Dòmhnall Dona Mac na Banndraich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF332i04_333i01 DÒMHNALL DONA MAC NA BANNDRAICH
Beulaiche: Migi mac Bean Nilleig Ruairi Eòin a' Phlant | Michael MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw
Sgialachd beag tha seo mu dheidhinn Dòmhnall Dona Mac na Banndraich: cha robh ann ach e fhéin 's a mhàthair. Agus ged a bha e 'na leth-ghlic bha iad toilichte gu leòr còmhla; 's e an aon chuideachadh a bh' aice. Agus dheanadh e beagan do fhrithealachadh dhi 's trupan mar a dh'fheumadh i dheanamh. Ach a bharrachd air a bhith 'na leth-ghlic, cha b 'urrainn dha sian idir a chleith. Dh'innseadh e a h-uile sian, ged a b' ann air fhéin na air daoin' eile.
Ach a' latha a bha seo, thog e aiste dhan bhaile air a shocair. Agus bhiodh mar bu thrice dròbhairean corra uair a' tighinn a-staigh—ma dh'fhaoidte trup 'sa bhliadhna—dhan bhaile agus dh'amais an dròbhair a bha seo a bhith 'sa bhaile. Uill, ged nach b' aithne dha 'n dròbhair, dh'aithnich e gur e dròbhair a bh' ann, 's cha robh na b' fheàrr na'n dròbhair a mharbhadh. Bha e gu math pròiseil às a' ghnìomh a rinn e.
Ach nuair a thill e dhachaigh, dh'fhoighnich a mhàthair dha an robh sian sam bith ùr 'sa bhaile.
"Chan eil," ors' esan, "sian as aithne dhomhsa," ors' esan.
"Uill, am faca tu duine?"
"O, chunnaic!" ors' esan. "'S mis' a chunnaic sin. Chunnaic mi an dròbhair agus mharbh mi e."
"O, mo thruaghan!" thuirt a mhàthair. "Tha 'n gnothaich doirbh gu leòr oirnne mar a tha ged nach deanadh tusa an obair a bha sin. 'S dé rinn thu ris?"
"Innsidh mi sin dhut, a mhàthair," ors' esan. "Dh'fhàg mi air a' rathad e."
"O," ors' ise, "airson Dia leat, tog ás e 's cuir an dàrna taobh an duine sin 's tìodhlaig e mum faic duin' e."
"Nì mi sin," ors' esan.
Thug e aghaidh air dhan t-sabhal. Fhuair e spaid 's a-mach a thog e. Ach nuair a thog e
aiste, lean a mhàthair e 'n sgairte-falaich as a dheaghaidh. Rànaig e 'n duine 's shlaod e a-staigh dhan choillidh e 's rinn e beagan do chladhach 's chaith e sìos e 's chaith e beagan do dh'ùir air.
Ach thill ise dhachaigh mu robh esan ullamh dhan tìodhlaigeadh. Thill i dhachaigh 's fhuair i poit do mhin bhuidhe. Thog i sin leatha suas dhan lobht' 's bha uinneag os cionn na starsaich far am biodh blocan aige far am biodh e 'na shuidhe; mar bu thrice nuair thigeadh e far trup, gu h-àraid nuair a bhiodh e sgìth, shuidheadh e fo bhonn na h-uinneig'. Ach nuair a thill e, theann ise le spàlag air leagail sìos pàirt dhan mhin bhuidhe a bha seo air ceann Dòmhnaill mac na Banndraich. Thogadh e a shùil 's choimheadadh e suas ach nuair a chromadh e a rithist chaitheadh i spàlag eile. Ach co-dhiubh thànaig ise a-nuas an staidhir—tha seansa gu robh dùil aice greimeannan do bhiadh a dheanamh—'s thànaig esan a-staigh.
"Uill, a mhàthair," ors' esan, "nach ann tha latha neònach!"
"Dé mar sin?" thuirt a mhàthair.
"Ag obair an diugh," ors' esan, "air sileadh na lite bhuidhe."
O, rinn a mhàthair toileachadh mór seo a chluinntinn. Dh'aithnich i gu robh e dona gu leòr mar a bha nuair a bha e cho fìor dhona 's gu robh e smaointinn gu robh i sileadh na lite bhuidhe. Bha sin a' mìnigeadh nach ghabhadh e bhith cus na bu mhiosa na bha e.
"Uill," ors' ise, "an dean thu rud dhomh?"
"Nì," ors' esan.
"B' fheàrr leam," ors' ise, "gu rachadh tu gu fear dhe na nàbaidhean,"—'s dh'fhaodadh tu bhith cinnteach nach b' ann dhan nàbaidh bu ghiorra a dh'iarr i air a dhol airson gun tugadh e ùine—"agus bheir thu thugam crannachan. Tha mi airson ìm a dheanamh."
"Nì mi sin," ors' esan.
Thog esan aiste 's bha fhios aig a mhàthair gum biodh e ùine air falbh. 'S dé rinn a mhàthair ach chaidh i dhan t-sabhal 's dé dh'amais a bhith 'n sin ach rùta 's adhaircean móra mór' air. Tharraing i a-mach sgian 's gheàrr i 'n ceann far a' rùta.
Dh'fhalbh i gu cabhagach leis a' cheann 's fhruig i far an robh an duine air a thìodhlaigeadh 's chladhaich i 's thog i 'n duine às a' sin 's chuir i ceann a' rùta sìos far an deach an cladhach a dheanamh. Chaith i beagan air uachdar 's tharraing i carcas an duine a-staigh na b' fhaide dhan choillidh. Thill i dhachaigh 's an ceann treiseadh, thànaig Dòmhnall Dona dhachaigh leis a' chrannachan. Thuirt i gu robh i toilichte nach tug e ro fhada 's tha seansa gun do theann i air deanamh an ìm.
Ach an ath latha, bha Dòmhnall a-muigh a' splutadh connadh mun t-siteig 's tha seansa gun deach luchd ceartais, gu robh iad a' coimhead airson an dròbhair: nach do thill e dhachaigh 's gu robh iad a' coimhead air a shon. Ghabh iad suas far a robh e 's dh'fhoighnich iad dha an robh sian do rud ùr aige. O, cha robh sian do rud ùr sam bith. 'S dh'fhoighnich iad dha 'm fac' e leithid seo do dhuine an dé na'n diugh.
"O," ors' esan, "'s mis' a chunnaic sin. Chunnaic mis' an duine sin an dé 's mharbh mi e."
Uill, stad iad. Thug iad treis 'nan stad 's dh'fhoighnich iad a rithist dha, "Cuine," ors' àsan, "a-nist a thuirt thu a chunnaic thu an duine?"
"Uill, a-nist," ors' esan, chan eil mi dìreach buileach cinnteach. Chan urrainn dhomh le cinnt a chantail cuine chunnaic mi e."
"Uill, an teid agad air dòigh sam bith," ors' àsan, "innse airson gun tig e 'nad chuimhne?"
"Mar a's fheàrr a thig agam air a dheanamh," ors' esan, "a' latha a bha i sileadh na lite bhuidhe."
Thuirt an dàrna fear dhen luchd cheartais ris an fhear eile, "Leig le gòran ifhreann. Tha an duine sin—tha e gòrach co-dhiubh. Cuine bha i sileadh na lite bhuidhe?''
Ach thuirt am fear eile ris, "Leig leis," ors' esan. "Tha mis' a' dol a chur ceist air. A-nist," ors' esan, "an rachadh agad air an duine sin fhaighinn nam falbhamaid?"
"O," ors' esan, "rachadh agam 'sa mhionaid air fhaighinn."
"Dé rinn thu ris?"
"Thìodhlaig mi e," ors' esan.
"Uill, a-nist, thugainn," ors' àsan, "agus gheibh sinn an duine."
"Stadaibh," orsa Dòmhnall Dona, "gus am faigh mi spaid."
Fhuair e spaid 's thog iad aiste. Fhruig iad an t-àite 's start esan air cladhach air a shocair 's creid gura h-e a bha deanamh na h-obrach 's nach b' e 'n luchd-ceartais. Bha e ag obair air cladhach 's nuair a chaidh e sìos pìos mhothaich e dha na h-adhaircean. Ghabh iad dh'ionnsaigh nan adhaircean 's rug iad orra 's thog iad suas an ceann.
"A Dhia, Dhia, Dhia!" orsa Dòmhnall Dona. "Cha robh mi smaointinn gu robh adhaircean idir air!"
Thuirt am fear eile, "Leig dhachaigh e. Tha sinn air móran ùine a chall a' bruidhinn ri òinseach ifhreann. Chan e siod am fear a rinn am marbhadh, ge b' e có rinn am marbhadh."
Thill Dòmhnall Dona mac na Banndraich dhachaigh, 's tha mi gu math cinnteach gu bheil iad fhathast beò 's iad a' faighinn air n-aghaidh math.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: MIGI BEAG NÌLL CHALUM MACNÌLL, PÒN NA MAISEADH."