GF347i05 FIONNLAGH AG INNEARACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bhiodh port ann, seann phort, 's e an t-ainm Beurla a th' ac' air an-diugh ann an co-chruinneachadh a' chiùil The Reel of Tulloch ach aig an t-seann fheadhainn, 's e 'Fionnlagh ag innearch' an t-ainm a bh' ac' air a' phort a bha sin. Agus 's e, bha na faclan air: Tha Fionnlagh ag innearach Tha Fionnlagh ag innearach Tha Fionnlagh gu luideach odhar 's e 'cur fodh' na h-innearach. Sin mar a chuala mise na faclan ac' air.