Oidhche Nollaige Móire a Chailleadh na Caoraich (Iain Dubh Bhaile a' Chròic) (le òran)
Tar-sgriobhadh | Transcription
GFC002i01 OIDHCHE NOLLAIGE MÓIRE A CHAILLEADH NA CAORAICH (IAIN DUBH BHAILE A' CHRÒIC) (LE ÒRAN)
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan & Flòraidh Eóghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghuis | Flora Mae MacLellan
[Archibald MacLellan:] —oidhche. 'S e oidhche, "Oidhche Nollaige Móire a Chailleadh na Caoraich" a thug 'ad oirre.
[John Shaw:] 'S e.
[AML:] Agus bha sin caiptean cogaidh ann. Agus thabh, thabhainn 'san ceann Donas, agus bha taigh-chloicheadh, sin taigh-chloicheadh mór a bh' ann 's chuir e bunch de shaighdearan còmhla leis. Agus chuir na saighdearan seo a còmhla ris agus bha—chaidh, dh'ghoid iad a-mach i agus chaidh sin gnothach a dhèanadh orra agus air na saighdearan agus chaidh òran a dhèanadh an uair sin air oidhche Nollaige. Bha air an òran is:
Bha uisge sìl ás na sparran,
Chuir iad an taigh-chloich' ás a' chéile,
De tròcair orra ri chéile.
Fhios agad. Shin a chuala mise dhan òran
[JS:] 'S e.
[AML:] Agus dhan naidheachd. Ach 's e "Oidhche Nollaige Móire a Chailleadh na Caoraich" a bh' aca oirre. Agus bha sin ann ri linn mo shinn-seanar, fhios 'ad, treis mhath on a, on a thàinig e dhan dùthaich seo a-nise. Is bha na naidheachdan a tachair dìreach—chaill iad an caoraich leis a' stoirm uamhasach.
[Flora Mae MacLellan:] [...?]
Sin a's fheàrr a's urrainn dhomhsa innse "Oidhche Nollaige Móire" a bha 'san t-seann dùthaich.
[JS:] Seadh.
[AML:] O chionn, chaidh òran a dhèanadh i dhaibh dìreach: Bha uisge sìl ás na sparran, ach chaidh a chur 'ad an taigh-chloich' ás a' chéile is de tròcair orra ri chéile. Is tha t-seansa gun d' fhuair a' Fear Dubh, mas e fìrinn a bh' ann, chuir e cuid a b' fheàrr dhan ghnothach.
[JS:] Fhuair.
Team notes:
Cf. Na Beanntaichean Gorma | The Blue Mountains and Other Stories, ed. John Shaw (2007), p. 193; Capt. John Campbell Duder Harvey Webb, "Black Captain MacPherson and his pact with the Devil," Track 12039 (1962) Tobar an Dualchais.