Back to recordings

Na Mèirlich agus am Ministear

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF348i02 NA MÈIRLICH AGUS AM MINISTEAR


Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald



Mèirlich a bha dol mu 'n cuairt anns an dùthaich a bha seo 's bhiodh 'ad dol mu 'n cuairt. Bha 'ad a' dèanamh sian ach a' goid chaoraich 's a h-uile sian a gheobhadh 'ad greim orra. An trup a bha seo bha na caoraich a' fàs gann. Bha 'ad 'gan goid mar bu tric 'gan creic 's 'gan ithe.
An oidhch' a bha seo rinn 'ad a-mach gun rachadh 'ad gu àit' a' mhinisteir. Bha 'ad an
deòghaidh na bu mhotha na caoraich aig a' mhinistear ach a ghoid 'ad. Ach bha dhà phiatan, dhà mhult aig a' mhinistear. Rinn iad a-mach gum faigheadh—gun goideadh 'ad fear dhiubh sin. Ach bha beagan eagail orra 's nuair a thàinig 'ad dol seachad air a' chladh, thuirt feareigin dhiubh, "'S fheàrr dhutsa fuireach anns a' chladh ann a' seo 's théid mise agus gheobh mi am piatan. Ma théid an dithis againn suas feuch gun dèan sinn fuaim 's gum biodh 'ad gar cluinnteil."
Bha seo glé mhath 's chaidh a' fear seo 'staigh 's chaidh e taobh— an cùlaibh leac uaigh 's bha cnothan aige 'na phòca 's thug e a-mach na cnothan 's start e air an ithe 's bha fear a' dol seachad 's chual' e an crig crag a bha seo anns a' chladh 's ghabh e a-stigh a thaigh a' mhinisteir 'is thuirt e, "An ainm a Dhia, tha e eagalach 'sa chladh!"
"Dé tha ceàrr a' nist?"
"Tha 'n Deamhan anns a' chladh ag ithe nan cnaimhean—nan cnaimhean!"
"Ah, bi socair," thuirt am ministear. "Chan eil leithid de rud ceart idir. Chan eil
còir agad a bhith 'g ràdhainn sin."
"Uill, chuala mis' e. Mura creid thu mise, thig a-nall dha 'n chladh 's cluinnidh tu dhut fhéin e."
"Chan urrainn dhomhsa chladh— coiseachd dha 'n chladh. Tha fhios agad gu bheil an
lòinidh orm cho dona 's nach urrainn dhomh coiseachd ann."
"Mura creid thu mise, thig air mo mhuin agus bheir mise a-null dha 'n chladh thu."
"Alright," thuirt am ministear, 's chaidh e air muin an fhir a bha seo 's start 'ad a-nunn. 'S nuair a bha 'ad teannadh air a' chladh, chunnaic 'ad bha fear a bha 'staigh aig cùlaibh na leac. Chunnaic e seo an dithis. Rinn e 'mach gur e chompanach a bh' ann air thilleadh leis a' phiatan 's nuair a bha e teannadh air, dh'fhaighnich e, "A bheil e tana no reamhar?"
"Bhiodh e tana no reamhar, faodaidh e bhith agad!"
'S thilg e 'm ministear a' sin do 'n fhear—rathad e fhéin. 'S math rinn, rinn am ministear ás a dheòghaidh 's cha robh an còrr lòinidh air a' mhinistear gus ceann spell mhór ás deoghaidh sin!


Notes (fieldnotes):
A version of "Cailleach nan Cnò is Tàillear nan Clàr"

Joe Lawrence MacDonald
Baile Iarainn | Ironville 16 recordings Faic pròifil | view profile