GF339i02 AN TÀCHARAN Beulaiche: Dùghall mac Alasdair ‘ic Aonghais ‘ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald —air a' chladach ann, an fhear tha seo, bha sin, bha—chan eil cuimhn' agam a-nist bha an t-ainm aige na dé cha mhór 'g eil duine, cha chreid mi gu bheil duine idir ann an dràst', nach eil e 'mach. Agus chaidh a' fear seo 'mach, bhuild e 'muigh a' seo, is bha 'ad a' fuireach ann, 's bha brògach, baby aca. Agus thàinig àm na curachd a' sin, is dh'fheumadh ise a bhith a-muigh. 'S ann mu thodhaichean a bhiodh 'ad a' cur am measg na stùmpaichean mór sin. Dh'fheumadh a' bhean a bhith a-muigh còmh' ris. Agus fhuair 'ad nighean, fhuair 'ad nighean òg, far a' chladaich an àit' air choireigin, 's chaidh i mach 's, ó chuir i a' bhaby 'sa chreathal, 's chadail e brèagha, is ghabh i walk a-mach a' coimhead mu 'n chuairt. Dhia, cha robh i 'muigh fada. Nuair a chualas caoineadh is rànaich a-staigh, thàinig i 'staigh, is cha robh ach skeleton do rud neònach 'sa chreathal. Agus cha ro fhios ac' ach Dia dé dhèanadh 'ad, 's cha ghabhadh e lìonadh. Dh'itheadh e a dh'oidhche is a là. Agus chaidh 'ad sin far a' robh duine air choireigin a' sin, bha sgil aige air rudan neònach a dhèanadh, 's thuirt e, thuirt e gun, riuth'—chuir a-mach, a-mach na h-uinneag e, is fhàgail a' sin, is a leigeil leis sgiamhail gus am biodh e seachd sgìth a-staigh. Rinn 'ad sin 's, bha e treis, bha e 'cur bochdainn air a bhi 'g éisteachd ris, ach na dheaghaidh sin rinn 'ad mar a dh'iarr a' fear seo orra. Sguir e 'sin, 's ghabh 'ad an eagal a' sin gun do, gur e, d' thàinig, gur e 'm bàs a thàinig air. Chaidh 'ad 'mach is bha am baby aca fhéin anns a—thug 'ad a-staigh e, 's dh'fhàs e suas.