Migi Céitidh an Taibhsear
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF346i05E MIGI CEITIDH AN TAIBHSEAR
Beulaiche: Seumas MacNìll | James MacNeil
... dol 'mach dha 'n bheinn, bhiodh Ceitidh agus Malcolm Angus MacNeil còmhla ris. Bha 'ad dol a ghearradh—dol a ghearradh fiodh muigh 'sa choill'—bheinn. Agus bha an deagh astar suas aca ri dhol cuideachd. Agus bha 'ad suas leathach a' rathaid a's a' bheinn. Stad e. Stad e.
Agus bha e coimhead sìos air a' phòn. Sìos air Pòn na Maiseadh o 'n bheinn, bha 'n bheinn cho àrd. Agus bha e ann a' shin, 's bha e ann ùine mhór a coimhead sìos. "Ah, Malcolm Angus bochd," thuirt e ris, "ach a bhurraidh an diabhail, thugainn," ars' esan, "Na bi cho gòrach."
A, uill, tha sin alright. Tha bàthadh dol a bhith siud bho fheasgar a's a' phòn. 'S an by God Almighty chaidh gill' òg a bhàthadh, feasgar sin a's a' phòn. Eugene MacKenzie. Chaidh e—chaidh a bhàthadh. Ann a' sin bha gu math plain.