M' Athair 'san t-Seann Taigh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348Bi08 M' ATHAIR 'SAN T-SEANN TAIGH
Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern
Bhiodh Aonghas, bràthar m' athar, bhiodh e fhéin ag ràdh gum biodh e 'cluinntinn rudan agus fhaicinn rudan cuideachd. Cuid ann a bhiodh, nach— cha bhiodh iad a' smaointinn gur e an fhìrinn a bh' aige co-dhiù. Ach aon rud a chunnaic e oidhche— bha e dol seachad air t-seann taigh a bha iad ag useachadh airson àit'-obrachadh. Bha e 'dol seachad air an uinneig agus chunnaic e m' athair fhéin ag obair a-staigh a' dèanamh rudeigin aig bòrd ann a' shin, saorsainneachd co-dhiù. Agus chaidh e seachad, 's nuair a thàinig e a-staigh chun an àite ás an robh iad a' fuireach, bha m' athair 'na shuidh' aig a' stòbh. Bha sin fhéin a' cur iongnadh mór air an fheadhainn a bha Aonghas ag innse dhaibh a' rud a chunnaic e. Ach co-dhiù mìosan ás deoghaidh sin, a' chiad pheathar a bh' agam a bha sia no seachd mìosan a dh'aois nuair a dh'eug i, agus 's e m' athair a rinn an ciste dhi agus tha seansa gur e seo a' rud a chunnaic Aonghas, m' athair ag obair air a' chiste a bha seo ás an t-seann taighe a bha sin.