GF348Bi06 TOIT ÁS A' PHOIT-DHUBH Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern Bha fear ann a bha ag obair air dèanamh moonshine—poit-dhubh aige. Johnny Ailein Muilleir Ruadh chanamaid ris. Feasgar a bha seo co-dhiù bha e leis fhéin 's a bha e 'g iarraidh cuideachadh 's fhuair e greim air fear dhe na gillean òg a bha 'sa nàbachd, 's dh'fhoidhneachd e dha a' rachadh e còmhla ris airson cuideachadh a thoirt dha 's 'ad ag obair air a' phoit. Co-dhiù chaidh a' fear òg a bha seo, mu dheich bliadhn' deug a dh'aois, còmhla ris, agus chuir 'ad teine fo 'n phoit, is thòisich a' rud a bh' ann ag obrachadh, a' poit a' goil. Agus fear dhe, tin—baking powder tin a bh' aige fo 'n boinne a bha tighinn as a' phoit co-dhiù, 's bha e fhéin, Johnny fhéin, a' falbh leis a— bheireadh e an tin a bha seo air falbh gu pige a bh' aige air falach an àit' air choireigin agus bheireadh e tin eile dha 'n fear òg a bha seo. Co-dhiù bha am boinne 's an tòiseach air tighinn gu math luath is a' fear a bha coimhead ás deoghaidh a' phoit, bheireadh e balgam beag ás an tin a bha seo agus mu dheireadh thall ghabh e an daorach. Bha e tuiteam is 'ga shlaodadh e fhéin mun cuairt. O, thàinig Johnny is "O, uill tha mi faicinn gur e na fumes cho goirt ri [mar sin?]."