Back to recordings

Mar a dh'aithnicheadh na bàird

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF342i04 MAR A DH'AITHNICHEADH NA BÀIRD


Beulaiche: Migi mac Bean Nilleig Ruairi Eòin a' Phlant | Michael MacNeil


Bruidhinn air bàrd, uill chaidh innse dhuinne mar a bhiodh na bàird a bhiodh ann, bàird a bhiodh ann ga-rìreabh, gu robh a' bàrd sin a' tighinn dha 'n t-saoghal 'na leanabh is le fhiaclan 'na cheann. Uill, tha sin gu math doirbh a chreidsinn 's chan urrainn dhomhsa—chan urrainn dhomhsa innse dhuibh ach dìreach mar a chuala, air tàilleabh, chan fhaca mise gin dhe na leanabhan sin a' tighinn dha 'n t-saoghal co-dhiù.

Michael MacNeil
Sanndraigh | Iona 7 recordings Faic pròifil | view profile