Fàilte
’S e co-obrachadh rannsachaidh ùr a th’ ann an Seanchas: The Global Gaelic Jukebox. Tha e mar mhàthair-adhbhar aig a’ phròiseact cothroman a bharrachd a chruthachadh do dhaoine eòlas a chur air clàraidhean fuaime agus film ann an Gàidhlig is Gaeilge a th’ air an glèidheadh aig iomadh tasglann is buidheann gu h-eadar-nàiseanta. Tha am pròiseact ag amas air eòlaire ùr de chlàraidhean a thogail, le aire shònraichte do chlàraidhean a tha a’ buntainn ri beul-aithis is eitneolas nan coimhearsnachdan Gàidhealach ann an Alba, ann an Èirinn agus thall thairis.
’S iad an Dr Sìm Innes, òraidiche ann an Ceiltis is Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, agus an Dr Barbara Hillers, òraidiche ann am Beul-Aithris na h-Èireann aig Coláiste na hOllscoile Baile Átha Cliath, a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseict. Fhuair am pròiseact taic-airigd bho Cholmcille, com-pàirteachais eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge. Fhuaireadh taic a bharrachd cuideachd bho Oilthigh Ghlaschu.
San eadar-ama gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bhon Dr Sìm Innes aig Sim.Innes@glasgow.ac.uk neo bhon Dr Barbara Hillers aig barbara.hillers@ucd.ie Bhiomaid air leth toilichte cluinntinn mu chruinneachaidhean a tha tearc neo beag aithnichte a chuireamaid ris an eòlaire seo.