air an aghaidh, a làthair anns gach cuideachd, agus a mach air gach cò’-dhail. Bha aca so, ma b’fhìor, an còmhnuidh ann an uamhaibh fada fo thalamh, ann an uaigneas ghleann, agus fo gach tolman uaine. Chuireadh as an leith, gu’n robh iad a’ sealbhachadh àrd-shubhachas ’nan tallachaibh rìomhach fo thalamh; gu’n robh aca cuirm shuilbhearra air àmaibh àraidh, le ceòl bu bhinne na aon ni chualas air thalamh; agus gun robh am maighdeanan ni b’aillidh’ na uile òighean an t-saoghail so, iad do ghnàth ri aighear agus ri dannsa, gun sgìos gun airsneul; ach ’na dhéigh so gu léir, gu’n robh sìor-fharmad aca ri muinntir an t-saoghail so: a h-uile togradh aca gu brìgh gach sòlais a dheothal uatha, agus domblas a thilgeadh anns gach deoch a bu mhìlse. Anns na linnibh dorcha chaidh seachad, bha gach bàs obann, gach sgiorradh, agus dosguinn, air a chur as an leith; goid naoidheana, agus gnàthachadh ioma druidheachd, nach fiach aithris. Mar bha anns gach dùthaich san àm sin daoine cuilbheartach seòlta, a bha mealladh na muinntir shocharach le ’n gisreagaibh faoine, ’sann, ma b’ fhìor, o’n leannanaibh sìth a thàrmaich iad an t-eòlas a bha iad a’ gabhail os làimh a bhi aca. Ged a chaidh an saobh-chràbhadh so, agus iomadh amaideachd eile de’ n t-seòrsa so air chùl, ann an tomhas mòr feadh na Gaidhealtachd, agus ged a tha ’n t-iarmad de na tha làthair a’ teicheadh roimh ghathan dealrach an t-Soisgeil, mar a sgaoileas ceò na h-oidhche roimh éirigh na gréine, is iomchuidh an ni, gu ’m biodh fios aig daoinibh cionnus a thòisich an fhaoineachd amaideach sin. Chìthear so ann an eachdraidh na dùthcha. O chionn da-cheud-deug bliadhna agus còrr, chaidh creidimh nan Druidh a thilgeadh gu tur bun os ceann. Bha geur-leanmhuinn ghuineach air a dheanamh orrasan a ghnàthaich e. Bha iad air am fògradh o ionadaibh còmhnuidh dhaoine; agus air an co-éigneachadh gu tèaruinteachd iarraidh ann an glinn uaigneach, agus ann an uamhaibh ùdluidh nan creag, far am faigheadh iad an creidimh a ghnàthachadh, gu foighidneach ann an dòchas gu’m faigheadh iad saorsa uair no uair-eigin o’n chruaidh-chàs o’n robh iad a’ fulang. Bha na Lochlannaich ’san àm sin, ag aideachadh creidimh nan Druidh, agus fhuair mòran de na chaidh fhògradh as an dùthaich so dìon agus fasgadh uatha. Bhrosnuich iad so na Lochlannaich gu éiridh as an leith; agus tha eachdraidh na dùthcha ’g innseadh dhuinn, gur iomad oidheirp a thug iad, linn an déigh linn, aicheamhail a thoirt a mach as an leith. ’S ann ’n an aobhar-san a thàinig iad ’n an cabhluichibh a thoirt sgrios le teine agus claidheamh air gach àite ’san robh eaglaisean an t-Soisgeil no tighean Mhanach air an suidheachadh. Fad na linn sin, bha mòran de na sagartaibh Druidhneach san tìr so, aig an robh còmhnuidh, mar chaidh a [TD 235] ràdh, anns gach doire, agus anns gach fàsach uaigneach. Chum an àireamh a chumail suas bu ghnàth leò mnathan agus clann a ghoid air falbh, agus gach cothrom a bha ’n an comas a ghabhail, chum an uireasbhuidh a dheanamh suas mar a b’ fhéarr a dh’ fheudadh iad. Bha iad ìnnleachdach, seòlta, am feadh ’sa bha muinntir na dùthcha aineolach, dall; thug iad, mar so, air an t-sluagh a chreidsinn gu’n robh aca fiosrachadh os ceann nàduir; agus o’n àm sin, thòisich eachdraidh nan daoine sìth. So ainm a bhuineadh gu h-àraidh do shagartaibh nan Druidh. B’e’n gnothuch-san reachdan a shocrachadh, agus sìth na dùthcha a chumail suas. Chùm iad am mòid air tulachaibh uaine, air cuirn liatha, agus air beanntaibh àrda; agus, an lorg so, tha mòran de na h-àitibh air an ainmeachadh gus an là ’n diugh, Dùn-sìth, Carn-sìth, Sìth-bhruth, agus iomad ainm eile de ’n t-seòrsa sin. An déigh do na Druidhibh so bhi air an cur fodha, smuainich daoin’ aineolach, o ’n eagal a bh’ aca rompa, gu ’n robh iad fathast air mhodh neò-shaoghalta a chòmhnuidh ’s na h-ionadaibh sin. A thaobh na cumhachd a bh’ air a chur as leth nan daoine sìth, bha e air ’ainmeachadh, druidheachd a’ dearbhadh dhuinn gur ann mar chaidh a ràdh a thòisich an eachdraidh amaideach sin. Tha e gu h-àraid air innseadh mu ’n timchioll, gu’n robh àmanna sònruichte ann, anns nach robh e sona teachd an gar d’an sìth-bhruth, gu h-àraid air oidhche Shamhnadh agus Bhealltuinn. ’S ann gun teagamh o chleachdadh nan Druidh a thàinig so a nuas; oir b’ iad so an dà chuirm mhòr aca-san: agus is dùgh dhuinn a smuaineachadh, gun oidheirpicheadh iad daoin’ a chumail air falbh an àm nan cò-dhailean sin, fhad ’sa bha iad féin a’ cleachdadh nan deas-ghnath sin. Agus o nach b’urrainn doibh sin a dheanamh as eugmhais teine ’s e so a thug a nuas a’ bharail gu bheil teine r’a fhaicinn air na sìth-bhruthaibh sin, air co-ainm nan àm sin. Mar so chithear cionus a thòisich eachdraidh nan daoine sìth, d’an robh cho liuthad aon a’ toirt creideas, gus o chionn ghoirid, ann an iomad cearna de ’n rioghachd.—Leabhar nan Cnoc. TALADH NA BEAN SHITH. Tha e air aithris o cheann iomadh linn air ais gun d’ thàinig a’ bhean shìth am beul an anmoich gu Lùchairt Mhic Leòid Dhunbheagain, ’s an Eilein Sgiathanach, agus gu’n ghabh i staigh troimh gach dorus agus seòmar gus an d’ ràinig i an t-ionad ’s an robh an t-oighre ’n a chadal, ’s e ’n a naoidhean òg. Thog i air a glùn e ’s sheinn i le guth binn leadarra an tàladh neo-chumanta ’leanas; an sin chàraich i an leanabh anns a’ chreathail far an d’ fhuair i e, agus le ’h-earradh fada uaine ’s le ’h-aogasg neo-shaoghalta, gun fhocal á ’beul, no sealladh o ’sùil, thog i mach ris an aonach a ghabhail a h-àite ’an talla a’ chiùil agus nam fleadh am measg luchd àiteachaidh nan cnoc. ’S e mo leanabh mingileiseach, maingileiseach, Bualadh nan each, glac nan lùireach, Nan each crùidheach ’s nan each snagach, Mo leanabh beag. ’S truagh nach faicinn féin do bhuaile Gu h-àrd àrd air uachdar sléibhe, Còta caol caiteanach uaine, Mu d’ dhà ghuallainn ghil a’s leine, Mo leanabh beag. ’S truagh nach faicinn féin do sheisreach, Fir na deadh mna-caoimhneil a’ tighinn dachaidh, ’S na catanaich a’ cur sìl. O mhìle bhog, o mhìle bhog, Mo bhrù a rug, mo chìoch a shluigh, Mo ghlùn a thog. M’ ultach iudhair, sultmhor, reamhar, Mo luachair bhog, M’ fheòil a’s m’ uidhean, a ni bruidhinn, Bha thu fo mo chrios an uiridh, lus an toraidh, Bidh tu ’m bliadhna gu geal guanach Air mo ghuallainn feadh a’ bhaile, Mo leanabh beag. O bhireinn o bhò, na cluinneam do leòn, O bhireinn o bhò, gu’m bioraich do shròn, O bhireinn o bhò, gu’n liath thu air chòir. [TD 236] O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Choinnich thu, O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Chuinn thu, O bhireinn o bhinn thu, sìol a’s dòch’ linn thu,— Sìol nan Leòdach nan lann ’s nan luireach,— B’e Lochlainn dùthchas do shinnsir. N. M‘L. Dun-eidin, Deireadh an Fhoghair, 1872. DOCTUIR CEITIN CECENIT AG CUR SLAN CHUM NA H-EIREANN, AGUS E SA MBREATAINN. Beannachd leat a sgrìbhinn Gu Innis aoibhinn Ealga. Truagh nach leur dhomh a beanna, Le gnàth a teanga dearga. Slàn da h-uaislean is da h-oireachd, Slàn go roibheachd da cléarcuibh; Slàn da banntrachduibh caoine, Slàn da saoithibh le h-eigse. Slàn da maghaibh mìne, Slàn fa mhìle da cnocaibh; Mo chean do ’n te ata ìnnte. Slàn da lìnntibh ’s da lochaibh. Slàn da coilltibh fa thorthuibh, Slàn da corthuibh iasgaidh; Slàn da mòintibh ’s da banntaibh, Slàn da rathuibh ’s da riasgaidh. Slàn om’ chroidhe da cranntaibh, Slàn fòs da tuarthaibh troma. Soruidh da tulchuibh aonaiche; Slàn uaim da craobhaibh croma. Ge gnàth a fòirne fraochda, An Innis naomha neamhbhochd, ’S iar tair trom (?) chladh na dìlionn, Beir a sgrìbhinn mo bheannachd. ABRACH. COMUNN GAIDHEALACH LUNNAIN. 1784. UASAIL CHEANALTA, Ma shaoileas tu gu ’m freagair seo, ’s a’ mhàileid, ’s e do làn di-beatha dha. Cha ’n ’eil ann ach sgeòd a thug mi, a chion atharrachaidh, á m’ “Bhalg-Tionail.” Na ’m biodh annas agam gheobhadh tu e; ach co-dhiù, “Is naidheachd ùr do ’n fhear nach cual e.”—Lean do bhuille—is math do thriall. Air an ochdamh latha diag de Dheireadh an Fhoghair, 1784, choinnich an comunn seo ann an Dun-eidin, an làthair mòran bhain-tighearnan agus dhaoin’-uaisle, a chur diachainn air bàird ’a air pìobairean; agus a thoirt dhuaisean dhoibhsan a b’ fhearr a thoilleadh iad. Chaidh sia diag de rogha nam pìobairean a dh’ fhiachainn a chéile, agus cead aig gach fear dhiubh a rogha puirt a chluith. An déigh do gach fear a chuairt fhéin a chluith, thugadh air fear an déigh fir dhiubh “A’ Ghlas-Mhiar” a chluith. Is e seo ceòll mòr cho briagha ’s a th’ ann, thathas am beachd. Chuireadh mu choinneamh nam bárd òran-molaidh a dheanamh do ’n Ghàilig, do ’n Phìob, agus do ’n Deise-Ghàidhealaich. Chluith na pìobairean ’s an rian a leanas: Na Puirt. Na Pìobairean. 1. Moladh-Màiri—Dòmhnull Iasgair á Braid-Albainn. 2. Cumhadh an aon Mhic—Gilleasbuig Mac Griogair á Feartaighill. 3. Pìobaireachd Dhómhnuill Duibh—Iain Mac Griogair á Gleann Lìobhunn. 4. A’ Ghlas-Mhiar—Iain Cuimeineach, pìobaire Thighearna Ghrannda. 5. Sliabh an t-Siorra—Rob Mac Aoidh á Dùthaich Mhic Aoidh. 6. Ceann na Drochaide mòire—Iain Mac Griogair á Feartaighill. 7. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Iain (òg) Mac Griogair á Feartaighill—aon bhliadhna diag a dh-aois! 8. ———Dòmhnull Guimhneach, pìobaire Shir Iain, am Peighinn-na-cubhaig. 9. Fàilt’ a’ Phrionnsa—Aonghus Ros, fear de thuathanaich Mhic an Tòisich. 10. Cumhadh an aon Mhic—Seumas Munro, pìobaire ’Chanongate. 11. Fàilt’ a’ Mharcuis—Dòmhnull Mac a’ Chanonaich, á Paisley. 12. Ceann na Drochaide Bige—Dòmhnull Ros, pìobaire Dhiuc Atholl. 13. A Cholla mo rùin—Dùghall Dùghallach á Latharna. 14. Sùghan agus Làgan—Alastair Mac Laomainn, pìobaire Mhic Laomainn. 15. Fàilte Shir Seumas—Cailean Mac-an-Aba, pìobaire Mhic-an-Aba. 16. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Donnachadh Mac na Ceàirde á Monteath. An uair a sguir na pìobairean thòisich na bàird—Donnachadh Bàn agus an Caimbeulach. Seo mar a thuirt Donnachadh Bàn ’s e ’tòiseachadh: Innsidh mi sgeul àraid duibh, Air Cànain ’us air Ceòl. [TD 237] Rogha na deas Ghàidhlig, ’S i ’s feàrr a dh’ innse sgeòil; A’ chainnt a’s lìonmhor pàirtean, ’S a’s mìlse mànran beòil; Gu freagrach deas labhrach, ’S i àrd chuiseach gu leòir, &c. An sin thug na pìobairean an t-ùrlar orra. Thaitinn iad cho math ris na h-uaislean ’s gun do chuir iad romhpa duaisean-dannsa ’thoirt seachad aig an ath choinnimh. An àm tòiseachaidh, chluith Iain Mac Artair cuairt air a’ phiob, agus cuairt eile an àm sgur. B’ esan pìobaire Comunn Gàidhealach Dhùn-eidin, agus an t-aon mu dheireadh de dh’ fhoghlumaich Mhic-Chruimein! B’ ann an earbsa ris-san, agus ri uasal eile de’n chomunn chiadna—Dòmhnull Dòmhnullach—a bha riaghladh na Coinnimh. B’ i ’chiad dhuais PÌOB-MHÒR bhannach, airgeadach, ùr, a rinneadh le fear de Chlann Donnachaidh, agus dà fhichead marg. Thugadh an duais so, ’s bu gheal an airidh oirre e, do dh’ Iain Mac Griogair á Feartaighill. Dh’ ionnsaich e ’phìobaireachd do dhà-fhichead Gàidheal; bha a cheathrar bhràithrean ’n am pìobairean; a’s b’e an athair fhéin a b’ oid’-ionnsachaidh dhaibh agus do cheithir fichead pìobaire ’us deich a bharrachd! B’e Dòmhnull Iasgair a choisinn an dara duais—duais-chùinnidh; agus thugadh an treas duais do Dhùghall Dùghallach á Latharna. Chruinnicheadh mòran airgid aig an dorus agus riaraicheadh e air na pìobairean eile a phàidheadh an costuis bho’n taigh ’us dhachaidh. ABRACH. BEANNACHADH LEANNAIN, Leis an Urramach A. STIUBHAIRT, ’AM BUN-LOCHBAR. Beannaich a Dhia mo leannan gaoil, Is àille dreach ’s as eutrom ceum, Beannaich i an tùs a h-òige, A’s dìon an òigh d’an tug mi spéis! Beannaich a dà shuil dhonn bhoidheach ’Rinn mo chridhe ’leòn air tùs, A cùl dubh, bachallach, cuachach, Dà chaol mhala ’s gruaidh mo ruin: Beannaich a h-uchd ’sa broilleach fior-gheal, Air an àille sìoda ’s sròl, A gairdean réidh ’sa caol-mheòir ealamh Air gach inneal ’s am bi ceòl, Beannaich a calpa cruinn ’s a caol, ’Siubhal eutrom gun bhi fann, Ceum nach froiseadh dealt’ arr feoirnein, Finnealt’ seolt’ air urlar danns’; ’Athair, ’Mhic, ’sa Spioraid Naoimh! An Co-Dhia ’an Aon is àirde glòir, Beannaich an rìbhinn òg ’na còm O mhullach ’cinn gu bonn a bròig! Beannaich gach deadh bheus a’s buaidh Anns an d’ fhuair i urram mòr, Bàigheil, banail, bandaidh, ciallach, Chridhe farsuinn, fialaidh còir: Ann an neochiontachd a h-òige, Ann am bòicheadas a gnùis, ’Na maighdinn, ’na mnaoi-phosd ’s na màthair, Beannaich gu bràth i ’Rìgh nan Dùl! Beannaich ar mòr ghaol d’a chéile, Dean e seasmhach, stéidhte, buan, Greas an t-àm ’s an toir i làimh dhomh, ’S an goir mi bean mo ghràidh ri m’ luaidh. ABHUINN DU’LAIS. AIR FONN:—“Coirecheathaich.” Abhainn Du’lais a’ ruith gu siùbhlach, ’S a’ cur na smùid d’i le bùireadh garg’ Lochain dhù-ghorm ’cur neart as ùr innt’, Is sruthain ùiseil ’ga dùsg’ am fearg. Le torman tùrsach feadh ghlac a’s lùban, I ’toirt dùlan do dh’uillte garbh, Feadh chlach a’s chùiltean a’s chreag gu sùrdail, Gun bhoinne cùraim, ’sa sùil ri fairg’. Tha ’m barrach dù-ghorm a’ cinntinn dlù dhuit ’S a bharr air lùbadh gu ciùin mu d’ bhruaich, A’ toirt dhuit ùmhlachd is thu mar dhrúchd dha, Gach la ’ga ùrach’ ’s ga chumail suas, Sruth a’ dúrdail a staigh troimh’ ’n uire, Gu bun nam fiúran ’g an dúsg ’n suain, Toirt culaidh úr dhoibh rinn geamhradh thòirt dhiubh, A’s fàile cùbhraidh ’cur fàilt air ’snuadh. Se ’n sealladh éibhinn ri latha gréine, Faileas chraobhan an grunnd do linn, ’Toirt fàilte spéiseil le gràdh d’a chéile An sgàil ’s na geugan le caidreamh grinn, ’S gu’n saoileadh ceudan gun tùigs’ gun reusan, Gur anns na speuraibh bha stéidh am buinn; Bric a’ leum riu le briosgadh eutrom, ’San itinn geura a’ reubadh tuinn. ’S lìonmhor seòrsa le mian bhi pòsd’ riut, Luibh a’s sòbhrach gad chòir ’s gach tom; [TD 238] Doire neòinean mu d’ bhruaich ’ga còmhdach, Is cuairteag òir mar ghlòir ’na com. Rosg dhùbhailt gu daingean dlù orra, Breac-gheal ùrar ’stu flùr gach fonn; ’S gach maduinn chiuinghil bi brat de ’n druchd orra, Is sruthain chùbhraidh a’ sùth’ fo bonn. Bi eòin an t’ sléibhe air maduinn cheitein ’N an sreath air gheugaibh a’ gleusadh teann; An òigridh g’ eisdeachd ri ceòl an teudan, An cridh’ a’ leum annta an déigh gach rann, Gu foirmeil speiseil le colg ag eiridh, ’S am borbhan féin ac’ le ’n rè ghuth fann; Claisdeachd gheur ac’ ’s an astar ’s leir dhaibh, Gun airc gun éigin na ’n éid air chrann. Ni ’n smeòrach eiridh gu barr ’na gèige, ’S an uiseag tearnaidh o’n speur ’n a deann, Le ’n caismeachd cheutach o ghrunnd an cléibhe, Is athrach sgeul aca ’bhos a’s thall; Mactalla shléibhtean ’toirt freagradh geur dhoibh, A’ ruith ’s a’ leumnaich o ghleann gu gleann Be an t’ aighear éibhnis a bhi ’g an éisdeachd Co-sheirm le chéile ’s gun deud na’n ceann. Bi choill air ghluasad le ceòl neo-thruaillidh, Fuaim a’ chanail bu luaineach ceann, Tighinn deas a’s tuath oirn feadh eas a’s bhruachan, Feadh phreas a’s uain chrainn gun ghruaim gun ghreann, Gun smal gun smuairean a’ gearradh dhuanag, ’S car mu’n cuairt ac’ gun duais gun gheall, Cha treabh ’s cha rùmh’r iad, cha chuir ’s cha bhuain iad, ’S iad soitheamh suairce na’n uaisle ghrinn. PADRUIG MAC-AN-ROTHAICH. ORAN. Comhairle ’bheirinn fhìn Air gach baitchealair ’s an tìr Gun iad bhi ’tarruing mòran tìm, Mu’n dean iad dìmeas air a’ phòig. Gaol an ainnir a dh’ fhàs ciùin, Rìbhinn ghasda nan ceum dlùth, Geug nam meangan nach gabh lùb, ’S i mo rùnsa mhaighdeann òg. Thug mi greis ’am barail fhaoin, ’An dùil nach laidheadh ormsa ’n aois; Smaoinich mi gu ’n deanainn saoir, ’S shaoileadh iad gu ’m bithinn òg. Gaol an ainnir, &c. Ged bhiodh agam cupal chiad, Crodh a’s caoirich air an t-sliabh, ’N uair ’dh’ fhàsas an fhiasag liath, Cha d’ thoir ua h-ìonagan domh pòg. Gaol an ainnir, &c. Smaoinich mi gu’n robh an t-àm Dol do ’n choill, ’s cha b’ aithreach leam, Spìon mi meangan as a bonn, Bha fiamh nan crann air bàrr gach meòir Gaol an ainnir, &c. Fhuair mi thu le toil na cléir,’ Toil do chàirdean ’s do thoil fhéin; Is thug mi gealladh dhuit da rèir, Nach deanainn eucòir ort le m’ dheòin. Gaol an ainnir, &c. D. C. OIDHCHE AIR CHEILIDH. A Ghàidheil Rùnaich, Is taitneach leam fhaicinn o àm gu àm, an oidheirp dhiongmholta tha thu a’ toirt air nithibh Gàidhealach a chumail suas mar bu chòir dhoibh a bhi; agus s i m’ ùrnuigh gu’m bidh “AN GAIDHEAL” fada beò. Tha dòchas agam gu’m bidh àireamh dheth, gach mìos, air a liubhairt leis a’ phost anns gach ceàrn de ’n dùthaich ’s am bheil Gàidheal a’ chòmhnuidh. Gun teagamh, cha bhi mòran dhiubh anns na bailtibh mòra, nach ceannaich e cho luath is a thig e mach. Tha mi ’cluinntinn mòran ’g a mholadh ’sa’ bhaile seo féin, agus is cinnteach mi, ri beagan ùine, nach bi mòran Ghàidheal idir ann as eug’ais. Gu fior, tha feum air a leithid air son na Gàidheil a bhrosnachadh gu tlachd a ghabhail air a’ Ghàilig ionnsachadh; gnothuch leis an do leag iad cadal o cheann iomadh bliadhna. Is éigin dhomh féin aideachadh nach b’ urrainn dhomh idir a’ Ghàilig a leughadh ro mhath an uair a thòisich “AN GAIDHEAL” air tighinn a mach; ach thòisich mi air a rannsachadh gach mìos, agus theid agam a nis air a leughadh gu tlachdmhor. Is taitneach leam a nis innseadh dhuit cuid de chracaireachd a thachair mu ghnothaichibh mar seo, aon oidhche a thuit dhomh a bhi air chéilidh ’an taigh Gàidheal cho fior ’s a tha ’s a’ bhaile mhòr seo air fad. Ged tha ’n duine còir gu math os ceann leth-cheud bliadhna ’dh-aois, is tric le gillean òga [TD 239] bhi taghal ’n a thaigh. Bha e féin a’s mise, air an oidhche seo, ’n ar suidhe aig an uinneig ag amharc a mach air an t-sluagh a’ bha ’dol a’s a’ tighinn air an t-sràid. Bha sinn a’ bruidhinn air “A’ GHAIDHEAL,” ’n uair a thàinig a steach do’n t-seòmar, triùir ghillean Gàidhealach, air an robh sinn le chéile gle eòlach. “Deanaibh suidhe,” arsa fear-an-taighe. “Gun teagamh,” ars’ esan, (a leantainn air a sheanachas air dhoibh suidhe) “cuiridh ‘AN GAIDHEAL’ gu gluasad sinn air fad a chum tlachd a ghabhail de ’n Ghàilig, nach robh againn oirre le chaochail esan aig an robh gràdh cho mòr dhi.” “Co esan a tha thu a’ ciallachadh?” thuirt mi féin- “Co ach ‘Caraid nan Gàidheal,’ ars’ esan. “Cha ’n eagal nach cuir,” arsa Somhairle Sgiathanach, “is tha feum air. Cha robh a’ Ghàilig riamh cho mòr air di-chuimhne ’s a tha i aig an àm seo.” “Is mòr mo bheachdsa,” thuirt Eòghan Mòr, “gu’m faic sinn gu’m bi i fathast air a labhairt, ’s air a teagasg, anns gach àit. Tha na daoine is luachmhoire ’s an rìoghachd a nis ag éiridh suas air a taobh, a chum ’s gu ’m bi i air a teagasg ’an oilleamhaid Dhun-éidin, ’an taighean-sgoile na Gàidhealtachd, ’s anns na bailtean-mòra.” “Cha d’ thig an là sin am feasd,” thuirt Seumas Bàn, “ged nach biodh ’ga dìbeart ach na Gàidheil fèin, le ’n spòrsalachd. Na dearg amadain! ’s iadsan na mortairean is miosa ta aice. Cha leag an stràic leò aideachadh gu’n urrainn dhoibh a bruidhinn, is cinnteach mi nach ’eil a’ bheurla aca ach glè shuarach ’an éisdeachd nan Gall. Bu chòir teann-ghreim a dheanamh air sgòrnan gach aon de ’n t-seòrsa seo, a’s a thoirt orra mar thug an t-Arranach air a’ bhalach bheag a shluig an t-sè-sgillinn.” “Tha thu geur a nochd, a Sheumais,” arsa Somhairle. “Chi mi gu’m bheil an deise ghoirid féin a nis co bitheanta ri fhaicinn air pearsa nan Gall, is a tha i air druim a’ Ghàidheil a bu chòir a caitheamh,” “Tha na Gaoill, da rìreadh, air ioma dòigh, a’ toirt leasan dhuinn ’bu chòir nàire mhór a chur oirnn.” “Ciod is ciall do ghnothaichean a bhi mar sin?” thuirt mi féin- “’S e is ciall dhoibh,” arsa fear-an-taighe, “di-chuimhne a thàinig air na maighistirean-sgoile Gàidhealach, a’ Ghàilig ionnsachadh do chlanna na dùthcha, ri a sgriobhadh a’s a leughadh cho math ri Beurla—di-chuimhne a thàinig air a’ chloinn sin a ris, ’s a’ bhaile mhòr, an gnothach a chàradh, le iad féin ionnsachadh innte mar bu chòir dhoibh.—di-chuimhne air an t-sean fhocal, ‘clanna nan Gàidheal ri guaillibh a’ chéile.’ ‘C’arson’ (lean an duine còir, le ’aodann a’ lasadh a suas) “c’arson nach ’eil iad a’ cruinneachadh gach geamhradh, aon oidhche ’s an t-seachduinn, agus iad féin a theagasg ’s a’ Ghàilig gu ceart. Is iomadh oidhche chridheil, shunndach, a dh-fhaodadh iad a chur seachad mar seo. Tha iad lìonmhor gu leòir, is cha bhi an costas mòr ’n am measg.” “Air m’ onair,” arsa Eòghan Mòr, “’s tu féin a tha ’tuigsinn a’ ghnothuch gu ceart. Is tric a smaointich mi air a leithid. Ma sheasas sinne gu dìleas r’a chéile, faodaidh sinn fathasd coinneachadh mar bhràithrean.” “Tha thu ceart, Eòghainn, ach chuala mi seanachas mar seo tuilleadh a’s aon uair a nis; ach co againn a chuireas a’ ni seo air aghart?” arsa Seumas Bàn. “Cha ’n ’eil e cho duilich r’a dheanadh a’s a tha thu smuaineachadh, a Sheumais,” arsa fear-an-taighe. “Tha e soilleir gu’m bheil a dhi oirnn tuilleadh na bhi a’ coinneachadh aon uair ’s a’ bhliadhna. Is éigin dhuinn gluasad chum na Gàilig ionnsachadh d’a chéile anns a’ cheud àit. Sibhse tha luath, làidir, òg, bithibh an greim gun dàil; cuiribh am fraoch r’a theine a’ meas ar luchd-dùthcha, a’s chì sibh, an ùine ghoirid, gu’m bi aig na Gàidheil anns gach baile mòr Taigh-Coinnimh dhoibh féin, le leabhar-lann Gàidhealach a’s gnothaichean mar sin.” “Air mo shon féin,” arsa Eòghan Mòr, “tha mi deas air son a leithid a chuideachadh air aghart, uair air bith, ach tha eagal orm nach gabh ar luchd dùthcha ris mar bu mhiann leam. Ciod e tha thu ag rádh, a Shomhairle?” “Tha mise ag ràdh” arsa Somhairle, “ma tha sinn air fad ’s an aon bheachd mu’n chùis, gar còir dhuinn dol ris gu grad, a’s a chuir air aghart air dòigh a bheir air gach gille Gàidhealach toil-inntinn a ghabhail ann. ’N d’ theid thu staigh le sin, a Sheumais Bhàin?” “Theid mise staigh le ni air bith de a leithid; a’s tha mi cinnteach gu’m bheil sinn air fad ’s an aon bheachd.” “Tha,” arsa Fear-an-taighe; “agus a ris, their mise, bithibh an greim gu tapaidh, na bitheadh eagal oirbh nach tiondaidh gach ni a mach gu réidh fadheòidh.” Ach gu earbull mo sgeòil. Mu’n do dheallaich sinn, chuir gach aon roimhe buille a bhualadh air son cànain ar dùthcha mu’n rachadh mòran ùine seachad. GILLE DUBH. Grianaig, 9mh Mios, 1872. [TD 240] LITIR A ONTARIO. FHIR MO CHRIDHE, Tha ’N GAIDHEAL a’ tighin d’am ionnsaidh aon uair ’s a’ mhìos, gun dàil, tarsuing air a’ chuan mhòr. Fhuair mi an seachdamh aireamh, agus tha mi ’am beachd gur h-e is taitniche dhe na chaidh a chlo-bhualadh, ged bha iad uile sàr-mhath. Ma tha ar luchd-dùthcha dìleas, théid AN GAIDHEAL air aghart o mhìos gu mìos gus am faighear e aig a h-uile cagailt Ghàidhealaich ann an Canada ìochdrach a’s uachdrach, ’s anns na h-eileanaibh céin deas a’s tuath, ’n iar, ’s an ear, a’ tabhairt sòlais a’s toilinntinn do ’r luchd-dùthcha ann an cul-chaoilltibh Chanada, a’s anns gach cearnaidh eile dhe ’n t-saoghal. Tha ’N GAIDHEAL a nis air a shuidheachadh ann am baile Ghlaschu, far am bheil mìltean dheth ar luchd-dùthcha, mòran diubh urramach na’n staid, beartach ’n am pòca, agus fòghluimichte anns na h-uile gliocas a’s innleachd a tha ri’m faotainn anns na làithibh seo. An do chaill iad an dùthchas, no an do leag iad air dì-chuimhne cainnt am màthraichean no gniomharaibh an sinnsirean? Tha fios math againn nach ’eil a’ chùis mar sin. Tha fios againn gu’m bheil iomadh Comunn Gàidhealach air a stéidheadh anns a’ bhaile, air son cainnt, eachdraidh, a’s bàrdachd an sinnsirean a chumail air chuimhne. Nach faod sinn a réisd ’bhi cinnteach gu’n cuir iad fàilt air A’ GHAIDHEAL. Ma tha fear-duthcha an Glaschu a tha air a thachdadh le cainnt an t-Sasunnaich a’s aig nach eil spéis do’n chànain a dh-ionnsaich e o ’mhàthair, crochamaid e aig crois a’ bhaile, mar eiseimiplear do na h-uile balaoch eile, eadar Maoil Chinntire agus taigh Iain Ghròt. ’S e mo rùn, anns an litir ghearr seo, cuireadh a thabhairt do mo luchd-dúthcha aig an taigh a thighinn gun dàil do Chanada, far am bheil pailteas de dh-fhearann, cosnadh aig na h-uile h-àm, a’s tuarasdail sàr-mhath, ri ’m faighinn. Na’m biodh fios aig ar luchd-dúthcha aig an taigh an deifir a tha eadar tuathanaich ann an siorramachdan Inbhirnis, Rois, a’s Earra-Ghàidheil agus an càirdean ann an Canada, cha bhitheadh gille òg, no nighean òg, no teaghlach òg, nach imricheadh air ball do’n dùthaich seo. Tha h-uile tuathanach ann an seo ’n a fhear-baile. Cha ’n ’eil màl ri phàigheadh, oir a’s leis féin am fearann a tha e ag àiteachadh. Tha aige pailteas de chrodh, de chaoraich, de dh-eich, ’s na h-uile nì eile a tha feumail dha. ’N uair a tha e ’dol bho ’n taigh cha choisich e; ach sann a tha e ’dol air muinn eich, no ann an carbad le dà each. Tha ’bhean cho rìomhach ris a’ Bhan-rígh le sioda ’s sròl bho ’bonn gu ’ceann. Tha ’n teaghlach òg a’ faotaian fòghlum ro mhath ’s na sgoilean. B’ fhearr leam a bhi ’n am uachdaran air leth cheud acair fhearainn ’s an dúthaich seo, na ’bhi ’pàigheadh trí cheud punnd de mhàl aig an taigh. Mar eil creideas aig an tuathanach anns an Taigh-Mhalairt, aig an taigh, ’an ceann na bliadhna “theid an ceòl feadh na fìdhle”—no ann an cainnt eile, cha ’n urrainn e am màl a phàigheadh, ’s feumaidh e falbh ni’s bochda na ’thàinig e. Ann an dòchas gu’n soirbhich “AN GAIDHEAL,” a réir do thoilltineis, is mi, le mòr urram, do charaid, IAIN MAC FHIONNLAIDH. Elora, Ontario, Dara Mios an Fhogharaidh, 1872. COSAMHLACHDAN. I. AM MADADH-ALLAIDH AGUS AN T-UAN. Air latha bruthainneach, teth, thuit do mhadadh-allaidh agus do uan tighinn aig an aon àm a chasgadh am pathaidh á sruthan soilleir, glan a bha a’ ruith gu bras a nuas aodann beinne. Sheas am madadh-allaidh air àite ard, agus an t-uan astar math uaith, shios an sruth. Ach air do’n mhadadh-allaidh toil a bhi aige cur a mach air an uan, dh’ fheoraich e dheth, dé bu chiall da ’bhi ’cur an uisge troimh-cheile agus ’ga fhagail cho salach nach b’ urrainn dàsan ’ol; agus aig a’ cheart am a’ tagradh diolaidh. Bha an t-uan bochd air chrith le eagal ’n uair a chual e bagraidhean a’ mhadaidh-allaidh agus thubhairt e ris, am briathraibh cho ciuin ’s a b’ urrainn da, nach robh e comasach dhàsan a bhreathnachadh ciamar a ghabhadh sin a bhith; a chionn, an t-uisge a dh’ ol e gur ann a ruith e nuas g’a ionnsuidh o’n mhadadh-allaidh, agus uime sin nach b’ urainn gun robh e air a chur troimh-cheile cho fada suas an sruth. “Bitheadh sin mar a thoilicheas e” arsa m’ madadh-allaidh, “cha ’n ’eil annad ach an sloightire, agus chaidh innseadh dhomh gun robh thu ’g am chul-chaineadh o cheann mu thuaiream leth-bhliadhna.” “Air m’ fhocal,” ars’ an t-uan, “bha an t-àm a dh’ ainmich thu m’an do rugadh mise.” An [TD 241] uair air a chunnaig am madadh-allaidh nach robh feum dha cathachadh n’ a b’ fhaide an aghaidh na firinn, chaidh e ann an corruich fhuathasach a’ donnalaich agus cobhar m’ a bheul mar gu ’m bitheadh e air a’ chuthach, “A gharraich,” ars’ esan, agus e ’tighinn n’ a bu dluithe air an uan, “mar tu féin ’s e t-athair a bh’ ann, agus is e aon chuid e.” Le sin rug e air a’ chreutair lag, neo-chiontach, bhocd agus shlaod e as a cheile na leopan e. An Comhchur. Tha an ni a tha air a chomharrachadh a mach anns a’ chosamhlachd so cho soilleir ’s nach ruigte leas a bhi meudachadh fhocal uime. An uair a tha duine droch-nadurach, an-iochdmhor, toileach aon a’s isle na e féin, aon chuid ann an cumhachd no ann an cruadal, a mhi-bhuileachadh gar an d’ thug e dha an t-aobhar a bu lugha air a shon, nach math a dh-fhaodar a choimeas ris a’ mhadadh-allaidh aig an robh a nadur cho gionach, shanntach ’s nach b’ urrainn e cur suas le bhi ’faicinn neo-chiont a’ tighinn beò ann am fois na choimhearsnachd. A dh-aon fhocal c’ait air bith am bheil droch dhaoine ann an cumhachd tha neo-chiont agus treibhdhireas cinnteach a bhi air an geur-leanmhuinn. Mar is miosa ’n sluagh ’s ann is mo a tha aca de ghnùis air son an reachdan aingidh. Tha e ealadh gu leoir amharas a thoirt air duine e ’bhi a’ gnathachadh onarachd ann an droch thìmean; ach na ’m bitheadh de dhanadas aig neach air bith onarachd a mholadh ’s dòcha gur ann a rachadh gach cionta agus droch-bheairt a chur as a leth; oir, seasamh a suas airson ceartais ann an rioghachd a tha air claonadh uaipe is ionann e agus a bhi a’ tabhairt achamhsain do ’n luchd riaghlaidh, agus is bitheanta leis gur ann a bheir e ’nuas dioghaltas air ceann an fhir a dh’ fheuchas ris. Far am bheil an-iochd, gamhlas agus cumhachd laimh an laimh cha ’n ’eil ni is usadh dhoibh no leth-sgeul fhaotainn air son ain-tighearnas a dheanamh os ceann neo-chiontachd, agus gach uile ghne eucoir a chur an gniomh. “Theid neart thar ceart.” II. NA LOSGANNAN AG IARRAIDH RIGH. Ghairm na losgannan—agus iad a’ caitheadh am beatha ann an sìth agus saorsa air feadh nam boglach ’s nan lochan—coinneamh chabhagach, aimhreiteach aon latha, agus chuir iad a suas ath-chuinge a dh’ ionnsaidh Iupiter air son gu ’n d’ thughadh e dhoibh rìgh a dh’ amhairceadh as déigh am beusan agus a bheireadh orra a bhi beagan n’a b’ onaraiche ’n an cleachdainnaibh. Thuit do Iupiter gu’n robh saod meadhonach math air ’s an àm; ghàir e gu cridheil air iarrtus cho neònach agus thuirt e, ’s e tilgeil cabar fiodha anns an uisge, “So dhuibh, sin agaibh Rìgh!” Chuir an cabar a leithid de luasgan ’s an uisge ’s gu’n do ghabh na losgannan eagal cho mòr gu’n robh geilt orra tighinn g’a chòir. Ach an ceann beagan ùine, an uair a chunnaig iad e ’n a laidhe gun char, ghabh iad de mhisneach dlùthachadh air a lion beag as beag gus m’a dheireadh an do leum iad a suas air, agus a’ faicinn nach robh cùram doibh, ghnathaich iad an cabar le dì-meas mar a thogair iad. Cha robh iad idir toilichte le rìgh cho marbhanta, agus chuir iad air falbh an teachdairean a rithisd a dh’ iarraidh air Iupiter fear air chor eigin eile ’thoirt doibh; oir am fear so ’cha d’ thug iad urram dà ’s cha mho ’b’ urrainn doibh meas a chur air. An uair a chuala Iupiter so, chuir e corra-ghriodhach g’ an ionnsaidh, a thòisich gu neo-iochdmhor air am marbhadh ’s air an itheadh aon an déigh aon cho bras ’s a b’ urrainn di. Chuir iad an sin an guidhe gu h-uaigneach gu Mercurius a’s fhuair iad gu’n deachaidh e a bhruithinn ri Iupiter as an leth, gu ’m bitheadh e cho math a’s rìgh eile ’bhuileachadh orra, air neo an aiseag air an ais a dh’ionnsuidh na staid anns an robh iad o thoiseach. “Ni-h-eadh,” ars’ esan, “oir is e an roghain féin a bh’ ann; bitheadh na biastan neo-thoilichte a’ fulang a’ pheanais a tha an gòraich a’ toilltinn.” An Comhchur. Tha Phédrus ag innseadh an àm anns an do labhair Esop an cosamhlachd so. An uair a bha co-fhlaitheachd na h-Aithne a’ soirbheachadh fo laghannaibh math agus fallain air an dealbh leotha féin, chuir iad a’ leithid de earbsa ann an seasgaireachd an cor ’s gu’n do leig iad le ’n saorsa dol gu anameasarachd. Air do iorghuillean briseadh a mach ’n am measg ghabh Pisistratus an cothrom; ghlac e an àitean daighnich, agus rinn e e-féin ’n a uachdaran orra féin agus air an sochairean. An uair a mhothaich muinntir na h-Aithne gu ’n robh iad ann an staid thràillidh ged a thachair do Phisistratus a bhi ’n a uachdaran gle iochdmhor cha chuireadh iad air chor sam bith a suas leis; uime sin, an uair nach robh dòigh [TD 242] leasachaidh air a’ chùis, rinn Esop leis a’ chosamhlachd so an comhairleachadh gu bhi foighidneach, agus thuirt e riu mu dheireadh, “Mo luchd dùthcha ionmhainn, bithibh toilichte le ’ur crannchur, dona ’s mar tha e, gun fhios nach ann a dheanadh atharrachadh gnothaichean na’s miosa.” “Mar a chaireas duine a leabaidh, ’s ann a laidheas e.” Ead. le MAC-MHARCUIS. NAIDHEACHDAN. Cha-n ’eil naidheachdan cudthromach sam bith againn ri ’n innseadh air a’ mhios seo. Ach faodaidh sinn gearr-chunntas a thoirt air beagan de ghnothachaibh na dúthcha. Thainig Mac Thighearna Ghrannda gu ’aois air a’ mhios a chaidh seachad; ’s ma thàinig, cha-n ann gun fhuaim a chaidh an latha leigeil seachad. Bha Baile-nan-Granndach air a sgeadachadh leis gach ni a’s àillte ’s urrainn sinn ainmeachadh; agus am measg na’n sgrìobhaidhean cha robh a’ Ghailig air dhì-chuimhn’, oir an àitean de’n bhaile bha na briathran seo: “Saoghal fada ’s deadh bheatha do ’n mhor fhear òg,” “Fàilte air an oighre,” agus an còrr.—Bha muinntir Ghlinn-Urchaduinn cruinn aig an àm cheudna, ’S gann gun robh beinn, cnoc, no tulach ’s a’ ghleann gun tein’ aighir ’n a chaoir-lasair air am mullach. Gu h-ùr-labhrach, snasmhor, deas-bhriathrach, sheas Uilleam òg Mac-Aoidh, ’s a’ Bhlar-bheag (Rúnaire Comunn Gailig Inbhirnis) a dh’ òl deoch-slàinte an oighre òig. Labhair Mac-Aoidh ’s a’ Ghailig, a’s bha ’uirgheall na bu fhreagarraiche ’s na bu mhaisiche na mòran de’n spleadhachas fhada gun bhrigh, a tha ro chumanta aig coinnimhean de’n t-seòrsa seo. Thainig oighre óg Gàidhealach eile gu ’aois air a’ mhios a chaidh seachad—Rosach Chromba. Mar a’s cleachdach aig amaibh de’n t-seórsa seo, bha na h-àrd uaislean mu ’n cuairt cruinn, aig deadh dhiothad. Bha mòran ri chantuinn, ach cho fad ’s a’s fiosrach sinne, cha robh idir a’ leithid de choltas Gàidhealach air ni sam bith mu’n cuairt do’n chúis, ’s a bh’ air coinnimh Thighearna Ghrannda, ’s a chuid iochdarain Ann an deadh uirigheall beurla, dh-iarr Fear-Ghàthan deoch-slàitne an oighre òig òl—ni a chaidh a dheanamh le mòr aoibhneas. Anns na làithibh a dh-aom, cha bhiodh coinneamh de’n t-seorsa seo, aig nach biodh am bàrd a’ seinn subhailcean nan òg agus a’ luaidh air euchdan nan triath a dh’ fhalbh, ach an diugh tha ’cheòlraidh ’n a suainn, a’ chlàrsach air gheugaibh seilich, agus mèilich, nan uan na’s binne an cluasaibh an uachdarain na uile oirfeid nam filidh. Tha sinn a’ cluinntinn gu’m bheileas gu rathad iaruinn a dheanamh tro Eilean-dubh na Tòisidheachd. Choinnich mu’n cuairt do dhà fhichead de dh-uachdarain a’s uaislean eile na dùthcha, anns a’ Chanonaich deireadh na miosa ’chaidh seachad, gu an comhairle chur cuideachd, agus beachdan a chéile ’fhaotainn mu’n chúis. Bha fear Mac-an-Leisdeir ’s a’ chathair, a labhair gu pongail, agus a dh-iarr còmhnadh o gach uachdaran mu’n cuairt. Gu sgeula goirid a dheanamh, mu’n do sgaoil a’ chuideachd, chaidh dlú air fichead mìle punnd Sasunnach a chruinneachadh (no gu h-àraid a ghealltainn). Tha’n aimsir am bitheantas fliuch anns gach cearna. Tha ’m bàrr a nise air a thional gu tearuinte ged bu mhòr an eagal a bh’ air cuid nach rachadh a thional air a’ bhliadhna seo le fliuichead na h-aimsir. Cha d’ fhuaireas a’ mhòine air a cruachadh fhathast ann am mòran àitean de’n Ghàidhealtachd; agus tha a mheud ’s aig am bheil an comas gu dripeil a’ togail giuthais, ’g a spealgadh, ’g a thoirt dachaidh, agus a luchdachadh nan spàrdan leis. Bha cuid, aon uair, ann am mòr chreideas ’s a’ bheachd fhaoin, nach biodh duine anns na h-uile seadh ’na Ghàidheal, mar gabhadh e ’n daorach cho tric ’s a gheobhadh e mac-na-bracha. Faodaidh ar luchd-leughaidh a thuigsinn gu’m bheil a’ bheachd seo a’ call greim ’s a’ Ghàidhealtachd ’n uair a dh-innseas sinn gu’n d’ thug Mac-Mhurchaidh, Mac-a’-Linnein agus Elliot àrd righladh nan “Saor Theampalach” (ann am Breitinn ’s an Eirinn) do phriomh bhaile na Gàidhealtachd. FREAGAIRTEAN. Fhuair sinn an litir thaitneach agus na sgriobhaidhean eile a chuir Iain Moireaston thugainn. Cuiridh sinn ’s A’ GHAIDHEAL iad a lion cuid a’s cuid. Mar a bha e ’g iarraidh, clò-bhuailidh sinn bho àm gu àm sgriobhaidhean ás an TEACHDAIRE GHAIDHEALACH, ’s ás a’ CHUAIRTEAR. Tha mòran litrichean againn gun am fhreagairt air a’ mhios seo. [TD 243-250] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 251] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1872. [10 AIR. AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR. II. Earran AIR A’ GHREIN AGUS AIR MERCURI. Ged tha oibre a’ chruthachaidh gu léir mòr’ agus miorbhuileach, gidheadh, cha ’n eil ni air bith ri fhaicinn ’n am measg ni’s ciàtaich’, agus ni’s òirdheirce na cruinn-chuirp shòillseach nan speur. Feumaidh “na solais a ta ann an spéuraibh nèimh” iongantas a chur orra-san uile, a bheachdaicheas le cùram air na gniomharaibh so, a rinneadh leis-san a thubhairt, “Biodh soluis ann an speuraibh nèimh, a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche, agus biodh iad air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan! Agus biodh iad mar sholusaibh ann an speuraibh nèimh a thoirt soluis air an talamh: agus bha e mar sin.—Agus rinn Dia dà sholus mhòr, an solus a’s mò a riaghladh an latha, agus an solus a’s lugha a riaghladh na h-oidhche; agus na réultan,” (Gen. i. 14, &c.) Mar so tha Maois a’ toirt cunntais duinn air cruthachadh na gréine, na gealaich, agus nan reult. Labhair Dia am focal, agus leum iad suas gu bith—“Thubhairt e, Biodh solus ann, agus bha solus ann! Agus chunnaic Dia an solus gu’n robh e maith,” (Gen. i. 3, 4). Gu cìnnteach is dall, aineolach, agus neo-mhothuchail an neach a thilgeas a shùilean air reultaibh soillseach nèimh, gun e fein ìsleachadh, agus gun fhaicinn cia co dìblidh ’s a ta e, agus cia co suarach ’sa ta a ghnìomhara a’s fearr, an coimeas ri àilleachd an t-seallaidh a chì e, agus ri cumhachd neo-chrìochnuichte an Ti dhealbh nèamh agus talamh, á neoni! Dh’ innis sinn anns a’ cheud earrainn, gu’m bheil a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan reult, a ta ’g iadhadh m’a timchioll ’n an cuairtibh eug-sàmhla fein. Tha i fein, ach beag, neo-ghluasadach ged tha a reultan uile a’ gluasad mu’n cuairt di. Tha i, gidheadh, a’ cur char di air a mul fein,* o’n iar gus an ear, agus a’ gabhail coig thar fhichead de na làithibh againne, chum aon chuairt a chur! Tha i còrr mòr agus muillean uair ni’s mò na’n talamh so, agus còrr agus ceithir fichead ’s a deich muillean mìle air astar uaithe; gidheadh, tha a teas, agus a solus a’ ruigheachd air, agus a’ toirt beatha do gach creutair agus luibh a ta air! A réir beachd dhaoine foghluimte, tha a’ ghrian ’n a cruinn-bhall mòr, daingeann, agus dorcha, air a cuairteachadh le adhar soillseach agus dealrach air chor is nach faic sinne ach amhàin dearrsadh an sgeudachaidh leis am bheil i air a còmhdachadh! Chithear air uairibh buill dhubha air aghaidh na gréine, agus tha na teallsanaich a’ deanamh mach, gur fosglaidhean, no tuill, iad so, air trusgan lannaireach na gréine, trid am bheil a corp dorcha fein air a nochdadh! Tha cuid a’ saoilsinn gu’m bheil a’ ghrìan air a h-eiteachadh, cosmhuil ris an talamh so, le creutairibh reusonta agus tuigseach! Ach cha ’n eil cunntas againn air so, agus cha ’n fheud sinn a bhi glic ’n ar barail fein, os ceann na tha air a sgrìobhadh! Ach, cha’n eil cunntas againn ’n a aghaidh; agus gu cìnnteach a réir reusoin, cha’n ’eil e * h-Aisil.—Béurla, Axis. [TD 252] cosmhuil, gu’m biodh am ball cruinn agus beag so, air am bheil sinne a’ teachd beò, air àiteachadh le creutairibh tuigseach am feadh ’s a bhiodh a’ ghrian, a ta còrr agus muillean uair ni’s mò na e, air a fàgail ’n a fàsach fiadhaich agus falamh; agus a réir ar beachd-ne, gun fhéum air bith, ach mar lòchran mòr a shoillseachadh nan reult, a ta ’grad-shiubhal mu’n cuairt di. Mar so, chithear a’ ghrìan, àillidh agus òirdhearc, ann am meadhon a teaghlaich, a’ co-phàirteachadh riu gach sòlais agus aoibhneis—a’ tilgeadh a gathanna òr-bhuidh, chum an crìochan a’s iomallaiche—agus a tomhas an aimsirean doibh maraon! Mar so, tha’n solus mòr so, a’ riaghladh an latha do gach aon fa leth de na reultaibh a dh’ ainmicheadh, agus tha e dhoibh, a réir sònrachaidh Dhé,—“airson chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan.” Air do’n ghréin a bhi ni’s aillidh’ agus ni’s dealraiche na uile sholuis eile nèimh, rinneadh i ’n a cuspair-aoraidh, le cinneachaibh lìonmhor ’san àird an ear! Bha iad ag amharc oirre mar dhia, agus a’ sleuchdadh dhi leis gach cùram agus tréibhdhireas ’n an comas! Cha ’n ’eil teagamh nach i a’ ghrian “Baal,” dia nam Pheniciach, “Chemos” dia nan Ammonach! Ach an aghaidh an iodhail-aoraidh so, thug Dia, le beul Mhaois, rabhadh sonruichte agus soilleir do chloinn Israeli, ag ràdh riu, “Thugaibh, uime sin an aire mhaith dhuibh fein, air eagal gu’n tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus an uair a chi thu a’ ghrian agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon sloigh nèimh uile gu’n tairngear thu gu cromadh sios dhoibh, agus gu aoradh a dheanamh dhoibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a ta fo nèamh uile,” (Deut. iv. 15, 19). Aig na reultaibh a ta ’cuairteachadh na gréine, tha là agus oidhche, samhradh agus geamhradh, ceart mar a ta aig an talamh againne. Tha iad uile a’ dol mu’n cuairt air am mulanaibh fein, ann an amannaibh suidhichte, agus ’s iad na h-amanna sin, an laithean agus an oidhchean fa leth. Tha iad uile, mar an ceudna, os barr, a’ dol mu’n cuairt do’n ghréin, ann an cearcallaibh mòra, agus tha gach cuairt dhiubh so, a’ deanamh na bliàdhna aig gach reult fa leth. Mar so tha bliàdhnaichean nan reult, a’s faigse do’n ghréin ni’s giorra na bliadhnaichean nan réul, a ta aig astar ni’s faide uaipe. De na reultaibh a dh’ ainmicheadh anns a’ cheud earrainn, ’se Mercuri a’s faigse do’n ghrein. Tha ’n reult so ni’s lugha na’n talamh, agus cosmhuil ris a’ ghréin agus ris gach reult eile, tha i ’n a ball cruinn talmhainn, dà mhìle agus sea ceud de mhìltibh troi’pe! Tha i ’deanamh a cuairt mu’n ghréin, ann an seachd agus ceithir fichead là, agus tri uairean thar fhichead ùine de na làithibh againn-ne, agus ’se so, uime sin, bliadhna Mhercuri. Tha là na réilte so, dlùth air a bhi co fada ri’r latha fein; ach tha i co fagus do’n ghréin, an coimeas ris na reultaibh eile, agus air an aobhar sin, co ana-minic air a faicinn, is nach soirbh an ni do na teallsanaich, fad a là a thomhas! Tha i ’cuairteachadh na gréine ann an cearcall, a ta sea muillean deug thar fhichead mìle air astar uaipe; agus tha i a’ siubhal anns a’ chearcall so cho luath, ’s gu ’m bheil i deanamh còrr agus ceud mìle de mhìltibh anns an uair! Tha ’n solus agus an teas a ta i a’ tarruing o’n ghréin, a sheachd uiread ris an t-solus agus an teas againn-ne; agus ma tha creutairean reusonta a’ gabhail còmhnuidh anns an reilt bhig so, chì iad a’ ghrian, seachd uairean ni’s mò, na tha sinne ’ga faicinn! Nach àluinn—nach mìorbhuileach uil’ oibre an Tighearna De? “Cha ’n ’eil neach cosmhuil ri Dia Iesurain a tha marcachd air nèamh a’d’ chòmhnadh, agus ’na mhòrachd air na speuraibh,” (Deut. xxxiii. 26). “Thigibh agus faicibh oibre Dhe—uamhasach tha e ’n a ghniomharaibh,” (Ps. lxvi. 5). ’Se [TD 253] so an Ti Uile-bheannuichte sin, “A sgaoileas a mach na nèamha ’n a aonar, agus a shaltaireas air tonnaibh na fairge; a tha deanamh Arcturuis, Orioin, agus Pleiades, agus sheòmraiche na h-airde deas: a tha deanamh nithe mora nach bi e’n comas fhaigheil a mach, agus nithe iongantach nach gabh àireamh,” (Iob ix. 8, 11). SGIATHANACH. CALLUM A’ GHLINNE. IV EARRAN. Mu’n àm an d’thainig muinntireas Challuim gu’ crich, agus ’n uair a bha e ann an tomhas de iomchomhairle co aca ’rachadh e gu Galldachd a dh’iarraidh ’fhortain, no a dh’ fhanadh e car uine mar a bha e, thainig caochladh docharach air a’ Ghaidhealtachd a dh’ aobharaich an ditheachadh agus am fogradh a dh’ fhag i mar a tha i, ’na fasaich an coimeas ris mar bha i aig an àm ud; eadhon, “Achd Lagh nam Bochd”—lagh nach do thionndaidh a mach na bheannachd aon chuid do’n bhochd no do’n bheairteach. Fo an t-seann riaghladh cha robh na bochdan ro lionmhor agus bha iad air an cumail suas ann an tomhas de chomhfhurtachd freagarrach da’n inbhe le saor-thabhartais nan sgireachdan d’am buineadh iad fa leth. An aite ’bhi air an cuibhreachadh mar phriosanaich ann an luchuirtean mora, riomhach, cosdail, o’n leth a muigh, ach lom fuar fàsail o’n leth a staigh, agus fo smachd ’s fo riaghladh mhaighistirean agus mhnathan eiridnidh aig nach eil ach ro bheag de chaomhalachd no de chomhfhulangas ri ’n laigsinnean, a’s ann a bha iad air an cumail suas gu blath agus gu seasgair ’n am bothain fein agus an uireasbhuidhean air an leasachadh gu bunailteach le fialaidheachd thlusmhor an cairdein ’s an luchd eòlais, agus ant airgiod a bha air a thional o shàbaid gu sàbaid aig dorsaibh na h-Eaglais air a roinn orra leis an t-Seisein aig amaibh suidhichte. Cha bu cheum air ghaig le oigridh na sgireachd obair latha no dha ’bhuileachadh air buain, air caoineachadh agus air giulan dachaidh moine nam bochd, agus cha robh biuthas a dh’ fhaoidte ainmeachadh as an deanadh ban-tuathanach barrachd uaill na gum biodh e air a radh d’a taobh “gun robh beannachd nam bochd ’n a cuideachd.” Ach air do’n lagh ùr tighinn as taigh, leis an robh cìs air a leagadh air uachdarain a’s iochdarain a reir an tighinn-as-taigh—a’s a dh’ fheumadh a bhi air a dioladh gun mheachainn gun dail aig na traithean suidhichte—cha b’ fhada gus an d’rinn siod “am feumach mi-thaingeil ’s an saoibhir neo-shuairc.” Bha na bochdan a nis ’n an lethtrom agus ’n an uallach searbh do na h-uachdarain agus do na tuathanaich. Thug siod, gun dail, buille-’bhàis do’n spiorad uasal, chaomhail, bhlath-chridheach, air son an robh na Gaidheil cho comharraichte, agus do’n ghradh nàdurra fhiuthail neo-eiseimeileach a bha air altrum, eadhon leis na cosnaichean bochda d’am parantan aosda. Co ’nis a dh’ aicheadh, no a sharuicheadh e fein, a cumail suas caraid no ban-charaid aosda, uireasbhuidheach, air dha bhi air eigneachadh, aill air n-aill, gu bhi dioladh gu daor airson cumail suas bochdan eile ris nach robh daimh no cairdeas aige. Mar sin, dh’ fhas na bochdan ni bu lionmhoire agus na cìsean ni bu truime o bhliadhna gu bliadhna. B’e siod, ann an tomhas mor, a bu mhathair-aobhair do’n an-riaghladh dhocharach, bhreisleachail, ghearr-sheallach a rinn a’ Ghaidhealtachd, ann an ioma cearna, ach beag, na ’fasaich. Thainig na h-uachdarain gu co-dhùnadh nach robh leigheas a b’fhearr air an leon, na an tuath bheag, mar ’theirte riu, fhogar as an duthaich, an duil gum biodh na bochdan air an ditheachadh ’s an tomhas cheudna agus uallach na cise air a thogail ’bharr guallainn an luchd diolaidh, no aig a chuid ’bu lugha air a h-eutromachdh. [TD 254] Mar sin thoisich iad air suidheachadh an fhearainn air tuathanaich mhora mar fhrithean fhiadh agus mar ghabhalaichean farsuing chaorach. Chaidh gun dail sguabach an fhograidh a leagail air a’ ghleann thorrach, tharbhach, innseagach, ’s an d’ fhuair Callum agus a shinnsear am breth ’s an àrach. Ged a bha ’mhathair còrr agus da fhichead bliadhna ’na ban-tuathanaich air an aon laraich, agus gun a bhi riamh ann am fiachan do’n uachdaran, am measg chaich, fhuair i a’ bhairlin; agus air a’ chaingis a b’ fhaisge chaidh corr agus fichead smuid a smàladh a dh’ aon bheum o bhraighe gu bonn a’ ghlinne, dhe an robh ant iomlan air a shuidheachadh air aon tuathanach gallda—seann fhleasgach, gun bhean, gun mhac, gun nighean. Mu mheadhon-là, ghluais gach teaghlach fa leth, a mach an comhdhail a cheile, cha b’ ann mar a chite iad re ioma bliadhna air maduinn gach sabaid ’n an comhlain stolda rianail le ’n aghaidhean air eaglais na sgireachd gu bhi ’g aoradh do Dhia an athraichean—ach gu bhi ’gabhail an cead deirreannach d’a cheile ann an tir nam beò, a chuid a b’ fhearr ’sa b’ oige dhiu air cheann an allabain a’ dol air imrich do dhuthchaibh céin. Bu chianail deuchainneach an sealladh e, -an oigridh luthor, fhallain, eireachdail, a’ dealachadh ris an aosda, a bha air an latha ud air an iomain gu rudha cruaidh, creagach, ann an oisinn lethoireach de’n oighreachd far an robh bothain chumhan dhiblidh air an togail dhoibh. Am measg nan eilthireach bha cuid de bhraithrean agus de pheathraichean Challuim ri am faotainn. Bha a mhathair a nis air a fagail gun seilbh, gun bhunachas a’s ach beag ’n a h-aonar, agus sgàil na sean aois ag iadhadh oirre, ach fhathasd cha robh i aon chuid ann an uireasbhadh no ann an eiseimeil an t saogail. Bha Callum a nis air a chur thuige gu deuchainneach, agus chuir e roimhe ciod air bith a dhéireadh dha nach fàgadh e Eilean Bhreatunn cho fada ’s bu bheò i. A bharr air an teasghradh a bha aige dhi mar mhathair chaomhail, dhleasdanaich, bha co-fhulangas ro chaoin aige rithe, mar bha i ’nis, ’n a suidheachadh aonarach, air chor agus gur ann le cridhe goirt a rinn e suas inntinn dol cho fada uaipe eadhon ri Galldachd na h-Alba. Cha d’ rinn e suas inntinn gus an do chuir e ’n toiseach gu ’raidhe fein e, Co aca a b’ fhearr leatha e dh’ fhuireach dluth dhi mar a bha e na e ’dhol do Ghlaschu far am faodadh cothrom a ’bhi aige air soirbheachadh ni b’ fhearr a thaobh na chuir e ri ’shuil. Deuchainneach mar a bha i thug i ’lan aonta dha gun ghearan gun soradh. Chuir i na ’uidheam e mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh i. Chur i Biobul ùr eireachdail, ’na chiste, air dhi aireamh nach bu bheag de earranan a chomharrachadh agus dh’ asluich i air gun cuimhnicheadh e gach uair a thigeadh aon dhiu fo ’shuil, gu’m b’ earrannan iad os cionn am biodh ise gach latha a’ guidhe gu’m biodh iad air am beannachadh dha; agus bha iad air am beannachadh dha air mhodh sonruichte mar a chithear an deigh so. Air feasgar ciuin, blath mu dheireadh a’ Cheitein, ’n uair a bha ghrian a’ tearnadh gu h-athaiseach troi chopan gorm-shoilleir na h-iarmailte gu a leaba-thaimh ann an uchd an Iar-chuan, ag òradh mullach nam beann, agus braon-dhrùchd caoin na h-oidhche cheana tòiseachadh ri dealtradh nan coilltean agus bhlaithean cùbhraidh ioma-dhathach nan raointean agus nan achaidhean; agus coisir sgiathach nan doireachan a’ seinn gu sunndach fo sgail an ùr-bharraich uaine, ghluais Callum a mach á bothan a mhathar air a thurus do Ghlaschu gun a bheag ’na sporan a bharr air na phaidheadh ’fhaireadh air bata-na-smuide, ach le beannachd agus deagh dhùrachd a luchd-eòlais a’s gu haraid le mile beannachd a mhathar ’ga leantuinn. Cho luath ’sa fhuair Callum e fein air bord soitheach na [TD 255] smuide, shuidh e sios air a clar deiridh agus i a nis’ ga ghiulan air falbh gu siubhlach o’n “Eilein ghrianach mu’n iadh an saile” ach cha b’fhada gus an do chuir an t-astar agus an dorchadas sgail-bhrat eadar a shuil agus Tir nan giomanach gun ghiamh, A rachadh sunndach ris ant sliabh, ’Sa chuireadh smuid ri frith nam fiadh, Mu’n goir ant ian ’sa’ chamhanaich. Tir a’ bharraich chùbhraidh uain’, Tir na soillse, tir gun ghruaim, ’Sam faicte ’ghrian na gloir do-luaidh Gun toit a ghuail ’cur falach oirr.’ Agus air an fheasgar ud chunnaic Callum i, mar nach robh e ’san dan dha a’ faicinn a rithisd car latha ’s bliadhna na dheigh siod, ach mar bu tric a chunnaic, agus a bheachdaich e oirre le thachd agus le ioghnadh “aig crioch a cuairt Troi chupan gorm nan speuran buan A’ dol gu tamh an uchd a’ chuain, ’Sì’ g òradh chruach ’us bhearraidhean.” Ged a b’fhada ghabh e o’ nadur agus o ’chliu a bhi aon chuid meata no lag chuiseach, chuir fàgail a dhuthcha sar-dheuchainn air a dhuinealais agus air a mhisneich. Ged nach robh a bheag aig a dhuthaich ri mhaoidheadh air ann an seadh air bith; agus ged a bha dochas aige gum faodadh e ruigheachd air cothroman feabhasachaidh, air cuspairean ionmhiannaichte agus ioma co-fhurtachd phearsanta ann an Glaschu, ris nach bu dū dha fiughair a bhi aige le fuireach aig a’ bhaile, gidheadh bha dian cheangal aige ris an eilean bhochd iomallach a dh’ fhag e, a bha an impis a chridhe ’bhristeadh. Bha suidheachadh cianail a mhathar, mar eun aonarach air sliabh, agus a’ nead air a creachadh, a ’laidhe gu goirt air ’inntinn. Air an laimh eile, bha leithid de bhuaidh solasachaidh agus riarachaidh aig obair Naduir air aignidhean, mar tha ’n obair eugsmhuil sin air a taisbeanadh ann an aillidheachd fhiadhaich nam beann, nam gleann agus nam faschoilltean uaigneach—nan lochan, nan allt caisleach, lùbach, tormanach—agus, nan aibhnichean easach, linngeach, balbh-shruthach, dian-shiubhlach a dh’fhag e nis ’n a dheigh, gun fhios da nach e, ma’ dh’fhaodte, a chead deirreannach a ghabh e dhiu ’n uair a shiolaidh iad uidh air uidh as a shealladh fo sgail na h-oidhche, is gun d’ fhairich e e-fein mar leanabh maoth air a ghrad spionadh o n’ bhroilleach chaomhail a bha riamh roimhe dha na bhlaths, na thaitneas agus na ioc-shlaint. Cha robh teagamh aige nach robh moran nithe ri ’m faicinn ann an Glaschu de obair lamhan dhaoine a bhiodh ’n an annas, ’n an iongantas agus ’n an toileachas-inntinn dha; ach ’n uair a thainig e gu chuimhne mar a chuala’ e no mar a leugh e uaireign—“Gur h-E an Cruithfhear a chruthaich an duthaich; ach gur h-ann le lamhan dhaoine a rinneadh na bailtean mora,” smuainich e ciod air bith cuspairean talaidh no taitneachais a dh’ fhaodadh a bhi air thoiseach air, nach tigeadh an latha ’s an lionadh iad suas dha an fhalamhachd ionndrain leis an robh inntinn air an oidhche ud air a fiosrachadh. Mu ghlasadh na camhanaich, bha soitheach na smuide timchioll Maol-Chinntire. Cha b’fhada gus an robh Callum bochd air urachadh agus air a bheothachadh le bhi coimhead air beanntaibh boidheach Chinntire agus an Eilein Arranaich; ach mo thruaighe; cha b’fhada gus an d’ fhag e an t iomlan dhiu air a chulthaobh, agus beul farsuing Chluaidh r’a uchd, agus mar gu’m biodh i ga shùghadh as taigh, olc air mhath leis, an coinneamh a sgornein dhorcha thoiteach nach do choisinn ach ro bheag dhe a thlachd no dhe a chiatadh. Bha faileadh breun a h-analach cho deistinneach dha is gu’n robh e gle thaingeil ’n uair a fhuair e a chas air tir, agus air cabhsair a’ bhaile mhoir, anns am faighear e an deigh seo, a’ cothachadh air a laimh fein mar a bha an ceard ’sa’ chaonnaig.” MUILEACH. (Ri leantuinn.) [TD 256] “BUN-LOCHABAR.” In a company of literary men, at which the writer of these lines, though then but little more than midway through his teens, was privileged to be present, Professor John Wilson, of Edinburgh, the world-renowned “Christopher North,” remarked, in the course of conversation—“Since the days of David, the sweet singer of Israel, I know not at this moment that I could point to a single hymn, properly so called, worthy of the name, except that which Scott causes the Jewess Rebecca to sing in ‘Ivanhoe.’ It is as nearly as possible a perfect gem of its kind, in which dignity, pathos, and a religious spirit, at once pure and fervid, are admirably intermingled. I know not any species of poetical composition so difficult to deal with successfully.” We beg to present our readers with the hymn thus warmly praised by such competent authority, with a Gaelic translation on the opposite column, in which we have endeavoured, how successfully let the reader judge, to do something like justice to the original. REBECCA’S HYMN (FROM “IVANHOE.”) 1 When Israel, of the Lord beloved, Out from the land of bondage came, Her father’s God before her moved, An awful guide in smoke and flame. By day, along the astonished lands, The cloudy pillar glided slow; By night, Arabia’s crimsoned sands Return’d the fiery column’s glow. 2 There rose the choral hymn of praise, And trump and timbrel answered keen, And Zion’s daughters pour’d their lays, With priest’s and warrior’s voice between. No portents now our foes amaze, Forsaken Israel wanders lone; Our fathers would not know Thy ways, And Thou has left them to their own. 3. But present still, though now unseen! When brightly shines the prosperous day, Be thoughts of Thee a cloudy screen To temper the deceitful ray; And oh! when stoops on Judah’s path, In shade and storm the frequent night, Be Thou, long-suffering, slow to wrath, A burning and a shining light! LAOIDH NA BAN-IUDHAICH. 1 Tìr a braighdeanais ’n uair dh’fhàg Israël a ghràdhaich Dia, Bha ESAN mar rithe ’s gach trà, ’Ga stiuradh air gach làmh ’s ga dion. ’S an latha roimpe bha meall neòil, ’S be ’n t’ ioghnadh mòr siod do gach treubh; S an oidhch’ bha ’m fasach mar an t-òr Le boillsg’ an teine a dh’orduich E. 2 ’An sin bha laoidhean naoimh a’s sailm Le tromp a’s tiomban ’seirm do chliù, A’s nigh’nan Shìoin ’togail fhonn D’an d’ thug gach sonn ’s gach sagart, fiù. An nis gun ni mar so—mo chreach! Tha Israël air seach’ran sleibh, Cha gh’ath ar n’ athraichean Do shlighs, As dh’fhag Thus’ iad ’n an slighe féin. 3 Ach mar ruinn fòs—ged ’s ann fo sgàil! ’Nuair ’thig oirn latha seilbh ’us maoin, Biodh smuaintean Ortsa dhuinn na dhion ’O theas ’as iargain air gach taobh. ’S air slighe Iudah O! ’nuair ’thig An oidhche dhorcha, tric bi dlù, Fad-fhulangach ’us mall chum feirg, ’Nad sholus dealrach dhuinn ’s na’ d’ stiùir. [TD 257] 4 Our harps we left by Babel’s streams, The tyrant’s jest, the Gentile’s scorn; No censer round our altar beams, And mute are timbrel, harp, and horn. But Thou hast said, the blood of goat, The flesh of rams I will not prize; A contrite heart, a humble thought, Are mine accepted sacrifice. SCOTT. 4 Ar clarsaichean, nan culaidh-thàir, Dh’fhag sinn aig sruth Bhàbeil thall; Chaidh gach altair oirn fo smàl, A’s fuaim ar gaire tha air chall. Ach fuil nan gobhar ’Dhia, ars Thus’ Cha toilich mi na mile spréidh “An cridh brist’, ’san spiorad bruit’ Si’n iobairt umh’l dan d’thus mi spéis.” NETHER-LOCHABER. PAT O’CONNOR. Chaidh duin’-uasal, Sasunnach àraidh, air tìr ann an Eirinn, agus chuir e fastadh air gille òg, tapaidh a thachair air d’am b’àinm Pat O’Connor, gu bhi ’dol maille ris air feadh na dùthcha. Thòisich am Maighstir agus esan air comhradh r’a chèile anns na briathraibh a leanas. MAIGH.—An i do bharail gu’n dean e an t-uisge an diugh, oganaich? PAT.—Tha mi cìnnteach gu’n dean e an t-uisge uaireigin, ach cha’n fhios domh cuin. MAIGH.—Tha e eu-cosmhuil ri uisge ’san àm, oir tha ’ghrìan a’ sòillseachadh gu h-àillidh. PAT.—Tha gun teagamh. Gidheadh cha’n ’eil i a’ deanamh ach an ni a’s coir di. Ciod tuilleadh am feum a ta innte? MAIGH.—Ciod an ùine a bha thu maille ris a’ Mhaighstir a dh’ fhàg thu? PAT.—Air m’ onoir, cha’n urrainn mi innseadh. Chuir mi m’ ùine seachad cho toilichte ’na sheirbhis ’s nach do ghléidh mi cùnntas air. Dh’ fheudainn teachd beò maille ris uile làithean mo bheatha, agus mòran ni b’ fhaide n’an tograinn fein. MAIGH.—Carson a dh’ fhàg thu e, ma ta? PAT.—Do bhrigh gu’n do ghabh mo Bhan-mhaighstir ’n a ceann mo chridhe a bhriseadh. Cha tugadh i tàmh dhomh a là no dh’ òidhche ach ’g am chur thàll ’sa bhos, a dheanamh sud ’sa so, air chor ’s nach robh innleachd agam a bhi beò ni b’ fhaide maille rithe. MAIGH.—An ann mar sin a shàruicheadh thu, ged tha thu ag ràdh gu’n robh thu cho toilichte agus sona? PAT.—Bha mi cho aoibhneach ’sa bha’n là cho fad. MAIGH.—Nach robh do Mhaighstir ’n a dhuine ro uaibhreach àrd ìnntinneach? PAT.—’Se bha. An duine is uabhraiche ’san rioghachd air fad, oir cha deanadh e gniomh suarach, salach, ged a gheibheadh e dha fein an cruinne-cé mu’n iadh a’ ghrian. MAIGH.—Ciod a’s aois duit a nis, mo ghille tapaidh? Cia lìon bliadhna tha thu? PAT.—Tha mi dìreach ’san aon aois ri Morgan Finnigan. Rugadh sinn ’san aon là, agus air duinn a bhi seachduin a dh’ aois, tha cùimhne agam gu’n do bhaisteadh cuideachd sinn leis an aon uisge. MAIGH.—Gu’n teagamh is maith do chùimhne, oganaich; ach innis domh, ma ta, ciod a’s aois do Mhorgan Finnigan? PAT.—Cha’n urrainn mi ìnnseadh, agus a réir mo bharail, cha’n ’eil e a’n comas do Mhorgan fein a’ cheisd sin a fhreagairt. MAIGH.—An ann a’m Baile-cliath, ma ta, a rugadh tu? PAT.—Cha’n ann idir. Dh’ fheudainn a bhi air mo bhreith anns a’ [TD 258] bhaile sin n’an tograinn fein, ach b’ fhearr leam an dùthaich; agus ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, agus m’a bhios deagh ghiùlan agam, bheir mi an aire gu’n adhlaicear mi ’san sgìreachd far an d’ rugadh mi. MAIGH.—Ro cheart, ro cheart,—tha mi ’faicinn gur tapaidh an diùlnach thu, agus gur ainneamh do leithid; ach innis domh an dean thu sgrìobhadh? PAT.—Sgrìobhadh! Is mise a ni, agus ni mi gu h-ealant’ e,—ceart co luath ’sa ruitheas am miol chù an déigh an fhéidh air na raointibh. MAIGH.—Ach a nis innis domh ciod an seòl cumanta air an téid neach air thuras troimh an dùthaich bhòidheach so? PAT.—Ma ta, a’ Mhaighstir chòir, tha ’chùis dìreach mar so,—ma théid thu air muir, feumaidh tu ’dol air luing sheòlaidhh no air toit-long; ma théid thu air tìr, feumaidh tu dol air carbad, no air muin-eich; ach mar ròghnaich thu aon dhiubh sin, cha’n ’eil ann duit ach na casan a ghabhail, agus coiseachadh mar a’s fearr a dh’ fheudas tu, gus an ruig thu ceann do shlighe, biodh i fad no goirid. MAIGH.—An deachaidh thu fein riamh astar mòr air do chosaibh? PAT.—Is mi nach deachaidh. Cha do choisich mi riamh a mach air tri no ceithir cheud mìle a null tarsuing air an rioghachd; ach rinn mo chomh-aois Morgan Finnigan Eirinn a choiseachd o cheann gu ceann, gun bhròg air a chois, gun bhonaid air a cheann, agus gun snàthainn eudaich air a dhrùim, ach beagan luideagan reubta, salach, a bha ’gabhail beannachd le aon a’ chéile. MAIGH.—Mo thruaighe! Mòrgan bochd, cha robh sin idir furasd da, ach ciamar a chaidh aige air? PAT.—Chaidh gu ro mhath, oir cha robh dìth bìdh, no dibhe, no leapach air, an uair a bha teanga ’n a cheann, agus taighean, agus tobraichean ann an tìr na h-Eirinn.—Mar cuir mi fadal ort, a Mhaighstir chòir, dh’ innsinn sgeul beag dhuit mu Mhorgan. MAIGH.—Rach air t-aghaidh, ma ta, agus innis ciod a dh’ éirich do’n truaghan bhochd. PAT.—Bha e an siod ag imeachd gu cruaidh air rathad mòr an rìgh, gus an d’rug e air duin’-uasal a bha’ coiseachd air thoiseach air. An uair a bha e dìreach aig sàil an duin’-uasail, ghrad thionndaidh e mu’n cuairt, agus rug e air amhaich air Morgan, agus thubhairt e ann am feirge mhòir ris, “a mhèirlich ghoid thu mo neapaigin-pòca uam, agus cuiridh mi air ball do’n phriosain thu.” Ro mhaith, ro mhaith, a dhuin’-uasail chòir, cha mhòr gur miosa sin na so, ach dean foighidinn beag, agus na bi cho bras, cha do ghoid mise òirleach dheth. Bha’m fallus a’ dalladh an duin’-uasail, le bhi ’tarruing Mhorgain ’na dhéigh, agus stad e tiota beag. Mu dheireadh, thug e an ad aige bhàrr a chinn a thiormachadh an fhalluis. Ach ciod a fhuair e ’san aid ach an neapaigin-pòca a bha dùil aig a ghoideadh. Ghrad thionndaidh e ri Morgan, agus thubhairt e ris, “Tha mi ’g iarraidh maitheanais ort, a dhuine bhochd, oir dhìt mi thu gu neo-chiontach.” “Cha ruig thu leas maitheanas iarraidh ormsa,” a deir Morgan, “oir ghabh thusa mise mar mheirleach, agus ghabh mise thusa mar dhuin’-uasal, agus bha sinn ’nar dithis air ar mealladh!” Thug an duin’-uasal le deagh-ghean bonn-crùin da, agus dhealaich iad. MAIGH.—Is laghach an sgeul sin, a Phat, agus bu tapaidh am ballach Morgan ’n a luideagaibh. Ach innis domh a nis, ciod an t-àm a’s freagarraiche gu dol air thuras air feadh na duthcha so? PAT.—Tha gu cìnnteach an t-àm anns am mò am bheil a dh’ àirgiod aig duine ’n a sporan. MAIGH.—Glé cheart, glé cheart, (a’ deanamh gàire) ach tha dùil agam gu’m bheil na rathadan mora ’san dùthaich so glé fhurasd imeachd. [TD 259] PAT.—Glé fhurasd gun teagamh ma phàighear na cìs-gheataichean a ta co tiugh air an suidheachadh, mar astar ochd mìle o chéile, air gach slighe ’san riòghachd. MAIGH.—Dh’ ìnnseadh dhomh gu’m bheil àireamh mòr agaibh dhe’n chrodh adhairceach ’san tìr so. Am bheil sin ceart? PAT.—An iad na seilcheagan a ta thu a’ ciàllachadh? MAIGH.—Cha’n iad, cha’n iad idir, an crodh-dubh tha mi ’ciallachadh. PAT.—An crodh-dubh! Tha’n crodh againn deth gach dath,—dubh, geal, buidhe, bàn, odhar, riabhach, agus deth gach dath agus dreach eile fo’n ghréin. MAIGH.—Ach tha dùil agam gu’m bheil e ’g uisge tuilleadh a’s tric ann an Eirinn. PAT.—’Se sin tha na h-uile neach ag ràdh; ach is comadh co dhiubh, cha’n fhad gus an tig crìoch air sin, oir gheall an duine maith O’Connell gu’n robh e gu achd Parlamaid a thoirt a staigh air son turaidh agus aimsire bhlàth, agus gheibh ’anam e. Guidhidh mòran gu’n teid a’ chùis leis, gu sònraichte luchd buaineadh na mòine agus an fheòir. Guidhidh na h-uile gu’n tuit mìle beannachd air a cheann. MAIGH.—Air duibh mòran aibhnichean grinn’ a bhi agaibh ’san rioghachd so, shaoilinn gu’m biodh pailteas éisg agaibh an còmhnuidh. PAT.—Pailteas dhe’n iasg is fearr a fhliuch riamh uisge! A cheud iasg air an talamh ach e fein! Gu’n teagamh, a Mhaighstir, cha’n innis mi breug dhuit, ach n’am biodh tu aig abhainn Bhoyne gheibheadh tu na bradain agus na bric a nasgaidh; agus n’an rachadh tu gu Baileshanaidh, gheibheadh tu iad air moran ni’s lugha! MAIGH.—Is leòir sin, ma ta, biomaid a nis a’ falbh. SGIATHANACH. BRASAILTE. DO CHOINNEACH MACLEÒID. FEAR NA TOBRACH, ’AN STRATH-FEOTHAIR0. Thachair do bhean an ùghdair a bhi beagan sheachduinean aig tobraichean iocshlainteach Shrath-Feothair. Rè na h-ùine sin, bha i fuireach ann an taigh Mhic-Leòid, a nochd mòr chaoimhneas d’i; ’s o’n bha teist muinntir eile, a bha mion-eòlach air ag co-chòrdadh anns gach seadh ri na thaisbein e dh’ i féin smuanaich mi na rainn so ’chur ri chéile mar chuimhneachan air ’fhiùghantachd, ’s air iomadalachd a bhuadhan. Tha m’aigneadh, ’s mo chonn, ’s a’ cheòlraidh air bhonn, Gu-n togair leam fonn òrain, ’S o ’n tha sinn cho réidh, gu-n teid mi air ghleus, ’S gu seinnear leam séis shòlais Do ’n fhiùran gun ghiamh, fhiughantach, fhial, Leadanach, chiabh òr-bhuidh’, ’S mìn-dheirge dà ghruaidh mar chaorrunn ’g am buain, ’S nan liop tha air shnuadh ròsan. A Choinnich dheis, òig, o bhroilleach shìl Leòid, ’S na chinnich na seòid ainmeil, ’Nuair ghluaiseadh an sloigh fo bhrataichean sròil, Bu fhlathail am pòr meanmnach, ’S torman nam piòb a’ borbadh an spìd, A’ tarruing gu strì armaibh, ’S mu ’m pìlleadh o ’n àr bhiodh cìs air an nàmh, ’S e sud ’n an cuid blàr ’dhearbh iad. Tha thu o d’òig, ’réir feartan do sheòrs’,ceanalta, còir, uasal, Faicilleach, ceart, taitneach, ’s gach beart, Ro dhomhain ’am beachd-smuaintean, Aoidheil gun stùrr, caoimhneil gun lùb, Fileanta, ciùin, suairce, Subhach gun chron, sicir gun lon, ’S theid beannachd nam bochd ’suas leat. [TD 260] ’S fhad dh’ imich do chliù, ’s bi ’dh tu fo mhùirn, ’G ad shireadh ’an cùirt uaislean, ’S tu cridheil mu bhòrd, ’s a’ lionadh nan còrn, Ni thu gach bròn fhuadach; Dannsair air làr ionnsuicthe ’thà, Briosg, sgiobalta, sàr-fhuasgailt’; Ceòl gu do réir, ’s bòidheach do chre Ri ruidhle nan ceum luatha. Gur gile do chneas na cobhar nan eas, ’S na cuithe ’ni sneachd aon oidhch’; ’S gur binne do ghuth na coisir nam bruth, ’S a’ mhadainn ri moch aoradh: Gu-n dheothail thu rùn mhaighdean na dùthch’ Le mealladh do ghnùis fhaoiltich, ’S tha cuid dhiubh fo bhròn ’s a bhitheas ri ’m beò, A’ cumha fo leòn gaoil dut. ’Nuair theid thu do ’n bheinn le d’ ghunna tha grinn, Gur moch thu ’s na glinn àrda, ’S do mhiol-choinn ’n an deann a’ dùsgadh nam mang, ’S a’ cuibhleadh nan seann làn-damh. Gur fuilteach do thriall a’ tolladh nam bian, A’ leagail nam fiadh crà-dhearg, ’S gur tric thug thu leat o ìochdar nan eas, Am bradan, ’s am breac tàrr-gheal. Coisnidh tu réis le taghadh do steud, Tha spioradail, treun, uaibhreach, ’S e cìreanach, àrd, uchd-fharsuinn, làn, Mòr-shuileach, àill, cluas-gheur, Cuinneineach, mòr, cruinn anns a’ bhròig, Màs-leathan, beò, cnuachd-bheag, Lag-mhuingeach, gann, tiugh-earblach, teann, Dìreach ’s gach ball, ’s luaineach. Cha-n aithme dhomh euchd ’ni duine fo n’ ghréin, Nach fhaighear thar cheud buaidh leat, ’S a dh-aindeoin gach pàirt ’fhuair thu thar chàich, Cha chluinnear gu brath uaill ort. Choisinn thu toirt bheartach ’us bhochd, ’S ni iad le moit luaidh ort; ’S bhrigh d’ uaisle ri m’ Chéil’ guidhidh mi féin, Sonas ’us re buan dhut. LOCH-AILLSE. To the Editor of “THE GAEL.” Inveraray Castle, October 31, 1872. Sir,—The following Gaelic poem is copied from a manuscript found yesterday, amongst a large and valuable collection of old papers, given lately by Mr Campbell, of Sonachan, to the Duke of Argyll. The manuscript is on quarto paper, written in a hand of last century, with an English rendering opposite to the Gaelic. The song appears to be a genuine composition of 1528. Like other Gaelic poems of this period, the language tends towards current northern Irish dialects. The spelling, accents, and other marks, are copied. With the aid of the Rev. Mr MacPherson, and after questioning Inveraray boatmen as to the meaning of some technical words, I have attempted to make a close translation, which I have now the honour to send, with a copy of the song. It is interesting, because it gives a portrait of an ancient west country expedition. They launch their boats, they step their masts, they hoist a square sail, make the tack of the lug sail fast to the weather cat-head, set a foresail (“scoid-lin”), and beat to windward, using oars. This picturesque old navy of Loch Fyne was very like the modern herring fleet for size and rig. Such boats are commonly sculptured on tombstones, and are blazoned on coats of arms. It is curious also to note the small Gaelic equivalents for great titles, and their value when translated. The title of “Riogh,” which the learned bard gave to the Earl whom he chose for laudation, was given to a great many petty chiefs in [TD 261] Ireland, and in Scotland, and clearly is the word “Raja.” When given to the Irish monarch, who ruled at Tara over five provincial kings, they added a word to make the title “High King” (Ard Righ). When given to a great monarch in the East, they add a similar word to make the title “Great King” (“Maha Raja”). Riogh, therefore, meant a country gentleman of old. Such titles as “General,” “Lord High Justiciar,” “Warden of the Marches,” &c., in like manner dwindle when turned into Gaelic. I have tried to give equivalent words in translating the poem which follows, but I am not quite sure that I have rendered the whole correctly. The following is a quotation from Buchanan. Vol. II., seventh edition. 1799. P. 153:— “And whereas, the King had no great confidence in the Hamiltons as being friends to his enemies, and was also offended at them upon the account of the slaughter of John Stuart, Earl of Lennox; and, besides, there being none of the nobility of the adjacent party that had power or interest enough for that service, at last he resolved to send Colin Campbell with an army against the rebels, a person living in the furthest parts of the kingdom, but a prudent man, of approved valour, and, upon account of his justice, very popular. The Douglasses, when the Hamiltons and the rest of their friends failed them, were reduced to great straits, so that they were compelled by Colin, and by George, Chief of the Humes, to retire like exiles into England. “In the month of October, two eminent knights came ambassadors from the King of England about a peace which, though earnestly desired by both Kings, yet they could scarce find out the way to conclude upon it….” From this it appears that the ballad is historical, so far as it goes with the history of George Buchanan. It also agrees with entries in Irish annals. Unless my recollection is at fault, this Colin Campbell is mentioned there as a generous, hospitable man, who gave gifts to learned scribes and bards.—I am, your obedient servant, J. F. CAMPBELL. AN ODE OR SONNET (Copy.) Composed by a Highland Bard in honour of Colin, 3rd Earl of Argyle, in the reign of King James 5th, Anno 1528, upon his being appointed by the king to command an expedition against the Douglasses, then in rebellion on the borders. Buchanan, B 14 Ch. gives account of this expedition, with a beautiful and noble character of this Colin. 1. Trialfa mi le m’Dhuanaig ŭllamh Go Riogh Ghaoihdeal, Fear ag am bi ’m baile toitheamhil, Sonna saidhbhin. 2. Triach Erragaoidheal is fearr bhfaicean Is mo maitheas Callen Iiarla faoi cluidh Se is fial Flaitheas. 3. Amhal ŭasal fairsin freamhach Dan cŭbhaigh moladh 1. I’ll wend with my finished ditty, To a Gaelic King [Riogh]: A man whose town has many a fire-smoke, Happy and wealthy. 2. The Lord of Argyll is best to look on, Of greatest goodness; Colin the Earl, well reputed, Is pride of nobles. 3. Noble apple-tree, widely rooted, Who is praiseworthy; [TD 262] Crann is uire dhas roimh Thalamh Lan do thoradh. 4. Seabhag is uasle theid sna neulamh Crann thar chrannŭibh thu Mac Rath thu chum Dia go ullamh Don cleir Ealadhann. 5. Mar leomhan neimhneadh neartmhuir laidir An am trioblaid thu Beg nach deachuidh Alba ar udhmhal Gŭs an do theasrig thu. 6. An trath thrialfas Callen Iarla Is a shluagh bunnidh Cŭrfar leis air Fairge o’ chaladh Cabhlach ullamh. 7. Loingeas leathan laidir lŭchdmhŭr Dealbhthach dhianach Is sleamhŭinadh Slias dhol san ŭaradh Dar-chruădh ramhach. 8. Togar an sin no geal chroinn chorrach Suas le’n lonadh Is iomdha Balle gu tenn ga deanamh An am dhoibh Seoiladh. 9. Dheantar àn slaogh dhireach dualach Mar bhraigh thosuigh Togar na seuil mhor le maisa Le scoid-lin crosach. 10. Dheantar ’n cluas san chich tosaigh Dhol san uaradh Mar Steid ro luath i, sruth gà sar-aìgh ’S muir ga bualadh. 11. A leuid Laoch fulingeach meanmnach Dorn-geal treithach Imrudh lub air a hàlach Socairach seidthrach. 12. An deadh sluadh lìonmhur faoi lan armidh O’mharcŭigh reamhra Air a dheis laimh do anan neart na Dhŭibhnach* Aige Riogh Alba *(gloss) Campbells. Noblest tree that grew through earth’s mould, Full fruit bearing. 4. Noblest falcon that soars to cloudland, ready Tree above trees thou; Son of good fortune, whom God kept For learned clerks [instructed bards]. 5. As a fierce lion, strong and mighty, In troubled time thou; Scarce but Scotland went to ruin, Till thou aided. 6. The morn that Colin the Earl marches, And his people; By him is put on sea from harbour, A full flotilla. 7. Broad-beamed shipping, strong, great burdened, Tight, and shapely; Of slipperiest sides to go to windward, Oak-hard, oared. 8. Then are lifted the white masts swaying, Up with their gearing; Many’s the rope that is being made fast, What time they’re sailing. 9. Their straight cables are made coiled, To top the fo’k’stle; The great sails are raised in beauty, With foresails crossing. 10. Their ears are made fast in the fore-bosom [cat-head], To go to windward; As a right swift steed she, tide exhausting Sea her beating. 11. Her crew of haughty, enduring heroes, White fisted, hardy; Would make a bend in her oar-banks; Steadily breathing. 12. The excellent numerous host full armed, From rich mark lands [? markets]; At his right ever the power of the Duibhnach, Has the King of Alba. [TD 263] 13. Le laigh a chartas ’s nuair i b’ eigin Le cruadh chogadh Bhuain sibh buaidh ’s ’a sibh oirdheiric ’S fhuar sibh Tosach. 14. Ni aithnidh dhamsa bhur cairdin a mach Ga fairsin ’m eolas Ach sro chintadha gu ’neiridh leatsa Mac Leod Leoghes. 15 Fuil Mhic Intosich gu ullamh Feachtha Mhic Imidh Mairg air an leagudh iad ’m builean An am Lann imirt. 16 Clan na Leoin gu laidir lionmhur O’n Fhion mhullach An Dream thug buaidh an s’gach bealach ’S bfearr fuìrach. 17 Brollach Clan Domhnŭil ort a feitheamh Dun cliŭ bŭaidh lathairach Uaslin Inse Gall gu coimhlion Fir gun ailin. 18 Fhuar thu sud faoi an Riogh ’sgu b’arrigh Bhi d’ ard chean bheirt Air fearibh Alba is bhi d’ard Breith-mhŭr Neithe is annama. 19 Ata thu d’ard-fhear gleìdh agus coimheăd Air an Crioch thall Rainig ’s bhŭaidh thar bhŭr namhŭidŭin ’S fhuair thŭ siothcheant 20 Air ard-comhairle na Alba S tŭ stuir uile Do cho mhaith ni n’ dhuarfas an seannachŭs O lin Uilliam 13. With hands of justice, and, when ’twas needed, With hard fighting; Ye won victory, and ye are honoured, And got the lead. 14. Unknown to me are all your allies, Though wide my knowledge; But sure it is that he’ll rise with thee, MacLeod of Lewes. 15. The Macintosh Blood ever ready, The hosts of Mac Imidh [Lovat]. Woeworth on whom they may drop their blows In the blade play. 16. Tribe of the Leoin, strong and plenteous, [MacLean] From the white hill top; The branch that won battle in every pass, Of best endurance. 17. The Breast of Clan Domhnuil are waiting on thee, Whose style is “Victorious.”* Gentles of the Gentile Isles together, Men undaunted. 18. That got’st thou from the King, and earned it, To be high chieftain O’er the men of Alba and High Brehon, In gear and lives [Souls (?) matters ecclesiastical and civil]. 19. Thou art high keeper and watcher On yonder marches; Thou camest and overcamest thy foemen, And gottest peace words. 20. Over the high Council of Alba Thou did’st steer all; Of such a worthy no story was gotten, Since the time of William * To whom is the honour Victory-in-stricken-field-ish. [TD 264] 21 Uallas! Flath na Fear gun coimhmheas A measg Dhaoine Calen na d’aighsan gun coimhmheas An Thiarla uirach. 22 Giodh gu ro mhor d’ inŭimhe d’ainm ’s t’onnoir ’Smo do gliocas Rinn thu bunn a steidh na firiŭine ’Is a cheartas. 23 Rhinnadar leat dlighe ceart Do lag ’s do laidir Beannachd gach aon Dŭine a d’cuideachd Gall ŭs Gaoidheal 24 An Tathair cumhachdach d’ Gleidh Is a Mac Fireŭne An’ Spiroid noamh ’diain do nair A Riogh Loch fine. 25 Ni ’n dhfuaras do choimhmhaith do Gurrain Is ni mo iarrfuidheas A chean na Fear bu fhailt a churam Leat do trialfam. 21. Wallace! chief of men, unequalled Amongst mankind; Colin, after him, is peerless, That noble Earl. 22. Though right great thy rank, thy name, and honour, Greater thy wisdom; Though hast inwardly rooted the truth And justice. 23. By thee was given righteous judgement To weak and strong; Bless each Duine in thy host, Celt and Stranger. 24. The Mighty Father keep thee, And the Son of Truth, The Holy Spirit, guard thy fame, King of Lochfine. 25. Ne’er was found thine equal as patron, Nor is sought for; Oh! head of men of heavy cares, I’ll wend with thee. N.B.—Verse 15. The Mac Intoshes, instead of the common appellation of Clan-intosh, chose to call themselves in the Gaelic Language Fuil Mhic Intoshich—The Blood of Macintosh, by way of eminence. (Music as written in the manuscript.) OIDHCHE SHAMHNA. FHIR MO CHRIDHE, Ceadaich dhomh focal no dha ’chur sios mu oidhche Shamhna. Ma chì thu nach cur iad mì-chliu air do GHAIDHEAL maiseach, bi’ mise glé thoilichte ma bheir thu oisinn doibh, oir tha mi an droch staid, agus ma tha leigheas domh air thalamh, ’si mo bheachd gur h-ann am measg luchd-leughaidh A’ Ghaidheil a gheobh mi e, air an aobhar sin bi tròcaireach, mar bu dual duit o d’ shinnsearan. Mar tha fios agad-sa, tha mi gun cheile, agus, a reir cleachdadh mo dhuthcha, smaoinich mi gu’m feuchainn dé ’m fortan a bha romham, air oidhche shamhna. Le sin na mo bheachd dh’fhalbh mi fein agus mo charaid “Mac-Shimidh,” gu taigh sean bhoireannach a tha ’san àite leis an cleachdach a bhi leughadh na’n copan: ach air an oidhche seo, ’s ann a bha i ’leughadh na’n uibhean. Bha triuir nighean as teach maille rithe, agus gach [TD 265] té dhiubh air “bhiod,” air son a fortan a chluinntinn. Cha bu luaithe ’ràinig sinne na ruith an triuir a mach air an dorus chuil; agus, ma dh’ innseas mi ’n fhirinn duit-se, ’Ghaidheil ionmhuinn, cha robh sinne bronach, oir cha bu toigh leinn a bhi ’g eisdeachd na caillich a’ leughadh na’n uibhean, agus gu ’n robh sinn cinnteach gu’m bitheadh na caileagan a’ magadh a rìs oirn. Bhrist a’ chailleach ubh, agus gu cùramach leag i leis a’ ghealagan ruith do’n ghloinne (aig an àm cheudna glé thoitheach nach gluaisedh am buidheagan, oir na ’n tuiteadh boinne dheth ’sa’ ghloinne maille ris a’ ghealagan ’s ris an uisge, cha bhiodh a’ chuis cho math). An deigh do’n ghealagan a bhi mar bu mhiannach leis a’ chaillich, chuir i a bois air beul na gloinne, ’s chrath i i gu h-iollagach aig an am cheudna ’g ainmeachadh araon “Mhic-Shimidh” (air ainm ’s air a shloinneadh) agus an fhir nach tig an comunn nan criosduidhean. Leag i ’n sin leis na bha ’sa’ ghloinne stòladh, ’s shin i-fhein air aithris rann no ubag air chor-eigin. Leugh i ’ghloinne, ’s dh’ innis i do “Mhac-Shimidh,” ni, ma tha e fior, a ni ’na dhuine sona e, cho fada ’s a bhios ’anail a’ dol sios a’s suas. Air a mhodh cheudna, leugh i mo ghloinne-se, ach ’s duilich leam nach d’thug i misneachd sa bith dhomh. Dh’fhalbh sinn an sin á taigh na caillich a’s dhealaich mi-fein ’s “Mac-Shimidh,” agus chaidh mi do thaigh eile, agus air dhomh dol as teach, bha fear ann an sin ’sa cheann gu ruig a ghuaillean ann am ballan uisge, feuchain an tugadh e sia sgillinn de ’ghrunnd. Theirteadh na’n tugta an t-sia sgillinn á grunnd a’ bhallain uisge, leis na fiaclan, gu’m faigheadh a neach a dheanadh sin ceile, luath no mall. Chuir mi fhein mo cheann ’san uisge, agus gach uair a dh’fheuchainn ri chur fodha, thigeadh an aileag orm, ’s ged a bhithinn a’ stri ris an t-sia sgillin a thogail fhathasd cha bhithinn dad n’a b’fhearr; agus sgur mi, oir bha e cho fasa dhomh snaoisean fhaighinn o “Dhòmhnull na Gealaich” ’sa bha e dhomh greim a dheanamh air an t-sia sgillinn. Dh’ fhiach mi ’n sin ri ubhall a thoirt as a’ bhallan, ach cha b’e dad a b’fhasa dheanamh: as ghéill mi. Chuireadh an sin brat air m’eudainn, gus an robh mi cho dall ri făth; agus chuireadh tri triunnsairean air mo bhial-thaobh—fear falamh, fear làn adh uisge glan, agus, le do cheadsa, am fear eile làn adh uisge salach. Bha agam ri mo lamh a chur ann am fear diubh, agus a reir an fhir ’san cuirinn i, bha m’ fhortan’ ’sa bheatha seo gu bhi air a thaisebanadh. Tri uairean an deigh cheile, chuir mi mo lamh ’s an triunnsair fhalamh; as le corraich thilg mi am brat de m’ aghaidh. Fhuair mi an sin ubhall agus chaidh mi leis gus an sgathan; oir chuala mi, na’n ithinn ubhall ag coimhead ris an sgathan agus coinneal a’ lasadh na m’ lamh chlì, gu’m faicinn iomhaidh mo leannain. Rinn mi mar dh’iarradh orm, ach an truaighe iomhaidh a chunnaic mise ach m’ iomhaidh fein! Shin iad an sin air losgadh chnothan; ’s a chiad dithis a loisg iad (Mac-Shimidh ’s a mhaighdeann) “ghabh” iad cho aillidh agus gu’n eilticheadh tu-fein riutha ’Ghaidheil. Loisgeadh an seo mi-fein agus an té air an robh mi ’n tòir o ghlùn mo mhathar—’s mo loisgeadh, “ghabh” mise, ’s “chrag” ise. Cha b’urrainn mi seasamh ris a’ chorr, ’s dh’fhag mi ’n taigh le corraich agus thug mi ’n iolainn orm, a spìonadh dhias as a’ chruaich choirce. Bha fadal mòr orm gus an tigeadh an dias, agus mi ’n dochas gu’m biodh i tarbhach, torrach, ach, mo dhiubhail! cha robh aon siallan oirre! As an iolainn thug mi ’n ath orm, agus thilg mi ceirsle shnatha ’ghoid mi air mo mhathair, suas do chro na h-athainn, a’s dh’eigh mi, “co tha siod air ceann mo shnathain?” ach cha d’fhuair mi freagairt; a’s gu dubh- [TD 266] chridheach b’eiginn tilleadh dachaidh. A’ dol dachaidh smaonaich mi air oidheirp, eadhon an oidheirp dheireannaich: mo mhuilicheann a bhogadh ann an allt sa bith air an robh beo a’s marbh a’ dol seachad. Rinn mi seo, chaidh mi dhachaidh, a’s chaidh mi ’laidhe. Chuir mi mo mhuilicheann fliuch fo mo cheann agus mi ’n dùil gu ’m bruadairichinn air ailleag air chor-eigin; ach cha do bhruadair, agus air dhomh eiridh ’sa’ mhaduinn bha mi “sgìth, trom, airtneulach.” Nis a Ghaidheil ionmhuinn dh’innis mi dhuit mar dh’eirich dhomh oidhche shamhna. Dh’ fheuch mi gach ni airson fios fhaighinn air ciod an seorsa mnatha bha mhanadh orm, ach cha d’ fhuair mi am fios sin; agus ciod a ni mi? Cha bu mhath leam a bhi na mo sheann fhleasgach, anns sin gu h-araid o’n tha ’n sean-fhocal ag radh “gur fada bu choir dol a dh’fhaicinn fear nach fhaigheadh bean.” Theagamh gu’m faighinn-se te, ach ’se ’m mi-shealbh a bh’orm riabh—an te a gheobhainn cha ghabhainn. Bha mi ’n toir air iomadh te, ach dé dheth sin, cha ghabhadh iad mi. An nis a Ghaidheil shuairce tuigeas tu-fein mo staid, a’s theagamh gu’n cur thu focal math as teach air mo shon ri aon de na h-oighean maiseach a tha leughadh do GHAIDHEAL. Ma gheobh thu eolas air te a shaoileas tu ’thaitneas rium, abair rithe gur ann innte-se tha ’n eis, ’s nach ann annam-sa; ’s ma shaoileas tu gu’m bi i coma-co-dhiù, abair, mar thuirt Uilleam Ros. Nach cùis ghrain agus mhi-thoirt Seann nighean gun sgiamh, ’N a briogaid gun mhiagh, ’S nach iarrair a pog! Bi’ ’h-aodann air casadh, Bi’ ’falt air fas liath, Bi cam-char ’n a bial A’s fiar char ’n a sroin; When she’ll wine and repine Cha bhi loinn tuille dh’ i, Not a kiss a gheobh is’— She’ll be meas cumanta, Gun cheile, gun leannan, Gun teallach, gun tuar, ’N a seasg-chaillich thruaigh, Fo smuairean, ’s fo bhron! Na di-chuimhnich m’ athchuinge! Seall mo dhealbh do the sa bith leis am miannach fhaicinn! Cuir seo ’sa’ Ghaidheal; agus, creid gur mi do charaid seasmhach MAC-DHOMHNUILL DUIBH. Uig, XI. Mios, 1872. SGRIOS NAM PIOCACH. BHO AONAS MACAONAIS, CRAOITEAR, SMEARCLEIT, UIST-A’-CHINN-A’-DEAS. [Sgriobhta le Alasdair G. MacGilleMhicheil, air an 13mh là de cheud mhios na bliadhna, 1865.] Bha uigh aig Righ Coinneach cuir as do na Piocach. Shuidhich e iomadh doigh air an sgrios, ach cha deachaidh leis. Bha a mhac domhain ’sa’ cheann agus shuidhich easan agus an greighear doigh chum an sgrios, o na dh’ fhairtlich iad eir ’athair. Agus b’i seo an dòigh—“Falbh thus” orsa mac an Righ ris a’ ghreighear “agus abair ris an iasgair toiseachadh air iasgach a’ bhradain agus feannabuilg a dhianadh air a’ chuile gin a gheobh e agus na biain a thoirt thugamsa.” Thug an greighear seachad an t-ordugh a fhuair e, agus rinn an t-iasgair mar a shireadh air, agus thug e biain nam bradan gu cùramach adh ionnsuidh mac an Righ. Rinn an sin mac an Righ agus an greighear deise le biain nam bradan, agus bha an deise fuathasach iongantach. Bha i coltach ris na luiricheann aigileanach uallach (? dualach) a bhitheadh eir laoich o shean, ri àm cath a’s comhraig. Ruigeadh i shuas gu mullach a chinn, agus shios gu sail nam bonn! [TD 267] Bha lăis us loinneireac soills’ aist mar bhoillsge bogha nan speur, a’s dhealradh i ’san oidhche dhùdarra gheamhraidh mar dhealan air beinn an fheidh. Chuir Righ Coinneach a sin fios a mach fad agus farsuinn feadh Alba thun nan diucanan, iarlachan, agus tighearnan, tighinn a chumail cuirm agus cuideachd ris, mar onair dha-fhein, agus mar thoileachadh dhaibhsean, aig feothas an treuntais agus an gaisge, ri linn bhith ’cur as dha na Piocaich. Thainig na h-urracha mora agus rinneadh cuirm mhor, mhor, eir an coineamh. Sgeadaich an greighear e-fhein anns an deise bhoisgeanta a rinneadh eir bian nam bradan. ’Nuair a bha na h-uaillsean ’n an suidhe aig an dinnteir chaidh e thun uinneig an Righ agus sheid e ’n trombaid, agus ghlaodh e le guth ard, “A Righ Choinnich, sgrios na Piocaich! cuir as daibh! na fag anam beo dhiu. Is mise teachdaire ’thainig a nuas o neamh leis an teachdaireachd seo thugad-sa agus bithidh mi nis a tilleadh a suas an taobh a thainig mi.” Sheall na h-uaillsean eir an Righ agus eir cacha cheile, agus sheall an Righ orra, ach cha d’ thuirt duine diog. Labhair a sin mac an Righ agus thuirt e, “Nach coir coimhead a mach fiach coid e’m fuath tha siod, no fiach coid e is mathas dha.” “Is coir coimhead a mach gu dearbh” orsa na h-urracha mora. Nuair a shealladh a mach bha an greighear a suas ri aghaidh na beinne mu choineamh taigh an Righ. Dhearc’ad air gus an deach e as an sealladh. Thill iad a sin is taigh. “Tha siod fior gu leoir a Righ Choinnich. Tha aingeal o neamh a siod gu beucaidh. Toisich thus air na Piocaich agus bithidh sinne leat agus cha’n fhag sinn Piocach beo an Albainn.” Sgaoil na h-urracha mora dachaidh a chruinneachdadh an cuid sluaigh agus airm. Thainig iad adh ionnsuidh an Righ le’n cŏisridh, le’n eachraidh agus le ’m marcraidh. Shin iad fhein agus an Righ a sin air na Piocaich gus nach d’fhagadh Piocach beo as an deoghaidh an Albainn.—Sin an sgrios mu dheireadh a thugadh eir na Piocaich. NAIDHEACHDAN. Bhrist teine mach ann am Boston, a rinn mor chall araon do bheatha dhaoine agus do cheannachd. Cha mu’n cuairt do ochd ciad taigh a’ losgadh—a chuid bu mho dhiubh, taighean maileirt. ’S gann gu’n deach roineag chloimhe fhagail am baile Bhoston, gun losgadh. Ni mo a cha brogan (no leathar gu an deanamh) fhagail. Ged a cha na h-urrad de thaighean a’ losgadh, cha robh ach mu’n cuairt do dha chiad pearsa gun dachaidh an deigh an teine—oir, mar a dh’ ainmich sinn ’siad na h-aitean maileirt a cha ’m milleadh. Cha, aig a chuid a’s lugha, luach ceithir fichead muillean dollair airgid a chall! Cha sluagh a chiurradh an la roimhe, aig Bail’-Eoghainn faisg air Inbhir-feotharainn le dà charbad iaruinn a bhuail a cheile. Cha deach gin a mharbhadh, ach cha beagan chnaimhean a bhristeadh. Gu sealbhach, bha leighich air a’ charbad aig an àm, agus chleachd e’ eolas gu duineil—ni a choisinn da mor chliu o gach neach. Cha bu luaithe “’cho-bhuail” na carbaid na chuireadh dealan-fhios do Inbhirnis a dh’innseadh an tubaist. Gun uin a chall cha carbad lan luchd oibreach a chur gu Bail’-Eoghainn, agus cha b’ fhada ’bhathas ag cur gach ni ’n a aite fein. Bithidh ar luchd-leughaidh toilichte chluinntinn gu’m bheil am fior Ghaidheal Alasdair Mac-Neacail, am fear lagha, a’ dol a dh’ fhagail Dhun-Eidin do aite na’s fearr da. Tha fios aig ar leughadairean cheana, air cho measail ’sa tha e air a’ Ghailig; agus gun teagamh bi deagh chuimhne aca air “Ruathar Mhic-Mhuirich,” eadar-theangaichte leis-san, agus clo-bhuailte [TD 268] ’sa’ choigeamh aireamh de’n GHAIDHEAL. Tha e dol do shiorramachd Kirkcudbright, gu dreuchd moran a’s tairbhiche na ’dhreuchd an Dun-Eidin. ’Se Mac-Neacail a shuidh an uiridh ’sa’ chathair aig coinneamh bhliadhnail nan Gaidheal, an Grianaig, ’s air deireadh oran a cha dheanamh air son an aobhair, bha’n rann seo: “’Si ar durachd do Mhac-Neacail, Gu’n ruig e dhachaidh gu sabhailt; Tha ar suil ri ’fhaicinn fhathasd ’Na shuidhe an cathar is airde.” Tha e gu “suidhe an cathar is airde” gun dail, agus tha sinn cinnteach gu’m bheil deagh-dhurachd gach Gaidheal maille ris. Mar chitheadh ar luchd-leughaidh o litir a’ “Ghille Dhuibh” ’san aireamh mu dheireadh de’n Ghaidheal, tha Gaidheil Ghrianaig a’ strí ri COMUNN GAIDHEALACH a chur suas anns a’ bhaile sin. Gun teagamh sa bith bhiodh e glé iomchuidh gu’m biodh ni-eigin de’n t-seorsa ann am baile anns am bheil na h-urrad de’r luchd-duthcha ri Grianaig: cha’n e mhain gu’m bheil e iomchuidh, ach gu’m bheil e nàir nach robh e ann o chionn fhada. Air an aobhar sin, tha sinn an dòchas gu’m bì comunn maiseach Gaidhealach an Grianaig gun dàil, agus nach bi na Gaidheil dearmadach air frithealadh air anns gach dòigh ’n an comas. Cha an long a’ “Forest chief” á Halifax a chall air eilean Ile. Bha i á tighinn á America làn de ghràn Innseanach, do cheann tuath Eirinn. Bha i air a’ luasgadh leis an stoirm ghailbheach fad na slighe a’ tighinn; ach air d’i bhi gu math air a h-aghaidh troimh na chuan Eirinneach, cha i dheth a sàil, cha’ luchd troimh-cheile, ’s laidh e air taobh an fhasgath air mhodh agus gur gann a gheobhadh a sail greim ged bhiodh e fiathach. Fhuair a sgioba uile—ach aon fhear—air tir. Ged bha iad air dhroch ghréigheadh, fhuair iad gach comhnadh an “eilean glas an fheoir,” agus á sin chaidh iad do Liverpool. Bha ’n cruinneachd anabarrach tairbheach an America air a’ bhliadhna seo—a’ leithid de bharr cha chuimhneach leinn, eadhon da chiad a’s da-fhichead muillean buiseil. Tha’n aimsir glé chaochlaideach daonnan—theagamh maduinn ghrianach, bhlath, a’s uisge ’m anmoch; no lianagaich shneachda ’sa’ mhaduinn a’s aiteamh am oidhche. Tha’n cruinneach daor; tha mhin bho ochd tastain diag a’s sia sgillinn gu nŏta ’m bolla. Tha pris mhor air feudail a’s meanbh-chrodh. Tha’n fheoil fuathasach daor—cho daor agus gu’m bheil moran ’s na bailtean nach eil comasach air a faighinn idir. Tha’n gual cho daor agus gu’m bheil mor fharmad aig muinntir nam bailtean ris an fheadhainn aig am bheil pailteas moine air an dùthaich. NUADH ORAN. Air a dheanamh Do Eiridh a mach America, le Dunnchadh Ceanaideach Maighistir-sgoil ’am Meileart. Luinneag Hem o lil o lil ho ro hi, Hem o lil o lil ho ro hi, Hem o lil o lil ho ro hi, Gur coma ro choma leam cogadh no sith. ’S e cogadh dubh, deurach, na h-éiridh a mach, A thòisich gun aobhar chum daoine ’sgath as, Air an t-seachdamh-ceud-deug do Mhac Dhé ’thigh’nn á flath, Ceithir deug ’us tri fichead air imeachd a seach. [TD 269] Eadar Mòr Bhreatunn ’s America thall, Mu chìsean beag eigin a dh’ fheumadh an t-arm, A choimhead a sìth-thaimh ’s gach tìr a ta ann, ’S a chomhrag nan Innseanach dhionadh an ceann. Cha-n iochdadh na h-iochdrain ud cìsean no càin, Ach bhitheadh iad neo-cheangailt’ ri Sasunn ’s ri ’gnàth, A reachd no ceart-choir-sa cha deònaicht’ gu bràth, A dhionadh ’s a chòmhrag a’ choir ann an laimh. Bu tàir leis an uachdaran uasal, an Rìgh, ’S le’ chomhuirlich uile nach buidhinnt’ a’ chìs; Ged nach robh i gu sta-san, no dh’ àrach na riogh’chd, Ach chum am maith féin, ged nach b’ léir dhoibh a brìgh. An sin chuir a Mhorachd dream fhoghluimte nunn, Gu sìth-réite a chlosdadh ’us cordadh air suim, A bhith’dh gu’m maith féin ’s nach éignicht’ thar tuinn, Ach dh’aichein na h-eucoraich, ’s dh’ éigh comhrag ruinn. An trath nach robh againn ach cathach’ no call, An dùthaich mhor aghmhor, ’s na phaigh sinn d’ a ceann, ’Se roghnuich sinn éiridh, o’n b’éigin bha ann, ’S gu’m faiceadh na reubalaich euchdan ar lann. An cuala riamh comhrag na’s bronaich na th’ann, ’N trath b’ éigin do Dheors’ dol a stroicimh a chlann, Rinn an dion ann a chleit anns gach greadan o naimh ’S a thug eideadh ’us lon doibh ’n trath b’og ’us a b’ fhann. O an-iochd nam Frangach chaidh ’n dion anns gach cruas, O Spaintich, o Ghiosaich, ’so Innseanaich ruadh’; Chaidh an sìth ’us an saorsa a shaoradh le buaidh, Ged a chaidh an claonadh gu baothail gu fuath. Ach dh’fhas iadsan uaibhreach, ’us uailleil á ’n stor, ’S an cridhe mear, reamhar, le gean agus sogh; Air chor ’s gu’n do chuitich le dùrachd an dorn, Do mhathair an dùthcha, a chuinn doibh an t-or. ’S ann a dh’fhaodar an donas a choimeas gu léir, Ris a’ mhac struitheach òlmhor bu ghòrach ’na bheus; Ged bu mhuirneach dha ’athair le h-aidhear ’us spéis, Cha-n fhoghnadh sud dhasan ach a phorsan dha fhéin. ’N tràth shluig a mhi-stuamachd o’n truaghan a mhaoin, Thug gainne agus dolum dha eolas maraon, Air easumhlachd dhasan a dh’ àraich e maoth, ’S a thaisbein dha gràs gu ro ghairdeachail, caomh. Ghrad theich e gu ’athair gun spionnadh gun treoir, ’Nuair bha e ’dol bas anns an fhasach gun lon; Am broineagan groda ’na eilthireach broin, ’S a’ toirmeasg a chantainn a mhac dhe na’s mo. Thuit an t-iompaichte truagh ann an luaithre air an fheur, A’ guil ’us a’ caoineadh ’s b’e aogasg an t-eug; Ag aidmheach a dhòbhearta mora gu leir ’S ag guidheadh lan-mhaitheanais, ’s gealladh nach treig. [TD 270] ’S amhail sin ’s mar a tharlas do’n ghraisg ud fa dheoidh, Ge h-uaibhreach ro statoil an tabhachd ’s an treoir; Feith, ’us chitear iad fhathasd a’ gal ’us a’ bron, Air son gach mor thruaighe thug uaill ann an coir. Nach iomadh ceud curaidh thug cuiridhnean ard, Do’n bhuidhinn an-fheile nach toilleadh a bhaigh; Gu tighinn fo fhasgath am brataich ’us tamh, O dhortadh na fola, ’s bhi tairis an saimh? Nach cruaidhean cridhe, gun tiomachadh riamh, ’S bhi ’faicinn an daoine nan slaod air gach sliabh; ’S gun truas aig an cairdean do’n amhghar o chian, O’n chaidh an truailleadh le fuath ’us droch mhiann? Nach amaideach, gorach, an doigh air an d’ fhas, Iad cairdeach ri’n naimhdean, ’s nach ann air an gradh; A tha iad ’g an comhnadh gach lo’ anns a’ bhlar, Ach chum ’us gu’n deonaicht’ dhoibh coir ann an ail’? Nach lionmhor an truaighe o’n ghluais iad a mach, Tha ’m fearann gun bharr, ’us tha’n tain ’gan sgath’ as; An treudan ’nan spollaibh aig oigridh nam flath, ’S gun eideadh no comhdach tha ’n ton anns a’ chath? Cha-n’eil luibh ann an achadh, no ’machair, no ’m beinn, Bha eifeachdach, fallan, an galar no’n tinn. Nach deachaidh a thachdadh, ’s a chasgairt gun fhoinn, O’n thoisich a’ charraid le gasraidh na foill. Chaidh toradh na coille an gainnead gu léir, ’Us thoirleum gu làr ann an cràmhaig ’s nan ceir, Chaidh ceairdean, ’us malairt, ’us ceannachd gun fheum ’Us miltean a chreachadh ’bha gaisgeil gu h-euchd. Ged thug iad ’n an triuir uainne dùbhlain nan lann, ’S ged fhuirneisich Duidsich dhoibh fùdar nach gann; Cha gheill sinn, ach buaidhichidh suas thar an ceann, ’S mar chomhar’ buaidh-laraich bithidh làbhrais ri crann. Tha’ n ionmhas ’g a tràghadh gach là do na sloigh, Tha coimhead na làrach ’s o ghàbhadh thigh’nn oirnn; Ach chi sinn an là nach aidhearach gleois, Luchd dhùsgaidh na tuaireip, ’s cha truagh leinn an deòir. An t-sùil a ni fanoid, air ’athair caomh féin, ’S tha ’tabhairt d’a mhathair gach tàir ’us mi-gheill, Ni fithich an fhàsaich an cràdh’ as a cheil’, ’S na h-iolairean òga dhiubh lòn agus béidh. Mhallaich an athair, ’s cha d’ bheannaich iad riamh, Am màthair a dh’ fhòir air an dòlum gach iall; Ann am fradharc cho àrd ’s nach b’ aìll leo an riar, O’n dh’ fhàs iad ro làidir air tailleamh namh fial. Fhuair gionach ’us sannt ann an cridheachaibh cruaidh, ’S nach toilicht’ gu bràth iad na ’s mò na ’n uaigh; A dh’ fhàsas nis torrach cur chorpaibh an t-sluaigh, ’S gheibh a’chlarsach ’s am foghnan, ’s an ròs caithream buaidh. (Gu bhi air a leantuinn ’san ath aireamh.) [TD 271-278] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 279] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] TREAS MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1873. [11 AIR. AIR CRUINN-MHEALLABH SOILLSEACH NAN SPEUR. III. Earrann. AIR CO-SHUIDHEACHADH BENUIS AGUS NA TALMHAINN. An uair a bheachdaicheas sinn le curam air na neamhaibh os ar ceann, far am bheil na milte grian, rionnag, agus reult, a’ tilgeadh a mach an soluis air feadh na cruitheachd, agus far am bheil iad gu leir air an suidheachadh gu h-eagnaidh, agus a’ siubhal gu riaghailteach ’n an cuairtibh eug-samha fein, is ceart a dh’ fheudas sinn éigheach a mach maille ri Salmadair binn Israeil—“Cia lionmhor t-oibre, a Thighearna! ann an gliocas rinn thu iad gu leir,” “agus molaidh t’ oibre gu leir thu.” Tha cumhachd neo-chriochnaichte Iehobhaih air ’fhoillseachadh d’ar sealladh, agus d’ar tuigse, air mhodh mhiorbhuileach, leis na solusaibh a ta ’triall gu neo-mhearachdach ’n an cuairtibh sònruichte, agus a ta, mar sin, a’ co-lionadh na crìche air son an d’ rinneadh iad air tùs! Co, uime sin, aig am bheil comus amhairc air na comharaibh mòr agus soillseach so, gun a bhi a’ beachd-smuaineachadh air bith, air làthaireachd, agus air cumhachd an Ti sin, trìd am bheil gach ni anns na neamhaibh, agus air an talamh, a’ co-sheasamh? Air an aobhar sin, “Biodh ard chliu Dhé ann am beul nan uile, moladh iad e air son a ghniomhara treuna—moladh iad e ann an speuraibh a chumhachd.” Air duinn cunntas a thoirt ’s an earrainn mu dheireadh, air an rèult Mercuri, òn is i a’s dluithe do’n ghréin, labhraidh sinn, a nis air Bhénus, an ath reult ann an ordugh. Tha’n reul dhealrach so a’ cuairteachadh na gréine ann an cearcall a ta ochd agus tri fichead muillean de mhiltibh air astar uaipe; agus tha i a’ triall air a slighe mu thimchioll ceithir fichead mile de mhiltibh anns an uair! Tha i seachd mile agus ochd ceud de mhiltibh troipe, a’ cur car di air a mul fein ann an ceithir uairean-fichead, agus a’ criochnachadh a turuis mu’n ghrein ann an dà cheud agus ceithir latha fichead gu leth de na laithibh againn-ne, ùine a ta ’deanamh suas na bliadhna aice-se. ’S i Bhenus, de gach uile reult, a’s faigse do’n talamh againne-ne, air an aobhar sin chithear mòr agus dealrach i an coimeas ri aon air bith eile de na reultaibh! Theirear, mar a’s trice, an reult-mhaidne, agus fheasgair, rithe so. An uair a bhios i an iar air a’ ghrein, chithear anns a’ mhadainn i, agus an uair a bhios i an ear air a’ ghrein, chithear air an fheasgair i, corr agus leth-bhliadhna m’an seach!—Cha’n ’eil Bhenus a bheag ni’s lugha na’n talamh air am bheil sinne a’ gluasad, ach air di a bhi ni’s faigse do’n ghrein, tha barrachd teas agus soluis a’ bualadh oirre, na tha air an talamh! Ged nach ’eil an reult mhaiseach so, aig astar co fad uainn-ne ris na reultaibh eile, gidheadh tha a dearrsadh agus a soilleireachd co mòr, ’s nach soirbh aon ni amharc oirre leis na gloineachaibh, eadhon a’s fearr, chum gach ni a bhuineas di a chur an ceill le fior chinnteachd. Air do na cuairtibh aig Mercuri agus Bhenus, a bhi eadar an talamh agus a’ ghrian, chithear iad a’ fas agus a’ caitheamh, cosmhuil ris a’ ghealach ur! Tha na cuairtean anns am bheil iad a’ ruith, [TD 280] co cumhann, an coimeas ri cuairtibh nan reult eile, ’s gu’m bheil iad a ghnath air am faicinn am fagus do’n ghrein, agus air uairibh tha iad co fagus di ’s gu’m bheil a dearrsadh ’g am foluch gu h-iomlan o ’r sealladh! Nach leoir na nithe so chum gliocas neo-chriochnuichte an Ti a dhealbh iad a dheanamh follaiseach do na h-uile? agus nach leoir iad chum toirt oirnne a radh, maille ris an abstol—“Tre chreidimh tha sinn a’ tuigsinn gu’n do chruthaicheadh na saoghail tre fhocal Dé, air chor do nach d’ rinneadh na nithe a chithear do nithibh a bha r’am faicinn.”--Eabh. xi. 3. Labhraidh sinn, a nis, mu’n talamh, a ta ’n a reult cosmhuil riusan a dh’ ainmich sinn agus a’ siubhal mu’n cuairt do’n ghrein ann an àm suidhichte! Is ball cruinn an talamh, a ta dluth air ochd mile de mhiltibh troimhe, agus còig thar fhichead mile de mhiltibh mu’n cuairt. Tha e ’siubhal mu’n cuairt do’n ghréin ann an cearcall, a tha ceithir fichead, agus còig muillean deug de mhiltibh air astar uaipe: agus gabhaidh e tri cheud, tri fichead, agus còig laithean, agus teann air sea uairean ùine, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein, agus tha ’n ùine so a deanamh suas na bliadhna againne.—Ged is bras a ta ’n talamh mar so a’ siubhal sea fichead uair ni’s luaithe na peileir gunna-mhòir gidheadh, cha ’n ’eil e idir co luath ri Mercuri, a cheann nach ’eil e ’deanamh ach mu thri fichead agus ochd mile de mhìltibh anns an uair, am feadh ’s a ta Mercuri ’deanamh corr agus ceud mile de mhiltibh! Tha’n talamh, mar an ceudna a’ tionndadh air a mhul fein, gach uile cheithir uaire fichead agus mar so tha ceithir uairean fichead air fad anns an latha againn-ne! Tha na nithe so uile iongantach annta fein; ach an déigh sin tha iad fior. Cha soirbh, gidheadh, le daoinibh aineolach a thuigsinn, gu’m bheil an talamh idir a’ carachadh, no ’gluasad as an aon àite. Tha iad mar a’s trice s a’ bharail, gu’m bheil e neo-ghluasadach, am feadh ’s ta a’ ghrian, na rionnagan, agus feachd neimhe gu leir, a’ cur char diubh mu’n cuairt da!—Is iongantach leò, mar an ceudna r’a smuaineachadh, gu’m bheil an talamh so ’n a reult, a ta ’n am beachd-san, ni’s mò na aon air bith de na rionnagaibh beaga, drilinneach sin, a chithear ’n am miltibh anns na speuraibh, air oidhche shoilleir. Ach tha e fior, gu’m bheil an talamh a’ gluasad air a mhul fein, gach là; agus ann an cearcall mu’n cuairt do’n ghrein, gach bliadhna; ceart mar a ta Mercuri, Bhenus, agus na reultan eile. Tha mòran an dùil, gu’m bheil a’ ghrian agus na reultan, a’ ruith gu luath anns na speuraibh mu’n cuairt do’n talamh, nach ’eil a’ carachadh as ’aite; ach tha iad air am mealladh an so ’n am barail, ceart mar a ta iad, an uair a ghiùlainear iad seachad gu luath air luing an cois fearainn; oir an sin, tha iad an dùil, nach ’eil an long a’ carachadh; ach gu’m bheil am fearann a ruith gu grad seachad orra! Dh’ ainmich sinn a cheana, gur i a’ ghrian a’ ta toirt soluis agus teas do na reultaib huile, agus air do’n talamh so a bhi ’na reult, tha e ’mealtuinn buannachd an t-soluis agus an teas so mar an ceudna. Tha dàrna leth na talmhainn a ghnàth air a shoillseachadh leis a’ ghréin, agus tha’n leth eile ann an dorchadas. Ach o’n tha’n talamh a’ tionndadh air a mhul fein, o’n iar gus an ear, gach uile cheithir uaire fichead, tha solus agus dorchadas a’ teachd oirnne mu’n seach, anns an ùine sin. Mar so, tha là agus oidhche a’ leantuinn a cheile; agus an uair a ta an taobh air am bheil sinne do’n chruinne-ché, air a shòillseachadh, tha ’n taobh eile dheth ann an dorchadas. Air an aobhar sin, an uair a bhios an là againn-ne ’s an Eilean Bhreatunnach, bithidh an oidhche aca ’s na h-Innsibh an aird an ear—ann an China agus ann an Australia! Tha mar an ceudna, claonadh sonraichte aig mul na talmhainn, trid am bheil solus na greine a’ [TD 281] bualadh aig amannaibh de’n bhliadhna, air earrainn ni’s lugha de chearnaibh tuatha na talmhainn, na aig amannaibh eile; air an aobhar sin, tha na laithean againn fada agus goirid, a reir sin. Agus feudaidh sinn a nis ainmeachadh nach ’eil na cuairtean, na cearcaill, no na slighean farsuing sin, anns am bheil na reultan a’ siubhal mu thimchioll na greine, gu h-iomlan cruinn, ach air cumadh uibhe; air an aobhar sin, tha e furast fhaicinn, an uair a ta a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan cuairt sin, gu’m bi na reultan a ta ’gluasad annta, ni’s faide o’n ghréin, aig amannaibh araidh de’n bhliadhna, na aig amannaibh eile. Ceart mar so, ma ta, tha’n talamh a’ suibhal mu thimchioll na greine, ann an cearcall a ta ni’s mò ann am fad, na tha e ann an leud; uime sin, tha e air uairibh de’n bhliadhna fad o’n ghrein, agus air uairibh eile ni’s giorra uaipe; agus tha so, maille ris a’ chlaonadh a ta ’n a mhul fein, a’ deanamh Samhraidh agus Geamhraidh, a cheann do thaobh nan astar eug-samhla a ta’n talamh o’n ghrein, nach ’eil a chearnan iomallach a’ mealtuinn a soluis agus a teas, ann an tomhas co-ionann. Tha gach cuairt agus gach caochladh dhiubh so, air am faotuinn a mach co cinnteach, agus, co eagnuidh le reulatairibh, agus air an tomhas co curamach leò, ’s gu’m bheil fios aca air a’ cheart uair agus mhionaid anns an criochnaich gach reult a turus, agus cia co fad ’s a ta an laithean, agus am bliadhnaichean fa leth. Gu cinnteach is iomadh innleachd a fhuair an duinne a mach; ach an déigh sin cia faoin a dhichioll, agus cia co neo-iomlan a chomas, chum slighean, agus oibre an Ti ghlormhoir sin a rannsachadh a mach, A ta ’na shuidhe air cuairt na talmhainn! An urrainn sinne le rannsachadh Dia fhaigheil a mach gu h-iomlan? Feuch is iad na nithe air an robh sinn a labhairt, cuid d’a shlighibh; ach cia beag a’ chuibhrionn a chuala sinn deth? SGIATHANACH. CALLUM A’ GHLINNE. V. Earrann. Cho luath ’sa fhuair Callum cairtealan freagarrach ann an Glaschu, an aite a bhi ’cur seachad uine, no a’ caitheamh nan gearr-bhonn a’ sireadh a luchd-duthcha agus a luchd eolais o shraid gu sraid, is ann a sheall e mach airson cosnaidh, ann ’sa’ cheud dol a mach; agus cha deachaidh e ach goirid gus an do shoirbhich leis; agus cha b’ fhada gus an do choisinn e deagh-ghean agus muinighin a mhaighistir; oir a bharr air e bhi ’n a oibriche glan, teoma, riaghailteach agus bunailteach, bha e smiorail, tapuidh, gradcharach, suairce, siobhalta agus taitneach ’n a chonaltradh agus ’n a ghiùlan. Mar choigreach am measg aireamh cho mor—oir bha corr agus leth cheud fear ceairde ag obair fo’n aon fhardoich ris—dh’ fhairich e gun dail cho feunail ’sa bha e dha ’bhi air ’fhaicill agus ’n a dhusgadh ’n am measg. Bha cuid dhiu nach do cheil am mi-run, an gamhlas, agus am farmad ris as leth na choisinn e de mheas agus de fhàbhar o ’mhaighistir, agus o luchd-riaghlaidh na h-oibre. Bha cuid dhiu a thaisbean o’n leth-a-muigh caoimhneas agus saorsa ris, a chuir deuchainn ri h-uine air a chairiseachd air a dhuinealas, agus, air a chrionnachd. Bha caraiche sliom, seolta, ’n am measg d’ am b’ ainm Micheil Balgaire. Bha cliù agus sloinneadh Mhicheil ann an ioma seadh co-fhreagarrach ri cheile. B’ aithne dha gu gle mhath, e fein a thaisbeandh anns gach caochladh cruth agus coltais a dh’-fhaodadh a bhi freagarrach do gach suidheachadh anns an tachradh dha tuiteam. Ann an seadh àraidh, bha Micheil, “na h-uile ni do na h-uile neach,” a thigeadh ’n a rathad. Bu choidheas leis cuideachd Criosduidh no Anacriosduidh, ant uasal no ant anuasal, an glan no an neoghlan, na ’n saoileadh e gum bu chomasach dha, le an deagh-ghean a chosnadh, an caradh no an [TD 282] aomadh airson a chriochan cuil-bheartach gabhdach fein. Do neach air bith a bhiodh déigheil air taitneasan ana-measarra a’ bhaile mhoir, b’e brod a’ chompanaich agus an fhir-iùil e. Cha robh ciùl no cùilidh uaigneach, taigh-cluiche no seomar ciùil, no seomar dannsa an taobh a staigh do chriochan Ghlaschu air nach robh e mion-eòlach. Cha robh cleasaiche no ban-chleasaiche, àmhailteach no burraidh-abhachd air na sgàlain-chluiche o chladach gu cladach de’n rioghachd air nach robh tomhas de fhiosrachadh aige, agus gu h-àraidh mu gach cagarsaich sgainnealach no amharusach a thaobh an cliù modhanail. B’aithne dha o sheachduin gu seachduin co iad na h-eich-reise as am bu mho an robh de earbsa aig luchd na geall-chluich air feadh na rioghachd, agus na gill a bha air an leagail an aghaidh a cheile as an leth anns gach aite fa chomhair nan reisean anns an robh iad gu ruith. B’aithne dha gach taigh osda ann ’sa’ bhaile far am biodh coinneamhan diomhair aig luchd na geall-chluich o’ àm gu àm, agus am measg am faighte moran de chleirich agus de ghillean bhuithean d’am bu chleachdadh a bhi ag gabhail air iasad gun chead, á cobhain-airgid am maighistirean, air chunnart a bhi air am brath agus air am maslachadh, ach daonnan ann an dochas ri buannachd fhaotainn dhoibh fein gun fhios agus gun chall d’am maighistirean. Leag Micheil a shuil air Callum o’n cheud dol-a-mach, agus ged a bha e glé shoilleir dha nach ro mòr mheas aig a chomh sheirbhisich air Micheil, ciod air bith a b’aobhar dha, fhuair Callum e cho suairce, cho comaineach agus cho failteach is gu’n robh e gu mor air a thaladh ris mar charaid anns am faodadh e tomhas de earbsa ’chur; ach cha bu luaithe dh’ fhairich Micheil gu’n do choisinn e a mhuinighin, na ’thaisbean e na criochan a bh’aige ’san amharc anns gach caoimhneas agus cairdeas-beoil a nochd e dha. Air do Challum a bhi na choigreach agus ro dheigheil air cuid de iongantasan Ghlaschu fhaicinn, dh’aontaich e gu toileach ri dol mu’n cuairt le Micheil anns na feasgair; agus gu dearbh cha b’ fhurasda dha fear-iuil a b’ fhearr fhaotainn; ach air a’ cheud fheasgar a ghabh iad cuairt feadh a’ bhaile, cha deachaidh iad ro fhada gus an do bhuail pathadh air Micheil, agus b’ fheudar taghal aig aon de thaighean òsda a’ Bhroomielaw airson deoch-ùrachaidh. Bha Micheil eolach air an osd-fhear—duine uasal fiùghail, coir, flathasach, agus fior Ghaidheal gu craimh an droma, agus aig am faighte smior an Ilich, gun truailleadh gun mheasgachadh. Mu’n gann a chaidh iad thar na stairsnich bha bord-malairt nach faca Callum a leithid riamh o ’rugadh e—luchdaichte le stòpain agus le noigeanan airgid agus crystal, agus fear an taighe e-fein gun ad gun bhoineid, gun chota gun chasag, le muilcheanan a leine trusta gu ’achlaisean, agus e ’cur na smuid dheth a’ taosgadh suas dibhe de gach seorsa a broinn a’ bhuird-mhalairt, le geimhleagan riomhach air an còmhdach thairis le or, le airgiod agus le iobhri. Chuir an t osd-fhear failte chridheil air Micheil, agus ceud failte air a’ choigreach òg, air do Mhicheil ainm ’sa shloinneadh ainmeachadh. Sheòl e staigh iad do’n t-seomar chuil, ach anns an dol seachad thug Callum fainear do Mhicheil a’ caogadh ris an osd-fhear. ’N uair a dh’ fhosgail dorus an t-seomair, bha e cheana lan de aoidhean, dheth nach do ghabh Callum mor chiatadh: a bharr air na bha de ghleadhraich agus de utaig ’n am measg, cuid a’ seinn òrain, agus cuid a deasbad agus a connsachadh: bha fàileadh deistinneach toit thombaca agus na min-shàbhaidh shalach lobhta leis an robh an t-urlar air a chomhdach is gu’n d’ fhairich Callum bochd e fein an impis a thachdaidh, thionndaidh e gu grad air a shail, le run a bhi mach air an t-sraid a dh’ aon [TD 283] leum, ach bha Micheil agus an t-osdair ri ’uchd. Threòraich iad e a staigh do chuil bheag chumhann dhorcha far an robh bord beag aimhleathan, agus aite suidhe airson triuir no ceathrar. Rinn fear an taighe an dith-bheatha le sgaile a’ bhotull fein, agus dh’ fhàg e ’nan aonar iad. Cha bu luaithe ’fhuair Micheil iotadh a chasg air cosd Challuim na dh’ fhas e rud eigin sgith, agus cha rachadh e ni b’ fhaide air an fheasgar ud. Am feadh a bha Micheil a’ leigeil a sgios dheth, bha Callum ag eisdeachd le cluais fhurachair ris na bha dol air adhart anns an t-seomar chuil, agus anns na cuiltean cumhann eile a bha fosgailte ri dorus cuil an taigh-osda. Cha b’fhada gus an cual e sgal na pioba moire ga gleusadh air taobh eile na claraidh, agus casbhruidhiun ard ghleadhrach de bheurla agus de ghailig am measg a cheile; agus gun dáil thainig fear an taighe staigh gun chead gun iarraidh, don chuil ’s an robh Micheil’ agus Callum, le dithis no triuir comhla ris de Ghaidheil rapach, leibideach, nach robh ro sgiobalta aon chuid ’nan eideadh no ’nan conatradh. Chuir iad failte chridheil bhrosgullach air Callum, mar choigreach agus mar fhear duthcha; agas gun tuilleadh seamsain, dh’ fheumadh e dol leo, aill ar n-aill, don t-seomar ’s an robh an ceol agus an dannsa. Thug Callum taing dhoibh airson an caoimhneis, ach dh’ iarr e orra a lethsgeul a ghabhail; agus dh’ innis e dhoibh nach robh a bheag de thlachd aige ’n a leithid sud de chaitheamh-aimsir. Chunnaic Micheil ann an tiota nach robh a chompanach gu bhi air a ribeadh aon chuid le smadadh no le mi-mhodh, agus dh’eirich e gu grad agus thuirt e ri Callum gu’n robh an t-am a bhi ’bogadh nan gad. Ghabh e eagal, mar bu mhath a dh’ fhaodadh e, gu’m faca agus gu’n cuala e air an fheasgar ud na bu leor gu a ghraineachadh gu buileach o bhi a’ tathaich air osd-fhearan Ghlaschu. Thainig eagalan Mhicheil gu lan bhuil mar a shaoil e, oir riamh ’na dheigh sud cha chuireadh Callum air ailghios caraid no eascaraid, a chas thar stairsneach aon de mhisg thaighean Ghlaschu, mar theireadh e riu; an aite sin is ann a bha e le buaidh ’eiseimpleir agus a chomhairle, ’na mheadhoin air ioma boganach bochd simplidh dheth a luchd duthcha a thiorcadh uatha. Cha robh e riamh na thur-sheachnuiche; cosmhuil ri ioma ni eile, b e ’bheachd soilleir suidhichte nach robh aon chuid cionta no cunnart ann a bhi a’ gnathachadh deoch laidir gun a bhi ga mi-ghnathachadh; cha mho a bheireadh e gnuis no aonta do ghluasadan no measarrachd fhoirneadh a dheoin no dhaindeoin air a mhor shluagh le Achd Pàrlamaid, ach rachadh e le ’uile chridhe ann an aobhar gach gluasaid d’ am bu chrioch a bhi ’sguabadh air falbh no a lughdachadh aireamh misg-thaighean nan grùdairean mosach, salach, suarach, a tha cho millteach air deagh bheusan agus air maith coitchionn nam bailtean mora—na “h-uaighean gealaichte o’n taobh a muigh” le ’n coinnleirean meurach, agus le ’m breaghachd dhrillseach riomhach chosdail, ach o ’n taobh a staigh na’m fàilean malcta, le’n cuiltean salach cumhann dorcha far nach faigh coigrich no luchd astair aite tàimh no cadail, biadh no deoch, ach deoch laidir; agus a tha ’tarruing am beòlaind ach beag gu h-iomlan o struidheas anameasarra fotus an t-sluaigh. Be sud an co-dhunadh gus an d’ tháinig Callum air an fheasgar ud, mar thoradh air na chuala agus na chunnaic e an taobh a staigh do ’n taigh osda ann an cuideachd Mhicheil. Coma co dhiu—bha ribeachan eile aithnichte do Mhicheil leis am faodadh Callum ma’ dh’ fhaodte, ’bhi air a ghlacadh, agus chuir e roimhe feum a dheanamh de gach cothrom a thigeadh gu bhi ga thaladh ’n an dail gu h-athaiseach le foighidinn agus le seoltachd MUILEACH. (Ri leantuinn.) [TD 284] BOINEIDEAN CORRACH. DHUINDIAIGH. AIR FONN “The Bonnets of Bonnie Dundee.” Ri sàir Cuigse ’n Dunéidiunn Thuirt Cléibhers’ mar so— Mu’n d’ thig crùn an Rìgh ’nuas ’S ioma cnuachd a bhios goirt; Gach lascaire treun Leis an éibhneas glonn-ghniomh ’Nis togadh air, ’s leanadh e Boineid Dhuindiaigh! FONN—Lionar mo chopan Dearr-lionar mo chuach ’Us diolaidear m’ eachraidh, A mach biodh mo shluagh; ’Ghrad fhosglar an t-Iar-phort, ’Us leigear dhomh triall,— Tha togail fo bhoineidibh Corrach Dhùindiaigh. Leum Cléibhers’ air ’each Agus mharcaibh tre ’n t-sràid Sheinn na cluig air an ais, Bhuail gach druma le stàirnn; Ars’ am Prothaiste còir, “Leigear fòil leis a shrian, Oir ’s maith as ar comunn An Rosad, Dundiagh.” Lionar mo chopan, &c. Mar mharcaich le sùrd Tre na Lùbaith, ’n a still, Bha gach cailleach a’ tathunn, ’S a’ crathadh a cinn; ’S na h-ògana gràsmhor, ’G amharc blath air an t-sonn, ’S a’ guidhe ‘buaidh-larach,’ Do dh’ Armunn nan glonn.’ Lionar mo chopan, &c. Lion Cuigsiche searbh-ghnùiseach Margadh-an-fheòir; Mar dhaoine ri’n crochadh B’e coltas a phòir, ’N uair’ bha iad a’ coimhead, Le goigh, ’us le fiamh, Am faiceadh iad seolladh De bhoineid Dhùindiaigh. Lionar mo chopan, &c. B’airm sleagh, ’us bior-feòla Do na ceosaich o’n Iar, Agus corc air bharr bata, A chasgradh nan cliar; Ach theich as an rathad, Le h-athadh fo dhion, Aig faotainn doibh plathadh De mhaithibh Dhùindiaigh. Lionar mo chopan, &c. Spuir ’each gu cois craige sin, Caisteil nan stuadh, Thuirt grad ris a Cheann— Coileach sar an Taoibh-tuadh— “Canadh ‘Meig,’ ’sa co-bhrath’rean, Diog bhlath’-coig no sea— A labhras teas graidh Bhoineid aird-ghuirm Dhuindiaigh.” Lionar mo chopan, &c. Diuc Gordon ’sin dh’ iarr, ‘Cean is triall dhuit a Sheoid?’ “An ceum sin a dh’fhoillsicheas Taibhse Mhointrois! ’Us cluinnidh bhur Grasan, Gun dail ormsa sgial; No ’s iosal ’s an arfhaich Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh Lionar mo chopan, &c. “Ma tha Moirfhearan pailt, Ann am magh-thir man Gall, Gur lionmhor Cinn-chinnidh, ’N tir ghlinnich nam beann, ’S naoi mile Duin’uasal, ’Dh’ eireas ’suas leam gun fhiamh ’Us iolach a thogas Air bhoineid Dhuindiaigh Lionar mo chopan, &c. “Air an sgeithidh tha pràis— Seiche làn chairte ’n tairbh— ’S an truaille ’tha lamh ri’ Tha staillinn gun mherig; Agus dearsaidh a’ phràis, Drillidh ’n staillinn mar ’ghrian ’N uair’ thogar le h-ardan Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh. Lionar mo chopan, &c. “Air falbh thun nan coilltibh, Nan creag, ’us nam beann; [TD 285] Ni mo leaba ’s an t-Saobhaidh, Mu ’n taobh le righ feall. Gabhaidh oillt, a chealg-chuigsich, ’S gearr-mhairiann bhur rian, Dh’ fheobh fathast garbh-sheolladh De bhoineid Dhuindiaigh.” Lionar mo chopan, &c. Chrath e rithe nan euchd, Agus sheid an stoc cruaidh, ’Choire-dhruma bhuail bras, Am marc-shluadh ’ghrad ghluais; Seach Stiuic Bhaile-raobhaill, Agns Raon Bhaile-cliar— Gu’n ’chailleadh, ’san astar, Ceol tartrach Dhuindiaigh. Lionar mo chopan, &c. [Ead. leis an Olla Urr. Iain Mac-an-t-saoir, a bha ’n Cill-Math-Nìbheig.] IOLAIRE LOCH-TREIG. Bha roimhe seo seann iolaire mhór a’ tàmh an Aird-mheadhoin Loch-Tréig, far am minig a bha a seòrsa. Bha i liath leis an aois bho’n bu chuimhne leatha fhéin e; ’s bha i uime sin an dùil gum b’ì créutair bu shine bha beò ri linn. Ach an earalas nach faodadh a comhaois a bhi mairionn an àit eigin, chuir i roimhpe , an ciad chothrom a gheobhadh i, sgrìb a thoirt air chuairt. Bliadhn’ a bha ’n sin, thàinig an aon Oidhche-Bhealltuin a b’ fhuaire dh’ fhairich no chunnaic i riabh, agus smaoinich i gum bu mhath an leisgeul d’i e air a rùn-fallaich a chur an gnìomh; agus ’s a’ mhaduinn mhoich Latha-Bealltuinn sin fhéin seach latha sa bith, mu’n do bhlais na h-eoin eile ant uisge, togar oirre air cheann a turuis. Cha robh dùil bheò a thachradh oirre—ach nial na h-aoise bhi oirre, nach farraideadh: Am fac thu Oidhche-Bhealltuinn riabh cho fuar ris an oidhche ’n raoir? ach chan fhac a h-aon. Coma bha ’n latha ás a thoiseach, ’s bha i mar seo ag cumail air a h-aghart gun chluain, gun chlos gus an do thachair seann dreathan donn còir oirre. “Fàilt air an dreathan, Latha buidhe Bealltuinn,” ars ise, “am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Ach sean ’s g’ an robh tuar ’us dreach an dreathain, cha b’ fhiosrach e gu’m fac. Cha robh eòlas aige air créutair bu shine na e fhéin; ach chual e gu’n robh seann ghobha-dubh bho chian am Bun-Ruaidh, ’s ma bha e fhathast beò, gu’m bu dualach, ma thàinig a leithid, gu’m fac esan i; agus sheòl e ’n rathad dh’ i. Thug i taing do ’n dreathan, agus togar oirre gu cèardach Bhun-Ruaidh. Ràinig i; ach cha robh roimhpe ach làrach fhuar—thriall gach mith ’s gach math, ach an gobha-dubh; ’s bha esan fhein bho chian dall leis an aois, agus an déigh toll a dheanamh ’s an innean ag glanadh a ghuib. Chuir i failte na Bealltuinn air a’ ghobha, ’s dh’ innis i fàth a turuis: “Am fac thu riabh,” ars ise, “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thug an gobha glaomadh bochd air fhéin, ’s thuirt e nach faca riabh, agus nach cual e iomradh air a leithid; ach gu’n robh seann ùdlaiche bho chionn fhios c’ uine tathaich Choill-Innse; ’s gu ’n robh a chalg air liathadh leis an aois bho ’n bu chuimhne leis-san a bhi na bhùta beag a’ sgiathais air feadh nam preas. “Bu tric leis ùine ’s aimsir an déigh sin,” ars esan, “tighinn a nall air chéilidh orm a chur seachad na h-oidhche faide Geamhraidh, agus a thoirt sgeòil domh air cor na dùthcha; ach sguir sin. An turus mu dheireadh a bha e bhos, bha ’n aois cho tróm iar laidhe air, ’s gu ’m beil eagal orm nach ’eil e ’n urrainn gluasad mór a dheanamh. Thug sinn cho fad an coimhearsnachd a chéile, ’s gu’n dean mi, mar a thuigeas tusa, sogan ri sheann langan, tùchanach mar a thà, an uair a chluinneas mi e ’s a’ chamhanaich. Is e créutair a’s sine tha làthair an diugh fad m’ aithne ’s m’ eòlais; agus ma ni thu guth aige ’s an dol seachad, innis dha fàth do thuruis, agus gu’m fac thu [TD 286] mise; ’s mur d’ thàinig caochladh air ni e do làn di-beatha.” Dh’aithris e ’n sin d’i gnothuichean àraid a thachair ri linn nan triath bu chuimhne leis am faicinn; mu éuchdan a shìnnsrean, agus mu bhuil a mhuirichinn. An uair a bha iad ag gabhail “maduinn mhath” le chéile dh’earb ’us dh’earail e oirre taghal aige an ath uair a bhiodh i ’n rathad. Gheall i gu modhail do’n ghobha gu’n taghladh; agus thog i oirre do Choill-Innse, ’s fhuair i ’nt ùdlaiche na chrùban am fasgadh seann stuic-fhéarna agus spideanan deighe le cuinneannan a shròine. Chuir i fàilte na Bealltuinn air agus dh’innis i fàth a turuis: “Am fac thu riabh,” ars ise, “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Bha ’nt ùdlaiche cho sean ’s gu’n do “leig e ’n cabar air ant shlinnean;” ach thuirt e air a mhìn-athais nach bu chuimhne leis gum faca riabh. Fhuair i gu faoilteach, furanach e, agus dh’fhiosraich e gu caoimhneil mu’n ghobha dhall. Thug iad an sin treallan air seanchus agus air sloinnteireachd, ’s bha’n iolaire dol a thagairt urram na h-aoise; ach an uair a bha iad a’ dealachadh, thuirt ant ùdlaiche gu’n robh breac cam ann an lochan Choire na ceanainn, air an do chuir e eòlas an tràth a bha e na laoighean òg an cois a mhàthar a’ tighinn a nall an Làirig-leacach á Béinn a bhric. “Bha smalaich na h-aoise air an uair sin fhein,” ars esan, “agus ma tha ùine agad, is fiach dhut dol dh’ a choimhead—is cnacaiche gasd e.” Is e bh’ ann gu’n do thog i rithist oirre, ’s gu’n d’ ràinig i ’n lochan. Chuir i deoch-eòlais air a’ bhreac cham, agus dh’ innis i fath à turuis; “Am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thuirt am breac gu’m fac—aon oidhch’ eile, ’s gu’n robh i cho fuar, ’s ged a bha e ’n teas ’fhala ’s an tréine ’neart gu’m b’ éudar dha tòiseachadh air gearradh shùrdag air feadh an uisge ’chumail teas air fhéin; “Agus,” ars esan, “sùrdag dh’ an d’ thugas, leumar ás an uisge, ’s buailear mo leth-cheann ris an lic dhuibh ud thall; ach bha nimh an reothaidh cho dian, ’s mu ’n d’ fhuair mi mi fhein a thoirt air m’ ais gu’n do lean mo shùil ris an lic; ’s dh’ fhàg sin an diugh mise cam!” An tràth chual an iolair seo, thug i modh ’us urram na h-aoise do ’n bhreac; agus thìll i air a h-ais adh Aird-mheadhoin adh aithris a sgeòil do ’n àlach òg. Chunnaic iad ioma latha geal, grianach an déigh sin; ach cho fad ’s a b’ urrainn d’ i sgiath a ghluasad, cha deachaidh Latha-Bealltuinn fuar no teth seachad oirre nach deachaidh i tacan air chéilidh air na h-aosdai còrr—an gobha, ant ùdlaiche, agus am breac. ABRACH. An Tom Buidhe, Toiseach a’ Gheamhraidh, 1872. “AN GAIDHEAL” AGUS AN EALA. “An Gaidheal.” A! Eala bhàn o àros chiar nan tonn Stad air do sgeith, ’s thoir eisdeachd uair do m’ ghuth: Innis ciod e am fearann garbh nan sonn A chunnaic thu ’n uair threig thu fairge liath nan sruth. An Eala. Chnnnaic mi thall air cladach lom na h-iar, (Bha ghrian san àm a tearnadh dluth ri cuan) [TD 287] Oigfhear leis fhéin, ’s a shuil air tonnan fiar Mar neach a dealbhadh bhriath’r, no aon a riarach smuain. “Ruithidh” thuirt e “gu luath a nuas gu sàil Am fuaran àigh ged ’s uaigneach e ’sa’ghleann; Ach o mo chridh’! s tu ’m fuaran daonan làn, Gun doigh ’san ruig do dhain luchd aiteach tir nam beann.” Chnnnaic mi rìs ’s’mi triall seach sliabh a’ cheo, An t-aosd air carn bha liath-ghlas mar e fein; Bha e mar neach a stad bhi measg nam beo: Mar thaibhs’ an ceo nan stùc; gidheadh ’n a shuil bha seun A bhac mo thriall, is dh’ eisd mi ris a’ ghlaodh A bhris o ’bheul, ’se ’bualadh ’chas air làr: “A chuirn! a chuirn, ged ’s balbh thu ’n seo ri m’ thaobh, Mor smuainte duisgidh tu air linnte aosd nan sàr. “Ach ged bu leamsa spiorad mor nam bàrd. An cluinneadh càch gu robh mo leithid ann? Nach bith’n mar eun leis fhéin am frìth nan àrd Gun aon am fagus dà a bheireadh freagradh fann?” Aon sealladh eile tharruing sios mo shùil:— Maighdean ’n a h-aonar dlùth ri sruthan luath, Bha ’ciabha dorch ag crith-chluich sios mu ’cùl, ’N uair sguabadh osag chiùin a nios feadh lùb nam bruach. “A shruthain aosd” cha bhris an t-aog do ghuth (Seo chuala mi ’tigh’n nios troimh’n bharrach uain’) Theid tìm, am milltear, thairis ort mar chruth, Le ceimeadh samhach mìn’s cha chìsnich e do dhuan. “Cha ’n ionnan thus a ’s oighinnean mo thìr, ’S gann gheibhear aon diubh chuireas rann r’a cheil’: Mar bhalbh-chlais lom on d’fhalbh an sruth gu sìor ’S tearc thig an tuil mu’n cuairt a dhuisgeas luaidh’nam béil. ’S ged thogte ’n dán, an cluinnte e le sluagh Tha nis air fuadain feadh gach uile thìr? An cluinnt’ e leo? cha chluinn gu bráth mo thruaigh!” ’N sud dh’ fhag mi i fo chlaoidh, ’smi ’caoidh an sgéil bhi fìor. “An Gaidheal.” A! Eala bhàn, their as gu tir nam bard, ’S innis gu’n d’ eirich teachdair nuadh dhoibh féin, A theid gach mios a mach air feadh gach aird; Mar cholman ’falbh a’s sgeulachdan fo ’sgéith. Thog mise ’bhratach: rach a’s duisg na slòigh: Mar ionnsuidh còmhrag rach is gairm na tréin; Glaodh ris a’ bhard, na dichuimhnich na h-òigh’n, ’S abair gur brath’r mì’n ainm, ’san spiorad mar an céudn’. MAC-OIDHCHE. [TD 288] “BUN-LOCHABAR.” One of the best known, and deservedly popular, of our national quick-steps, when properly played on the Piob-Mhōr, is that known from earliest infancy to every Highlander as Ga’aidh sinn an rathad mor, Olc no math le càch e! An air that makes us all assume a bolder look, and feel at least an inch higher in our shoes. When deftly fingered by a master of the national instrument, it strikes upon the ear, whether on the streets of the populous city, or, better still, in the far remote Highland glen, where the bracken and the birch, stirred by the fitful breeze, seem to nod responsive to the warlike notes. The refrain or burden, and first verse, have always been well known, but the reader will, we dare say, thank us for presenting him with a complete version of the old words to which the quick-step air is so fitting an accompaniment. We took them down some years ago from the recitation of an old woman in Lorne—a Janet Mac Dougall, a cousin, I think, of Allan Dall’s, the celebrated Inverlochy bard. A version very much the same is in our possession, taken down from the Candaireachd of an excellent old Highlander, the late Donald Mackenzie, North Ballachulish, better known as Donull-a-Chaigin. The occasion of the song was this:—In 1644, a body of the Macgregors, Mac Nabs and Perthshire Stewarts marched to join Montrose under the command of Major Patrick McGregor, of Glengyle, and in spite of every obstacle, and having to march through the territories of hostile clans, they managed to join the “Great Marquis” in good time to be present at the battle of Inverlochy, where, for once at least in their lives, they had, to use the words of an old Seanachie, “a good day’s harvesting!” The allusion to the MacIntyres is not to be taken as it seems. It is simply what the French call a ruse de guerre, very common at the period. The brave sons of “Cruachan,” were, in truth, friendly to the king’s cause, though they dared not appear openly in the matter for fear of their powerful neighbours, the Campbells of Argyll. The bard cunningly, and quite bard-like throws in the bit of abusive defiance in the first verse, to make the Campbells believe that the MacIntyres were hated by the loyalists quite as much as they hated the Campbells themselves. The line Bodaich mhaol’ an làgain refers to certain auxiliaries from the low countries whom the Campbells called to their aid against Montrose, but who, along with the valiant Earl of Argyll himself, soon crossed Loch Fyne for safer quarters, whenever they heard that the loyalist Marquis intended paying them a visit (in return for many of theirs) and hoped to find them at home! Làgan, by the way, is the Perthshire Gaelic for flummery or sowens.—Could the bard have possibly used a more contemptuous epithet to hint in an indirect sort of way how little these valiant auxiliaries were to be trusted when the hour of trial came? Sluagh an Righ, in the last verse are of course the Stewarts. The translation in the opposite column is not to be taken as a literal translation, but rather as a paraphrase or imitation of the original. It is merely an attempt to give the reader an idea and no more, of the manner and style of a very old song. It will stand, I think, in very proper juxtaposition with Mr J. F. Campbell’s very interesting song in your last. [TD 289] Fonn.—Gabhaidh sinn an rathad mòr, Gabhaidh sinn an rathad mòr, Gabhaidh sinn an rathad mòr Olc no math le càch e. Olc no math le Cloinn-an-t-saoir Olc no math le Cloinn-an-t-saoir Olc no math le Cloinn-an-t-saoir— Na bodaich mhaol’ an làgain. Diridh sinn ri beann an fhraoich, Tearnaidh sinn le gleann nan laogh; ’S cha’n eil fear de luchd-nam-braosg, Nach’ leag sinn gaoir á ’mhàileid! Thar a’ mhonaidh null ’nar scrìob, Sios Gleann Comhann air bheag sgios, Màrsaidh sinn ’an ainm an Rìgh, Olc no math le càch e. Gu Mac-’ic-Alasdair ’s Lochial, Bidh iad leinn, mar ’bha iad riamh ’S fear-na-Ceapaich mar ar mian, Olc no math le càch siod! Thig Cloinn-a’-Phearsoin—feachd nam buadh, ’S thig Cloinn Choinnich o’n Taobh-tuath, ’S mairg an drèam do’n nochd iad fuath ’Nuair ’dh’eireas gruaim nam blàr orr’? Thig Clann-Ghriogair garg ’san strì— Thig Clann-an-Aba,—’s sluagh an Righ, Mársaibh uallach—suas i, phiob. Olc no math le cach e. We will take the good old way, We will take the good old way, We’ll take and keep the good old way, Let them say their will, O! Let MacIntyres say what they may, Let MacIntyres say what they may, We’ll take and keep the good old way, Let them say their will, O! ’Tis up the steep and heathery Ben, Adown the bonny winding glen, We march, a band of loyal men, Let them say their will, O! We will march adown Glencoe, We will march adown Glencoe, By the Ferry we will go, Let them say their will, O! To Glengarry and Lochiel— Loyal hearts, with arms of steel, These will beck you in the field, Let them say their will, O! Cluny will come doon the brae, Keppoch bold will lead the way, Toss thine antlers CABER FEIGH, Let them say their will, O! Forward, sons of bold Rob Roy, Stewarts—conflict is your joy, We’ll stand together, pour le Roy, Let them say their will, O! ORAID GHAILIG. Leugh an t-urramach Alasdair Mac Griogair, ministear na h-Eaglais-an-Iar, an Inbhirnis, an oraid, o’ m bheil na briathran a leanas air an tabhairt, do chomunn Gaidhealach Inbhirnis; a’s tha sinn ag cluinntinn gur h-i a’ chiad oraid Ghailig a bha air a liubhairt ’sa’ bhaile sin. Tha duilichinn oirnn nach ’eil e ’nar comus ach fior-neoni dhe’n òraid thaitnich seo a chur sios anns A’ GHAIDHEAL do bhrìgh gu’n robh i cho ro fhada agus a filleadh a staigh nithe cho liònmhor agus cho eugsamhla annta fein. Tha sinn a’ tuig-sinn gu’n tug i mòr-thoilinntinn do’n mhòr-chuideachd, eadar bhan-tighearnan agus dhaoin’-uailse, a bha ’g eisdeachd rithe, agus gur iomadh glaodh-gaire agus caithream a thogadh leis an luchd-eisdeachd ’n ám di ’bhi ’ga labhairt o thùs gu deireadh. Is iad na nithe air an do leudaich an t-Urrammach deas-bhriathrach, CAINNT, CEOL, CANTAIREACHD, COMHDACHADH, CINNEADH, CLEACHDANNA, [TD 290] CRUADAL, AGUS CAIRDEAS NAN GAIDHEAL. Leig e iomadh ni a ris gu soilleir, so-thuigsinn, air gach aon fa leth de na cinn seo, agus labhair e moran mu na Gaidheil fein, a thaobh an ceud-thus, agus air gach nì air am bheil fios againn mu’n timchioll a thaobh an stuic agus an freimh aca. Thubhairt e, “Cha’n ’eil teagamh nach iad na Gaidheil an t-aon sluagh ris na Caledonaich agus na Piocaich an sìnnseara fein, eadhon na daoine gaisgeil sin a dhìon an dùthaich agus an saorsa fein, an aghaidh gach ionnsuidh a thugadh orra le armailtibh tréuna nan Romanach. Bha Alba, no Caledonia air a h-aiteachadh leis na Piocaich agus thugadh leòsan ainmean ’n an cainnt fein air gach beinn agus baile, loch agus amhainn, agus ionad eile ’san rioghachd. Tha gach ainm a tha toiseachadh le Dùn, Beinn, Monadh, Baile, Craig, Magh, Maghair, Ach, Amhainn, Leachd, Aird, Uachdar, Carn, Blàr, Cùl, Druim, Eas, Gleann, Srath, Innis, Cill, Meall, Torr, Loch, Linn, Poll, Ros, Port, Tullaich, agus mòran eile a’ feuchainn air ball gur ainmean Gailig iad.” Mu’n Ghailig fein, thubhairt e, “Do gach cainnt thugamaid an t-urrainn do’n Ghailig. Tha i liath-aosda, gidheadh is lùghmhor, laidir, lurach i,—is fallain, fiachail, fior-ghlan i. Mar oigh gheamnuidh, cha’n aill leatha gnothuch a bhi aice ri ni sa bith a tha truaillidh, no drabasda, no droch-mhuinte. Ann am beul nan laoch is binn, blasda a fuaim; agus is tiamhaidh, trom a guth ann an gearan gach dream a ta fo bhron. Air Laidinn, ’s air Greugais bheir i barrachd, agus cha’n fhaighear a leithid ’ga labhairt fo’n ghrein “A’ chanain a bha riamh Feadh bheanntan agus shliabh, Ban-oighre dhligheach fhìor Chaledonia! A’ chanain a’s fearr Fo na speuran i, Chum gach smaoin is ni ’Chur an ceill innte. Lan thorrach i gach am, Air focail nach ’eil gann, Tha gach cainnt eile th’ann A’ toirt geillidh dhi. Ach tha i nis ’dol suas, Air bunnachar nach gluais Le còmhnadh Comuinn uasail, ’S cha tréig iad i.” An déigh labhairt uine fhada air aois agus oirdheirceas na Gailig thòisich e air leudachadh ann am briathraibh ro thaitneach air Bardachd nan Gaidheal. Thug e iomradh freagarrach air saothair Oisein, agus air oibribh nam bàrd ’sna linntibh cein sin, agus thubhairt e gu’m bheil “comas a nis aig na Goill fein air deagh eolas a ghabhail air na seann dànaibh seo aig Oisean air doibh a bhi gu cothromach air an eadar-theangachadh leis an Olla Urramach, Gilleasbuig Cleireach, Aodhair Chille-mhaillidh. Thug e iomradh air bàrdachd mhoran eile, agus dh’ aithris, e na h-uiread de na nithibh a rinneadh leo mar a ta “Miann a’ Bhaird Aosda,” agus moran eile. Thubhairt e, “Is lionmhor oran, iorram, dan, duan, rann agus laoidh a rinneadh leis na bardaibh aig na fineachaibh fa leth, seadh orain de gach gne agus cumadh, orain-gaoil, orain-molaidh, orain-cogaidh, orain-buaidhe, orain-treubhantais, orain sgaiteach agus éisgeil, orain-cànaidh agus caoidh, orain-cumhaidh agus broin, orain-luaidhe, agus iomraidh, agus buain, marbh-ranna, agus an leithidibh sin. Tha na fuinn agus na luinneagan a’s boidhiche ’sa’ Ghailig a gheobhar ann an cainnt sa bith eile.” Chaidh an t-Urramach a ris air aghaidh ’na Oraid thaitnich gu cunntas a thoirt air Piobaireachd agus ceol nan Gaidheal, agus air seo thubhairt e na h-uiread a dhuisg iomadh glaodh-caithreim a’m measg an luchd-eisdeachd. An deigh leudachadh air a’ Phiob-mhor a dheachd gu minic na gaisgich chum a’ chatha, agus nithe a chur an ceill mu Chlann Mhic Cruimein, a bha ’n am piobairibh aig Siol Leoid, Dhun- [TD 291] bheagain o iomadh linn air ais, agus mar au ceudna mu chlann Mhic Artair aig Mac Dhomhnuill nan Eilean, thubhairt e, “Tha iomadh gne phiobaireachd ann. Tha cuid ann ris an abrar Cruinneachadh cuid eile Brosnachadh cuid eile Cumha cuid eile Failte, agus cuid eile Tuireadh mar a bha a’ phiobaireachd thiomhaidh, mhall, bhronach, bu ghnath bhi ga cluicheadh aig adhlacadh nam marbh. Bha duil aig na Gaidheil, gu’n robh a phiob mar gu’m bann a’ labhairt bhriathra na Failte, no an Rabhaidh no an Tuiridh, mar a dh’ fheudadh a’ chuis a bhith. Mar seo, ann an Cumha Mhic Leoid bha phiob ag radh,— Cha till, cha till, cha till Mac Cruimein Cha till e gu brath gu là na cruinne, Cha till, cha till, cha till Mac Cruimein, Cha till Mac Leoid ’s cha bheo Mac Cruimein. Is mor a’ mhisneach a thug a’ phiob-mhor do na Gaidheil gu dol a’m builsgean nan naimhdean, agus tha eadhon gu ruig an la’n diugh piobair aig gach cath-bhuidheann Gaidhealach chum dol maille riu do na blaraibh, agus Cha do ghluais chum na tuasaid, ’Sa chaoidh iad cha ghluais, Gun am bolg-fheadan meur-thollach Fhuaimneach ’n an cluais! Bha Clann Mhic Cruimein, Dhunbheagain, a’ sgriobhadh na piobaireachd sios ann an leabhar, gu bhi’ ga cumail air chuimhne, ach cha’n ann air an doigh air am bheil ceol ’ga sgriobhadh a nis. Bha iadsan ’ga dheanamh le focuil bheaga, ghoirid, a bha iad a’ cur an altaibh a’ cheile chum fuaim an fheadain agus na puirt a chiallachadh. Bha e rud eigin cosmhuil ri innleachd an Sol-fa a ta ’ga gnathachadh ’san àm seo ann an ceol nan salm. Bha iadsan a’ gabhail lionmhorachd fhocal ghoirid, mar hi, ri , ro, bhi, ha, ra, din, hia, di, rit, hio, dra, ti, re, dro, tiri, tara, tetiri; agus mar sin sios. Air an doigh seo chuireadh iad sios piobaireachd FAILTE A’ PHRIONNSA mar a leanas:— An t-Urlar. hi ro dro hi ri, hi an an in ha rà, hi o dro ha chin, ha chin hi a chin, hi o dro hi ri, hi an an in ha ra, hi o dro ha chin, ha chin hi i chin hi o dro hi ri, hi an an in ha ra, hi o dro ha chin, ha chin hi a chin, hi o dro hi ri, hi an an in ha ra, hi o dro ha chin, ha chin hi i chin. Siubhal. hi o dro hi chin, ha chin hà chin hi o dro ha chin, hi chin hâ chin, hi o dro hi chin, ha chin hà chin, hi o dro ha chin, ha chin hì chin, hi o dro hi chin, hi chin hì chin, hi o dra ha chin, hi chin, hâ chin, hi o dro hi chin, ha chin, hâ chin, hi o dro ha chin, ha chin hì chin Taobhludh. hio dro to, hi dro to, ha dro to, ha dro to, ho dro to, ha dro to, hi dro to, hia chin, &c. Thug an t-Urramach MacGriogair a rìs min-chunntas air éideadh agus armachd nan Gaidheal, agus thug e iomadh dearbhadh gu’m bheil Breacan-an-fhéilidh anabarrach sean. Am measg chaich, dh’ innis e gu’n do bhùiricheadh suas leac no clach leathann a’ steidh Balla Antonine a thogadh leis na Romanaich tarsuing air Alba eadar an amhainn Friuth agus an amhainn Cluaidh, anns a’ bhliadhna 140. Air an lic seo bha dealbh triùir dhaoine air a ghearradh, a bha air an éideadh ’san trusgan Ghaidhealach. Thug e iomradh, mar an ceudna, air iomadh dearbhadh eile air gnè, dreach, agus cumadh éididh nan Gaidheal, agus air gach seòrsa armachd a ghnàthaicheadh leò o linn gu linn. “’S math’ thig breacan an fhéilidh Gu léir do na sùinn, Osain ghearr’ air an calpannaibh Dòmhail, geal, cruinn; Iteagan dorch’ air slios Gorm uidheam cheann, Sud i éideadh nam blàr, ’S cha bi an te fhada theann.” [TD 292] Thubhairt e gu’m feudadh mòran a bhi air a chur an céill mu fhearachas-taighe, cleachdanna-dùchail, ìnneala-treabhaidh, buill-acfhuinn agus airneis nan Gaidheal. Tha mòran ann aig nach ’eil fios ciod is cìall do na nithibh seo a leanas a ta air an gnathachadh gu sonraichte anns na h-Eileanaibh an-iar; mar a ta Cas-chròm, Cas-dhireach, Slachdan, Groideallan, Ràcan, Poit-Uirearaidh, Leac-gradain, Muilean-leth-coise, Muilean-bradh, Bord-luaidh, Plocan, Cisean, Iris, Siomaid, Cliabh, Caineag, Plàt, Sgonnan, Tallan, Sunnag, agus mar sin sios.” Dh’innis e gu’m féudadh moran a bhi air aithris, mar an ceudna, mu na Gnath-fhocail, Saobh-chraobhadh, Giseag, Ranntachd, Dubh-cheisd, Toimhseachan, Taibhsearachd, Sùgradh, Iomairt, Cluich, agus Cleas, a gheobhar am measg nan Gaidheal,—ach dh’fhag e iad sin air fad, mar a thubhairt e, gu bhi gu so-thuigsinneach, soilleir air an lorgadh a mach, agus air an aithris gu h-ullamh, h-eallamh, deas-chainnteach, leis an Urramach fhoghluimte sin “BUN LOCHABAR!” Labhair e na h-uiread mu threubhantas nan Gaidheal, agus bha dorran air nach ceadaicheadh an ùine dha leudachadh gu farsuing air na Fineachaibh Gaidhealach fa leth, agus air gach connsachadh, cogadh, creach, agus blar fuilteach a bha aca ’nan aimhreitibh an aghaidh a’ cheile. Air an doigh cheudna cha robh e ’n a chomas na bu mhath leis a chur an céill mu bhreacannaibh nam Fineachan air fad, agus mu Shuaicheantas, Gairmibh-catha, Brataichibh, agus Briathraibh-bros-nachaidh nam Fineachan gu léir. An deigh labhairt mu uair gu leth air na nithibh seo tharruing e gu crìch le teist urramach a thoirt air gaisge nan Gaidheal. Thubhairt e gu’n d’fhalbh na h-amanna deistinneach sin anns an robh comas beatha agus bàis ann an laimhibh nan ceann-feadhna, agus gur taitneach gu’n d’fhalbh. Ach am feadh ’sa ta sliochd nam beann co cliùiteach agus cruadalach ’sa bha iad riamh, bha’n dìllseachd agus an treubhantas air an gnathachadh o cheann linntean air ais, cha’n ann ri comhstrith an aghaidh a’ cheile ach mar chath-bhuidheann gu’n striochdadh, bha iad deas agus dìleas thar tuigse, gu bhi dionadh an saorsa, an duthcha, ’s an lagh! Cha tug saighdearan ni b’fhearr riamh aghaidh do namhaid. Leo-san sguabadh air falbh an eascairdean as an araich, mar a sguabar am moll le neart na gaoithe. O! cia fearail, cuimear, agus eireachdail iad ’nan eideadh fein! Cia garg agus colgach a’n àm dol sios do’n chath. Cia minic, luath mar na h-iolairean a’ dol air iteig chum cobhartaich, a ruith iad air feachd nan namh, agus a chuir iad as doibh gu leir. Is gann a nochdas iad an treubhantas, ach an uair a tha an cunnard mor, agus an namhaid garg agus dalma: an sin, còmhdaichidh an corruich an talamh le closaichibh nam marbh, mar a chòmdaicheas corran a’ bhuanaiche an t-achadh le sguabaibh. Fhad ’sa bhios meas air fìor-shaighdearachd cha leagar air dearmad am fearalas air faiche fhuiltich Waterloo. ’Sann an sud a bha ’ghriobhag, Le luaidh ghrad,—lannaibh biorach, ’S claidh’ibh sgaiteach ’gan iomairt, Le dream chalma gu’n tioma, Chaidh siol Alba gu’n ghioraig, Anns an t-searbh-chath air mhireadh, ’Creuchdadh chorp is ’gan liudairt, Is ’gam fagail ’san ionad gu’n deo! Anns an oraid ro thaitneach aige, anns nach robh lide Shasunnach, bhrosnaich e “Comunn Gaidhealach Inbhirnis” gu bhi dichiollach agus dileas. Nochd e gach strìth a rinneadh chum na Gaidheil a theagasg ’nan cainnt fein leis An Teachdaire Ghaidhealach, a ris le Caraid nan Gaidheal a ris le Cuairtear nan Gleann a ris le Fear-tathaich nam beann agus na h-uiread eile, ach chaidh as doibh gu leir, agus b’olc an airidh e. [TD 293] Ach thubhairt e, “Cha d’fhagadh sinn fathast gun dochas, oir dh’eirich o cheann ghoirid Gaidheal eile suas ann an Glaschu, a ta nis air a thuras, agus ’se dleasnas a’ Chomuinn seo, agus gach uile neach eile aig am bheil dualchas agus duthchas ’nan cridhe, an aire a thoirt gu’m bi An Gaidheal laghach seo air ’eiridinn, agus air a chuideachadh, agus air a chumail suas! ABRAICH GHLASCHU. Air Di-Aoine, an seathamh latha de’n Dùdlachd, choinnich Abraich Ghlaschu, gu an dinnear bhliadhnail—’s a ri ma choinnich, ’s ann orra fein a bha coltas nan siad! Bha Ghailig air a labhairt cho snasmhor ’s cho fileanta, ’s ged nach fhagadh na ceatharnaich riamh fasgath Beinn-Nimheis,—bha taghadh a’ phiobaire ag cluith aig amaibh suidhichte re an fheasgair, a’s air dha “Gillean an Fheilidh” a thogail, tha mi ’n duil gu’n eireadh mo chridhe ged a “bhitheadh mo leth a’ slaodadh rium.” ’S cha robh an deise ghearr air dhi-chuimhne, oir bha iomadh “Abrach o Lóchaidh” ’san t-seomar comhdaichte an eideadh taghta nam beann, ’s gun teagamh ag aithris ’n a chridhe: “Chuir sinn a suas an deise Bhios uallach, freagarrach dhuinn— Breacan an fheilidh phreasaich, A’s peiteag de’n eudach ùr; Cota ’chadadh nam ball, Am bitheadh a’ chàrnaid dlù, Osan nach ceangail ar ceum, ’S nach ruigeadh mar reis an glùn.” Bha Iain Mac-Gille-Mhaoil ’sa’ chathair, agus Seumas Ailean ’san Iar-chathair. Am measg feadhainn eile ’bh’aig an dinnear faodaidh sinn na leanas ainmeachadh: an t-uasal Urramach Alasdair Stiùbhairt, am Bun-Lochabar; Somhairle òg Mac a’-Chalmain; Aonghas Rŏs, maille ri ’bhrathair Iain MacDhomhnuill Rŏs; Gilleasbuig Camshron; Niall Camshron; Domhnull Mac-a’-Phì; Eachann MacCholla; Alasdair Mac-a-Phì, agus moran eile. Air do na chuideachd an dinnear a ghabhail, chaidh sìneadh air òl nan deochanna slàinte, anns a’ mhodh thaitneach sin anns am bheil na Gaidheil amhàin gun choimeas. B’i ’chiad deochslainte, “A’ Bhanrigh, a’s buill eile an teaghlaich rioghail;” na ’deigh sin, “an t-arm mara ’s tire;” agus an sin sheinn Niall Camshron deagh òran Gailig: “Siod agai’ ’n deoch-slainte ’dh’òlainn, Deòch-slainte ’Chamshronaich bhòidhich Siod agai’ ’n deoch-slainte ’dh’òlainn.” An deigh do Niall Suidhe, dh’eirich fear-na-cathrach a dh’ol deochslainte “’Chomuinn Abraich,” ’s ma dh’ éirich bu taitneach leis gach neach ’uirgheall. Thuirt e gu’m bi siod AN DOECH SLAINTE, ’s gu’n robh e ’n dóchas gu’n rachach a h-ol gu h-eireachdail. Labhair e car uine, gu pongal tuigseach mu ghnothaichean a’ chomuinn, agus mu’n fheum a rinn an Comunn cheana do Ghaidheil a bha tighinn do Glaschu ann a bhi faighinn aitean daibh, ’s ’gan comhnadh air iomadh seol eile. Cha an deoch-slainte ol le mor thoileachas, agus an sin chluith MacIonmhuinn, am piobaire, port. ’Si ’n ath dheoch-slainte ’dh’ ainmicheas sinn; “Na h-Abraich aig an taigh a’s thairis.” Bha i seo air a h-ol le mor chaithream. Air do Uilleam Austin, eiridh a dh’ iàrraidh air a cho-luchd-duthcha urram a’s onair a dheanamh do ’n deoch slainte bha iad gu ol, bha an gairdeachas cho mor a’s gar gunn a chluinnte guth an fhir a bha bruithinn. Labhair e car uine air iomadh ni a bha ro thaitneach do gach neach ’san eideachd, as air do’n deoch-slainte ’bhi air a h-ol, dh’eirich an t-Urramach Alasdair stiubhairt a thoirt tainge. Thuirt e gu’n robh e ’n comas dàsan labhairt riutha araon am [TD 294] Beurla ’san Gailig, agus ged a bha e creidsinn gu’n robh neach no dithis ’sa’ chuideachd nach tuigeadh canain bhlasdmhor Fhinn a’s Oisein, cha’n fhaodadh an fheadhainn sin a bhi diombach air chor sa bith mas e ’s gu’n labhradh e beagan fhocail anns nach d’ thoireadh iad moran brighe: oir ’sann a bha e ’dol a labhairt ri Abraich, ’s cha robh Abrach air bith nach tuigeadh a’ Ghailig. Labhair e gu deas-bhriathrach mu iomadh ni, aig an robh co-cheangail, cha’n ann amhain ris na h-Abraich, ach ris na Gaidheil uile. Thuirt e gu’m bu taitneach leis-san a bhi ’g amharc air a’ chomhlan mhaiseach ud, oir ’an sùil gach fir, bha e comasach dha teòchridheachd a’ Ghaidheil a leughadh. Lean e, an sin, air innseadh sgeulachdan a thug a mach iomadh glaodh a’s gaire: “Abrach” ars esan, “a thog air do Ghlaschu, agus air dha bhi fagail taigh ’athar, thuirt e, ‘Athair, thoir dhomh do bheannachd ma’m falbh mi’; ‘sin mo bheannachd-sa dhut a mhic’, ars ’athair, ’se a’ toirt còig puinnd Shas ’nach da. ‘Ach nach can thu focail sa bith a chùm misneach a thoirt domh air m’ allaban an dùthaich chein?’ ‘Mata’ ars ’athair, ‘cha’n abair mise riut ach, ‘Ma bheir fear sa bith an car asad aon uair, mo naire air-san; ma bheir e ’n car asad an dara uair, mo naire ortsa!’” Labhair e ’n déigh sin, air Eoghann Mac Lachluinn. B’easan gun teagamh sa bith, “Smeorach chlann Lachluinn.” Rugadh e an Torrachalltuinn, an Lochabar, ’sa’ bhliadhna 1775. An deigh dha deagh fhoghlum fhaighinn ’an duthaich a bhreith, chaidh e a dh’ Abar-eadhain, far an do choisinn e mor-chliu, cha’n ann amhain da fhein, ach mar an ceudna, do ’n duthaich a dh’ araich e. A’ bharr air e ’bhi ’na sgoilear cho ainmeil ’s a bh’ann ri ’linn bha e ’na bhard taghta. Co nach robh eolach air an Eallaidh thaitnich sin:— “Gur gile mo leannan Na ’n eal’ air an t-snamh, Na cobhar na tuinne ’S e tilleadh bho ’n traigh; Na ’m blath-bhainne buaile, ’S a’ chuach leis fo bharr, Na sneachd nan gleann dosrach, ’Ga fhroiseadh mu ’n bhlar?” Agus c’ait am faigheadh iad MARBHRANN, an canain air bith, cosmhuil ris’ a’ mharbhrann a rinn Eoghann Mac-Lachlainn do Sheumas Beattie? C’ ait am faigheadh iad briathran cho fior thiamhaidh, agus cho fior fhreagarrach riutha seo: “Och nan och! mar a ta mi, Threig, mo shùgradh mo mharan ’s mo cheòl! ’S trom an acaid tha ’m chràdh-lot, ’S goirt am beum a rinn sgainteach ’am fheòil; Mi mar ànrach nan cuaintean, A chailleas ’astar feadh stuadhan ’sa’ cheo, O’n bhuail teachdair’ a’ bhais thu ’Charaid chaoimh bu neo-fhailteamach gloir?” Dh’eug Mac-Lachlainn ’sa’ bhliadhna 1822, agus bha e air adhlacadh an Cill-a’-Mhaodain, an Ard-ghobhar. Bha duilichinn air a chantuinn gu’n robh a thuam air ag còmhdachadh leis an eanndaig fhiadhaich, an aite i bhi air ag comharrachadh amach le clach-chuimhne; ach bha e ’n dochas nach biodh a’ chuis fada mar sin.—Thug ’uirgheal mor thoilinntinn do ’n chuideachd agus mu’n do dheallaich iad, chaidh a dheoch-slainte òl le mor chaithream. ’S duilich leinn nach eil e ’nar comas tuilleadh de na bh’ air a labhairt a chuir sios air duilleagaibh A’ Ghaidheil, mar bu mhiann leinn. Ach anns a cho-dhùnadh, faodaidh sinn a chantuinn gu’n robh deoch-slainte ’Ghaidheil air a h-òl gu taitneach. Dh’ iarradh seo a dheanamh leis an ògonach cheanalta sin, Iain MacDhomhnuill Rŏs. Labhair e car uine, a’ molladh iomadh ni a bhuineadh do na Gaidheil, agus ag iarradh air na bha aig a’ choinnimh còmhnadh [TD 295] a thoirt do gach nì de ’n robh faileadh cùbhraidh an fhraoich. Dh’iarr e ’n sin soirbheachadh do’n Ghaidheal, maille ri deoch-slainte Mhic-Choinnich (a bha sa chuideachd o’n Ghaidheal) òl—nì a bha air a dheanamh gu cridheil, agus an déigh sin thug Mac-Choinnich taing do’n chuideachd air son mar thaisbein iad am meas air a’ Ghaidheal, ’s air fhein. [Tha ’N GAIDHEAL fada ’n comain nan Abrach air son an deagh rùn; agus, aig an àm cheudna, ag innseadh dhoibh, ma theid e “air chaluinn” am bliadhna, nach ann tuaitheal a ruigeas e taigh Abrach a tha ’n Ghlaschu; a’s air a’ laimh eile, ma thig Abrach ’na charsan aig an àm gar cinnteach a bhonnag dha!] NAIDHEACHDAN. ’S i naideeachd cho taitneach ’sa tha againn ri h-innseadh air a’ mhios seo—an aireamh de chomuinn Ghaidhealach a tha “’togail an cinn.” Tha aon Chomunn maiseach an Grianaig agus MARCUS LATHUIRN air a cheann. Re an Dùdlachd bha buill a’ chomuinn ag coinneachadh, ’s ag cur na’n Riaghailtean an altan a’ cheile, ’s tha sinn toilichte chluinntinn gu’m bheil iad a’ faighinn air an aghaidh a reir am miann. Cha ’n fhaod sinn gun luaidh a dheanamh air a’ chiad choinneamh a bh’ aca. Aig a’ choinnimh sin bha mòran Ghaidheal, agus uaislean eile aig an robh toil do’n chùis. Bha triuir no ceathrar phiobairean ag cluith aig an dorus an àm do ’n chuideachd a bhi ’cruinneachadh; agus gun teagamh bu taitneach an ceòl do chridhe Gaidhealach sa bith. Air do’n t-sluagh cruinneachadh, air iartus fhir-na-cathrach, gu deas-bhriathrach, pongail chuir an t-Urramach D. Mac-Mhuirich an céill cuid de na h-aobharan air son am bheil an comunn gu bhi air a stéidheadh. Labhair e mu aoisead na Gailig, agus mu’n mheas bu choir a bhi aig gach fior Ghaidheal oirre; “Ach” ars esan, “ged a tha snuagh na h-aoise oirre bho chian, cha ’n eil mise ’creidsinn gur h-i a labhair Adhamh, oir cha robh i riabh am bial cho leibeideach ris a’ bhial a mheall ar ceud phàrantan air dhoibh a bhi, na’n priomh ionracas, ag àiteachadh a’ Ghàraidh.—Tha ’n comunn seo ag cur romhpa moran oibre a dheanamh agus si ar dùrachd-ne gu’n soirbhich ‘leo. ’Se’ ainm a chomuinn—COMUNN GAIDHEALACH GHRIANAIG. Tha Comunn Gaidhealach eile an déigh a stéidheadh ’san Oban. ’S e ’ainm-san—COMUNN OISEANACH LATHUIRN. Tha chuid a’s mo de dh’uaislean an Obain a’ toirt gach comhnadh do’n chomunn seo “le’n cinn, le ’m pinn, ’s le ’n sporain,” a’s ’si ar guidh’-ne do gach neach diubh—“Lean do bhuille!” Tha COMUNN GAIDHEALACH INBHIR-NIS a’ deanamh gu foghainteach. Tha sinn ag cluinntinn gu’m bheil a mhor-chuid de na h-oraidean ciatach a bha air an leughadh le buill a’ chomuinn ré na bliadhna chaidh seachad, gu bhi air an clo-bhualadh gun dàil, a’s gu bhi air an toirt a nasgaidh do bhuill a’ chomuinn, ’s air an reic ri muinntir eile. Tha Comuinn Ghaidhealach Ghlaschu a nis air sìneadh air cumail an coinneamhan bliadhnail—a’s gheobhar iomradh an earrann eile de ’n Ghaidheal air te dhiubh: an te Abraich. Tha an aimsir anabarrach gailbheach o chionn fhada. Chaidh moran luingeas a chall leis an stoirm. Tha ’n call mara ’s tìre cho mor ’s a bha e le ’s cuimhne leinn. Bha cuid mhor de na luingeas a cha chall air an turus á America. Chaidh an Granndach ath-thaghadh gu bhi ’na phriomh fhear-riaghlaidh ’s na Staidean Aonaichte,—sgeula bhios air a leughadh gu taitneach an Strath-spé, an duthaich d’am bun e. Nach fior a thuirt am port, “Tha na Granndaich urramach?” Chaidh “Là Naoimh Anndra” a [TD 296] chumail leis na h-Albanaich anns gach àit, cho aobhach ’s bu nos da bhi. Tha sinn an deigh paipear fhaighinn á Baile-’n-righ an Canada, anns am bheil mor iomradh air dol-a-mach nan Albanach air an latha. Measg nithe eile tha deagh Dhàn le Eobhann Mac-Cholla, “clarsair nam beann,” air na Fineachan a dh’ éirich “BliadhnaThearlaich.” GAILIG ANNS NA SGOILTEAN. A Ghaidheil Rùnaich, An ceadaich thu dhomh, facal no dha a radh an leth-sgeil na maighstirean-sgoile mu dheibhinn an robh an “Gille Dubh” a seanchas anns an àireamh mu dheireadh de’n Ghaidheal? Tha e ag radh gur e dichuimhne a thainig air na maighstirean-sgoile a thug air a’ Ghailig a bhi dol air chùl anns an sgoiltibh. Nis cha ’n e dichuimhne rinn so idir ach mi-mhisneachd. Anns an Earrach an uair a thigeadh na ministearan gu’n sgoil a cheasnachadh rachach a’ Ghailig fhagal gu deireadh, agus an sin ’se theireadh iad, “Cha ’n eile uine againn airson na Gailig ach o na chuala agus na chunnaic sinn a cheana cha ’n eil teagamh nach eil a’ Ghailig air a deagh theagasg.” Beagan an deigh sin thigeadh Fear-ceasnachaidh na Ban-righ agus gun aon smid de Ghailig ’n a cheann. Mar seo chunnaic na maighstirean-sgoile nach rachadh sealltuinn air an dichioll ann a bhi teagasg Gailig agus gur ann a bha iad ag call uine bu chòir a bhi air a cleachdadh ri nithibh eile. Chunnaic na sgoilearan nach robh meas aig na daoine mòra sin air a’ chainnt a bha iad ga’n sàrachadh fein ga h-ionnsachadh agus nach faigheadh iad cliù no moladh ge be air bith cho math ’s a leughadh iad i. Mar so le mi-mhisneachd air gach taobh chaidh a’ Ghailig ach beag a chuir as na sgoiltean ach cha ’n ann leis na maighstirean-sgoile, ach leis na daoine bha thairis orra. D. C., Maighstir-Sgoile. TO THE EDITOR OF “THE GAEL.” NIDDRY LODGE, KENSINGTON, LONDON W., December 9, 1872. Sir,—In your last number you printed an old Gaelic Ballad which I sent to you from Inveraray Castle. I have now the honour to send you another. This was found by Mr Donald MacPherson, loose in a drawer at the Advocates’ Library, together with the following letter from Doctor Irvine, of Little Dunkeld, which gives a pedigree:— (“It is not known to whom this letter was addressed.”) “DEAR SIR, “I seized the first spare moment after my return to look out for the song of which I spoke, and now send it to you with a hurried translation, which I endeavoured to make as literal as possible. You must pardon its defects as it does not aim at elegance. No English can convey the happy turns of the original.”... “It was sung to the harp as it was probably composed with the harp. The name of the bard I have not got, though he was certainly the family bard and harper. He glances at the story of the lady being exposed on the rock in the sea as a scandal; but tradition is uniform on the subject, and the bard refers to the cause of such a barbarous deed. His lady bore to Lachlan no children, which explains ‘that blossomed not to our wishes.’”...“He was killed by John Campbell, of Calder, his brother-in-law, tradition says in revenge. “DEAR SIR, your most obedient Servant, “(Signed) A. IRVINE. “Dunkeld, 6th January, 1810.” [TD 297] Dr Irvine, about 1800, made a large collection of Gaelic poetry. A copy of his manuscript was bought by Mr David Laing, of the Signet Library. By his permission, that collection is now printed in my Book “Leabhar na Feinne,” as Text O. Dr Irvine proposed to collect orally, and to publish the Gaelic poetry which was current in his day. He printed a Prospectus; his work was approved by the Highland Society, but it never appeared. The story of the ballad is well known, and has often appeared in books. In Vol. IV., Popular Tales of the West Highlands, p. 44, I quoted a version of part of the story, taken from a manuscript genealogy of the Argyll family. The story, as I have it from many sources, printed, MS., and oral, may be very shortly told. Archibald, Earl of Argyll, and Chancellor of Scotland, who fell at Flodden, 1513, had a numerous family. One of his sons married the heiress of the Calders, and founded the family of Lord Cawdor. Another founded the first family of Skipnish. The daughters were “Janet, Lady Athol; Mary, Lady Islay, (married to Macdonald;) Margaret, Lady Erskine or Marr; Isabel, Lady Cassells, (who was a writer of Gaelic poetry;) Massy, Lady Toward or Lamont; Elizabeth, Lady MacLean of Mull.” The Laird of MacLean caused his wife to be placed upon a tidal rock in the Sound of Mull, which is called the Lady’s Rock to this day. Her brother, the Laird of Skipnish, who was passing through the Sound of Mull in his barge, rescued her. Her husband, as it now appears from this Gaelic song, had a sham funeral, and some Mull bard composed the lament, which Dr Irvine recovered. The Laird of Calder, meeting MacLean in Edinburgh, thrust his sword, scabbard and all, through his brother-in-law, which event is recorded in the Irish annals of Loch Cē, and in the Argyll Genealogy. The widow “Lady MacLean was married afterwards to Archibald Campbell, Laird of Achinbreck, to whom she bore John Campbell, called John Ayrach, because he was nursed in Glenaray. He was the first of the former house of Stronedoar in Knapdale.” So far as I am able to form an opinion, the Gaelic ballad recovered by Dr Irvine is a genuine composition of the time of James V. or Queen Mary, orally preserved, and slightly altered in dialect by time and modern orthography. Dr Irvine’s translation renders the meaning; a poet like Sir Walter Scott might give life to the translation. I am, Sir, your obedient servant, J. F. CAMPBELL. Oran [cumha] do Bhantighearn Dhuairt, d’ om b’ ainm Elizat, piuthar do Ghilleasbuig, Iarla Earraghail sa bhliadhna 1530, Leis a Bhard Mhuileach. ’S cianail, gruamach, coimheach guarach A d fhas am fuar mhon ard An Caol tha salach, molach, bailcach, O’n dh’ éug an Ainnir bhàn; Friamh na gloine, Géug na loinne A d fhas gu lurach àill’— DR IRVINE’S TRANSLATION. A song to the Lady of Duart, whose name was Elizabeth, sister to Archibald, Earl of Argyle, in the year 1530, by the Mull Bard. Sad, gloomy, fierce, and wintry wild Looks the lofty stormy hill, Boisterous, rugged, high rolling the strait, Since the fair Ainnir died; The root of innocence, the branch of union Which blossomed in all the luxuriance of beauty, [TD 298] Thug fras dhunai, bhuainn gun fhuireach, A thilg a bun os bàrr. ’S cruadalach am beum a bhuail sinn An uair bu bhuaint ar dùil; Bha sinn cridhail, suntach, mirail, Gun bhraon snith air sùil. A’ Chlàrsach a’ toirt ceòil le h-aiteas Fir ag cleasachd dlù An tulach ait le toirm ar gaire As baird a seinn an cliu. ’Nuair a sheallas ris an aonach ’S ioma fras a caochla rian ’Nuair as motha bhios ar dochas ’S ann as motha ar doghruinn shios S ionann sin ’s mar thachair dhuinne ’N uair a b’ fhuranach ar miann Dh’ aom a’ Chreag le toirm gun abhachd As air ar n-ailleas laidh a ghrian Cha ’n ioghna Lachuinn thu bhi deurach Chaill thu reul nan oighean Chaill thu ionnus mor do cheannich Chaill thu tuigse chomhra Chaill thu sgiath dhian do chaidribh Chaill thu airde foghlum Chaill thu Iul a chuain ghabhai An uair a b’ airde dò-shion Thainig i mar bhoillsge greine Thoirt leus air oiche cheothar, Sgap i uainn an duthlachd catha Bha cur smal air òigri, Cheangail i suas ar créuchdan ruiteach Thiondai guin gu sò-ghràdh, Thug i dhuinn ar n’ airm ’s ar n’ eidi As reitich i gach dò-bheairt. But which the shower of Death Suddenly swept away, laying its honours low. Disastrous the blow which struck us When our hopes feared no change, Our hearts overflowed with joy, The drop of grief fled from our e’e The harp raised the exhilarating song, The warriors plied the feats of strength, The rock re-echoed the song of laughter, The bards sounded the praise of chiefs. Mark the sloping height Darkened by the shower, enlivened by the sun; We indulge the hope never to be changed; It breaks, the deepest affliction overwhelm us, Such our portion, We looked forward to days of peace, The rock burst with the thunder of death, The sun set upon our pride. Great, Lachlan, is the cause of thy grief; Thou hast lost the polar star of women, Thou hast lost a treasure beyond value, Thou hast lost discretion in converse, Thou hast lost the shield of friends, Thou hast lost the perfection of science, Thou hast lost the compass of the frightful ocean Lashed by the fiercest tempest. She came like the sunbeam To illumine the cloud-envelop’d night; She dispersed the storm of battle Which saddened the hearts of our youth; She bound up our bleeding wounds, She turned our feuds to feasts of love; She took off our arms and martial garment, And calmed each deathful strife. (To be concluded in our next.) [TD 299-306] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 307] AN GAIDHEAL. I. LEABH.] CEUD MIOS AN EARRAICH, 1873. [12 AIR. AIR CRUINN-MHEALLABH SOILLSEACH NAN SPEUR. IV. EARRAN. AIR CAOCHLAIDHIBH NA GEALAICH. Tha oibre an Tighearn Iehòbhaih òirdheirc agus seasmhach. Gheall e féin, do nach comus bréug a dheanamh, gu’m buanaich na beannachdan agus na tròcairean, a ta ’sruthadh o theas agus o sholus na gréine co fad ’s a bhuanaicheas an talamh fein. Tha e ag ràdh, “Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t-sìl-chuir agus foghar, agus fuachd agus teas, agus sàmhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.”—(Gen. viii. 22.) Ge’ be taobh air an amhairc sinn air feadh na cruitheachd, cha chomus duinn gun mheur a’ Chruitheir fhaicinn anns gach nì! Shuidhich e a’ ghrian agus na reultan ann an speuraibh néimh, air chor is gu’m bheil ceithir ràidhean na bliadhna a’ teachd gu riaghailteach an déigh a cheile agus a’ cur aghaidh a’ chruinne-ché fo chaochladh dreach! ’S an Earrach, tha feur agus luibhean a’ briseadh a mach as an talamh agus a’ còmhdachadh a luime! Tha an tuathanach a’ sgapadh rogha sìl ’n a fhearann, a bheir a mach toradh ioma-fillte ann an àm iomchuidh. ’S an t-Sàmhradh tha’n talamh ’n a làn ghlòir,—gach luibh agus craobh fo bhlàth, agus gach toradh luachmhor ’ga thoirt a mach leis a’ ghréin! “Tha na cnuic ri gàirdeachas air gach taobh, na cluainean air an sgeudachadh le tréudaibh, agus na glìnn air an comhdachadh le h-arbhar.”—’S an Fhogharadh, fàsaidh na h-achan geal,—sàthaidh am buanaiche a staigh a chorran, lionar an t-amar fiona, agus cuiridh an dabhach thairis!—“Iadsan a chuir le deuraibh, buainidh iad le gàirdeachas! Esan a chaidh a mach agus a ghuil, agus ìomchar sìl luachmhoir, thig e rìs le gàirdeachas, a’ giùlan a sguab.”—Mar so, lìonar cridhe an duine le gean agus subhachas, agus ni e aoibhneas ’n a shaothair uile! ’S a’ Gheamhradh, caochailidh an talamh a shnuadh agus rùisgear dheth a bhreaghad!—“As an àirde-deas thig ioma-ghaoth, agus fuachd as an airde-tuath! Le anail Dhé bheirear reodhadh! Bheir e sneachda mar dainn; sgaoilidh e an liath-reodh mar luaithre! Tilgidh e a mach eigh mar ghreamanna; có dh’ fheudas seasamh roimh fhuachda?”—Mar so, tha co-shuidheachadh na talmhainn ann am fochair na grèine, a’ toirt air ràidhean na bliadhna aon a’ cheile a leantuinn! Air uairibh, tha ’ghrian a’ tilgeadh a gathan laga air saoghal reòta ach air uairibh eile, tha i a’ cur a mach a soluis agus a teas air ionadaibh tuatha na talmhainn, agus a’ co-roinn beatha agus maise riu! Mar so, tha Dia air a ghlòrachadh ’n a oibribh! Labhair sinn roimhe air na reultaibh MERCURI, BHENUS, agus an TALAMH, agus nochd sinn gu’n robh an làithean agus an òidhchean aca maraon. Tha teallsanaich an dùil gu’m bheil gealaichean aig Mercuri agus Bhénus, chum an oidhchean a shoillseachadh; ach air do na reultaibh sin a bhi co teann air a’ ghréin, cha ’n ’eil innleachd air an gealaichean fhaicinn, ma tha iad aca. Ach tha sinn cinnteach, gu’m bheil aon ghealach mhòr, bhuidhe, againn fein, [TD 308] chum dorchadas ar n-òidhchean fhògradh air falbh; agus nì sinn dìchioll, a nis, air cùnntas goirid a thoirt oirre. Cha’n eil a’ ghealach ’n a reult, mar a ta Mercuri, Bhenus, an Talamh, agus reultan eile, ach is ball cruinn i, a ta, ’cuàirteuchadh na gréine! Tha ochd gealaichean deug, gu léir, aig na reultaibh a bhuineas do’n ghréin againn; agus diubh so tha aon aig an Talamh, ceithir aig Iupiter,—seachd aig Saturn agus sea aig Urànus. Tha a’ ghealach againne ’cuairteachadh na talmhainn ann an seachd là fichead, seachd uairean agus tri agus da fhichead mionaid; ach o chaochladh gu caochladh, tha i ’gabhail naoi là fichead, da uair dheug, agus ceithir agus da fhichead mionaid, chum a cuairt a choimhlionadh. Tha i beag an coimeas ris an talamh; oir cha’n ’eil i ach dà mhìle, aon chèud, agus tri fichead de mhìltibh troipe, an uair a tha an talamh dlùth air ochd mìle de mhìltibh troimhe! Tha’n talamh uime sin, còrr agus tri fichead uair ni’s mò na ’ghealach. Tha i ni’s faide o’n talamh air uairibh seach a chéile ach tha i mar a’s trice mu dhà cheud, agus da fhichead mìle de mhìltibh air astar uaithe! Tha i a’ siubhal ’n a cearcall mu’n cuairt do’n talamh da cheud,ceithir fichead agus deich de mhiltibh anns an uair! Tha’n talamh a’ cuairteachadh na gréine ann am beagan a thuilleadh air tri cheud, tri fichead, agus còig làithean; tha ’ghealach, uime sin, a’ cuairteachadh na gréine ’san ùine cheudna; ach tha i ’deanamh mòran astair a bhàrr air an talamh, do brìgh gu’m bheil i ’ga chuairteachadh gach mios, agus a’ cumail suas ris, a thuilleadh air sin, ’na chuairt mu’n ghréin. Air an aobhar sin, tha e soilleir, gu’m bheil a’ ghealach a’ deanamh cuairte na talmhainn mu thimchioll na gréine ann am bliadhna; ach osbàrr, tha i an taobh a staigh do’n ùine sin a cuairteachadh na talmhainn ’na cearcall fein tri uairean deug. Tha ’ghealach cosmhuil ris an talamh, ’n a meall cruinn, dorch, ìnnte fein, a ta soilleir a mhàin trid ghathannaibh na gréine a bhi ’bualadh oirre. Air an aobhar sin, tha’n leth sin dhith a ta fa chomhair na gréine a ghnàth soilleir, agus an leth eile ann an dorchadas. Cha’n fhaic sinne i aig àm a caochlaidh, do bhrìgh gu’m bheil i dìreach eadar sinn agus a’ ghrian, agus an taobh dorch dhi ruinn. Ach air di beagan astair a dheanamh ’na slighe, chì sinn earrann bheag do’n taobh shoilleir aice, a ta sìor mheudachadh, gus am bi i fa chomhair na gréine, air an taobh eile do’n talamh, an uair a chì sinn an taobh soilleir aice gu léir, agus an sin, tha i làn, cruinn, agus deàlrach. Air an dòigh cheudna, tha i a’ caitheamh, gus an ruig i, a ris, eadar sinn agus a’ ghrian, an uair nach fhaicear idir i. Tha i cosmhuil ris na reultaibh a’ tionndadh air a mul féin, agus tha e anabarrach iongantach, gu’m bheile an ùine a ta i ’gabhail chum sin a dheanamh co-ionann ann am faidead ris an ùine a ta i ’toirt a mach, chum cuairt a chur air an talamh. Agus air do’n chùis a bhi mar sin, tha e ’tachairt gur e an aon taobh dhi a ta’n còmhnuidh ruinne, ge b’e àite d’a cuairt anns am bì i. Tha’n taobh so a ghnàth soilleir; oir an uair nach bi a’ ghrian ’ga shoillseachadh, tha’n talamh a’ toirt soluis da, tri uairean deug ni’s deàlraiche na’n solus a ta ’ghealach a’ tilgeadh air an talamh. Tha’n taobh do’n ghealaich, gidheadh, nach ’eil sinne idir a’ faicinn, soilleir rè cheithir là deug, agus dòrch rè cheithir là deug eile. Air do’n ghealaich a bhi co fagus do làimh, an coimeas ris na reultabh, tha cothrom ni’s fearr aig na reultairibh air a faicin le’n gloineachaibh. Tha iad, uime sin, a’ deanamh a mach gu’m bheil i, cosmhuil ris an talamh, air a còmhdachadh le beanntaibh, gleanntaibh, agus machraichibh! Chaidh cuid de bheanntaibh na gealaich a thomhas, agus tha iad mar a’s trice da mhìle air àirde; tha iad cruinn, agus corrach, agus anabarrach lionmhor. Cha’n fhacas a’ bheag de choslas uisge anns a’ ghealaich, agus cha’n ’eil adhar [TD 309] aice, no neòil mu timchioll, mar a ta aig an talamh. Feumaidh aimsir na gealaiche a bhi anabarrach iongantach, agus caochlaideach, air di a bhi, rè cheithir là deug eile air a claoidh leis an reodhadh a’s teinne a dh’ fheudas a bhith. Ma tha creutairean a’ ghabhail tàimh oirre, nì nach ’eil neochomasach do’n Ti Uile-Chumhachdach òrdachadh, tha e cinnteach, gu’m bheil iad air an dealbhadh leis-san, le nàdur freagarrach air a son; oir, a réir ar beachd-ne, cha b’urrainn do chréutairibh na talmhainn so a bhi beò oirre. Ged tha solus na gealaiche dìblidh agus fann, an coimeas ri solus deàlrach na gréine; gidheadh, tha e féumail agus taitneach, chum dorchadas nan òidhchean fada geamhraidh fhògaradh air falbh! Shuidhich an Cruithear a’ ghealach ann an speuraibh nèimh, mar “an solus a’s lugha a’ riaghladh na h-òidhche,” agus rinneadh i “air son chomharan. agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan,” co math ris a’ ghréin! Air an aobhar sin, tha ach beag, gach uile chinneach a’ tomhas ùine le cuairtibh na gealaiche! Tha cuid de chinneachaibh ann, nach ’eil a’ tomhas na h-aimsir le bliadhnaibh idir, ach a mhàin le gealaichibh;—agus mar so, ged robh daoine ’nam measg ceud bliadhna dh’àois, ìnnsidh iad an aois, cha’n ann le bliadhnaibh, ach le áireamh nan “gealaichean,” a bh’ ann o’n là air an d’rugadh iad! Thugadh àithne do na h-Israelich iobairtean-loisgte, agus tabhartais-bidh a thoirt suas ann an toiseach am mìosan, agus tha sinn a’ faicinn gu’m bheil “gealaiaichean ura,”—“Feillean suidhichte,.’ agus “Sabaidean,” air an ainmeachadh mar amannaibh a bha naomh do’n Tighearna!—(Aireamh. xxviii. 11. Is i. 13, 14.) Bhuanaich na h-Iùdhaich ann a bhi séideadh an trompaidean aig àm an gealaichean ùra, gus an do sgapadh iad air feadh an t-saoghail; agus a réir a’ chleachdaidh so, thug an Salmadair seachad an àithne, Seidibh an stoc ’sa’ ghealaich nuaidh Air láithibh òrduicht’ féill; Bu lagh sud aig Dia Iacoib fos, ’S bu reachd do Israel. SGIATHANACH. CALLUM A’ GHLINNE. VI. Earrann. Air an fheasgar ud ’s an do dhealaich Callum agus a chompanach ri cheile an deigh na chunnaic agus na chual iad ré an cuairt ann an taigh-osda “Acair an dochais,” bhuail amharusan ioma-guineach air ’intinn, a thaobh fior-chliu Mhicheil, agus mu’n do choidil e air an oidhche ud, thainig e gu co-dhunadh gur h-e ma’dh’fhaoidte a bu tearuinte dha a bheachd air cliù Mhicheil innseadh dha gu saor fosgailte gun sioma-guad no tumhartaich, agus cùl a laimhe ’chur ris mar charaid agus mar chompanach. Mhothaich e gu’n cuireadh sud deuchainn air a mhisnich agus air a dhuinealas; ach air dha a Bhiobul a ghlacadh mar bu ghnath leis, gu cuibhrionn a leughadh mu’n deachaidh e d’a leabaidh; ’nuair a dh’ fhosgail se e, thuit a shuil air aon de na h-earrannan a bh’ air an comharrachadh le ’mhathair mu’n do chuir i ’na chiste e—“Sgriosar companach an amadain.” Rinn an earrann ud greim air ’inntinn nach d’fhairich e riamh roimhe, agus chuir e roimhe, ach mo thruaighe, ’na neart fein, nach biodh tuillidh gnothuich aige ri Micheil aon chuid mar charaid no mar chompanach; ach ’n uair a choinnich iad air an ath mhàduinn, threig a mhisneach e. Bha Micheil cho fàilteach agus cho aoigheil ’s a b’ abhaist dha ’bhi. Bha coguis Challuim ga eigneachadh gus an rùn suidhichte dh’ionnsuidh an d’thainig e a dheanamh aithnichte, ach thainig an Reusan feolmhor ann san eadraiginn, ag eagarsaich ’an cluais Challuim,—ged a bha e fior gu’m faodadh companach an amadain dol a dhith, gur [TD 310] tric a bha companach subhailceach deagh-bheusach ’na mheadhoin air amadain a philleadh o’n amaideachd gu caithe-beatha rianail modhanail; agus a thuillidh air sin, chuir Micheil ioma comuin air, le ullamhachd gu bhi ga sheoladh agus ga oileineachadh a thaobh ioma ni anns nach robh e fein fhathasd coimhlionta mar fhear ceairde. Aig an àm cheudna, thainig Micheil gu bhi ’tuigsinn gu’n robh Callum eu-cosmhail ’na ghne agus ’na chliù ri ioma Gaidheal òg a b’ aithne dha, a thainig do Ghlaschu, agus a thaisbein anns a’ cheud dol a mach, gu’n robh iad air an deagh oileineachadh agus fo dheagh chliu modhanail aig a’ bhaile, ach air dhoibh iad fein fhaotainn air falbh o shuil an luchd-eòlais, agus am measg choigreach, a thilg dhiu, ann an uine gle ghoirid, gach cuing leis an robh iad air an cumail air an ais o dhroch cuideachd agus o gach mi-bheus follaiseach, agus a leig srian fhuasgailte le’n anamiannaibh. Chunnaic e gu soilleir nach robh Callum idir cho saorsachail no cho fosgailte ’na chonaltradh ’sa b’abhaist leis; gu’n robh rudeigin air inntinn d’a thaobh fein nach bu toigh leis a nochdadh, uime sin, chuir e roimhe a sheoltachd a chur an cleachdadh gu bhi, na’m bu chomasach e, ag cosnadh air ais na chaill e a reir coslais, d’a mhuinnghin agus d’a dheagh ghean, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn o ’n chomhradh a leanas:— “A Challum,” arsa Micheil, “Am bheil creideamh agad ann an Gnuis-fhiosachd, no am bheil a bheag de eolos agad oirre?” CALLUM.—Cha’n eil mi idir ’na m’ neochreideach d’a taobh mar ealdhain, no mar fhiosrachadh, ach cha’n fhaod mi ’radh gu’n d’thainig mi’ fhathasd gu’ bheag de adhartachd ann an eolas oirre. C’arson a tha thu ’cur na ceiste? MICHEIL.—Gu bhi ’taisbeanadh dhuit gu’m bheil mi ’faicinn gu soilleir na do ghnuis, gu’m bheil thu ag altrum droch bharail d’am thaobh fein, o’n fheasgar air an do thaghail sinn ann an taigh-osda Mhic—ged nach do nochd thu fhathasd e na do chainnt no le do ghiulan. CALLUM.—A dh’ aindeoin do gheire, agus d’ adhartachd mar ghnuis-fhiosaiche, faodaidh tu ’bhi air do mhealladh. Air a’ chuid is lugha, cha’n eil mi ’saoilsinn gu’m bheil e dligheach dhut neach air bith a chasaid no choireachadh airson a’ smuaintean diomhair, gus an dean e aithnichte iad ann an cainnt, no ann an gniomh. MICHEIL.—A dheagh chompanaich! Na smuainich gur h-ann ga do chasaid a bha mi. B’fhada uam e. Is ann a bha mi thuige so, ga m’ thaisbeanadh fein dhuitse ann an cruth fallsa, nach buin idir do m’ fhior-chliu, agus feumadh tu mo lethsgeul a ghabhail. Is i a’ chrioch a bha agam ’s an amharc, deuchainn a chur air do ghne agus air d’ fhior chliù-sa. Thug mi do’n taigh-osda thu, far am b’fhiosrach mi gu’m bheil moran dhe d’ luchd duthcha ’n an luchd tathaich bunailteach, agus air an cleachdadh anns an ruidhteireachd ghraisgeil, umpaidheach, mhi-thoinisgeach a chuala sa chunnaic thu. Bha ’mhiann orm fhaicinn an robh no nach robh aomadh co-ghneitheil agad ri ’leithid sud de chaitheamh aimsir, agus ’n uair a chunnaic mi’ gu’n robh an cuideachd ’na grain dhuit, thug e mor thoileachadh dhomh. Cha’n eil teagamh agam nach eil thu ’nad fhior chriosduidh, mar a tha mi fein. Cha’n eil mi ’an amharus, o na fhuair mi dh’ eolas ort, gu’m bheil a bheag de cho-fhulangas agad ris na baoth-chreidich, luchd nan “aodann fada.” CALLUM.—Ciod a tha thu ’ciallachadh le luchd nan “aodann-fada?” MICHEIL.—Na gabh gu h-olc e—cha’n eil mi ag ciallachadh ni oilbheumach air bith. Tha fios agad gu’m bheil cuid do luchd-aideachaidh anns gach àite, ach gu h-araidh ’am measg nan Gaidheal, a tha cho cumhan agus cho canra- [TD 311] nach, is nach giulain iad le neach air bith nach eil ann’s na h-uile ni a dh’ aon bheachd riutha fein; agus nach tog suil no sròn o’n talamh ré na seachduin, no idir air an t-sàbaid. Ged a tha iad ag gabhail orra fein a bhi ’n an creidmhich mhora! cha’n aidich iad gu’m bheil dad is fearr air an siubhal na ascreideamh agus daorsa, dorchadas, cruas agus mugaireachd. Cha’n eil iad a reir coslais, beo fo ghras ach fo’n lagh, ag giulan air an coguisean fein an t-uallach a bu choir dhoibh a leagadh air-san a chaidh a lot airson am peacaidhean, agus air an do leagadh smachdachadh an sith. Ach ged nach toigh leam an cliu mar luchd aideachaidh, cha’n eil mi idir ag creidsinn gu’m bheil an giùlan Phairiseachail ag eiridh aon chuid o cheilg no o lùbaireachd ach o n’ chreud chumhan chruaidh shean-fhasanta anns am bheil iad air an oileineachadh. CALLUM.—Am faod mi fheoraich, ma seadh, Ciod is cliu do’n chreud anns an robh thu fein air d’oileineachadh mar fhear aideachaidh? MICHEIL.—Is i mo chreudsa mo choguis—“Cha’n eil mi fo’n lagh ach fo ghras.” Comh-sheasmhach ri saorsa an t-soisgeil—cha’n eil mi ’meas gu’m bheil cionta ann an smuain, ann an cainnt no ann an gniomh air bith, nach eil air an diteadh le mo choguis fein, oilbheumach do m’ chomhchreutairean no mi-dhileas do ughdarras aimsireil na rioghachd. Cha’n eil mi ’creidsinn gu’m bheil miann no iarrtas no togradh a bhuineas do m’ nadur, nach eil e dligheach dhomh a riarachadh ann am measarrachd. Cha ’n eil creideamh agam ann an diomhaireachd air bith a tha os cionn m’ eolais, mo thuigse agus mo bhreithneachaidh. Sin agad suim agus susbain mo chreudsa. Ciod i do bharail oirre? CALLUM.—Is i mo bharailse, ma ta, nach eil a’ choguis ’na bunait thearuinte do chreud neach air bith, do bhrigh gu’m bheil i a thaobh naduir ’na dorchadas, agus ann am feum a bhi air a soillseachadh léis an fhirinn. Gu’m bheil saorsa an t-soisgeil—eadhoin, an t-saorsa leis an do rinn Criosd a phobull fein saor, amhain ga’n saoradh o mhallachd an lagha, agus ga’m fuasgladh uaithe mar choimhcheangal beatha; agus mar tha an lagh ag cur an anam gu Criosd airson fireantachd agus neart, gu’m bheil Criosd ag cur an anam air ais a dh’ ionnsuidh an lagha gu bhi ga ghabhail mar riaghailt beatha agus umhlachd. Ni mo is i mo bharail gu’m bheil saorsa an t-soisgeil a’ fuasgladh an anama o bhi a ceusadh na feola maille ri ’h-antograidhean agus a h-anamiannaibh. Is i mo bharail mar an ceudna, a thaobh cliu agus gne an fhior chreidimh, gur h-e “brigh nan nithe ris am bheil dochas e, agus dearbhchinnt nan nithe nach faicear.” MICHEIL.—A! a charaid, tha mi ’faicinn gu’n thog thusa do chreud, cha’n ann o sholus do choguis fein, ach o theagasgan sean-fhasanta. Air dhuit a bhi cho deigheil air leughadh, gheibh thu mach ri h-uine, ged a bha beachdan nan seann Diadhairean freagarrach do’n linn ’s an robh iad beo, gu’m bheil iad air tuiteam fada air dheireadh air solus adhartach, agus air ard-fhiosrachadh na linn so. Bha Micheil agus Callum mar so air an cleachdadh an drasd ’sa rithist ann an deasbudan de’n t-seors ud: Micheil, gu seolta agus gu faicilleach a deanamh na b’ urrain e, gu bhi ga aomadh gu beachdan seachranach, agus gu giulan fuasgailte; agus cha b’ fhada gus an d’ fhairich Callum bochd air a chosd fein “nach eil e ann an comas neach a dh’imicheas, a cheumanna a stiùradh.’ Bhuadhaich e air gun dail gu bhi ’dol leis air uairibh do na taighean cluiche agus do na seòmraichean dannsa. ’Na shimplidheach neochoireach, cha robh aithne no amharus aig Callum a thaobh fiorchliu nam maighdeanan riomhach, iollagach a bha ’tathaich nan Seomraichean dannsa. Roghnuich Micheil dithis dhiu air an robh e eòlach, mar bhan-chompanachaibh dha fein agus do [TD 312] Challum. Ach gu bhi ’cur ar sgeoil an giorrad—cha do dh’fhairich Callum ni air bith fhathasd ’nan conaltradh no ’nan giulan, a dhuisgeadh ’amharus mu ’m fior chliu, mar sin, dh’aontaich e, air oidhche araidh, ri cuireadh a thug iad dha fein agus d’a chompanach gu suipeir aig an dachaidh fein. Air dhoibh tionndadh a staigh troi thrannsa dorcha de nach do ghabh Callum bochd mor chiatadh, ann am priobadh na sula, thionndaidh aon de luchd freiceadain na sraide a lanntair ri an aodainn. Thug Micheil agus a bhan-chairdean iad fein as, cho grad ’sa bheireadh an casan iad, agus dh’ fhag iad Callum agus am Policeman le cheile. Bha e nis ach beag air a bhodhradh agus air a dhalladh; cha b’ fhios da ciod a theireadh no ’dheanadh e. Ghrad thuig ’fhear-tiorcaidh mar a bha chuis. Rinn Callum ’fhaosaid ris gu saor agus gu h-onorach. “Mo ghille math,” ars’ esan, “bi taingeil do’n Fhreasdal chaoimhneil a chuir mise ’an so air an dearbh àm so; fhuair mi thu ach beagan shlatan o stairsneach aon de na taighean sin mu ’m bheil e air a radh ‘Is e a taigh an t-slighe gu ifrinn, a dol sios gu seomraichean a’ bhais.’” MUILEACH. (Ri leantuinn.) CUMHA DO BHAINTIGHEARNA DHUBHAIRT. (Concluded from page 298.) Nam be inleachdan ar namhaid Bhrisadh barr ar coisridh ’S ioma claidheamh cruadhach glas A leumadh grad gu feolach ’S ioma gaisgeach armach, treunda Bheireadh beum sa cho-stri Edar Beitha caol Chinntire As Ripport Eilain Cheothach. Dh’eiradh Lethanich ’s Donulich Mar shruth nam mor bheann ard Dh’eireadh Stiuartich as Cattaich A bhuadhaich neart nam blar Thigadh Guinich nimheil chlaoiteach A bheira tuinnse gu h’ar Cha bhiodh an aicheamhail gun iarraidh ’S fireoin chiar an aird. Ach ciod am fath mun luidh duthlachd Air Iuthar ŭr nan crann Ghlac am bàs an Righin ailde ’S thaisg an aros teann Chaidh fo ’n fhoid ceann gach seoil Beus gun sgod beul gun sgleo Cridh gun gho gnuis gun cheo Lamh sgapa oir gun taing. Had the arts of our enemy Broken the flower of our social train, A thousand swords of well-tempered steel Would quickly start to blood. A thousand well-armed warriors Would strike a blow in the conflict, From the narrow promontory of Cantyre To Ripport of the misty Isle. M‘Leans and M‘Donalds would rise, Like the stream of the towering hills; Stewarts and Catti would rise, Who gained the strength of battles. Campbells deathful desolating would come Rushing fierce to slaughter; Revenge would not be unsought, For the dark brown eagles would rise on high. But why should the tempest of winter Settle on the green-branched yew? Death seized the Princess of beauty, And closed her in the narrow hall. Under the turf lay the first in every grace; Virtue without pride, lips without scandal, A heart without guile, a face unclouded, A hand to scatter, without seeking praise. [TD 313] Thog iad tuaileas le mar fhuarachd Bha suarach air ar call Gun chuir sinn Eala chian nam math-ghniomh Air sgeir na mar thonn thall Gum beil i beo le luth’s ’s treoir A dusgadh orain lann Ach ’s mise chuala fuaim a déile Nuair laidh fo fheur a ceann. Cha ’n ioghna nis ant Iarla Aorach Bhi caoin air ioma doigh ’S liuthad leaga fhuair a chraobh Am bu lionmhor geugan aigh Chaill e meangan diuth a b’ ailli Nach d’fhas fo bhlath gur deoin Thuit i sios am platha sula ’S shearg a sugh fo ’n fhoid. Chlàrsach gabh anis do thamh Tuille ’s gràin leam fonn do cheol Cha tig i chluinntinn failt no furan Cha ruig d’ iorram i ’s an lón Cha dùisg i chluinntinn torman theudan No cupan déine am dhorn Falbhai mise mar tig ise ’S bidh sinn cridhail anns na neoil. They who valued not our loss In malice raised the tale That we placed the swan of noble deeds On yonder shelf of mighty waves, That yet she lives in bloom of health, Awakening the song of swords; But I heard the sound of her coffin When her head was laid under the grass. The Earl of Aora may lament, Many are his causes of grief; Many a blast assailed the tree Of thick blooming branches. She lost the fairest bough That blossomed not to our wishes; In the twinkling of an eye it fell, And withered beneath the turf. Harp! take now thy rest, The sound of the voice shall please no more; She will not hear the salute nor hospitable song; Thy mournful strains cannot reach, her in the mead. She will not hear the melody of thy strings, Nor will she hand the cup to inspire my notes; She will not come, but I will depart, Together we shall rejoice in our clouds. Note.—“The annals of Loch Cè,” printed, with a translation by Hennessy in 1871, treat of Irish and other affairs during 576 years, from 1014 to 1590. Under date 1513, James IV. is mentioned as “ri Alban,” and his people as “Alban-chaib,” his chancellor who fell at Flodden, Archibald, Earl of Argyll, is called “Mac Ailin.” 1528, “Ridire Mac Mic Ailin” treacherously slew “Mac gilla Eain mòr Mac Echainn” in the town of Edinburgh. This entry relates to John Campbell, first of the Campbell family of Calder, son of the Earl of Argyll, who is styled “8th Mac Callen Mòr” in Scotch writings, and “Mac Ailin” in the annals of Loch Cè. 1529, “Mac Ailin i.e. Cailin, son of gille espuig, the choice of all in Oirer Gaeidhel for prowess and bounty died.” This entry refers to the man mentioned in the song printed above, p. 260. The events recorded in these two songs are therefore dated by Irish authorities. [TD 314] NITHE NUADH’ AGUS SEAN. Tha còig nìthe ann air am feud na h-uile amharc mar chàirdean agus mar chompanaich dìleas trìd turais na beatha so. Is e a cheud nì, eòlas a bhi againn gu bhi a’ cur an aghaidh an uilc; an dara nì cleachdanna subhailceach a ghnathachadh; an treas ni, saorsa a bhi againn o theagamh; an ceathramh ni fiùghantachd ’n ar caithe-beatha; agus an coigeamh ni, deagh-ghiùlan. GRADH AGUS SONAS—Cha ’n ’eil nì sam bith ni’s fhusa ’s an t saoghal na ’bhi sona n’an smuainicheadh sluagh air. Cha ’n ’eil ann an SONAS ach ainm eile air GRADH. Far am bheil Gradh ann an teaghlach, an sin, mar an ceudna, tha sonas, eadhon ged robh airc agus eigin ’n a lorg. Air an laimh eile, far nach eil GRADH, ged robh e ann an lùchairt, cha tig SONAS a chaoidh. Is mearachdach an tì a thubhairt, “An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, theid Gradh a mach air an uinneig.” Cha teid idir, oir tha’n fhirinn air an dòigh eile. An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, cha teich fìor Ghradh idir, ’s e nach teich, ach seasaidh e gu treun, daingean, agus cuiridh e an cath gu cruaidh an aghaidh gach namhaid. Iadsan a ta ’gan smuaineachadh fein truagh, rannsaicheadh iad am bheil GRADH n’an cridheachaibh fein, mu’m faigh iad cron do neach no do nì eile. Fosgailidh beagan bhriathra gradhach, taitneach, tlá, an t-slighe chum tuilte soluis a bhoillsgeadh a steach do ’n tigh a rinneadh dubh, dorcha le tiugh-neulaibh na h-aisith agus a’ bhuaireis! TOIMSEACHAIN. 1. Rud dubh, dubh, Tha e chum feum an iomadh cruth Cha dean e feum mar labhair e, ’San deigh labhairt dha cha’n fhiach e. 2. Tomhais, tomhais, toimseachan, Eadar mi fèin ’s Dòmhnullan, Toilidh na ceudan ann, ’S cha toill mi fein ’n am aonar ann. 3. Cailleach anns an taigh ud thall, ’S bi ’n rag chailleach i; Cha d’ith i greim riamh. ’S cha d’ rinn i altachadh. 4. Air do dhà chailleach a bhi ’dol do ’n mhargadh le uibhean, thuirt an dara te ris an te eile: “Thoir thusa dhomhsa aon ubh, is bithidh a dhà uiread agam ’s a th’agads-a.” “Cha toir,” ars an te eile, “ach thoir thusa dhomh-sa dithis is bithidh uiread is uiread againn.” Co meud a bh’ aca an t-aon? 5. Chuir tuathanach a ghile do’n mhargadh a’s thug e dha ceud punnd Sasunnach, leis an robh e ri ceud ceann a cheannach:—daimh aig coig puinnd Shasunnach an ceann; caoirich aig a h-aon; agus geòidh aig sgillinn Shasunnach an t-aon. Co meud a bhiodh aige de gach seòrsa? UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Tha e iomadh uair air a radh gu’n deach àm agus linn na bardachd seachad a chaoidh. ’Si a’ bharail a tha coitchionn ri tachairt oirre, nach eil a nis, iad idir ann, is urrain clarsach nam Filidh a threig a dhusgadh gu ceòl—gu’m feud ranntachd a bhi ann ach nach eil fior bhardachd ri amas oirre am measg luchd-seinn ar latha-ne. Cha n-eil a’ bharail so gu buileach ceart, oir géd nach eil an t-am so cho torrach ann an luchd dealbh nan oran is a bha linn Phrionnsà Tearlach, gidheadh tha an dràsd agus a’ rithisd aon ag eiridh an so agus an sud a dhearbhadh gu’m bheil fuigheal de Spiorad nam Bard fathasd beo ’nar measg, nach do threig ceolrach bhinn tir nan treun ’us na Gaidhlig gu tur luchd duthcha Oisein is Dhonnchaidh Bhain. A’ measg na muinntir a tha dearbhadh so dhuinn is airidh Uilleam MacDhunleibhe air àite urramach fhaotuinn. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh dhuinn gu’n do thuit tonnaig aon de na Filidhean a dh’ fhalbh airsan, is gu’n robh fior Spiorad na Bardachd aige. Tha ’obair airidh air aite onorach fhaotuin ’am measg Bardachd na Gaidhealtachd agus mairidh i air chuimhne cho fada sa bhitheas meas air Gaidhlig fhallan agus shnasmhor, agus air smuaintean àrda agus oirdhearc. Rugadh Uilleam MacDhunleibhe [TD 315] ann an Gairtmeadhoin, ann an sgiorachd Chill-a-rudha ’an Ile, mu mheadhon Foghar na bliadhna 1808. Tha e air ainmeachadh ann an leabhair na sgiorachd gu’n deach a bhaisteadh air 15mh de mhios meadhonach an Fhoghair; is o’n a bha e’ na chleachdadh cumanta anns a’ Ghaidhealtachd aig an àm sin gach leanabh bhaisteadh mu’n rachadh an t-ochdamh latha seachad, is docha gu’n d’ rugadh easan mu’n t-seachdamh latha de’n mhios. B’e Seumas MacDhunleibhe a b’ ainm d’a Athair, agus Cairistíne nic Faidein a bu mhathair dha. Bha ’athair na shaor is ag oboir aig an uasal urramach sin, Ualter Caimbeul, Tighearna Ile. Ge’d a bha teaghlach mor aige thug e sgoil is oilean math do gach aon diu. B’e Uilleam, a reir innse fein a bu lugha fhuair de sgoil dhiu—a chionn is gu’n robh e’ na bhallachan guanach aotrom nach fanadh anns an sgoil, is nach d’ thugadh aire dhi ’nuair a bhitheadh e innte. Air an aobhar sin chaidh a chuir óg ri ceard. B’i a ’cheard a roghnachadh air a shon, an taillearachd. Bha e anns an àm sin ’na chleachdadh aig na taillearan a bhi ’dol o thaigh gu taigh, a dh’obair anns gach àite anns am biodh aodach ri dheanamh. Is iomadh naidheachd a bu ghnath leis a’ Bhard innseadh mu na cleasan a’s fhealadhà a bu ghnàth a bhi air an cleachdadh ’s na cuideachd an aotrom ud a b’ abhaist coinneachadh far am biodh an taillear ’sa chuid ghillean ag obair. Bhitheadh beurais a’s bearradaireachd, ranntachd a’s bàrdachd, ursgeulan a’s toimhseachain a dol ann am pailteas a’s cha bhiodh facal Uilleim air deireadh, a’s cha b’i a theanga a bu mhaoile. Ged nach b’e so an sgoil a b’ fhearr gu balachan og a theagasg aon chuid ann am beusa-leachd no ann an gliocas, tharruing am Bard og cuid de theagasg uaith. Bha ’inntinn air a geurachadh trid nan deasbaireachdan a bhitheadh aca, agus dhuisg na sgeulachdan a bha air an innseadh iartus ’na anam gu tuillidh fiosrachaidh fhaotuin mu na linntean a dh’fhalbh, is mu na daoine treun’ a sheas agus a chathaich as leth an duthcha. Gu moch thoisich e air rannan a chur ri cheile—se a chiad oidheirp a thug e ann an rathad bardachd oran a rinn e do chù a bha aige, a’s ged nach robh e ach óg aig an ám, tha e a’ foillseachadh gu’n robh spiorad na fileachd aige. Tha na rannan so a’ toiseachodh air an doigh so:— “Brannan beag mo chuilean boidheach Tha thu laghach baigheil suairc, Cha bhi thu tabhann ri daoine, No ’cur nan caorach ann an ruaig,” &c. Ged nach eil na rannan so idir a’ foillseachadh air dhoigh air bith cumhachd nam buadhan ud a bha nan cadal ann an anam a’ Bhaird, tha iad nan dearbhadh air firinn an t-sean radh, “Poeta nascitur non fit,” se sin, nach dean oilean, ach gibhtean naduir a mhàin, Bard do neach. Goirid an deigh so chuir e ri cheile aoir air muc a chaidh air chall is mu dheighinn an d’ rinn an neach d’am buineadh i othail mhór a’ smaointeach gu’n deach a goid. Cha n-eil an aoir so a nis ri a faotuinn agus is mor am beud oir bha i a’ foillseachadh tapadh-inntinn nach bu bheag. Is iomadh uair a dh’iarradh air a sgriobhadh ach cha robh toil aige, bha e ag radh, ainm daoine coire air an robh e an ám fealadha a deanamh fochaid, a bhi air an cur ’san dòigh sin an lathair an t-saoghail, is air an aobhar sin dhiult e a sgriobhadh. An deigh dha a bhi reidh ’sa cheard dh’ fhag e ealain duthcha a’s thainig e gu Galltachd, ach ma dh’ fhag cha do dhi-chuimhnich e na chual e mu na sean laoich a dh’ fhalbh, is chuir e roimhe tuilleadh foghluim fhaotain do thaobh eachdraidh a dhuthcha. Is ged a bha aige ri obair gach latha, rùnaich e gu’n deanadh e suas an dearmad a rinn e air sgoil ann an [TD 316] laithean òige. Thoisich e air leughadh gach sean eachdraidh air am b’ urrain dha a laimh a chur. Ach cha b’fhada gus am faca e ma bha e ri sean Fhordun is a cho-luchd eachdraidh a thuigsin gu ceart gu’m feumadh e eolas fhaighinn air a’ chanain anns an do sgriobh iad. Le duinealas fior Ghaidheal thug e ’aghaidh air an Laidinn, is ged theagamh, nach còrdadh an rathad anns an leughadh e i ri ard sgoilearan, rinn e e-fein cho eólach oirre is gun rachadh aige air Laidionn nan linntean dorcha eadar theangachadh ni b’ fhearr na iomadh aon a bu mhotha cothruman agus sgoil. Theagaisg se e-fein mar an ceudna anns an Eabhradh agus anns a Ghreugais cho fada is gu’n rachadh aige air a rathad a dheanamh a chum brigh nan sgriobtaran anns na canainean anns an deach an sgriobhadh air thus. Thug e aghaidh mar an ceudna air an Fhraingis agus air an Uáilsh. Tha cuimhne agam uair a thaghail mi air, e fein agus a bhean “a chearcadh fhraoich” mar theireadh e fein rithe, fhaotuin le cheile ag obair air eachdraidh nan Druidhean eadar theangachadh o Fhraingis gu Beurla. Bha e mar an ceudna mion eolach air eachdraidh a dhuthcha; gu sonruichte air obair nan seann luchd-eachdraidh agus be a mhiann a bhi a ghnath a’ labhairt air euchdan buadh-mhor “nan sean Albanach airidh.” Ach thachair dha mar is tric a dh’eireas do mhuinntir aig am bheil cruadalan agus deuchainean mar an crannchur, agus do mhuinntir a thionnaidheas an aire gu h-iomlan a chum aon chuspair sonruichte, gu’n robh e neo chomasach dha amharc air da thaobh ceisde le suil neo-chlaon—air an aobhar sin bha gaol-duthcha annsan air a mheasgadh le fuath ro-ghamhlasach an aghaidh na muinntir a bha anns na linntin a dh’ fhalbh na’n maimhdean dì. R. I. (Gu bhi air a leantuinn.) AM FEILLIRE. Failte ’s furan do’n FHEILLIRE! Tha mi lan-chinnteach nach ’eil a dhìth ach gu’m biodh fios aig ar luchd-duthcha gu’m bheil e air tighinn a mach, gu e bhi air a chraobhsgaoileadh am fad ’s am farsuingeachd feadh tìr nam beann. Tha mi mar an ceudna dearbhta, an uair a leughar e, gn’n aidich gach aon gu’m bheil e ’toirt dhuinn goireas a bha gu mor air iondrainn ’s a’ Ghaidhealtachd. Is fada o’n a bha ioghnadh orm nach robh riamh leabhar d’an t-seorsa air a chur ’an lamhaibh ar luchd-duthchadh ’n an canain bhlasda fein, gus an d’ thug an Gaidheal fiachail, CALUM CIOBAR an oidhirp an uiridh. Tha an duilleachan ùr so gu sonruichte taitneach air son an t-snuaidh ghneitheil, dhuthchasaich a tha air an eolas a gheobhar aige. Cha ’n e idir eadar-theangachadh air Miosachan Beurla a tha againn an so. Tha cuisean agus tachartais Ghaidhealach a’ faighinn an dùth fein de dh-aire. Gheobh sinn àm breith agus bais nan Gaidheal a bu fhiughantaiche ’s a bu mheasaile; laithean nam blar iomraiteach anns an do bhuadhaich sinn, cho math riusan—tearc ’s mar a bha iad—anns an d’ fhuair ar naimhdean seorsa de lamh-an-uachdar—gidheach ged a chaill sinn an latha, anns nach do lughdaicheadh ar cliu no ar meas. Tha AM FEILLIRE a’ toirt duinn mar an ceudna mion fhiosrachadh ro fheumail mu laithibh feille agus margaidh na Gaidhealtachd gu leir; mu eiridh agus laidhe greine agus gealaiche; mu fhad an latha, agus mu mhuthadh an t-soluis; mu na fineachaibh fa-leth, le’n Cinn-chinnidh, an Suaicheantais, ’s am Piobaireachdaibh, cho math ri inbh agus dreuchd Luchd-muinntir nan Ceannard, o’n Ghille agus am Bard, a nuas gu Gille a’ Phiobaire agus an Cleasaiche. Chi sinn an so cuideachd ainmean agus laithean breith agus posaidh an Teaghlaich Rioghail, agus brigh cuid de riaghail- [TD 317] tibh a’ Phòst-thigh. Ach carson a leudaichinn. Deanadh bhur luchd-leughaidh AM FEILLIRE fhaotainn doibh fein, agus tha mi cinnteach gu’m faigh iad e freasdalach, goireasach os cionn na bhreithnicheadh iad. MAC-MHARCUIS. FREAGAIRTEAN Do na Toimhseachain air taobh 214. 1. An t-uisge; 2. Am muir ruadh air dha bhi air a sgoltadh le slait Aroin a’s na h-Israelich faotuinn an nall air talamh tioram, agus na h-Eiphitich a bhi air am bathadh ’nan deigh; 3. An latha ’san oidhche ’dealachadh; 4. Da fhitheach. TAISBEANADH AN AIRM AIR BIALAOBH AN RIGH. (Bho ’n dara Duan de Sgialachd na Troidhe, Eadar-theangaichte le Eobhan Mac-Lachainn.) Aon tiota cha d’ éisd an righ, ’S ghrad-thug impidh d’a mhaoir-ghairm Am feachd a theanal gun dàil, ’S an tarraing gu blàr air leirg. Dh’ éubh na maoir a b’ onfhach sgairt; Thriall a’ chaismeachd fad an fhuinn; ’S na ’n tuil-mhaoim adh ionnsaidh gleòis Thair a’ mhorfhaich dhòirt na suinn. Ghluais a mach ’s an rìgh air thùs, Na cinn-fheadhna stiùradh chàich; Chiteadh Pallas nan gorm shùl Romhpa dùsgadh sùrd a’ bhlàir. Air a slios bha ’n sgiath bhith-bhuan, Thoirteil, áillidh, luachmhor, throm; Dhéarrs gaithean loinntreach bho cléith, A shoillsich gu léir am fonn. Bha ciad nathair shnìomhain ruadh, Ga lasadh mu’n cuairt adh òr, Ciad bann de ’n stuth rìomhach nuadh, Fiach gach aon diubh buaile bhò. Leis a’ bhall airm seo ri ’taobh, Shiubhail i ’n raon sear a’s siar, A’ mosgladh spéirid ’s gach feòil ’S mean-acrais gu còmhrag dian. Dh’ fhadaidh i gaisge ’s gach créubh, ’S bu mhìlse leo stréupaid laoch, Na tilleadh le ’n longan luath, Nùll thair chuan gu tir an gaoil. Mar fhaloisg àird nan dearg smùid, ’S an fhrìth mhòir air stùic nan sliabh; Bàrcaidh tuil-lasrach mu’n chruaich ’S chìtear ruadh am foidhleas cian: B’ amhuil comh-imeachd ant shluaigh ’S na h-airm bu neo-thruaillidh gnè; Fad shruithean soillse bho ’n cruaidh A’ ruigheachd a suas gu nèamh. Mar ealtainn gun àireimh cheann Lachainnean-fionn a’s ghlas-chòrr, ’S ealachan fad-amhach bàn Timchioll Asius nàn gorm-lòn. ’S éibhneach iad a nùll ’s a nall Thair Caïster nan deann luath, ’Téarnadh le garraicileis bhaoth— ’S freagraidh am fliuch-raon do’m fuaim; Sin mar bhrùchd an teanal mòr Nuas á còir nam bùth ’s nan long; Fir a’s stéudan ri toirm chas, ’S an talamh ag osnaich tròm. Air dail Scamandair an fheòir, Sheas na mìltean slòigh cho dlùth Ri buidhionn lìonmhor nam blàth A dh’fhàsas ’s a’ Chéitein chiùin. Mar mhìltean ’mheanbh-chuileag’ bàth Feadh thaigh-àiridh glinn a’ bhuair An aimsir an Earraich thlàth, ’S am bainn-ùr na thàmh ’s gach cuaich: B’ amhuil fad a’ chòmhnaird réidh, Sliochd na Gréige b’ òrbhuidh cùl, Fo iom-ghluasad gu stuaidh Thròidh, ’G iarraidh còmhrag nan sleagh dlùth. Mar bhuachaillean air raon cian Làn ’ghobhair fhiar-adhairceach ghorm, Tearba’idh iad gun strìbh an tréud A mheasgnaich air réidh nan learg; Sin mar thearb na ceannaird thréun’ Feachd na Gréige bhos a’s thall; Dheasaich gach triath a shluagh fhéin Los dol sìos gu stréup nan lann. Thriall gu mòralach thair châch, Agamemnon is àrd luaidh; Crios mar Mhàrs air seachad siar Uchd ’s a chliabh mar dhia nan cuan; [TD 318] A dhà shùil ’s cheann mar Ióbh Ni ’s na neóil an torunn cruaidh; ’S timchioll ceanna’idh an laoich mhòir Shoillsich éuchd, a’s glòir, a’s buaidh. Mar tharbh aoigheil, làirceach, trom, ’S an spréidh air an ailein cruinn; Stàtail a thrìall—àillidh ’chom, ’S e ’gluasad mar rìgh an fhuinn: Sin mar ghluais Mac Atreuis àigh, Oir thog Iòbh e gu àrd uaill. Suaicheant an là sin ’s gach cliù Chìt’ e measg fir iùil a shluaigh. ORAN DO’N URRAMACH ALASDAIR STIUBHARD, ’AM BUN-LOCHABAR. O! mosglaim-se le sunnd ’us càil, ’Us deachdar Dàn gu buadhach leam, Do’n Fhìr-eun uasal, fhoinnidh, fhial, A’s pailte ciall ’us buadhannan, Tha’m Bun-Lochabar nan damh donn, ’S nam mac ’s nan sonn clis, fuasgailte, Dheth ’n aitim rìoghail, sheasmhach, dhàn’, Bha sgaiteach, dàicheil, cruadalach. ’S tu ’fiùran fearail, ’s athail gnùis, A’s teinne lùgh, ’s a’s anamanta, A’s guirme sùil, ’s a’s deirge gruaidh, ’S tu fallain snuadhmhor, geala-mhaiseach; O shàil do bhuinn gu gruaig do chinn, Gur cuimir, grinn, deas, dealbhach thu, ’S na ’m faighte gairm a dhion a’ chrùin, Bu ghlan air thùs na h-armailt thu. Ach ’s e ni buan do mheas ’s do chliù, Na gibhtean dlùth chaidh dhòrtadh ort, ’S nach ’eil ’s an àl so fear do chéill’, ’S tu deanamh feum an còmhnuidh dhith: ’S tu ’n t-abhal àluinn ’s lionmhor freumh, ’S a’s pailte geuga mor-mheasach, Gun bheud, gun ghaoid, ach reachdmhor, làn, ’S e bhi fo d’ sgàil tha sòlasach. Gur diomhair d’ iùl ’us d’ fhiosrachd gheur, Mu chuairt na gréin’ tha deàrrsadh oirnn, ’S cha’n ’eil an cleith ort gnè nan reul, ’S gach feart ’s na’s léir dheth ’n àireamh ud, Mar sin gu-n dhearbh thu meud do ghrunnd’, ’Us barrachd tùir mar Chàileadair, A dh-innseas dhuinn m’an tig gu crìch, Gach caochladh sìn’ ’s mar thàrlas iad. ’S gur solus dhuinn do bheachdan fior Mu ghin nan iasg ’s an àbhaistean, Mu ghnè nan ian, ’s gach bith’ ta beò, ’S mu bhuadhan phòr ’s mar dh’ fhàsas iad, Mu chinneas luibhean ’us an sgèimh, ’S mu stuthan mhèin ’s an gnàthachadh, ’S tu toirt dhuinn eòlais air gach maoin, A tha ’s an t-saoghal nàdurra. A’s tuigseach dh’ innsear leatsa sgeòil, Nan Aoisean Orach ’s Iarunnach, ’S tu deas ’an cainnt na Gréig’ ’s na Ròimh’, Cha bhi ort sgleò ’g an sgriobhadh dhuinn; ’S gur taitneach ’chuirear leat ’an céill, Mu ghaisge thréibh nam Fianntaichean, ’Us nòs gach teaghlaich, fin’, ’us sluaigh, Am meud, an snuadh ’s an siolachadh. Tha ort mar chliù, bhi suairce, ciùin, Neo-uallach, mùinte, sìobhalta, ’S tu faoilidh, pàirteach, iochdmhor, tlàth, ’Us pailt an gràdh ’s an sìmplidheachd, Ro thapaidh, dian, ’s gach àit ’us àm, A sheasamh bhantrach ’s dhilleachdan, Air cheann nam bochd a’ dion an cùis ’S deas-chainnteach, grunndail, dìleas thu. Gu’m beil do ghluasad ’réir do ghairm, ’S cha-n ann le foirm no cealgaireachd, Ach tlusail, sèimh, ’us ceart ’am beus, A’ ruith do réis’ gu h-armaichte: [TD 319] Gu-n d’ fhuair thu dh’ onoir le gach buaidh, Bhi d’ aobhar uaill’ d’ ar Garbh-chriochan, ’S gur mùirneil d’ ainm air feadh gach tìr’, ’S bi’dh iomadh linn a’ seanchas ort. Gu-n guidhinn fhìn dut ’measg nan ceud. Fad shìneadh ré neo-smuaireanach, A’ fàs ’an toirt, an cuid, ’s an daoin’, Ri fad do shaoghail buannachdail; ’S gu’m beil mi luaidh ort le mor mhiann, Aig ceann gach mios’ mar chuairticheas— ’S ag òl do shlàinte le Mac-Ràild, Fear cridheil, càirdeil, uasal e. LOCH-AILLSE. LITIR O RUNASDACH. A Ghaidheil Runaich Bliadhna mhaith ùr dhuit agus moran diu—gu’m a slàn a bhitheas tu, a’s gu’m a fada beò thu. An saoil thu nach ann a tha cuid de naire orm sgriobhadh thugad le cho fada is a bha mi gu’n smid a chur a’d ionnsaidh? Dh’fhaodain leisgeul a thoirt dhut airson mo thosd fhada, ach is coma leam leisgeulan aig gach àm. Ach cha robh an call cho mor ged nach robh facal agad uam-sa o’n a bha uailsean urramach foghainteach eile ag cur gu leòir de nithean gasda thugad. ’Sann daibh fein a b’aithne a dheanamh a’s cha b’ann do sgaomaire bochd mar a tha mise! Am bheil fhios agad gur ann a bha mi anns an leth bharail, gu’m b’e an t-aobhar nach d’fhuair mi cothrom air litir a chur a’d ionnsaidh, gu’n robh na buidsichean ag cur bacadh orm le an giosragan is le an ubagan neo-chneasda. Tha fhios agad fein gu’m bheil iad ro shaothrach ann an àm na Samhnadh, is nach leig iad leis an fheur cinntin fo’n casan. Tha mi beachdaidh as a so gu’n robh aon bhuidseach mhor ag cur grabadh orm—biasd a’ mhill iomadh deagh rùn a’s a thug air iomadh aon, cothroman prìseil a leigeil seachad—is fhuair an trudar buaidh orm-sa o cheann da mhiosa. Is e is ainm do’n bheisd “Cuir-dail-ann-gus-am-maireach.” Tha sar fhios aice “An rud anns an d’theid dail theid dearmad” is ma theid aice air toirt air neach dail a chur ann an gnothach gu’m bheil a bhuaidh aice. Is i so a’ bhuidseach a chuir cnapstarra a’m rathad-sa, is cha n-e creutair neo shaoghalta air bith eile. Oir tha eagal orm gu’m bheil ceard nan creutaran bochda eile air dol a dhi, on a chaidh eòlas a’m meud, is gu’m bheil iad air diollaid a chur air a’ chas-sguaibe is air teicheadh do’n Spainn. Chuir sitrich an eich iaruinn agus ràn deatach bata na smuide an cridhe asda is theich iad gu fasgadh fhaotuinn, fo chleoca an aineolais ann an duthaich eigin eile. Slan leotha—’s mairg a bhithead g’an caoidh. “Beannachd Challum Ghoba leo.” Cha n-eil ach tearc ri amas orra a tha a nis a’ toirt geill do’n bharail amaideach so; ach bha aig aon àm lan chreideas air a thoirt di. Cha b’ann a mhain ’sa’ Ghaidhealtachd a bha geill air a thoirt do’n t-saobh-bharail gu’n robh cumhachd aig muinntir trid cùmhnant a dheanamh ri spiorad an dorchadais air nithean miorbhuileach a dheanamh. Thar an t-saoghail mhoir gu leir bha na beachdan so ri am faotainn. Bha na cinnich a b’fhoghluimichte anns an t-sean aimsir ga chreidsin. Is bha na borb dhaoine anns gach cearn iomallach a’ toirt geill dha. Is cha be a mhain a’ chuid a b’ilse is a b’aineolaiche de’n t-sluagh, a bha ag creidsin anns an ni ach daoine measail agus foghluimichte. Bha Easbuigean agus Sagairtean, Ministeirean agus Foirfich ag creidsin ann am buidseachas. Agus mo thruaigh, bu bhochd an toradh a thug an creideas aca a mach; oir is iomadh creutair truagh a chaidh a chur gu bàs piantach air a thaileadh. Bha iomadh cailleach bhochd air a losgadh gu bas le daoine a bha a’ saoilsin gu’n [TD 320] robh iad a’ deanamh obair mhaith le bhi mar so ag cur seirbhisich an Fhir-mhillidh gu bàs. Ach an àite a bhi ’cur na aghaidh sann a bha iad a’ deanamh seirbheis dha, si mo bharail, le bhi a’ deanamh a’ pheacaidh mhoir so—a’ peanasachadh truaghain bhochda air son cionnta anns nach robh e comasach dhoibh o nadur a bhi cionntach. Ach a chum cliù cleir agus pearsa Eaglais na Gaidhealtachd biodh e air innseadh, nach deacha riabh (cho fad s’ as fhios dhomhsa, codhiu) neach a dhiteadh gu bàs air an iartus airson na barail fhaoin so. Ach mar an robh peanas air a dheanamh orra cha b’ann a chionn is nach robh na Gaidheil mar dhaoine eile a’ creidsin annta. Is iomadh sgeul a b’urrantar innseadh mu dheanamh nan cleasan de’n robh iad cionntach. B’ urrain iad, na’m b’ fhior, am bainne a thoirt o’n chrodh agus an toireadh a thoirt as a’ bhainne. An uair a bha bainne mairt air ubagan a chuir air, bhitheadh e tana, glas, agus ge’d a chuireadh tu a mach do chridhe ga mhaistreadh, mìr ime cha d’thigeadh air. Ma bha thu a’ dol a’ mhaistreadh, is gu’n robh eagal ort gu’m feudadh buidsichean a bhi a’d choir, be an gliocas dhut, riombal neo cearcal a tharruing mu’n cuairt ort le inneal staillinn eigin—grainne saluinn a chur ’sa’ chuineag mhaistridh, am muighe a chuir ’na shuidhe air cnutha eich, agus an rann a leanas a ghabhail, a’ toirt an aire gu’m biodh gach facal ’san rann ag co-fhreagairt do gach buille de’n lonaid— “Thig na maoir Thig na saoir Thig fear a’ bhata bhuidhe.” Bha na h-urrad de mhuintir ann aig an robh, na’m b’fhior an cumhachd coire a dheanamh air an doigh so. Bha cumhachd aig na buidsichean iad fein a chur ann an cruth chreutairean eile ach gu sònruichte ann an cruth maighfhich. B’urrain mi iomadh sgeul innseadh mu mhuintir a bha mar so ga’n cruth-atharrachadh fein gu coslas a’ chreutair so, na’m b’ fhior an sgeul. Is ged a bha na sgeulachdan sin gun steigh gun bhunnchar bha iad air an làn chreidsin. Tha cuimhne agam air maighfhiach a b’ abhaist teachd do’n gharadh chail aig m’athair. Thug fear de’na gillean oidheirp no dha air a tilgil, ach co-dhiu a b’e is nach robh easan na shealgair maith, no nach robh an gunna aige air deagh ghleus cha deacha aige air. Thachair so cho tric is mu dheireadh ged a gheobhadh e lan chothrom oirre nach loisgeadh e. Thuit dhomh fein a bhi aig an taigh ’san àm, is shin mi air gaireachdaich mhagaidh air a’ chuis. Ach thionndaidh e a’s thug e dhomh spreigeadh smachdail, ag radh “Tog dheth ’ille, is stad ded’ ghlagaireachd, air neo cha n-eil fhios agam nach fhaigh thu dioladh air son d’fhealadhà uair nach saoil thu.” Theagamh gu’m faigh, ach cha’n i a’ ghearr bhochd a bheir a mach an aichmeil” orsa mise. “Uist” ors easan, “cha n-eil e idir cneasda fanaid a dheanamh air a’ chuis.” “So, dhut sea sgilinn” orsa mise, “lub i is cur ’sa’ ghuna i, oir chuala mi thu ag radh nach gearradh ni air bith ach sea-sgillinn lùbta air buidseach.” Ach cha bhiodh gnothach aige rium fein no ri mo shea sgillinn, air eagal, mar thuirt e fein gu’m feudadh e bhi cionntach ann am mortadh, oir bha leth bharaile aige co i a bha ann an coslas na maighich. Is docha leamsa air son so uile, nach ann aig a’ bhuidseachas, a bha choire ach gu’m be a b’ aobhar nach robh a’ ghearr air a marbhadh, nach robh ’sa’ ghille choir ach “sealgair theab a loisg ’s nach do leag.” Bha crodh a bha air laoigh a bhi aca fior bhuailteach a bhi air an gonadh, agus ann am mor chunnart gu’n rachadh toradh a’ bhainne aca a thoirt air falbh. A chum buaidh a thoirt air giosragan nam biasdan bha ni no dha [TD 321] feumail do’n bhanaraich ghlic a dheanamh. Bha cnutha eich ri bhi air a deanamh dearg agus a’ chiad spùt de’n bhainne ri bhi air a bhleothan air a chnutha so—bha faine na banaraich ri bhi air a chur mu’n cuairt air aon mu seach de bhalain a’ mhairt, agus na h-urad de dh’fhaoineis eile a cheart a cho gòrach riù sin. Ma bha toil agad dioghaltas a dheanamh air buidseach a rinn coire do thoradh do chruidh, agus fhaotuin a mach co an neach a rinn an dolaidh so ort, cha robh agad ach steall do’n bhainne a bha air a chronachadh a chur ann am pŏit agus dorlach phrineachan agus shnathadan a chur ann am measg a’ bhainne, an dorus a chrannadh agus a phoit a chur air an teine. ’N uair a thoisicheadh a’ phoit ri goileadh, thoiseachadh piantan agus tachdaidean air a bhuidseach, is cha b’ fhada gus am bitheadh i anns an dorus a’ glaodhaich faotuinn a staigh. Cho fada ’sa chumadh tusa na snathadan a’ goileadh, cho fada sin leanadh doruinn chraiteach air a bhuidsich, gus mu dheireadh an d’thugadh i a da chluais thar a lethchinn air son fuasgladh fhaotuinn. Ann an dluth dhaimh ri buidseachas bha an droch shuil. Ach bha an t-eadar dhealachadh so eatorra, gu’m faodadh an droch shuil a bhi aig neach gu’n e bhi na fhior dhroch dhuine; is gu’m feudadh e coire a dheanamh ort gun toil air bith a bhi aige sin a dheanamh. Bha na’m b’ fhior an droch shuil a’ sruthadh o chridhe farmadach a bhi aig neach. Na’m biodh farmad laidir aig neach riut, bha cunnart ann gu’m feudadh e coire a dheanamh ort anns an rathad so. Tha cuimhne agam aon uair a bhi a’ reusonachadh ri aon mu amaideachd a’ leithid so do bheachd. Ach cia b’e ni a theirin-sa, bha easan ’san aon bharail. Chrath e cheann agus thubhairt e “Cha n-eil fhios agam, sgoiltidh farmad na creagan.” Tha iad ro lion mhor ann, a tha gus an latha ’n diugh a làn chreidsin gum bheil a leithid do ni ri cronachadh ann. Agus ’se bhochdainn a thaobh an droch shuil, gu’m feud i bhi aig neach gun fhios da fein. Chuala mi iomradh, air neach nach b’ urrain dol shealltuinn a chruidh aige fein gun choire a dheanamh orra, is air duine eile aig an robh a leithid de ghaol d’a chlann is gu’n robh iad iar an gonadh le a shuil. Ma bha toil agad gun choire a dheanamh anns an rathad so, dh’fheumadh tu, ann a bhi a’ molladh beathaich, no leanaibh smugaid a chur air do shuil. Uaith so tha am facal ag eiridh “Fliuch do shuil mu’n cronaich thu e.” Bha e iomachaidh mar an ceudna, gu’n cuireadh neach an roimh radh so an toiseach air molladh air bith a bhitheadh e a’ deanamh “Mata gun an gobh mo shuil e, is briath am beathach sin.” Bha na’m b’fhior muinntir ann aig an robh eòlas sornuichte a dheanadh slàn neach no ni a bha air a chronachadh. B’e so an doigh anns an robh an t-eolas air a dheanamh; bha briathra seuna air an labhairt os ceann uisge, agus an t-uisge so an sin air a chur ann an searag, air a thoirt gu curamach is air a chrathadh os ceann an neach a bha air a chronachadh. Dh’fheudadh an t-eolas a bhi air a chur ann an sraing is an t-sreang a cheangal mu mhuineal a’ neach a bha air a bhualadh leis an droch shuil. B’ aithne dhomh aon no dha a bha ’gabhail orra fein gu’n robh eòlas a chronachaidh aca, is chunna mi an da chuid daoine agus beathaichean, do’n robh an t-eòlas air a dheanamh. Ach ghabhadh e dearbhadh moran nis laidire na fhuair mise riabh air a chuis, a thoirt orm a chreidsin aon chuid gu’n robh an comas leigheis so aig a’ mhuintir a bha ’gabhail orra gu’n robh, no gu’n d’rinn an t-eòlas aca feum do’n mhuintir d’an deach a dheanamh. B’ urrain mi sgeul no dha innseadh dhut a thaobh na cuise so ach tha eagal orm gu’n bheil an litir so fada gu leoir cheana. Bha aireamh mhor eile de sheuna agus de “eolais” ann. Mar a bha eolas an déididh a [TD 322] bha comasach air a ghalar phiantach sin a leigheas gun turcais fear-tarruing-nam-fiacal a dhol an coir do chairein. Bha eòlas na sula ann, a bheireadh smuirnean as do shuil ge’d robh thu miltean air falbh o’n neach a rinn an t-eolas; agus aireamh mhor eile de’n cheart seorsa, a bha freagarach air son gach eucail agus anshocair air an cualas riabh iomradh. Ach tha na nithean so uile a’ dol air chùl agus is maith do na leighichean gu’m bheil, oir na’n rachadh aig na seana chailleachan mar so air gach leigheas a dheanamh, tha eagal orm nach biodh brochan nan Doctairean bochda ach tana gu leoir. Bha dà chungaidh leighis air an cuala mi iomradh ’sa’ chearnaidh d’an duthaich san deacha mo thogail, a bha aithnichte a reir aogais thar chearnan eile de’n Ghaidhealtachd, oir chunna mi cunntas ro thaitneach air a thoirt orra leis a’ Ghaidheal smearail sin, “Bun-Lochabar,” a tha deanamh na h-urrad air son sean nithe Gaidhealach a chumal air chuimhne. Feumadh mi a radh ’san dol seachad gu’m bheil “Bun-Lochabar,” air mor chomain a chur air na Gaidheil leis na seuna agus na toimhseachain a chur e chum a’ phaipeir naidheachd sin aig am bheil an onair agus a’ bhuanachd, an duine uasal sin aireamh ’am measg a luchd cuideachaidh. Ma dh’ fheudas mi bhi cho dàna agus comhairle a thoirt air neach cho gleusda, tapuidh, foghlumaichte ris an urramach sin, theirin gu’m bheil mi an dochas gu’m bi e cho maith agus na sean nithe ud a chur air chuimhne ann an rathad a’s maireannaiche na taobh duilleag a’ phaipeir naidheachd. Chuireadh e comain ro mhor air a luchd duthcha le so a dheanamh. ’Se an dà chungaidh leighis air an robh mi ’dol a labhairt—Biadh a ghabhail á Spainn de dh’adharc bo-bheo. Se sin, Spainn a bha air a deanamh de dh’adharc a chailleadh mart air dhoigh air bith. Cho fada is bhitheadh am mart beò bha buaidh shonruichte anns an Spainn. A’ chungaidh eile a bha a’m bheachd, is cungaidh i gun teageamh air bith, na’n gabhadh i faotuinn, a bhitheadh annasach, mar a deanadh i leigheas. So agad i:— Ola cas easgainn, A’s bainne cich circe, Agus geir mheanbh-chuileag Ann an adharc muice, Agus ite cait ga shuathadh ris. Bha moran eile de dhoighean leighis ann, air nach ceadaich fad mo litir dhomh labhairt—mar a bha leanabh air an robh an tuagh a thoirt thar tri criocha baile, meur duine marbh a chur air cinneas a bhitheadh air neach. Agus iomadh eile.—Slan leat. Is mi le gach deagh dhùrachd do charaid RUNASDACH. Glaschu air Cluaidh Di Luain an t-Sainnseil, 1873. NUADH ORAN. (Air a Leantuinn.) ’S e Hancock ’us Adam, ’us Franklin na ceilg, A dh’ éignich a’ ghràisg ud gu h-ànrath ’s gu feirg; Rinn Washington ’s Lee ’s gach giomanach seilg, A’ choimhstri ’chraobh-sgaoileadh air aodann gach leirg. Dh’ fhàs iad cho làn ’us gu’n d’aichein iad Criosd, Le mil ’us le bainne, le h-aran ’us fion; Ach bithidh iad fhathasd air alaban tiom’, A’ goid ann an ainnis, ’s a’ gal an droch-gniomh. [TD 323] ’Siad sud a chuir miltean air ìomaroil chruaidh, Chum slighe na h-ath-sith air iomruagadh truagh; Ach tuitidh iad fathasd ’s an lion a chuir suas, ’Us éiridh an neo-chiont’ an sòlas o’n uaigh. Gun chron no cion-fàth thog Spaintich an sròl, An co-aonachd Fhrangach gun taing iomairt-sgleò; ’Sa choimhstri nach buineadh dhoibh buill’ thoirt ri’m beò, Eadar mac ’us a pharant ged fhàgadh e’n deò. Ghabh na béistean an cuthach gu buidheann ’s a’ bhlàr, An cota ’s a’ pheiteag do Bhreatunn an àigh; ’Sann rinn iad dhi cuspar gu cluich air gach laimh, Le saighdibh tein-athair a chaitheamh a bàrc. ’S an onoir nach tréig sinn am feasd no gu bràth, Ard-uachdranachd mara bhi againn ’s gach àit; Mur dean ceilg no droch mharasgal ’s athadh do nàmh, No brib uatha ghabhail,—cha-n fhaigh iad ri’n là. Is luaithe an cosan gu casgradh ’us leòn, Gu dortadh na fola nach d’ chaidir an gò; Na iolair nan speur air a sgéith anns na neoil, Gu cathan nam flath a chur thairis air lòn. Mar sin tha an slighe gu milleadh mòr Dheors’, ’S a shlugadh gu gionach na dhligheadh iad dhò; Ach thig orr’ an là nach aidhearach nòs, ’S a ghuileas gu cràiteach mar ghnàthaich a’ choir. Ghairm esan gu ciùin iad, ach dhiùlt iad a rian, ’Us shìn e a làmh dhoibh gu fàilteach ’s gu fial; ’Us thug geallanan gràidh dhoibh nach àrdaicht’ am pian, Na’n closadh an samhchair, nach tairngte dhoibh liath. An ioghnadh ged ghair esan là am mòr thruaigh’, ’N tràth thig orr’ o ’n fhàsaich an ard-osag chruaidh; A sguabas thair fàire, an àl ’us am buar, Bi ’dh esan ri gaird’chas, ’s aig làn chaithream-buaidh. Co’n sin leis an duilich dream fhuilteach nan creuchd, A chlaoidh ’us a shàruich am pàrantan féin; A leagar am bràithrean ’s an àraich gun bheud, ’S am peathraichean dubhach an tuilichibh dheur. Dhoibh tarlaidh mar thachair do dh’ Absalom truagh, Chaidh chomhrag r’a athair, le iomadaidh sluaigh; Aig marcachd roimh ’n doire, chroch a’ choill air ghruaig, Mo thruaighe! bu chràitich am bàs sin a fhuair. Tha corr ’us seachd bliadhna o na rianaich iad stòr, Gu comhrag ri ’n càirdean do ’m b’àbhaisd am bròn; Gu’n sgathadh gun eutruas an coille no’n còs, ’S cha b’ann air mhagh réidh dheanamh euchd ach tra-nòin, Nam faigheadh na lothramaich cothrom na Feinn’, Aon la o’n thòisich a’ choimhstri an-fhéil; Cha-n fhaighte mac duin’ air aon tulaich gu feum, Ach ’n an carnaibh air chomhnard a’ foghlum an eig. [TD 324] Mur deantadh leo càirdeas ri Frangaich ’n an cas, ’S ri Spaintich dhubh lachduinn, bu ghrad bhiodh an sas; ’Us Duidsich ’us Olandaich dheineachadh gràidh, B’fhad o’n chaidh corcach air sgornan na graisg. ’S iomadh fear dearg bu ro-gharg anns an tòir Chaidh reubadh le clàthair an doir’ ’s am bith’dh eòin; ’N a chrùban fo fhasgath na daraig bu mhò, ’S a rùn gu dol dachaidh ’n am faigheadh e ’n ròd. Na h-uilteachan cuinnsear bu phuinnseant’ bha riamh An aghaidh Mòr Bhreatunn an cleathar a cliar; Gun spéis do mhac duine, no urram do Dhia, Ach leon agus reubainn a leadairt an Triath. Na h-eucoraich chathach a tharruing an làmh, An aghaidh an athar gun a thath ’s a bhlàr; ’S na mna thug a’ chioch dhoibh ’s gach iocshlainte aigh A nis ’g a grad-bhualadh ’s neothruacant’ a h-àl. ’N tràth nitear an ceannsacha’ ’s amhgh’rach an sgeul Fo eagal, an dòlas, gun dòchas am pein; An naimhdean ’g an glacail, ’s gun chaidreamh fo’n sgéibh ’S an càirdean ’g am brath anns gach rathad do’n teid. Ni mearlaich an spùilleadh, ’s cha dùraichd a ràdh Gu’n d’ fhuiling iad fòirneart no leòn o an làimh; Bithidh cunnart am folach ’s gach bail’ anns an tàmh, Gur deisneach doghr’naich robh ’n sgornan an sàs. Nach truagh an cumasg s’ gun bhuinnig ach call, Cha bhuidheann luchd-dionaidh na cise tha thall; ’S an dream tha ’g a tagradh le carraid nan lann, Cha seilbh i gun dòlas ’s na leònadh ’s an tailm. Nach e iarraidh gu h-uachdranachd uaill agus bròd, ’Ruaig prionnsa gach dubhailc gu h-iutharn a’ bhròin; ’S iad sin bheir a bhall-chrith air ceannard a’ bhròid, ’N la sgiursar air charn iad gun armailt gun mhod. ’S iomadh mac tha gun athair, ’us athair gun mhac, O’n la thoisich air teugbhail gu reubadh fad as; Dh’fhag braithre dhe’ dubhach ’us peathraichean ’gal, ’Us màthraiche brònach a’ clò-bhualadh bhas. Dh’fhàg clann a’ caoidh-chaoineadh mar fhaoilinn a’ chuain, An athar chaidh ’laidhe gu codal ’s an uaigh; ’Us seann daoine liath mar am fiannis gun chluain, A’ bùirich nan armunn a dh’fhàgadh ’s an ruaig. Iads ’uile tha ’n cáirdean gach lá anns an tòir, Fo uamhas gu ’m fàgar ’s an àraich gun deò; Crith-eagail ’g an crà-chaoidh, nach airmhear’nam beò, Iad anns a’ bhràgad, ’n àm àbhachd an t-slòigh. Ach chitear an là nach aidhearach dòigh Nan reuballach dubha nach cumadh a’ choir; A’ gal air an glunaibh toirt ùmhlachd do Dheors’, ’S gun ghuidhe dad tuillidh, ach fhulang bhi beò. [TD 325] NAIDHEACHDAN. Tha naidheachd bhrònach againn air a mhios so, mu bhàthadh a chaidh a dheanamh mu dheireadh a’ mhios a chaidh seachad, aig ceann a deas Shasuinn. Chaidh soitheach Sasunnach da ’m b’ ainm an Northfleet a ruith sios le steamer Spaineach a ruith a steach na cliathaich agus faisg air da leith a dheanamh oirre. Bha ’n sotheach luchdaichte le daoine agus iarunn a bha dol gu ruig Australia, air son rathad iaruinn a dheananh ann an aon de chearnaidhean na duthcha sin. Bha mu ’n cuairt air ceithir cheud pearsa innte agus na ’m measg bha iomadh duine le ’bhean ’s a theaghlach, ach se gle bheag dhiubh a chaidh a shàbhaladh. An deigh don steamer a bualadh, agus fios aic gu’n deachaidh call a dheanamh, cha do sheall i as a deigh ach falbh gu h-an-iochdmhor agus leigadh leis an t-soitheach siòladh agus na daoine a bhàthadh; bha so gle chianail, oir bha an soitheach cho faisg a’ laimh ’s gu ’m bheil barr nan crann, fhathasd ri ’m faicinn bho ’n fhearann a a mach as an fhairge. Bu chianail an sealladh da rìreadh e, na h-urad do dhaoine, mhnathan agus chlainn a’ dhol a dhìth am fàire am fearuinn fhein. Chaidh fios a chur lei’s an telegraph as deigh na steamair agus tha i nis an laimh ’s a’ Spain, air son a’ ghniomh oilltèil a ’rinn i, agus tha sinn an dochas agus a’ guidhe gu ’m faigh am maighistir agus an sgioba a reīr an toilltineis. Chaidh mar an ceudna bàthadh cianail a dheanamh sa chuan Leodhasach air an 16mh de ’n mhios a chaidh seachad, leis an do chaill seisear am beatha—ceathrar dhaoine pòsda agus dithis ghillean òga. Bha iad a’ tighinn dhachaidh a Steornabha gu Grabhair an sgìre na Loch, le eathar beag luchdaichte le mion ’s nithean eile. Tha n call so gle bhrònach, oir dhfhàg an ceathrar dhaoine, bantraichean agus teaghlaichean lag chloinne. Ffhuaradh an cuirp beagan laithean an deigh so. ’S iad so an ainmean: Domhnull Mac-Gille-Mhaoil, Ruairidh Cambeul, Alasdair Caimbeul, Iain Mac-Phàil, Iain Mac-Neacail, a’s Niall Mac-Gille-Mhicheil. Chuala sinn iomradh air call no dha eile de ’n t-seorsa so a bhuineadh do’n Ghaidhealtachd, ach cha ’n ’eil min-chunntas againn mu ’n deibhinn aig an àm, ach tha aon dhuibh gu h-araidh a chuir fior bhochduinn air ar cridhe, se sin gille òg a mhuinntir Ghoillspidh, chaill a bheatha an deigh gniomh cho gaisgeil agus treubhantach a dheanamh ’s air an cuala sinn iomradh; innsidh sinn mu dheibhinn ’s an ath aireamh. Tha ’n Geamhradh so ainmeil thall agus a bhos air son stoirmean fiadhaich agus tha call mor air a dheanumh leotha. Tha sinn a’ cluinntinn gu’r ann gle mheadhonach a tha an t-iasgach a’ dol leotha air feadh na Gaidhealtachd air a’ mhios so, ged a bhitheadh pailteas èisg ann, tha an tide cho fìadhaich’ ’s nach fhaighear thige. Tha cunntas againn mar an ceudna gu’r e cor gle bhochd a tha air a’ chuid mhor de chroitearan agus iasgairean na Gaidhealtachd, leis mar a chaidh am buntata agus nithean eile air ais air a’ bhliadhna a chaidh seachad. Bh’fhearr dhoibh a bhi ’n America. Tha prìsean air crodh agus caoirich a leantuinn fhathasd gle ard agus nithean eile da reir sin. Tha mion-chorc’ a’s mion-eorna, bho fhichead gu deich tastain fhichead am bola; buntàta bho thastan a’ chlach air aghairt, mairteoil a’s muilteoil mu thastan am punnd; laoigheoil naodh sgillinn am punnd; muiceoil, seachd sgillinn am punnd; ìm ochd sgillinn deug am punnd; cearcan mu leth-chrùn an té; uibhean, sgillinn am fear ’san cuid a dh-àitean tri buinn-a’-sia. A measg naidheachdan na rioghachd cha ’n fhaod sinn dearmad a dheanamh air bàs an Iompaire Napoleon. Dh’eug e ann an Chiselhurst, air an naoidheamh, latha de cheud mhios na bliadhna. Rugadh e ’san Fhraing, mu thoiseach na bliadhna 1808. Sa’ bhliadhna 1848 fhuair e ard-riaghladh na Frainge’ leis an laimh laidir. Ach cha ruig sinn a leas an corr a radh an so. An deigh moran fola ’bhi air a dortadh eadar e fein a’s righ Uilleam Phrussia. Chuir e seachad dà bhliadhna anns nach robh moran iomraidh air, gus an do ruith e an t-slighe bha air a cuir roimhe, ’s tha e ’n diugh cho diblidh fo ’n fhò’d ri’s an neach bu bhochda de chuid iochdran. SOP AS GACH SEID. Aisling caillich mar a dùrachd. Am fear aig nach bi gnothach do ’n taigh-mhor, bheir e gnothach as. A’s sleamhuinn a’ chlach a tha ’n stairsnich an taigh mhoir. [TD 326] Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air slaoightear. Am fear a ni obair ’na thrath, bithidh e ’n ath latha ’na leth thamh Am fear ’s luaithe làmh ’se ’s fearr cuid. Am fear is ’n dàn a’ chroich, cha d’ theid gu bràch a bhàthadh An uair tharruingeas gach duine chuid thige, ’s mairg a bhitheas gun chuid aige. Cha d’thig fuachd gu earrach, cruaidhchàs no droch ceannach. Bha duine bochd ann an Glinneilg a bha comharraichte air son teangasg ainnealach agus thachair dha—gu tubaisteach—gu’n dh’ fhás a bhial goirt, a’s bu mhiann leis a dhol do’n taigh-eiridin a dh’ fheuch am faigheadh e leigheas. Chaidh e air tùs a dh-ionnsuidh a’ mhaighstir-sgoile air son teisteanais, agus fhuair e ’n teisteanas a leanas.—“Duine bochd aig am bheil droch bhial.” Bah seann Chailleach ann am Bàideanach, agus cha ’n fhaiceadh i tiodhlacadh a’ dol seachad, nach sineadh i air gal ’s air bualadh nam băs. Latha dhe na laithean bha chailleach aig ceann a taighe, a’s ciod e chunnaic i ’dol seachad ach pòsadh. Cha robh a fradharc ach mall, a’s dé shaoil leatha bha i ’faicinn ach tiodhlacadh. “O!” ars ise, ’s i ’bualadh nam băs, “Siod an t-slighe air an teid sinn uile!” Ann an taigh àraid ’an Loch-bhraoin, thachair dithis amadanan a bhi air an oidhche, agus chuireadh do ’n aon leabuidh iad. Cha do sguir iad fad na h-oidhche ach a’ sabaid airson co ’m fear de’n dithis a bhiodh ’s a’ mheadhon. “Am bheil thu na do chadal a Dhomhnuill?” arsa seana Ghaidheal còir ri caraid dha a bha ’ramhanaich air an fheur air feasgar Shàmhraidh. “Chan-n eil a Dhonnchaidh,” ars a Dòmhnuill. “Agus an toir thu dhomh deich tasdain-fhichead?” ars a’ Donnchadh. “Tha mi na mo chadal a nise,” ars a Domhnull, agus e a’ toirt srann as. Bha connspaid uair-eigin eadar Caimbeulach a’s Leathanach mu dheighinn co an fhine bu shine de’n dithis. Cha ’n fhuilgeadh an Leathanach a chluinntinn gu’n robh na Caimbeulaich cho sean ri ’chinneadh sa, oir bha e ag ràdh gu’n robh a sheòrsa ann bho thoiseach an t-saoghail. Bha fios aig a’ Chaimbeulach gu math air eachdraidh a’ Bhiobuill, agus dh’ fheòraich e an robh Clann-Leathain ann roimh an dile. “An dìle! ciod i ’n dìle!” arsa Mac-a’-Leathain. “An dìle,” ars’ an Caimbeulach, “a bhàth gach nì a bh’ air thalamh ach Noah, a theaghlach, ’s a threud.” “O bhurraidh! thu féin ’s do dhìle,—bha mo Chinneadh-s’ ann fada ro’n dìle,” arsa Mac-a’-Leathain. “Cha do leugh mise anns a’ Bhiobull mu dhéibhinn Leathanach sam bith a chaidh a steach do’n àirc aig Noah.” “Airce Noah!” arsa Mac-a’-Leathain, “Co chuala riamh mu dhuine dheth mo Chinneadh-sa aig nach robh bàta dha fhéin!” DO AR LUCHD-LEUGHAIDH. Tha sinn leis an aireamh so, a’ criochnachadh a’ cheud leabhar de’n GHAIDHEAL. Rinn sinn ar dichioll anns gach ni airson ar luchd-leughaidh a riarachadh agus a thoileachadh, agus miosachan a thoirt dhoibh ’nan cainnt fhein a bhitheadh airidh orra fhein, air an canain, agus air an duthaich; a’s ma chaidh sinn cearr air sin, cha b’ann do ’r deòin. Tha AN GAIDHEAL a’ tighinn air aghairt gu gasda, ged nach eil urrad de luchd-leughaidh aige fathasd ’s a dh’ iarradh e. Tha sinn a’ toirt mile taing dhoibhsan a chuidich leis ’san tìm a chaidh seachad, agus tha sinn an dochas nach tèid aon ainm a bha ar leabhraichean bho thoiseach, a dhubhadh a mach “a’ chiad dà latha so.” Ma ni ar luchd-leughaidh an dichioll, agus gach neach dhiubh fear no dha eile fhaighinn maille ris fhein, an àm cur a steach as ùr, cha bhi e ach beag thrioblaid dhoibh-san, agus ni e mor fheum dhuinne; oir cha ’n e mhain gu’n neartaich e “AN GAIDHEAL,” ach bheir e comas dhuinne a dheanamh na ’s motha. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn bho ’r cairdean air a’ phuing so. Tha e ’nar rùn AN GAIDHEAL a dheanamh na ’s fhearr ann an iomadh rathad a so suas. [TD 327-332] The Gael, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla]