Gàidhlig / English

Leabhar Ùr: Gairm: Ùghdar is Dealbh, Rosg is Rann, 1952–2002

Gairm: Ùghdar is Dealbh, Rosg is Rann, 1952–2002

Deasaichte le Tòmas MacAilpein agus Roibeard Ó Maolalaigh

Dùbhlachd 2021
684 tdd

Gairm Cover

’S e leabhar-fiosrachaidh a tha seo a tha a’ toirt cunntas air a h-uile sìon a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a bu chudromaiche ann an litreachas na Gàidhlig, fad leth-cheud bliadhna.

Sa chiad earrainn dhen leabhar, gheibhear clàran-innse gach irise dhen ràitheachan. Rinneadh rannsachadh agus deasachadh orra seo. Tha tòrr a bharrachd chom-pàirtichean agus inntrigidhean a nochdadh na bha anns na clàran-innse tùsail. Gheibhear cuideachd fiosrachadh eile an cois inntigridhean a tha a’ comharrachadh gnè no genre a’ phìos, a’ mìneachadh a’ chuspair, agus a’ soilleireachadh ùghdaran.

Anns an dàrna earrainn, tha clàr-amais de dh’ùghdaran agus com-pàirtichean eile. Faodaidh leughadairean a bhith a’ rannsachadh dè chuir com-pàirtichean fa leth, a’ gabhail a-steach nam bàrd is nan sgrìobhadairean Gàidhlig a b’ ainmeile anns an 20mh linn, ris an ràitheachan tro na bliadhnaichean.

Aig toiseach an leabhair, tha facal-toisich agus notaichean mun deasachadh. Tha cuideachd ro-ràdh ann le Raghnall MacilleDhuibh anns a bheil cunntas air eachdraidh an ràitheachain agus air an àite shònraichte a bha aige ann an litreachas nan Gàidheal.

Bidh an leabhar seo feumail do rannsaichean, oileanaich agus daoine eile a tha ag iarraidh faighinn a-mach mun bheairteas – Dealbh, Rosg is Rann – a thug Gairm don t-saoghal.