Tha 'n Cogadh Seachad
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF329i08 THA 'N COGADH SEACHAD
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
A' Chiad Chogaidh—dh'iarr a' sagart air luchd a' pharish a' fuireach air falamh bho 'n stuth làidir a bha seo. Agus bha pàirt dhiubh, bha e glé dhuilich dhaibh. Agus bhiodh a' sagart, a shùil alright air na—air an fheadhainn a bha fhios aige a bha glé mheasail air 's ach, cha robh iad a' cumail na temperance a bha seo. Ach bha dithist ann, agus o bha pathadh orra bha gàbhaidh. Studaig 'ad gu faigheadh 'ad air botal is gun toireadh 'ad aon dram ás, 's nach òladh 'ad an còrr gus a bhiodh an cogadh seachad. Rinn 'ad sin. Fhuair 'ad am botal. Agus, uill nuair a thàinig 'ad a-mach ás an eaglais, "O, their sin aon balgam eile gus am bidh an cogadh seachad."
"Uill, tha e cho math dhuinn crìoch a chur air," thuirt an dala fear ris an fhear eile, "'S cha ghabh sinn an còrr gus am bi 'n cogadh seachad."
Uill dh'fhairich 'ad an gnothach cuimseach math 's thuirt 'ad gun coisicheadh 'ad sìos an t-sràid agus bha fear a' sin a bhiodh a' creic a' ghroc. Agus ghabh 'ad an leòr ann. Bha an dithist dhiubh tighinn dhachaidh, 'ad a' falbh bho thaobh gu taobh na sràide is a h-uile duine thachair,
"The war is over, boys. Tha an cogadh seachad!"