Back to recordings
Mar a dh'aithnicheadh na bàird
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF342i04 MAR A DH'AITHNICHEADH NA BÀIRD
Beulaiche: Migi mac Bean Nilleig Ruairi Eòin a' Phlant | Michael MacNeil
Bruidhinn air bàrd, uill chaidh innse dhuinne mar a bhiodh na bàird a bhiodh ann, bàird a bhiodh ann ga-rìreabh, gu robh a' bàrd sin a' tighinn dha 'n t-saoghal 'na leanabh is le fhiaclan 'na cheann. Uill, tha sin gu math doirbh a chreidsinn 's chan urrainn dhomhsa—chan urrainn dhomhsa innse dhuibh ach dìreach mar a chuala, air tàilleabh, chan fhaca mise gin dhe na leanabhan sin a' tighinn dha 'n t-saoghal co-dhiù.