Back to recordings

Iain Mac a' Ghobhainn agus an Sgadan

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF348i01 IAIN MAC A' GHOBHAINN AGUS AN SGADAN


Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald



[Dar?] a chuala mise sgeulachd a bha seo, 's e Iain Mac a' Ghobhainn agus dh'eug an gobhainn nuair a bha e 'na dhuine glé òg agus bha—cha robh ann ach Iain agus a' bhanntrach. 'S dh'fhalbh Iain is chaidh e a-mach air a' mhuir. 'S bha e 'g obair air bàtaichean 's bha e cho cheàrn gu ceàrn 's bho bhaile mór gu baile mór dar a thigead 'ad air tìr. Ach an triop a bha seo dh'éirich rudeigin dha 'n chaptain agus ghabh Iain Mac a' Ghobhainn, ghabh e charge dha 'n bhàta.


Thàinig e 'staigh dha 'n bhaile mhór a bha seo agus chaidh 'ad a-staigh gu hotel ghabhail biadh 's dar a chaidh 'ad a-staigh, dh'òrdaich 'ad am biadh 's shuidh 'ad aig a' bhòrd agus bha pìos de sgadan air a' truinnsear am meadhan a' bhùird. Agus bha Iain cho eòlach air a' sgadan dar a bha e òg is ghabh e nòisean gun gabhadh esan sgadan airson a dhìnneir 's dh'òrdaich e sgadan.


Is dar a thàinig am biadh mu 'n chuairt chan e sgadan a fhuair Iain idir, agus fhuair e iasg air choireigin eile. Bha pìos de sgadan an crochadh ris—os cionn a' bhùird cuideachd. 'S dh' fhalbh Iain 's thug e leis am piòs sgadain a bh' air an truinnsear mu choinneimh 's an ceann spell dar a thàinig an fheadhainn a bha riarachadh aig a' bhòrd mu 'n cuairt, bhuail—dh'éigh i "Na cnamhan!" Is thuirt i, "An ainm Dia thug thu onair a' bhùird bhuainn ann a' seo an-diugh."


"Dé tha ceàrr?" thuirt Iain.


"O a mhic Dé na gràsan, bha onair againn a' seo, an aon hotel a bh' anns an àite aig an robh sgadan agus a nist chan eil e againn. Tha thus' an deoghaidh a mhilleadh oirnn." Agus dh' fhalbh 'ad leis. Bha 'ad a' dol 'ga chur ann am prìosan.


"O," thuirt Iain, "na bi worry-geadh mu dheidhinn seo. Tha sgadan gu leòr agams' shìos air bòrd an t-soithich."


Chaidh 'ad sìos, thuirt e riuth' 's eich 'is cairtean a thoirt sìos, 's chaidh 'ad sìos agus thruis 'ad na b' urrainn dhaibh de sgadain. Fhuair 'ad a' rìgh an uair sin 's fhuair 'ad greim air Iain 's chaidh onair mhór thoirt do dh'Iain. 'S chan eil móran beachd agamsa air a' chòrr dha 'n naidheachd ach sin.

Joe Lawrence MacDonald
Baile Iarainn | Ironville 16 recordings Faic pròifil | view profile