GF346i02 PÒG BHO GHILLE GUN FHEUSAG MAR LITE GUN SALANN Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan Tha cuimhn' a'm, seann duine bha mun chuairt ann, is 'fuireach mun chuairt, goirid dhomh ann a' seo. Bha sinn a' bruidhinn, là bha seo, air—anns an t-seann aimsir, mar a bhiodh seann, seann bhodaich, suas ri trì fichead bliadhna, a' pòsadh boireannaich òga—feusag mhór air a h-uile gin dhiubh sin. Gu dé bha ceàrr? "O," thuirt Dòmhnall, "bha sean facal a bh' ann an uair sin, a theireadh na boireannaich: pòg bho ghille gun fheusag mar lite gun salann."