GF340i09 ÒRAN MUN CHRAOIBH GHIUBHAIS (CUINGICHTE) Beulaiche: Maud ni'n Fhraing mac Alasdair 'ic Dhòmhnuill Thàilleir | Maude MacKenzie Bàrd: Duncan MacLennan A' chraobh ghiuthais a rinn mo shàrachadh 'S b' fheàrr nach do dh'fhàs i riamh An t-airgead a thug mo nàbaidh dhomh Thug Sàtan e an dìon. 'S a ta niste còmhla ris 'Toirt dòrainn dha is pian Ga leaghadh 's a' deanadh spórs air 'S ga dhòirteadh sìos na bheul. Innsidh mise dealbh dhut Cho fìor 's as urrainn cainnt Tha dà shùil chroma liath aice Air tolladh sìos na ceann. 'S na faigheadh i de mhiannaicheadh i 'S a' cur daoine leis an tonn Gu sluigeadh iad an saoghal 'S a h-uile nì a ta ann.