Gilleasbuig Aotrom agus an Trosg
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF339i06 GILLEASBUIG AOTROM AGUS AN TROSG
Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald
Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw
Agus ó dhèanadh e—fhuair e—bha e air a' chladach, shìos bhon chladach. 'S thànaig fear 's trosg aige. Bha feadhainn ann a' cur air dòigh truisg, agus thug 'ad dha fear dhiubh agus—no dh'iarr e fear dhiubh. Chaidh e gu taigh 's reic e e 's thuirt e riuth', "Bhon a—Bheir mi dhan allt ud thall is glanaidh mi e."
'S chum e roimhidh a' sin 's reic e ris an ath-taigh e. Chùm e roimh' is reic e seachd trupan. Is thill e sin air ais. Thilg e an t-iasg gu shìos ann, an gillean aig a' bhròcair: "Ma nì sibhse cho math airson—math leis 's a rinn mis', bidh sibh, bidh sibh glé bheairteach."