GF342i01 HO RO MO NIGHEAN DONN BHÒIDHEACH Beulaiche: Iain Choinnich Dhòmhnuill Aonghais | John Angus MacAskill [Séist:] Ho ro mo nighean donn bhòidheach, Hi ri mo nighean donn bhòidheach, Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòs mi ach thu. A riamh bho 'n dh'fhàg mi t' fhianais, Gu bheil mi truagh is cianail, Mo chridhe trom 'gad ionndrainn, A ghaoil 's i mo rùn. Didòmhnaich dol dha 'n t-searmoin, Chan fhaigh fear eile cearb ort, Le ribean geal is dearg ort, Có air am b’oil do rùn. Cha téid mi thaigh na bainnteadh, Cha téid, chan iarr iad ann mi, 'S ann théid mi thaigh na banntraich, Oir 's ann tha mo rùn. Té bheag nan sùilean blàth-shùil, Gur trom a thug mi gràidh dhut, Ge d’ iomhaigh ghaoil is b' àille, Mo ghaol fhìn ‘s mo rùn. And now for a last verse—an English version of one verse of this song: I asked her if she loved me, She said she was above me, She opened the door and shoved me, 'S cha phòs mi ach thu.