GF335i03 HOIREANN Ó HI RITHILL Ó, HIREANN Ó HI RITHILL Ù Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha òran beag - chuala mi rannan dheth aig Eachann Mac'Illemhaoil. 'S dòcha gur ann bho sheanmhair a dh'ionnsaich e fhéin e. Thànaig ise far tìr-mór. 'S e séist ... a' fonn a bh'air: Séist: Hoireann ó hi rithill eò Hoireann ó hi rithill ù Hoireann ó hi rithill eò 1. Fhir bhig nan sùil donna Cha choma leam thù. 2. Fhir bhig nan sùil daithte 'S tu mo thasgaidh 's mo rùn. 3. Gun aithnighinn thu tighinn Air dhithist 's air thriùir. 4. Air chóigear, air sheisear Air dheichear, 's e as muth' Sin na bheil cuimh' agam a chluinntinn dheth.