Back to recordings

An Cù Dubh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF349i10E AN CÙ DUBH


Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich, Iain Dhòmhnaill Néil Eòin Chaluim 'ic Iain Bhàin | John Dan MacNeil


—[indecipherable] air fhaire, mi fhìn 's dithis ghillean eile. 'S ann 'sa lag ud an taobh seo do dh'àite Roddy MacLeod. Stad an t-each 's a' wagon eadar an dà dhrochaid. Cha ghabhadh e cur air adhart ach a' bacadh, a' bacadh. Thàinig cù dubh. Chaidh e seachad taobh a' wagon, dìreach aig ceann na drochaide. Is chaidh sinne seachad air. 'S thug fear dhe na gillean, thug e sùil bha siud. "Tha e 'n deoghaidh tilleadh air an drochaid air ais," thuirt an gille. An cù. 'S thill, thill e air an drochaid, an cù. Chaidh fhaicinn o, a dhà no trì trupan eile as a dheoghaidh sin a-rithist.

John Dan MacNeil
An Gleann Mór | Barra Glen 15 recordings Faic pròifil | view profile