GF337i03 DÒMHNALL GORM AGUS NA CUIRP SA' CHAOLAS Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin Chuala mi naidheachd eile aig an t-seann fheadhainn—bhiodh iad a' bruidhinn 's an àm a bha sin air a' chogadh agus tha e coltach aig an abhainn—aig abhainn thall— na aig—na àiteigin—ma dh'fhaoidte gun ann aig àite ris an can sinn River Bourgeois; gun robh aon àit ann as an deachaidh na Frangaich a shaodachadh a-mach bho thìr agus gum faodadh tu coiseachd air na cuirp as a' chaolas 's an àite bha sin. Agus sin agaibh an seanchas a chuala mise air a bha mi 'nam bhalach glé òg mu dheidhinn a' chogaidh. Translation: DONALD GORM AND THE BODIES IN THE STRAIT I heard another story from the old folk—at that time they used to talk about the war and it seems that, at the river—at a river over—or at—someplace—perhaps it was at a place we call River Bourgeois; that there was one place where the French were herded out from shore and that you could walk on their bodies in the strait in that place. And that is what I heard when I was a very young lad regarding the war .