
Cho fad’ ’s as cuimhne leam, bha Ruairidh na Càrnaich, Ruairidh Dòmhnallach às a’ Chàrnaich an Uibhist a Tuath, tric air ainmeachadh ann an còmhraidhean an teaghlaich agus muinntir a’ bhaile, ’s gu seach h-àraidh nuair a thionndaidheadh còmhradh gu na seann chèilidhean, dualchas a’ bhaile neo gu beathaichean. Tha seo fìor fhathast ‘s cuimhne aig mòran de mhuinntir an eilein air Ruairidh; duine eirmseach, comasach aig an robh iomadh sgil, stòiridh agus sloinneadh air a chuimhne, agus bidh ainm air bilean an t-sluaigh airson bliadhnaichean fhathast.
Gu mì-fhortanach ge-tà, chaochail Ruairidh cha mhòr fichead bliadhna mus do rugadh mise agus mar sin cha robh cothrom agam coinneachadh ris idir. Ach tro thùsan prìseil leithid clàraidhean Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Tobar an Dualchais, tha mi air an t-uabhas ionnsachadh mu Ruairidh thairis air nam bliadhnaichean agus air cothrom fhaighinn èisteachd ris a ghuth seinn, a chuid seanchas, a bheachdan air tachartasan os-nàdarra agus an t-eòlas sònraichte a bh’ aige air beathaichean agus leighisean-sprèidh. Mura b’ e an dà fhichead clàr luachmhor seo de Ruairidh air làrach-lìn Tobar an Dualchais, (http://www.tobarandualchais.co.uk/en/person/7846) na grunnan chlàraidhean eile a th’ aig Sgoil Eòlais na h-Alba na tasglan agus teaghlach Ruairidh, cha bhitheadh cothrom agam innse dhuibh mun duine inntinnteach, ’s fiosraichte seo, neo clàraidhean dha a mholadh dhuibh.
B’ e bràthair dham shinn-sheanmhair, Ceit na Càrnaich, a bh’ ann an Ruairidh, ‘s bha ceathrar nighean eile san teaghlach cuideachd. Rugadh ’s thogadh Ruairidh ’s a pheathraichean san t-seann dachaigh sa Chàrnaich, (air taobh an Iar Uibhist a Tuath), fear dhe na taighean-cèilidh a b’ ainmeile agus a bu trainge air mòr-fhearann Iolaraigh tro dheireadh an 19mh linn, air sgàth ’s gun robh athair, Aonghas na Càrnaich, na bhàrd air leth aithnichte (MFN 29-11-2010). Ann an 1904, le cuideachadh bho fhir eile sa choimhearsnachd, thog Ruairidh taigh geal dhan teaghlach beagan shlatan shuas bhon t-seann dachaigh.
B’ e Ruairidh an aon mhac aig a’ bhàrd Aonghas Dòmhnallach agus a bhean Annabla, ’s mar sin ’s ann aige a dh’fhàgadh an taigh ùr an agus croitean athair nuair a chaochail e ann an 1934 (PNT 15-02-2011). Bha tòrr fearainn agus sprèidh aig Aonghas na Càrnaich agus a bhràthair Iain, ‘s mar sin bha seirbhisich boireann agus fireann aca as t-fhoghar agus as t-earrach airson an cuideachadh leis an obair air fad, cleachdadh a chùm Ruairidh ris nuair a chaidh na croitean agus an sprèidh fhàgail aige fhèin (CNN 15-02-2011). A rèir Peigi, nighean Ruairidh, bha an t-seann taigh agus an taigh ùr sa Chàrnaich mar sin na bu tarraingiche nan taighean-cèilidh gu ruige na 1950an, ‘s gillean a’ Bhaile Shear uile às dèidh nan nighnean òga bha fuireach ann, ’s iad mar sin a’ dèanamh am barrachd oidhirp gus tighinn tarsaing na fadhlach, neo na h-ùtraidean fada a choiseachd ann, airson suirghe (PNT 15-02-2011).

’S ann an Sgoil Chàirinis a fhuair Ruairidh foghlam tro mheadhan na Beurla, ’s seo ga fhàgail gun chomas cus Gàidhlig a leughadh neo sgrìobhadh, ach bha e comasach air a’ Bhìoball a leughadh ann an Gàidhlig ge-tà (PNT 15-02-2011; MNN 03-04-2016). Ach bho aois uabhasach òg, fhuair e oideachadh prìseil ann an Gàidhlig gu làitheil tro bheul-aithris, ann an iomadach sgil agus cuspair, eadar an dachaigh, an cèilidh agus a’ chroit sa Chàrnaich. Mar a chì sibh sam pìos-sgrìobhaidh seo, b’ e an oideachadh mì-fhoirmeil sin a b’ fheumaile dha, ’s am measg nan iomadh sgil a dh’ionnsaich e bho athair, agus bho na seann daoine sa bhaile, bha bheò-shlaint na chroitear, agus eòlas mionaideach ann am beathaichean.
Bha deagh fhios aig muinntir Uibhist a Tuath air cho fiosraichte ’s a bha Ruairidh mu bheathaichean agus ’s ann a choisinn e cliù mar lighiche-sprèidh am measg muinntir an eilein. Bhitheadh e a’ dol cho fad’ ri Loch na Madadh agus Loch Portain gus comhairle a thoirt do chroitearan eile mu sprèidh agus mu leighisean son galairean sam bith (faic am mapa) (PNT 15-02-2011; MNN 03-04-2016). Tha fianais dhen eòlas mionaideach seo ri lorg air trì clàran air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Air a’ chlàr SA1958.176 ‘Fios mun chrodh agus mun t-slàinte aca’, tha Ruairidh ag innse dhan Dr Iain MacAonghais gur ann bho na seann daoine o chionn fhada a thàinig cus dhe na leighisean ùr a bh’ aig na lighichean-sprèidh, bho rudan a bh’ air a dhol gu bàs, ’s a bha iadsan a-nis air an leasachadh. Ged a chanadh Ruairidh fhèin nach robh ann ach croitear ’s nach robh e ionnsaichte an coimeas ri càch, bha e follaiseach gu robh barrachd earbs’ aige san t-seann dòigh agus nach robh eagal air seo a ràdh ri Caiptean Mhic a’ Phearsain, a bha na lighiche-sprèidh anns a’ Bhaile Shear tro linn. Air a’ chlàr seo tha Ruairidh cuideachd ag innse mu leigheas a bh’ aig seann duine sa bhaile, a bha 103 bliadhna a dh’aois, airson a’ ghlupaid ann an crodh (liver fluke), agus leigheas a bh’ aige fhèin airson grùthan na bà a ghlanadh a-mach seachdainean mus deigheadh an laogh a bhreith, son ’s nach deigheadh a phuinnseanachadh na broinn. Na bheachdsa, bha na leigheasan seo cus na b’ fheàrr na na cungaidhean-leighis ùr leithid ‘male fern’ agus ‘cobolt’ (SA1958.176).
Ann an 1966, thill an Dr Iain MacAonghais dhan Chàrnaich gus Ruairidh a cheasnachadh agus a chlàradh air an aon chuspair. An turas seo, dh’innis Ruairidh dha gum bithte a’ goil raineach agus a’ toirt an sùgh seo do bheathaichean leis a’ ghlupad cuideachd (SA1966.061 ‘Bhithte ri goil raineach….’). Bhithte cuideachd a’ cur luath gheal na mònach air gaoisid nam beathaichean son an dìon bho mhialan, neo airson mialan sam bith a bh’ orra a thachdadh, (SA1966.061 Bhithte a’ cur luath na mònach air crodh…’).
Le ùidh agus eòlas cho mionaideach ann am beathaichean, chan eil e na iongnadh mòr sam bith gum b’ ann nam measg a bha Ruairidh ag obair, nuair a bha e sna Lovat Scouts tro na cogaidhean mòra, ’s e os cionn a bhith a’ toirt eich a-null a dh’Èirinn airson trèanadh (PNT 15-02-2011).
’S ann eadar an dà Chogadh Mhòr a phòs Ruairidh Mòrag Anna, nighean Alasdair Ruairidh à Caolas Phaibeil, ann an 1929 (PNT 15-02-2011). Às dèidh dhaibh pòsadh, ghluais Mòrag Anna sìos dhan taigh ùr sa Chàrnaich agus b’ ann an sin a thogadh an dithis bhalach agus còignear nighean aca fhèin (PNT 15-02-2011). Sna còig bliadhna a bha Mòrag Anna a’ fuireach san dachaigh còmhla ri athair Ruairidh, mus do chaochail e, fhuair i eòlas dhen oideachadh a fhuair Ruairidh bhuaidhe tro bheul-aithris san dachaigh, agus bho mhuinntir an eilein a thadhladh orra son cèilidh (PNT 15-02-2011).

B’ ann bho athair a fhuair Ruairidh gibht na bhàrdachd, ’s Peigi, an nighean aige, ag innse gun tigeadh òrain thuige san aon dòigh ri athair, gu saor-thoileach, ’s fear aige dèante ann an tiotan (PNT 15-02-2011). Gu mì-fhortanach, chan eil am beagan a th’ againn do dh’òrain Ruairidh an-diugh a’ nochdadh air làrach-lìn Tobar an Dualchais idir, ach bha mi uabhasach fortanach dà òran èibhinn agus duanag a rinn e dhan chlann aige, a chruinneachadh bho bheul-aithris son mo thràchdas air òrain bàird ‘s bana-bhàird a’ Bhaile Shear.[1]
Bha guth seinn aig Ruairidh cuideachd agus tha grunnan chlàraidhean ann do Ruairidh a’ seinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus ann an tasglan Sgoil Eòlais na h-Alba. Gu h-inntinneach ge-tà, ’s e òrain bleoghainn agus tàlaidhean a th’ ann an deanann dhiubh, mar O Hù o Hò Crodh an Tàilleir, Cò Leis an Crodh Coimheach Ud Thall/Mo Bhò Bheadarrach agus Dheoghail an Crodh-laoigh sna Beannaibh, ’s corra òran luaidh mar An Cuala Sibh Mar Dh’Èirich Dhomhs’ nam measg cuideachd (SA1958.171; SA1957.109; SA1958.176)[2]. Gu traidiseanta ’s e obair nam ban a bh’ anns an obair seo agus mar sin, feumaidh gun do dh’ionnsaich e na h-òrain seo bho mhàthair, bho pheathraichean neo bho Mhòrag Anna, fhad ’s a bhitheadh iad gan seinn sna suidheachaidhean obrach seo.
Ach leis cho tric ’s a bha cèilidhean air a’ Chàrnaich, mar a bhithte an dùil, chaidh grunnan òrain a ghabhte san t-suidheachadh seo a chlàradh bhuaidhe cuideachd, mar eisimpleir puirt-à-beul a ghabhte son taic a chumail ri dannsa; Tha Biodaig aig MacThòmais, Gheibh Sibh Riobanan Mòra Mòra, Chunnaic mi san Dùn Thu agus fiù ’s òrain phìobaireachd mar Tha Guth Daonnan am Beinn am Beinn (SA1958.176). A rèir Peigi, nighean Ruairidh, thaisbean Aonghas na Càrnaich a ghèill do gheasalanachd do Ruairidh ’s e òg, nuair a chuir e stad air bhon a bhith a’ cluich na pìob-mòire, ’s e gabhail ri na chuala e aig bàird nan linntean roimhe: nach robh còir do phìobaire agus bàrd a bhith san aon àrd-doras. Ghabh Ruairidh ris agus thòisich e air an fhidheall, ach mar a chuala sinn, bhitheadh e fhathast a’ seinn orain phìobaireachd (PNT 15-02-2011).[3]
Bha Ruairidh a cheart cho làn geasalanachd ri athair agus tron sgrùdadh a rinn mi roimhe air stòiridhean os-nàdarra sa Bhaile Shear, shoilleirich seo gun robh Ruairidh a’ creidsinn gu mòr san droch shùil, an dà-shealladh agus taibhsean, ged nach eil fhios an robh an cumhachd os-nàdarra aige fhèin (NicLeòid 2010, 19-20 & 26). Tha fianais dhe bheachdan air an seo ri lorg air làrach-lìn Tobar an Dualchais sna clàran; SA1958.176 ‘Fios air geasalanachd’, SA1958.171 ‘Cunntas air cumhachd na droch-shùil agus frìthean’, agus air SA1958.171 tro sgeulachd ainmeil a bhitheadh e ag aithris mu thaibhs’ na lice a thàinig à Cladh Hùsabost sa Bhaile Shear.[4]
Bha Ruairidh ainmeil air stòiridhean innse; feart a bha riatanach aig cèilidh sam bith, ’s gu seach h-àraidh ann an taigh-cèilidh cho trang ris a’ Chàrnaich. B’ e duine air leth eirmseach a bh’ ann cuideachd agus mar sin, tha mi airson crìochnachadh le bhith a’ moladh aon chlàr mu dheireadh dhuibh a tha a’ taisbeanadh sgilean lìbhrigeadh Ruairidh gu grinn ’s e ag innse stòiridh èibhinn a tha ainmeil sa Bhaile Shear agus am measg muinntir Uibhist a Tuath chun an latha-an-diugh. Bha Ruairidh ainmeil airson a bhith ga h-innse cuideachd. Chaidh seo a chlàradh leis an Dr Iain MacAonghais air ais ann an 1958 agus tha an stòiridh a’ nochdadh air làrach-lìn Tobar an Dualchais fon tiotal Naidheachd bheag mu Ruairidh MacAoidh agus Aonghas Robasdan (SA1958.176). ’S ann mu thuras a’ bhàird, Ruairidh MacAoidh/Bàrd Iolaraigh (1872 – 1949), air ais à taigh-seinnse Chàirinis a tha an stòiridh seo (faic am mapa). Thachair seo fada mus do thogadh cabhsair dhan Bhaile Shear ann an 1961. An oidhche bha seo, dh’fhàg Ruairidh MacAoidh tuilleadh ’s fada e gus an fhadhail a ghlacadh aig an àite àbhaisteach agus mar sin ’s ann a bha aige ri dhol tarsaing air àite nach deach e riamh roimhe. Co-dhiù fhuair e tarsaing agus ’s ann a rinn e air taigh a dheagh charaid, Aonghas Ghilleasbuig Dhonnchaidh, Aonghas Robasdan (1875 – c.1945/6), a bha na bhàrd air leth comasach cuideachd. Nuair a fhuair e a thaigh Aonghais bha e air a shàrachadh agus mar sin chaidh e na shìneadh air a’ bheinge agus thòisich Aonghas air biadh a bhruich dha air an teine. Bhitheadh Ruairidh agus Aonghas an-còmhnaidh a’ beàrradaireachd air a chèile tro bhàrdachd airson spòrs. Mar sin, nuair a thòisich am biadh ri stradadh air an teine agus na stradagan ri Ruairidh a bhualadh mun aodann, dhùisg e agus cha robh e ro thoilichte, ’s rinn Aonghas an rann èibhinn mun tachartas an uair sin (SA1968.67).
Cha robh an dithis bhàrd ach mu dheich bliadhna na bu shine na Ruairidh na Càrnaich agus mar sin bha iad nan deagh charaidean cuideachd. Bha an stòiridh seo agus rann Aonghais an-còmhnaidh a’ còrdadh ri luchd-èisteachd a’ chèilidh agus mar sin, bhitheadh Ruairidh tric ga h-aithris airson gàire a thoirt orra uile, rud a bha a’ còrdadh ris fhèin a cheart cho math. Mar a tha an sean-fhacal ag ràdh, ‘’S fheàirrd’ duine gàire’ agus tha mi an dòchas gun tug i gàire oirbhse cuideachd.
Cheumnaich Linda bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2010 le MA hons. ann a Gàidhlig agus le iar-cheum (MPhil) ann an 2012. Tha i ag obair air a ceann fhèin am measg na Gàidhlig, eadar na meadhanan, a’ teagasg, a’ lìbhrigeadh tachartasan-cloinne, a’ seinn agus a’ rannsachadh.
Tùsan
Agallamh – (CNN) Ceitidh NicDhòmhnaill NicGilleBhràth (Ceiteag na Càrnaich) (15-02-2011)
Agallamh – (MFN) Magaidh Flòraidh NicDhòmhnaill, (29-11-2010)
Agallamh – (MN) Màiri NicDhòmhnaill NicIllEathain (Màiri na Càrnaich), (03-04-2016)
Agallamh – (PNT) Peigi NicDhòmhnaill Thompson, (Peigi na Càrnaich), (15-02-2011).
Clàran Sgoil Eòlais na h-Alba agus Tobar an Dualchais: SA1958.176; SA1966.061; SA1958.171; SA1957.109; SA1968.67.
Dealbhan – bho Gina NicDhòmhnaill, An Càrnach, (2011).
Leabhar – Dickson, Joshua (deas.) (2009). The Highland Bagpipe: Music, History and Tradition. Surrey.
Map – Duwe, Kurt C. (2005). ‘Vol. 05: Uibhist a Tuath, North Uist’, Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies 5: 1-41.
Tràchdas – NicLeòid, Linda (2010). ‘Stòiridhean Os-nàdarra a’ Bhaile Shear tron 19mh agus an 20mh linn, agus an àite aca air an eilean’ (Tràchdas M.A. Neo-fhoillsichte, Oilthigh Ghlaschu).
Tràchdas – NicLeòid, Linda (2011). ‘Bàird agus Bana-bhàird a’ Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: Òrain is Dàin Neo-fhoillsichte agus An Co-theacsa’ (Tràchdas MPhil Neo-fhoillsichte, Oilthigh Ghlaschu).
Taing
Tha mi fada an comain na daoine a leanas airson mo chuideachadh leis am pìos-sgrìobhaidh seo agus leis an rannsachadh a rinn mi mu Ruairidh ron a seo: Clann na Càrnaich – Ceitidh, Màiri, Peigi agus Aonghas na Càrnaich, Gina NicDhòmhnaill, Magaidh Flòraidh NicDhòmhnaill, muinntir Sgoil Eòlais na h-Alba agus Tobar an Dualchais agus gu seach h-àraidh an Dr Iain MacAonghais agus Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, airson Ruairidh a chlàradh anns na 50an agus na 60an.
[1] Tha an tràchdas slàn ri fhaighinn air loidhne an seo agus tha òrain Ruairidh rin lorg air duilleagan 102-111 (NicLeòid 2011, 102-111)
[2] Chaidh na clàraidhean seo a chlàradh leis an Dr Iain MacAonghais agus Dòmhnall Eairdsidh Ghearraidh Iain (Dòmhnallach)
[3] Cha do chòrd a’ phìob-mhòr ri cuid a bhàird san 18mh linn mar Iain MacCodrum à Paibeil an Uibhist a Tuath, thoradh ’s nach robh guth a’ bhàird air a chluinntinn tron ionnstramaid seo (Dickson 2009, 107-108).
[4] Tha barrachd stòiridhean os-nàdarra air an aithris le Ruairidh air na clàran a leanas ann an tasglan Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1968.145 & SA1958.171