GF348i05 DÒMHNALL EÓGHAINN DUINN AGUS DÒMHNALL EÓGHAINN Beulaiche: Anndra a' Bhùidseir | Andrew MacEachern Nuair a thàinig Dòmhnall Eóghainn Duinn aig àite Dhòmhnaill Eóghainn agus bha e airson fuireach fad na h-oidhche. Agus thàinig Dòmhnall Eógainn dha 'n dorus 's thuirt esan nach b' urrainn dha a chumail. Uill, thionndaidh esan mu 'n chuairt 's thuirt e ris, "Uill, tha mi 'faicinn rud cho eagalach 's a chunna mi riamh." "Dé tha sin?" ars' Dòmhnall Eógann. "Pige is dà chluas air."