Back to recordings

An Seann-Fhear agus an t-Sleighe

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF348Bi07 AN SEANN-FHEAR AGUS AN T-SLEIGHE


Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern



Bha teaghlach a' fuireach aig Loch nan Gilliosaich, Gilliosaich a bh' unnta fhéin, agus uill nuair a dh'fhàs na daoine bochd seann, bha 'ad gu math dona dheth, bha 'ad— 's ann air a' bhochdainn a bhiodh 'ad mar as trice. Ach co-dhiù, bha aon fhear 's a bhean air fhàgail 'san teaghlach a bha seo, agus geamhradh a bha seo, thàinig fear a bha càirdeach dhiubh, 's bha e 'fuireach còmhla riù, Seamas Gillios. Agus bha e math gu rudan a dhèanamh, math gu saorsainneachd. 'S co-dhiù, rinn e sleighe, bob-sleigh mar a chanadh mise, dhan a' seann fhear.


Co-dhiù o bliadhna ás deoghaidh sin, dh'eug bean an t-seann duine agus bha e feuchainn ris rudan beag a bh' aca air an àite a chreic. Chreic e am bob-sleigh a bha seo ri nàbaidh. Fhuair e còig dolar air a' bhob-sleigh. Agus co-dhiù, chuala a' fear a rinn a' sleighe gun do chreic an t-seann duine sleighe is gun d' fhuair e còig dolar airson an t-sleighe. 'S thàinig e ás deoghaidh an t-seann duine airson an t-airgid a bha seo fhaighinn 'ga fhéin. Uill leis a' sin, thàinig fearg eagallach air an t-seann duine is bha iad a' trod ann a' shin 's thuirt an t-seann duine ris, "Thusa, mar a thionndadh thusa orm a ghiobain an diabhail, mar a thionndadh thusa orms' fear a chùm thu fad a' gheamhraidh is thug tì is biadh 's tombaca dhut cho math 's a gheibheadh tu ann an hotel sam bith an Suidni," thuirt e.


Donald MacEachern
Taobh Tuath Bàgh an Ear | Northside East Bay 6 recordings Faic pròifil | view profile