GF331i04 ÒRAN DO THORMAID LACHAINN MACARTAIR Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Iain 'ic Uilleim 'ic Mhurchaidh | Jimmy MacKay Bàrd: Bean Iain Smiorasaraidh | Clementine (MacEachern) MacIsaac Rann de dh'òran a rinn Clementine do nàbaidh. 'S e fleasgach a bh' ann an Tormaid Lochainn nach robh glè choltach. Agus car fad air ais ann an iomadach dòigh. Thàinig e na inntinn pòsaidh agus b' e sin aobhar an òrain. 'S e tè a bh' anns a' Bhiandag a bhiodh ag obair thall is a-bhos. Dhèanadh i seòrsa sam bith de dh'obair. Obair shaothrachail. A-muigh agus a-staigh. 'S e boireannach àrd, crom a bh' innte, coltach gum bi i treis a' tathaich ann an àireamh chlann Mhic Artair. Is ged nach eil mi brèagha, Tha mi diabhailt' annasach, Nan tigeadh orm bean uasal, A thoirt a-nuas á Haileafacs, Bhiodh ise mar bu dual dhith, 'S an uinneig mhòir a' fuaghal, 'Sa Bhiandag mhòr 'sam buailtean, Ri obair chruaidh na' sgalagan.