GF348Bi05 AN AD AIR CÙL DO CHINN Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern Bha teaghlach eile ann a bha seann duine, nuair a ghabh e dram, nuair a ghabhadh e dram no dhà, bhiodh e daonnan pùtadh ad air cùl a cheann. Agus bha mac aca cuideachd, bha e 'na chriopailteach. Agus co-dhiù bhiodh e, bha 'ad a' dol dha 'n Bheinn a Tuath agus, gu North Sydney, "A Bhàrr" a bh' ac' air nuair a bhiodh 'ad airson "North Sydney." Co-dhiù, latha a bha seo bha mi fhéin air céilidh aca feasgar a bha seo is bha sinn a' bleoghainn a' chruidh, mi fhìn is a' seanna bhean. Co-dhiù, chualas fuaim a bha seo a' tighinn, làir dhonn 'sa wagon a' leumadaich air na creagan, agus thàinig 'ad deas air an taigh agus choimhead a' seanna bhean air an fheadhainn a thàinig. "Ha! Sin sibh air tighinn," thuirt ise. "Thusa 's ad air cùl do cheann 's an jockey ud agad."