GF337i01 DÒMHNALL GORM AGUS AM BOIREANNACH ANN AN LOUISBOURG Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin —àm ud, bhiodh an t-seann fheadhainn, mar a thuirt mi cheana, a' seanchas air naidheachdan aca mu dheidhinn cogadh a bh' ann. Agus bha 'ad ag radhainn an turas a thàinig iad a-staigh 's a thug iad a' chreach orra ann an Louisbourg, gun d' thàinig fear air tìr agus thachair boireannach ris. Agus neo-ar-thaing nach robh e beulach gu seanchas agus gu faighneachd dhith mar a bha gnothaichean a' dol 'san àite. Agus dh'fhaighneachd e dhith an robh iad air an armachadh gu math an seo, an robh iad air an suidheachadh math ann an gnothaichean arm 's a h-uile sian. Agus tha e coltach gun do dh'innis am boireannach dha car mar a bha suidheachadh anns an àm. Agus neo-ar-thaing nach do rinn sin cuideachadh dhaibh airson gu faigheadh iad tighinn a-staigh mu thimchioll a' ghnothaich, 's tha mi cinnteach gur ann air an aobhar sin a fhuair iad mu'n cuairt air a' ghnothach ann an Louisbourg cho furasda. Translation: DONALD GORM AND THE WOMAN IN LOUISBOURG —that time, the old folk used to, as I mentioned before, tell their stories regarding anecdotes about this certain war. And they said, when they invaded and attacked them in Louisbourg, that a man came ashore and met with a woman. How talkative he was, asking her how things were in the area. And he inquired of her if they were well armed here, if they were well set with respect to armaments and all that. And it seems the woman more or less told him their situation at that time. And you bet that helped them gain entry, and I am sure that it was because of this that they pulled things off so easily in Louisbourg.