GF330i03 DUAN CHALAINN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A' bruidhinn air duan air oidhche Challainn, bha… chuala mi duan, is tha mi 'creidsinn nach d' rinneadh ach a dheànamh suas airson 's gu faigheadh 'ad a-staigh. Bhite 'gan cumail aig cùl na còmhla gus an gabhadh 'ad duan co-dhiù. Agus ge b'e an dòigh a's an deach a dheànamh, chuala mi 'n duan seo. 'S e: A' challainn a bhuinig bhuaithibh uircean, Buail an craiceann, Cailleach 's a' chùil, 's bior na dà shùil, 'S cailleach eil' an òir an teine, Is bior na goil is i 'na teine dearg.