GFC002i19 RIDIRE AN FHÀINNE Beulaiche: Flòraidh Eóghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghuis | Flora Mae MacLellan Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw [John Shaw:] Uill, a-nist, Fhlòraidh, an toisich thu air an, Ridire an Fhàinne? [Archibald MacLellan:] Ridire an Fhàinne. [Flora Mae MacLellan:] An t-seann-[...?], cha leth ach na h-uile. [JS:] Glé mhath. [FMML:] Uill, bha siod ann uair, fear aig an robh triùir mhac, agus 's e Ridire an Fhàinne a bh' air. Agus an uair sin tha seansa nach robh móran dha' n t-saoghal ac', agus an tighearna aig an robh iad, chuir e far an àit' iad. Uill, thuirt an athair ris na gillean, "Feumaidh sinn falbh ás a' seo airson ar beòshlaint a dhèanamh an àit' air choireiginn eile." Bha iad a' falbh 's a' falbh 's a' falbh 's a' falbh 's a' falbh 's a' falbh. Uill, mu dheireadh tha seansa gun do bhuail an t-acras iad agus thànaig iad gu abhainn agus studaig iad gun gabhadh iad greim do bhiadh agus thug iad a-mach na loidhnichean iasgach agus fhuair iad—chaidh iad a dh'iasgach agus fhuair iad bradan. O uill, am bradan a fhuair iad, ghlan iad e. 'S nuair a bha iad a' glanadh a' bhradain nach d' fhuair iad fàinn' òir am broinn a' bhradain. Agus ghlan iad e 's, a Dhia, nuair a chuir iad a' fàinne 'san uisge 's nach do thionndaidh a' fàinne an t-uisge 'na fhìon. O, bha siod gàbhaidh iongantach leo' ach cha do ghabh iad seud orra. Ach bha iad a' dol a dhèanadh beairteas, tha mi cinnteach, air a' seo agus dh'fhalbh iad 's dh'fhalbh iad 's tha mi cinnteach mar an tuirt iad fhéin, dhìrich iad a' bheinn theine 's thèarainn iad beinn ghloine 's thànaig iad an sin gu ruige taigh mór a bha 'n sin. Agus chaidh iad a-staigh agus bha crowd— [AML:] Taigh robairean a bh' ann. [FMML:] —de dhaoine. 'S e taigh robairean a bh' ann. Bha crowd do dhaoine a-staigh. 'S o, bha iad a' gabhail bìdh 's thug iad biadh dhaibh, ach thuirt an gille—thuirt an t-athair ris na gillean, "Tha eagal orm nach e taigh math a' seo idir. 'S fheàrr dhuinn a bhith falbh." Uill, bha iad ás deaghaidh a' fàinne shealltainn dhaibh agus a-mach a ghabh iad agus nach do dhìochuimhnich iad a' fàinne. "O, Dhia," thuirt iad fhéin, "bha sinn a' smaoineachdainn gu robh sinn a' dol a bhith math dheth, ach tha sinn a nist—chan eil, chan eil ach chaill sinn—dhìochuimhnich sinn a' fàinne." "All right," thuirt a' fear bu shine dhaibh, "cha chreid mi nach dèan sinn trì earrannan air an oidhche, agus feuch a' faigh sinn a' fàinne. Falbhaidh mi fhìn air a' cheud earrann agus falbhaidh a' sin an dàrna mac air an ath-earrann agus falbhaidh a' sin am mac òg air an earrann mu dheireadh." Bha sin a bh' ann. Dh'fhalbh e. Bha iad a' fuireach 's dh'fhalbh e, an gille bu shine, air a' cheud, air a' cheud earrann dha' n oidhch' agus rànaig e taigh nan robairean agus có thachair air ach an Gille Giobach Glas agus e 'g éirigh air tarraing uisge. Dh'fhoighneachd e, "Tha thu coimhead trom, sgìth, airtnealach," thuirt esan. "Tha," thuirt esan. "Tha mi fad fìn fuaineach a' lath' a' tarraing uisge." "'S dé carson a tha thu a' dèanadh sin?" "O, fhuair sinn fàinn' òir air a' bhòrd agus chuir sinn am bogadh e ann an uisge agus bha iad 'g éirigh air dèanadh fìon." "O, an e sin a bh' ann?" thuirt esan. "Bheir dhomhsa na bucaidean 's bheir mi cuideachadh dhut." An sin 's dh'fhalbh an Gille Bochd Giobach Glas. Shìn e na bucaidean dha' n ghille—bha e cho coibhneil 's gun tug e cuideachadh dha 's bheir an gille air na bucaidean 's thug e sràc dha' n Ghille Ghiobach Ghlas agus spad e e. Agus thug e fhéin leis an t-aodach a bh' air a' Ghille Ghiobach Ghlas agus chuir e air e agus thug e leis na bucaidean làn do dh'uisge. 'S rànaig e 'n sin a-staigh dha' n taigh agus iad uile gu léir a' dèanamh an fhìon 's bha iad 'ga òl, neo gu dé bha iad a' dèanamh. Ach co-dhiù, thuirt esan gu robh e fhéin seachd sgìth a' tarraing uisge agus gum biodh e toilichte nan toireadh iad aon bhogadh dha' n fhàinne dhasan, co-dhiù. 'S o, uill, bha siod ceart gu leòr: thug iad bogadh dha' n fhàinne dha 's bheir esan air té dha na bucaidean agus thilg e an t-uisge fairis air na coinnlean a bh' ann. Chuir e as uile gu léir na coinnlean 's bha iad start an trod a-staigh: 's tusa thug dha e 's cha tug 's tusa thug dha e, 's iad a' leum— [AML:] Air a' leum siud. [FMML:] —air a chéile a' spadadh 's chlìor esan dhachaidh agus nam b' e càit a' robh athair 's a bhràithrean eile cha do ghabh e sian air dé dh'éirich dha. 'S dh'fhalbh an ath-bhràthair a' sin air an dàrna ceathramh dha' n oidhche agus a' cheud rud a thachair e air, an Gille Ghiobach Ghlas marbh. Agus chaidh e a-staigh 's cha robh ann ach robair thall 's robair a bhos marbh. Ach chunnaic e 'n sin solusdan beag taobh an t-simileir agus bha bogha 's saighead aige 's loisg e air. Uill, thuirt a' fear a bh' ann, "'S tusa, 's tu tha math air, air a' bhogha 's saighead neo c' ainm a bheireadh iad ris— [AML:] Sheadh. [FMML:] —air a' bhogha 's saighead. Tha iad a' gràdhainn an duine a chuireadh an t-sùil ás an fhamhair mhór agus a mharbhadh a' loch, air, air a' lacha an dobhar ghlas air a' loch ud thall, gur e a gheobhadh nighean a' rìgh le pòsadh." All right. Dh'fhalbh esan dhachaidh 's thill e 's cha do dh'inns' e seud dha na thachair air. Ach dh'fhalbh a' sin an treas fear. Dh'fhalbh e 's thachair an aon rud air: dhìrich e a' bheinn theine 's thèarainn e beinn ghloine 's rànaig e àite nan robairean 's thachair an Gille Glas marbh air agus na robairean agus an t-sùil ás an ceann—an fhamhair—is chum e roimhe 's chum e roimhe 's chunnaic e 'n sin an dobhar ghlas seo air a' loch. Uill, thuirt a' famhair seo leis, an duine chuireas an t-sùil ás an fhamhair mhór 's a mharbhas an dobhar— [AML:] An dobhar-chù. [FMML:] far air a' loch ud thall, gur e gheobhadh nighean a' rìgh le pòsadh. All right. Dh'fhalbh esan 's chunnaic e. Chaidh e a dh'ionnsaigh a' loch a bha seo agus chunnaic e ge b' e 'n seòrsa beathach a bh' anns an dobhar-chù ud—chan eil fhios agams' an e swan na dé a bh' ann—ach loisg e air agus mharbh e e. Thill e dhachaidh 's cha do ghabh e seud air dé dh'éirich dha fhéin. Uill, dh'fhalbh e fhéin a' sin 's athair 's a dhithist bhràithrean 's bha iad a' falbh 's a' falbh. Cha robh iad fada gus an d' rànaig iad àit' a' rìgh. "Dé tha dol air adhart a' seo?" thuirt e. Bha cruinneachadh mór àlainn a' sin do dhaoine is iad uile gu léir 's a' rìgh. Ach có thachair orr' ach a' rìgh 's e uamhasach tùrsach agus bha nighean a' rìgh—a' bhean òg—ag éirigh air gal 's air caoineadh. "O," thuirt esan, "dé tha seo?" O, thuirt , thuirt a' rìgh leis mar a th' ann: bha an nighean bha 'san oighreachd bho thoiseach, gur e ge b' e có chuireadh an t-sùil ás an fhamhair mhór a bh' a's an taigh seo shìos, na ge b' e c' ainm a bh' aca air—chan eil cuimhn' agam—agus a mharbhadh, an dobhar, an dobhar glas air a' loch ud thall, gura h-e gheobhadh nighean a' rìgh le pòsadh. [AML:] Nighean aice-san. [FMML:] 'S e, an nighean aigesan le pòsadh. "Agus có a nist a rinn sin?" "O, 's e am mucair a bh' agam fhìn agus a bh' aig m' athair a chionn leithid seo do dh'ùine—bhliadhnachan—a mharbh an dobhar-chù air a' loch ud thall agus 's e tha faighinn na h-ighinn le pòsadh." "Uill, tha sin tuilleadh is dona," thuirt esan. "Ach 's e ur beatha-se tighinn a-staigh dh'ionnsaigh na bainnseadh is [bheireadh?] i seo." "O," thuirt esan, "far am bi mi fhìn bidh mo thriùir mhac, 's far am bi mo thriùir mhac 's bidh mi fhìn." All right. Thànaig iad a-staigh 's bha iad a' gabhail am bìdh. 'S tha mi cinnteach, 's chaidh drama a thoirt dha' n ghille, dha'n mhucair bhochd—tha mi cinnteach nach robh e eòlach air soithichean briagha sam bith a bhith aige ach biadh nam muc. Agus thug iad soitheach òir a bh' aca—chan eil fhios dé cho sean a bhiodh i sin—dìreach gus an dram'. Agus tuille nan tròcaireachd nach do thuit a' soitheach agus rinn e trì, trì pìosan air an ùrlar. "O," thuirt a' rìgh an uair sin, "'s iomadh rud a bha cur orm 's tha cur orm ach tha mi uamhasach truagh airson an t-soithich, seo bha—tha cho sean seo 's cha deach a bhristeadh riamh." "A bheil seud sam bith ann," thuirt Ridire an Fhàinne, "a chàireas e?" "Uill, nam biodh triùir a-staigh air an àit' a dh'innseadh naidheachd gun fhacal brèigeadh innte bho cheann gu ceann, chàireadh e 'n soitheach." Uill, tha mi cinnteach gun deach iad feadh na cuideachd uile gu léir 's thànaig i 'n sin a dh'ionnsaigh gu Ridire an Fhàinne. Uill, thuirt Ridire an Fhàinne 'n sin ris a' mhac bu shine, "Nach inns' thusa an naidheachd agad fhéin?" Uill, start a mhac air innse mar a dh'fhalbh iad 's mar a chaidh iad a chur ás an àite 's mar a fhuair iad a' fàinne am broinn a' bhradain 'san allt 's mar a rànaig iad àite nan robairean 's a' rud a rinn e fhéin: mar a spad e 'n Gille Giobach Glas, mar a fhuair e fàinne. ADhia, nach do dh'éirich pìos dhe' n , dhe'n t-soitheach 's chaidh e leis fhéin. Bha 'm mucair bochd a' fàs car, car excited, tha mi cinnteach, mu dheidhinn seo 's dh'éirich e nist 's thuirt e ris an dàrna mac éirigh. Dh'innis a' fear seo mar a thachair dha fhéin 's gun do chuir e 'n t-sùil ás an fhamhair mhór a bha taobh an teine nuair a dh'innis e dha gur e 'm fear a chuireadh an t-sùil ás an fhamhair mhór agus a mharbhadh an dobhar ghlas air a' loch ud thall a gheobhadh an nighean le pòsadh. Ach nach do dh'éirich pìos eile dha' n t-soitheach 's nach do stick e leis fhéin! O, bha a' rìgh a' fàs cuimseach toilichte ach bha 'm mucair bochd a' fàs truagh, tha mi cinnteach. Dh'éirich a' sin an treas gille 's dh'inns' e mar a thachair dhasan: mar a thachair an Gille Giobach, mar a dh'fhalbh e bho'n taigh, mar a thachair e an Gille Giobach Glas air 's na robairean 's a h-uile sian; mar a dhìrich e a' bheinn theine 's mar a thèarainn e— [AML:] A ' bheinn ghloine. [FMML:] —a' bheinn ghloine 's mar a thànaig e gu taigh a' rìgh 's gu àite nan robairean, gu àite nan robairean agus gun do mharbh e 'n dobhar-chù air a' loch ud thall. O, Dhia! Nach robh an soitheach a' stick-eadh ris fhéin uile gu léir 's e cho math. "Agus 's tusa mharbh," thuirt a' rìgh, "an dobhar-chù air a' loch ud thall." "'S mi," thuirt esan. "Uill," thuirt esan, "uill, tha a' fear seo, tha seans', ag innse nam breugan dhuinn." Agus bheir e air a' Ghille Ghiobach Ghlas. O, dh'fhàs an nighean uamhasach, sòlasach, toilichte 's nuair a chunnaic i [dreas/cleas?] briagh— [AML:] An Gille Ghlas [...?] [FMML:] Chaidh an Gille Glas bochd a, a dhreasadh mar a bha e roimhe 'na mhucair 's biadh nam muc a thoirt dha. Agus sin agad far na dh'fhàg sinn e. [Unidentified speaker:] [...?]. [FMML:] Uill, chan eil fhios agam air siud. [AML:] Bha sgial aig m' athair. [JS:] A' robh an sgial sin aig, aig ur n-athair? [AML:] Cha robh. Bha, bha i aig mo mhàthair. [FMML:] Bha mo mhàthair-sa 's ann []. [AML:] Bha mo mhàthair-sa, bha i làn sgialachdan de [...?] agus bha seann-duine, dh'innse—