Back to recordings

Seann-Innseanach agus Clag na h-Eaglais

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF349i01E SEANN-INNSEANACH AGUS CLAG NA H-EAGLAIS


Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern



Nuair a thàinig na Gàidheil gu Ceann a' Bhéighe an tòiseach bha camp Innseannaich, campa samhraidh, tha mi—seansa gura h-e a bh' ann, gu math goirid dhan àite ás na sheatladh e, mo sheanmhair. Agus tha seann Innseannaich ann a' shin, agus an t-seann Innseannach a bha seo, bha i ag ràdh gu robh e—gum biodh e cluinntinn clag na h-eaglais, bell na h-eaglais a' bualadh mu mheadhan-oidhche cha mhór a h-uile oidhch' a bha 'ad a's an camp' a bha seo. 'S a bha e 'g ràdh gum biodh eaglais air a thogail goirid dhaibh fhathast. Ach co-dhiù, rinn iad sin. Thogadh an eaglais a bha aig Ceann a' Bhéighe. Agus a' chiad sagart paraiste, nuair a dh'eug e, bha grunn dhe na daoine a-staigh 'san taigh is thuirt fear dhiubh, "Bu chòir dhuinne clag na h-eaglais a bhualadh dòigh 's gum biodh fios aig na daoine a chluinneadh gun do dh'eug a' sagart." Agus bha iad ag ràdh gur e seo a' rud a bha an t-seann Innseannaich seo a' cluinntinn bliadhnaichean roimhe sin.


Donald MacEachern
Taobh Tuath Bàgh an Ear | Northside East Bay 6 recordings Faic pròifil | view profile