Air a' Ghille Tha Mo Rùn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF345i02 AIR A' GHILLE THA MO RÙN
Beulaiche: Dòmhnall Iain mac Iain | Donald John MacArthur
Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village)
[Séist:] Air a' ghille tha mo rùn,
Tha mo rùn air a' ghille,
Bho là chuir thu rium do chùl,
Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh.
'S ann gu Muile nam beann dubha,
Tha mo luaidh air a' ghille;
'S dh'aithnichinn thu 'measg an t-sluaigh,
Leis na h-uaislean a' tighinn.
'S ann gu Muile nam beann àrd,
Tha mo gràdh air a' ghille;
'S ged nach d' thug thu dhomh do làmh,
Do dheoch-slàinte cha tillinn.
'S bidh mo mhàthair rium ag ràdhainn,
"Éirigh suas 's tog do mhisneach;
Ged tha 'n gille fada bhuat,
Cha bhi gruaim air nuair thig e."
'S nuair a bhiodh tu 'san taigh-òsd'
'S tu nach sòradh an gini;
Bhiodh do bhotail air a' bhòrd,
Càch 'gan òl 's tu 'ga sileadh.
Théid mi sìos, théid mi suas,
Bheir mi cuairt feadh a' ghlinnidh,
Chithinn òigfhear 's e gun ghruaim,
Le fhalt dualach m' a léineadh.
Notes (fieldnotes):
"WAR SONG"
Reference sources:
"Air a' Ghille Tha mo Rùn," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20240208043530/https://www.androchaid.ca/4-air-ghille-tha-mo-r%C3%B9n; An t-Òranaiche, ed. Gilleasbuig Mac na Ceàrdach (1879), p. 145
Team notes:
This song is associated with Mull, Scotland.