GF337i10 OIDHCHE INID Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha sinn a' bruidhinn air Oidhch' Inid, bhithte bruidhinn air DiMàirt Inid ro toiseach a' Charghas. Agus bha e 'na chleachdadh aig, mu chuairt 's a' cheàrn nuair a bha mi glé òg, bu mhath leò gum biodh feòil ac' air biadh air DiMàirt Inid air an dìnnear air neo air an t-suipear. Agus bha 'ad, chanadh 'ad mura h-itheadh tu an fheòil na 'n Inid air Oidhch' Inid, gum biodh i 'g éigheachd 'nad bhroinn gus an ath Oidhch' Inid, gu [robh?] sin a' ciallachadh gum biodh sannt ort, na mar a bheireadh 'ad 'sa Bheurla, luchd na Beurla, gum biodh crave 'nad chom ag iarraidh na h-Inid gus an ath h-Oidhch' Inid.