Back to recordings
Cleachdaidhean air Tòrradh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF339i01 CLEACHDAIDHEAN AIR TÒRRADH
Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'ic Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald
—'gan tarraing air an guaillnean, bha 'ad le, 's e carbad, carbad a bheireadh 'ad ris, an uidheam a bh' ann. 'S bha daoine ga tharraing air an guaillnean, chan eil fhios a'm có meud a bhitheadh 'dol fodh', ach nuair a dh'fhàsadh 'ad a' sin, pìos do dh'astar, bha 'ad a' stad, is bha 'ad a' cur crowd, crowd as ùr fo 'n charbad. Agus bha 'ad, a h-uile mark an sin, far na stad 'ad, bha 'ad a' dèanamh tòrr beag do chlachan, agus a h-uile duine a bhuineadh e, no duine sam bith a thogradh, dhèanamh e ùrnaigh air a shon aig a chàrn aig' agus clach ùr, clach as ùr a chuir ann.