Sorcha agus am ''Flu''
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348Bi04 SORCHA AGUS AM ''FLU''
Beulaiche: Dòmhnall mac Johnny Dhòmhnaill Òig 'ic Aonghais | Donald MacEachern
Cuid dhe na seann duine fuathasach math air sgeulachdan is stòraidhean cuideachd, is rudan annasach. Bha piuthar mo sheanmhar, 's i pòsda aig Eòs Mac'Illeathain air cùl Baghsdail, bha, o grunn de dhuine a-staigh oidhche, 's tha seans a' bhliadhna a bha siud gu robh flu a dol mun cuairt is co-dhiù a bha 'ad a' bruidhinn air a' flu a bha seo is cho tinn 's a bha cuid dhe 'n fheadhainn a bha 'sa nàbachd, agus Sorcha a bh' aca air Bean Eòis.
Thuirt Sorcha, "Bha a' flu sin ormsa cuideachd. Agus bha mi cho tinn, 's cha robh dùil 'am gum bithinn beò idir."
Thuirt cuid dhe na, na fear dha 'n fheadhainn a bha a-staigh, "'N do chuir sibh a dh'iarraidh a' sagairt?"
"Cha do chuir," thuirt ise, "Ged a bhiodh a' sagart aig a' gheata cha bheireadh e ormsa beò co-dhiù."